(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Sgeulachdan Arabianach = Tales from the Arabian nights"

National Library of Scotland 

mm ii Hi mm mini 

*B000249254* 



Digitized by the Internet Archive 
in 2014 



http://archive.org/details/sgeulachdanarabi1897inve 



X 

Sgeulachdan Arabianach, 



TALES FROM THE ARABIAN NIGHTS 

TRANSLATED INTO GAELIC 
FROM THE ENGLISH EXPURGATED EDITION. 

DIVISION I. 



PRICE ONE SHILLING. 



IN VERNESS : 
"NORTHERN CHRONICLE" OFFICE. 
EDINBURGH : NORMAN MACLEOD, THE MOUND. 

1897. 



PREFATORY NOTE. 



For a good many months back this Gaelic translation of 
the "Arabian Nights'' has been, chapter by chapter, coming- 
out, week after week, in the Northern Chronicle. Except 
that what may be called the case-story of the Sultan who 
resolved to revenge himself fearfully on the innocent for the 
guilt of his Sultana, is, properly, omitted, the translation is 
close and faithful. It should much help those who are 
anxious to learn Gaelic, and also interest Board School 
children, who, if they try, can earn a considerable specific 
subject grant for their schools. In the hope of serving 
these useful purposes, the publishers, with the hearty 
consent of the Translator, take the risk of issuing this 
First Division of the stories at the price of a shilling. 
Should it pay its own expense, it will be followed by other 
sections, in similar form, and at the same price, until the 
whole work will be completed. It is unnecessary to say 
that Translator and Publishers will be much encouraged to 
proceed if those who buy, read, and appreciate the first 
part, which is issued as an experiment, will book their 
names as subscribers for the succeeding parts, as if for a 
periodical to be issued say quarterly, or so. 



SGEULACHDAN ARABIANACH. 



AN DAMH AGUS AN T-AISEAL. 
CAIB. I. 

chionn fada 'n t-saoghail bha marsanta anabarrach 
beairteach ami, aig an robh staidean agus taighean- 
comhnuidh ami an caochladh aiteachan de 'n duthaich. 
Agus bha moran spreidhe de gach seorsa aige. Bliadhna de 
na bliadhnachan chaidh e fhein 's a bhean 's a theaghlach a 
ghabhail comhnuidh air te de na staidean, a chum gu 'm 
faiceadh e oia mar a bha gach obair a bha e 'deanamh air 
an staid a' dol air aghart. Bha e 'na dhuine anabarrach 
fiosrach, foghluimte, agus bha e comasach air cainnt gach 
ainmhidh fo 'n ghrein a thuigsinn ; ach nan innseadh e 
gu 'n robh an t-eolas so aige, cha bhiodh an tuilleadh 
saoghail aige. Agus thug so air nach d' innis e do dhuine 
riamh aon lideadh de na chuala e na h-ainmhidhean ag 
radh. 

Bha damh agus aiseal aige ami an cuil an t-aon, taobh ri 
taobh, amis an stabull ; agus air latha araidh 's e 'na 
sheasamh aig dorus an stabuill, chuala e an damh agus an 
t-aiseal a' bruidhinn ri 'cheile mar so : — " Is ami agad fhein, ' 
ars' an damh ris an aiseal, " a tha saoghal an aigh dheth. 

1 



2 



Bu tu an ceann fortanach 'gad bhreith. Smaoinich fhein 
air a' cheartas a th' agad, agus air cho beag 's a tha thu 
'deanamh a dh' obair ! Tha thu air do nigheadh 's air do 
chireadh gu math 's gu ro mhath a h-uile latha ; tha thu 
air do dheadh bheathachadh le siol air a dheadh ghlanadh, 
agus gheibh thu do dheoch de 'n uisge ghlan, fhionnar, mar 
a thig e as an tobar. Cha 'n 'eil car agad ri dheanamh a's 
truime na do mhaighstir a ghiulan an uair a theid e air 
cheann turuis sam bith ; agus mur b' e sin, cha bhiodh car 
no cuirean agad ri dheanamh latha deug 's a' bhliadhna. 
Cha 'n ionnan 's mar tha mise, cha 'n 'eil agam ach fior 
dhroch ceartas ann am biadh 's an obair. Mu 'n gann a 
shoilleiricheas an latha tha mi air mo chur a tharruinn a' 
chroinn-treabhaidh, agus bidh dubh-bheul na h-oidhche ann 
mu 'n leigear as mi. Bidh mi cho sgith a h-uile beul 
oidhche 's gur gann a theid agam air coiseachd dhachaidh. 
A bharrachd air sin, cha teid fois air an treabhaiche ach a' 
gabhail orm le bata cruaidh, cnuachdach, anns am bheil 
togail do laimhe. An aite braighde is siolachan is sintean a 
chur orm gus an crann a tharruinn, mar bu choir dhaibh a 
dheanamh, is ann a tha 'n crann air a cheangal ris an earball 
agam, agus, mar a dh' fhaodas tu fhein f haicinn, cha 'n 'eil 
leobadh craicinn air m' earball. Agus an uair a bheirear 
dhachaidh mi anamoch 's an oidhche, cha 'n fhaigh mi ri 
itheadh ach droch fhodar, agus beagan de phonair chruaidh, 
thioram, gun ghlanadh. Ma 's e sin fhein e, cha ghabh iad 
an dragh mo leabadh a ghlanadh ach gle ainneamh. 
Feumaidh mi laidhe anns a' chuil fhluich, shalaich so fad na 
h-oidhche." 

Cha dubhairt an t-aiseal guth fhad 's a bha an damh a' 
deanamh a ghearain ris. Mu dheireadh thuirt e ris : — 
" Tha iadsan a their, gur e creutair amaideach a th' annad, 
ag innseadh na firinn. Tha thu tuilleadh is faoin an uair a 
tha thu 'leigeadh leotha bhith 'gabhail brath ort mar a tha 



3 



iad, gun a bhith cur gu laidir 'nan aghaidh. Aig a' cheart am, 
ciod e am math dhut a bhith leigeadh leotha do leith- 
mharbhadh mar a tha thu 'deanamh. Tha thu 'g ad 
mharbhadh fhein a chum socair is toil-inntinn is buannachd 
a thoirt do mhuinntir nach toir taing no duais dhut air a 
shon. Ach nam biodh do mhisneach cho mor ri d' neart, 
cha deanadh iad ort mar a tha iad a' deanamh. An uair a 
theannas iad ri d' cheangal amis a' chuil, c'ar son nach 'eil 
thu 'cur 'nan aghaidh Ì C'ar son nach 'eil thu 'g am bualadh 
le d' adhaircean, agus a' nochdadh dhaibh gu'm bheil fearg 
ort, le bhith 'sgriobadh air an talamh le do chasan-cinn Ì A 
dh' aon fhacal, c'ar son nach 'eil thu 'cur nan cridheachan 
aca air chrith le buirean 1 Tha thu comasach gu leor air 
d' aite fhein a sheasamh, nan togradh tu fhein, ach cha dean 
thu sin. An uair a bheir iad dhut droch fhodar, agus 
deannan de dhroch phonair, cuir do shron orra, agus na 
blais iad. Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa chi thu ann an 
nine gun bhith fada, gu'm bi thu moran ni 's fhearr dheth 
na tha thu, agus gu'm bi a h-uile aobhar agad air a bhith 
fada 'nam chomain-sa." 

Chord comhairle an aiseil anabarrach math ris an damh, 
agus dh' aidich e, gu'n robh e fada 'na chomainn air a son. 
" Mo Shunndachan gaoil," ars' esan, " ni mise gach ni a 
dh' iarr thu orm a dheanamh, agus chi thu gu'n teid mi ann 
an ceann mo ghnothaich gle sgoinneil." Cha robh an 
tuilleadh comhraidh eatorra aig an am. Chual' am marsanta 
a h-uile guth a thubhairt iad, ach cha do leig e dad air. 

An la-iar-na-mhaireach, gu math moch, thainig an 
treabhaiche a thoirt leis an daimh a threabhadh mar a 
b' abhaist da. Cheangail e 'earball ris a' chrann, agus 
dh' fhalbh e leis. Bha cuimhne aig an damh air a' chomh- 
airle a thug an t-aiseal air, agus bha e fad an latha 
anabarrach doirbh ri cheannsachadh. Anamoch feasgar, an 
uair a thug an treabhaiche dhachaidh e 's a thoisich e ri 



4 



'cheangal aims a' chuil, an aite a cheann a chumail gu 
socrach fhad 's a bhithteadh 'g a cheangal, mar 
a V abhaist da dheanamh, is arm a bha e 'leum a 
null 's a nail, agus a' falbh an comhair a chuil 's a' 
buirean. An sin thug e ionnsaidh air an treabhaiche a 
tholladh le 'adhaircean. A dh' aon fhacal, rinn e a h-uile 
dad a chomhairlich an t-aiseal dha a dheanamh. An ath 
latha, thainig an treabhaiche, mar a b' abhaist, gtis an damh 
a chur a dh' obair ; ach bha 'n damh na laidhe 's a chuil 's a 
chasan sinte 's e romhanaich mar gu'm biodh e air thuar a 
bhith grad mharbh. Sheall e aims a' phrasaich, agus 
chunnaic e nach do chuir an damh beul air a' chonnlaich no 
air a' phonair a thug e dha an oidhche roimhe sin. Ghabh 
e truas ris, air dha saoilsinn gu'n robh e tinn, agus gun dail 
sam bith chaidh e far an robh am marsanta 's dh' innis e 
dha mar a bha. Thuig am marsanta gle mhath gu'n do 
ghabh an damh an droch comhairle a thug an t-aiseal air, 
agus thuirt e ris an treabhaiche an t-aiseal a chur 
a threabhadh, agus e bhith cinnteach gu'n oibricheadh e gu 
math e gu dubh-bheul na h-oidhche. Rinn an treabhaiche 
mar a dh' iarradh air. B' fheudar do 'n aiseal a bhith 
treabhadh gu trang fad an latha ; agus o nach robh 
cleachdadh aige ri obair thruim, bha e anabarrach sgith am 
beul na h-oidhche. A bharrachd air sin, fhuair e de 
dhochann o 'n treabhaiche rud a thug air gu'n robh e an 
impis tuiteam as a sheasamh an uair a thill e dhachaidh. 

Aio- a' cheart am bha 'n damh cho toilichte 's a b' urrainn 
a bhith. Dh' ith e a h-uile greim a bh' aims a' chuil, agus 
leig e 'anail fad an latha. Bha e toilichte a chionn gu'n do 
ghabh e comhairle an aiseil. Thug e mile bearmachd dha 
air son na deadh chomhairle, an uair a thainig e dhachadh 
o 'n treabhadh. 

Cha dubhairt an t-aiseal aon fhacal ris, oir bha e air a 
thamailteachadh air son an droch dhiol a rinneadh air. Ach 



5 



thuirt e ris fhein, "Is aim le mo ghoraiche fhein a thug mi 
am mi-fhortan so orm fhein. Bha beatha gle shocrach agam. 
Bha mi cho sona 's bha 'n latha cho fad. Cha robh ni sam 
bith a dhith orm. Is e mo choire fhein gu'm bheil mi an 
diugh aims an t-suidheachadh thruagh aims am bheil mi. 
Àgus mur urrainn mi doigh fhaotainn air tighinn as na 
croisean aims an deachaidh mi, cha 'n fhada bhios mi beo." 
An uair a thubhairt e so, bha 'neart air failneachadh cho 
mor 's gii'n do thuit e far an robh, mar gu'm biodh e leith 
mharbh. 



CAIB. II. 

Bha fhios aig a' mharsanta gu'n robh an t-aiseal ann an 
droch staid, agus bha toil aige an comhradh a bhiodh eadar 
e fhein 's an damh a chluihntinn. Air an aobhar sin, an 
deis dha 'shuipear a ghabhail, chaidh e mach ri solus na 
gealaich, agus shuidh e far an cluinneadh e iad, agus shuidh 
a bhean comhladh ris. 

Cha robh e fada 'na shuidhe an uair achuala e an t-aiseal 
ag radh ris an damh, " A chompanaich, innis dhomh, 
guidheam ort, ciod a tha run ort a dheanamh am maireach 
an uair a thig an treabhaiche le biadh ugad?" 

"Ciod a tha run orm a dheanamh!" ars' an damh. 
" Leanaidh mi air a bhith dheanamh mar a dh' iarr thu 
fhein orm a dheanamh. Bheir mi ionnsaidli air an treabh- 
aiche a tholladh le m' adhaircean, mar a rinn mi an de. 
Leigidh mi orm gu'm bheil mi tinn, agus dluth air a' 
bhas." 

"Cha b' e mo chomhairle dhut," ars' an t-aiseal. "Ma 
ni thu sin, cuiridh tu lion do mhillidh mu d' chasan fhein. 
An uair a bha mi air tighinn thun an taighe 's an fheasgar, 
chuala mi am marsanta ag radh rud eiginn mu do thimchioll 
a chuir uamhas orm." 



6 



"Mo chreach ! ciod a ctmala tu 1 ?" ars' an damh. "A 
Shunndachain mo ghaoil, na ceil orm aon fhacal de na 
chuala tu." 

" So mar a chuala mise ar maighstir ag radh ris an 
treabhaiche : — nach 'eil an damh ag itheadh a bhidh, no 
comasach air obair a dheanamh, marbhaidh shin am 
maireach e, agus bheir sinn an fheoil aige mar dheirc do na 
bochdan. Bidh an t-seice feumail dhuinn fhein, an uair a 
chairtear i. Na dichuimhnich thusa fios a chur air an 
fheoladair gu math moch am maireach. Sin agad na chuala 
mise," ars' an t-aiseal. " Tha 'n curam a th' agam mu do 
bheatha, agus an cairdeas a th' agam riut, a' toirt orm so 
innseadh dhut, agus comhairle ur a thoirt ort. Cho luath 
's a bheirear a' chonnlach agus a' phonair a d' ionnsuidh, 
grad eirich, agus toisich ri itheadh cho sunndach 's a rinn 
thu riamh 'n ad' bheatha. Saoilidh ar maighstir gu'm bheil 
thu air a dhol am feobhas, agus gun teagamh sam bith, cha 
mharbhar idir thu. Ach mur dean thu mar a tha mise a'' 
comhairleachadh dhut, theid do mharbhadh gun teagamh 
sam bith." 

Chreid an damh a h-uile facal a thuirt an t-aiseal ris. 
Chaidh e air chrith leis an eagal, agus thoisich e ri buirean 
aird a chlaiginn. 

An uair a chaal' am marsanta an comhradh a bha eadar 
an damh 's an t-aiseal rinn e lasgan mor gaire. Ghabh a 
bhean ioghnadh mor an uair a chuala i 'gaireachdaich e, 
agus gun aobhar gaire aige, cho fad 's a b' fhiosrach i. 
" Innis dhomh," ars' ise, " ciod a thug ort a bhith 'gaireachd- 
aich air an doigh ud?" 

"Coma leat, a bhean," ars' esan, "ciod a thug orm a 
•bhith gaireachdaich." 

" Cha choma learn idir," fhreagair i, "feumaidh mi air a 
h-uile cor fios an aobhair fhaotainn." 



7 



"Cha '11 urrainn domhsa ni sam bith innseadh dhut, ach 
gu'n d' rinn mi gaire an uair a chuala mi na briathran a 
thuirt an t-aiseal ris an damh. Cha 'n fhaod mi ciod a 
thubhairt iad ri 'cheile innseadh do dhnine beo." 

" Car son nach innis thu dhomhsa e ?" ars' ise. 

" Ma dh' innseas mi dhnt e, cha bhi an tnilleadh 
saoghail agam," ars' esan. 

" Cha 'n 'eil thu ach a' fanaid orm," ars' a' bhean : 
" cha 'n urrainn gu'm bheil thu ag innseadh na firinn domh. 
Mur grad innis thu dhomhsa ciod a thug ort gaire a 
dheanamh, agus ciod a thuirt an damh agus an t-aiseal ri 
'cheile, tha mi 'mionnachadh air neamh nach laidh mi 's an 
aon leabaidh riut ri do bheo." 

An uair a thuirt i so, thug i an taigh oirre. Bha i gu 
stracadh le feirg. Shuidh i ann an oisinn an t-seomair, agus 
lean i air caoineadh fad na h-oidhche. Bha am marsanta 'n 
a laid he 's an leabaidh 'na onar fad na h-oidhche. An uair a 
chunnaic e 's a' mhadainn gu'n robh i amis a' cheart staid 's 
an robh i fad na h-oidhche, thuirt e rithe gur i 'bha gorach 
'g a cur fhein 'na leithid de staid air son ni nach mor a 
b' fhiach ; agus ged nach deanadh e math sam bith dhise 
fios fhaotainn air an diomhaireachd, gu'n deanadh e cron 
mor dhasan na 'n innseadh e i. " A:r an aobhar sin," ars' 
esan, " tha mi 'guidhe ort gun smaoineachadh tnilleadh air." 

" Bidh mi 'smaoineachadh cho mor air 's nach sguir mi 
chaoiueadh gu brath gus an innis thu dhomh e," ars' ise. 

" Ach tha mise 'g innseadh dhut gu saor, soilleir," ars' 
esan, " gu'n caill mise mo bheatha ma bheir mi geill do 
d' ghoraiche-sa." 

" Biodh sin fior no na bitheadh," ars' ise, " tha mise ag 
radh riut gu'm feum thu innseadh dhomh." 

" Tha mi 'faicinn," ars' am marsanta, " gu'm bheil e 
neo-chomasach tur a chur annad ; agus o 'n a tha mi 'faicinn 
roimh laimh gu'n toir do raigeann fhein am bas dhut, 



8 



iarraidh mi air a' chloinn tighinn a steach g' ad fhaicinn 
mu J m faigh thu am bas." 

Uime sin dh' iarr e air a' chloinn tighinn a steach far an 
robh i, agus chuir e mar an cendna fios air a h-athair 's air 
a mathair 's air na cairdean eile. An uair a thainig iad 
agus a chual' iad an t-aobhar air son an do chuireadh hos 
orra, rinn iad na b' urrainn daibh a chum a dhearbhadli 
oirre, gu'n robh i fada cearr • ach bha ise cho fada 'na barail 
fhein ; s a bha i riamh. Thuirt i riutha, gu'ni b'fhearr leatha 
am bas fhaotainn na gu'n striochdadh i do dh'fhear a taighe. 
Labhair a h-athair 's a mathair rithe, agus gun aims an 
t-seomar ach iad fhein 'n an triuir, agus thuirt iad rithe, 
nach deanadh am fiosracbadh a bha i ag iarraidh feum sam 
bith dhi. Ach cha gheilleadh i dhaibh air chor sam bith. 
An uair a chunnaic a' chlann nach b' urrainnear a toirt as a 
beachd, thoisich, iad ri caoineadh gu goirt. Bha am 
marsanta fhein mar gu'm biodh daine a bhiodh glan as a 
chiall, agus cha mor nach robh e deas gus a bheatha fhein 
a chur an cunnart a chum a beatha-se a shabhaladh. 

A nis, bha leith cheud cearc, agus coileach, aig a' 
mharsanta : agus mar an ceudna, cu a bha toirt fa near gach 
ni a bha 'tachairt. Agus an uair a bha am marsanta 'na 
shuidhe am muigh, agus e 'smaointean ciod a b' fhearr dha 
a dheanamh, thug e an aire gu'n robh an coileach a' 
cleasachd ris an cearcan, mar is minic a bha e. ftuith an 
cu far an robh an coileach, agus thuirt e ris : — " A choilich, 
tha mi cinnteach gu'n d ; thig breitheanas ort gun dail air 
son do chuid aotromais. Bu choir naire a bhith ort air son 
na li-obrach a th' agad an diugh." 

Sheas an coileach air a chorra-biod, agus chuir e an colg 
sin air 's fhreagair e, " Car son nach fhaod mise a bhith a' 
cheart cho mhear 's a b' abhaist domh ? " 

" Mur 'eil fhios agad c'ar son, innsidh mise dhut e," ars' 
an cu. " Tha ar maighstir an diugh aim an trioblaid-inntinn 



9 



ro mhor. Tha 'bheau a 3 cur roimpe gu'n toir i air d'a 
aindeoin, gu'n iunis e dhi diomhaireachd shonraishte. Ma 
dh' iunseas e an diomhaireachd so dhise, no do neach sam 
bith eile, cha bhi tuilleadh saoghail aige. Tha nithean air 
tighinn gu leithid a dlr airde 's gu'm bheil aobhar eagail 
gu'ni buadhaich i air. Tha gradh aige dhi, agus tha e 'cur 
dragh anabarrach air a bhith 'g a faicinn a' sior chaoineadh ; 
agus is docha gu'n caill e a bheatha air a tailleamh. Tha 
sinn uile air ar clisgeadh mti 'n chuis ; agus tha e cur dragh 
mor oimn a bhith 'gad fhaicinn-sa cho mear 's cho suundach 
am measg nan cearc 's a tha thu." 

Fhreagair an coileach. agus thuirt e, :i Am bheil thu ag 
radii rium gu'm bheil ar maighstir cho bea,^ tur 's gu'm 
biodh e mar sin ? Cha 'n 'eil aige ach an aon bhean, agus 
cha 'n urrainn da a cumail to smachd ! Ged a tha leith 
cheud bean agamsa, bheir mi orra gu'n gabh iad mo chomh- 
airle. Deanadh e a ghnothach mar dhuine reusanta, agus 
theid mi an urras nach bi e fada "g a cur fo smachd.'' 

" Cia mar ?" ars' an cu. " Ciod e is coir dha dheauamh?" 

" Inusidh mi sin dhut," ars' an coileach. "* Glasadh e an 
dorus, agus gabhadh e dhi gu math 's gu ro mhath le deadh 
bhata : agus theid mise an urras gu'u toir sin gu rathad i. 
Agus rud eile dheth, sguiridh i 'bhith "faighueachd dheth 
mu nithean ris nach 'eil gnothach sam bith aice.'' 

Cha bu luaithe a chuaV am marsanta na briathran a 
labhair an coileach ua ghrad ghabh e s teach far an robh a 
bhean a' tuiream 's a' caoineadh anus an t-seomar, agus bata 
math, cnuachdach aige "na dhoru. Dhuin e an dorus ; chuir 
e car 's an iuchair, agus ghabh e dhi leis a' bhata, gus mu 
dheireadh an dubhairt i, ,; An ainm an aigh leig learn, leig 
leam. Cha tig an latha 's cha chiau an trath a chuireas 
mise ceisd ort mu ni sam bith nach bum domh." 

An uair a chunnaic e gu'n do ghabh i aithreachas a 
chionn a bhith cho rag 's cho mi-mhodhail 's a bha i, sguir e 



10 



-ghabhail oirre leis a' bhata. An uair a dh' fhosgail e an 
dorus, chaidh na cairdean gu leir a steach do 'n t-seomar far 
an robh i, agus an nair a chunnaic iad gu'n robh i air 
tighinn gu sith agus gu reusan, bha iad anabarrach toilichte. 
Thug iad mile taing do 'n mharsanta a chionn e bhith cho 
smaoineachail 's cho tapaidh 's gu'n do cheannsaich e i. 



ìl 



AM MARS ANT A AGUS AM FATHACH. 
CAIB. I. 

Bha marsanta mor ami aon uair aig an robh staid mhath 
fhearainn, buth mor, agus suim mhor airgid. Bha aireamh 
mhor de luchd-riaghlaidh agus de sheirbhisich de gach 
seorsa fo 'laimh. Bha aige ri dhol o am gu am air turasan 
fada, a chum gu'm faiceadh e cia mar a bha gach aon de 'n 
luchd-riaghlaidh a bha fo 'laimh a' deanamh gach gnothaich 
a bha air earbsadh riutha. Air latha araid b' fheudar dha 
'dhol air astar gle fhada, air cheann gnothaich a bha co 
cudthromach 's nach deanadh duine sam bith e ach e fhein. 
Thug e leis each fodha, agus bha aran is cnomhan aige aims 
a' mhaileid a bha 'n crochadh air a dhruim ; oir bha aige 
ri dhol troimh fhasach mor far nach robh greim bidh ri 
fhaotainn. Rainig e ceann a thuruis gu sabhailte, agus an 
uair a rinn e gach gnothach a bh' aige ri dheanamb, rinn e 
deas air son tilleadh dhachaidh. 

Air a' cheathramh latha, 's e air an t-slighe dhachaidh, 
dh' fhas an t-side cho teith 's gu'm b' fheudar dha bristeadh 
bhar an rathaid, agus a dhol a steach do 'n choille a bha 
dluth dha gus anail a leigeadh, agus noimachd fhaotainn, 
gus an cromadh a' ghrian gu math. An uair a rainig e 
iomall na coille, chunnaic e tobar boidheach aig bonn creige ; 
agus an uair a thainig e bhar an eich 's a cheangail e an 
t-srian ri craoibh, shuidh e aig an tobar, agus thoisich e ri 
itheadh an arain 's nan cnomhan a bh' aige 's a' mhaileid. 
Agus mar a bha e ag itheadh nan cnomhan, bha e 'tilgeadh 
nan sligean air gach taobh dheth. An uair a bha e ullamh 
dhe 'bhiadh nigh e a lamhan, agus 'aodann, agus a chasan, 



12 



agus rinn e urnuigh. Mu 'n robh e ullamh a dh' urnuigh, 
chunnaic e fathach mor a' tighinn dluth dha agus a cheann 
geal le aois. Bha claidheainh ruisgte 'nalaimh, agus labhair 
e ris le guth uamhasach, ag radh — -" Eirich a sin, a chum 
gu'n grad marbh mi thu leis a' chlaidheamh so, o 'n a 
mharbh thu fhein mo mhac-sa." An uair a thuirt e so, leig 
e sgriach eagallach as. 

Chuir a chruth agus a choltas a cheart uiread a dh' eagal 
air a' mharsanta 'a a chuir na bagraidhean uamhasach a rinn 
e air, agus air dha bhith air chrith le eagal, thuirt e, " Och ! 
mo dheadh thighearna, cha d' rinn mise ni olc riamh ort, 
agus c'ar son a tha thu 'g iarraidh mo bheatha 'thoirt air 
falbh?" 

" Marbhaidh mise thusa, o 'n a marbh thusa mo mhac-sa," 
ars' am fathach. 

" Gu sealladh ni math ort," ars' am marsanta, " cia mar 
a b' urrainn mise do mhac a mharbhadh Ì Cha 'n fhaca 
mise riamh e, agus cha mho na sin a chunnaic esan mise." 

" Nach do shuidh thu ann an so an uair a thainig tu?" 
ars' am fathach. "Nach robh thu 'g itheadh chnomhan, 
agus an uair a bha thu 'g an itheadh, nach robh thu 'tilgeadh 
nan sligean air gach taobh clhiot?" 

"Tha mi ag aideachadh gu'n d' rinn mi a h-uile dad a 
tha thu 'g radh," ars' am marsanta. 

" Ma tha sin nor," ars' am fathach 's e 'freagairt, " tha 
mise ag innseadh dhut gu'n do mharbh thu mo mhac. Agus 
so mar a mharbh thu e : an uair a thilg thu sligean nan 
cnomhan uat, bha mo mhac a' dol seachad ; bhuail thu te 
dhiubh air aims an t-suil, agus mharbh thu e. Air an 
aobhar sin marbhaidh mise thusa." 

" Ah ! mo thighearna, thoir mathanas dhomh," ars' am 
marsanta. 

" Cha 'n fhaigh thu mathanas no trocair uamsa. Nach 
'eil e ceart gu leor duine a mharbhadh, ma marbh e-fhein 
duine eile 1 ?" ars' am fathach. 



13 * 

" Tha mi 'cur m' aonta ris a sin," ars' am marsanta ; 
"ach gu cinnteach ceart, cha do mbarbh mise do mhac 
riamh : agus ged a thachradh dhomh a mharbhadh, cha 
b' ann d' am dheoin ; air an aobhar sin, 1 ha mi 'guidhe ort 
thoir mathanas dhomh, agus leig mo beatha learn." 

" Cha leig, is mi nach leig," ars' arn fathach. Feumaidh 
mi do mharbhadh, on a mharbh thu fhein mo mhac-sa." 

An uair a thuirt e so, rag e air a' mharsanta 'n a chroig, 
agus thilg e air a bheul 's air a shroin air an talamh e, agus 
thog e an claidheamh gus an ceann a chur dheth. 

Thoisich am marsanta ri sileadh nan deur 's ri fasgadh 
nan dorn. Bha e sior radh gu'n robh e neo-chiontach, agus 
bha e 'guidhe le 'uile dhurachd air an fhathach a bheatha 
leigeadh leis air sgath na mna 's na cloinne. 

Bha am fathach ag eisdeachd ris gle fhoighidneach, ach 
aig a' cheart am bha a lamh an togail gus an ceann a 
sgudadh dheth leis a' cbJaidheamh. Mu dheireadh thuirt e 
ris, "Cha 'n 'eiJ stath sam bith 'nad chuid caoidh is ochanaich; 
ged a thuiteadh na suiloan asad a' caoineadh, cha chuni sin 
mise gu 'n do mharbhadh, o'n a mharbh thu fhein mo mhac- 
sa." 

"Am bheil ni sam bith idir air an t-saogbal a bheir ort 
do run atharrachadh Ì Am bheil thu suidhichte, as is as, 
air beatha duine bhochd, neo-chiontaich a thoirt air falbh ? " 
ars' am marsanta. 

" Tha mi lan-shuidhichte air," ars' am fathach. 

An uair a chunnaic am marsanta gu 'n robh am fathach 
a' dol 'ga ghrad mharbhadh, ghlaodh e aird a chlaigmn, agus 
thuirt e ris, " Air sgath neimh, cum air ais do lamh ! Leig 
dhomh aon fhacal a radh. Bi cho math 's gu 'n dean thu 
beagan foighidinn num. Leig dhomh a bhith beo beagan 
uine gus an gabh mi mo chead de m' mhnaoi 's de m' 
phaisdean, agus gus an dean mi mo thiomnadh, a chum 
gu 'm fag mi mo chuid de 'n t-saoghal aca. Cha bu mhath 



14 



learn gu 'n rachadh iad gu lagh mu 'n dileab an deigh mo 
bhais. An uair a chuireas mi gach ni a bhuineas dhomh ann 
an ordngh cho math 's is math learn, thig mi air ais do 'n 
cheart aifee so, agus faodaidh tu an uair sin an rud a thogras 
tu a dheanamh rium." 

" Ach ged a bheirinn dhut an uine a tha thu ag iarraidh, 
is docha nach till thu air ais gu brath tuilleadh," ars' am 
fathach. 

"Ma chreideas tu mo mhionnan, bheir mise mo mhionnan 
air neamh 's air an talamh, gu'n tig mi air m' ais 's gu'n 
coinnich mi thu ann an so," ars' am marsanta. 

" Ciod an uine a tha thu 'g iarraidh, ma ta," ars am 
fathach. 

" Tha mi ag iarraidh bliadhna," ars' am marsanta. "Cha 
'n urrainn domh mo ghnothaichean a chur an ordugh gu 
ceart, agus mi fhein a dheasachadh air son a' bhais ann an 
uine ni 's lugha. Ach tha mi 'gealltainn dhutsa, gu'n tig 
mi air m' ais an so bliadhna o 'n diugh." 

"Am bheil thu 'gabhail neimh mar fhianuis gu'n cum 
thu ri d' ghealladh 1 " ars' am fathach. 

" Tha, agus tha mi 'boidenchadh gu'n dean mi mar a tha 
mi 'gealltainn. Faodaidh tusa mo bhoidean a ghabhail," ars' 
am marsanta. 

An uair a chual' am fathach so, chaidh e as an t-sealladh, 
agus dh' fhag e am marsanta aig an tobar. 

Bha 'n cridhe air chrith aig a' mharsanta fhad 's a bha am 
fathach a' bagradh a bheatha 'thoirt dheth ; ach cha bu 
luaithe a chaidh am fathach as an t-sealladh na ghabh e 
misneach, agus gun dail sam bith leum e air muin an eich, 
agus thug e 'aghaidh air an taigh. Ged a bha e toilichte 
gu'n d' fhuair e a lamhan an fhathaich, gidheadh bha bron 
is cradh air a chridhe an uair a smaoinicheadh e air na 
boidean a thug e. 



15 



An uair a rainig e dhachaidh gabh a bhean 's a chlann ris 
le mor-ghairdeachas. Ach an aite bhith aoibhneach an uair 
a chunnaic e iad, is ann a thoisich e ri gul gu goirt. An 
uair a chunnaic iad an staid mhuladach anns an robh e, dh' 
aithnich iad gu'n d' thainig mi-fhortan mor air choir-eiginn 
'n a rathad air a thurus. Dh' fheoraich a bhean dheth c'ar 
son a bha e cho mor fo bhron 's fo lionn-dubh. "Bha sinn 
uile ro aoibhneach an uair a thainig tu," ars' ise, " ach tha 
sinn a nis fo eagal mor mu d' dheidhinn. Innis dhuinn, 
guidheam ort, aobhar do bhroin." 

" Och, mo leireadh ! a bhean 's a chlann mo ghaoil," ars' 
esan, " is mor aobhar mo bhroin. Cha 'n 'eil de shaoghal 
again ach aon bhliadhna eile." An sin dh' innis e dhaibh 
mar a bh' eadar e-fhein 's am fathach, agus mar a thug e a 
mhionnan gu'n tilleadh e air ais an ceann na bliadhna gu 
bhith air a chur gu bas. 

An uair a chual' iad so bhuail iad uile na basan 's thoisich 
iad ri gul 's ri caoidh gu muladach. Bha glaodh na mna os 
cionn glaodh chaich. Thoisich i air spionadh na gruaige 
aisde fhein. Bha 'n aon ghlaodh ann an ceann gach aon 
de 'n chloinn. Cha b' urrainn am marsanta cumail air fhein 
ni b' fhaide, an uair a chunnaic e an staid anns an robh a 
bhean 's a chlann. Cha b' urrainn teaghlach a bhith ni bu 
bhronaiche na bha iad air an fheasgar ud. 

An la-iar-na-mhaireach chuir am marsanta mu dheidhinn 
gach ni a bhuineadh dha a chur ann an ordugh. Phaigh e 
a h-uile sgillinn fhiach a bh' air. Thug e airgiod is nithean 
luachmhor eile do gach aon de 'chairdean. Thug e suim 
mhath airgid do na bochdan. Roinn e a chuid de 'n 
t-sacghal gu cothromach, eadar a bhean 's a chlann; agus 
chuir e airgiod na cloinne a b' oige ann an lamhan luchd- 
riaghlaidh, a chum gu'm faiceadh iad ceartas aca. A dh' aon 
fhacal, chuir e gach ni a bhuineadh dha ann an ordugh cho 
math 's a ghabhadh deanamh. 



16 



Mu dheireadh thainig ceann na bliadhna, agus b' eiginn 
da falbh a choinneachadh an fhathaich mar a gheall e. 
Chuir e an leine-bhais anns a' mhaileid ; agus rinn e gach 
deisealachd eile a bha feumail dha air son a thuruis. Ach 
ma bha bron is caoidh anns an teaghlaeh an latha a 
thainig e, is ami a bha 'm bron 's a' chaoidh ami an uair a 
bha e 'gabhail a chead de 'n mhnaoi 's de 'n chloinn, agus 
gun duil sam bith aca, taobh air thaobh, gu'm faiceadh iad a 
cheile gu brath tuilleadh anns an t-saoghal so. Bha iad 
cho fad an aghaidh dealachadh ris ; s gur aim a bha iad a' 
cur rompa gu'n leanadh iad e, eadhon gu bas. Ach an uair 
a thainig an t-arn dha dealachadh riutha, thuirt e, "A bhean, 
agus a chlann, mo ghaoil, tha mise 'toirt umhlachd do 
dh' ordugh neinih an uair a tha mi 'dealachadh ruibh an 
diugh. Leanaibh an t-eisimpleir a tha mi 'cur romhaibh. Le 
deadh mhisnich cuiribh suas leis gach eiginn is trioblaid a 
thig 'nur rathad, agus thugaibh fa near gu'm bheil e air 
orduchadh do na h-uile dhaoine am bas fhulang." 

An uair a thuirt e so, dh' fhalbh e as an sealladh 's as 
eisdeachd. Rainig e an t-aite anns an do gheall e am 
fathach a choinneachadh air a' cheart latha 'gheall e. 
Thainig e bhar muin an eich, agus shuidh e aig an tobar gus 
an tigeadh am fathach ; agus mar a dh'fhaodar a thuigsinn, 
bha e ann an suidheachadh cho bronach 's a b' urrainn 
duine a bhith. 

An uair a bha e gu muladach a' feitheamh gus an tigeadh 
am fathach, chunnaic e seann duine liath, air an robh fior 
choltas coir, siobhalta, a' tighinn an rathad a bha e, agus 
eilid aige air rop. An deis dhaibh failte a chur air a cheile, 
thuirt an seann duine ris, " A bhrathair, am faod mi 
'fheorach dhiot, c'ar son a thainig thu do'n aite fhasail, 
iomallach so ? Tha 'n t-aite so Ian de dhroch spioradan, 
agus cha 'n 'eil e sabhailte dhut a bhith ann. Shaoileadh 
duine le sealltainn air na craobhan so gur aite e anns am 



17 



bheil daoine a' gabhail coinhnuidh ; aoh is e th' aim fasach 
anns nach 'eil e sabhailte do dhuine sam bith fuireaoh 
fada." 

Dh' innis am marsanta dha a h-uile ni mu'n aobhar air 
son an robh e anns an aite ud. Dh' eisd an seann duine ris 
le nior-ioghnadh, agus an uair a chuir e crioeh air na 
bh' aige ri radh, thuirt an seann duine ris, " Is e so ni a's 
mo a chuir a dh' ioghnadh orm a chuala mi riamh. Tha thu 
gle cheart seasamh ris na mionnan a thug thu do'n fhathach. 
Ach fanaidh raise maille riut gus am faic mi cia mar a theid 
dhut." 

Shuidh e ri taobh a' mharsanta, agus thoisich iad ri 
conihradh. 

Am feadh a bha iad a' comhradh, chunnaic iad seann 
duine liath eile a' tighinn an rath ad a bha iad, agus da chu 
dhubh aige. An uair a chuir e failte orra, dh' fheoraich e 
dhiubh ciod a bha iad a' deanamh anns an aite ud. 
Dh' innis an seann duine aig an robh an eUid dha a h-uile 
ni mar a bh' eadar am marsanta agus am fathach. An uair 
a chual' e mar a bha, thuirt e gu'm fanadh e mar an ceudna 
gus am faiceadh e cia mar a dh' eireadh do 'n mharsanta. 
Agus sjnuidh e comhladh riutha aig an tobar. Mu 'n gann 
a shuidh e chunnaic iad an treas seann duine liath a' tighinn 
an rathad a bha iad, agus e h-uile buille a cheart cho choir 
's cho siobhalta ann an coltas ris an dithis eile. Cha bu 
luaithe a thainig e far an robh iad na dh' fheoraich e dhiubh, 
c'ar son a bha am marsanta fo bhron 's fo lionn-dubh. An 
uair a dh' innis iad dha mar a bh' eadar am marsanta 's am 
fathach, ghabh e ioghnadh mor, agus thuirt e gu 'm fanadh 
e gus am faiceadh e cia mar a dh' eireadh do 'n mharsanta. 
Shuidh e aig an tobar mar a rinn an dithis eile. 

An ceann beagan nine chunnaic iad meall ceo a' tighinn 
dluth dhaibh 's e 'dol mu 'n cuairt mar gu 'm biodh e air a 
ghiulan le ioma-ghaoith. Ann an tiotadh chaidh an ceo as 

2 



18 



an t-sealladh, agus bha am fathach 'n a sheasamh air am 
beulaobh. Bha claidheamh ruisgte 'na laimh. Rug e air 
ghualamn air a' mharsanta, agus thuirt e, " Eirich gu grad 
's gu marbhainn thu, o 'n a mharbh thu fhein mo mhac-sa." 

Ghabh am marsanta 's an triuir sheann daoine a leithid 
a dh' eagal 's gu 'n do thoÌMch iad ri gul 's ri caoidh gu 
goirt. Ach an uair a chunnaic an seann duine aig an robh 
an eilid gu 'n robh am fathach a' dol a ghrad mharbhadh 
a' mhart,anta, thilg e e-fhein aig a chasan, agus thuirt e, " A 
Phrionnsa nam fathach, guidheam ort, dean de dh' fhabhar 
gu 'n eisd thu rium car tiotaidh. Innsidh mi dhut each- 
draidh mo bheatha, agus eachdraidh na h-eilid so a th' agam 
air an rop ; agus ma shaoileas tu gu 'm bheil i na 's 
iongantaiche na eachdraidh a' mharsanta a tha thu 'dol a 
mharbhadh, tha mi 'n dochas gu 'n toir thu mathanas do 'n 
duine thruagh anns an treas cuid de 'n olc a rinn e." 

Smaoinich am fathach air a' chuis car uine, agus mu 
dheireadh thuirt e, " Tha mi ag aontachadh leat." 



i 

CAIB. II. 

"Eisdibh rium le aire, tha mi 'guidhe oirbh," ars' an 
seann duine, "agus innsidh mi dhuibh m' eachdraidh. Is i 
an eilid so nighean bhrathar mo mhathar, agus is i mo bhean 
mar an ceudna. Cha robh i ach da bhliadhna dheug an 
uair a phos mi i. Agus faodaidh mi radh, gu 'm bu choir 
dhi amharc orm, cha 'n ann a mhain mar a fear-daimh agus 
a fear-posda, ach mar athair mar an ceudna." 

Ged a bha sinn fichead bliadhna posda cha robh duine de 
theaghlach againn. Ach ged a bha so mar so, bha mise cho 
measail oirre 's cho caoimhneil rithe 's a b' urrainn fear a 
bhith. Le' h-aonta fhein cheannaich mi banoglach o 'n robh 



19 



aon mhac agam, air dhomh a bhith toileach clann a bhith 
agam aig am fagainn mo chuid de 'n t-saoghal an deis dhi 
fhein 's dhomh fhein am bas fhaotainn. Bha mo mhac 
anabarrach tlaehdmhor anns gach doigh, agus bha h-uile 
coltas gu 'm biodh e 'na dhuine glic, tuigseach, deanadach, 
agus ro mhaiseach, an uair a ruigeadh e aois fearachais. 
Ach ghabh mo bhean grain an uilc air fhein 's air a 
mhathair, agus chum i so an cleith ormsa gus an robh e 
tuilleadh is anamoch. 

An uair a bha mo mhac mu dheich bliadhna dh' aois, 
thainig ormsa falbh air turus fada o 'n taigh. Dh' earb mi 
rithe mu 'n d' fhalbh mi curam a bhith aice de 'n 
bhanoglaich agus de m' mhac fhad 's a bhithinn air falbh. 
•Cha robh smaointean sam bith agam gu 'n deanadh i cron 
air a h-aon aca, ged a bha agam ri bhith o 'n taigh fad 
bliadhna. Cha bu luaithe a dh' fhalbh mi na chaidh i do 
'n sgoil-duibh, far an d' ionnsaich i draoidheachd. An uair 
a bha i lan ionnsaich te, thug i leatha mo mhac a dh' aite 
fasail, agus le buille de 'n t-slacan-draoidheachd rinn i laogh 
•dheth. Thug i do 'n aireach e, agus dh' iarr i air a 
bhiathadh gu math 's gu ro mhath a chum gu 'm biodh e 
deas ami an uine ghoirid air son a mharbhadh. Thuirt i ris 
an aireach gur e 'cheannach a rinn i. Cha d' fhoghainn so 
leatha, ach rinn i mart de 'n bhanoglaich, agus thug i do 'n 
aireach i mar an ceudna, a chum a reamhrachadh gu math 
air son a marbhadh. 

An uair a thill mi dhachaidh bhar mo thuruis an ceann 
na bliadhna, dh' fheoraich mi cia mar a bha 'bhanoglach 
agus mo mhac. 

" Fhuair a' bhanoglach bas beagan an deis dhut falbh ; 
agus mu dheidhinn do mhic, cha 'n 'eil fhios agamsa ciod a 
dh' eirich dha, no c'aite am bheil e. Cha 'n fhaca mi e o 
chionn da mhios," ars' ise. 



Chuir bas na r banoglaich dragh gu leor orm, agus bha 
dragh orm mu m' mhao mar an ceudna ; ach o 'u a thuirt 
i rium nach d' rinn e ach falbh as an aite, bha dochas again 
gu 'n tilleadh e dhachaidh ami an nine ghoirid. Chaidh 
ochd miosan seachad, agus cha chuala mi guth air. An 
uair a thainig latha na feisd bhliadhnail am fagasg, chuir 
mi fios thun an aireich e thoirt a' mhairt a b ? fhearr 's bu 
raimhre a bh' agam do m 7 ionnsuidh gus am marbhadh aig 
an fheisd. Rinn e so. B' i am mart a thug e do n/ 
ionnsuidh, a* bhanoglach---mathair mo mhic. Cheangail 
mi i, agus an uair a bha rni; 'dpi g' a niarbhadh, thoisich i ri 
ranaich gu eianail. ,.T{mg<mi 'an ajlre'.gu 'n robh na ; deoir 
a*. ; stru thadh ,q . na, 'suilean , t 4ice> i \ , C% ; uirf -so 3 iogtinadh , mor f 
or^rn. 4gW^.cgba]bh J &-.nl£itfci& 4£:Jth¥W'&.-?ifcl)e V;naeh,b*; 
urrainn domh, an : ggian; a chnr ^^ ; .ir|n^e.! Dhi' iarr mi aip an 
ajreach mart eilc a thoirt thugam. • $jrj ^iìO .uidHyjtiUl 
. Bha * mo j bhean an 1 at hair aig an am, ; agug, ibha j i ana- 
barrach feargach rium, a chionn nach do mharbh mi ani 
mart. Thuirt i, " Ciod a tha 'n ad bheaChd ? * Marbh-am" 
mart a thug an duine g' ad ionnsuidh. Cha 'n 'eil mart eU& 
agad cho freagarrach air son a marbhadh rithe." • , 

Gus ise 'thoileachadh, chaidh mi rithist ami an dail a* 
mhairt gus a marbhadh; ach thoisich i ri ranaich air a 
le ; thid a dhoigh 's nach leigeadh mo chridhe learn an sgian 
a chur innte. An sin dh' iarr mi air an aireach e g' a 
marbhadh e-fhein. 

Bha 'n t-aireach na bu chruaidhe cridhe na mise, agus 
ghrad marbh e i. An uair a dh' fheann e i, cha robh greim 
air a cnamhan, ged a bha i coltach ri bhith glè reamhar 
mu 'n do mharbhadh i. Thuirt mi ris e g' a toirt air falbh 
as mo shealladh, agus an rud a thogradh e 'dheanadh rithe. 
Thuirt mi ris mar an ceudna, ma bha laogh math, reamhar 
aige, e'ga thoirt do m' ionnsuidh. An nine ghoirid thainig 
e 's an laoigh aige. Ged nach robh fhios agam gu'm b' e an 



21 



laogh mo mhac, cha leigeadh mo chridhe learn lamh a chur 
ami gus a mharbhadh an uair a chunnaic mi an suidheachadh 
truagh, cianail amis an robh e. Cha bu luaithe a chunnaic 
e mi na thug e oidhirp air tighinn dluth dhòmh. Bhrist e 
an cord a bha mn 'amhaich, agus ruith e far an robh mi. 
Laidh e aig mo chasan, agus rinn e gach ni a b' urrainn da, 
a chum gu'n tugadh e orm truas a ghabhail dheth, agus 
gu'n tugadh e orm a thuigsinn gu'm b' e mo mhac e. 

Chuir a dhoighean barrachd ioghnaidh orm na chuir am 
mart. Cha b' urrainn domh gun truas mor a ghabhail ris a' 
ehreutair bhochd, an uair a chunnaic mi aa staid amis an 
robh e. Thuirt mi ris an aireach, " Thoir leat an laogh sin 
dhachaidh ; gabh curam math dheth, agus thoir an so laogh 
eile." 

Cha bu luaithe a chuala mo bhean mi 'g a radh so na 
thuirt i rium, " Ciod e air an t-saoghal is ciall do 'n obair a 
th' ort ? Gabh mo chomhairle, agus marbh an laogh 's a' 
mhionaid." 

" A bhean," arsa mise, " cha mharbh mi idir e. Na bi 
thusa 'g iarraidh orm a leithid a dheanamh." 

" Bha 'n droch blioirionnach coma co dhiubh bhithinnsa 
toilichte no nach bitheadh, nam faigheadh i a droch nadar 
fhein a chur an ceill. 'n a bha grain an uilc aice air mo 
mhac, cha robh a dhith oirre ach a chur gu has. Air ghao'l 
a toileachadh, nam b' urrainn domh idir, cheangail mi an 
creutair bochd, agus an uair a bha mi 'dol a ghearradh an 
sgornain aige leis a' chuirc, sheall e orm gu cianail, agus na 
deoir a ruith o na suilean aige. Chuir a choltas a leithid de 
thruas orm 's nach duiriginn a mharbhadh. Thilg mi uam 
a' chore, agus thuirt mi ris a' mhnaoi, gu 'n robh mi am muigh 
's am mach an aghaidh a mharbhadh ; ach gus a toileachadh, 
gheall mi dhi gu'm marbhainn e aig an ath fheisd, an 
ceann bliadhna. Mharbh mi fear eile de na laoigh an lathà 
nd 'n a aite. 



22 



An la-iar-na-mhaireach, chuir an t-aireach fios do m' ionn- 
suidh, gu'n robh toil aige beagan comhraidh a bhith aige 
rium far nach biodh duine 'g ar n-eisdeachd. An uair a 
chaidh mi bhruidhinn ris, thuirt e rium, " Thainig mise le 
naigheachd do d' ionnsuidh a bheir toileachadh gu leor dhut. 
Tha nighean agam aig am bheil eolas math air draoidheachd. 
An uair a chaidh mi air m' ais an de leis an laogh nach robh 
thu toileach a mharbhadh, thug mi an aire gu'n d' rinn i 
gaire an uair a chunnaic i e. Ach an ceann tiotaidh thoisich 
i ri caoineadh. Dh' fheoraich mi dhith c'ar son a bha i 
'gaireachdaieh 's a' caoineadh aig a' cheart am. 

" Athair," ars' ise, " is e an laogh so mac ar maighstir.. 
Rinn mi gaire le aoibhneas an uair a chunnaic mi beo e 
ach ghuil mi an uair a chuimhnich mi gur i a mhathair am 
mart a mharbhadh an de. Bha fuath mor aig bean ar 
maighstir dhaibh le cheile, agus le draoidheachd rinn i mart 
is laogh dhiubh." Sin agad mar a chuala mise o m' nighinn, 
agus thainig mi a dh' aon ghnothach g' a innseadh dhut." 

"Smaoinich fhein a nis, a Phrionnsa nam fathach," ars'' 
an seann duine, " air an ioghnadh a ghabh mi an uair a 
chuala mi so. Gun dail sam bith chaidh mi bhruidhinn ri 
nighean an aireich. Ach mu 'n do bhruidhinn mi rithe chaidh 
mi do 'n bhathaich far an robh na laoigh. Bha mo mhac an 
sin ; ach ged nach b' urrainn da bruidhinn, dfc' fheuch e ri 
leigeadh ris dhomh cho math 's a b' urrainn e gu'm b' e mo 
mhac e." 

Thainig nighean an aireich far an robh mi do'n bhathaich. 
" Mo chaileag mhath," arsa mise, " an urrainn thusa mo 
mhac-sa a chur a rithist anns a' chruthachd anns an robh e 
an toiseach ?" 

" Is urrainn," ars' ise. 

" Ma ni thu sin, bheir mi dhut mo chuid de 'n t-saoghal,"" 
arsa mise. 

Thainig fiamh gaire air a h-aghaidh, agus thuirt i, 
" Is tusa ar maighstir, agus tha fhios agam gle mhath 



23 



gu'm bheil sinn fada 'na d' chomain. Ach cha 'n urrainn 
domlisa do mhac a chur a rithist anns a' chruthachd 
anns an robh e roimhe, mur geall thu gu 'n toir thu dhomh 
an da rud a dh' iarras mi ort. Is e a' cheud rud a tha mi 
ag iarraidh, gu 'n toir thu dhomh do mhac ri 'phosadh, agus 
is e an dara rud, gu toir thu dhomh cead peanas a dheanamh 
air an neach a rinn laogh dhe do mhac." 

"Bheir mi dhut a' cheud rud a dh' iarr thu le uile 
dhurachd mo chridhe ; agus a bharrachd air sin, tha mi 
'gealltainn gu 'n toir mi dhut cuid mhath dhe m' mhaoin a 
chorr air na bheil mi gus a thoirt do m' mhac. A dh' aon 
fhacal, chi thu gu 'm paigh mi gle mhath thu air son de 
shaoithreach. A thaobh mo mhna, tha mi 'toirt lan chead 
dhut peanas a dheanamh oirre ; oir is math an airidh peanas 
trom a leagadh air neach sam bith a rinn gniomh cho eucorach 
's a rinn i. Ach tha mi 'g earbsadh riut gun a beatha a 
thoirt air falbh." 

" Tha mi," ars' ise, " a' dol a dheanamh oirre direach mar 
a rinn i fhein air do mhac-sa." 

" Tha mi 'toirt cead thut sin a dheanamh, ma gheallas tu 
gu'n cuir thu mo mhac anns a' chruthachd 's an robh e 
roimhe," arsa mise. 

Dh ; fhalbh i 'mach as a' bhathaich, agus ann an uine 
ghoirid thill i air a h-ais, agus soitheach lan uisge aice. 
Labhair i beagan fhacal os cionn an uisge nach do thuig mi, 
agus thuirt i ris an laogh — " A laoigh, ma bha thu air do 
chruthachadh le Ard-uachdaran Uile-chumhachdach an 
t-saoghail mar a tha thu, fan mar sin ; ach ma 's duine thu, 
agus gu'n d' rinneadh laogh dhiot le draoidheachd, bi air 
d' atharrachadh gu do chruth nadarra le cead a' Chruith- 
fhir." 

An uair a labhair i na briathran so, dhoirt i an t-uisge 
air an laogh ; agus ann am priobadh na sul bha e 'na 
dhuine. 



24 



" Mo mhac, mo mhac graidh," arsa mise 's mi 'cur mo 
lamhan mu 'n cuairt da 's 'g a theannachadh ri m' uchd, 
agus mi cho aoibhneach 's nach robh fhios agam gu ro 
mhath ciod a bha mi 'deanamh. "Is e ni math fhein a 
chuir a' mhaighdean og so 'nar rathad a chum gu'n togadh 
i dhiot na geasan fo'n deachaidh do chuir le draoidheachd, 
agus a chum dioghaltas a dheanamh air an te a rinn an 
t-olc ort fhein agus air do mhathair. Cha 'n 'eil teagamh 
agam nach gabh thu i mar do bhean, mar phaigheadh air 
son gu'n do thog i dhiot na geasan ; oir gheall mise dhi 
gu'm posadh tu i." 

Dh' aontaich mo mhac gu toileach gu'm posadh e i. 
Ach mu 'n do phos iad, rinn i eilid de m' mhnaoi ; agus is i 
a th' ann an so mu 'r coinneamh. B' e so an cruth anns am 
bu roghainniche learn i bhith, a chum nach biodh i 'na cuis- 
eagail do'n teaghlach. 

chionn uine tha mo mhac 'na bhantraich, agus dh'fhalbh 
e a shiubhal an t-saoghail. Tha bliadhnachan o nach cuala 
mi iomradh air. Tha mi 'falbh o aite gu aite feuch an 
tachair e rium, no am faigh mi 'mach co dhiubh tha e beo 
no marbh. Agus o nach robh mi deonach mo bhean earbsa 
ri duine sam bith gus an tillinn dhachaidh, smaoinich mi 
gu'n tugainn learn i a h-uile taobh a rachainn. Sin agaibh 
m' eachdraidh fhein agus eachdraidh na h-eilid. Tha i cho 
iongantach ri eachdraidh a b' urrainn a bhith. 

" Tha mi ag aideachadh gu 'm bheil," ars' am fathach, 
" agus air an aobhar sin, tha mi toirt mathanais do 'n 
mharsanta ann an trian de 'n olc a rinn e." 

An uair a chriochnaich a' cheud sheann duine a naigh- 
eachd, labhair an seann duine aig an robh an da chu dhubh 
ris an fhathach, agus thuirt e ris : — " Tha mi 'dol a 
dh' innseadh dhut mar a thachair dhomh fhein agus do 'n 
da chu dhubh so, a tha thu 'faicinn comhladh rium, agus tha 
mi cinnteach gu'u aidich thu gu'm bheil mo naigheachd 



25 



moran na 's iongantaiche na 'n naigheachd a chuala tu an 
drasta. Ach an uair a dh' innseas mi i, tha mi an dochas 
gu'm bi thu toileach mathanas a thoirt do 'n mharsanta 
anns an dara trian de 'n olc." 

" Ni mi sin, ma bhios do naigheachd-sa na 's iongantaiche 
na an naigheachd a chuala mi mar tha," ars' am fathach. 



CAIB. III. 

' A Phrionnsa nam fathach," ars' an seann duine, " is triuir 
bhraithrean mi fhein 's an da chu dhubh so. An uair a 
dh' eug ar n-athair, dh' fhag e mile bonn airgid an t-aon 
againn. Dh' fhosgail sinn 'nar triuir buth eadrainn, agus 
thoisich sinn ri marsantachd. An ceann beagan nine is e 
na smaointean a bhuail ami an ceann mo bhrathar bu 
shinne, gu'n reiceaclh e a chuid, agus gu'n rachadh e leis an 
airgid a shiubhal an t-saoghail 's a dheanamh tuilleadh 
fortain. B' ann mar so a rinn e." 

An uair a bha e bliadhna air falbh, bha mi latha anns a' 
bhuth, agus thainig duine bochd a steach far an robh mi, 
agus shapil learn an uair a chunnaic mi e gur ann a 
dh' iarraidh decree a thainig e. 

" Gu'n cuidicheadh Dia leat, a dhuine bhochd," arsa 
mise. 

"Gu'n cuidicheadh Dia leat fhein," ars' esan ; " cha 'n 
fhaod e bhith nach 'eil thu 'g am aithneachadh ?" 

An uair a thuirt e so, sheall mi na bu gheire air, agus 
dh' aithnich mi e. 

" Ah, bhrathair," arsa mise 's mi 'deanamh greim air gu 
teann 'n am ghairdeanan, , " cia mar a b' urrainn domhsa 
d' aithneachadh 's tu cho truagh coltas 's a tha thu V 



26 



Thug mi air tighinn a steach do 'n taigh, agus dh' fheor- 
aich mi dheth cia mar a bha e 'na shlainte, agus cia mar a 
shoirbhich leis air a thurus. 

" Cha ruig thu leas a bhith faighneachd cia mar a tha mo 
shlainte, no cia mar a shoirbhich learn ; foghnaidh dhut 
sealltainn orm, agus tuigidh tu mar a thachair dhomh. 
Ged a dh' innsinn dhut a h-uile car mar a dh' eirich dhomh 
o 'n a dh' fhalbh mi, cha deanadh e 'dh' fheum dhutsa agus 
dhomhsa ach mo bhron 's mo dhoilgheas a mheudachadh," 
ars' esan. 

Gun dail sam bith dhuin mi a' bhuth, agus dh' fhalbh mi 
leis do 'n taigh-fharagaidh, agus an uair a nigheadh 's a 
ghlanadh e gu math 's gu ro mhath, chuir mi deise ur 
aodaich uime. Beagan uine 'na dheigh sin, an uair a rinn 
mi suas mo chunntasan, fhuair mi 'mach gu'n robh da 
mhile bonn airgid agam, agus thug mi dhasan an dara leith 
dhe na bh' agam. 

"Ni an t-air^iod sin suas do chall, a bhrathair," arsa 
mise. 

Ghabh e an t-airgiod uam gle thoileach, agus bha e 
'fuireach comhladh rium mar a bha e mu 'n d' fhalbh e. 

An ceann uine 'na dheigh so, bhuail e anna a' cheann aig 
mo bhrathair eile — fear de na coin so — gu'm bu choir dha 
fhein a chuid de 'n t-saoghal a reic, agus falbh a shiubhal an 
t-saoghail 's a dheanamh tuilleadh fortain. Ged a bha mise 
agus mo bhrathair bu shinne fada, fada an aghaidh dha so 
a dheanamh, cha ghabhadh e ar comhairle. Chuir e roimhe 
am muigh 's am mach gu'm falbhadh e. An uair a chunnaic 
sinn nach robh feum dhuinn a bhith bruidhinn ris, leig sinn 
leis a thoil fhein a dheanamh. Reic e gach ni a bh' aige, 
agus cheannaich e gach seorsa bathair a shaoileadh e a 
fhreagradh 's an duthaich do 'n robh e 'dol. An uair a 
fhuair e gach gnothach deas, dh' fhalbh e comhladh ri 
marsantan-siubhail a bha 'dol do dhuthaich fad as. An 



27 



ceann na bliadhna thill e, agus e a' cheart cho bochd 's cho 
truagh coltas ri 'bhrathair. Rinn. mise ris mar a rinn mi ri 
mo bhrathair bu shinne— thug mi dha an dara leith dhe mo 
chuid de 'n t-saoghal. 

An ceann bliadhna no dha, thuirt gach fear de m' bhraith- 
rean rium, gu'm bu choir dhuinn 'n ar triuir falbh air turus- 
cuain a reic 's a cheannach mar a bha iomadh duine eile 
'deanamh. Thuirt mi riutha gur beag a bhuannaich iad 
fhein le cheile air a bhith air falbh, agus na 'n d' fhan iad 
aig na taighean a' toirt an aire air an gnothach mar a rinn 
mise, gu 'n robh iad moran na b' fhearr dheth na bha iad. 
" Co theid an urras dhuibh," arsa mise, "gu'mbi sibh na 's 
fhearr dheth le falbh na bhios sibh le fuireach ?" Ach a 
dh' aindeoin na theirinn riutha cha b' urrainn domh toirt 
orra a' chuis a leigeadh as an cinn. A dh' aindeoin na 
rinn iad de chomhairleachadh orm, sheas mi 'mach 'nan 
aghaidh fad choig bliadhna. Mu dheireadh thall, thug mi 
m' aonta dhaibh. Ach an deigh dhomh mo chuid uile a 
reic 's mi 'deanamh deiseil air son falbh, fhuair mi 'mach 
nach robh bonn de 'n airgiod a thug mi dhaibh nach do 
chosg iad. Cha dubhairt mi gu'm b' olc riutha. An aite 
sin, o 'n a bha sia mile bonn airgid again, thug mi dhaibh 
mile bonn am fear. Chum mi mile bonn eile agam fhein. 
" Mo bhraithrean," arsa mise, " falbhaidh sinn leis na tri 
mile bonn airgid, agus ni sinn ceannachd agus reic leotha. 
Ach air eagal nach soirbhich leinn cho math 's bu mhath 
leinn, cuiridh sinn na tri mile bonn eile ann am falach an 
aite sabhailte gus an till sinn. Chuir mi na tri mile bonn 
am falach fo 'n urlar ann an oisinn an taighe. Thuarasdal- 
aich sinn long eadrainn, agus lucjidaich sinn i leis gach 
seorsa bathair a shaoileamaid a'b' fhearr a ghabhadh reic, 
agus sheol sinn." 

Fhuair sinn soirbheas cho fabharach 's a dh' iarramaid. 
An ceann da mhios rainig sinn gu sabhailte am baile-puirt 



28 



arms an robh sinn gus am bathar a chur am mach. An uair 
a chuireadh am mach am bathar, fhuair sinn reic dha cho 
math 's bu mhiann leinn. Is mise a b' fhearr a rinn ; oir 
rinn mi air a' bhathar a dheich uiread 's a chuir mi aim. 
An uair a cheannaich sinn luchd na luinge de bhathar a bha 
sinn gus a thoirt leinn air ais, rinn sinn deas gu f'albh. 

Mu 'n deachaidh sinn air bord, bha mi 'n am 
sheasamh air bruaich a' chladaich. Thainig bean-uasal far 
an robh mi, agus ged a bha i gle mhaiseach ri amharc oirre, 
cha robh uimpe ach droch earradh. Cha bu luaithe a 
thainig i far an robh mi na phog i mo lamh. Ghaidh i orm, 
ann am briathran anabarrach durachdach, mi 'g a posadh 's 
a toirt leam. Cha robh mi deonach so a dheanamh. Ach 
lean i air bruidhinn hum 's air mo chomhairleachadh gus a 
posadh. Thuirt i, ged a bha i cho bochd coltas 'na 
h-earradh, gu'n rachadh i an urras -nach ruiginn a leas 
aithreachas sam bith a ghabhail air son a posadh. Mu 
dheireadh, leis a h-uile comhairleachadh a rinn i orm,. 
dh' aontaich mi gu'm posainn i. Gun dail sam bith 
cheannaich mi aodach freagarrach dhi. Agus an deigh 
■dhomh a posadh, chaidh sinn air bord, agus sheol sinn. 

latha gu latha, mar a bha mi 'fas na b' eolaiche air a' 
mhnaoi, is ann bu mho 's bu mho a bha mi 'gabhaii de 
thlachd dhith. Aig a' cheart am bha end mor aig mo 
dhithis bhraithrean rium, a chionn gu'n do shoirbhich leam 
air mo thurus na b' fhearr na iad f win. Mu dheiridh 
thainig an droch nadar gu leithid a dh' airdu 's gu'n do 
shuidhich iad gu'n cuireadh iad gu bas mi. Oidhche dhe na 
h-oidhcheachan, an uair a bha mi fhein 's mo bhean 'n ar 
cadal, thilg iad am mach air a' mhuir sinn. 

B' e aon de na mnathan-sithe a bh' amis a' mhnaoi agam, 
agus air an aobhar sin cha b' urrainnear a bathadh. Ach 
air mo shon-sa dheth, bha mi air a bhith dhith mur b' e gu'n 
do shabhail ise mi. Cha do tharr mi ach gann tuiteam amis 



29 



an uisge an uair a thog i leatha mi, agus chnir i air tir'ann 
an eilean mi. 

An uair a thainig an latha, thuirt i Hum, "Tha thu nis. 
a' faicinn nach do cliaill thu air a' chaoimhneas a nochd thu 
dhomhsa. Is bean-shithe mise, agus an uair a chunnaic mi 
thu 'n ad' sheasanih air bruaich a' chladaich, mhiannaich mi 
gu laidir falbh maille riut. Bha toil agam deuchainn a chur 
oft feuch am faighinn am mach an robh mathas agus, 
caoimhneas annad, agus thug sin orm mi fhein a nochdadh, 
c|hut ann an eideadh suarach. Bha thu gle chaoimhneil 
rjumsa, agus tha mi toilichte gu'n d' fhuair mi cothrom air, 
do chaoimhneas a phaigheadh. Ach tha corruich mhor ornr 
ri do bhraithrean, agus cha bhi mi riaraichte gits am faigh 
mi eothroni air an cur gu bas." 

! Dh' eisd mi le tlaehd ris na thuirt a' bhean-shithe rium. . 
Thug mi taing dhi cho math 's a b' aithne dhomh air son 
meud a' chaoimhneis a nochd i dhomh. Ach thuirt mi 
rithe, " A bhean mhath, tha mi 'guidhe ort mathanas a thoirt 
do m' bhraithrean. Ged a rinn iad olc mor ormsa, cha bu 
toil learn an cur gu bas." 

Dh'innis mi dhi mu gach caoimhneas a nochd mi dhaibh ;. 
ach is ann a mheudaich so a corruich 'n an aghaidh. Ghlaodh 
i 'mach ag radh, " Feumaidh mi t-orachd a dheanamh air 
na mealltairean neo-thaingeil, agus dioghaltas a dheanamh 
orra gun dail. Cuiridh mi iad fhein ; s an long do ghrunnd 
a' chuain." 

"Mo dheadh bhean," arsa mise, "cha dean thu sin idhv 
Air sgath ni math, cuir casg air do chorruich. Cuimhnich 
gur braithrean dhomhsa iad, agus gur coir dhuinn math a 
dheanamh an aghaidh an uilc." 

Leis na briathran so chiuinich mi i ; agus anD an uine 
ghoirid thug i as an eilean mi 's dh' fhag i mi air mull ach 
mo thaighe fhein, agus aim am priobadh na sul chaidh i as an 
t-sealladh. 



30 



An uair a thainig mi nuas bhar mullach an taighe ; 
dh' fhosgail mi an dorns ; thug mi na tri mile bonn airgid 
as an fhalach \s an do chuir mi iad mu 'n d' fhalbh mi. 'Na 
dheigh sin chaidh mi do 'n aite 's an robh a' bhuth agam. 
Dh' fhosgail mi i ; agus bha mo choimhearsnaich gle 
thoilichte an uair a chunnaic iad gu'n d' thainig mi air ais 
slan, fallainn. An uair a chaidh mi 'dh' ionnsuidh an taighe, 
thug mi an aire do dha chu dhubh, a thainig dluth 
dhomh ann an doigh gle shimilidh. Chuir so ioghnadh orm; 
oir cha do thuig mi ciod bu chiall da. Ach ann an tiotadh, 
thainig a' bhean-shithe 'n am shealladh, agus thuirt i rium, 
" Na cuireadh an da chu dhubh so ioghnadh ort. Is iad do 
dhithis bhraithrean." 

Chuir so dragh mor orm, agus dh' fheoraich mi dhith 
ciod an cumhachd leis an robh iad air an cur ann an riochd 
oh on. 

"Is mise a rinn e," ars' ise ; " a dh' aon chuid, is mi a 
thug ordugh do m' phiuthair a dheanamh. Chuir i an long 
do 'n ghrunnd aig a cheart am. Chaill thusa na bha de 
bhathar agad air bord, ach ni mise suas an call dhut ann an 
doigh eile. A thaobh do dhithis bhraithrean, tha iad gu 
bhith 'nan coin gu cionn choig bliadhna. Is math an airidh 
daoine a bha cho foilleil riutha air a leithid de pheanas." 

An uair a dh' innis i dhomh far am faighinn am mach mu 
Meidhinn, chaidh i as an t-sealladh. Tha na coig bliadhna 
a, nis aig an ceann, agus tha mise air mo thurus feuch am 
faigh mi fios c'aite am bheil i. Agus an uair a bha mi 'dol 
seachad air an aite so, chunnaic mi am marsanta, agus an 
seann duine aig am bheil an eilid, agus shuidh mi comhladh 
riutha. So agad m' eachdraidh, a Phrionnsa nam fathach. 
Nach 'eil i anabarrach iongantach V 

"Tha mi ag aideachadh gu' bheil," ars' am fatliach } 
" agus air an aobhar sin, bheir mi mathanas do 'n mharsanta 
anns an dara trian de 'n chionta a rinn e orm." 



31 



Cha bu luaithe a chuir an dara seann duine crioch air a 
naigheacbd na thoisich an treas seann duine ri innseadh 
eachdraidh a bheatha fhein. Db' iarr e de db' fhabhar air 
an fhathach, gu'm mathadh e an treas trian de 'n cbionta 
do 'n mharsanta, nam biodb a naigheachd na b' iongantaiche 
na n da naigheachd eile a chuala e. Gbeall am fathach 
gu'n deanadh e so. 

A nis cha 'n 'eil eachdraidh an treas seann duine air 
chuimhne idir. Ach tha e air aithris gu'n do chord i 
anabarrach math ris an fhathach, agus nach bu luaithe a 
chuala e i na dh' aidich e gu'm b' i moran a b' iongantaiche 
na 'n da naigheachd eile. Thuirt e ris an treas seann duine, 
" Tha mi 'mathadh an treas trian do 'n mharsanta de 'n 
chionta a rinn e, air son na naigheachd a dh' innis thusa 
dhomh. Tha e fad' an comain gach aon dhibh air son a 
shaoradh as a' chunnart amis an robh e ; oir mur b' e sibhse, 
cha robh e beo an drasta." Agus an uair a thuirt e so, 
chaidh e as an t-sealladh. Thug am marsanta mile taing do 
na seann daoine. Thill e dhachaidh a dh' ionnsuidh a mhna 
's a theaghlaich, agus chaith e a' chuid a bha roimhe dhe 
'bheatha ann an sith 's an samhchair. 



32 



EACHDRAIDH AN IASGAIR. 
CAIB. I. 

chionn fad' an t-saoghail bha iasgair bochd ann aig an 
robh bean is triuir chloinne. A dh' aindeoin cho dichiollach 
's gn'n robh e, bha e cruaidh gu leor air e fhein 's a bhean 's 
a chlann a chumail suas. Gu math much a h-uile madainn 
bha e 'dol a dh' iasgach ; agus bha e mar chleachdadh 
suidhichte aige, nach cuireadh e na lin na bu trice na ceithir 
tursan a h-uile latha. Air madainn araidh dh' eirich e mu'n ~ 
deachaidh a' ghealach fodha, agus an uair a rainig e an 
cladach, chuir e dheth a' chuid aodaich, agus chuir e na lin. 
An uair a tharruinn e gu tir iad, dh' fhairich e anabarrach 
trom iad, agus shaoil leis gu'n robh iad luma-lan eisg. Rud 
nach b ? ioghnadh, bha e anabarrach toilichte. Ach an ceann 
tiotaidh, an uair a thug e na lin gu tir, ciod a bh' aige 
annta ach closnach aiseil. Chuir so mi-ghean gu leor air. 
Bha na lin air an stracadh. Cho luath 's a chairich e na 
lin, chuir e iad an dara uair. An am a bhith 'g an tarruinn 
dh' fhairich e gu'n robh iad gle throm, agus bha duil aige 
gu'n robh iasg gu leor annta. Ach an uair a thug e gu tir 
iad, cha robh annta ach seana chliabh lan puill is eabair. 
Thug so a mhisneach uaithe gu mor. " fhortain," ars' 
esan, " na bi cho cruaidh orm, agus na bi 'cur cul rium 
buileach, glan. Is duine bochd, truagh, mi aig nach 'eil 
doigh eile gus mi fhein 's mo theaghlach a chumail suas ach 
a bhith, mar a's fhearr a dh' fhaodas mi, a' sas ann an 
iasgach. Agus a dh' aindeoin na bheil mi 'deanamh de 
shaoithreachadh, is gann a theid agam air biadh a chumail 
ri mo theaghlach. Ach cha bu choir dhomh bhith 'cur 



33 



coire ort. Tha thu 'gabhail tlachd ann a bhith gle chruaidh 
air daoine bochda, onarach, agus tha thu 'leigeadh an toil 
fhein do na daoiue a tha ann an suidheachadh ard, inbheach, 
am feadh 's a tha thu 'nochdadh iomadh fabhar dhaibhsan a 
tha eucorach agus fo dhroch ainm." 

An uair a sguir e de 'n ghearain so, thilg e uaithe an 
cliabh le feirg. Nigh e na lin o 'n pholl 's o 'n t-salchar, 
agus chuir e an treas uair iad. An uair a tharruinn e gu 
tir iad cha robh deargadh eisg aige annta. Is gann gu'rn 
b' urrainn an duine bochd cainnt a chur air an t-suidheach- 
adh-inntinn anns an robh e. Cha mhor nach robh e as a 
chiall. Ach an uair a thoisich an latha ri soilleireachadh, 
chaidh e dh' urnuigh mar bu ghnath leis, agus thuirt e : — 
■ ' A Thighearna, tha fhios agad nach 'eil mise a' cur nan lion 
ach ceithir uairean 's an la* ha ; chuir mi mar tha iad tri 
uairean, agus cha d' fhuair mi iasg. Tha mi 'dol 'g an cur 
aon uair eile, agus tha mi 'guidhe ort gu 'n toir thu air 
a' mhuir a bhith fabharach rium mar a rinn thu do Mhaois." 

An uair a sguir an t-iasgair a dh' urnuigh, chuir e na lin 
an ceathramh uair. An am dha 'bhith 'g a» tarruinn gu tir 
dh' fbairich e gu'n robh iad gle throm. Ach an aite eisg 's 
e bh' annta soitheach copair, a bha cho trom 's gu 'n do 
shaoil leis gu 'n robh e lan de stuth fiachail air choireiginn. 
Thug e an aire gu'n robh an soitheach air a dhunadh le 
luaidhe, agus air a sheulachadh. Thug so toileachadh dha. 

" Reicidh mi e," ars' esan, " agus gheibh mi air a shon 
na cheannaicheas tomhas eorna." 

Sheall e air an t-soitheach mor thimchioll, agus chrath 
e e, feuch an robh dad 'na bhroinn a dheanadh fuaim; ach 
cha chuala e dad. Ach o 'n a bha 'n soitheach air a dhun- 
adh le luaidhe agus air a sheulachadh, thuirt e ris fhein, 
gu'rn feumadh gu'n robh ni eiginn luachmhor 'na bhroinn. 
Thug e 'mach an sgian as a phocaid, agus dh' fhosgail 
e e. Chuir e 'bheul fodha, ach cha d' thainig dad as. 

3 



34 



Chuir so ioghnadh mor air. Chuir e 'na shuidhe e, agus 
anns a' mliionaid thoisich ceo tiugh ri tighinn as, a thug air 
ceum no dha a thoirt air ais, Chaidh an ceo suas gu ruige 
na neoil, agus sgaoil e^e-fhein ri cois a' chladaich. Ghabh e 
ioghnadh mor an uair a] chunnaie e so. An uair a chaidh 
an ceo gu leir am mach as an t-soitheach, chruinnich e ri 
cheile, agus dh' fhas e 'na mheall cruinn, tiugh, agus chaidh 
e 'na fhathach a bha^anabarrach mor. An uair a chunnaic 
an t-iasgair cho mor 's a bha e, agus an coltas aognaidh a 
bh'air, ghabh e eagal mor. Ach ged a bha toil aige teicheadh, 
cha robh de luths ami na chairicheadh as an ionad an robli e. 

Ghrad ghlaodh am ^fathach, " A Sholamh, a Sholamh, 
fhaidh mhoir, thoir dhomh mathanas. Cha chuir mi gu 
brath tuilleadh an aghaidh do thoile. Bidh mi umhail do 
d' uile aitheantan." 

An uair a chual' an t-iasgair na briathran so ghlac e 
misneach, agus thuirt e ris, " A spioraid uaibhrich, ciod a 
tha thu 'g radh ? Tha corr is ochd ceud deug bliadhna 
o 'n a dh' eug Solamh. Innis dhomh d' eachdraidh, agus 
cia mar a thachair dhut a bhith air do dhruideadh a staigh 
anns an t-soitheach so." 

Sheall am fathach air an iasgair le gruaim eagalaich, agus 
thuirt e, " Feumaidh tu bruidhinn riumsa na 's modhaile na 
sin ; tha e gle dhana dhut a radh gur e spiorad uaibhreach 
a th' annamsa.' 

" Ceart gu leor," ars'jan t-iasgair, " an labhair mi riut na 
's modhaile, agus an abair mi riut, gur tu eun an fhortain V* 

" An cluinn thu so," ars' am fathach, " labhair riumsa 
na 's modhaile, ar neo'marbhaidh mi thu." 

" Car son a mharbhadh tu mi ? Nach d' thug mi dhut 
an drasta fein do shaorsa, agus an do dhichuimhnich thu e 
mar tha ?" 

" Cha do dhichuimhnich mi idir e," ars' am fathach, 
" ach cha chum sin mi gu 'n do mharbhadh. Cha toir mi 
dhut ach aon fhabhar." 



3,5 



" Ciod e am fabhar 'tha 'n sin V ars' an t-iasgair. 
"Bheir mi dhut do rogha doigh air do chur gu bas," ars' 
am fathach. 

" Ach ciod e an doigh amis an d' thug mi oilbheum 
dhut," fhreagair an t-iasgair. "An e sin an duais a tha thu 
'toirt dhomh air son na rinn mi de mhath dhut V 

"Cha'n urrainn domh na 's fhearr a dheanamh riut," ars* 
am fathach ; " agus a chum so a dhearbhadh dhut, eisd ri 
mo naigheachd : — 

" Is mise aon de na spioradan eas-uamhail a bha 'cur an 
aghaidh toil neimh. Bha na spioradan eile a' toirt geill is 
umhlachd do Sholamh, am faidh mor. Bu mhise agus Sacar 
'nar n-onar an dithis leis nach b' fhiach gnothach cho 
suarach a dheanamh ri umhlachd a thoirt dha. A chum 
dioghaltas a dheanamh oirnn, chuir Solamh, Asaph, mac 
Bharachiais, an t-ard chomhairleach, ga m' ghlacadh-sa. An 
uair a ghlac e mi, thug e mi le ainneart an lathair na righ- 
chathrach. Thug Solamh, mac Dhaibhidh, ordugh teann 
dhomh an uair sin, mi ghrad sgur de 'n obair a bh' agam, 
agus mi bhith umhail dha. Chuir mi gu laidir an aghaidh 
a bhith umhail dha, agus thuirt mi gu 'm b' fhearr learn 
'fhearg a chosnadh na striochdadh dha mar a bha e 'g 
iarraidh orm a dheanamh. Gu dioghaltas a dheanamh orm, 
chuir e amis an t-soitheacli chopair so mi. Agus gus a 
bhith cinnteach nach fhaighinn as, dhuin e beul an t-soithich 
le luaidhe, agus, le a lanihan fhein, chuir e seula air an 
luaidhe air an robh ainm mor Dhe sgriobhte. Thug e an 
soitheach a dh' aon de na fathaich a bha umhail dha, agus 
dh' aithn' e dha a thilgeadh anns a' chuan. 

" Fad a' cheud choig fichead bliadhna mhionnaich mi 
gu 'n deanainn anabarrach saoibhir duine sam bith a 
leigeadh as an t-soitheach mi ; ach chaidh na coig fichead 
bliadhna seachad, agus cha d' thug duine sam bith f uasgladh 
dhomh. Re an dara ceud bliadhna thug mi mionnan gu 



36 



'nochdainn far an robh uile ionmhas na talmhainn do neach 
sam bith a bheireadh saorsa d,iomh ; ach cha d' fhuair mi 
saorsa na bu mho. Re an treas ceud bliadhna gheall mi gu'n 
deanainn righ cumhachdach de dhuine sam bith a bheireadh 
saorsa dhomh, agus gu 'm bithinn ). ghnath dluth dha, agus 
gu 'n tugainn dha a h-uile latha tri nithean sam bith a 
dh' iarradh e ; ach chaidh an ceud bliadhna so seachad mar 
a chaidh an da cheud a bha rompa, agus bha mise far an 
robh mi roimhe. Mu dheireadh, air dhomh a bhith 
glan as mo chiall le feirg a chionn a bhith cho fad ann am 
priosan, mhionnaich mi, nan tachradh do dhuine sam bith 
'na dheigh sin mo leigeadh as an t-soitheach, gu 'n cuirinn 
gu bas e gun trocair, agus nach deanainn a dh' fhabhar ris 
ach gu'n tugainn dha an doigh bais a roghnaicheadh e. Agus 
air an aobhar sin, o 'n a thug thusa saorsa dhomh an diugh, 
bheir mi dhut do rogha doigh bais." 

Rud nach b' ioghnadh, chuir so eagal anabarrach air an 
iasgair. " Nach bu mhi ceann a' chruaidh fhortain," ars' 
esan, " an uair a thainig mi an so idir a dheanamh math do 
dh' aon a tha cho neo-thaingeil riut ? Smaoinich, tha mi 
'guidhe ort, air an eucoir a tha thu air thuar a dheanamh 
orm, agus na cum ri do mhionnan mi-reusanta. Thoir 
dhomh mathanas, agus bheir Dia mathanas dhutsa. Ma 
leigeas tusa mo bheatha leamsa, gleidhidh Dia do bheatha 
dhutsa." 

" Tha mi suidhichte air do chur gu bas ; roghnaich an 
doigh bais a's fhearr leat," ars' am fathach. 

An uair a chunnaic an t-iasgair gu'n robh am fathach 
suidhichte air a chur gu bas, bha e fo thrioblaid-inntinn ro 
mhor, cha b' ann uile gu leir air a shon fhein, ach air son a 
mhna 's a thriuir chloinne. Rirm e caoidh mhor air son na 
trioblaid 's na h-eise a bha 'bhas gus a thoirt orra. Dh' 
fheuch e cho math 's b' urrainn da ris an fhathach a thoirt 
gu sith 's gu ciuineas, agus thuirt e ris, " Och ! ma 's e do 



37 



thoil e, gabh truas dhiom air sgath na h-obair mhath a rinn 
mi dhut." 

" Dh' innis mi dhut mar tha," ars' am fathach, " gur e 
sin a' cheart aobhar air son am bheil mi 'dol g' ad mharbh- 
adh." 

"Tha sin gle iongantach," ars' an t-iasgair; "am bheil 
thu suidhichte gu 'n dean thu olc an aghaidh math ? Tha 'h 
sean-fhacal ag radh, ' Am fear a ni math do neach nach 'eil 
airidh air, gu 'm bi e air dhroch phaigheadh.' Tha mi 'g 
aideachadh gu 'n robh mi 'smaointean nach robh an sean- 
fhacal so fior ; oir cha 'n aithne dhomh ni sam bith a's fhaide 
an aghaidh reusain, no an aghaidh cleachdadh dhaoine 
cearta na e. Ach air a shon sin, tha mi nis a' faicinn gu 'm 
bheil e fior gu leor." 

" Na bi 'cur seachad na h-uine," ars' am fathach ; " cha 
chum do chuid bruidhne mise o dheanamh an ni a chuir mi 
romham. Greas ort ; innis dhomh ciod e an doigh anns an 
fhearr leat am bas fhulang." 

Mar a tha 'n sean-fhacal ag radh, thig innleachd ri aim- 
beirt. Thoisich an t-iasgair ri dhol fo 'smaointean feuch cia 
mar a bheireadh e an car as an fhathach. " O 'n a 
dh' fheumas mi am bas fhulang," ars' esan ris an fhathach, 
" bidh mi umhail do thoil neimh ; ach mu 'n roghnaich mi 
an doigh air an cuirear gu bas mi, tha mi 'g ad mhionnachad h 
air an ainm mhor a bha sgriobhte air seula an fhaidh Solamh, 
mac Dhaibhidh, gu 'n toir thu freagairt fhirinneach do 'n 
cheisd a tha mi 'dol a chur ort." 



CAIB. II. 

An uair a chunnaic am fathach gu'n~robh e fo fhiachan 
freagairt fhirinneach a thoirt do 'n cheisd a bha an t-iasgair 
gus a chur air, chaidh e air chrith, agus thuirt e ris an 
iasgair, " Cuir ceisd sam bith a thogras tu orm, agus greas 
ort." 



" Bu mhath learn fios cinnteach fhaotainn gu'n robh thu 
anns an t-soitheach. An dana leat mionnachadh air ainm 
Dhe gu'n robh thu ann ? " ars' an t-iasgair. 

" Tha mi a' mionnachadh air an ainm mhor sin gu'n robh 
mi ann cho nor 's a tha mi beo," ars' am fathach. 

"A dh' innseadh na firinn dut," ars' an t-iasgair, " cha 'n 
'eil mi 'g ad chreidsinn. Cha rachadh aon te de d' chasan 
anns an t-soitheach, agus cia mar a tha e comasach gu'n 
rachadh do chorp gu leir ann." 

" Air a shon sin 's gu leir," ars' am fathach, " tha mise a' 
mionnachadh gu'n robh mi ann direach mar a tha thu 'g 
m' fhaicinn mu do choinneamh. Cha 'n fhaod e bhith nach 
'eil thu 'g am chreidsinn an deigh dhomh mo mhionnan a 
thabhairt." 

" A dh' innseadh na firinn dhut, cha 'n eil mi 'creidsinn 
facal dheth ; agus cha mho na sin a chreideas mi e gus an 
toir thu dhomh lan dhearbhadh gur i an fhirinn a tha thu 
'g radh. Ma theid thu air ais do 'n t-soitheach, creididh mi 
thu ; ach gus a sin, cha chreid." 

An uair a chual' am fathach so, thoisich e ri dhol 'na 
mheall ceo, agus ri sgaoileadh am mach os cionn a' chladaich 
agus a' chimin ; agus na dheigh sin chruinnich e e-fhein ri' 
cheile. An sin thoisich e ri dhol beag air bheag air ais do'n 
t-soitheach far an robh e roimhe. Cha bu luaithe a chaidh 
e buileach as an t-sealladh a steach do 'n t-soitheach na 
thuirt e ris an iasgair, " Seadh a nis, fhir gun chreideamh, 
tha mi uile gu leir anns an t-soitheach. An creid thu nis 
mi?" 

An aite freagradh a thoirt air an fhathach, chuir an 
t-iasgair an ceann gu cruaidh, teann, anns an t-soitheach, 
agus thuirt e, "A nie, fhathaich, feumaidh tu innseadh 
dhomhsa ciod an doigh anns an fhearr leat am bas fhulang. 
Ach an aite do chur gu bas, is ann is fhearr dhomh do 
thilgeadh do 'n chuan far an d' fhuair mi thu. An sin 



39 



togaidh mi taigh air bruaich a' chladaich, far am bi mi 
'gabhail comhnuidh a chum gu'n cuir mi 'h-uile iasgair a 
thig an rathad 'nam faireacbadh air eagal gu'n toir a h-aon 
;aoa gu tir thu, agas gu'n toir iad dhut do shaorsa." 

An uair a chual' am fathach na briathran so bha fearg 
anabarrach air, agus dh' fheuch e cho math 's a b' urrainn 
da ri faotainn am mach as an t-soitheach. Ach do bhrigh 
gu'n robh seula Righ Solamh air beul an t-soithich cha 
b' urrainn da. Mu dheireadh an uair a chunnaic e gu'n 
d' fhuair an t-iasgair lamh-an-uachdar air, thoisich e ri 
leigeadh air nach robh fearg idir air. 

" Iasgair," ars' esan, agus e 'labhairt gu ciuin, siobhalta, 
'" thoir an aire nach dean thu mar a tha thu 'g radh. Cha 
robh mise ach mar mhagadh an uair a bha mi 'maoidheadh 
do mharbhadh. Cha robh e 'n am bheachd cron sam bith a 
dheanamh ort." 

" Oh fhathaich," ars' an t-iasgair 's e freagairt, " tiotadh 
roimhe so bu tu am fathach bu mho a bh' aims an t-saoghal, 
ach a nis is tu am fear a's lugha 'th' aim. Cha dean do 
bhriathran carach feum sam bith dhut. Theid do thilgeadh 
•do 'n chuan. Ma bha thu cho fad amis a' chuan 's a tha 
thu 'g radh, tha e cheart cho math dhut fuireach aim gu 
latha 'bhreitheanais. An uair a ghuidh mise ort an ainm 
Dhe gun mo bheatha 'thoirt air falbh, cha tugadh tu cluas 
no geill dhomh. Ni mise a nis ort mar a rinn thu fhein 
•ormsa." 

Rinn am fathach na b' urrainn da a chum impidh a chur 
air an iasgair a leigeadh am mach as an t-soitheach. 

" Fosgail an soitheach," ars' esan, " agus leig mo chead 
fhein dhomh, tha mi 'guidhe ort, agus tha mi 'gealltainn 
gu'n toir mi dhut ni sam bith a dh' iarras tu orm." 

" Cha 'n 'eil annad ach an dearg shlaoightire," ars' an 
t-iasgair. " Bu mhath an airidh ged a chaillinn-sa mo 
bheatha, na 'm bithinn cho amaideach 's gu'n cuirinn earbsa 



40 



sam bith annad. Dheanadh tu orm mar a rinn an righ 
Greugach air Douban, an lighiche. Tha mi 'dol a dh'innseadh 
dhut mar a rinn e air, agus ma dh' eisdeas tusa ris an 
naigheachd cha mhisde thu e." 

" Bha righ ann am Persia aon uair air an robh an 
galair graineil sin ris an abrar, an luibhre ; agus a dh' 
aindeoin na rinn na lighichean a bh' anns an rioghachd a 
chum a leigheas, cha b' urrainn daibh feum sam bith a 
dheanamh dha. Anns an am thainig lighiche gle sgileil, 
do 'm b' ainm, Douban do 'n luchairt rioghail. Bha e 
comasach air leabhraichean de na h-uile seorsa a bh' air an 
t-saoghal a leughadh, agus air dha bhith 'na dhuine anabar- 
rach foghluimte agus tuigseach, bha e comasach air brigh 
gach luibh agus gach cungaidh-leighis a bh' air an t-saoghal 
a thuigsinn. Cho luath 's a chuala e mu 'n eucail a bh' air 
an righ, agus a thuig e gu'n d' fhairtlich air lighichean na 
rioghachd a leigheas, chuir e uirae an deise aodaich a 
b' fhearr a b' urrainn da fhaotainn, agus fhuair e le fabhar 
cead a dhol a bhruidhinn ris an righ. 

" Le 'r cead, a righ," ars' esan, " dh' innseadh dhomhsa 
nach b' urrainn do 'n luchd-sgile a th' anns an rioghachd 
bhur leigheas o 'n luibhre. Ach ma chuireas sibh a 
dh' urram ormsa gu'n leig sibh leam feuchainn ri bhur 
leigheas, geallaidh mi gu'n leighis mi sibh gu'n toirt oirbh 
cungaidh-leighis ol, no cungaidh-leighis a shuathadh ri bhur 
craicionn." 

Dh' eisd an righ ris na briathran a labhair e, agus thuirt 
e ris, u Ma theid agad air mise a leigheas mar a tha thu 
'gealtainn, ni mi thu fhein agus do shliochd 'na d' dheigh 
anabarrach saoibhir. A bharrachd air sin, bidh meas agam 
ort na 's mo na bhios agam air duine sam bith eile. Am 
bheil thu cinnteach gu'n leighis thu mi gu'n toirt orm ni 
sam bith ol, no ni sam bith a shuathadh ri m' chraicionn 1 " 



41 



" Tha," ars' an lighiche ; " agus le comhnadh Dhe, tha 
mi 'creidsinn gu 'n teid a' chuis learn gu math. Feuchaidh 
mi ris am maireach." 

Thill an lighiche air ais do 'n aite anns an robh e 'fuireach. 
Kinn e plocan a bha fosgailte na bhroinn. Bha a' chas a 
chuir e aims a' phlocan fosgailte 'na broinn mar an ceudna. 
Chuir e na eungaidhean a bha gus an righ a leigheas anns a' 
phlocan troimh an toll a bh' anns a' chois. Rinn e mar an 
ceudna ball a chum gu'm biodh an righ 'g a iotnain leis a' 
phlocan. Anns a' mhadaiun an la-iar-na-mhaireach chaidh 
e far an robh an righ, agus an uair a thug e umhlachd is 
urram dha mar a bha dhligheach dha dheanamh, thuirt e ris 
e mharcachd do 'n aite aims am b' abhaist dha bhith 'g 
iomain le ball 's le plocan. Riim an righ so, agus cho 
luath 's a rainig e an t-aite, choinnich an lighiche e, agus am 
plocan 's am ball aige. Thuirt e ris an righ, " Le 'r cead 
a righ, bithibh a' cluicheadh leis a' phlocan 's leis a' bhall so 
gus an tig bhur fallus am mach gu math. An uair a 
ghabhas na eungaidhean a chuir mi ami an cas a' phlocain 
blaths le teas bhur laimhe, theid iad air feadh na collan 
agaibh gu leir, agus cho luath 's a bhios smth. falluis dhibh, 
marcachaidh sibh dhachaidh cho cabhagach 's a theid agaibh 
air ; oir bidh na eungaidhean an deigh feum a dheanamh 
dhuibh. Cho luath 's a ruigeas sibh an luchairt, nighidh sibh 
sibh-fhein gu math 's gu robh math. An sin theid sibh do'n 
leabaidh ; agus an uair a dh' eireas sibh am maireach bidh 
sibh cho slan 's cho fallainn ri duine anns an rioghachd." 

Ghabh an righ am plocan as a laimh, agus thoisich e-fhein 
's na h-oifigich a b' abhaist a bhith 'g iomain comhladh ris 
ri iomain leis a' bhall mar bu ghnath leotha ; agus an uair a 
thainig 'fhallus am mach gu math, tharruinn teas a laimhe 
na eungaidhean a bh' ann an cas a' phlocain am mach, agus 
chaidh iad air feadh na collan aige, mar a thuirt an lighiche. 
Gun dail sam bith thill e do 'n luchairt, agus an uair a. 



42 

nigheadh gu math e chaidh e do 'n leabaidh, mar a dh' iarr 
an lighiche air. An la-iar-na-mhaireach an uair a dh' eirich 
e, bha e cho slan 's ged nach biodh an luibhre riamh air. 

Cha bu luaithe a chuir e nime na chaidh e do 'n chuirt 
aims am bu ghnath leis a bhith 'comhradh ri maithean na 
rioghachd, agus a' cur cuisean na rioghachd an ordugh. An 
nair a chaidh e steach bha mor-uaislean agus mor-mhaithean 
na rioghachd cruinn 'g a fheitheamh, agus iad air bhainidh 
gus fhaicinn an robh e air a leigheas o 'n luibhre. An uair 
a chunnaic iad gu'n robh e air a lan-leigheas, bha iad uile 
anabarrach aoibhneach. 

Thainig Douban, an lighiche, a steach far an robh iad 
uile cruinn, agus chrom e sios gu h-iriosal fa chomhair na 
righ-chathrach. An uair a chunnaic an righ e, thug e air 
sutdhe air cathair ri 'thaobh, agus mhol e e mar a b' airidh 
e air. Thug e air amr an ceudna biadh a ghabhail maille 
r.'s fhein agus ri ard-mhaithean na rioghachd. 

Cha b' e mhain gu'n do chuir an righ de dh' urram air 
Douban (aiv>' an t-iasgair ris an fhathach) gu'n tug e air 
suidhe aig an aon bhord ris fhein, ach an am do na h-ard- 
uaislean a bhith falbh dhachaidh anamoch feasgar, thug e air 
aon de'n luchd-frithealaidh deise bhriagha a chur air Douban, 
mar a bha air ard-uaislcan na cuirte. A bharrachd air sin, 
thug e dha da mhile bonn oir. 'n a bha an righ a' 
smaointean nach b' urrainn da caoimhneas gu kor a nochd- 
adh do 'n lighiche, bha e o latha gu latha 'nochdadh 
caoimhneas ur dha. 



CAIB III. 

Ach bha ard-chomhairleach an righ 'na dhuine sanntach, 
farmadach, agus gu nadarra comasach air iomadh gnothach 
•eucorach a dheanamh. Cha b' urrainn da gun fharmad a 
bhith air an uair a chunnaic e mar a bha 'n righ a' sior 



43 



nochdadh caoimhneis is fabhair do'n lighiche, agus air an 
aobhar sin, chuir e roimhe gu'n deanadh e gach ni 'na 
chomas gus cridhe an righ a thionndadh an aghaidh an 
lighiche. A chum so a dheanamh chaidh e a dh' aon 
ghnothach far an robh an righ, agus thuirt e ris, gu'n robh 
e air son comhairle a thoirt air a thaobh ni a bha anabar- 
rach cudthromach. An uair a dh' fheoraich an righ ciod a 
bh' ann, thuirt e ris, — " Le 'r cead, a righ, tha e 'na 
ghnothach gle chunnartach dhuibhse a bhith 'cur earbsa ann 
-an duine sam bith gus an dearbh sibh gur duine dileas e. 
Ged a tha sibh a' nochdadh iomadh fabhar do Dhouban, an 
lighiche, agus ga 'ghabhail mar bhur dluth-chompanach, tha 
e cheart cho docha nach 'eil ann ach am mealltair a's mo a 
tha bee. Cha rachainn an urras nach ann gus sibhse a chur 
gu bas a thainig e do 'n luchairt." 

"Co bha 'g iunseadh sin dhut 1 ?" ars' an righ. "Am 
bheil thu 'gabhail ort fhein a radii, gu'm bheil an fhirinn 
agad 1 Thoir an aire co ris a tha thu "bruidhhm, agus 
■cuimhnich gu'm bheil thu 'g innseadh dhomhsa rud nach 
'eil soirbh dhomh a chreidsinn." 

" Le 'r cead," ars' an t-ard-chomhairleach, " dh' innis 
urra gle chinnteach dhomhsa na bheil mise 'g innseadh 
dhuibhse ; air an aobhar sin, cha 'n 'eil e sabhailte dhuibhse 
an corr earbsa 'chur anus an duine. Tha eagal orm gu 'm 
bheil sibh 'n 'ur cadal- Ma tha, duisgibh gu grad. Tha mi 
'g innseadh dhuibh aon uair eile, nach d' thug dad air 
Douban, an lighiche, tighinn an so as a' Ghreig, ach a chum 
.gu'n deanadh e oirbhse an gniomh oillteil sin air an d' thug 
mi iomradh." 

" Cha 'n 'eil mi 'creidsinn facal de na bheil thu 'g radh," 
ars' an righ. " Tha mi deimhin nach 'eil duine eile anns an 
t-saoghal a's fhearr agus a's beusaiche na 'n duine, ged a tha 
toil agadsa a dheanamh am mach gur e duine eucorach, 
mealltach a th' ann. Agus cha 'n 'eil duine an diugh beo 



44 



rìe 'm bheil uiread de thlachd agamsa. Tha fhios agad gu'n 
do leighis e mise ami an doigh iongantaich ; agus na 'm 
biodh toil aige mo chur gu bas, cha'n 'eil mi 'faicinn c'arson 
a leighiseadh e mi. Dh' fhoghnadh dha leigeadh learn mar 
a bha mi. Cha b' urrainn domh a bhith fada beo ; oir 
bha mi gu math dluth air a' bhas. Grad sguir, ma ta, de 
b'hith 'g am lionadh le droch amhrusan. An aite bhith 
'toirt cluaise dhut, tha mi 'g innscadh dhut, gu'm bheil mi 
suidhichte gu'n toir mi mile bonn airgiod 's a' mhios de 'n 
duine mhor ud fad nile laithean a blieatha. Agus ged a 
bheirinn Jeith no rioghachd dha, cha phaigheadh e na rinn 
e de mhath dhomb. Tha mi 'faicinn gur e cho fior mhath 
's a tha e a tha 'toirt ortsa 'bhith cho farmadach lis 's a tha 
tlm. Na bi 'smaointean gu 'n creid mise droch sgeul sam 
bith air. Tha mi 'cuimhneachadh gle mhath mar a thuirt 
an t-ard-chomhairleach ri righ Sinbad, a mhaighstir, gus a 
chumail air ais o a mhac a clmr gu bas." 

" Le 'r cead, a righ" ars' an t-ard-chomhairleach, " tha mi 
'n dochas gu 'n toir sibh mathanas dhomh a chionn a bhith 
cho dana 's gu 'm feoraich mi dhibh ciod a thuirt an t-ard- 
chomhairleach ri righ Sinbad, a chum toirt air nach cuireadh 
e a mhac gu bas." 

" Innsidh mi sin dhut, : ' ars' an righ. "An uair a chuir an 
t-ard-chomhairleach ud Sinbad, an righ, 'na fhaireachadh air 
eagal, air chomhairle a mhathar-cheile, gu 'n deanadh e 
gniomh air son am biodh aithreachas air, dh' innis e dha an 
sgeul so : — 

" Bha duine araidh aim aig an robhbean mhaiseach, agus 
bha tlachd cho mor aige dhi 's gur gann a leigeadh e as a 
shealladh i. Air latha araidh thachair gu 'n robh aige ri 
falbh o 'n taigh air gnothach gle chudthromach, agus mu 'n 
d' fhalbh e cheannaich e, o fhear a bha reic a h-uile seorsa 
eun, pioghaid, nach e mhain a bhruidhneadh gle mhath, ach 
mar an ceudna, a dh' innseadh gu saor, soilleir a h-uile rud 



45 



a chitheadh 's a chluineadh i. Dh' fhag e a' phioghaid aig a 
mhnaoi, agus dh' iarr e oirre a cumail aims an t-seomar aige 
fhein, agus curam math a ghabhail dhith gus an tilleadh e. 

An uair a thill e dhachaidh, dh' fheoraich e de 'n 
phioghaid mu gach ni a chunnaic 's a chuala i fad 's a bha e 
air falbh. Dh' innis i dha iomadh ni mu thimchioll na mna 
nach do chord ris. Gharg-chronaich e a bhean air son cho 
neo-dhileas 's a bha i dha fhad 's a bha e air falbh. Cha 'n 
aidicheadh a bhean gu 'n d' rinn i ni sam bith cearr, ged a 
bha i ciontach. Bha i 'n duil an toiseach gur e na seirbhisich 
e dh' innis dha an obair a bh' aice fhad 's a bha e air falbh. 
Ach thug a h-uile aon duibh am mionnan nach 'd innis iad 
facal riamh oirre. Agus thuirt iad rithe gu 'n robh iad 
cinnteach gur i a' phioghaid a bha ris an innsearachd. 

A chum toirt air fear an taighe nach biodh e ag eudach 
rithe tuilleadh, bhuail e amis a' cheann aig a mhnaoi gu 'm 
feuchadh i ri toirt air a chreidsinn, nach robh amis na dh' 
innis a' phioghaid dha ach na breugan. A' cheud uair a dh' 
fhalbh fear-an-taighe air turus o 'n taigh, thug i air fear de 
na seirbhisich teannadh ri bleith brathann fo 'n aite amis an 
robh a' phioghaid an crochadh aims a' chliabh ; thug i air 
fear eile a bhith crathadh uisge air a' chliabh ; agus thug i 
air an treas fear sgathan fhaotainn, agus a bhith 'g a 
ghluasad a null 's a nail mu choinneamh na coiimle. a chum 
gu 'n tilgeadh e an solus mu shuilean na pioghaid. Bha iad 
ris an obair so earrann mlipr de 'n oidhche, agus chaidh iad 
rithe gle sgoinneil. 

An ath oidhche, an uair a thill fear-an-taighe dhachaidh, 
cheasnaich e a' phioghaid mu thimchioll gach ni a thachair 
's an taigh fhad 's a bha e air falbh. " A dheadh mhaighstir,' 
ars' ise, " cha 'n 'eil e 'n comas dhomh cairnt a chur air na 
dh' fhuiling mi fad na h-oidhche leis na bh' aim de 
dhealanaich 's de thairneinich 's de dh' uisge." 



46 



O'na bha fhios aig fear-an-taighe nach robh aon chuid 
dealanaich, no tairneinich, no uisge ami, smaoinich e nach 
robh aig a' phioghaid ach na breugan, an uair a thug i dha 
droch sgeul air a mhnaoi. Rag e oirre, agus mharbh e i. 
Ach 'na dheigh sin fhuair e 'mach nach robh aig a' 
phioghaid ach an tul-fhirinn ; agus bha aithreachas gu leor 
air a chionn gu'n go mharbh e i. 

An uair a chriochnaich an righ Greugach an naigheachd 
rau 'n phioghaid (ars' an t-iasgair ris an fhathach), thuirt e 
ris an ard-chomhairleach, "0 'n a tha fuath agadsa do 
Dhouban, an lighiche, ged nach d' rinn e cron riamh ort, is 
e do mhiann gu n cuirinn-sa gu bas e. Ach bheir mi an aire 
nach dean mi sin, air eagal gu 'm bi aithreachas orm mar a 
bh' air an fhear a mharbh a' phioghaid." 

Ged a dh' eisd an t-ard-chomhairleach ris na briathran so, 
bha e cho lan de 'n olc 's gu 'n robh e suidhichte gu 'n 
tugadh e air an righ Douban a chur gu bas. 

"Le 'r cead, a righ," ars' esan, " cha robh ann am bas na 
pioghaid ach ni suarach, agus tha mi 'creidsinn nach robh a 
maighstir fada 'g a caoidh. Ach c'ar son a chiunadh eagal 
gu 'n deanadh sibh olc air duine neo-chiontach sibhse o chur 
an lighiche gu bas ? Tha barantas gu leor agaibh air son a 
chur gu bas an uair a tha e air innseadh dhuibh, gu 'm bheil 
a run air bhur beatha 'thoirt air falbh. A chum beatha 'n 
righ a chaomhnadh, bu choir gu 'n gabhtadh amhrus mar 
dhearbhadh cinnteach. Is fhearr an neo-chiontach a chur 
gu bas na 'n ciontach a leigeadh as. Ach, le 'r cead, cha 'n 
'eil teagamh sam bith nach 'eil Douhan suidhichte air sibhse 
a chur gu bas. Cha 'n e farmad a tha 'toirt ormsa a bhith 
cho fada 'na aghaidh idir. Is ann a tha mi air mo lionadh 
cho mor le eud is le curam mu thimchioll bhur beatha-se 's 
nach urrainn domh gu 'n chomhairle a thoirt oirbh. Ma tha 
mo bheachd mearachdach, is math an airidh peanas a 



47 



dheauamh orm mar a rinneadh air ard-chomhairleac}i 'bha 
ann o chionn fada, an uair a rinn e olc/' 

" Ciod au t-olc a rinn an t-ard-chonihairleachT' ars' an righ 
Greugach. 

" Innsidh mi sin duibh, ma 's aill leibh eisdeachd rium. 
Bha righ ann o chionn fada aig an robh mac a bha deidheil 
air a bhith 'sealgaireachd cho trie 's a fhaodadh e ; ach thug- 
an righ teann-ordugh do 'n ard-chomhairleach a bhith dol 
comhladh ri' mhac a h-uile latha do 'n bheinn-sheilg, agus 
gun e 'ga leigeadh as a shealladh air chor sam bith." 

Air latha araidh, an uair a bha iad 's a' bheinn-sheilg, lean 
mac an righ an deigh aon de na feidh cho fada 's gu 'n do 
chaill e a rathad. Bha e 'n duil gu 'n robh an t-ard- 
chomhairleach 'g a leantuinn. Ach cha robh suil aig an 
ard-chomhairleach air mar bu choir dha. An uair a thuig e 
gu' n deachaidh e iomrall amis a' bheinn, dh' fheuch e ris an 
rathad cheart a dheanamh am mach ; ach cha b' urrainn da. 
Mharcaich e sios is suas feuch an amaiseadh e air an rathad 
cheart ; ach cha 'n amaiseadh. Chunnaic e boirionnach 
anabarrach maiseach 'na suidhe ri taobh an rathaid 's i sior 
chaoineadh. Stad e leis an each, agus dh' fheoraich e dhi 
co i, agus cia mar a thachair dhi a bhith aims an aite 
aonaranach ud. 

"Is mise," ars' ise, "nighinn righ nan Innsean. An uair 
a bha mi 'marcachd an so thainig an cadal orm, agus thuit 
mi bhar an eich. Thug an t-each e fhein as, agus dh' fhag 
e an so mi." 

Ghabh mac an righ truas dhi, agus dh' iarr e oirre suidhe 
air a chulaobh air mum an eich. Rinn i so gu toileach. 

An uair a bha iad a' dol seachad air taigh a bha air 
tuiteam, thuirt am boirionnach ris, gu 'n robh toil aice 
tighinn air lar. Thainig ise bhar muin an eich an toiseach ; 
'na dheigh sin thainig esan air lar ; agus choisich e leis an 
each, agus e air shrein aige, suas a dh' ionnsuidh an taighe. 



48 



Ach faodar a thuigsinn gu 'n robh ioghnadh mor air an uair 
à chuala e ise, an deis dhi a dhol a steach, ag radh, " À 
chlann, thug mi duine og, maiseach, a tha gle reamhar, do 'r 
n-icnnsuidh." 

Ghrad thuirt iadsan, " A mhathair, c'ait am bheil e, a 
chum gu 'n ith sinn aims a' mhionaid e ; oir tha 'n t-acras 
mor oirnn." 

An uair a chuala mac an righ so, thuig e gu 'n robh e 
aim an cunnart, agus nach robh aims a' bhoirionnach ach 
te a bha 'fuireach ann an aite uaigneach, agus a' tighinn 
beo air feoil dhaoine a bha i 'toirt a dh' ionnsuidh an taighe 
]eis na caran. Cho luath 's a b' urrainn da leum e air muiu 
an eich gu falbh dhachaidh. 

Anns a' cheart mhionaid thainig i 'mach as an taigh, 
agus an uair a chunnaic i gu 'n robh mac an righ a' falbh, 
thuirt i, " Na biodh eagal sam bith ort. Co thu? Co tha 
thu 'g iarraidh ?" 

" Chaill mi mo rathad," ars' esan, " agus tha mi 'feuch- 
ainn am faigh mi e." 

"Ma chaill thu do rathad," ars' ise, "cuir thu fhein air 
curam Dhe, agus bheir e fuasgladh dhut 'na d' eiginn." 

An sin thog mac an righ a shuilean suas gu neamh, agus 
thuirt e, " A Thighearn Uile-chumhachdaich, amhairc orm, 
agus saor mi o 'n namhaid so." 

An uair a chuala am boirioimach so, thill i steach do 'n 
taigh. Mharcaich mas an righ air falbh cho luath 's a' b' 
urrainn da. Gu fortanach dh' amais e air an rathad, agus 
rainig e taigh 'athar gu sabhailte. Dh' innis e dha 'athair 
a h-uile car mar a dh' eirich dha air shailleamh gu 'n do 
dhearmaid an t-ard-chomhairleach suil a chumail air mar a 
dh' iarradh air. An uair a chuala an righ so, dh' orduich 
e an t-ard-chomhairleach a bhith air a chur gu bas. 

"Le 'r cead a righ," ars' ard-chomhairleach an righ 
Ghreugaich, "raur toir sibhse an aire mhath, faodaidh an 



49 



earbsa a tha sibh a' cur ami an Douban, an lighiche, am bas 
a thoirt dhuibh an uine ghoirid. Tha mise lan-chinnteach 
nach 'eil aim ach fear-brathaidh a chuir bhur naimhdean do 
'n rioghachd a chum bhur beatha 'thoirt air falbh. Tha 
sibh ag radh gu 'n do leighis e sibh ; ach, mo chreach, co is 
urrainn a bhith cinnteach ? A reir choltais is docha gu 'n 
do leighis e sibh ; ach co aige tha fios nach cuir na cun- 
gaidhean a thug e dhuibh am bas oirbh air a' cheann mu 
dheireadh." 

Bha 'n righ Greugach gu nadarra 'na dhuine aims nach 
robh a' bheag de thur, agus air an aobhar sin, cha robh e 
comasach air na cuilbheartan a bh' aims an ard-chomhairl- 
each a thuigsinn. Agus cha mho na sin a bha e comasach 
air seasamh ri 'bheachdan fhein. Chuir briathran an ard- 
chomhairlich gu mor as a bharail e. 

" Ard-chomhairlich," ars' esan, "tha thu ceart. Faod- 
aidh gu 'n d' thainig e a dh' aon ghnothach gus mo bheatha 
'thoirt air falbh. Is docha gu 'n teid aige air sin a 
dheanamh le faileadh cuid de na cungaidhean a tha e' 
gnathachadh. Feumaidh sinn smaointean ciod an doigh a's 
fhearr dhuinn a ghabhail gu stad a chur air." 

An uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach gu 'n d' 
aontaich an righ leis, thuirt e, " Le 'r cead, a righ, is e an 
doigh a's ciimtiche agus a's ealamha air bhur beatha a 
shabhaladh, fios a chur air Douban, an lighiche, agus ordugh 
a thoirt seachad an ceann a chur dheth cho luath 's a thig e. 

" Gu firinneach ceart," ars' an righ, " tha mi 'creidsinn 
gur e sin an doigh air a chumail o chron a dheanamh." 

An uair a thuirt e so, chuir e fios air fear de na saighd- 
earan, agus dh' ordaich e dha a dhol air thoir an lighiche. 
Thainig an lighiche gun dail sam bith 's gun fhios aige c' ar 
son a chuireadh fios air. 

"Am bhcil fhios agad," ars' an righ, " c' ar son a 
chuireadh fios ort V 

4 



50 



" Cha 'n 'eil," ars' esan. " Tha mi 'feitheamh gus am faic 
sibh iomchuidh fios a thoirt dhomh." 

" Chuir mi fios ort a chum gu 'n tugainn do bheatha 
dhiot," ars' an righ. 

Cha ghabh e innseadh an t-ioghnadh a chuir na briathran 
so air an lighiche. 

"Le 'r cead, a righ, c' ar son a bheireadh sibh mo 
bheatha dhiom ì Ciod an t-olc a chuir mi 'n gniomh V ars 
esan. 

" Tha e air innseadh dhomhsa le urra chinnteach, gur ann 
gus mo bheatha a thoirt air falbh a thainig tu do m' 
luchairt; agus a chum bacadh a chur air do dhroch run, 
bheir mise air falbh do bheatha-sa. Thoir buille dha," ars' 
an righ, ris an fhear a bha gus a mharbhadh, " agus saor 
mise o 'n mhealltair thruaillidh a thainig an so gus mo chur 
gu bas." 

An uair a chuala an lighiche an t-ordugh cruaidh- 
chridheach a thug an righ seachad, thuig e 's a' mhionaid 
gu 'n do choisinn an urram, agus na fhuair e o n righ de 
dh' airgiod, naimhdeas is mirun dha, agus gu 'n do 
chuireadh droch comhairlean ann an ceann an righ. Ghabh 
e aithreachas a chionn an righ a leigheas o'n luibhre ; ach 
cha.deanadh aithreachas feum dha. 

" An ann mar so," ars' esan ris an righ, " a tha sibh 'dol 
'gam phaigheadh air son bhur leigheas V 

Cha 'n eisdeadh an righ ris, aeh thug e ordugh an dara 
uair do 'n fhear a bha gus a mharbhadh buille 'thoirt dha. 
Mu dheireadh, ghuidh an lighiche air e leigeadh a bheatha 
leis. " Och, a righ," ars' esan, " thoir dhomh fad-laithean, 
agus bheir Dia dhutsa fad-laithean. Na cuir gu bas mi, air 
eagal gu 'n cuir Dia thusa gu bas." 



51 



CAIB. IV. 

'St ad an t-iasgair a r dh' innseadh na naigheachd do 'n 
fhathach, agus thuirt e ris ; "A nis, 'fhathaich, tha thu 
'faicinn gu 'n do thachair dhomlisa agus dhutsa direach mar 
a thachair do Dhouban agus do '11 righ Ghreugach." 

" An aite eisdeachd a thoirt do 'n lighiche (ars' an 
t-iasgair 's e dol air aghaidh leis an naigheachd), an uair a 
ghuidh e gu durachdach air gu 'n caomhnadh e a bheatha 
dha, is ami a thuirt an righ Greugach ris, " Feumaidh mi 
do chur gu bas, ar neo is docha gu 'n toir thusa air falbh mo 
bheatha-sa leis a' cheart innleachd leis an do leighis thu mi." 

Thoisich an lighiche ri gul 's ri gearain air an euceart a 
bha'n righ a' deanamh air, an deis na rimi e dha de mhath 
an uair a leighis e e. 

Cheangail am fear a bha gus a mharbhadh aodach m' a 
shuilean, agus cheangail e a lamhan, agus bha e 'dol a thoirt 
n chirm deth leis a' chlaidheamh. 

Bha uaislean na luchairt an lathair, agus air dhaibh 
truas mor a ghabhail ris an lighiche, ghuidh iad air an righ 
mathanas a thoirt dha, agus bha iad a' dol an urras do 'n 
righ nacb robh e ciontach de 'n olc a bh' air a chur as a 
leith ; ach cha gheilleadh an righ dhaibh am muigh no 
'mach. Fhreagair e iad cho garg 's nach leigeadh an t-eagal 
•dhaibh facal tnilleadh a radh ris mu'n chuis. 

Bha 'n lighiche air a ghluinean 's a shuilean 's a lamhan 
air an ceangal; agus bha am fear a bha 'dol 'g a mharbhadh 
'na sheasamh 's e deas gus an ceann a chur dheth. Thuirt 
an lighiche ris an righ, " Le 'r cead, a righ, o'n a tha sibh 
suidhichte gu 'n cuir sibh mise gu bas, tha mi 'g iarraidh de 
dh' fhabhar oirbh gu 'n leig sibh learn a dhol dhachaidh, a 
chum gu 'n toir mi ordugh seachad mu thimchioll mar is 
coir dhaibh m' adhlacadh. Bu mhath learn mo bheannachd 



52 



fhagail aig mo theaghlach, deirce a thoirt do na bochdau, 
agus mo uhuid leabbraichean fhagail aig daoine a dheanadh 
feum math dhiubh. Tha aon leabhar agam a bhithinn 
ueonach fhagail agaibh fhein, na'n gabhadh sibh e. Tha e 
anabarrach luachmhor, agus b' fhiaeh dhuibh a thasgàidb 
suas gu curamach amis an taigh-ionmhais. " 

" Ciod is aobhar gu 'm bheil an leabhar cho luachmhor 's 
a tha thu 'g radh," ars' an righ. 

" Le 'r eead," ars' an lighiche, "tha moran de nithean 
iongantach sgriobhte ami. Agus is e an ni a's iongantaiche 
a th' aim, so ; ma ghabhas sibh de dhragh, cho luath 's a 
bheir sibh dhiom an ceann, gu 'm fosgail sibh an leabhar aig 
an t-siathamh duilleag, agus gn 'n lengh sibh an treas sreith 
air taobh na laimhe cli de 'n duilleig, freagraidh mo cheann 
a h-uile ceisd a chuireas sibh air." 

Air do 'n righ a bhith toileach an ni iongantach so 
'fhaicinn, chuir e dail 'na bhas gns an la-iar-na-mhaireach. 
Leig e leis a dhol dhachaidh ; ach chuir e daoine 'g a fhaire 
air eagal gu 'n teicheadh e. 

Chuir an lighiche gach ni a bhuineadh dha an ordugh. 
An uair a chualas gu'n robh ni neo-ghnathaichte gu tachairt 
an deigh a bhais, chaidh na comhairlich, ard-uaislean na 
lnchairt, ceannardan an airm, agus gach aon eile a bhuineadh 
do'n lnchairt, do thalla na comhairle a chum gu 'm faiceadh 
lad an ni iongantach a bha gu tachairt. 

Oha bu luaithe a thugadh Douban, an lighiche, a steach 
an !atl air an righ na ghabh e suas gu bonn na cathrach air 
an robh an righ 'na shuidhe, agus leabhar mor aige na laimh. 
Dh' iarr e mios a thoirt an lathair. Thugadh sin aim ; agi s 
chuir e an comhdach anns an robh an leabhar paisgte aige, 
air a' mheis, agus shin e an leabhar do 'n righ. Thuirt e, 
" Gabhaibh an leabhar, ma 's e bhur toil e, agus cho luath 
's a bheir sibh dhiom an ceann, cuiridh sibh anns a' mheis e 
air uachdar a' chomhdaich a sgaoil mi oirre. Cha luaithe 



53 



a chuireas sibh ami e na sguireas an fhuil a shileadh. An 
sin fosglaidh sibh an leabhar, agus freagraidh mo cheann a 
h-uile ceisd a chuireas sibh air. " Ach ceadaichibh dhomh," 
ars' esan, " m' ath-chuinge a chur suas ribh aon uair eile air 
son mo bheatha. Air sgath Dhe, thugaibh eisdeachd do 
m' ghuidhe. Tha mi 'g innseadh dhuibh aon uair eile gu 'm 
bheil mi neo-chiontach." 

" Cha 'n 'eil eifeachd sam bith 'na d' chuid urnuighean,' 
ars' an righ. " Agus ged nach biodh aobhar eile agam air 
son do chur gu bas ach a chum do cheann a chluinntinn a' 
bruidhinn, theid do chur gu bas." 

An uair a thuirt an righ so, ghabh e an leabhar a laimh 
an lighiche, agus dh' orduich e an ceann a ghrad thoirt 
dheth. 

Thugadh an ceann deth cho sgiobalta 's gu 'n do thuit e 
aims a' mheis. Cha bu luaithe a thuit e, innte na sguir an 
fhuil a shileadh. Ghabh na h-uile a bha 'n lathair ioghnadh 
mor an uair a chunnaic iad an ceann a' fosgladh a shul, agus 
ag radh, " Le 'r cead, a righ, fosglaibh an leabhar." 

Dh' fhosgall an righ e, agus o'n a bha na duilleagan a' 
leantuinn ri' cheile, thoisich e ri fliuchadh a mheoire 'na 
bheul a chum gu 'm biodh e na b' fhusa dha na duilleagan a 
+hionndadh. Lean e air an tionndadh gus an d' rainig e an 
siathamh duilleag. Cha robh facal sgriobhte air aon de na 
auilleagan. "A lighiche, cha 'n 'eil dad sgriobhte an so," 
ars' esan. 

"Tionndaidh tuilleadh dhuilleagan," ars an ceann. 

Lean an righ air tionndadh nan duilleagan 's e sior 
fhliuchadh a mheoire 'na bheul, gus an do thoisich am 
puinnsean a chuir an lighiche air na duilleagan ri 't'hagail 
tinn. Mu dheireadh chaidh e ann an laigse, agus thuit e 
bhar na cathrach. 

An uair a chunnaic ceann an lighche gu'n robh an righ 
gus a bhith grad marbh leis a' phuinnsean, thuirt e ; "A 



54 



dhroch righ, tha thu nis a' faicinn mar adh' eireasdo dhroch 
dhaoine a ni droch fheurn de 'n ughdarras a th' aca, agus a 
clmireas daoine neo-chiontach gu bus. Luath no mall bheir 
Dia breitheanas air daoine a tha eucorach, cruaidh-chridh- 
each." 

Mu 'n garni a labhair an ceann na briathran so, thu it an 
righ marbh far an robh e, agus chaill an ceann na bh' ann 
de bheatha. 

An uair a chriochnaich an t-iasgair eachdraidh an righ 
Ghreugaich is Dhoubain, thuirt e ris an fhathach, agus e 
glaiste aige amis an t-soitheach, " Na'n do leig an rigli 
Greugach leis an lighiche a bhith beo, leigeadh Dia dha 
fhein a bhith beo. Ach dhiult e eisdeachd a thoirt dha an 
uair a ghuidh e gu durachdach air gu 'n leigeadh e a 
bheatha leis. Sin direach mar a dh' eirich dhutsa, 'fhath- 
aich. Na'n d' thug thusa dhomhsa am fabhar a bha mi 'g 
iarraidh ort, bhiodh truas agam riut ; ach o'n a bha thu 
suidhichte gu 'n cuireadh tu gu bas mi, an deis na comain a 
chuir mi ort an uair a leig mi a priosan thu, feumaidh mise 
a nis a bhith cho cruaidh-chridheach riut fhein 's a bha thu 
fhein riumsa." 

" Mo dheadh charaid," ars' am fathach, " tha mi 'guidhe 
ort aon uair eile nach bi thu cho cruaidh-chridheach 's gu 
'm fag thu glaiste an so mi. Thoir fa near nach 'eil e ceart 
do dhaoine a bhith 'deanamh dioghaltais air an son fhein ; 
agus air an laimh eile, gu 'm bheil a bhith 'deanamh math 
an aghaidh an uilc gu mor ri mho] adh. Na dean ormsa mar 
a rinn Imama air Ateca." 

" Ciod a rinn Imama air Ateca ?" ars' an t-isagair. 

" Ho !" ars' am fathach, " ma tha toil agad fios fliaotainn 
m'a thimchioll, fosgail an soitheach. Na biodh duil agad 
gu 'm bheil saod ormsa gu innseadh naigheachdan 's mi 'm 
priosan. Innsidh mi naigheachdan gu leor dhut an uair 
a leigeas tu as mi." 



55 



"Ma ta, is mi nach leig," ars' an t-iasgair. " Cha 'n 'eil 
ann ach gnothach faoin dhut a bhith bruidhinn air a 
leithid. Tha mi direach a' dol 'gad thilgeadh arm an 
grunnd a' chuain." 

" Eisd ri aon fhacal eile uam," ars' am fathach. "Tha 
mi 'gealltainn nach dean mi cron sam bith ort. Agus cha 
'n e sin a mhain, ach nochdaidh mi dhut doigh leis am fas 
thu anabarrach beairteach." 

Thug dochas gu 'm faigheadh e doigh air fas beairteach 
air an iasgair gu 'n do thaisich e beagan. " Bheirinn 
eisdeachd dhut," ars' esan, " nam b' fhiach d' fhacal creideas 
a thoirt dha. Miormaich dhomhsa air ainm mor Dhe, gu 'n 
coimhlion thu gu dileas do ghcalladh, agus fosglaidh mi an 
soitheach. Cha 'n 'eil mi 'creidsinn gu 'm bheil de dhanadas 
agad na bhristeas air do mhionnan." 

Thug am fathach a mhionnan dha. Dh' fhosgail an 
t-iasgair an soitheach. Anns a' mhionaid thainig an ceo am 
mach as, agus bha am fathach 'na chruth 's 'na mheudachd 
air a bheulaobh. B' e a' cheud rud a rinn am fathach an 
soitheach a thilgeadh le breab do 'n chuan. Chuir so eagal 
air an iasgair. " Fhathaich," ars' esan, " ciod is ciall dlia 
sid 1 Am bheil thu 'dol a bhristeadh air na mionnan a thug 
thu dhomhsa o chionn tiotaidh ? Am feum mise a radh riut 
mar a thuirt Douban ris an righ Ghreugach. Fuiling 
dhomh a bhith beo, agus cuiridh Dia fad ri do laithean." 

Rinn am fathach gaire an uair a chunnaic e gu 'n robh 
eagal air an iasgair, agus thuirt e, " Iasgair, cha 'n 'eil mi 'dol 
a bhristeadh air mo mhionnan idir. Na biodh eagal sam 
bith ort. Is ami a rinn mi sid gu spors dhomh fhein, agus 
feuch am faicinn an gabhadh tus-X eagal. Ach a chum 
gu 'm faic thu gu 'm bheil mi 'dol a sheasamh ri m' ghealladh, 
"tog leat na lin, agus lean mi." 

An uair a thuirt e so dh' fhalbh e. Thog an t-iasgair 
leis na lin, agus lean e e, ged a bha beagan de dh' eagal air. 



56 



Chaidh iad seachad air a' bhaile, agus rainig iad mullach 
beinne o' n de choisich iad sios do ghleann mor, far an robh 
lochan beag 'n a laidhe eadar ceithir chnuic. 

An uair a rainig iad an lochan, thuirt am fathach ris an 
iasgair, " Tilg na lin 's an lochan, agus glac iasg." Cha 
robh teagamh aig an iasgair nach fhaigheadh e iasg ; oir 
chunnaic e gu 'n robh moran eisg anns an lochan. Ach bha 
ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e gu 'n robh 
ceithir dathan orra — bha iad geal is dearg is gorm is buidhe. 
An uair a chuir e na lin fhuair e ceithir eisg — fear de gach 
dath. nach fhaca e an leithidean riamh chuir iad iogh- 
nadh air, agus o 'n a thuig e gu 'm faigheadh e deadh phris 
orra, bha e gle aoibhneach. "Thoir leat an t-iasg, agus 
tairg do 'n righ iad, agus bheir e dhut barrachd airgid orra 
na bha agad riamh roimhe. Faodaidh tu tighinn a h-uile 
latha 'dh' iasgach do 'n lochan so ; ach thoir an aire nach 
cuir thu na lin ach aon uair 's an latha ; ma chuireas, bidh 
aithreachas ort," ars' am fathach. An uair a thuirt e so, 
bhuail e a chas air an talamh. Dh' fhosgail an talamh, agus 
an uair a chaidh am fathach sios, dhuin an talamh mar 
a bha e roimhe. 



CAIB. V. 

Chuir an t-iasgair roimhe gu'n leanadh e comhairle an 
fhathaich gu buileach, agus nach cuireadh e na lin ach aon 
uair 's an latha. Thill e do 'n bhaile leis an iasg agus e gle 
thoilichte le 'thurus ; agus bha mile sraaointean ag eiridh 
'na inntinn mu thimchiollna bh' eadar e fhein 's am fathach. 
Ghabh e direach a dh' ionnsuidh luchairt an righ, agus 
thairg e an t-iasg dha. Ghabh an righ gu toileach uaithe 
iad, agus bha ioghnadh anabarrach air an uair a chunnaic e 
iad. Thog e fear an deigh fir dhiubh, agus bheachdaich e 



57 



orra gu dluth. " Thoir leat an t-iasg so," ars' esan ris an 
ard-chomhairleach, " agus thoir e do 'n bhana-chocaire a 
chuir Iompaire na Greige do m' ionnsuidh, a chum gu 'n 
deasaich i e." An uair a thuirt e so, dh' ordaich e ceithir 
cheud bonn oir a thoirt do 'n iasgair. Rinneadh mar a dh' 
ordaich e. 

Cha 'n fhaca an t-iasgair uiread so de dh' or riamh 
roimhe, agus is gann a bheireadh e air fhein a chreidsinu 
nach e bruadar a bha e 'faicinn, gus an do thuig e gu math 
gu 'n robh a' chuis nor gu leor. An sin cheannaich e gach 
ni air an robh feum aig a theaghlach. 

Cho luath 's a fhuair a' bhana-chocaire an t-iasg, ghlan i 
iad, agus chuir i ami am friochdan air an teine iad. An 
uair a shaoil leatha gu 'n robh an taobh a bha fodhpa 
bruich, thionndaidh i iad. Ach b' uamhasach an ni a 
thachair ! Mu 'n do tharr i ach gann an tionndadh, 
dh' fhosgail balla na ceatharna, agus thainig boirionnach 
anabarrach maiseach am mach as. Bha earradh de shioda 
oirre, mar a bhiodh air na mnathan Eiphiteach, agus bha 
cluas-fhaiimeachan oir 'na cluasan, agus seud-bhannan ro 
luachmhor m' a h-amhaich, agus mu chaol a da laimhe. 
Agus bha slat de mhiortal aice 'na lain>h. An uair a 
chunnaic a' bhana-chocaire i a' tighinn thun an teine far an 
robh am friuchdan, cha b' urrainn di caruchadh as a bhad an 
robh i 'na seasamh. Bhuail i buille beag de 'n t-slait 
mhiortail air fear de na h-eisg, agus thuirt i, " Eisg, eisg, 
am bheil thu 'deanamh do dhleasdanais !" nach do 
fhreagair an t-iasg i, thuirt i na briathran ceudna rithist. 
An sin thog na ceithir eisg an cinn comhladh, agus thuirt 
iad rithe, " Tha, tha ; ma tha thusa 'cunntadh ; tha sinne 
'cunntadh ; ma tha thusa 'paigheadh d' fhiachan, tha sinne 
'paigheaih ar fiachan fhein ; ma theicheas tusa, ceann- 
saichidh sinne, agus tha shin riaraichte." Cho luath 's a 
thuirt iad so rithe, chuir i am friochdan air a bheul fodha 



58 



amis an teine ; chaidh i steach do 'n bhalla, agus dhuin am 
balla mar a bha e roimhe. 

Chuir so eagal mor air a' bhana-chocaire, agus an uair a 
dli' fhalbh pairt de 'n eagal dhi, thog i an t-iasg as an teine ; 
ach bha iad air an losgadh cho mor 's nach b' urrainnear an 
cur air bord an righ. Chuir so dragh cho mor oirre 's gu 'n 
do thoisich i ri caoineadh. " Och ! mo thruaighe !" ars' ise, 
" ciod a dh' eireas dhomh ? Ged a dh' innsinn do 'n righ 
na ehunnaic mi, tha mi cinnteach nach creid e mi. Bidh 
fearg uamhasach air rium." 

An uair a bhi i 'caoidh air an doigh so thainig an t-ard- 
chomhairleach a steach do 'n cheatharna far an robh i a 
dh' iarraidh an eisg gus a chur air beulaobh an righ. 
Dh' innis i dha mar a dh' eirich do 'n iasg, Ghabh e iogh- 
nadh mor an uair a chuala e mar a thachair. Gun fhacal 
innseadh do 'n righ niu 'n iasg, dh' fheuch e ri doigh 
fhaotainn leis an cuirteadh gach cuis ceart. Chuir e fios 
air an iasgair, agus dh' iarr e air ceithir eisg eile de 'n aon 
seorsa fhaotainn dha, a chionn gu 'n do thachair mi-fhortan 
araidh do 'n iasg a thug e dh' ionnsuidh an righ, agus mar 
sin, nach robh iad freagarrach air son an cur air bord dha. 
Gun ghuth a thoirt air a' chomhairle a thug am fathach air, 
thuirt an t-iasgair ris, gu 'n robh astar mor eadar e 's an 
lochan aims an d' fhuair e an t-iasg, agus air an aobhar sin, 
nach b'urrainn da am faotainn do gus an la-iar-na-mhaireach. 

Gu math moch air an ath mhaduinn chaidh an t-iasgair 
a dh' ionnsuidh an lochain ; chuir e na lin, agus fhuair e 
ceithir eisg de 'n cheart sheorsa a fhuair e an latha roimhe 
sin, agus thug e do 'n ard-chomhairleach iad. Chaidh an 
t-ard-chomhairleach leotha do 'n cheatharna, agus sheas e 
comhladh ris a bhana-chocaire fhad 's a bha i 'g an glanadh. 
Chuir i air teine iad mar a rinn i an latha roimhe sin. An 
uair a bha 'cheud thaobli dhiubh bruich, thionndaidh i iad. 
Ach cha bu luaithe a rinn i so na dh' fhosgail am balla, agus 



59 



thainig am boirionnach am mach mar a rinn i an latha. 
roimhe sin, agus an t-slat aice 'na laimh. Bhuail i aon de 
na h-eisg ; bhruidhinn i ris mar a rinn i an latha roimhe sin, 
agus thug na ceithir eisg a' cheart fhreagairt dhi. An uair 
a fhreagair iad i, chuir i car de 'n fhriochdan amis an teine, 
agus thill i steach do 'n bhalla. 

An uair a chunnaic an t-ard-chomhairleach mar a thachair 
thuirt e, " Tha so anabarrach iongantach da rireadh ; 
feumaidh mi innseadh do 'n righ ma 'dheidhinn." Chaidh e 
far an robh an righ, agus dh' innis e dha a h-uile ni a 
chunnaic e. 

An uair a chual an righ mu 'n chuis, bha ioghnadh 
anabarrach air, agus bha toil mhor aige an sealladh fhaicinn 
e fhein. Ghrad chuir e fios air an iasgair, agus thuirt e ris,. 
" A charaid, an d' theid agad air ceithir eile de 'n t-seorsa 
eisg ud a thoirt do m' ionnsuidh 1 ?" 

" Le 'r cead, a righ, ma bheir sibh dail thri latha dhomh, 
gheibh mi an t-iasg dhuibh." 

Thug an righ so dha. Ach 's a' mhadainn chaidh an 
t-iasgair a dh' ionnsuidh an lochain, agus an uair a chuir e 
na lin, fhuair e ceithir beathaichean eisg mar a b' abhaist da, 
agus thug e dh' ionnsuidh an righ iad. Bha 'n righ 
anabarrach toilichte, gu h-araidh a chionn gu 'n d' fhuair e- 
iad na bu luaithe na bha duil aige riutha. Dh' ordaich e 
ceithir cheud bonn oir eile a thoirt do 'n iasgair. 

An uair a fhuair an righ an t-iasg dh' ordaich e an toirt 
do 'n chlosaid gus an deasachadh. Cha robh anns a' chlosaid 
ach e fhein 's an t-ard-chomhairleach. Ghlanadh an t-iasg 
agus chuireadh anns an fhriochdan air an teine iad. An uair 
a bha a' cheud thaobh dhiubh bruich, thionndaidh an t-ard- 
chomhairleach iad. An sin dh' fhosgail balla na closaid, 
agus thainig duine-dubh a bha anabarrach mor am mach,. 
agus bata mor aige 'na laimh. Ghabh e far an robh am 
friochdan, agus an uair a bhuail e buille beag de 'n bhata air 



60 



fear de na h-eisg, thuirt e le guth eagalach, " Eisg, am bheil 
thu 'deanamh do dhleasdanais ? " An uair a thuirt e so, thog 
na ceithir eisg an cinn, agus thuirt iad, " Tha, tha ; ma th^ 
thusa 'cunntadh, tha sinne 'cunntadh ; ma phaigh thusa d' 
fhiachan, phaigh sinne ar fiachan fhein ; ma tha thusa 
'teicheadh, tha sinne a' toirt buaidh, agus tha sinn riaraichte." 

Cha ba luaithe a labhair an t-iasg na briathan so na thilg 
an duine-dubh am friochdan 's an t-iasg air an urlar ; agus 
bha 'n t-iasg 'na ghual. Anns a' mhionaid chaidh e steach 
do 'n bhalla le feirg, agus dhuin am balla mar a bha e 
roimhe. 

"An deis ua chunnaic mi," ars' an righ ris an ard- 
chomhairleaeh, " tha e neo-chomasach dhomh a bhith aig 
fois 'nam inntinn. Gun teagamh sam bith tha seadh 
neo-ghnathaichte aig na chunnaic 's na . chuala sinn mu 'n 
iasg so, agus tha mhiann orm gu 'm faigh mi 'mach gach 
ni mu dheidhinn." 

Chuir an righ fios air an iasgair, agas thuirt e ris, 
"lasgair, chuir an t-iasg a thug thu do m' ionnsuidh dragh 
air an inntinn agam. C'aite an do ghlac thu iad ? " 

"Le 'r cead, a righ," ars' an t-iasgair, "giac mi iad aim 
an lochan beag a th' eadar ceithir chnuic a th' air chul na 
beinne ud a chi sibh mu 'r coinneamh." 

" An aithne dhutsa an lochan 1 " ars' an righ ris an ard- 
chomhairleach. 

"Cha 'n aithne. Cha chuala mi guth riamh m' a 
dheidhinn, ged nach 'eil tri fichead bliadhna o'n a bha mi 
'sealg mu 'n cuairt air a' bheinn ud," ars' an t-ard- 
chomhairleach. 

Dh' fheoraich an righ de 'n iasgair an robh an lochan fad 
air falbh, agus thuirt an t-iasgair ris gu 'n ruigeadh iad e 
ann an tri uairean an uaireadair. 

An uair a chuala 'n righ so, o 'n a bha greis mhath de'n 
latha gun dol seachad, dh' ordaich e anns' a mhionaid do dh' 



61 



uaislean na cuirte iad a dheanamh deiseil, agus marcacbd 
comhladh ris a dh' ionnsuidh an lochain, agus an t-iasgair a 
thoirt leotha mar fhear-treorachaidh. Rinneadh mar a dh' 
ordaich e, agus dh' fhalbh iad. 

An uair a dhirich iad gu mullach na beinne ghabh iad 
mor-ioghnadh an nair a chunnaic iad comhnard anabarrach 
mor air an taobh eile dhi, nach fhaca a h-aon aca riamh 
roimhe. Ma dheireadh rainig iad an lochan a bha eadar na 
ceithir chnuic, mar a thuirt an t-iasgair. Bha 'n t-uis<re a 
bh' aims an lochan cho soilleir 's gu 'n robh iad nile a' faicinn 
an eisg, agus gu 'n robh iad de na ceart dhathan a bh' air au 
iasg a thug an t-iasgair a dh' ionnsuidh an righ. 

Dh' fheoraich an righ de cheannardan an airm a bha 
comhladh ris 'nan seasamh aig an lochan, am faca iad idir 
an lochan gus a sid. Agus thuirt iad uile, nach fhaca, agus 
nach mo a chuala iad riamh gu' n robh an lochan aim. 

" O'n a tha sibh uile ag radh nach cuala sibh riamh guth 
m'a dheidhinn," ars' esan, " agus o'n a tha 'chuis a th' ami 
a' cur moran ioghnaidh ormsa, tha mi suidhichte nach till 
mi dhachaidh gus am faigh mi 'mach cia mar a thainig 
an lochan gu bhith an so, agus c'ar son a tha ceithir dathan 
air an iasg." 

An uair a thuirt e so, dh' ordaich e do mhaithean na 
cuirte a bha maille ris an campa shuidheachadh air bruaich 
an lochain. Rinneadh mar a dh' ordaich e. 



CAIB. VI. 

An uair a tbainig an oidhche chaidh an righ do'n phailliuin 
aige fhein, agus labhair e ris an ard-chomhairleach mar 
so: — " Ard-chomhairlich, tha 'm inntinn gle neo-fhoiseil. 
Chuir an lochan a bhith an so, agus an duine dubh a thainig 
am mach a balla na closaid, agus mar a bhruidhinn an t-iasg 



G2 



ris, a leithid de dh' ioghnadh orin 'a nach urraimi gu'm bi 
fois aig m' inntinn gus am faigh mi 'mach gach ni mu'n 
chuis. Air an aobhar sin, tha mi suidhichte gu'm falbh mi 
as a' champa an nochd 'nam aonar ; agus tha mi 'toirt teann- 
ordugh dhutsa, gun innseadh do dhuine beo gu'n d' fhalbh 
mi. Fanaidh tu amis a' phailliuin so, agus an uair a thig nà 
•ceannardan agus uaislean eile na cuirte am mai reach gus 
mise fhaicinn, their thu riutha, nach 'eil mi 'gam fhaireachadh 
fheiu gu math, agus gu'm bheil mi toileach a bhith 'nam. 
onar an so. Their thu a' cheart bhriathran riutha a h-uile 
latha gus an till mi." 

Rinn an t-ard-chomhairleach gach ni 'n a cliomas a chum 
toirt air an righ an gnothach so a leigeadh as a cheann. 
Chuir e air shuilean dha, gu'n robh e Viol 'ga chur fhein aim 
an cunnart mor, agus gur docha nach biodh dad aige air son 
a shaoithreach. Ach a dh' aindeoin na theireadh e cha b' 
urrainn da an righ a thoirt as a bheachd ; oir chuir e roimhe 
.am muigh 's am mach gu'm falbhadh e. Chuir e uime deise 
a bha freagarrach air son a thuruis, agus thug e leis claidh- 
eamh 'na laimh 's dh / fhalbh e as a' champa, cho luath 's a 
ghabh iad mu thamh. 

Fhuair e seachacl air a' bheinn gun duiligheadas sam bith. 
An uair a chrom e leis a' bheinn, thachair aite comhnard ris 
a bha furasda ri 'choiseachd. Lean e roimhe air coiseachd 
gus an d' eirich a' ghrian. Chunnaic e aitreamh mhor fada 
uaithe. Thug so t.oileachadh mor dha ; agus bha dochas 
aige gu'm faigheadh e aims an aitreamh so am fiosrachadh a 
bha dhith air. An uair a thainig e dluth do'n aitreamh thug 
e an aire gur e bh' aim caisteal a bh' air a thogail de chloich 
mharmoir, agus gu'n robh e air a chomhdachadh air an 
taobh am muigh le stailinn a bha cho sleamhuinn ri glaine. 
Air dha bhith anabarrach toilichte a chionn gu'n do thachair 
ni cho iongantach so ris, sheas e air beulaobh a' chaisteil, 
.agus bheachdaich e air le mor-aire. 'Na dheigh sin chaidh 



63 



€ dh' ionnsuidh a' gheata. Bha da chomhlaidh ris a' gheata, 
agus bha te dhiubh fosgailte. Ged a dh' fhaodadh e dhol a 
steach, nan togradh e, gidheadh t-maoinich e gu'm b' fhear-r 
dha bualadh. Bhuail e ;tn toiseach gu beag, agus dh' f heith 
e car nine an duil gu'n tigeadh neach d'a ionnsuidh. Ach 
an uair nach d' thainig neach sam bith thun a' gheata, 
bhuail e gu math na bu chruaidhe. Ach an uair a thuig e 
nach cuala neach sam bith e, bhuail e a rithist agus a rithist ; 
agus an uair nach do fhreagair duine e, ghabh e ioghuadh 
mor. Cha b' urrainn da chreidsinn gu'n robh caisteal a bha 
cho math an ordugh ris gun duine a' fuireach aim. 

Thuirt e ris fhein, " Mur 'eil duine a fuireach aim, cha 'n 
eagal dhomh ; agus ma tha, theid again air mi fhein a dhion, 
ma chnirear dragh orm." 

Mu dheireadh chaidh e steach air a' gheata, agus an uair 
a chaidh e steach air dorus an sgail-thaigh ghlaodh e, "Am 
bheil duine sam bith an so a bheir aoidheachd d<> choigreach, 
a tha 'tighinn a dh' iarraidh bidh is dibhe amis an dol 
seachad ? " 

Thuirt e so a dha no tri dh' uairean ; ach ged a thubhairt, 
cha do fhreagair neach sam bith e. Chuir e ioghuadh air 
nach robh duine a' toirt freagairt air. Chaidh e steach do 
sheomar farsuinn, agus sheall e mu'n cuairt feuch am 
faiceadh e neach sam bith, ach cha 'n fhaca e neach. An 
uair a chnnnaic e nach robh duine 's an t-seomar, chaidh e 
steach do sheomar eile. Bha 'n seomar so anabarrach 
briagha. Bha ballachan an t-seomair air an comhdach leis 
an t-sioda a b' aille 's bu ghrinne a chunnaic duine riamh. 
Bha moran de dh' aiteachan-suidhe ami de'n t-seorsa bu 
bhriagha 's bu shocraiche air am b urrainn duine suidhe, 
agus bha'n t-aodach a bh' orra air oibreachadh, le snath oir 
is airgid. 'N a dheigh sin chaidh e steach do sheomar maiseach 
eile. Ann am meadhain an t-seomair so bha fuaran mor, 
agus aige a cheithir oisinnean bha leornhain oir, agus a beul 



64 



nan leomhan so bha 'n t uisge a' sior bhruchdadh am mach 
do'n tobar. An uair a bha 'n t-uisge so a' tuiteam 's an 
tobar, bha e 'dol 'na dhaoimean 's na neamhnaidean. Bha 'n 
tobar a' tilgeadh an nisge as a chionn cho ard ri mullach an 
t-seomair. 

Bha tri taobhannan a' chaisteil air an cuartachadh le 
garadh anabarrach maiseach, amis an robh ditheanan do 
gach seorsa air an cur ann am poitean dhithean. Bha mar 
an ceudna faarain ami, agus doireachan, agus mile ni eile a 
bha 'ga dheanamh maiseach. Agus cha robh seorsa eoin a 
bh' air an t-saoghal nach robh a' ceileireadh amis a' gharadh. 
Cha robh iad a carachadh as ; oir bha lion sgaoilte os cionn 
a' gharaidh gus an cumail aim. 

Choisich an righ o sheomar gu seomar, ach cha d' fhuair 
e duiue annta. An uair a bha e sgith coiseachd shuidh e 
ann seomar aims am faiceadh e an garadh, agus thoisich e ri 
smaointean air na chunnaic 's na chuala e. Cha robh e 
fada 'na shuidhe an uair a chuala e gearain ghoirt ami an 
seomar a bha dluth dha. Dh' eisd e le mor aire ris a' 
ghearain, agus chuala e gu soilleir na briathran so ; "0 
Fhortain ! nach leigeadh learn a bhith na b' fhaidhe a' 
mealtainn beatha shona, agus a chuir mi anus an t-suidh- 
eachadh a's truaighe aims an robh duine riamh air an 
t-saoghal so ; sguir a bhith 'gam gheur-leanmhuinn, agus le 
grad bhas cuir crioch air mo bhron. Och ! am bheil e 
comasach gu'm bheil mi fhathast beo an deigh a liuthad 
pian a dh' fhuiling mi f 

Thainig tioma air an righ an uair a chual' e a' ghearain 
so, agus air dha eirigh as an aite 's an robh e 'na shuidhe, 
rinn e direach air an aite aims an cual' e a' ghearain. Agus 
an uair a thainig e dh' ionnsuidh dorus an t-seomair, dh' 
f hosgad e e, agus chunnaic e duine og, maiseach, air 'eideadh 
aim an trusgan riomhach 'na shuidhe air cathair aird aims 
an t-seomar. Bha coltas gle mhuladach air an aghaidh 



65 



aige. Thainig an righ dluth dha, agus chuir e failte air. 
Chrom an duine og a cheann, agus o nach b' urrainn da 
eirigh as a' cha.thair, thuirt e ris an righ, " Mo thighearna, 
tha mi gle chinnteach gur airidh thu gu'n eirighinn 'nam 
sheasamh a chur failte ort, agus a thoirt urram dligheach 
dhut ; ach tha aobhar muladach ami air son nach urrainn 
mi sin a dheanamh, agus uime sin, tha dochas agam nach 
gabh thu gu h-olc e." 

"Mo tbighearna," fhreagair an righ, " tha mi fada 'nad 
chomain, a chionn gu'm bheil a leithid de dheadh bharail 
agad orm. Agus a thaobh an aobhair air son nach urrainn 
dut eirigh, ciod sam bith leithsgeul a th' agad gabhaidh "ri 
e. Air dhomh do ghearain a chluinntinu, agus a bhith 
duilich air son do bhroin, thainig mi a thairgseadh cuideachadh 
a thoirt dhut. Is e mo ghuidhe ri Dia gu'm biodh e 'nam 
chomas fuasgladh a thoirt dhut 'nad thrioblaid. Dheanainn 
gach ni a b' urrainn domh a chum cobhair a thoirt 
dhut. Tha mi 'toirt orm fhein a chreidsiun gu 'm bi 
thu toileach gu leor fios a thoirt dhomh air mar a thainig am 
mi-fhortan 'nad rathad. Ach innis dhomh an toiseach, tha 
mi 'guidhe ort, ciod is ciall do'n lochan a tha dluth air an 
luchairt so anus am bheil an t-iasg air am bheil na ceithir 
dathan ? ciod e an caisteal a tha'n so Ì cia mar a thainig thu 
fhein an so ? agus c'ar son a tha thu 'nad aonar ?" 

An aire freagairt a thoirt do na ceisdean so, is ami a 
thoisich an duine og ri caoidh 's ri tuiream gu goirt, " 
nach neo-sheasmhach an ni' fortan !" ars' esan, " tha e 
'gabhail tlachd aim a bhith 'uilgeadh sios na muinntir a th' 
air an togail suas. C'air, am bheil iadsan a tha gu foisneach 
a' mealtainn an t-sonais a tha iad a' faighinn uaithe, agus 
aig am bheil beatha shocair gun dragh gun bhron V 

Air do'n righ a bhith air a lionadh le truas ris an duine 
og anus an t-suidheachadh 's an robh e, ghuidh e air gu'n 
innseadh e gun dail dha aobhar a bhroin. 

.5 



66 



" Och ! mo tkighearna," ars' an duine eg, " Cionnus a 
tha e comasach dhomhsa gun a bhith 'sileadh nan deur gun 
stad T 

An uair a thuirt e so, thog e 'aodacb, agus leig e ris do'n 
righ, nach robh 'na dhuine dheth acb na bba os cionn a 
leasraidh, agus gu'n robb a' chuid eile dheth 'na chloich 
mharmoir. 

Ghabb an rigb ioghnadh anabarrach an uair a chunnaic ean 
staid mhuladach anns an robh an duine og, agus thuirt e ris, 
" Am feadh 's a tha do shuidheachadh a' cur uamhais agus 
iogbnaidh orm, tha mi a' miannachadh gu mor gu'n 
innseadh tu dhomh eachdraidh do bheatha. Feumaidh gu'm 
bheil i anabarrach iongantach, agus tha mi de'n bbeachd 
gu'm bheil co-cheangal eadar i agus an lochan 's an t-iasg. 
Tha mi, air an aobhar sin, a' guidhe ort, gu'n innis thu 
dhomh i. Bheir e aotromachdh dhut an eachdraidh 
innseadh ; oir tha fios is cinnt agam gu'm faigh daoine a tha 
mi-fhortanach aotromachadh, an uair a dh' innseas iad am 
mi-fhortan do dhaoine eile. 

" Bheir mi de thoileachadh dhut gu'n innis mi m' each- 
draidh," ars' an duine og, "ged nach urrainn domh sin a 
dheanamb gun mo dhoilghios urachadh. Ach tha mi 'g 
innseadh dhut roimh laimh gu'm faic 's gu'n cluinn thu na 
chuireas barrachd mor a dh' ioghnadh ort na h-uile rud a 
chunnaic 's a chuala 's a smaoinich duine riamh." 



CAIB. VII. 

B' e m' athair Righ nan Eileanan Dubha. Fhuair an 
rioghachd an t-ainm so o na ceithir beanntan beaga a tha 
faisge air a' chaisteal so. B' e eileanan a bh' anns na 
beanntan so an toiseach, agus bha ceanna-bhaile na rioghachd 
far am bheil an lochan a chunnaic tu. Gheibh thu fios anns 



na bheil agam ri' innseadh air mar a thainig cuisean gu bhitli 
mar a tha iad. 

Dh' eug m' athair an uair a bha e mu thri fichead 
bliadhna 's a' deich a dh' aois. Thoisich mise air riogh- 
achadh an deigh a bhais. Cha robh mi fada 'nam righ an 
nair a phos mi nigbean bhrathar in' athar. Bha h-uile 
aobhar agam air a bhith 'smaointeaa gu'n robh gaol gu 
leor aice orm ; agus, air mo shon fhein dheth, bha tlachd 
anabarrach agam dhise. Bha sinn fad choig bliadhna cho 
miadhail 's cho measail air a cheile ri dithis a bha beo. Aig 
ceann na h-uine sin thuig mi nach robh meas sam bith aicese 
orm. 

Air latha araidh, am feadh 's bha ise amis an taigh- 
fharagaidh, thainig an cadal orm an deis dhomh mo dhinneir 
a ghabhail, agus leig mi mi-fhein 'nam shineadh air langsaid. 
Bha dithis de na mnathan-coimhideachd aicese anns an 
t-seomar, agus an uair a shaoil iad gu'n robh mi air tuiteam 
'nam chadal, shuidh te dhiubh aig mo cheann, agus an te 
eile aig mo chasan, agus leis a' ghuite a bha 'n laimh gach 
te dhiubh, bha iad a' toirt fionnarachd dhomh, agus a 
cnmail uam nan cuileag. An uair a shaoil iad gu'n robh mi 
air tuiteam ami an cadal trom, thoisich iad ri bruidhinn gu 
beag ri 'cheile. Ach ged a bha mo shuilean duinte, cha 
robh mi 'nam chadal idu, agus chuala mi a h-uile facal a 
thubhairt iad. 

Thuirt te dhiubh, " Nach mi-chiatach an gnothach do'n 
bhanrigh a bhith cho suarach mu'n righ 's a tha i, agus e 
ma dhuine cho tlachdmhor amis gach doigh 1 " 

" Gu dearbh is eadh," ars' an te eile. "Air mo shon 
fhein dheth, cha 'n 'eil mi idir a' tuigsinn ciod is ciall do'n 
obair a th' aice. Cha 'n 'eil fhios again c'ar son a tha i 'falbh 
am mach a h-uile oidhche, agus 'g a fhagail-san 'na onar ! 
An urrainn e bhith nach 'eil fhios aige air ? " 



68 



" Ochan ! cia mar a b' urrainn da fios a bhith aig' air? 
Tlia i 'toirt deoch-chadail dha a h-uile oidhche, agus caidlidh 
e cho trom ris a' chloich gu madainn. An uair a chaidleas 
e, faodaidli ise a dhol taobh sam bith a thogras i. Ann an 
soilleireachadh an latha tha i tighinn dachaidh agus a laidhe 
comhladh ris, agus tha i'ga dhusgadh le faileadh rud eiginn 
a tha i 'cur ri 'shroin," ars' a' cheud te a labhair. 

Mo thighearna, faodaidh tu 'thuigsinn gu'n do chuir an 
comhradh so ioghnadh anabarrach orm, agus gu'n do'n chuir 
e gu mor gu smaointean mi. Ach ged a chuir e dragh mor 
orm, cha do leig mi orm gu'n cuala mi aon fhacal de na 
labhair iad ri' cheile. An ceaim beagan uine thoisich mi ri 
gluasad mar gu'm bithinn air dusgadh a cadal trom, agus 
dh' eirich mi bhar na langsaid. 

An uair a thainig a' bhanrigh dhachaidh as an taigh- 
fharagaidh, ghabh sinn ar suipeir, agus mu'n deachaidh sinn 
a laidhe thug i dhomh, mar a b' .-ibhaist dhi, lan cupa de 
dheoch a rinn i fhein dhomh ; ach an aite an deoch ol, thilg~ 
mi gun fhios dhi na bh' aims a' chupa 'mach air an 
uinneig, agus thug mi dhi an cupa air ais. 

Chaidh sinn a laidhe comhladh, agus ami an. ceann beagan 
uine, air dhise saoilsinn gu'n robh mi 'nam chadal, dh' eirich 
i, agus chuir i uimpe. Mu 'n deachaidh i 'mach as an 
t-seomar thuirt i, " Caidil, agus na bu tig an latha 'dhuisgeas 
tu ! " 

Cho luma luath 's a chaidh i 'mach as an t-seomar 
ghrad dh' eirich mi, agus chuir mi umam cho cabhagach 's a 
rinn mi riamh. Thug mi learn claidheamh agus lean mi i 
cho luath 's a b' urrainn domh. An uair a thainig mi cho 
dluth dhi 's gu'n robh mi' 'cluinntinn fuaim a cas, rinn mi air 
mo shocair, agus choisich mi 'n a deigh cho failidh 's a b' 
urrainn domh air eagal gu'n cluinneadh i mi. Chaidh i 
steach air caochladh dhorsan, a dh' fhosgail dhi leotha fhein, 
an uair a labhair i facail dhraoidheachd. Mu dheireadh dh' 



G9 



fhosgail i dorus a' gharaidh, agus chaidh i steach. Stad mi 
tiotadh aig an dorus air eagal gu'm faiceadh i mi an uair a 
bha i 'coiseachd tarsuinn air an reidhlein, agus bha mi 
cumail suil oirre cho math 's a leigeadh an dorchadas leam, 
gus am facaclh mi gu'n deachaidh i steach do bhad beag de 
choille iosail, far an robh rathad caol le callaid air gach taobh 
dheth. Chaidh mi dh' iounsuidh na coille so air rathad eile, 
agus sheas mi air cul na callaid feuch c : od a chithinn no 
'chluinninn, agus chunnaic mi ise 's i coiseachd comhladh ri 
nrionnach. 

Bha mo chluas fosgailte ris a' chomhradh a bh' eatorra, 
agus chuala mi ise ag radh ris : "Cha 'n 'oil e ceart dhut a 
bhith 'cur as mo leith-sa gu 'm bheil mi suarach ran d' 
dheidhinn. Tha fhios agad gle mhath gu'n do dhearbh mi 
dhut ann an iomadh doigh gu 'm bheil tlachd mor agam 
dhiot, agus mur foghainn na dearbhaidhean a thug mi dhut 
mar tha leat, tha mi deas gu dtarbhaidhean a's mo a thoirt 
dhut. Cha 'n 'oil agad ach ni sam bith iarraidh orm, agus 
bheir mi dhut e. Ma's miann leat e, leagaidh mi am baile 
mor so agus an luchart a dh' iounsuidh an lair mii'ii eirich 
(i ghrian, agus ni mi madaidh-alluidh is cotnhchagan is 
fithich de na h-uile duine beo a, th' ann. Ma 's miann leat 
e, cuiridh mi a h-uile clach a th' anus na ballachan laidir so 
.air cul an t-saoghail far nach fhaic duine beo iad." 

An uair a chriochnaich a' bhanrigh na briathan so, bha i 
fhein 's a leannan air tighinn gu ceann an rathaid direach 
air mo bheulaobh. Tharruinn mi 'n claidheamh, agus bhuail 
mi esan ami an cul na h-amhaich, agus leag mi e. Shaoil 
mi gu'n do mharbh mi e, agus air an aobhar bin, thug mi mo 
chasan as cho luath 's a bh' agam. Cha robh toil agam gu'm 
faigheadh a' bhanrigh am mach gur mi a V>h' ann, agus cha 
bu mho na sin a bha toil agam cron sam bith a dheanamh 
oirre, o'n a bha i daimheil dhomh. 



70 



Bheireadh a' bhuille a thug mi dha am bas dha 's a r 
mhionaid, mur b' e gu'n do chum ise beo e le draoidheachd. 
Ach cha robh e ach eadar a bhith marbh 's a bhith beo. 

Air mo thilleadh do 'n luchairt, ghabh mi tarsuinn a ? 
gharaidh, agus chuala mi ise a' glaodhaich gu muladach. 
Thuig mi gu'n robh i fo mhor dhoilghios, agus bha mi 
toiliehte nach do chuir mi gu bas i. 

An uair a chaidh mi do'n t-seomar-chadail, chaidh mi 
'laidhe, agus air dhomh a bhith toiliehte gu'n d' rinn mi 
dioghaltas air an duine eucorach a rinn an t-olc orm, thuit 
mi 'nam chadal. An uair a dhuisg mi s' a' mhadainn, bha 
'blianrigh 'na laidhe ri m' thaobh. Cha 'n urrainn domh a 
radh co dhiubh a chaidil no nach do chaidil i. Ach dh' 
eirich mise gu bog, balb as an leabaidh, agus chaidh mi do 
sheomar eile, far an do chuir mi uraara m' aodach. 'N a 
dheigh sin chaidh mi 'mach a shocrachadh gnothaichean na 
rioghachd maille ris na comhairlichean. An uair a thill mi 
steach, thainig a' bhanrigh far an robh mi 's i comhdaichte 
le aodach dubh, agus a fait gun chireadh sgaoilte sios m' a 
suilean, agus pairt dheth air a spionadh. " Le'r cead, a 
righ," ars' ise, " na cuireadh e ioghnadh oirbh mise 'fhaicinn 
anns an t-suidheachadh so. Fhuair mi tri naigheachdan 
comhladh a chuir fo throm-dhoilghios mi, agus cha 'n 'eil 
anns a' chulaidh-bhroin so a chi sibh orm ach comharradh 
faoin air an trom-bhron fo 'm bheil mi." 

" Mo chreach ! ciod e an droch naigheachd a fhuair Lhu,' 
arsa mise. 

" Bas mo mhathar," ars' ise ; " bas m' athar, a chaidh a 
mharbhadh aim an cath, agus bas fir de m' bhraithean, a 
chaidhe le creig." 

Cha do mi-chord e rium gu'n do ghabh i an leithsgeul so 
a chum falach a chur air fior-aobhar a broin, agus bha mi 
'smaointean nach do ghabh i amhrus gur mi a mharbh a 
leannan. 



71 



" A bhean," arsa mise, " cha 'n 'eil mi 'cur coire sam bith 
ort air son a bhith fo bhron. Tha mi 'g innseadh dhut le 
lirinn, gu 'm bheil bron ormsa mar an ceudna. Bhiodh 
ioghnadh gu leor orm mur biodh bron ort air son bas 
dhluth-chairdean. Lean romhad mar a tha thu ; is math an 
comharradh air do nadar a bhith fo bhron. Ach cha mi 'n 
dochas gu'n teid do bhron na 's lugha ri uine." 

Chaidh i d'a seomar fhein, far an do chuir i seachad 
bliadhna ri bron 's ri caoidh 's ri tuiream. An ceann na 
bliadhna dh' iarr i cead orm aite-adhlacaidh a thogail dhi 
fhein aig an luchairt, far an gabhadli i comhnuidh, thuirt i 
riam, gu latha 'bais. Thug mi cead dhi sin a dheanamh ; 
agus thog i taigh eireachdail, agus mullach cm inn air, a 
chithear as a so. Thug i Talla nan Deur mar ainm air. An 
uair a bha e criochnaichte, thug i a leannan as an aite 's an 
do chuir i e an oidhche a lot mise e, agus chuir i ami an 
Talla nan Deur e. Chum i o bhasachadh e le deoch a bha i 
toirt clha a h-uile latha o'n uair ud. 

Gidheadh, a dh' aindeoin a draoidheachd, cha b' urrahm 
di an creutair graineil a leigheas. Cha 'n urrainn e e< >is- 
eachd no e fhein a chuideachadh, agus cha mho a theid aige 
air facal bruidhne a dheanamh. Cha 'n 'eil de choltas air 
gu'm bheil beatha ann ach gu'n amhairc e oirre. Ged nach 
'eil de thoileachadh aice ach a bhith 'g a fhaicinn, agus a 
bhith 'labhairt ris mu thimchioll nan nithean faoine a tha 
'dusgadh suas 'na h-inntinn thruaillidh fhein, gidheadh, tha 
i 'dol da uair 's an latha far am bheil e, agus a' fuireach 
greis mhath 'na chuideachd. Tha fhios agamsa air so gle 
mhath, ged a tha mi 'leigeadh orm nach 'eil. 

Air latha araidh chaidh mi do Thalia nan Deur a dh 
fhaicinn ciod an obair a bh' aice ; agus air dhomh a dhol a 
dh' aite amis nach fhaiceadh i mi, chuala mi i 'bruidhinn ris 
mar so : " Tha e 'cur doilghios ro mhor orm a bhith 'g ad 
fhaicinn anns an t-suidheachadh so. Tha mi 'tuigsinn cho 



72 



math riut fhein gu'm bheil thu 'fulang piantan cruaidhe ; 
ach a luaidh rno chridhe, ged a tha mi an comhnuidh a' 
bruidhinn riut, cha n' 'eil thu 'g am fhreagairt uair sam 
bith. Cia fhad a leanas tu air a bhith 'nad thosd ! Abair 
aon fhacal rium. Ochau ! is e an uine a tha mi 'cur 
seachad an so arm an co-fhaireachadh ruit 'nad throm- 
thrioblaid, an uine a's solasaiche a tha mi 'caitheamh dhe 
m' bheatha. Cha 'n urrainn domh a bhith beo mur bi mi 
dluth dhut, agus b' fhearr learn a bhith aig gach am maille 
riut na ged a gheibhinn ionmhas an t-saoghail uile." 

Bha i 'caoidh 's ag ochanaich gu trom an am a bhith 
'labhairt nam briathran so ris ; agus an uair a bha mi greis 
mhath 'g a h-eisdeachd 's i air a' chaitheamh so gun sgur, 
cha b' urrainn domh cumail orm fhein na b'fhaide. Thainig 
mi as an aite 's an robh mi 'g am fhalach fhein, agus thuirt 
mi rithe, " A bhoirionnaich gun chiall, tha thu fada gu leor 
ris an obair sin. Tha thu leis an obair a th' agad a' cur 
eas-urram ort fhein agus ormsa. Grad sguir dheth. Dhi- 
chuimhnich thu buiieach glan gu'm bheil thu fo chomain 
mhoir dhomhsa. 

" A dhuine," ars' ise, " ma tha caoimhneas no iochd sam 
bith 'nad chridhe dhomhsa, tha mi 'guidhe ort gu'n leig thu 
mo chead fhein dhomh. Leig learn mi fhein a thoirt suae 
gu buiieach do'n bhron so nach treig mi fhad 's a bhios mi 
beo." 

An uair a chunnaic mi nach d' rinn mo chomhairle de 
dh' fheum dhi ach a fagail na bu raige na bha i riamh, leig 
mi leatha, agus dh' fhalbh mi. Lean i air a bhith 'dol a 
h-uile latha fad da bhliadhn' iomlan far an robh e a 
chaoidh 's a thuiream 's a bhruidbinn ris. 



73 



CAIB. VIII. 

Chatdh mi an dara uair do Thalia nan Deur a dh' fhaicimi 
na h-obrach a bh' aice. Dh' fhalaich mi mi-fhein mar a rinn 
mi roimhe, agus chuala mi i 'g radh ri' 'leannan : " Tha 'nis 
tri bliadhna o nach dubhairt thu aon fhacal rium. Ged a 
tha mi 'labhairt riut aim am briathran gaoil, agus a' caoidh 
's ag osnaich air do sIiod, cba 'n 'eil thu 'toirt freagairt sam 
bith dhomh. An aim o chion faireachaidh no o shuaracbas 
a tha thu 'fuireach samhach ? uaigh ! an do lughdaich 
thu an gradh a bha aige dhomh? An do dhuin thu na 
suilean a bha 'nochdadh mor-ghradh dhomh, agus a bha dhomh 
mar m' uile aoibhneas? Cba chreid mi gu'm bheil ni de'M 
t-seorsa tior. Ach innis dhomh ciod am miorbhuil leis am 
bheil thu 'tasgaidh suas an ionmhais a's mo a th' air an 
t-saoghal." 

Mo thighearna, feumaidh mi aideachadb gu n do 
bhrosnaich na briathran so mo nadar gu feirg anabarraich ; 
oir, a dh' aon fhacal, cba robh amis an duine so air an robh 
a leithid de mheas aice, ach duine dubh gun mbeas gun chliu 
a rugadh aims na h-Innsean. Tha mi 'g radh gu u robh mi 
air mo bhrosnachadh cho mor leis na briathran a labhair i 's 
ga 'n do leum mi 'mach as an aite an robh mi am falach, 
agus gu 'n dubhairt mi, " uaigh ! car son nach "eil thu 
'slugadh suas an da uile-bheisd mhi-nadarra so ? " 

Mu 'n gann a labhair mi na briathran so, dh' eirich a' 
bhanrigh 'na seasamh, agus i comhdaichte aim an aodach 
dubh, agus thuirt i le feirg, " A dhuine chruaidh-chridhich, 
is tusa bu cheann-aobhar do mo bhron. Na bi 'smaoineachadh 
ga 'm bheil e an an-fhios dhomhsa. Chum mi so an cleitb 
tuilleadh is fada. Ts i do dhroch lamh-sa a chuir mo roghainn 
a dh' fhearaibh an t-saoghail anus an t-suidheachadh bhronach 
anus am bheil e ; agus tha thu cho cruaidh-chridheach 's gu'n 
d' thainig tu a thoirt tair is masladh dha." 



74 



"Tha sin nor gu leor," arsa mise, "is mi a rinn e gun 
teagamh ; agus is math a b' airidh a' bheisd air. Bu choir 
dhomh a bhith air a'" cheart dhiol a dheanamh ortsa. Tha 
aithreachas orm a iris nach d' rinn mi e ; oir tha thu 'deanamh 
mi-fheum de 'n chaoimhneas a nochd mi dbut." 

An tiair a thuirt mi so, tharruinn mi 'n claidheamh as an 
truaill, agus thog mi mo lamh gus a marbhadh. Ach sheall 
i gu dur orm, agùs thuirt i 's i le fanaid a' deanamh gaire, 
" Cuir stad air do chorruich." Aig a' cheart am labhair i 
briathran nach do thuig mi ; agus 'na dheigh sin thuirt i, 
" Le cumhachd mo dhraoidheachd, tha mi 'g ordachadli 
gu 'm bi an dara leith dhiot aims a' mhionaid air a thionndadh 
gu cloich, agus gu 'm bi an leith eile dhiot 'na dhuine." Mo 
thighearna, amis a' mhionaid bha mi air mo dheanamh mar a 
tha thu 'g am fhaicinn— an dara leith dhiom 'na chloich, 
agus an leith eile ? na dhuine. 

An deigh dhi mo chruth atharrachadh mar so, thug i 
do 'n talla so mi. 'Na dheigh sin rinn i lochan de cheanna- 
bhaile na rioghachd. Is e sin an lochan a chunnaic tu mu n 
d' thai nig tu an so. Is e an t-iasg air am bheil na 
ceithir dathan, na eeitlrir seorsachan sluaigh, de chaochla'lh 
aidmheilean, a bha 'fuireach aims a' bhaile. Is it d na h-eisg 
gheala na Mahomadanaich ; is iad na Persianaich, a tha 
'deanamh aoraidh do'n teine, na h-eisg dhearga ; is iad na 
Oiosduidhean na h-eisg ghorma ; agus is iad na h-Iudhaich 
na h-eisg bhuidhe. B' iad na ceithir beanntan beaga a tha 
mu 'n cuairt de 'n lochan, na ceithir eileanan o 'n d' fhuair 
an rioghachd a h-ainm. Dh' innis i-fhein dhomh gu 'n d' rinn 
i so an cieis dhi mo chur amis an aite so, a chum am barrachd 
dragha 's trioblaid a chur air m' inntinn. Ach cha do ghabh 
i leis a so. Cha 'n fhoghnadh leatha mo chruth fhein 
atharrachadh, agus mo shluagh 's mo rioghachd a sgrios, ach 
a chum an tuilleadh dioghaltais a dheanamh orm, tha i 
'tighinn an so a h-uile iatha, agus an deis dhi mo rusgadh, 



75 



tha i 'toirt dhomli coig fichead buille le cuip eadar an da 
shlinnein, agus mar so, tha m' fhuil gu talamh aicc a li-uile 
latha. An uair a ni i an droch dhiol so orm, tha i cur aodach 
cruaidh, curs, leith ri m' fheoil bhruite, agus air uachdar sin 
tha i 'cur umam an trusgain mhaisich so a chi thu orm, cha 'n 
ann a chum urram a thoirt dhomh, ach a chum fanaid a 
dheanamh orm." 

An deigh do'n phrionnsa an naigheachd so innseadh do'n 
righ, shil e na dcoir gu frasach. Chuir an naigheachd a 
leithid de dhragh air an righ 's nach b' urrainn e aon fhacal 
a radh. 

Beagan nine 'na dheigh sin, thog am prionnsa 'shuilean 
suas gu neamh, agus thuirt e, "A Chruithfhir mhoir nan 
uile nithean, tha mi gu h-umhail a 1 toirt geill do d' bhreith- 
eanais, agus do dh' orduighean do fhreasdail. Tha mi 'giulan 
gu foighidneach leis gaeh deuchainn chruaidh a tha 'tighinn 
'nam rathad, o'n is e do thoil-sa 'th' ann. Tha mi 'n dochas 
gu n toir thu 'nad mhor mhathas duais dhomh." 

Bha 'n righ air a bhrosnachadh gu mor leis an naigheachd 
iongantaich so, agus chuir e roimhe gu'n deanadh a dioghaltas 
trom air a' bhoirionnach eucorach a rinn a leithid a dh' ole 
air a' phrionnsa 's air a rioghachd. Thuirt e ris a' phrionnsa, 
" Innis dhomh c' aite am bheil a' than-draoidh aingidh a'' 
fuireach, agus c' aite am bheil an duine graineil ud a tha cho 
measail aice 'na laidhe Ì " 

" Mo thighearna," ars' am prionnsa, " mar a dh' innis mi 
dhut cheana, tha esan ann an Talla nan Deur 'na laidhe 
ami an seomar anabarrach maiseach air am bheil mullach 
cruinn. Tha 'n Talla dluth air geata 'chaisteil so. Cha 'n 
urrainn domhsa bhith cinnteach c' aite am bheil ise a' cur 
seachad na h-uine an uair nach bi i comhladh risan far am 
bheil e 'na laidhe. Ach a h-uile madainn aig eirigh na 
greine tha i 'dol g' a amharc. Na dheigh sin tha i 'tighinn 
an so a dheanamh dioghaltais ormsa, mar a dh' innis mi 



76 



dhut ; agus tha thu a' faicinn nach urrainn domhsa mi 
fhein a dhion uaipe. That i 'toirt dibhe dha uair 'san latha, 
leis am bheil i 'g a chumail o bhasachadh ; agus tha i an 
comhnuidh a' gearain nach do bruidhinn e riamh rithe o'n 
oidhche 'lotadh e." 

" Bu tu ceann a' chruaidh-fhortain," ars' an righ ; " cha 
'n urrainnear trims gu leor a bhith riut ! Cha do thacliair 
a leithid de chruaidh-rnortan ri duine riamh roimhe; amis 
ge b'e a sgriobhas eachdraidh do bheatha, bi iomadh ni 
aige ri sgriobhadh a bheir barr-urram ami an iongantas 
air ni sam bith a chaidh a sgriobhadh riamh roimhe. 
Is e trom-dhioghaltas a dheanamh oirrese air son mar a 
rinn i ortsa, an ni a tha nis ri dheanamh, agus ni mise na's 
urrainn mi a chum sin a dheanamh." 

'Na dheigh sin dh' innis an righ do'n phrionnsa, co e, agus 
an t-aobhar air son an d ; thainig e do'n chaisteal. Dh' innis 
e dha mar an ceudna an doigh aims an robh e 'smaointean 
a b' fhearr a rachadh aige air dioghaltas a dheanamh air an 
droch bhoirionnach. An uair a chuir iad an comhairle ri 
cheile mu'n chuis, shuidhich iad gu'n rachadh an righ all 
ceann a' ghnothaich an l'ar-na-mhaireach. 

Anns an am bha moran de'n oidhche air a dhol seachad, 
-agus chaidh an righ a ghabhail mu thamh. Chuir am 
Tjrionnsa seachad an oidhche mar a b' abhaist dha gun 
norradh cadail ; oir cha do dhuin a shuil riamh o'n latha 
'chuireadh fo gheasan e. Ach bha dochas aige gu'm 
faigheadh e fuasgladh an uine ghoirid. 

An la'r-na-mhaireach dh' eirich an righ mu'n do shoill- 
eirich an latha, agus, a chum an ni a bha 'na bheachd a chur 
an gniomh, chuir e an t-aodach-uachdair a bha uime ami am 
falach, agus chaidh e do Thalia nan Deur. Bha aireamh 
mhor do choinnlean geala, ceireach, laiste anus an Talla, 
agus bha bocsaichean briagha, oir aim luma-lan de dh' olla 



ì , 

chubhraidh de gach seorsa 's iad fosgailte, agus air an cur 
aim an ordugh gu ciatach. Cho hiath 's a chunnaic e an 
leabadh aims an robh an duine dubh 'na laidhe, ghabh e far 
an robh e, agus thug e'n ceann dheth leis a' chlaidheamh. 
Shlaod e an corp am mach as an Talla, agus thilg e aim 
tobar e. 'X a dheigh sin chaidh e do'n leabaidh aims an 
robh an duine dubh, agus an claidheamh aige am falach fo'n 
aodach. 

Cha robh e fada 'na laidhe an uair a thainig a bhan- 
draoidh. Chaidh i an toiseach do 'n t-seomar aims an robh 
am prionnsa, agus thug i dheth an t aodach, agus ghabh i 
dha leis a' chuip mar a b' abhaist dhi. Bha am prionnsa 
truagh a' caoidh 's a' glaodhaich cho ard 's gu'n cluinnteadh 
an taobh am muigh de'n taigh e ; ach cha deanadh sin feum 
dha. Ged a ghuidh e gu durachdach oirre truas a ghabh- 
ail dheth, cha stadadh i gus an d' thug i dha coig fichead 
buille. " Cha robh truas agad fhein ri mo leannan-sa," ars' 
ise, "agus cha ruig thu leas duil sam bith a bhith agad gu'n 
gabh mise truas riutsa." 

An uair a thug i dha na coig fichead buille, chuir i uime 
an t-aodach mar a bha e roimhe. 'Na dheigh sin chaidh i 
do Thalia nan Deur, agus cha bu luaithe a chaidh i steach 
na thoisich i ri caoidh 's ri tuiream mar a b' abhaist dhi. 
An sin chaidh i dluth do'n leabaidh, agus i'n duil gur e a 
leannan a bha 'na laidhe innte. " Nach cruaidh-chridheach 
an gnothach," ars' ise, " dragh-inntiim a chur air aon a thug 
gradh seachad cho teith 's cho durachdach riumsa ! thusa 
'tha 'toirt beum dhomhsa a chiomi gu'm bheil mi 'deanamh 
dioghaltais ort ! a phrioimsa chruaidh-chridhich ! nach 'oil 
an gniomh borb a rinn thusa moran na : s miosa na 'n diogh- 
altas a tha mise a' deanamh ortsa ! Ah, mhealltair, an 
uair a thug thusa oidhirp air beatha 'n fhir do'n d' thug mise 
gradh a thoirt air falbh, nach d' thug thu uamsa mo 
bheatha fhein 1 Ochan," ars' ise, 's i 'labhairt ris an righ, 



78 



an duil gu'n robh i 'labhairt ris an duine dhubh, " mo 
ghrian, mo bheatha, am bi thu 'nad thosd a ghnath ? Am 
bheil thu suidhichte gu'n leig thu learn am bas fhaotaiim 
gun a thoirt dhomh de thoileachadh na dh' innseas dhomh 
gu'm bheil gaol agad orm Ì Tha mi guidhe ort, a ghaoil mo 
chridhe, gu'n abair thu aon fhacal rium." 

Thug an righ smuaisleachadh air fhein mar gu'm biodh e 
air dusgadh a trom-chadal, agns fhreagair e ami an cainnt 
nan daoine dubh, " Cha 'n 'eil neart no cumhachd ann an 
neach sam bith, ach ann an Dia, a mhain." 

An uair a chuala i na briathran so, ghlaodh i le mor- 
aoibhneas. " Mo mhaighstir graidh," ars' ise, "-am bheil mi 
'toirt orm fein ni a chreidsinn nach 'eil fior ? Am bheil e 
nor gu'm bheil mi 'g ad chluinntinn a' labhairt rium V 

"Achreutair thruaillidh," ars' an righ, "am bheil thu 
airidh gu'm freagrainn-sa do bhriathran V 

"Oohan!" ars' ise, " c'ar son a tha thu 'toirt maslaidh 
dhomh mar so V 

" Tha glaodhaich is osnaich is deoir d' fhir," ars' esan, 
" agus am masladh 's an crnas cridhe leis am bheil thu 
'deanamh dioghaltais air a h-uile latha, 'g am chumail-sa 
gun norradh cadail a dh' oidhche 's a latha. Is fhad' o 'n a 
bha mise slan fallainn, agus comasach air bruidhinn rint, 
nan do thog thu dheth do gheasan. Is e an droch dhiol a 
th' agad air a tha 'g am chumail-sa gun chomas bruidhne." 

" Gle cheart," ars' ise, " gu slainte, agus fois inntinn a 
thoirt dhut, tha mise deas gu ni sam bith a dheanamh a dh' 
iarras tu orm. Am bu mhiann leat mi 'ga chur 's a' chruth 
; s an robh e roimhe '?" 

" Bu mhiann," ars' an righ ; " greas ort, agus thoir a 
shaorsa dha, a chum nach bi a ghlaodhaich 's a ghearain a ? 
cur dragh' orm tuilleadh." 



79 



CAIB. IX. 

Dh' fhalbh i 's a mhionaid am rnach a Talla nan Deur. 
Thug i leatha cupa lan uisge, agus labhair i briathran os a 
chionn a thug air an uisge a bhith goil mar gu 'm biodh e 
air an teine. 'Na dheigh sin chaidh i do 'n t-seomar anns an 
robh am prionnsa 'na shuidhe, agus thilg i an t-uisge air, ag 
radh, " Ma chuir Cruithfhear nan uile nithean thu anns a, 
chruth 's am bheil thu an drasta, no ma tha fearg air riut, 
bi mar a tha thu ; ach ma 's ann le mo draoidheachd-sa 
thainig tu gu bhith anns a' chruth sin, bi mar a bha thu 
roimhe." 

Cha bu luaithe a labhair i na briathran so na dh' eirich 
am prionnsa as an aite an robh e, agus e 'na chruthachd 
nadarra mar a bha e mu 'n do chuireadh fo na geasan e. 
Air dha bhith lan aoibhneis thug e taing do Dhia. 

Thuirt ise ris, " Gabh am mach as a' chaisteal, agus na 
tig air ais gu brath tuilleadh, ar neo ma thig, cha bhi 'n 
tuilleadh saoghail agad ! " 

An uair a chuala e so, dh' fhalbh e 'mach gun aon 
fhacal a radh rithe, agus chaidh e do dh' aite iomallach far 
an d' fheith e gas am faiceadh e cia mar a rachadh gnoth- 
aichean leis an righ. 

Aig a' cheart am thill ise do Thalia nan Deur ; agus air 
dhi duil a bhith aice gu'n robh i 'labhairt ris an duine dhubh, 
thuirt i, "A ghaoil mo chridhe, rinn mise mar a dh' iarr thu 
orm ; na cumadh ni sam bith a nis thu o gach toileacheadh 
a bha dhith orm o chionn uine fhada 'thoirt dhomh." 

Thuirt an righ rithe, ami an cainnt nan daoine dubha, 
" Cha dean na rinn thu an gnothach air mise a leigheas idir. 
Thug thu faothachadh mor dhomh ; ach feumaidh tu freumh 
an tinneis a thoirt a bun." 

" Mo ghradh dubh," ars' ise, " ciod a tha thu 'ciallachadh 
le freumh an tinneis V 1 



80 



" A. bhoirionnaich mi-shealbhaich," ars' an righ, "nach 
'eil thu idir a' tuigsino, ga 'in bheil mi a' ciallachadh a' 
bhaile, agus an luchd-aiteachaidh, agus na ceithir eileanan a 
sgrios thu le d' dhraoidheachd. Tha 'n t-iasg a h-uile 
oidhche aig a' mheadhain-oidhche a' togail an cinn as an 
lochan, agus a' glaodhaich dioghaltais 'nad aghaidh fhein 's 
'n am aghaidh-sa. Is e so is aobhar nach 'eil mise air mo 
leigheas. Bi falbh cho luath 's a rinn thu riamh, agus cuir 
gach ni mar a bha e roimhe, agus an uair a thilleas tu, bheir 
mise dhut mo lamh, agus cuidichidh tu mi gu eirigh." 

An uair a chuala i na briathran so thog i a guth le iolach 
aoibhneis, agus thuiit i, " Mo chridhe, mo bheatha, bidh do 
shlainte air a h-aiseag dhut gun dail, oir ni mise mar a tha 
thu 'g iarraidh orm." 

Anns a' mhionaid dh' fhalbh i. An uair a rainig i bruach 
an lochain thog i lan a boise de 'n uisge, agus an uair a 
labhair i briathran os a chionn, chrath i air an lochan e, agus 
bha am baile aim an tiotadh air a chur mar a bha e roimhe. 
Bha 'n t-iasg 'nam fir 's 'nam mnathan 's nan cloinn — 
Mahomadanaich is Criosduidhean is Persianaich is Iudhaich, 
daoine saora io traillean, mar a bha iad roimhe 'nan cruth 
nadarra fhein. Bha na taighean 's na buithean lan dhaoine 
mar a bha iad mu 'n do chuireadh fo gheasan iad. Ghabh 
an sluagh a thainig thun an lochan comhladh ris an righ 
ioohuadh mor an uair a fhuair iad iad-fhein amis am meadhain 

o 

a' bhaile. 

Cho luath 's a thog ise na geasan bhar a' bhaile 's bhar 
nan daoine, thill i le cabhaig do Thalia nan Deur. An uair 
a rainig i far an robh an righ 'na laidhe, thuirt i, "Mo 
thighearna graidh, tha mise air tighinn a dheanamh gaird- 
eachais maille riut a chionn gu 'n d' fhuair thu do shlainte. 
Rinn mi gach ni a dh' iarr thu orm a dheanamh. A nis, 
eirich, tha mi 'guidhe ort, agus thoir dhomh do lamh." 



81 



" Thig clluth dhonih," ars' an righ, agus e 'bruidhinn rithe 
trim an cainnt nan Innseineach. 
Rion l so. 

" Cha 'n 'eil thu dluth gu leor dliomh," ars' esan, " thig 
na 's dluithe dhomh." 

Rinn i mar a dh' iarr e oirre. 

An sin dh' eirich e, agus rug e air ghairdean oirre cho 
ealamh 's nach robh 'dh' uine aice na thug an aire nach e an 
duine dubh a bh' ami, agus le aon bhuille de 'n chlaidh- 
eamh rinn e da leith dhith. I)h' fhag e i far an robh i, 
agus chaidh e 'mach a dh' iarraidh a' phrionnsa 's e 
'gabhail fadaehd 'g a fheitheamh an aite eiginn faisge air a' 
chaisteal. An uair a fhuair e e, rug e air 'na ghairdeanan, 
agus thuirt e, "A phrionnsa, dean gairdeachas ; cha 'n eagal 
dhut a nis, tha do dhearg namhaid marbh." 

Thug am prionnsa og mile taing do'n righ air son a' 
chaoimhneis a nochd e dha, agus ghuidh e dha saoghal fada 
is sonas mor. 

" Faodaidh tu 'na dheigh so," ars' an righ, " comhnuidh 
a ghabhail aig fois is sitli aim an ceannabhaile do riogh- 
achd fhein, mur falbh thu comhladh rium fhein, o'n a tha 
'n rioghachd again cho faisge oirnn. Is e do bheatha falbh 
'comhladh rium, far am faigh thu gach meas is urram mar a 
gheibh thu 'na do luchairt fhein." 

" A righ chumhachdaich, a chuir mise cho mor fo 
chomain," ars' am prionnsa, " am bheil thu 'smaointean gu 
'm bheil thu cho faisge air ceannabhaile do rioghachd 
fhein V 

"Tha," ars' an righ, "tha fhios agam gu'm bheil ; cha 'n 
'eil e ach mu astar leith-latha as a so." 

" Tha e astar bliadhna as a so," ars' am prionnsa. " Tha 
mi 'lan-chreidsinn gu 'n d' thai nig tu an so anns an uine a 
tha thu 'g radh o'n a bha mo rioghachd-sa fo gheasan ; ach 
o'n a thogadh na geasan dhith, tha cuisean air atharrachadh, 

6 



82 



Ach cha chum sin mise gun fhalbh comhladh riut. Raeh- 
ainn comhladh riut do 'n chearn a's iomallaiche de 'n 
t-saoghal. Thug thu dhomh mo shaorsa ; agus mar 
dhearbhadh gu'm bheil mi fo chomain anabarrach mor 
dhut, tha mi gle dheouach falbh comhladh riut, agus mo 
rioghachd fhein 'fhagail." 

Bha ioghnadh anabarrach air an righ an uair a thuig e 
gu'n robh e astar cho fad' air falbh o 'rioghachd fhein, agus 
cha robh e 'tuigsinn cia mar a b' urrainn a leithid a bhith. 
Ach thug Prionnsa nan Eileanan Dubha lan-dhearbhadh dha 
mu'n chuis. 

An sin thuirt an righ, " Is coma co dhiubh ; ged a bhios 
a draghail dhomh tilleadh do 'm rioghachd fhein, tha mo 
thurus an so gle phaighte dhomh. Tha e 'n a thoileachadh 
ro mhor dhomh thusa a chur fo chomain, agus d' fhaotainn 
gu bhith agam mar mhac, o nach 'eil mac eile agam. Tha 
mi, aim an ionad nam bonn, 'g ad dheanamh 'n ad oighre 
air mo rioghachd." 

Gun dail sam bith thoisich am prionnsa og ri deanamh 
deas air son an rioghachd 'fhagail. An ceann tri seachd- 
ainean bha gach ni aige deas gu falbh. Bha maithean is 
uaislean na rioghachd gu leir ro bhronach an am a bhith 
'dealachadh ris. Dh' fhag e an rioghachd aig an aon bu 
dluithe dha de 'chairdean. 

An uair a dh' fhalbh an righ agus am prionnsa, thug iad 
leotha ceud camhal luchdaichte leis gach ni bu luachmhoire 
a bh' ami an ionmhas a' phrionnsa, agus an leith-cheud 
marcaiche, uasal, og, a b' eireachdaile a bh' aims an riogh- 
achd. Chaidh an turns leotha cho math 's bu mhiaun 
leotha. Chuir an righ teachdairean roimhe, a dh' innseadh 
gu'n robh e air an t-slighe dhachaidh, agus a thoirt cunntas 
do mhaithean na rioghachd air gach ni a thachair dha fhad 
's a bha e air falbh. An uair a rainig e faisge air a' 
cheanna-bhaile, chaidh mor-mhaithean na rioghachd, agus 



83 



ceannardan an airm am mach as a' bhaile 'na choinneamh, 
agus dh' innis iad dha gu'n robh gach ni a bhuineadh do 'n 
riogbachd cho ceart 's cho ordail 's a dh' fhag e iad. 

Chaidh aireamh mhor cle 'n t-sluagh am mach g' a 
choinneachadh mar an ceudna, agus rinn iad fodhail mhcv 
ris. Bha mor-ghairdeachas anus an rioghachd gu leir ai 
uair a chualas gu'n do thill an righ dhachaidh gu sabhailte. 

An latha 'n deis dha ruighinn dhachaidh, thug an righ 
mion-chunntas do na h-uaislean mu thimchioll a thuruis, agus 
mu'n aobhar a chum cho fad' o 'n taigh e. Dh' innis e 
dhaibh gu'n robh Prionnsa og nan Eileanan Dubha gu bhith 
marmhac aige, agus gu'n robh e gu bhith 'na righ air an 
rioghachd an deigh a bhais fhein. Thug e tiodhlacan 
luachnihor do gach aon de mhaithean na rioghachd. 

A thaobh an iasgair, o 'n a b' ann air a shaillibh a fhuair 
am prionnsa og a shaorsa, thug an righ dha moran fortain, 
agus bha e fhein 's a theaghlach gu math dheth fad uile 
laithean am beatha. 



84 



EACHDRAIDH NAN TRI C H ALADAIREAN AGUS 
NAN COIG MNATHAN-U AISLE. 

CAIB. I. 

Ri linn Righ Haroun Alrashid, bha ann am Bagdad, 
ceannabhaile na rioghachd, portair, a bha gle dheadh- 
chaiimteach, eibhinn, ged a bha e ann an suidheachadh 
iosal. Air madainn araidh thachair dha 'bhith ami an aite 
amis am b' abhaist dha bhith 'faotainn beagan obrach. Bha 
bascaid mhor aige, agus bha suil am mach aige feuch am 
faieeadh e neach sam bith a bheireadh obair dha. Thainig 
bean-uasal og le srol air a h-aghaidh, agus i ann an trusgan 
anabarrach maiseach, far an robh e, agus thuirt i ris ann am 
briathran caoimhneil, " An cluinn thu, 'phortair, thoir leat 
a' bhascaid, agus lean mise." 

An uair a chuala 'm portair mar a labhair i cho caoimhneil 
ris, ghrad thog e a' bhascaid, agus chuir e air mullach a 
chinn i, agus lean e i, ag radh ris fhein, " Oh, latha 'n aigh ! 
nach mi 'tha fortanach an diugh ? " 

An uair a chaidh iad beagan aig aghart, stad a' bhean- 
uasal aig geata, a bha duinte, agus bhuail i aige. Dh' 
fhosgail seann duine liath, a bhagle thlachdmhor 'na choltas, 
an geata dhi. Gun fhacal a radh ris, chuir i airgiod 'na 
laimh. Thuig esan gle mhath ciod a bha dhith oirre. Thill 
e steach, agus an uine ghoirid thainig e am mach le botul 
mor 'na laimh luma lan de dheadh fhion. 

" Beir air a' bhotul," ars' a bhean-uasal ris a' phortair, 
" agus cuir anns a' bhascaid e." 



85 



An uair a rinn e so, dh' iarr i air a leantuinn. Mar a bha 
iad a' coise:ichd air an aghart, bha 'm portair ag radh ris 
fhein, " Oh, latha 'n aigh ! Nach mi tha fortanach 1 " 

Stad a' bhean-uasal aig buth-mheasan, far an do cheann- 
aich i a h-uile seorsa meas, agus luibh-fhaile, a bha ri' 
fhaotainn anus a' bhaile, Dh' iarr i air a' phortair an cur 
amis a' bhascaid agus a leantuinn. 

An sin chaidh i do bhuth an fheoladair, agus cheannaich 
i coig puinnd fhichead de 'n fheoil a b' fhearr a bh' aige, agus 
dh' iarr i air a' phortair an fheoil a thoirt leis anns a' bhascaid. 
Chaidh i o bhuthaidh gu buthaidh air feadh a' bhaile far an 
do cheannaich i corr is fichead seorsa de gach biadh is deoch 
air am b' urrainn taigh sam bith feum a chur. Mu dheireadh 
bha 'bhascaid cho lan aig a' phortair 's nach gabhadh i an 
corr. Thuirt e ris a' mhnaoi-uasail, " Bu choir dhuibh a 
bhith air innseadh dhomhsa, gu 'n robh 'n 'ur beachd na 
h-uiread a cheannach, agus gheibhinn eacn a ghiulaineadh e ; 
oir ma cheannaicheas sibh a' bheag tuilleadh, cha teid agamsa 
air a' bhascaid a ghiulan." 

An uair a chuala i so, rinn i gaire, agus dh' iarr i air a 
leantuinn. Choisich iad air an aghart gus an d' rainig iad 
taigh anabarrach mor, briagha. An uair a sheas iad aig a' 
gheata, bhuail a' bhean-uasal aig an dorus Am feadh 's a 
bha iad 'nan seasamh a' feitheamh gus an fosgailteadh an 
geata dhaibh, smaoinich am portair air mile ni. Bha 
ioghnadh air gu'm biodh bean-uasal cho ciatach rithe a' clol 
am mach a cheannach bidh. Ach dh' aithnich e air a doigh 
's air a coltas nach bu shearbhanta a bh' innte idir ; agus 
air an aobhar sin, smaoinich e gu 'm feumadh gur e nor 
bhean-uasal a bh' innte. Direach an uair a bha e 'dol a 
chur cheisdean oirre mu 'n chuis so. dh' fhosgail bean-uasal 
eile an geata. Cha 'n fhac' e boirionnach riamh mu choinn- 
eamh a dha shul cho briagha rithe. Cha mhor nach do 
leig e leis a' bhascaid tuiteam an uair a chunnais e i. 



86 



Thug a' bhean-uasal a thainig comhladh ris thun a' gheata 
an aire dha, agus bha i 'deanamh a leithid de spors air *na 
h-inntinn fhein 's nach do mhothaich i gu 'n d' fhosgladh an 
geata. Thuirt an te a dh' fhosgail an geata rithe, "A 
phiuthar, thig a steach. Car son a tha thu 'nad sheasamh 
an sin? Xach 'eil tha 'faicinn gu 'm bheil an t-eallach a th' 
air an duine bhochd cho trom 's gur gann is urrainn da 
fuireach 'na sheasamh fodha ? " 

An uair a chaidh i fhein 's am portair a steach, dhuin an 
te eile an geata. Chaidh iad 'nan triuir a steach do'n taigh. 
B ; e sin an taigh aluinn. Cha 'n fhac' am portair taigh riamh 
roimhe cho aluinn ris anns gach doigh. Bha gach ni a bha'n 
taobh a staigh de'n dorus anr an ordugh cho eireachdail 's a 
ghabhadh deanamh. Ach ma bha 'bhean-uasal a dh' fhosgail 
an geata maiseach, bu mhaisiche na sin an treas bean-uasal 
a bha 'na suidhe air cathair anns an taigh. Dh' eirich i bhar 
na cathrach cho luath 's a chunnaic i an dithis bhan-uasal 
eile, agus chaidh i 'nan coinneamh. Leis an urram a nochd 
an dithis eile dhi, dh' aithnich am portair gu 'm b' i bana- 
mhaighstir an taighe. B' e h-ainm, Sobaide ; b' e ainm na 
te 'dh' fhosgail an geata, San : agus b' e Aimiui ainm na te a 
chaidh am mach a cheannach a' bhidh. 

Thuirt Sobaide ris an dithis eile, " A pheathraichean, 
nach 'eil sibh a' faicinn gu 'm bheil an duine laghach so an 
impis tuiteam as a sheasamh leis an eallach? C ar son 
nach 'eil sibh a' togail an h-eallaich dheth V An sin rug iad 
'nan triuir air a' bhascaid, agus chuir iad air an urlar i. An 
uair a dh' fhalamhaich iad i thug Aimini deadh thurasdal 
do 'n phortair air son a shaoithreach. 

Ged a bha 'm portair gle riaraichte leis an tuarasdal a 
fhuair e, sheas e far an robh e. Bha na mnathau uaisle cho 
maiseach 's cho aoidheil 's nach iarraidh e falbh as an 
cuideachd, nan leigeadh iad leis fuireach. Ghabh e ioghnadh 
gu leor nach fhac' e firionnach 's an taigh, gu h-araidh an 



87 



tiair a thug e fa near gu 'm b' ann air son fhirionnach bu 
fhreagarraiche a bha 'chuid bu mho de 'n bhiadh a ghiulain 
e do 'n taigh amis a' bhascaid na air son bhoirionnach. 

Shaoil le Sobaide an toiseach gur ann a' leigeadh 'analach 
a bha e, o'n a bha e air a sharachadh a 5 giulan na bascaid. 
Mm dheireadh an uair a chunnaic i nach robh guth aige air 
falbh, thuirt i ris, " C ar son nach 'eil thu 'falbh ? An e 
tuilleadh tuarasdail a tha dhith ort ?" Thionndaidh i ri 
Aimini 's thuirt i rithe, " Thoir dha tuilleadha chum gu'm 
falbh e riaraichte." 

" A bhoirionnaich choir," ars' am portair, " Cha 'n e sin 
a tha 'gam chumail idir; oir fhuair mi barrachd nior air na 
choishm mi. Tha fhios agam nach 'eil e modhail dhomh 
fuireach ro fhada ; ach tha mi 'n dochas gu 'n toir sibh 
mathanas dhomh ma dh' innseas mi dhuibh gu 'm bheil 
ioghnadh orm nach 'eil firionnach aims an taigh so. Cha 'n 
'eil moran tlachd ann an taigh gun fhirionnach, agus cha 
mho a tha tlachd ann an taigh gun bhoirionnacli. Mar a 
tha 'n seanfhacal ag radh, ' Cha 'n fhiach bord mur bi 
ceathrar aige.' " 

An uair a chuala na mnathan-uaisle so thoisich iad ri 
gaireachdaich. 'N dheigh sb thuirt Sobaide, agus i mar gu 
'm biodh gruaim oirre, "A charaid, tha thu tuilleadh is 
dana ; agus ged nach ruig mise leas m' iniitinii a leigeadh 
ris dhut, gidheadh faodaidfi mi innseadh dhut, gur triuir 
pheathraichean sinn a tha 'deanamh ar gnothaichean fhein 
gu bog, balbh, gun fhios a thoirt do dhaoine eile m' an 
deidhinn. Tha h-uile aobhar againn air a bhith 'cumail ar 
gnothaichean an cleith o dhaoine gun mhothachadh. Mar a 
sgriobh duine tui°:seach o shean, ' Cum do dhiomhaireachd 
dhut fhein, agus na innis do neach sam bith i. Aon uair 
's gu 'n innis thu do dhiomhaireachd do dhaoine eile, cha 
leai fhein tuilleadh i. Mur urrainn dut fhein do dhiomh- 
.airenchd a chumail an cleith, na biodh duil agad gu'n cum 
neach eile an cleith i.' " 



88 



" A mhnathan-uaisle," ars' am portair, " an uair a 
ehunnaic mi sibh dh'aitlmich mi oirbh gu'm bu bhoirionnaich 
sibh anns am bheil tur is tuigse, agus tha mi nis a' tuigsinn 
gu math gu 'n robh a' bharail chcart agam oirbh. Ged nach 
robh mise cho fortanach 's gu 'n d' fhuair mi suidheachadh 
ard, gidheadh cha d' rirm mi dearmadair eolas is fiosrachadh 
fhaotainn o bhith 'leughadh leabhraichean-ealainn, agus 
eachdraidh. Ma 's e bhur toil e, ceadaichibh dhomh 
briathran a sgriobh duine ainmeil inuseadh dhuibh — 
briathran a bha mi 'cur ami an cleachdadh o chionn iomadh 
bliadhna. So agaibh iad ; 'Cha chum sinn ar gnothaichean 
an cleith o neach sam bith ach uathasan a tha cho beag tur 
's nach ruigeamaid a leas ar n-earbsa chur annta ; ach cha 
bhi dad againn an aghaidh ar gnothaichean agus ar 
n-hmtinnean a leigeadh ris dhaibhsan a tha cho glic 's cho 
earbsach 's gu 'n cum iad an cleith iad.' Cumaidh mise 
diomhaireachd a cheart cho sabhailte ri.ni a bhioclh ami an 
seomar glaiste 's an iuchair air chall." 

Thuig Sobaide gu 'n robh am portair 'na dhuine anns an 
robh tomhas de thur, agus dh' aithnich i gu 'n robh fior 
thoil aige a chuid de 'n chuirm fhaotainn. Thuirt i ris, agus 
fiamh gaire oirre, " Tha fhios agad gu 'm bheil cuirm gu 
bhith againn, agus tha fhios agad mar an ceudna gu 'n do 
chosg i gu leor dhumn, agus cha 'n 'eil e ceart gu 'in 
faigheadh tusa do chuid dhi gun dad a chosg rithe." 

Thuirt Safi, agus i 'cur a h-aonta ris na thuirt a piuthar, 
" A charaid, an cual' thu riamh na briathran a tha 'g radh, 
' Ma bheir thu ni leat gu cuirm, is e do bheatha : ach mur 
tabhair, tillidh tu dhachaidh falamh.' " 

A dh' aindeoin cho deadh-chainnteach 's gu 'n robh am 
portair, a reir choltais gu 'n tilleadh e air falbh 's e air a 
narachadh mur b' e gu 'n do sheas Aioiini air a thaobh. 
Thuirt i ri Sobaide 's ri Safi, " Mo pheathraichean gaoil, tha 
mi 'guidhe oirbh gu 'n leig sibh leis fuireach comhladh ruinn. 



Si) 



Tba fhios agaith gu 'm bheil e 'na dheadh fhear-cuideachd. 
Mur b' e gu 'n robh e cho easgaidh 'a cho tapaidh J s a bha 
e, cha b' urrainn dhcmhsa bhith cho trath air m' ais 's a bha 
mi. A bharrachd air sin, nam biodh fhios agaibh air cho 
modhail 's a bha e 'labhairt o 'n a thachair c rium, cha 
chuireadh e ioghnadh oirbh mi bhith 'seasamh air a thaobh. 



CAIB. II. 

An uair a chual' am portair cho math 's a labhair Aimini air 
a thaobh, bha e air a lionadh le aoibhneas anabarrach mor. 
Thuit e air a ghluinean air a beulaobh, agus phog e an 
t-urlar. Thog e a cheann, agus thuirt e, "A bhean-uasal 
mhaiseach, chuir thu fortan 'nam rathad an diugh roirahe, 
agus leis a,' chaoimhneas a tha thu toileach a nochdadh 
dhomh, tha thu nis a' cur tuilleadh ris. Cha 'n 'eil e 
comasach dhomh mo thaingealachd a chur an ceill mar bu 
mhath learn. Agus a thaobh na bheil mi gus fhaotainn de 
bhur caoimhneas na dheidh so, a mhnathan-uaisle," ars' esan 
's e 'labhairt ris an triur pheathraichean, " o 'n a chuir sibh 
urram cho mor orm, na smaoinichibh gu'n dean mi mi-fheum 
dheth, no gu'm bheil mi 'meas gur airidh mi air a leithid a 
dh' urram. Cha 'n 'eil idir. Tha mi 'g am mheas fhein 
mar aon de na seirbhisich a's isle a th' agaibh." 

An uair a labhair e na briathran so, bha e 'dol a chur air 
ais an tuarasdail a fhuair e uapa, ach dh' iarr Sobaide air a 
chumail aig fhein. " Cha ghabh sinne gu brath air ais an 
tuarasdal a thug sinn do 'n mhuinntir a rinn seirbhis 
dhuinn," ars' ise. "Ach, a charaid, tha mi 'g ad chur 'n ad 
fhaireachadh nach fhaigh thu cead fuireach ach air chumhn- 
anta nach innis thu facal gu brath mu aon ni a chi no 
'chluinneas tu, agus gu'n gluais thu thu-fhein gu h-iomchuidh 
anns gach doigh." 



90 



Anns an am, chuir Aimini dhith an trusgan a bh' oirre, 
agus chuir i uimpe trusgan eile, a chum gu'm biodh i na bu 
sgiobalta gus an dinnear a chur air a' bhord. Gu li-ullamh, 
eallamh, easgaidh, chomhdaich i am bord, agus chuir i am 
pailteas air de gach seorsa bidh. Chuir i botuil fhiona agus 
agus cupaDan oir air a' bhoid-taoibh. An uair a bha gach 
ni air a' bhord, shuidh an triuir mhnathah-uaisle aige, agus 
thug iad air a' phortair suidhe comhladh riutha. Bha 
aoibhneas anabarrach air a' phortair an uair a chunnaic e 
e-fhein aig a' bhord comhladh ri triuir mhnathan-uaisle a 
bha anabarrach maiseach. An uair a ghabh iad beagan cle'n 
bhiadh, dh' eirich Aimini o 'n bhord, agus thug i botul fiona 
agus cupan oir bhar a' bhuird-taoibh, ìion i an cupan, agus 
dh' ol i fhein an toiseach e, a reir cleachdadh na duthchadh. 
An sin lion i an cupan d' a dithis pheathraichean, agus dh'ol 
iad e. Mu dheireadh lion i an ceathramh uair e, agus thug 
i do 'n phortair e. Mu 'n d' ol e am fion ghabh e oran. So 
brigh an orain : — Mar a bheir a' ghaoth leatha faileadh 
cubhraidh, fallainn as na h-aiteachan maiseach troimh am 
bheil i 'seideadh, mar sin bha am fion a bha e gus ol na bu 
mhisle bias a lamhan Aimini na bhiodh e air dhoigh eile. 

Chord an t-oran cho math ris na nmathan-uaisle 's gu 'n 
do sheinn iad oran an te. Agus bu mhath a b' aithne 
dhaibh sin a dheanamh. 

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, bha iad cho cridheil 
's cho sunndach 's a b' urrainn a bhith fhad 's a bha iad aig 
an dinneir, agus feumar a radh nach robh cabhag orra gu 
eirigh o 'n bhord. 

Mu dheireadh, an uair a bha e teannadh dluth air 
deireadh an latha, thuirt Safi ris a' phortair, agus i 'labhairt 
'nan ainm 'nan triuir, " Eirich, agus bi falbh ; tha lan-am 
agad a bhith falbh a nis." 

Ach o 'n a bha 'chuideachd 's a' chuirm a' cordadh cho 
math ris a' phortair, cha robh iarraidh satn bith aige air 



91 



falbh. " Ochan ! a mtmathan-uaisle, 5 ' ars' esan, "c'aite ara 
bheil sibh ag iarraidh orm a dhol anns an t-suidheachadh 
anns am bheil mi. Is gaun a tha mo chiall fhein agam an 
deis na chunnaic mi o 'n a thainig mi an so ; agus o 'n a 
dh' ol mi barrachd air na b' abhaist dhomh, tha eagal orm 
nach amais mi air a dhol dhachaidh. Leigibh dhomh tamh 
na h-oidhche a gbabhail ann an aite sam bith an togair sibh ; 
oir cha teid mi 'nam aite fhein ann an nine na 's Ingha. Ach 
an nair a dh' fhalbhas mi, fagaidh mi a 5 chuid a's fhearr 
dhiom 'nam dheigh." 

Ghabh Aimini taobh a' phortair an dara nair, agus thuirt 
i, "A pheathraichean, tha e ag innseadh na firinn ; tha mi 
deon&ch 'iarrtas a thoirt dha, o 'n a thug e mar tha a' leithid 
de thoileachadh dhuinn ; agus ma ghabhas sibh mo chomh- 
airle, no ma tha uibhir de ghradh agaibh orm 's a tha mi 
'smaointean, cumamaid e, a chum gu'n cuir shin seachad le 
cridhealas na tha romhainn de 'n oidhche." 

" A phiuthar," arsa Sobaide, " cha diult sinn ni sam bith 
dhut." An sin thionndaidh i ris a' phortair, agus thuirt i, 
" Tha sinn deonach aon uair eile d' iarrtus a thoirt dhut, 
ach air a' chumhnanta so, nach tig facal as do bheul gu 
brath run thimchioll ni sam bith a bhuineas dhuinn fhein 
no do dhaoine eile, agus nach mo na sin a chuireas tu ceisd 
oirnn mu thimchioll ni nach buin dut. Mur cum thu ris na 
cumhnantan so is docha gu'm faigh thu fios air ni nach bi air 
chor sam bith taitneach dhut ; thoir an aire, air an aobhar 
sin, nach bi thu 'g iarraidh fios fhaotainn c' ar son a bhios 
sinn a' deanamh ni sam bith a chi thu sinn a' deanamli." 

"A bhean-uasal," ars am portair, "tha mi 'gealltainn gu 
'n cum mi cho dluth ris na cumhnantan sin 's nach bi 
aobhar agaibh mo chronachadh air son am bristeadh, agus 
nach mo a ruigeas sibh a leas peanas a dheanamh orm. Cha 
'n fhosgail mi mo bheul, agus bidh mo shuilean mar 
sgathan. nach cum air chuimhne ni sam bith a chuirear m' 
a choinneamh." 



92 



" A chum a leigeadh fhaicinn dut," arsa Sobaide, "nach 
'eil sinn ag iarraidh ort ni a dheanamh nach d' iarr sinn air 
duine riamh roimhe, eirich agus leugh na briathran a tha 
sgriobhte air taobh a staigh a' gheata." 

Chaidh am portair thun a' gheata, agus leugh e na 
briathran so, a bha sgriobhte aim an litricbean mora : 
" Esan a labhras mu nitheau nach buin da, cluinuidh e mu 
nithean nach taithm ris." xln uair a thill e, thuirt e 
ris an triuir phcathraichean, " A mhnathan-uaisle, tha mi 
'mionnachadh nach cluinn sibh mi gu brath a' labhairt mu 
nithean ris nach 'eil gnothach again, no a bhuineas 
dhuibhse." 

An uair a chord iad mu 'n chuis so, chuir Aimiui an 
t-suipeir air a' bhord ; las i na coinnlean, agus shuidh iad 
'nan ceathrar aig a' bhord. Ghabh iad de 'n bhiadh 's de 'n 
deoch na thainig riutha. Cha b' i a' chuirm gun a comhradh 
a bh' aca ; oir eadar gabhail oran 's gach comhradh eibhinn, 
taitneach a bh' aca 'nan ceathrar, bha 'n oidhche 'dol seachad 
gun fhios daibh. Bha deur math air a' phortair ; oir bha e 
gu math trie ag ol deoch-slainte nam mnathan-uaisle. An 
uair a bha iad an teis-meadhain an cridhealais, chual' iad 
bualadh aig. a' gheata. Ghrad dh' eirich an triuir pheathr- 
aichean o 'n bhord gus a dhol a dh' fnosgladh a' gheata. 
Ach o 'n a b' e Safi a b' abhaist a bhith 'fosgladh a' gheata, 
is i bu luaithe a bh' air a bonn, agus an uair a chunnaic an 
dithis eile gu 'n deachaidh i 'mach, shuidh iad gus an d' 
thainig i air ais a dh' innseadh co aige a bha gnothach 
riutha cho anamoch air an oidhche. 

An uair a thill Safi, thuirt i, " Faodaidh sinn, a pheathr- 
aichean, oidhche gle chridheil a chur seachad, ma ghabhas 
s ibh mo chomhairle-sa. Tha triuir chaladaireau aig a' 
gheata ; agus rud a tha gle iongantach, tha 'n t-suil dheas 
cam aca 'nan triuir, agus tha 'n cinn 's am feusag 's am 
malaidhean air an lomadh. Tha iad ag radh gur ann 



93 



anamoch feasgar a thainig iad do 'n bhaile ; agus o nach 
robh iad riamh roimhe 's a' bhaile, cha robh fhios aca o 3 aite 
an cuireadh iad seachad an oidhche. An uair a bba iad a' 
dol seachad air a' gbeata smaoinich iad gu 'm bnaileadh iad 
aige. Tha iad a' guidhe oirnn, as leith ni math, an leigeadh 
a steach, agus cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. Tha iad 
coma c' aite an cuirear iad, ma gheibh iad fasgadh fo dhruim 
taighe. Bhiodh iad toilichte gu leor le faiachinn a steach 
do 'n stabull. Tha iad "nan daoine oga, dreachar gu leor, 
agus tha coltas dhaoine turail, toinnisgeil orra. Ach cha 'n 
urrainn mi gun bhith 'gaireachdaich an uair a smaoinicheas 
mi air an eidadh iongantach anns am bheil iad." 

An uair a thuirt Safi so. thoisich i ri gaireachdaich, agus 
thoisich a dithis pheathraichean agus am portair ri gaireachd- 
aich comhladh rithe. An sin thuirt i, " Am hheil sibh 
deonacb an leigeadh a steach 1 Ni iad fearas-chuideachd gu 
leor dhuinn, agus o 'n a tha iad gu falbh aig soilleireachadh 
an latha, cha chuir e call mor oirnn fasgadh na h-oidhche 
agus greim de 'n bhiadh a thoirt dhaibh." 

Cha robh Sobaide agus Aimini an toiseach deouach na 
daoine a leigeadh a steach idir ; ach mu dheireadh, an uair 
a chunijaic iad gu 'n robh a leithid de thoil aig Safi an 
leigeadh a steach, dh' aontaich iad leatha. 

" Bi falbh, ma ta, agus leig a steach iad," arsa Sobaide. 
" Ach cuimhnich gu 'n innis thu dhaibh gu saor, soilleir, 
nach fhaod iad aon fhacal a radh mu dheidhinn ni sam bith 
nach buin daibh ; agus abair riutha an sgriobhadh a th' air 
a' gheata a leughadh." Dh'fhalbh Safi am mach gu toilichte, 
agus ami an uine ghoirid thill i steach agus an triuir 
dhaoine comhladh rithe. 

An uair a chaidh iad a steacb do 'n t-seomar, chrom iad 
an cinn le umhlachd 's le urram an lathair nam mnathan- 
uaisle, mar a bha dligheach is iomchuidh dhaibh a 
dheanamh. Chuir na mnathan-uaisle failte orra gu caoimh- 



94 



neil, agus thuirt iad riutha, gu 'm b' e am beatha firireach 
anns an taigh fad na h-oidhche, o 'n a bha iad cho sgith an 
deigh an turuis. 



CAIB. III. 

Ax uair a chunnaic na daoine cho fior eireachdail 's a bha 'n 
taigh, agus am modh 's an caoimhneas leis an do ghabh na 
mnathan-uaisle riutha, ghabh iad barail mtmth orra. Mu 'n 
do shuidh iad, thug iad an aire do 'n phortair. 'n a bha 'n 
t-aodach a bh' air coltach ris an aodach a bh' orra fhein, 
shaoil It otha gur e fear de na daoine nach robh deonach geill 
a thoirt do 'm beachdan fhein a bh' ann, agus labhair iad le 
suarachas uime. 

Bha am portair eadar a chadal 's a dhusgadh, agus o 'n a 
bha e car blath le fion, chuir na briathran a labhair iad 
tamailt air. Sheall e gu gruamach orra, agus thuirt e, le 
guth garg, "Suidhibh, agus na gabhaibh gnothach ri ni 
nach buin duibh. An do leugh sibh an sgriobhadh a bh' air 
a' gheata 1 " 

" Dean air do shocair, a dhuine choir," arsa fear de 'n 
triuir dhaoine, " cha 'n 'eil sinne toileach dragh sam bith a 
chur ort ; an aite sin, tha sinn deonach ni sam bith a 
dheanamh a dh' iarras tu oirnn." 

An uair a chunnaic na mnathan-uaisle gu 'n robh na fir 
air thuar a dhol thar a cheile, chaidh iad 's an eadraiginn, 
agus chuir iad gu sith iacl. 

An uine ghoirid chuireadh biadh is deoch de gach seorsa 
air a' bhord, agus shuidh an triuir aig a' bhiadh, agus bha na 
mnathan-uaisle 'frithealadh dhaibh. 

An uair a ghabh na caladairean na thainig riutha de 'n 
bhiadh 's de 'n deoch, thuirt iad ris na mnathan-uaisle, gu'n 
robh iacl toileach ceol a chluich, ma thachair gu 'n robh 



95 



innealan-ciuil aims an taigh. Gun dail sam bith fhuaradh 
inneal-ciuil do gach fear dhiubh, agus thoisich iad ri cluich 
comhladh. Sheinn na mnathan-uaisle oran a bha freagarrach 
air an fhonn a bha na fir a' cluich ; agus bu mhath a b' aithne 
dhaibh sin a dheanamh. Eadar a h-uile ceol is orain is 
cridhealas a bh' aca, bha 'n oidhche a' dol seachad gun fhios 
daibh. 

An uair a bha iad aim am mullach an solais, chualas 
buaiadh aig an dorus. Chuir e ioghnadh orra gu leir gu 'm 
biodh neach sam bith a' buaiadh aig an dorus cho anamoch 
sid. Chaidh Safi a dh' fhaicinn co a bh' aig an dorus. Co 
a bh' aim ach an righ, agus an t-ard-chomhairleach 's an 
t-ard-chaillteanach. Bha e mar chleachdadh aig an righ a 
bhith gu math trie a' falbh, aim an aodach duine chumanta, 
air feadh a' bhaile aims an oidhche, feuch am faiceadh e cia 
mar a bha cuisean a dol air aghart ?ir feadh a' bhaile. Air 
an oidhche so, bha e na bu traithe na b' abhaist da, agus an 
uair a chuala e an ceol agus a' ghaireachdaich a bh' anus an 
taigh an am dha bhith 'dol seachad air an dorus, dh' iarr e 
air an ard-chomhairleach buaiadh, o'n a bha toil aige fios 
fhaotainn c'ar son a bba muinntir an taighe cho mear 's cho 
aoiblmeach. 

Thuirt an t-ard-chomhairleach ris, nach robh anns an 
taigh ach mnathan, agus gu'n robh iad ri spors 's ri feala-dha 
mar a bha e nadarra dhaibh a deanamh ; agus o'n a bha 
'chuis coltach gu 'n do ghabh iad deur beag a bharrachd de 'n 
fhion air na bu choir dhaibh a ghabhail, gu 'm b' fhearr 
leigeadh leotha gu'n dragh sam bith a chur orra. A bharr- 
achd air sin, o nach robh an uair mi-iomchuidh, nach bu 
choir stad a chur air a' chridhealas a bh' aca. 

Chuir an righ roimhe gu 'm buaileadh iad ag an dorus. 
An uair a dh' fhosgail Safi an dorus, thug an t-ard- 
chomhairleach an aire gu 'n robh i 'na bcirionnach 
anabarrach briagha, agus air ghaol cead fhaighinh a dhol a 



96 



steach, rinn e umhlachd clhi, agus thuirt e, " Is triuir 
mharsantan sinn a thainig a Mosul. Thainig sinn do'n 
bhaile so o chionn deich latha le moran de bhathar luach- 
mhcr. Fhuair sinn cuireadh o aon de mharsantan a' bhaile 
gus a dhol gu cuirm comhladh ris feasgar an diugh ; agus 
bha am biadh 's an deoch pailt, agus chuireadh fios air 
luchd-ciuil 's air dannsairean, a chum an tuilleadh a chur ri 
ar toil-inntinn. Leis a h-uile gleadhraieh is straidhlich a bh' 
againn, ehuir luchd-riaghlaidh a' bhaile maoir g' ar glacadh ; 
ach gu fortanach thug sinne ar casan as gunfhios daibh. A 
nis, o nach 'eil annainn ach coigrich, agus sinn rud eiginn 
blath le fion, tha eagal oimn gu 'n tachair na maoir oirnn 
mu 'm faigh sinn a dh' ionnsuidh an aite amis an robh sinn 
a 1 fuireach. An uair a bha sinn a' dol seachad air an taigh 
so, chuala sinn fuaim a' chiuil, agus smaoinich sinn, o 'n a 
bha sibh gun dol a laidhe, gu J m bu choir dhuinn bualadh 
aio* an dorus, gun fhios nach leigeadh sibh leinn an oidhche 
a chur seachad fo fhasgadh an taighe. Ma tha sibh a' 
smaoineachaah gu 'm bheil sinn airidh air cuideachd a 
chumail ribh re na h-oidhche, bidli sinn cho modhail 's cho 
iomchuiih ri daoine a chunnaic sibh riamh, agus ni sinn 
fearas-chuideachd agus cridhealas nach toir oilbheum sam 
bith dhuibh. Ach mur 'eil sibh deonach fasgadh an taighe 
a thoirt dhuinn, bidh sinn toilichte le fasgadh an fhor- 
dhoruis." 

An uair a bha 'n t-ard-chomhairleach a' labhairt nam 
briathran so, bha Safi ag eisdeachd le ro-aire, agus ag amharc 
gu geur ami an aghaidhean nan triuir dhaoine. Thuirt i 
riutha nach b' i bean an taighe idir, agus, air an aobhar sin, 
nach fhaodadh i an leigeadh a steach. Ach nam fanadh lad 
tiotadh beag far an robh iad, gu 'n tigeadh i le fios do 'n 
ionnsuidh, am faigheadh iad a steach. 

Thill Safi do 'n t-seomar far an robh a peathraichean, 
agus dh' innis i dhaibh na briathran a thuirt an duine rithe 



97 



aig an dorus. Cha robh fhios aca an toiseach ciod a 
dheanadh iad ; ach o 'n a bha iad gu nadarra gle chaoimhneil, 
smaoinioh iad gu 'm b' fhearr dhaibh na daoine a leigeadh a 
steach, agus cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. 

An uair a chaidh iad a steach do 'n t-seomar, chuir iad 
failte air na mnathan-uaisle, agus mar an ceudna air an 
triuir chaladairean. Bha na mnathan-uaisle modhail, 
caoimhneil riutha, agus iad an duil gur triuir mharsantan a 
bh' annta. Thuirt Sobaide riutha, agus i 'labhairt gu 
ciuin, siobhalta, " Is e bhur beatha an oidhche a chur 
seachad an so. Ach mu 'n abair mi an corr ribh, tha mi an 
dochas nach gabh sibh gu h-olc e ma dh' iarras mi aon 
fhabhar oirbh." 

" Ochan ! ciod e am fabhar a tha sibh ag iarraidh ? Cha 
diult sinne fabhar sam bith a dh' iarras bhur leithid-sa de 
mhnathan-uaisle oirnn," ar6' an t-ard-chomhairleach. 

Thuirt Sobaide ris, " Tha mi 'g iarraidh a dh' fhabhar 
oirbh, nach abair sibh aon fhacal mu dheidhinn ni sam bith 
a chi sibh, agus nach cuir sibh ceisd sam bith oirnn mu 
thimchioll aon ni a chi no a chluinneas sibh fhad 's a bhios 
sibh an so ; no, ma chuireas, cluinnidh sibh nithean nach 
cord ribh air shor sam bith." 

"A bhean mo ruin," ars' an t-ard-chomhairleach, ni sinne 
mar a tha sibh ag iarraidh oirnn. Cha 'n eil sinn aon chuid 
math gu beum fhaotainn do dhaoine eile ; agus cha mho a 
tha toil againn a bhith farraid mu nithean nach buin duinn. 
Tha sinn riaraichte gu leor le bhith 'gabhail beachd air gach 
ni a bhuineas do ar gnothach fhein, gun ghuth a thoirt air 
nithean a bhuineas do dhaoine eile." 

An uair a chuala iad so, shuidh iad uile mu 'n bhord, 
agus dh' ol iad deoch-slainte nam feadhnach a thainig mu 
dheireadh. 

Am feadh a bha 'n t-ard-chomhairleach a' cumail nam 
mnathan-uaisle ann an seanachas, cha b' urrainn an righ 

7 



98 



gun bheachd sonraichte 'ghabhail air cho maiseach 's a bha 
iad ; air cho iomchuidh 's a bha iad 'nan gluasad, agus air 
cho geur-chuiseach, tlachdmhor 's a bha iad 'nan comhradh. 
Air an laimh eile, bha ioghnadh anabarrach air, a chionn gu 
'n robh an t-suil dheas cam aig an triuir chaladairean. Ged 
bu mhath leis fios fhaotainn cia mar a chaill iad an leith 
shuil 'nan triuir, cha 'n fhaodadh e fios an aobhair fhaigh- 
neachd, o 'n a gheall e fhein 's a dhithis chompanach nach 
cuireadh iad ceisd mu thimchioll ni sam bith fhad 's a 
bhiodh iad 's an taigh. Bha 'n taigh 's an t-innsreadh 's an 
t-ordugh maiseach aims an robh gach ni a bha 'n taobh a 
staigh de 'n dorus, a' toirt air a bith 'smaointean gur ami a 
bha e ann an taigh a bha fo dhraoidheachd. 

An uair a bha iad a' comhradh mu thimchioll gach doigh 
anns am faoidteadh spors is fearas-chuideachd a dheanamh, 
dh' eirich na caladairean thun an urlair, agus thoisich iad ri 
dannsa. Chord an seol dannsa 'bh' aca araon ris na 
nmathan-naisle, agus ris an righ 's ri' chompanaich. 

An uair a bha iad sgith dannsa shuidh iad. An sin dh' 
eirich Sobaide, agus rug i air laimh air Aimini, agus thuirt 
i rithe, " Eirich, a phiuthar, oir cha ghabh a' chuideachd gu 
h-olc e, ged a ghnathaicheamaid ar saorsa 'n ar taigh fhein 
mar a b' abhaist duinn, agus ged a dheanamaid ardleasdanas 
mar a chleachd sinn." 

Thuig Aimini gu math ciod a bha 'piuthar a' ciallachadh. 
Dh' eirich i as an aite an robh i 'na suidhe, agus thug i air 
falbh na soithichean a bh' air a' bhord, agus na h-innealan- 
ciuil air -an robh na caladairean a' cluieh. 

Thoisich Safi ri^sguabadh an t-seomair, agus ri cur gach 
ni 'na aite fhein gu h-ordail. Chuir i na soluis air doigh, - 
agus thug i air an triuir chaladairean suidhe air an dara 
taobh de ? n t-seomar, agus thug i air an righ 's air a 
chompanaich suidhe air an taobh eile. Thuirt i ris a' 
phortair, " Faigh thu fhein deiseil a chum gu 'n tugadh tu 



cuideachadh dhuinn. O'na bhuineas tusa do 'n teaglilach, 
cha 'n fhaod thu bhith 'nad thamh." 

Dh' eirich am portaii cho luath 's a bh' aige ; thruis e a 
mhuilichioixDan, agus thuirt e, " Tha mise deas gu ni sam 
bith a dheanamh a dh' iarras sibh orm." 

" Ceart gu leor," arsa Safi, "seas far am bheil thu gus 
am faigh thu ordugh ; cha bhi thu fada 'n do thamh." 

Chuir Aimini cathair air meadhain an urlair ; agus an 
sin chaidh i steach do chlosaid. Smeid i air a' phortair, 
agus thuirt i ris, " Trobhad an so, agus cuidich mi." 

Chaidh e do 'n chlosaid, agus an ceann tiotaidh thill e 
do 'n t-seomar, agus da ghalladh dhubh aige air lomhainn. 
Bha iad cho similidh 'nan coltas 's ged a bhithteadh an deis 
gabhail orra le slait. 

Dh' eirich Sobaide as an aite an robh i 'na suidhe, agus 
ghabh i ceum no dha far an robh am portair 'na sheasamh. 
Tharruinn i osna throm, agus thuirt i, " Trobhad, agus 
deanamaid ar dleasdanas." 

Thruis i a muilichionnan as cionn a h-uillean, agus rug i 
air slait a laimh Safi. Thuirt i ris a' phortair, " Thoir te dhe 
na gallachan do m' phiuthair Aimini, agus thoir an so an 
te eile." 



CAIB. IV. 

Rinn am portair mar a dh' aithneadh dha. Thoisich a' 
ghalladh a bh' aige air lomhainn 'na laimh ri doimalaich o 
Thionndaidh i ri Sobaide, agus sheall i oirre mar gu'm biodh 
i 'g iarraidh oirre truas a ghabhail rithe. Ach a reir choltais 
cha do ghabh Sobaide truas sam bith rithe, ged a bha i 
'donnalaich cho cruaidh 's gu 'n cluinnteadh an taobh am 
muigh dhe 'n taigh i. An aite sin is ami a ghabh i dhi leis 
an t-slait gus an robh i seachd sgith. 'Na dheigh sin thilg 



100 



i uaipe an t-slat, agus rug i air an lomhainn a laimh a r 
phortair ; thog i suas a' ghalladh air dha spoig, agus an uair 
a sheall i oirre anns an aodann le mor-thruas, thoisich i fhein 
's a' ghalladh ri sileadh nan deur. An sin thug Sobaide 
lamh air a neapaicinn-pocaid, agus an uair a thiormaich i 
suilean na galladh 's thug i pog dhi, thug i an lomhainn 
do 'n phortair, agus dh' iarr i air a' ghalladh a chur do 'n 
aite 's an robh i roimhe. Einn e mar a dh' iarradh air. 'Na 
dheigh sin thug Aimini dha a' ghalladh eile gus a cumail ri 
Sobaide gus an gabhadh i oirre mar a rinn i air a' cheud te. 
Ghabh Sobaide oirre leis an t-slait gus an d' fhas i sgith, 
agus an uair a ghuil i os a cionn 's a thiormaich i a suilean 
's a phog i i, dh' ordaich i a cur do 'n aite 's an robh i 
roimhe. 

Chuir na nithean so ioghnadh anabarrach mor air an 
triuir chaladairean, air an righ, agus air a dhi this chompan- 
ach. Cha b' urrainn daibh idir a thuigsinn ciod a thug air 
Sobaide, an deis dhi an da ghalladh a dhochann, a bhith 
gul, agus a' tiormachadh an suilean, agus 'g am pogadh. 
Bha iad a' sior bhruidhinn gu beag eatorra fhein mu'n chuis. 
Bha toil mhor aig an righ fios an aobhair fhaotainn am 
mach. Bha e 'feuchainn ri thoirt air an ai d-chomhairleach 
ceisd a chur air na mnathan-uaisle mu'n chuis; ach cha robh 
an t-ard-chomhairleach a leigeadh air gu'n robh e 'g a 
chluimitinn. Mu dheireadh thuirt e ris an righ, gu 'm 
b' fhearr dhaibh foighidinn a dheanamh gus am faigheadh 
iàd am iomchuidh gu ceisd a chur. 

„ Bha Sobaide 'na suidhe air cathair am meadhain an urlair 
far an robh i a' gabhail air an da ghallaidh, agus i gle sgith. 
Thuirt Safi rithe, " A phiuthar ghaoil, is fhearr dhut suidhe, 
'nad aite fhein gus an dean mise mo chuid fhein de 'n obair." 

Dh' eirich Sobaide agus shuidhe i 'na cathair fhein. Cha 
bu luaithe a rinn i so na shuidh Safi air a' chathair a bh' air 
meadhain an urlair. Thuirt i ri Aimini, " A phiuthar ghaoil, 



101 



eirich, tha mi 'guidhe ort ; tha fhios agad gle mhath ciod bu 
mhiann learn a radh." 

Dh' eirich Aimini agus chaidh i 'mach as an t-seomar. 
An ceann tiotaidh thill i steach agus ceis riomhach aice 'na 
laimh anns an robh inneal-ciuil gu curamach am pasgadh. 
Thug i an t-inneal-ciuil do Shaft. An uair a thug San greis 
air a ghleusachadh, thoisich i air a chluich agus air seinn 
òraiu a bha auabarrach tiamhaidh, mu thiomchioll nam 
piantan broin a tha iadsan a' fulang aig nach 'eil comas a 
bhith ann an cuideachd na muinntir do 'm bheil gradh aca. 
Thug an ceol agus an t-oran toileachadh auabarrach mor 
do 'n righ agus do 'n chuideachd gu leir, aig cho math 's cho 
durachdach 's a chluich 's a sheiun i. Thuirt i ri Aimini, 
" A phiuthar, toisich thusa 'n am aite ; oir tha mo ghuth 
'gam threigsinn." 

" Ni mise sin gle thoileach," ars' Aimini, agus i breith air 
an inneal-chiuil 's a' suidhe anns a' chathair. 

Math 's mar a bha Safi gu cluich 's gu seinn, b' i Aimini , 
fada, fada 'b' fhearr. Chluich is sheinn i air a' cheart 
phuing air an do sheinn a piuthar le leithid de dhrudhadh 's 
de dhurachd 's de dhealas 's gu'n robh a neart 'g a treigsinn 
mu 'n do sguir i. 

Thuirt Sobaide, " A phiuthar, rinn thu do ghnothach gu 
h-iongantach math, agus tha e furasda gu leor dhuiim a 
thuigsinn gu J m bheil thu fhein a' faireachadh a' bhroin a 
bha thu 'cur an ceill cho soilleir anns an oran.*' 

Cha robh e an comas do Aimini freagairt a thoirt d' a 
piuthair ; oir, eadar na geur-fhaireachdainean broin a dhuisg 
briathran tiamhaidh an orain 'n a cridhe, agus an sarachadh 
a rinn i oirre fhein a' cluich 's a' seinn. bha i air a claoidh 
cho mor 's gu 'n d' thainig fannachadh oirre. Gus fionnachd 
a thoirt dhi b' eiginn a h-amhach agus a braighe a leigeadh 
ris. Ged a bha' h-aghaidh anabarrach maiseach, bha' 
h-amhach 's a braighe cho dubh 's cho lan de dh' athailtean 



102 



's gu 'n do ghabh na fir a bha 'n lathair uamhas. Ach cha 
d' thug an fhionnachd a fhuair i faothachadh sam bith dhi. 
Thuit i ann an laigse. An uair a leum Sobaide agus Safi 
far an robh i gu cuidcachadh a dheanamh leatha, thuirt fear 
dhe na caladairean, agus gun e air chomas fuireach 'na thosd 
na b' fhaide, " B' fhearr dhuinn a bhith air cadal air an 
t-sraid fhein na tighinn a steach a dh' fhaicinn a leithid so 
de shealladh." 

An uair a chuala an righ na briathran so, thionndaidh e 
ris na caladairean eile ; agus dh' fheoraich e dhiubh ciod bu 
chiall do na nithean ud uile. 

" Le 'r cead," ars' iadsan, "tha 'chuis an an-fhios dhuinne 
mar a tha i dhuibh fhein." 

" Ciod e tha sibh ag radh !" ars' an righ, " nach ann 
do 'n teaghlach so a bhuineas sibh Ì An urrainn sibh 
innseadh dhomh idir mu thimchioll an da ghalladh dhubh, 
agus na mna-uaisle a dh' fhannaich 's air an robh na 
h-athailtean ?" 

" Le 'r cead," ars' iadsan, "is e so a' cheud uair a bha 
sinne riamh 's an taigh, agus cha 'n 'eil ach beag.m uine 
o 'n a thainig sinn ann." 

Chuir so moran ioghnaidh a bharrachd air an righ.. 
" Faodaidh e bhith," ars' esan, " gu 'm bheil fhios aig an 
duine so eile a tha comhladh ribh air ni eiginn mu 'n chuis." 

Smeid fear dhe na caladairean air a' phortair e thighinn 
dluth dhaibh. Rinn am portair so. 

" An innis thusa dhuinn," ars' esan, " c'ar son a ghabhadh 
air an da ghallaidh leis an t-slait, agus c'ar son a tha 
'leithid de dh' athailtean air braighe Aimini V 

" Le'r cead," ars' am portair, " tha mise comasach air mo- 
mhionnan a thabhairt nach aithne dhomh ni sam bith mu 
thimchioll a' ghnothaich na 's mo na 's aithne dhuibh fhein. 
Ged a tha mi 'fuireach anns a' bhaile, cha robh mi riamh 
roimh anns an taigh so ; agus ma tha ioghnadh oirbhse mise- 



103 



'fhaicinn an so, tha 'cbeart uiread a dh' ioghnadh ormsa mi 
fhein fhaotainn 'n 'ur cuideachd-se. Agus tha ioghnadh a 
bharrachd orm a choinn nach fhaca mi firionnach 's an taigh 
o 'n a thainig mi ann air an fheasgar so." 

Bha 'n righ agus a dhithis chompanach, agus mar an 
eendna an triuir chaladairean, an duil gus a so, gu 'm 
buineadh am portair do 'n teaghlach, agus bha iad ann an 
dochas gu'n tugadh e dhaibh am fiosrachadh a bha dhith 
orra. Ach an uair a chunnaic iad nach b' urrainn e 
fiosrachadh a thoirt dhaibh, chuir iad rompa gu 'm feuchadh 
iad ris an fhiosrachadh a bha dhith orra fhaotainn air aon 
doigh no doigh eile. Thuirt an righ, " Seallaibh air so ; tha 
sinn seachdnar fear ann, agus cha 'n 'eil ar gnothach ach ri 
triuir boirionnach ; feuchamaid ri impidh a chur orra 
cuisean a shoilleireachadh dhuinn, agus ma dhiultas iad sin 
a dheanamh, bheir sinn orra a dheanamh gun taing dhaibh." 

Cha robh an t-ard-chomhairleach deonach so a dheanamh 
idir. Dh' fheuch e mar a b' fhearr a b' urrainn da ri 
nochdadh do 'n righ gu 'm faodadh iad dragh a thoirt orra 
fhein. A chum nach fhaigheadh a h-aon de chach am mach 
gur e an righ a bh' ann, labhair e ris mar gu 'm biodh 
e 'labhairt ri duine cumanta. Thuirt e ris : — " Thoir fa near, 
guidheam ort, gu 'm bheil sinn an cunnart ar deadh ainm a 
chall. Tha fhios agad gle mhath air na cumhnantan air an 
do leig na mnathan-uaisle a steach sinn, agus gu 'n do 
gheall sinn gu 'n deanamaid mar a dh' iarr iad oirnn. Ciod 
a their iad ruinn ma bhristeas sinn air ar gealladh ? Bidh 
an barrachd coire ri chur oirnn ma thig tubaistean 'n ar 
rathad ; oir cha 'n 'eil e coltach gu 'n cuireadh iad fo leithid 
de chumhnantan sinn mur biodh iad cinnteach gu 'n rachadh 
aca air peanas a leagadh oirnn nam bristeamaid iad." 

'Na dheigh so thug an t-ard-chomhairleach an righ ceum 
no dha a thaobh, agus thuirt e ris ann an cogar, " Le'r cead, 
tha 'chuid a's mo dhe 'n oidhche a nis air a dhol seachad ; 



104 



agus nam b' e bhur toil foighidinn a dheanamh gus an 
tigeadh a' mhadainn, bheirinnsa na mnathan-uaisle 'n 'ur 
lathair, agus gheibheadh sibh am fiosrachadh a tha dhith 
oirbh. 

Ged a bha 'chomhairle so gle ghlic, cha ghabhadh an 
righ idir i. Thuirt e ris an ard-cbomhairleach, e dhunadh a 
bheoil ; agus cbuir e roimhe gu 'm faigheadh e 'mach gun 
dail sam bith ciod bu chiall do na nitbean a chunnaic e. 

Cba robh fhios co air a thigeadh a dhol far an robb 
Sobaide a dh' fheorach mu 'n chuis. Dh' fheuch an righ. ri 
thoirt air na caladairean bruidhinn air an son uile, ach 
thuirt iad nach fhosgladh iad am beoil mu 'n chuis. Mu 
dheireadh dh' aontaich iad gu 'm b' ann do 'n phortair bu 
choir bruidhinn. Agus an uair a bha iad a' cur an 
comhairle ri cheile mu thimchioll na doigh amis am bu 
choir dha bruidhinn, thainig Sobaide a steach do 'n t-seomar 
far an robh iad, agus an uair a chuala i an cath bruidhne a 
bh' aca thuirt i, "A dhaoin'-uaisle, co air a tha sibh a' 
bruidhinn 1 Ciod uime am bheil sibh a' connsachadh ?" 

Ghrad fhreagair am portair, agus thuirt e, " A bhaintigh- 
carna, tha na daoin'-uaisle a' guidhe oirbh gu 'n innis sibh 
dhaibh c'ar son a ghuil sibh os cionn an da ghalladh an deis 
dhuibh gabhail orra leis an t-slait, agus cia mar a thainig na 
h-athailtean gu bhith air braighe na mna-uaisle a thuit ann 
an laigse anus an t-seomar. Tha iad ag iarraidh ormsa so 
fheorach dhibh 'nan ainm." 



CAIB. V. 

An uair a chuala Sobaide na briathran so, sheall i le aghaidh 
ghruamaich air na fir. Thuirt i ris an righ, agus ris a' chuid 
eile de 'n chuideachd, "Am bheil e nor, a dhaoin'-uaisle, 
gu'n d' iarr sibh air a' cheisd so a chur ormsa 1 ?" 



105 



Dh' aidich iad gi.i leir, ach an t-ard-chomhairleach 'na 
onar, gu'n d' iarr iad air a' phortair a' cheisd a chur oirre. 

Ann am briathran a bha 'nochdadh gu 'n robh i gie 
fheargach riutha, labhair i mar so : — 

" Mu 'n d' thug sinn cead dhuibh tighinn a steach do 'n 
taigh, air eagal gu 'n cuireadh sibh dragh oirnn 's gun 
againn ach sinn fhein, chuir sinn mar chumhnant oirbh nach 
abradh sibh facal mu dheidhinn ni sam bith nach buineadh 
dhuibh, air eagal gu'n cluinneadh sibh nithean nach cordadh 
ribh ; agus an deis ■ dhuinn ar leigeadh a steach, agus 
caoimhneas a nochdadh dhuibh, cha d' rinn sibh mar a 
gheall sibh. Tha e fior gun teagamh sam bith gur e an 
doigh shaorsnail amis an do ghnathaich sinne sinn fhein 'n 
ur lathair bu chtireach ri sibhse a dheanamh mar a rinn 
sibh ; ach cha leithsgeul dhuibh sin air son sibh a bhith cho 
mi-iomchuidh 'n 'ur gluasad 's a tha sibh." 

An uair a thuirt i so, bhuail i a cas gu laidir tri uairean 
air an urlar, agus bhuail i a basan tri uairean ri 'cheile, agus 
thuirt i, " Greasaibh a steach." 

Ann an tiotadh dh' fhosgladh an dorus, agus leum 
seachdnar de dhaoine dubh' a steach do 'n t-seomar le 
claidhnean ruisgte 'n an laimh. Rug iad air fear an t-aon 
de na daoine a bh' amis an t-seomar, agus leag iad air teis 
meadhain an urlair iad gus na cinn a thoirt dhiubh.. 

Tha e furasda dhuinn a thuigsinn gu'n robh eagal gu 
leor air an righ. Bha aithreachas gu leor air nach d' fhan e 
samhach mar a dh' iarr an t-ard-chomhairleach air. Ach cha 
deanadh aithreachas feum sam bith aims an am. Bha iad 
uile air thuar am beatha 'chall air shaillibh a bhith 'gabhail 
gnothaich ri nithean nach buineadh dhaibh. 

Ach an deis dhaibh na daoine a leagadh air an urlar, 
thuirt fear dhiubh ri Sobaide 's ri 'dithis pheathraichean, 
" Mo bhana-mhaighstirean moralach, urramach, am bheil 
sibh ag ordachadh dhuinn na cinn a thoirt dhiubh ?" 



106 



" Deanaibh foighidinn," arsa Sobaide. " Feumaidh mi 
an ceasuacbadh an toiseach." 

Thuirt am portair 's e air chrith leis an eagal : " An 
ainm ni math gabhaibh truas dhiom, agus na cuiribh gn 
bas mi air son cionta dhaoine eile ! Tha mise gle neo- 
chiontach — is aim acasan a tha 'choire. Mo leireadh ! nach 
bu taitneach a chuir sinn seachad an nine mu 'n d' thainig 
na caladairean. Is iadsan a thug am mi-fhortan so oirnn. 
Tha iad a' deanamh dragh' agus aimhreit aims gach baile 
do 'n teid iad. A bhean-uasal choir, tha mi 'guidhe ort nach. 
cuir thu an neo-chiontach gu bas maille ris a' chiontach. 
Thoir fa near gu 'm bheil e moran na 's cliuitiche mathanas 
a thoirt do chreutair truagh mar a tha mise, aig nach 'eil 
doigh air mi fhein a chuideachadh, na mo chur gu bas ann 
am feirg." 

Ged a bha fearg air Sobaide, cha b' urrainn i gun ghaire 
a dheanamh 'na h-inntinn an uair a chuala i a' chaoidh 's a' 
ghearain a bh' air a' phortair. Ach cha do leig i oirre gu'n 
cuala i e. Thionndaidh i ris an t-siathnar eile, agus thuirt 
i, " Innsibh dhomhsa co sibh, ar neo cha bhi an tuilleadh 
saoghail agaibh. Cha 'n 'eil mi 'creidsinn gur daoine 
onarach a th' annaibh, agus cha mho a tha mi 'creidsinn 
gu'm bheil ughdarras no urram agaibh anns na duthchannan 
do 'm buin sibh ; oir nam biodh sibh modhail, uasal, urram- 
ach, 'n 'ur duthaich fhein, bhiodh sibh air a' cheart doigh 
anns an duthaich so." 

Bha 'n righ gu nadarra gle neo-fhoighidneach, agus bha 
e moran na bu neo-fhoighidniche na each an uair a chunnaic 
e e-fhein 'na shineadh air an urlar, agus a bheatha fo bhinn 
boirionnaich a bh' air a brosnachadh gu feirg. Ach an uair 
a chunnaic e gu'n robh i toileach fios fhaotamn co iad, 
ghabh e rud eiginn de mhisnich ; oir bha e 'smaoineachadh 
gu 'n leigeadh i a bheatha leis an uair a gheibheadh i 
mach co e. Ach bha 'n t-ard-chomhairleach na bu ghlice na 



107 



gu'n cuireadh e leithid a dh' eas-urram air a mhaighstir 's 
gu'n innseadh e gu'n do chuir e e-fhein 'na leithid de chroìs 
le cion smaointean. Thuirt e gu beag ris an righ, "Tha 
sinn a' faighinn an ni a thoill sinn." 

Ach ged a bhiodli toil aige comhairle an righ a ghabhail, 
cha 'n fhaigheadh e nine gn labhairt ; oir labhair Sobaide 
ris da caladairean, agus thnirt i, " An e triuir bhraithrean a. 
th' annaibh f' 

Fhreagair fear dhiubh agus thuirt e, " Cha 'n eadh ; oir 
ged a tha sinn a' eaitheamh ar beatha air an aon doigh, 
agus a' eaitheamh an aon seorsa eididh, eha 'n 'eil sinn 
dainiheil dha cheile idir." 

"An robh an t-suil dheas 'g 'ur dith an uair a rugadh 
sibh?" ars' ise. 

" Cha robh," ars' esan ; " chaill mise mo shuil ami an 
doigh a chuireadh ioglmadh oirbh, agus a bheireadh 
fiosrachadh do gach neach, nam biodh e air a sgriobhadh. 
Agus an deis do 'n mhi-f hortan so tighinn 'nam rathad, thug- 
mi dhiom m' fheusag agus lorn mi mo mhalaidhean, agus 
chuir mi umam eideadh caladair." 

" Dh' fhaighneachd Sobaide a' cheart cheisd de 'n da 
chaladair eile, agus thug iad an fhreagairt cheudna oirre. 
A.ch thuirt am fear mu dheireadh a labhair : " Cha daoine 
cumanta sinn idir. Is e 'th' annainn claim righrean , 
Agus ged nach do thachair sinn ri 'cheile riamh gus an 
diugh, fhuair sinn uine gus ar n-eachdraidh innseadh do 
chach a cheile ; agus tha mi g' innseadh dhuibh le firinn 
gu'n robh na righrean o 'n d' thainig sinn ainmeil aims an 
t-saoghal." 

An uair a chuala Sobaide na briathran so dh' fhas i na bu 
shiobhalta riutha, agus thuirt i ris na seirbhisich dhubha a 
bha deas gus na daoine a mharbhadh, " Leigibh an cead 
fhein dhaibh car uine, aeh fanaibh anus an t-seomar. An 
fheadhainn a dh' innseas dhuinn eachdraidh am beatha, agus 



108 



an t-aobhar air son an d' thai nig iad an so, cha dean sibh 
cron sam bith orra, ach leigidh sibh leotha a dhol taobh sam 
bith a thogras iad. Ach an f headhainn nach dean so, cuiridh 
sibh gu bas iad." 

Bhà 'n t-seachdnar fear 'nan suidhe air an urlar, aim am 
meadhain an t-seomair mu choinneamh nam mnathan-uaisle. 
Bha iadsan 'nan suidhe air langsaid, agus bha na seirbhisich 
'n an seasamh, deas gus ni sam bith a dh' iarrtadh orra a 
dheanamh. 

Thuig am portair gu'n rachadh aige air e fhein a thoirt 
as a' chunnart ; s an robh e le 'eachdraidh innseadh, agus b' e 
a' cheud fhear a labhair. Thuirt e, "A bhean nasal, tha 
fhios agad air m' eachdraidh mar tha, agus c'ar son a thainig 
mi an so ; agus mar sin, cha 'n 'eil again ach beagan ri radh. 
Bhruidhinn do phiuthar rium 's a' mhadainn an diugh, agus 
mi 'feitheamh feuch an tugadh neach sam bith obair dhomh 
leis an coisninn mo Ion, agus dh' iarr i orm a leantuinn a 
chum gu'n giulaininn gach ni a bha i gus a cheannach. 
Lean mi i o bhuthaidh gu buthaidh air feadh a' bhaile gus 
an do cheannaich i luma-lan na bascaid a bh' agam. An 
uair a bha 'bhascaid cho lan 's nach gabhadh i an corr, 
thainig mi an so leatha. Rinn sibh de dh' fhabhar rium na 
leig dhomh fuireach gus a nis, fabhar nach dichuimhnich mi 
ri mo bheo. Sin agad, a bhean choir, m' eachdraidh-sa." 

An uair a dh' innis am portair 'eachdraidh fhein, thuirt 
Sobaide ris, " Bi gabhail air falbh, agus na faiceamsa an so 
thu gu brath tuilleadh." 

" A bhaintighearna choir," ars' am portair, " tha mi 
'guidhe ort, leig dhomh fuireach. An deis do chach 
m' eachdraidh-sa a chluinntinn, cha bhiodh e ceart mo chur 
air falbh gus an cluinn mi an eachdraidh acasan." An uair 
a thuirt e so, shuidh e ami ad aite air leith, agus bha e 
toilichte gu'n d' fhuair e saor as a' chunnart 's an robh e. 



109 



An sin thoisich fear de na caladairean ri innseadh 
eachdraidh a bheatha fein. Thuirt e mar so : — " A bhain- 
tighearna, a chum gu'n tuig thu cia mar a chaill mi mo 
shuil dheas, agus c'ar son a tha mi ann an eideadh caladair, 
feumaidh mi innseadh dhut gur mac righ mi. Bha brathair 
m' athar mar an ceudna 'na righ air rioghachd a bha faisge 
air an rioghachd aig m' athair. Bha mac aig brathar 
m' athar a bha mii'n aon aois rium fhein. 

An deis dhomh lan fhoghlum fhaighinn mar a bha 
freagarrach do m' shuidheachadh, bha mi 'dol uair 's a' 
bhliadhna a dh' amharc air brathair m' athar, agus bha mi 
'fuireach da mhios maille ris. Mar a bha nadarra gu leor, 
bha mi 'caitheamh an earrann bu mho dhe 'n uine so ann an 
cuideachd mhic bhrathar m' athar. Dh' fhas sinn gle 
mheasail, agus gle mhiadhail air a cheile, mar a bha sinn a' 
fas na b' eolaiche air a cheile. An uair mu dheireadh a 
chunnaic mi e, bha e na bu chaoimhneile rium na bha e 
riamh roimhe. Air latha araidh rinn e cuirm mhor mar 
urram dhomhsa. Thug sinn uine fhada aig a' bhord. Agus 
an deis dhuinn ar suipear a ghabhail, thuirt e rium, " Is 
gann gu 'n tomhais thu cia mar a bha mi 'cur seachad na 
h-uine o 'n a bha thu an so mu 'n am so an uiridh. Bha 
moran dhaoine agam aig obair a bha toil again a chriochn- 
achadh. Thog mi taigh mor, agus tha e nis deas air son a 
dhol a ghabhail comhnuidh ann. Cha mhisde leat mi 'g a 
shealltainn dhut. Ach feumaidh tu an toiseach do mhionnan 
a thoirt dhomh nach innis thu do dhuine beo ni m' a 
dheidhinn." 

'n a bha meas mor agus eolas fada againn air a cheile, 
cha b' urrainn domh ni sam bith a dhiultadh dha. Thug- 
mi mo mhionnan gu toileach dha mar a dh' iarr e orm. An 
sin thuirt e rium, " Fan an so gus an till mi- — cha bhi mi 
tiotadh air i'albh." 



110 



An uine ghoirid thill e, agus bean-uasal og aige air laimh. 
Bha i ann an trusgan anabarrach riomhach, agus bha i 'n a 
boirionnach cho briagha 's a chunnaic mi riamli. Cha 
•d' innis e dhomh co i, agus bha e mi-mhodhail learn 
fhaighneachd. Shuidh sinn a rithist aig a' bhord, agus a' 
bhean-uasal comhladh ruinn. Thug sinn greis mhath air 
comhradh mu chaochladh nithean, agus bha sinn an drasta 
's a rithist ag ol air a cheile. 

Mu dheireadh thuirt e rium, " Cha 'n fhaod sinn a bhith 
call na h-uine. Eirich agus thoir leat a' bhean-uasal so air 
laimh, agus rach leatha a dh' ionnsuidh ionaid anus am faic 
thu aite-adhlacaidh a tha air ur-thogail, agus mullach cruinn 
air. Tha e furasda gu leor dhut aithneachadh, oir tha 'n 
dorus aige fosgailte. Theirigibh a steach arm le cheile, agus 
fanaibh ann gus an tig mise, agus cha chum mi fada 'feith- 
■eamh sibh." 



CAIB. VI. 

Am eagal bristeadh air mo mhionnan, cha do chuir mi ceisd 
sam bith air, ach rug mi air lamh air a' mhnaoi-uasail, agus 
leis an t-seoladh a thug mac bhrathar m' athar dhomh, thug 
mi a dh' ionnsuidh an aite-adhlacaidh i. Cha deachaidh sinn 
ceum iomrall ; oir bha airde na gealaich ann. Cha robh 
sinn ach air ruighinn an uair a chunnaic sinn mac bhrathar 
m' athar a' tighinn 'n ar deigh. Bha soitheach uisge aige 
agus tuadh, agus pocan beag amis an robh criadh thioram. 

Bhrist e urlar an aite-adhlacaidh le cul na tuaidhe, agus 
an uair a chladhaich e an talamh, leig e ris an dorus-falaich 
a bha fo 'n aite-adhlacaidh. An uair a dh' fhosgail e na 
dorus so, thug mi an aire gu 'n robh staidhre a' dol sios do 
dh' ionad-comhnuidh a bha fo 'n talamh. An sin thuirt e 



Ill 



ris a mhnaoi-uasail, " A bhaintighearna, is e so an rathad a 
dh' ionnsuidh an aite a bha mi ag riadh riut." 

An uair a chuala 'bhean-uasal so, tharruinn i osna throin, 
agus ghabh i sios an staidhre. Mu 'n deachaidh esan sios 
thuirt e rium, " A mhic bhratliar m' athar, tha mi anabarrach 
fada 'nad chomainn air son na chuir mi ort de dhragh. 
Gu 'n robh math agad. Slan leat." 
" Ciod is ciall dha so V arsa mise. 
"Coma leatsa ; till an rathad a thainig tu," ars' esan. 
Cha dubhairt e an corr rium. Thill mi gun dail do 'n 
luchairt aig brathair m' athar, agus chaidh mi do 'n leabaidh. 
An la-'r na-mhaireach an uair a dhuisg mi, thoisich mi ri 
smaointean air na thachair an oidhche roimhe sin. Agus an 
uair a chuimhnich mi air gach ni iongantach a thachair, is 
aim a bha mi an duil gur e bruadar a chunnaic mi. Leis 
mar a fhuair so a leithid de ghreim air an inntinn agam, 
chuir mi fios a dh' fheorach an robh mac bhratliar m' athar 
deas gus m' fhaicinn. Ach an aair a dh' innseadh dhomh 
nach do chaidil e 'na leabaidh fhein an oidhche roimhe sin, 
agus gu 'n robh muinntir an taighe fo dhragh mor m' a 
dheidhinn, thuig mi nach bu bhruadar a bh' amis na nithean 
iongantach a chunnaic mi an oidhche roimhe sin. Chuir an 
gnothach a bh' ann dragh mor air m' inntinn. Gun fhios do 
dhuine beo chaidh mi do 'n chladh, agus mi'n duil gu 'n 
amaisinn air an aite-adhlacaidh do 'n deachaidh e ; ach o'n a 
bha aireamh mhor ann de 'n aon seorsa, cha b' urrainn mi a 
dheanamh am mach co an t-aou do 'n deachaidh e. Ged a 
chaith mi ceithir latha 'g a iarradh, cha d' fhuair mi e. 

Fad na h-uine, bha brathair m' athar aims a' bheinn- 
sheilg. An uair a bha mi 'gabhail fadachd nach robh e 
tighinn, chuir mi romhan gu 'm falbhainn dhachaidh. 
Ghuidh mi air a a comhairlichean iarraidh air an uair a 
thilleadh e dhachaidh mo leithsgeul a ghabhail ; agus gun 
dail sam bith thug mi in' aghaidh air luchairt m' athar. 



Bha luchd-comhairle an righ, brathair m' athar, fo 
iomagain mhoir mu thimchioll a' phrionnsa ; ach o'n a thug 
mise mo mhionnan nach innsinn ciod a chuunaic mi, cha 
b' urrainn domh fiosrachadh sam bith a thoirt daibh m' a 
dheidhinn. 

An uair a rainig mi ceannabhaile na rioghachd aig m' 
athair, far an robh m' athair a' gabhail comhnuidh, bha 'n 
luchairt air a cuartachadh le armachd laidir. Rug na saigh- 
dearan orm, agus rinn iad priosanach dhiom. An uair a 
dh' fheoraich mi ciod bu chiall do 'n ghnothach, thuirt ard- 
cheannard an airm rium, gu 'n do chuireadh m' athair gu 
bas, gu 'n d' rinneadh an t-ard-chomhairleach 'na righ, agus 
gu 'n d' ordaicheadh mise a ghlacadh ii am phriosanach ann 
an ainm an righ. 

Gliii dail sam bith thugadh an lathair an righ mi. Tha e 
furasda 'thuigsinn gu 'n robh ioghnadh agus bron gu leor 
orm. 

Bha fuath agus gamhlas mor aig an ard-chomhairleach 
dhomh fad uine mhoir roimhe sin air son an aobhair so : — 
An uair a bha mi'n am bhalach og, bu ghle thoigh learn a 
bhith gu math trie ag obair le bogha-saighead. Air latha 
araidh air dhomh a bhith faisge air an luchairt, chunnaic mi 
eun a' dol seachad. Thilg mi saighead 'na dheigh, ach cha 
d' amais mi idir e. Thuit gu mi-fhortanach gu 'n do bhuail 
an saighead aims an-t-suil air an ard-chomhairleach, an uair 
a bha e sraidimeachd dluth orm, agus chuir e as i. Cha bu 
luaithe a thuig mi mar a thachair na chaidh mi a dh' aon 
ghnothach far an robh e gus e a ghabhail mo leithsgeil, agus 
a dh' iarraidh mile mathanas air. Ach ged a rinn mi so cha 
do leig e riamh as 'aire gu 'n do chuir mi as an t-suil. A 
h-uile cothrom a gheibheadh e bha e 'nochdadh gu soilleir 
dhomh gu 'n robh e toileach dioghaltas a dheanamh orm. 
Ach an uair a thugadh air a bheulaobh mi mar phriosanach, 
chuir e a dhroch nadar an ceill ann an doigh a bha gle 



113 



chrualdh-chridheach. Leum e far an robh mi mar gu 'm 
biodh fear-caothaich, agus spion e asaman t-suil dheas. Sin 
agaibh, a bhaintighearna, mar a chaill mi mo shuil. 

Ach cha d' fhoghainn sid leis : dh' ordaich e mo 
dhrmdeadh aim am bocsa, agus thug e aithne do 'n fhenr- 
marbhaidh mo thoirt do 'n fhasaich, agus an ceann a thoirt 
dhiom, agus mo chorp fhagail gu bhith mar bhiadh aig 
eunlaith an adhair. Thug am fear-marbhaidh leis mi air 
muin eich do 'n fhasaich gus a dheanamh orm mar a dh' 
aithneadh dha ; ach an uair a bha e 'dol g'am chur gu bas, 
ghiu'dh mi air gu durachdach le deuraibh e leigeadh mo 
bheatha learn. Ghabh e truas dhiom, agus thuirt e rium, 
" Bi falbh as an rioghachd cho luath 's is urrainn dut, agus 
thoir do cheart aire nach tig thu air ais gu brath tuilleadh ; 
ar neo ma thig, cha bhi an tuilleadh saoghail agad, agus 
cuirear mise gu bas cho math riut fhein." 

Thug mi mile taing dha air son an fhabhair a rinn e rium ; 
agus an uair a leig e as mi thug mi mi-fhein as. Ged a bha 
mi craiteach, bronach air son gu'n do chaill mi mo shuil, 
gidheadh bha mi gle thoilichte gu'n do ghleidh mi mo 
bheatha. 

Anns an t-suidheachadh thruagh anus an robh mi cha 
robh mi comasach air moran astair a chur 'nam dheigh. Re 
an latha, bha mi 'g am fhalach fhein anns gach aite a b' 
uaigniche na cheile a thachradh rium, agus re na h-oidhche, 
bha mi' siubhal troimh an fhasach cho math 's a leigeadh mo 
neart learn. Mu dheireadh rainig mi ceanna-bhaile na 
rioghachd aig brathair m' athair. Dh' innis mi dha facal air 
an fhacal mar a thachair do m' athair 's mar a dh' eirich 
dhomh fhein. 

"Ochan!" ars' esan, " thainig gu leor ormsa an uair a 
chaill mi m' aon mhac, ged nach cluinninn mu bhas mo 
bhrathar gaoil do'n robh speis cho mor agam. Agus cha 'n 

8 



114 



e thusa fhaicinn anns an t-suidheachadh mhuladach anns am 
bheil thu a's lugha a tha 'cur de bhron orm." 

Dh' innis e dhomh gu'n robh e fo dragh-inntirin ro mhor 
a chionn nach robh e 'cluinntinn guth no iomradh mu thim- 
chioll a mhic, a dh' aindeoin gach rannsachadh a rinn e fad' 
is farsuinn air a shon. An uair a dh' innis e so dhomh bhrist 
a ghal air, agus bha e 'na leithid de chruaidh-dheuchainn le 
caoidh 's le bron 's nach robh e 'n comas dhomh an diomh- 
aireachd a bh' agam a chumail an cleith air na b' fhaide. 
Agus ged a thug mi mo mhionnan nach tugainn guth gu 
brath air na chunnaic 's na chuala mi an oidhche mu 
dheireadh a chunnaij mi mac bhrathar m' athar, dh' innis 
mi gach ni air am b' fhiosrach mi. 

Fhad 's a bha mi 'g innseadh mo naigheachd dha, dh' 
eisd e rium le mor aire. Agus an uair a chuir mi crioch air 
na bh' agam ri radh, thuirt e, "A mhic mo bhrathar, tha na 
dh' innis thu dhomh 'g am chur ami am misnich. Bha fhios 
agam gu'n d' ordaich mo mhac ait'-adhlacaidh a thogail ; 
agus o'n a tha rud eiginn de bheachd agadsa air an aite, tha 
mi 'smaointean gu'n amais sinn air. Ach o'n a dh' ordaich e 
a thogail gun fhios a bhith aig daoine air, agus o'n a thug 
thusa do mhionnan nach innseadh tu ni m'a dheidhinn, is e 
mo bharail gur coir dhuinn sealltainn air a shon gun ghuth 
a radh ri neach eile m' a dheidhinn." 

Ach bha aobhar eile aig brathair m' athar air a' ghnothach 
a chumail falachaidh ged nach d' innis e dhomhsa e aig an 
am. Tuigidh sibh an t- aobhar mu'n cuir mi crioch air na 
bheil agam ri radh. 

Chuir sinn sinn-f hein as aithne, agus chaidh sinn am mach 
air dorus-cuil a' gharaidh. Ann an uine ghoirid dh' amais 
sinn air an aite a bha sinn ag iarraidh. An uair a chunnaic 
mi an t-ait-adhlacaidh ghrad dh' aithnich mi e, agus bha mi 
gle thoilichte gu'n d' amais sinn air, gu h-araidh o'n a chaith 
mi uine mhath 'g a iarraidh roimhe sid. Chaidh sinn a 



115 



steach aim, agus fhuair sinn an dorus-falaich a bh' aig barr 
na staidhreach air a dhruideadh gu math 's gu robh mhath. 
Tlieab nach rachadh againti air 'fhosgladh, o' n a bha e air a 
dhruideadh o 'n taobh a staigh leis a' chreadhaidh 's leis an 
uisge. Ach mu dheireadh chaidh againn air 'fhosgladh. 

An uair a dh' fhosgail sinn e chaidh brathair m' athar sios 
an toiseach, agus lean mise e. Bha leith cheud ceum amis 
an staidhre ; agus an uair a rainig sinn a bonn, thachair 
seomar oirnn anns an robh solus mugach, agus a bha lan de 
cheo 's de droch aileadh. Chaidh sinn as an t-seomar sin a 
steach do sheomar mor, farsuinn eile. Bha biadh is deoch 
gu leor aim, agus bha na h-uiread de chohmlean laiste ann. 
Cha robh duine ri fhaicinn ann, agus chuir so ioghnadh mor 
oirnn. Thug sinn an aire gu'n robh cuirteanan na leapadh 
air an tarruinn ri 'cheile. Chaidh an righ thun na leapadh, 
agus chunnaic e a mhac fhein agus a 'bhean uasal anns an 
leabaidh comhladh, agus iad air an losgadh 'nan gual, mar 
gu 'm biodh iad air an tilgeadh ann an teine mor, agus air 
an toirt as a rithist mu 'n do chnamh iad. 

Ged a bha 'n sealladh so eagalach ri 'fhaicinn, ghabh mi 
ioghnadh mor an uair a chunnaic mi cho beag doilgheis 's a 
chuir e air brathair m' athar a mhac fhaicinn 'na leithid de 
staid eagalaich ; oir an aite teannadh ri caoidh air a shon, is 
ami a thilg e smugaid amis an aodann air, agus thuirt e le 
guth taireil, " Is e so peanas an t-saoghail so, ach mairidh 
peanas an ath shaoghail gu siorruidh." Agus mar nach biodh 
e riaraichte le so a radh, thug e dheth a bhrog, agus bhuail 
e a mhac amis a' cheann leatha. 



116 



CAIB. VII. 

Cha 'n urrainn domh cainnt a chur air an ioghnadh a ghabh 
mi an uair a chunnaic mi an drooh dhiol a rinn brathair 
m' athar air a mhac 's e 'na laidhe marbh 's an leabaidh. 
"Mo thighearna," arsa mise, " ged a tha 'n sealladh 
nmladach so a ; cur broìn orm, cha 'n urrainn mi gun fheor- 
ach dhibh, gu de 'n cionta a chuir bhur mac an gniomh an 
uair a tha sibh a' deanamh a leilhid de thair air a chorp?" 

"Feumaidh mi innseadh dhut," ars' esan, " gu'n do thuit 
mo mhac aim an trom ghaol air a phiuthair an uair a bha 
iad le cheile gle og. Ged a bha fhios agamsa air so, cha do 
chuir mi an toiseach bacadh air a' chuis, do bhrigh nach do 
smaoinich mi gu'n tigeadh olc sain bith as. Mu dbeireadh, 
an uair a ghabh mi eagal gu'n tigeadh an gaol a bh' aca air 
a cheile gu olc air a' cheann mu dbeireadh, rinn mi gach ni 
'ghabhadh deanamh a chum stad a chur orra. Chronaich mi 
mo mhac gu searbh, eadar mi fhein 's e fhein, agus cliomh- 
arraich mi 'mach dha cho graineil 's a bha na miannan a 
bha e 'g arach. Leig mi ris dha, gu 'n tugadh e masladh 
siorruidh air fhein 's air an teaghlach gu leir, nan leanadh e 
roimhe air an obair a bh' aige. Leig mi ris a' cheart ni do 
m' nighinn mar an ceudna. Dhruid mi aim an seomar i far 
nach fhaiceadh 's nach cluinneadh i a brathair. Ach bha an 
creutair truagh cho lan de 'n droch ghne 's nach robh e 'n 
comas ciall no gliocas a chur innte. Mar bu mho a bheirt- 
eadh de chomhairle oirre, agus a chuirteadh fo stamhnadh i, 
is aim bu mho a bha i 'cur roimpe gu'm faigheadh i a toil 
fhein. 

Bha mo mhac lan-chinnteach gu'n robh a phiuthar dileas 
dha. Tlioisich e air togail ait-adhlacaidh ; ach cha robh an 
so ach leithsgeul a ghabh e, a chum gu'n rachadh aige, gun 
fhios do dhuine sam bith, air taigh-fo-thalamh a thogail, ami 



117 



an dochas gu'm" faigheadh e cothrom, latha no lath' eiginn, 
air a phiuthar a thoirt leis sios ann. An uair a fhuair e 
mise o 'n taigh ghoid e leis a phiuthar. Ach cha leigeadh 
mo naire leaoisa an gniomh olc a rinn iad a dheanamh 
aithnichte do'n t-saoghal ; oir tha e 'na ni graineil aim an 
sealladh nan uile shluagh. Ach chuimaic Dia ionichuidh 
breitheauas a thoirt orra le cheile air son gach obair 
ghraineil a bha iad a' cur an gniomh. An uair a thuirt e so 
bhrist a glial air, agus thoisich mise ri gul maille ris. 

An uair a thug e greis mhath air gul 's air caoinh thuirt 
e rimn, agus e brcith orm 'na ghairdeanan, " A mhic mo 
bhrathar, ma chaill mise droch mhac, is docha gu'n seas 
thusa aite mic dhomh na 's fhearr na rinn esan." 

Thoisich e a rithist ri labhairt mu'n droch chrich a thainig 
air a mhac 's air a nighinn : agus thug so oirnu le cheile 
teannadh ri gul 's ri caoidh. 

Mu dheireadh, dhirich sinn suas an staidhre ; dhuin sinn 
an dorus-falaich cho math 's a b' urrainii duinn. Leag sinn 
an t-ait-adhlaeaidh, a chum gu'n cuireamaid falach air a' 
bhreitheanas a thug Dia air na creutairean truagha a chuir 
a leithid a mhasladh orra fhein. 

Chaidh sinn air ais do 'n luchairt gun duine 'g ar faiciim. 
Cha robh sinn ach nine ghoirid a staigh an uair a chuala 
sinn fuaiin thrumbaidean is dhrumachan a' teannadh oirnn. 
Thuig sinn gu'n robh armailt laidir a' tighinu do 'n bhaile. 
Co bh' aim ach an t-ard-chomhairleach a chuir m' athair gu 
bas, agus a ghabh seilbh air an rioghachd aige. Cha 'n 
fhoghnadh leis greim a dheanamh air rioghachd in' athar, 
ach dh' fheumadh e greim a dheanamh air rioghachd 
bin athar m' athar mar an ceudna. 

Thainig a' chuis cho ealamh air brathair m' athar 's nach 
robh uine aige gus a chuid shaighdearaii a chur àn ordugh 
catha ; agus mar sin, cha b' urrainn e e-fhein 's a rioghachd 
a dhion o 'n armailt mhoir a bha 'curtachadh a' bhaile. Ann 



118 



an uine ghoirid bhrist iad a steach do 'n bhaile, agns thainig 
iad do 'n luchairt. Chog brathair m' athar agus freiceadan 
a' bhaile an aghaidh na namhaid cho treun, dnineil 's a 
b' urrainn a bhith ; ach bha tuilleadh 's a' choir mu 'n 
coinneamh. Cha do gheill brathair m' athar gus an do 
thuit e marbh. Air nio shon fhein dheth, chog mi cho 
math 's a b' nrrainn mi. Ach an nair a chunnaic mi nach 
deanadh cogadh feum na b' fhaide, smaoinich mi gu 'm 
b' fhearr dhomh teicheadh le m' bheatha na fuireach ri 
m' mharbhadh. Gn fortanach fhuair mi air falbh le m' 
bheatha, agus bha mi am falach car uine ami an taigh aoin 
de. sheirbhisich an righ. 

Air dhomh a bhith mar so air mo chuartachadh le bron 
agns le mi-fhortan, cha robh rathad agam air a bhith sabh- 
ailte mur cuirinn mi fhein gu buileach as aithne. Air an 
aobhar sin, thug mi dhiom a h-uile ribe feusaig a bh' orm> 
lorn mi mo mhalaidhean, agus chuir mi umau eideadh 
caladair. Air an doigh so fhuair mi gu sabhailte 'mach 
as a' bhaile. 'Na dheigh sin fhuair mi air falbh mar a 
b' fhearr a dh' fhaodainn as an rioghachd a a bh' aig 
brathair m' athar, le bhith 'gahhail frith-rathaidean agus a 
seachnadh gach aite anus an saoilinn am biodh daoine a 
dh' aithnicheadh mi. 

An uair a thainig mi do 'n rioghachd aig an righ chumh- 
achdach, Haroun Alraschid, bha fhios agam gu 'n robh mi 
saor o chimnart. Bha mi 'dol fo m' smaointean feuch ciod a 
b' fhearr dhomh a dheanamh, agus bhuail e 's a' cheann 
agam tighinn do Bhagdad, agus cuideachadh iarraidh air an 
righ ; oir tha e air aithris aims gach aite gu 'm bheil e 'na 
dhuine cho iochdmhor 's cho trocaireach 's a tha beo. 
Thnirt mi rium fhein, gu 'n gabhadh e truas dhiom an uair 
a dh' innsinn dha gach cruaidh fhortan troimh 'n deachaidh 
mi. Tha mi cinnteach gu 'n dean e sin ; oir cha diult e 



119 



cuideachadh a thoirt do mhac righ a tha cho feumach air 
cuideachadh 'sa tha mise. 

An deigh dhorah a bhith aireamh mhiosan air mo thurus 
thainig mi an de gu geata 'bhaile so, agns thainig mi steach 
ann am benl an anamoicb. Stad mi car nine ghoirid a 
leigeadh m' analach, agus a smaoineacbadh co an t-aite air 
an tngainn m' aghaidh. Thainig an caladair so eile a tha ri 
m' thaobb far an robh mi. Chnir e failte orm, agns chuir 
mise failte airsan, "Tha e coltach," ars' esan " gu 'm bheil 
thu 'nad cboigreach 's a' bhaile so mar a tha mi fhein." 

" Tha thu ceart gu leor," arsa mise. 

Cha bu luaithe a thuirt e so na thainig an treas caladair 
a tha sibh a' faicinn, far an robh sinn. Chuir e failte oirnn, 
agns dh' innis e dhuinn gu 'm bu cboigreach e a bha air ur 
thighinn gu ruige Bagdad. Agus, mar a bha nadarra gu 
leor dhuinn, rinn sinn braithreachas ri' cheile, agus runaich 
sinn gu 'm biomaid a falbh an cuideachd a cheile. Aig a' 
cheart am bha e air fas anamoch 's an fheasgar, agus cha 
robh fhios againn c' aite an rachamaid a dh' iarraidh aite 
fuirich, o nach robh luehd-eolais againn anns a' bhaile, agus 
nach robh sinn ami riamh roimhe. Gu fortanach thainig 
sinn a dh' ionnsuidh a' gheata agaibhse, agus ghabh sinn de 
ahanadas oirnn fheinn bualadh aige. Cha 'n urrainn sinn 
innseadh cho taingeil 's a tha sinn air son gu 'n do leig sibh 
a steach sinn, agus gu 'n robh sibh cho caoimhneil ruinn. 
So a nis, a bhaintighearna, na bheil agamsa ri innseadh mu 
thimchioll mar a chaill mi mo shuil dheas, agus e ar son a 
thug mi dhiom an fheusag, a lorn mi mo mhaileadhan, agus 
a tha mi an so an drasta. 

" Foghnaidh sin," arsa Sobaide ; " faodaidh tu a bhith 
falbh a dh' aite sam bith a thogras tu." 

Ghabh an caladair a leithsgeul, agus ghuidh e air na 
mnathan-uaisle leigeadh leis fuireach gus an cluinneadh e 



120 



eachdraidh a dhithis chompanach, agus eachdraidh nan 
triuir dhaoine eile a bh' anns a' chuideachd. 

Thug na ranathan-uaisle an cead so dha ; agus bba e gle 
thaingeil. 

Chuir an eachdraidh so a dh' innis a' cheud chaladair 
ioghnadh gu leor air a chuideachd gu leir, ach gu sonraichte 
air an righ. 

Ged a bba na seirbbisich 'nan seasamb 's an t-seomar le 
claidhnean ruisgte 'n an laimh, cha b' urrainn an righ gun 
labhairt ris an ard-chombairleach aim an cogar mar so : — 
" Is iomadh naigLeachd a chuala mi, ach cha chuala mi 
naigbeachd riamh fhathast a bheireadh barr air naigheachd 
a' chaladair." 

An uair a bha e 'labhairt nam briathran so, thoisich an 
dara caladair ri innseadh eachdraidh a bheatha fein do 
Shobaide. 



Sgeulachdan Arabianach. 



TALES FROM THE ARABIAN NIGHTS 

TRANSLATED INTO GAELIC 
FROM THE ENGLISH EXPURGATED EDITION. 

DIVISION II. 



PRICE ONE SHILLING. 



INVERNESS : 
"NORTHERN CHRONICLE" OFFICE. 
EDINBURGH : NORMAN MACLEOD, 25 GEORGE IV. BRIDGE. 



1899. 



SGEULACHDAN ARABIAN ACH. 



EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS 
NAN COIG MNATHAN-UAISLE. 

CAIB. VIII. 

A bhaintighearna, ars' an dara caladair, a chum fios 
a thoirt dhut air an doigh thubaistich anns an do chaill 
mi mo sliuil dheas, feumaidh mi eachdraidh mo bheatha 
innseadh o thoiseach gu deireadh. 

Is mac righ mise, agus cha robh mi ach gle og an uair 
a dh' aithnich m' athair gun robh moran tuigse air a 
bhuileachadh orm. Fhuair mi ard-f hoghlum ; oir cha 
robh duine a b' fhoghluimte na. cheile anns an rioghachd 
aig m' athair nach robh greis 'g am ionnsachadh. Cha bu 
luaithe a bha mi comasach air sgriobhadh is leughadh a 
dheanamh na dh' ionnsaich mi air mo theangaidh a h-uile 
facal de ; n Choran o thoiseach gu deireadh. A chum 
gu 'm bithinn comasach air teagasgan is earailean an 
leabhah- mhath so a thuigsiim, leugh mi gu. curamach 
gach leabhar-mineachaidh a sgriobh daoine foghluimte air. 
A bharrachd air so; leugh mi gach beul-aithris a bha air 
chuimhne mu thimchioll an fhaidh. Fhuair mi eolas mor 
mu gach seorsa foghlum eile air am biodh e feumail do mo 

1 



2 

leithid eolas is nosrachadh fhaotainn. Ach os cionn gacli 
ni eile, bha. mi ainmeil air son cho math 's a dlieanaimi 
sgriobhadh. Cha robh fear eile ri 'fhaotainn, ge mor am 
facal e, a dheanadh sgriobhadh a leith cho mhath rium. 

Cha b' e mhain gun robh m' ainm agus mo chliu fad' 
is farsuinn air feadh nai rioghachd aig m' athair mar duine 
ro fhoghluimte, agus mar sgriobhadair math, ach chualas 
iomradh orm ami an luchairt righ nan Innsean. Bha toil 
mhor aig an righ chumhachdaeh so m' fhaicinn, agns chuir 
e teachdaire le tiodhlacan luachmhor far an robh m' 
athair, agus dh' iarr © air m' athair mise & leigeadh car 
nine do 'n luchairt aige. Bha m' athair gie dheonach mo 
leigeadh air falbh. Bha fhios aige gu'n deanadh e feum 
mor dhomh am barrachd de ii t-saoghal 'fhaicinn, agus 
greis de 'n uine a chur seachad ann an cuirt righ nan 
Imisean. A bharrachd air so, bha toil aig m' athair 
cairdeas a dheanamh suas ri righ nan Innsean, gu h-araidh 
o 'n a bha, e 'na^ righ mor, cumhachdach. 

Dh' fhalbh mi comliladh ris an teachdaire, ach o n 
a bha 'n t-astar araon fada agus doirbh ri 'dheanamh, cha 
d' fhalbh comliladh ruinn ach beagan cuideachd. An uair 
a bha sinn dluth air mios air ar turns, air latha araidh 
chunnaic sinn buidheann mharcaichean a' tighinn nar 
comneamli. Mar a bha iad a' tighinn na bu dluithe 
dhuinn, rinn sinn am mach g-u'm bu robairean iad, agus 
gu'n robh mu leith cheud 'ann cliubh. O nach robh 
againn ach deich eich luchdaichte le nithean a bha feumail 
dhuinn air son ar turuis, agus le tiodhlacan a bha m' athair 
a' cur a dh' ionnsuidh an righ, agxis o nach robh sinn ann 
ach beagan dhaoine, tha e furasda thuigsinn gu'n d' fhuair 
na robairean lamh-an-uachdar oirnn ann an tiotadh. Ged 
a thuirt sinn riutha nach robh annainn ach teachdairean 
a bhuineadh do righ nan Innsean, cha tugadh iad urram 
no fathamus sam bith dhuinn. An aite sin, is ann a 



3 



thuirt iad mihn aim an cainnt ladarna, " Car son a bheir- 
eamaid meas no urram do bhur righ? Cha 'n ami de 
'shluagh sinn, agus cha mho a tha sinn air a chuid 
fearaiim." 

An uair a thuirt iad so, chuartaich iad sinn, agus 
thoisich iad ri ar marbhadh. Bha mise 'gam dhion fhein 
cho fad s a b' urraiiin domh ; ach an uair a lotadh gu 
h-olc mi, agus a chunnaic mi gum robh an teaehdaire agus 
na daoine a bha maille ris nan sineadh marbh air an 
talamh, mharcaich mi air falbh le m' bheatha cho luath s 
a dheanadh an t-each dhomh. Ged a bha an t-each air 
a lotadh cho math rium fhein, fhuair mi air falbh le m' 
bheatha. Cha robh mi astar fad air falbh an uair a thuit 
an t-each marbh fodham. An uair a chunnaic mi nach 
robh neach air mo thoir, thuig mi gum b' fhearr leotha 
greim a dheanamh air a' chreich na orm fhein. 

Bha mi 'nam onar amis an fhasach, agus mi leointe, 
agus gun duine agam a dheanadh an cuideaehadh bu lugha 
learn. Cha robh de mhisnich agam na gabhadh an rathad 
mor, air eagal gun tachradh feadhain de na robairean 
rium. 

An uair a cheangail mi na. lotan — agus gu fortanach 
cha robh iad cho< dona 's a> shaoil mi — choisich mi re na 
bha romham de ii latha gus an d' ramig mi bonn beinne 
aims a robh uamha do 'n deachaidh mi steach. Chuir mi 
seachad an oidhche anns an uamhaidh, gun ghreim bidh 
ach beagan mheasan a bhuain mi air an t-slighe. 

Choisich mi romham re iomadh latha, ach cha robh 
aite-comhnuidh a' tachairt rium. An ceann mios thainig 
mi gu baile mor a bha anabarrach maiseach, agus anns an 
robh moran sluaigli a' .q-abhail comhnuidh. Bha mi ro 
thoilichte an uair a radnig mi e, agus dhichuimhnich mi 
ann an toinhas mor am bron, an amhghair, agus an eis 
anns an robh mi. Bha m' aghaidh, mo lamhan, agus mo 



1 



chasan dubh le losgadh na greine; agus o 'n a bha mo 
bhrogan 's mo stocainnean air caitheamh leis na rinn mi 
de choiseaohd, b' eiginn domh a bhitli 'falbh casruisgte. 
A bharrachd air so, bha na bh' umam a dh' aodach air a 
dhol 'na luideagan. 

Chaidh mi steach do n bhaile feuch am faighinn am 
mach c'aite an robli mi, agus an uair a bha mi 'coiseachd 
troimh ; n t-sraid, bhruidhinn mi ri taillear a bha 'na 
sheasamh ann an doras a bhuthadh. Ged nach robh mi 
ach gle luideagach, salaoh, truagh ann an coltas, dh'aithnich 
e gun robh mi air mo bhreith 's air m' arach na b' fhearr 
na shaoileadh daoine air mo choltas. Bhruidhinn e rimn, 
agus dh' iarr e orm suidhe. 'Na dheigh sin dh' fheoraich 
e dhiom co as a thainig mi, agus ciod e chuir do 'n bhaile 
mi. Dh' innis mi dha gu saor, soilleir, co mi, agus gach 
cruaidh fhortan a thachair rium o 'n a dh' fhalbh mi a 
luchairt m' athar. 

Fhad 's a bha mi ag innseadh mo naigheachd dha, 
dh' eisd e rium le deadh aire : ach an uair a chuir mi 
crioch air na bh' agam ri radh, an aite comhfhurtachd a 
thoirt dhomh, is ann a mheudaich e mo bhron. " Thoir 
do cheart aire," ars' esan, " nach leig thu ris do neach sam 
bith co thu; oir tha naimhdeas ro mhor aig prionnsa na 
rioghachd so do d' athair, agus faodaidh tu a bhith cinnt- 
each gu n dean e cron ort, ma gheibh e fios gu'm bheil thu 
's a' bhaile so." 

Cha do chuir mi teagamh 'sam bith ann am briathran 
an tailleir. Thug mi taing dha air son a chomhairle, agxis 
thuirt mi ris, gu'n robh mi deas gus a chomhairle a ghabh- 
ail ann an ni sam bith a chuir eadh e fa m' chomhair. 

O n a bha fhios aig gu'n robh an t-acras orm, dli" 
ordaich e biadh a thoirt dhomh, agus anns a' cheart am, 
thuirt e rium, gu'm b' e mo bheatha fuheach comhladh ris 
fhein. Ghabh mi gu toileach an tairgse so. 



5 



An ceann beagan laithe&n, an uair a chunnaic e gu'n 
robh mi an deis gach sgios is airsneul a bh' orm an deigh 
mo thuruis fhada a chur dhiom, agus air dha fìos a bhith 
aige gu'n robh clann righrean, mar bu trice, ag iomisach- 
adh ceairde leis am biodh iad comasach air iad fhein a 
chumail suas, na 'm b' eiginn e, dh' fheoraich e dhiom an 
d' ionnsaich mi ceaird sam bith leis an rachadh again air 
mo bheo-shlaint a chosnadh. Dh' innis mi dha gum robh 
mi anabarrach ionnsaichte aims gach uile sheorsa 
foghlum ; agns gun robh mi sonrai elite math gu 
sgriobhadh. 

" Cha choisinn thu le d' chuid foghlum," ars' esan, " na 
cheannaicheas do dhinneir dhut. Cha 'n 'eil ni a's lugha 
air am bheil de mheas aims an duthaich so na foghlum. 
Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa cuiridh tu aodach fir- 
oibre ort, agus- o n a tha coltas ort a bhith laidir, fallainn 
gu leor, theid thu do ii choille a ghearradh connaidh. 
Gheibh thu deadh phris air, agus theid agad air thu 
fhein a chumail suas gun dragh a chur air duine eile, gus 
an cuir am freasdal fortan as fhearr na do rathad. Bheir 
mi fhein dhuit tuadh a, ghearras am fiodh, agus sug'an gus 
an t-eallach a cheangal." 

Air eagal gu'm faighteadh am mach co mi, agus a 
chum gn n rachadh agam air mi fhein a chumail suas gun 
dragh a chur air neach eile, dh' aontaich mi gun dean- 
ainn mar a chomhairlich e dhomh, ged a^ bha ? n obair 
trom agus taireil. An la-iar-na-mhaireach thug' an taillear 
dhomh tuadh is sugan is cota goirid, agus dh' iarr e air 
na daoine bochda a bhiodh a gearradh an fhiodha an 
rathad ionnsachadh dhomh do n choille, agus a bhith 
caoimhneil, companta rium. 

Thug iad do 'n choille mi, agus an latha sin fhein 
ghearr mi de n fhiodh na choisinn leith buinn oir dhomh. 
Oed nach robh a' choille fad' o ii bhaile, gidheadh, o nach 



6 



robh moran dhaoine a' dol a ghearradh connaidh innte, 
bha e gann gu leor amis a bhaile, agus mar sin, bha sinn 
a' deanamh deadh tnuarasdail a h-uile latha. An uine 
ghoirid choisinn mi suim mhath airgid, agus phaigh mi 
do n taillear gach ni a thug e dhomh. 

Lean mi air an obair so fad bliadhna. Air latha 
araidh thachair dhomh a dhol na b' fhaide steach do n 
choille na b' abhaist dhomh. Thoisich mi ri gearradh 
craoibhe; agus an uair a bha mi 'feuchainn ris a' bhun 
aice a spionadh as an talamh, thug mi an aire gun robh 
dorus-falaich foidhpe. Ghlan mi air falbh an uir, agua 
an uah" a dh' fhosgail mi e, chunnaic mi staidhre fodha. 
Ghabh mi sios an staidhre so, agus an tuadh nam laimh. 
An uair a rainig mi a bonn, fhuair mi mi-fhein ann an 
luchairt mhoir. Ghabh mi uamhas an uair a chunnaic 
mi gun robh i cho soilleir le solus dealrach s ged a 
bhiodh i air uachdar na talmhainn. Ghabh mi ceum air 
cheum air aghart troimh n luchairt, agus chunnaic mi 
bean uasal cho briagha ; s a chunnaic mo shuil riamh a' 
coiseachd 'nam choinneamh. Cha b' urrainn mi mo shuil 
a thogail dhith. Kinn mi cabhag g*us a coinneachadh ; 
agTis an uair a chrom mi a thoirt umhlachd dhi, thuirt i,. 
"Co thusa? An e duine no fathach a th' annad 1" 

" A bhaintighearna/' arsa mise, " is duine mi ; cha n 
'eil co-chomunn sam bith agam ris na fathaich." 

Tharruinn i osna throm agus thuirt i, " Cia mar air an 
t-saoghal a thaiiug tu do n aite so? Tha coig bliadhna 
fìchead o n a thainig mise a dh' fhuireach do ; n aite so, 
agus cha n f haca mi duine aims an uine sin ach thu 
fhein.' 7 



i 

CAIB. IX. 

Bha i 'na boirionnach cho maiseach 's nach b' urrainn mi 
gun tlàchd a ghabhail dhith a' cheud shealladh a chunnaic 
mi dhith ; agus leis an doigh aoidheil, chaoimhneil amis 
an do ghabh i rium, ghabh mi orm fhein de dhanadas 
bruidhinn rithe mar so : "A bhaintighearna , mu 'm 
freagair mi cheisd a chuir thu orm, ceadaich dhomh a 
radh gum bheil mi anabarrach toilichte gun do thachair 
sinn ri 'cheile. Tha sinn a thachairt ri 'cheile a' toirt 
faothaehaidh dhomhsa o 'n bhron a tha mi 'fulang; agus 
ma dh' fhaoidte gu'n toir e cothrom dhomh air thu fhein 
a dheanamh na s sona na tha thu." 

Dh' innis mi dhi mar a fhuair mi am mach far an 
robh i; gu'm bu mhac righ mi, ged nach robh a' bheag 
dhe 'choltas orm ri m' fhàicimi; agus thuirt mi rithe 
gu'm b' e am fortan fhein a stiuir mi a dh' ionnsuidh a! 
phriosain aims an robh i ; agus ged a bha 'n t-aite 's an 
robh i 'na aite-comhnuidh maiseach, nach robh a' chuis 
coltach gu'n robh i toilichte aim. 

" Ochan ! a phrionnsa, ars' ise s i deanamh osna, 
" tha thu ceart gu leor an uair a tha thu 'smaointean gu'm 
bheil mi sgith de 'n aite-chomhnuidh mhor, mhaiseach so ; 
cha 'n 'eil tlachd sam bith aig daoine de 'n aite a's mais- 
iche 's a's fhearr air an t-saoghal an uair a tha iad air an 
cumail aim an aghaidh an toile". Feumaidh g-u'n cuala 
tu iomradh air Epitimarus, righ eilean Ebene. Is mise 
nighean an righ sin. B' e toil m' athar mo thoirt ri m' 
phosadh do mhac a pheathar; ach, oidhche na bainnse, 
an uair a bha maithean na cuirte agus sluagh a' bhaile ri 
gairdeachais, thug fathach air falbh mi. Chaill mi mo 
mhothachadh anns an am, agus an uair a thainig mo 
mothachadh ugam, bha mi anns an aite so. Fad uine 



8 



mlioir bha mi anabarrach. trom, tursach ; acli mu dheir- 
eadh b' eiginn domh feuchainn ri mi fhein a dheanamli 
riaraichte le m' staid, agus gabhail ris an fhathach a h-uile 
uair a thigeadh e. Mar a dli innis mi dhut mar tha, 
tha mi coig bliadhna fichead arms an aite so, far am blieil, 
tha mi 'g aideachadh, gach ni again a b' urrainn domh 
iarraidn a chum mo dheanamli comhfhurtail araon aim 
am biadh 's an aodach. Tha 'm fathach a' tighinn an so 
nair 's na deich latha, agus a' cur seachad na h-oidhche 
comhladh rium. Mar leithsgeul air son nach 'eil e tighinn 
na 's trice, tha e ag radh gum bheil e posda ri te eile, 
agus gum biodh i ag iadach ris nam biodh fhios aice 
guìn bheil e 'tighinn an so far am bheil mise. Ach 
ma 's math learn e thighinn aig am sam bith de n 
oidhche no de 'n latha, foghnaidh dhomh an glag-draoidh- 
eachd ud aig an dorus a bhualadh, agus bidh e an so aim 
an tiotadh. Is e n diugh an ceathramh latha o n a bha 
e an so, agxis cha m eil duil agam ris gu ceann sia latha 
eile. Ma thogras tusa, faodaidh tu fuireach coig latha a 
chumail cuideachd riumsa, agus feuchaidh mi ris gach 
caoimhneas is urram 'nam chomas a nochdadh dhut. - ' 

O 'n a bha mi ; g am mheas fhein gle fhortanach a' 
leithid so de dheadh thairgse 'fhaighinn gun iarraidh, cha 
do dhiult mi i. Thug a bana-phrionnsa orm a dhol do 
sheomar-faragaidh mor, maiseach, nach fhaca mi riamh 
na V fhearr ; agus an uair a thainig mi am mach, an aite 
an aodaich a chuir mi dhiom, fhuair mi deise riomhach a 
dh' fhaodadh prionnsa sam bith a chur uime. Thug so 
toileachadh mor dhomh, cha b' aim a mhain a chionn 
gu ìi robh i anabarrach riomhach, ach a chiomi 
gu'n robh mi aim an eideadh freagarrach air son suidhe 
ann an cuideachd na bana-phrionnsa. 

Shuidh shin greis a chomhradh ri cheile. An deis 
dhuinn crioch a chur air a' chomhradh a bh' eadrainn, 



9 



dh' eirich ise, agus chuir i biadli dhe gach seorsa a 
b' fhearr na cheile air a? bhord. Shuidh sinn aig a' bhord, 
agus an deigh dhuinn na thainig ruinn de n bhiadh a 
ghabhail, chuir sinn seaehad na bha romhainn de 'n 
latlia le mor thoilinntinn. 

Air Hm ath latha rinn i gacli ni a ghabhadh deanamh 
a chum gach toileachadh a thoirt dhomh. Aig am na 
dinneireach thug i steach botul de sheann fhion cho 
math ; s a bhlais mi riamh. Gus mo thoileachadh, dh' ol i 
beagan dheth comhladh rium. An uair a dh' fhas mi blath 
leis an fhion, thuirt mi rithe, " A bhana-phrionnsa mhais- 
each, tha thu tuilleadh is fada air do thiodhlacadh beo 
anns an aite so. Cuir cul ris an aite so, agus falbh 
comhladh rium fhein far am faic thu solus an latha, a 
chum gum bi saorsa is toileachadh agad nach robh agad 
o chionn iomadh bhadhna." 

Le fiamh gaire air a gnuis thuirt i, " A phrionnsa, na 
bi bruidhinn air a leithid de ni. Ma dh' fhanas tu naoi 
latha dhe na deich comhladh rium an so, ag-us gun leig 
thu leis an fhathach a bhith comhladh rium gach deich- 
eamh latha, is e gu mor is roghainniche learn na falbh a 
so." 

"A bhana-phrionnsa," arsa mise, "is e an t-eagal a 
th' ort roimh 'n fhathach a tha 'toirt ort a bhith 'bruidh- 
inn mar sin. Air mo shon fhein dheth, cha tugainn sop 
air. Bristidh mi an glag-draoidheachd 'na, bhloighean. 
Thigeadh e ; tha mise deas air a shon ; ciod sam bith cho 
laidir, treun 's a tha e, ceamisaichidh mise e. Tha mi 
'toirt m' fhacail dhut gun cuir mi as do na h-uile fathach 
a th' air an t-saoghal. ' 

O 'n a bha fhios aicese gu math mar a dh' eireadli 
dhomh, ghuidh i orm g*u durachdach gTin mi bheantuinn 
do 'n ghlag-draoidheachd ; " oir ma bheanas tu dha,'' ars' 
ise, " cuirear mi fhin 's tu fhein a dhith. Tha fhios 



10 



agamsa air cumhachd nam fathach na 's fhearr na th' 
agadsa." 

Bha mi air fas cho blath leis an fhion aig an am s 
nach tug mi cluas do na briathran a labhair i. Dh' eirich 
mi o 'n bhord, bhuail mi breab air a' ghlag-draoidheachd, 
agTis bhrist mi e, 

Cha bu luaithe a bhristeadh an glag-draoidheachd na 
dh ; fhairich sinn an luchairt a' dol air chrith. Shaoil sinn 
gun robh i a' dol a thuiteam m' ar cinn. Chunnaic sinn 
dealanaich, agus cliuala sinn fuaim eagalach, mar fhuaim 
thairneineaeh. Chuir am fuaim so a leithid a dh' eagal 
orm 's gu'n d' fhas mi cho fuar 's ged nach olainn deur 
fjona. AgTis thuig mi gun d 5 rinn mi gnothach gle 
ghorach. 

" A bhana-phrionnsa, ; arsa mise, " ciod is ciall dha 

so r 

Mhothaich mi g-u'n robh i air chrith le eagal an uair 
a fhreagair i mi 's a thuirt i, " Mo leireadh i tha thu caillte 
mur grad theich thu. 

G-habh mi a comhairle, ach leis an eagal s leis a" 
chabhaig, dhichuimhnich mi an tuadh ag*us an sugan 
thoirt learn. Ghabh mi suas an staidhre cho math ; s a 
b' urrainn mi, agus mu n gann a bha mi aig a barr, dh r 
fhosgail an luchairt, ag-us thainig am fathach a steach. 

Thuirt e ris a' bhana-phrionnsa, ag*us e ann an corr- 
uich mhoir, " Ciod e 'thachair dhut, ag\is car son a ghairm 
thu orm?'' 

" Bhuail goirteas anns an stamaic mi, agus gxis mi 
fhein a leigheas thug mi lamh air a' bhotul fhiona so. 
Dh' ol mi beagan dheth uair no dha, agus le tuiteamas 
bhuail mi an glag-draoidheachd, agus bhristeadh e; sin 
mar a bha," ars' ise. 

An uair a chual' am fathach so, thuirt e rithe, " A 
dhroch bhean, tha thu 'g innseadh nam breug. Co aig a- 
bha n tuadh ud, agus an sugan?" 



11 



" Cha 'n fhaca. mis© iad gus a so,' ; ars' ise. " Is clocha 
g*ur ann na> do luib fhein a tliainig iad a steach. O 11 a 
bha leithid de chabhaig ort a' tighinn, ma dh ; fhaoidte 
gun d' thug thu leat iad gun fhios dut." 

Gun tuilleadh a radii rithe thoisich e ri gabhail oirre 
; s ri toirt masiaidh dhi. Cha b' urrainn domh eisdeachd 
ris an droch dhiol a bha e deanamh oirre. Chuir mi 
dhiom an deise mhaiseach a thug i orm a chur uman > 
«agus o n a chuir mi m' aodach fhein aig barr na staidhr- 
each an latha roimhe shi gus a bhith deiseil ri m' laimh 
an uair a bhithinn a! falbh, ghrad chuir mi umam e. 
Ghreas mi 'mach, dhruid mi an dorus-falaich, agus 
chuir mi an uir air a mhuin mar a bha e roimhe. 

Bha mi anabarrach diumbach dhiom fhein air son mar 
a thug mi le mo ghoraiche flieiii a leithid de chruaidh- 
fhortan air an aon bhoirionnach a b' aille snuadh s bu 
tlachdmhoire anns gach doigh, a chuimaic mi riamh mu 
choinneamh mo dha shul. 

" Tha e fior gu. leor, ■ arsa mise rium fhein, " gun robh 
i druidte anns an taigh-fo-thalamh so o chionn choig 
bliadhna fichead ; ach ged nach robh a saorsa aice, cha 
robh eis ni sam bith oirre a bhiodh feumail dhi. Chuir 
mise le mo ghoraiche crioch air gach toileachadh a h\i 
aice, agus bhrosnaich mi 'na h-aghaidh an creutair a's 
neo-iochdmhoire a th' air an t-saoghal. 7 ' 

Thill mi do 'n bhaile leis an eallach chonnaidh. Bha 
aoibhneas mor air an taillear an uair a chimnaic e mi. 
Agus an deis dha failte chridheil a chur orm, thuirt e, 
" Bha mi fo mhor dhragh-inntinn o 'n a dh' fhalbh thu,. 
gu h-araidh o n a. dh' innis thu dhomh co thu. Bha eagal 
orm gu n d' fhuaradh am mach e ; ach buidheaehas do 
Dhia gun d' thainig tu. ' 

Thug mi taing dha air son a' churaim a bh' aige 
dhiom, agus air son a chaoimhneis a nochd e dhomh. 



12 



Ach cha d' innis mi dha c' aite an robh mi fhad 's a bha 
mi air falbh, no ciod a bha 'gam chumail. Cha mho a 
dh ; innis mi dha mar a chaill mi an tuadh. 

Chaidh mi do m' sheomar fhein, ag-us chain mi mi- 
fhein gu math 's gu. ro mhath air son mo ghoraiche. " Bha 
mi fhein ; s a! bhana-phrionnsa air a bhith cho sona \s a 
tha n latha cho fada, mur b' e gu n do bhrist mi an glag- 
draoidheachd," arsa mise rium fhein. 



caib. x. 

An uair a bha mi mar so 'gam dhiteadh fhein, thainig an 
taillear far an robh mi, agus thuirt e rium, " Thug seann 
duine nach eil mi ag aithneachadh an tuadh agad an so. 
Tha e ag radh gun d ; fhuair e anns a choille i, agus g-u'n 
dubhairt do chompanaich ris gur ann leatsa 'tha i, ag-us 
gu'n d' innis iad dha g*u'n robh thu 'fuireach an so. Thig 
am mach a bhruidhinn ris; oir cha toir e seachad i do 
dhuine sam bith ach dhut fhein. 

An uair a chuala mi so, chaidh mi air chrith leis an 
eagal. An uair a bha n taillear a' faighneachd gu de 
'bha cearr orm, dh' fhosgiadh dorus an t-seomair, agus 
nochd an seann duine a steach far an robh sinn. Co 
bh' ann ach am fathach ann an riochd seann duine, agus 
an tuadh aige na laimh. 

" Is mis' am fathach, v ars' esan, " mac de nighinn 
Eiblis, Prionnsa nam fathach. Nach i so an tuadh 
agadsa .?" 

Mu n d' fhuair mi uine g*u freagairt a thoirt dlia, rug 
e air mheadhain orm, agus sguab e leis mi am mach as an 
t-seomar. Ann am priobadh na sul thug e leis mi cho 
ard do na speuran ; s nach robh fhios agam co n taobh a 
bha e 'gam thabhairt. Thainig e nuas thun na talmhainn 



13 



a rithist, agus uair a bhuail e a chas air an talamh dh* 
fhosgail e, apus thug e sios mi do 'n luchairt far an robli 
a' bhana-phrionnsa. Acli, obh, obh ! ciod an sealladh a 
bha 'n sin ! Dh' fhag e mo chridhe goirt. Bha i na 
sineadh ruisgte air an urlar lan fala, na bu choltaiche ri 
marbh na ri beo, agus a gruaidhean fliuch le deoir. 

" A chreutair miiollaichte,'' ars' am fathach rithe, agus 
e 'sineadh a laimhe an taobh a bha mise, " nach e so am 
fear ris an robh thu leannanachd?" 

Sheall i an rathad a bha mi, agus fhreagair i gu mulad- 
ach, " Cha 'n aithne dhomh idir e; cha 'n fhaca mi riamh 
e gus an drasta." 

" Ciod e tha thu 'g radh?" ars' am fathach. " Is e bu 
choireach ri thu bhith anns an t-suidheachadh anns am 
bheil thu ; ag*us tha thu cho ladarna 's g-u'm bheil thu 'g 
radh nach aithne dhut e." 

" Mur aithne dhomh e,' ; arsa bhana-phrionnsa, " am 
b' aill leat mi dheanamh nam breug a chum a dhiteadh?" 

" Oh, seadh," ars' am fathach 's e tarruinn a' chlaidh- 
eimh as an truaill, agus 'g a thairgse do n bhana- 
phrionnsa, " mur faca thu riamh roimhe e, beir air a' 
chlaidheamh, agus gearr dheth an ceann." 

" Ochan ! cia mar a tha e 'n comas dhomhsa a leithid 
sin a dh olc a dheanamh air do chomhairle-sa ? Tha mi 
air fas cho fann 's nach urrainn mi mo lamh a thogail ; 
agxis ged a b urrainn, cha leigeadh mo chridhe learn 
beatha duine neo-chiontaich nach fhaca mi riamh roimhe 
a thoirt air falbh," arsa bhana-phrionnsa. 

" Tha do chuid diultaidh a' dearbhadh dhomhsa gu 
soilleir g*u'm bheil thu ciontach," ars' am fathach. An 
sin thionndaidh e riumsa, agus thuirt e, " Am faca. tusa 
am boirionnach so riamh roimhe?" 

Bithinnse cho mi-thaingeil agus cho meallta ri creutair 
a bha beo mur feuchainn ri bhith cho dileas dhise 's a 



14 



"bha ise dhomhsa, gn h-araidh o'n a V aiin air mo shaillibh 
a choisinn i corraich an fhathaich. Air an aobhar sin, 
ibuirt mi ris, " Cia mar a bhiodh aithne agamsa oirre 'a 
nach fhaca mi riamh i gus an diugh?" 

" Ma tha sin mar sin, ' ars' esan, " beir air a' chlaidh 
eajnh. agus gearr dhith an ceann. Air a' chumhnant so 
ieigidh mi leat a bhith 'falbh ; oir an sìm bidh e air a 
dhearbhadh dhomh nach fhaca tu riamh i gus an drasta/ 

" Le m' nile chridhe, fhreagair mi s mi breith air a"' 
•cfclaidheamh." Ach na smaoinich gur ann gns a" bhana- 
phnonnsa mhaisach a chur gn bas air chomhairle an 
fhathaich a rinn mi so. Rinn mi e a chum gun nochd- 
ainn cho math 's a b' urrainn domh, gun robh mi a" cheart 
cho deas gTis am bas fhulang air a son-se s a bha ise air 
mo shon-sa. Thuig i gle mhath ciod a bha mi ciallach- 
adh ; oir dh' aithnich mi air an t-suil a thug i orm gu'n 
do thuig i mi. An uair a chunnaic mi so thug mi ceum 
air ais, aoTis thilg mi an claidheamh air an urlar, aens 
thuirt mi ris an fhathach, 11 Bidh mise gu biath nam 
chulaidh-ghrain do '11 chinne-daon gn leir ma bhios mi 
cho eucorach ; s gu mort mi oean-uasal air nach robh eolas 
again, agus a tha gie dhluth air a:' bhas. Faodaidh tu an 
rud a thogras tu a dheanamh rium, o n a tha comas 
agad air ; ach cha dean mi air chor sam bith an eucoir a 
tha thu 'g iarraidh orm a dheanamh."' 

" Tha mi 'faicinn, ars' am fathach, " gu'm bheil sibh 
le cheile suidhichte air brath a ghabhail orm, agTis air 
masladh a thoirt dhomh. Ach Ieigidh mi fhaicinn 
dhuibh, leis an droch dhiol a ni mi oirbh, gu'm bheil 
barrachd cumhachd agam na tha sibh an duil." 

An uair a thuirt e so, rug e air a' chlaidheamh, ag-us 
ghearr e dhith an lamh. Ged nach robh innte ach an 
deo air eiginn, leig i ris dhomh gu'n robh i "fagail slan 
agam g*u brath. An ceann beagan uine thraigh i air fuil. 



15 



An uair a chunnaic mise gu'n d' fhuair i bas, thuit mi am 
an neul. An uair a dhuisg mi as an neul, dh' iarr mi air 
an fhathaeh mo grad chur gu bas. Thuirt mi ris, 
" Buail mi aims a' mliionaid. Tha mi deas gus am bas 
'fhaighinn. Is e mo ghrad chur gu bas am fabhar a s mo 
is urrainn dut a dheanamh rium." 

Ach an aite deanamh mar a bha, mi ag iarraidh air, 
thuirt e, " G-abh beachd air an droch dhiol a ni na fath- 
aich air am mnathan an uair a bhios amhrus aca, gu'm 
bheil iad neo-dhileas dhaibh. Leig i leat cead tighinn a 
steach an so ; agus nam bithinnse cinnteach gun robh 
dad cearr eadraibh, chuirinn gu bas thu amis an 
t-seas£imh bonn. Ach foghnaidh learn do chruth atharr- 
achadh gu cu, no moncaidh, no leomhann, no gu eun. 
Roghnaich an cruth as fhearr leat dhiubh so." 

Thug na briathran so ni-eiginn de mhisnich dhomh 
gun rachadh agam air faighinn sabhailte as a lamhan. 
Thuirt mi ris, " O fhathaich, na bi cho cruaidh sin orm, 
agus o nach 'eil thu gus mo bheatha a ghearradh as, buin 
rium gu caoimhneil, fialaidh. Ma bheir thu mathanas 
dhomh, cumaidh mi do chaoimhneas nam aire fad 's is 
beo mi. Dean rium mar a rinn aon de na daoine a 
b' fliearr a bh' air an t-saoghal, an uair a thug e gu saor 
lan-mhathanas do ; n choimhearsnach fharmadach aig an 
robh fuath mor dha." 

Dh' fheoraich am fathach dhiom ciod a thainig eadar 
an dithis choimhearsnach so, agus thuirt e rium gun 
deanadh e foighidinn gus an innsinn dha mu 'n deidhinn. 
Tha mi ii dochas, a bhaintighearna, nach gabh thu gu 
h-olc e ged a dh' innsinn dhut an naigheachd so. 

Ann am baile-mor araidh bha dithis dhaoine 'fuireach 
aim an taighean a bha gu math dluth air a cheile. Bha 
fuath anabarrach mor aig an dara fear do 'n fhear eile. 
B' eiginn do n fhear a bha air 'fuathachadh falbh as an 



16 



taigh ; s an robh e, agus taigh a ghabhail aim am baile 
eile; oir bha e 'smaointean gur e cho dluth 's a bha e 
fhein 's a choimhearsnach air a cheile bu choireach guii 
robh fuath aig a choimhearsnach dha. Ged a nochd e 
iomadh caoimhneas dha, gidheadh, cha do lughdaich sin 
'fhuath dha. Air an aobhar sin reic e an taigh, agus gaeh 
ni a bh' aige, agus chaidh e do cheanna-bhaile na riogh- 
achd. Cheannaich e fearann faisge air a' bhaile so, far 
an do thog e taigh agus garadh a bha mor, maiseach. 
Anns a gharadh so thachair gun robh seann tobar anns 
nach robh deur uisgo. 

An uair a chuir e an taigh '& an garadh ann an ordugh 
cho math 's a ghabhadh deanamh, runaich e g-u'n caith- 
eadh e na bha roimhe dhe '-bheatha cho saor o dhragh ; s o 
thrioblaidean an t-saoghail 's a ghabhadh deanamh. Air 
an aobhar sin chuir e uime eideadh manaich, agus chuir 
e caochladh sheomraichean an ordugh a chum gu'm biodh 
e fhein is manaich eile a' fuireach annta. Ann an uine 
ghoirid thainig e g*u bhith fo mhor-mheas aig islean 7 s aig 
uaislean a' bhaile gu leir air son cho maiseach ; s cho neo- 
lochdach ; s a bha e 'caitheamh a bheatha. Thainig daoine 
air astar fada a dh' aon ghnothach a chum g*u'n cuireadh 
e suas urnuigh as an leith ; agxis dh' aidich iad gun robh 
e na mheadhain air moran math a dheanamh dhaibh. 

Chualas amis a 7 bhaile as an d' fhalbh e, gun robh an 
duine so fo dheadh chliu aig na h-uile, agus bhrosnaich 
so an duine aig an robh fuath dha air a leithid de dhoigh 
; s gu'n do chuir e roimhe g-u'n rachadh e a dh' aon ghnoth- 
ach do 'n cheanna-bhaile gus a sheana choimhearsnach a 
chur gu bas. A chum a- dhroch run a chur an gniomh 
chuir e uime eideadh manaich, agus chaidh e dh' ionns- 
uidh an taighe anns an robh a sheana choimhearsnach. 
Agus ghabh a choimhearsnach coir ris mar nach biodh 
cuimhne aige air an fhuath ; s air a' ghamhlas a bh' aige 
dha 's an am a dh' fhalbh. 



17 



Thuirt an duine gamhlasach, farmadach so ris, gu'n 
d' thainig e far an robh e air cheann-gnothaich a bha gle 
chudthromach, agus fhad 's a bhiodh e ag innseadh aobhar 
a thuruis dha, nach fhaodadh duine a bhith anns an eisd- 
eachd ach iad fhein. " Agus a chum nach cluinn neacli 
sam bith aon fhaeal dhe na bhios eadrainn," ars' esan, 
" theid sinn do 'n gharadh. Bheir thu ordugh do na 
manaich gabhail mu thamh o n a tha e air tighinn 
anamoch s an fheasgar/' Kinn an duine coir, cneasda, 
mar a chomhairlich an droch dhuine eile dha. 

An uair a chunnaic an duine farmadach nach robh 
neach sam bith g am faicinn, thoisich e ri innseadh ceann 
a thuruis do n duine mhath. Bha iad a' coiseachd taobh 
ri taobh air an socair fhein, agus gun smaointean aig an 
duine mhath gun robh olc sam bith fa near do n duine 
fharmadach. Ach uair dhe na h-uairean ; s iad a dol 
seachad air an tobar, thilg an duine farmadach sios an 
duine math an comliair a chinn do n tobar, gain fhios aig 
duine beo air an olc a rinn e, agus thug' e 'chasan as. Cha 
do leig e an ceum as a chois gus an d'rainig e a thaigh fhein. 
Bha e gie riaraichte le ; thurus ; oir bha e lan-chinnteach 
; na inntinn fhein, gun do chuir e a sheana choimhearsnach 
coir gu bas. Ach 'na dlieigh sin fhuair e mach gun robh 
e gu. mor air a mhealladh. 



CAIB. XI. 

Bha sithichean agus fathaich a' fuireach aims an t-seann 
tobar, agns mur b' e so, bha n duine math air a bheatha 
'chall mu 'n d' rainig e grunnd an tobair. An uair a tlnig 
an droch dhuine eile sios e, rug iad air nan lamhan, agus 
leig iad as gu socrach amis an tobar e. Ged nach fhaca 
e neach sam bith, dh' aithnich e gu'n robh cumhachd air 

9 



18 



choireiginn aim a chum e gun a cheann 's a chnamhan a 
bhristeadh leis an leagadh a fhuair e. 

Cha robh e fad anns an tobar an uair a chuala e guth 
ag radh, An aithne dhuibh an duine so do n tug sinn 
cuideachadh V 

Fhreagair guth eile, " Cha n aithne." 

An sin fhreagair a cheud ghuth, " Innsidh mise 
dhuibh co e. Is e so duine cho caranta s a th' air an 
t-saoghal. Dh' fhalbh e as a' bhaile 's an robh e, agus 
thainig e do n bhaile so an dochas gu n tugadh e air a on 
de choimhearsnaich gun a bhith cho gamhlasach ris. An 
uair a chuala a choimhearsnach cho cliuiteach s cho 
measail ; s a bha e anns a bhaile so, thainig e a dh' aon 
ghnothach a chum cur as da. Agus bha chuis air a dhol 
leis mur b' e gun d' thug sinne cuideachadh dha an uair 
a thilgeadh 's an tobar e. Tha cliu an duine so cho mor 
's gun cuala an righ m' a dheidhinn. Tha, n righ gus 
tighinn g a amharc am maireach a chum gun dean e 
urnuigh as leith a nighinn." 

Thuirt guth eile, " Ciod am feum a th' aig nighean 
an righ air urnuighean manaich ?" 

Fhreagair a' cheud ghuth, " Am bheil fhios agad gum 
bheil i air a, mealladh leis an fhathach, Maimoun, mac 
Dhimidim, a thuit ann an gaol oirre? Tha fhios agamsa 
gle mhath cia mar a. theid aig an duine mhath so air a 
leigheas. Tha an ni fmasda gu leor, agus innsidh mi 
dhut e. Tha cat dubh aige ; s an taig"h. Air earbaR a ; 
chait so tha bad beag geal. Ma bheir e seachd roineagan 
as a' bhad gheal so, agus gun loisg e iad os cionn ceann 
nighean an righ, bidh i air a leigheas, agus cha tig 
Maimoun, mac Dhimidim, gu brath tuilleadh far am 
bheil i." 

Chuala an duhie math a h-uile facal de n chomhradh 
so a bh' eadar na sithichean agusi na. fathaich. Ach cha 
dubhairt iad facal ri cheile tuilleadh fad na h-oidhche. 



19 



Anns a' mhadainn an uair a thoisich an latha ri 
soilleireachadh, thug e an aire gun robh pairt de bhalla 
an tobair air tuiteani, agus le mor dhichioll chaidh aige 
air streap am mach as an tobar. 

Bha na manaich fad na h-oidhche g a iarraidh gus an 
robh iad seachd sgith ; agus an uair a chunnaic iad e, 
rinn iad gairdeachas mor ris. Thug e dhaibh gearr 
ehunntas air an eucoir a. rinn an duin© air, an deis dha a 
leithid de chaoimhneas a nochdadh dha an latha roimhe 
sin. 

Cha robh e fada na sheomar fhein an uair a. thainig 
an cat dubh far an robh e, agus thoisich e ri e fhein a 
shliobadh ris. mar a b' abhaist dha. Rug e air agus thug 
€> seachd roineagan as a' bhad gheal a bh' air an earball 
,aige, agus chuir e aim an aite air leith iad gus am biodh 
feum aig' orra. 

(xu math moch an la'r-na-mhaireach chaidh an righ gu 
taigh a' mhanaich, agus ghabhadh ris leis an urram a bha 
dligheach dha mar righ. Thug an righ mar an ceudna 
urram do 'n mhanach, agus thuirt e ris, " A dhuine 
nihath, is docha gum bheil fhios agad c'ar son a thainig 
mi far am bheil thu." 

" Tha mo thighearna," ars' am manach s e 'freagairt 
gu ciuin : " mur 'eil mi air mo mhealladh, thainig sibh 
a dh' iarraidh leighis air son a' ghalair a th' air bhur 
nighinn." 

" Sin a' cheart aobhar a chuir an so mi," ars' an righ. 
" Bheir thu tuilleadh saoghail dhomhsa ma theid agad air 
mo nighean a leigheas. 

" Mo thighearna/ ; fhreagair am manach, " ma 's e 
bhur toil leigeadh lea tha tighinn an so far am bheil mise, 
tha dochas agam, le cuideachadh is fabhar Dhe, gun teid 
agam air a leigheas/' 

An uair a chual' an righ so bha aoibhneas anabarrach 



20 



air, agus gun dail sam bith chuir e air thoir na h-ighinn. 
Thainig i fhein 's a mnathan-coimhideachd. Cha bu 
luaithe a loisg am manach na seachd roineagan a thug e 
a earball a' chait os cionn a cinn, na thug am fathach, 
Maimoun, mac Dhimidim, glaodh mor as, agus dh' fhalbh 
e. Ghrad thug nighean an righ an srol bhar a h-aghaidh, 
ag-us dh' eirich i 'na seasamh, agus ghlaodh i, " C'ait am 
bheil mi? Co thug an so mi?" 

An uair a chual' an righ na briathran so, bha 
aoibhneas anabarrach mor air, agus nig e air a nighinn 
na ghairdeanan, agus phog e i. Phog e mar an ceudna 
lamh a' mhanaich. Thuirt e ris an luchd-comhairle a bha 
maille ris, " Ciod an duais air am bheil an duine so airidh 
a leighis mo nighean s 

Fhreagair iad a beul a cheile, " Tha e airidh gu'n 
tugadh tu dha do nighean ri 'posadh.'' 

" Sin a' cheart ni a bha mi fhein a' smaointean," ars' 
an righ, " agus gun tuilleadh dalach theid am posadh a 
dheanamh." 

An uine plioirid 'na dheigh sin fhuair ard-chomhairl- 
each an righ bas, agus rinneadh ard-chomhairleach de n 
mhanach. An ceann beagan bhliadhnaehan 'na dheigh 
sin dh' eug an righ fliein, agus o nach robh mac aige, 
cha 'n fliaca ard-mhaithean na rioghachd dad bu fhreag- 
arraiche na n t-ard-chomhairleach a dheanamh 'na righ, 
agus thaitinn so gu mor ri sluagh na rioghachd gu leir. 

An uair a rinneadh righ de 'n mhanach, bha e latha 
araidh, ann an cuideachd ard-mhaithean ag-us ard-uaislean 
na rioghachd ag imeachd troimh n bhaile, agus bha moran 
de shluagh a ; bhaile cruinn g*us an righ fhaicinn. Thug 
an righ an aire gu'n robh an duine farmadach, a nochd 
mor ghamhlas dha, am measg an t-sluaigh. Thuirt an 
righ ri aon de 'n na comhairlich, " Bi falbh," agus thoir 
an duine ud a chi thu 'na sheasamh an sid, far am bheil 
mise ; ach thoir an aire nach cuir thu eagal air." 



21 



Rinn an comhairleach mar a dh' aithn an righ dha, 
agus thug e an duine farmadach 'na lathair. Thuirt an 
righ ris, " A charaid, tha mi aiiabarrach toilichte d' 
fhaicinn." 

An sin thionndaidh an righ ri fear de na h-oifigich a 
bha maille ris, agus thuirt e, " Bi falbh, agus thoir ceud 
bonn oir de m' chuid ionmhais-sa do 'n duine so ; thoir 
dha mar an ceudna fichead luchd de 'n bhathar a's fhearr 
's is luachmhoire a th' aims na taighean-storais agamsa, 
agus faic sabhailte dha thaigh fhein e." 

An uair a thug e an t-ordugh so do 'n oifigeach, dh' 
fhag e beannachd aig an duine fharmadach, agus dh' 
imich e air aghart. 

An uair a dh' aithris mi an naigheachd so do 'ri 
fhathach a mharbh a bhana-phrionnsa, thuirt mi ris, " O 
fhathach ! tha thu nis a faicinn, nach e mhain gu n d' 
thug an righ mathanas do> n duine fharmadach a bha, 'g 
iarraidh a bheatha 'thoirt air falbh, ach g-u'n do nochd e 
dha mor-chaoimhneas mar an ceudna, agus gu n d' thug e 
dha or is bathar luachmhor ann am pailteas. Dean thusa 
mar a rinn an righ math,, trocaireach so, agus cha bhi 
aithreachas ort. Thoir mathanas dhomh, ag*us cha 'n iarr 
mi an corr ort." Ach a dh' aindeoin cho durachdach, 
dealasach 's gun robh mi a' guidhe air mathanas a thoirt 
dhomh, cha tugadh e geill sam bith dhomh. 

" Cha chun mi gu bas thu,'' ars' esan, " ach na biodh 
duil sam bith agad gu'm faigh thu slan, fallain, as mo 
lamhan-sa. Ueigidh mise 'faicinn dhut gu'm bheil cumli- 
achd agam iomadh ni a dheanamh le m' dhraoidheachd. ' 

An uair a thuirt e so, rug e orm 'na chroig, agus cha 
mhor nach do dh' fhaisg e an cridhe asam. Dh' fhalbh e 
learn am mach as an taigh-fo-thalamh, agus thug e leis mi 
cho ard do na speuran 's nach robh mi ach air eiginn a' 
faicinn na talmhainn shios fodham mar neul beag, geal. 



An sin thainig e nuas learn cho luath ris an dealanach,. 
agus leig e as mi air mullach beinne. Tliog e lan a 
chroige de ii talamh, agus an uair a labhair e briathran 
nach do thuig nìise, thilg e mu mhullach mo chinn e, agus 
thuirt e, " Na bi 'nad dhuine na 's mo, ach bi nad 
mhoncaidh. Ann am priobadh na sul cliaidh e as an 
t-sealladh, agus dh' fhag e aim an sid mi s mi aim an 
riochd moncaidh. Bha mo chridhe gu bristeadh le bron 
's gun fhios agam air an t-saoghal mhor c'aite an robh mi, 
no cia ii taobli a bheirinn m' aghaidh a dh' ionnsuidh 
riogliachd m' athar. 

Cliaidh mi sios bhar mullach na beinne, agus thainig 
mi dh' ionnsuidh duthchadh a bha anabarrach farsuinn, 
comhnard. Bha mi siubhal troimh n duthaich so fad 
mhios. Mu dheireadh thainig mi ann an sealladh na 
mara, agus rinn mo chridhe gairdeachas ris an t-sealladh. 
Bha feath mhor air a' mhuir, agus chunnaic mi long mhor 
fo a cuid sheol na laidhe gu socrach air aghaidh na mara, 
agus aim an dochas gu n gabhadh an sgiobair air bord mi 
nan ruiginn i, thug mi oidhirp air meanglan mor a 
bhristeadh bhar te dhe na craobhan a bha faisge air 
bruaich a' chladaich. A dh' olc no dh' eiginn gun d* 
fhuair mi, bhrist mi e, agus an uair a chuir mi am mach 
air a' mhuir e, cliaidh mi casan-gobhlach air, agus bha mi 
'g a iomradh le maide amis gach laimh. Ged a thug mi 
uine mhor air ruighinn far an robh an long, rainig mi mu 
dheireadh a cheart air eiginn. 

An uair a mhothaich na seoladairean agus an luchd- 
tumis a bh' air bord dhomh, gliabh iad ioglmadh anabar- 
rach mor. Cha bu luaitiie a rainig mi cliathach na luinge 
na ghrad shreap mi air bord ; ach o nach b' urrainn domh 
bruidhinn, bha mi ann an iomacheist mhoir ; agxis thuig 
mi gu'n robh mi ann an cunnart a. bhith air mo ghrad 
chm* gu bas. 



23 



Bha na marsantan a bn air bord, agus na seoladairean, 
a' lan clireidsinn gu'n tigeadh mi-fhortan mor 'nan rathad 
nan leigeadh iad learn a bhith air bord. Thnirt fear 
dhiubh, " Cuiridh mi 'n t-eanchain as le maide." Thuirt 
fear eile, " Cuiridh mi saighead troimh 'n mhionach aige." 
Thuirt an treas fear, " Tilgidh mi leis a' chliathaich e." 

Bha iad air mo chur gu bas ami an ionad nam bonn r 
mur b' e gu'n do ghabh an sgiobair mo phairt. An uair 
a chunnaic mi an cunnart aims an robh mi, chaidh mi far 
an robh e na sheasamh, agus thilg mi mi-fhein air an dec 
aig a chasan. An uair a chunnaic e mi a' sileadh nan 
deur gu frasach, ghabh e truas dhiom, agus thuirt e nach 
fhaodadh duine a bh' air bord beud a dheanamh orm. 
Thoisich e ri deanamh moran dhiom, agus ged nach robh 
e n comas dhomhsa facal a labhairt, nochd mi dha mar 
a b' fhearr a b' urrainn domh, gu'n robh mi gle thaingeil 
dha air son a' chaoimhneis a bha e 'nochdadh dhomh. 



CAIB. XII. 

An ceann latha no dha thainig soirbheas cho fabharrach 
; s a dh' iarradh iad, agus mhair e fad nan seachd seachd- 
ainean a bha n long air a turus a dh 1 ionnsuidh a' bhaile- 
puirt anns an robh aca ris an luchd a chur am mach. 

An uair a rainig sinn an acarsaicl 's a leigeadh am 
mach an t-acaire, thainig moran de bhataichean lan sluaigh 
thun na cliathaich a chur failte s furainn air an cairdean, 
agus a nochdadh an aoibhneis a bh' orra a chionn gu'n do 
thill iad dhachaidh gTi "sabhailte as an duthaich fhad air 
falbh anns an robh iad air chuairt. 

Ach 'nam measg so bha oifigich o 'n righ, a thainig 'na 
ainm a chur failte air na marsantan a bh' air bord. An 
uair a thainig na marsantan 'nan lathair, labhair fear de 
na oifigich riutha : — " Tha ordugh againne o 'n righ a, 



24 



radh ribh, gu'm bheil e anabarrach toilichte gun do thill 
sibh dhachaidh gu sabhailte, agus tha e 'guidhe oirbh gum 
bi sibh cho math 's gu'n sgriobh gach fear dhibh beagan 
fhacal aims an leabhar so. Agus a chum gu'n tuig sibh 
car son a tha n righ ap- iarraidh oirbh so a dheanamh, 
feumaidh mi innseadh dhuibh, gun robh ard-chomhairl- 
each na rioghachd na dhuine a bha, araon ro ghlic, agus 
mar an ceudna na sgriobhaiche a bha gun choimeas anns 
an rioghachd gu leir. Dh! eug e o chionn ghoirid, agus 
tha 'n righ 'g a chaoidh g-u mor ; agus leis an tlachd a 
th' aige dhe n sgriobhadh mhath a bha e deanamh, 
bhoidich e nach deanadh e fear sam bith na ard-chomh- 
airleach ach fear a sgriobhadh a cheart cho math lis. Ged 
a fhuaradh lamh-sgriobhaidh mhorain anns an rioghachd, 
gidheadh cha d' fhuaradh fhathast aon duine a dheanadh 
sgriobhadh cho math ris an ard-chomhairleach nach 
maireann."' 

Sgriobh na marsantan a bha 'smaointean gn m o' 
aithne dhaibh sgriobhadh math a dheanamh, beagan anns 
an leabhar. An uair a bha iad uile deas, chaidh mise far 
an robh an t-oifigeach, agTis rug mi air an leabhar as a 
laimh. Ach ghlaodh an sluagh uile, gu h-araid na mars- 
antan, ag radh, " Stracaidh e an leabhar, no tilgidh e 
anns a'.chuan e." Ach an uair a chunnaic iad cho ordail 
's a rug mi air an leabhar agus air a' pheann, agxis mar 
a bha mi 'feuchainn ri nochdadh gu ; n rachadh agam air 
sgriobhadh a- dheanamh, dh' fhan iad samhach agxis ghabh 
iad ioghnadh mor. An deigh so gu leir o nach fhaca iad 
moncaidh riamh a dheanadh sgriobhadh, agus o nach 
b' urrainn daibh a thuigsinn gu'n robh e n . comas 
dhomhsa a bhith na bu ghlice na moncaidhean eile, thug 
iad ionnsuidh air an leabhar a thoirt as mo laimh. Ach 
cha leigeadh an sgiobair leotha. " Leigibh leis sgriobh- 
adh," ars' an sgiobair. " Mur teid aige air sgriobhadh 



25 



ceart a dheanamh, gabhaidh mise air anns a' mliionaid. 
Ach ma ni e sgriobhadh math — agus tha amlirus laidir 
agam gu'n dean, oir cha n fhaca mi moncaidli riamh a 
leith cho tapaidh agus cho tuigseach ris— tha mi ag radii 
ribh gun gabh mi ris mar gum V e mo mhac fhein e. 
Bha mac agam nacli robh a leith cho turail s cho 
tmgseach ris.'' 

An uair a chunnaic mi nach robh neach sam bith a' 
cur nam aghaidh, rug nri air a' pheann, agus sgriobh mi 
na sia seorsachan lamh-s°riobhaidh a bha cleachdte am 
measg nan Arabianach, agus anns gach lamh-sgriobhaidh 
dhiubh so, bha ceathrarnh orain a rinn mi amis an 
t-seasamh bonn a moladh an righ. Cha b' e mhain gu n 
robh mo sgriobhadh moran na b' fhearr na sgriobhadh 
nam marsantan, ach, faodaidh mi a radii nach fhaca iad 
sgriobhadh riamh cho briagha ris. An uair a bha mi 
deas, thug na h-oifigich an leabhar leotha 'dh' ionnsuidh 
an righ. 

An uair a sheall an righ air na sgriobhaidhean a blr 
anns an leabhar, cha do ghabh e sunn sam bith de na 
sgriobh na marsantan. Ach thaitina mo sgriobhadh-sa 
ris anabarrach math. Thiomidaidh e ri fear de na 
h-oifigich a bha 'n lathair, agns thuirt e ris, " Thoir leat 
an t-each a's fhearr a th' agam anns an stabull, agus cuir 
air an acfhuinn a's briagha a th' again, agns thoir leat an 
deise aodaich a's riomhaiche a th' agam, agns cuir mu'n 
cluine shi i, a sgriobh na sia seorsachan lamh-sgriobhaidh, 
agus thoir leat an so e." 

An uair a chuala na h-oifigich so cha b" urrainn iad 
gun ghaire a dheanamh. 

Ghabh an righ fearg riutha a chioim gaire a dhean- 
amh, agus bha e 'dol 'g an smachdachadh. Ach thuirt 
iad ris, " Le 'r cead, a righ, tha simi gu h-umliail ag 
iarraidli mathanais oubh : cha b' e duine a rinn an 
sgriobhadh idir, ach moncaidli." 



26 



" Ciod e tlia sibh ag radii?" 'ars' an righ; " an e nacli 
aim le lamh duine a rinneadh an sgriobhadh briagha so?" 

" Cha n ami gu dearbh," arsa na h-oifigich ; " cho nor 
's a tha sinn beo, rinn moncaidh an sgriobhadh 'n ar 
lathair-ne." 

An uair a chnal' an righ so, is ann bu mho a bha de 
thoil aige sealladh dhiom 'fhaicinn ; agus air an aobhar 
sin thuirt e ris an oifigeach, " Deanaibh mar a dh' aitlm 
mi dhuibh, agns gun dail sam bith thugaibh an so am 
moncaidh iongantach ud." 

Chaidh na h-oifigich air ais a dh' ionnsuidh na luinge. 
agns htir aca- o n righ thun an sgiobair, ag iarraidh air 
am moncaidh a chur g' a ionnsuidh. An uair a leugh an 
sgiobair i, thuirt e, " Feumar a bhith umhail do dh' aithne 
an righ." 

Chuireadh an t-aodach riomhach umam, agus thugadh 
gu tir mi. An sin chuireadh air muin an eich mi, agns 
dh' fhalbh iad learn gu luchairt an righ, far an robh e 
fhein agus moran a dh' uaislean 's a mhaithean na riogh- 
achd 'g am fheitheamh a chum an tuilleadh urraim a 
chur orm. 

An uair a dh' fhalbhadh learn o 'n chladach, thoisicn 
moran sluaigh ri cruinneachadh. Bha gach sraid is 
uinneag a bh' aims a' chuid sin de 'n bhaile troimh 'n robh 
sin a dol, cho lan 's a chumadh iad de dhaoine dhe gach 
seorsa, a chruinnich as gach earann de n bhaile gus m' 
fhaicinn ; oir sgaoil an t-iomradh air f eadh a' bhaile, g-u'n 
robh an righ a' dol a dheanamh ard-chomhairleach de 
mhoncaidh. Bha ioghnadh mor aig an t-sluagh dhiom, 

agus bha iad a' sior ghlaodhaich as mo dheigh. Mu 

dheireadh rainig sinn luchairt an righ. 

Bha n righ, an uair a rainig sinn, 'na shuidhe air an 

righ-chathair, agus mor-uaislean na rioghachd mu'n cuairt 

dha. Chrom mise mi-fhein tri uairean air a bheulaobb, 



agus an sin leig ini-fhein air mo ghiuinean. agus pliog mi 
an t-nrlar mar cliomliarradli gun robli mi a' toirt unihl- 
achd is urram dlia. Xa dheigli sin slmidh mi air an urlar 
mar is gnatli leis na moncaidhean suidlie. 

Ghabh a" mlior-chnideachd a bha n lathair ioghnadli 
anabarrach an uair a chiumaic iad mar a rinn mi, agus 
clia b' urrainn iad a tlmigsinn cia mar a b' aithne dhonih 
urram dliglieacli a thoirt do 'n rìgh. A dli' aon fhacaL 
rinn mi mo dlileasdanas an lathair an rigli cho modhail 's 
clio ioruchuidh ri dnine beo, ach nach robli e "nam chomas 
facal brnidhne a dheanamh. Ach cha ii urrainn na 
moncaidhean bnudhinn. agus ged a bha mise an toiseach 
'nam dliuine, cha robli mi comasach air facal a radh aon 
uair s gun d' rinneadh moncaidh dhiom. 

Thug an riffh ordugh do na h-uaislean a bhith falbh. 

o o o 

Cha robh comhladh ris ach an t-ard-cliaillteaiiach, agns 
gille beag a bha feitheamh do ii bhord. Thug e leis mi 
do n t-seomar anns am biodh e gabhail a bhidh. agns an 
uair a chuireadh am biadh air a' bhord. smeid e orm gn 
tighhin agus suidhe aig a' bhord comhladh ris. Gus a 
leigeadh fhaicinn dha gun robh mi deas gus umhlachd a 
thoirt cilia, phog mi an t-urlar. dh' eirich mi "nam sheas- 
amh, agus slmidh mi aig a' bhord. Ghabh mi na thainig 
riuni de n bhiadh gu modliail, measarra. mar is gnath le 
daoin' uaisle 'dheanamh. 

Thug mi an aire na dlieigh sin gun robh clar-sgriobh- 
aidh anns an t-seomar, aens leig mi ris dhaibh gn'n robh 
toil agam beagan sgriobhaidh a dlieanamh. An uair a 
thugadh do m ; ionnsuidh e. sgriobh mi beagan cheathr- 
annan orain. amis an do chuir mi an ceill mo thaingealachcl 
do n righ air son cho caoimhneil s a bha e rium. An 
uair a leugh an righ an t-oran ghabh e ioghnadli anabarr- 
ach. Thugadh an sin dliomh lan glain de ii deoch a 
b' fhearr a bha an righ ag ol. An uair a dh' ol mi an 



28 



deoch so, sgriobh mi tuilleadh cheathrannan. Leugh an 
righ iad mar an ceudna, ag*us thuirt e, " Bhiodh duine sam 
bith a dheanadh a leithid so air a mheas 'na dhuine ro 
ard os cionn nan uile dhaoine." 

Dh' ordaich an righ am bord-tailisg a thoirt g' a 
ionnsuidh, agus smeid e orm gu suidhe comhladh ris a 
chluich air. Chuir mi mo lamh air mo cheann, a ciallach- 
adh gun robh mi deas gus umhlachd a thoirt dha. 
Bhuidhinn esan a' cheud chluich, agus bhuidliinn mise an 
ath dha chluich. Thuig mi nach do chord so ris, agns a 
chum 'inntinn a chiuineaehadh, rinn mi ceathrannan orain 
anns an d' innis mi mu dha armailt chumhachdaoh a bha 
'cath g-u teith, teann fad an latha, ach a rinn sith feasgar, 
agus a chuir seachad na bha rompa dhe n oidhche gu 
caoimhneil, cairdeil maille ri 'cheile air an achadh. 

Bha h-uile rud a bh' ann a cur a leithid a dh' ioghnadh 
air an righ ; s §*u'n do chuir e fios air a nighinn gn tighinn 
a steach do n t-seomar g"us m' fhaicinn. Cha bu luaithe 
'thainig i steach na ghrad chuir i srol air a h-aghaidh, 
agus thuirt i ri 'h-athair, " Le'r cead, a righ, dhichuimhnich 
sibh sibh-fhein an diugh. Tha ioghnadh orm gii'n do 
chuir sibh fios orm gu tighinn an so an lathair dhaoine." 

" Cia mar sin, a nighean \" ars' an righ. " Cha n 'eil 
fhios agad ciod a ( tha thu 'g radii. Cha 'n eil neach an 
so ach an gille-buird, an caillteanach, agns mi-fhein, agTis 
f aodaidh sinn d' aghaidh fhaicinn latha sam bith ; car 
son, a nis, a tha thu 'cur falaich air d' aghaidh, agTis a tha 
thu diumbach dhiomsa air son fios a chur ort!'' 

" Le 'r cead, a righ/' ars' ise, " bidh fios agaibh gun 
dail gum bheil mise ceart. Cha 'n e moncaidh nadarra 
th' anns a' mhoncaidh sin idir ; is e 'th' ann prionnsa og, 
mac righ mhoir. Chruth-atharraicheadh gu moncaidh e 
le draoidheachd. B' e am fathach mor, mac nighean 
Eblis, a chuir anns a' chruth sin e. Chuir am fathach so 



29 



an toiseach gu bas a' bhana-phrionnsa og, mhaiseach, 
nighean an righ, Epitimarus, agus na dheigh sin chuir e 
am prionnsa so ann an riochd moncaidh." 

Ghabh an righ ioghnadh mor an uair a chuala e so, 
agus thionndaidh e rium, agus dh' fheoraich e dhiom an 
robh na dh' innis a nighean dha mu m' dheidhinn fior. 
nach robh e n comas dhomh freagradh a thoirt air ann 
an cainnt, chuir mi mo lamh air mo cheann a' ciallachadh 
gu n robh na labhair i fior gu leor. 



CAIB. XIII. 

Thuirt an righ an sin ri' nighinn, " Cia mar a tha fliios 
agad gur ann le draoidheachd a chuireadh am prionnsa so 
ann an riochd moncaidh?" 

" Innsidh mi sin dhiubh," ars" ise. " An uair a bha 
mi mu dheich bliadhna 'dh' aois, bha seana bhean, mar a 
tha cuimhne agaibh, a' frithealadh dhomh. Bha eolas 
aiiabarrach farsuinn aice air draoidheachd. Dh' ionnsaich 
i dhomh tri fichead cleas 's a deich de na cleasan draoidh- 
eachd. Leis na cleasan so rachadh agam air ceanna-bhaile 
na rioghachd a thilgeadh ann am priobadh na sul an teis 
meadhain a' chuain, no air chul Beimi Chacasuis. Leis an 
ealain so aithnichidh mi anns a' mhionaid a h-uile neacli 
a tha fo gheasan, agus co a chuir ann iad. Air an aobhar 
sin, na biodh ioghnadh sam bith oirbh ged a thogainn-sa 
na geasan g*un dail bhar a' phrionnsa, ag-us ged a chuirinn 
; n 'ur lathair e amis a' chruth nadarra anns am bu choir 
dha bhith." 

" A nighean, cha robh fhios agam gus a nis gun robh 
uiread sin a dh' eolas agad," ars' an righ. 

" Mo thighearna," ars' an nighean, " tha n t-eolas so 
iongantach, agus is fhiach e 'ionnsachadh gu curamach ; 



30 



ach cha 'n 'eil mi "smaointean gur coir dhomh uaill a 
dheanamh as." 

A nis, o ii a theid a°'ad air," ars' an righ, " to? na 
geasan bhar a' phrionnsa."' 

" Ni mi sin, agus cuiridh mi e aims a* cheart chruth s 
an robh e an toiseach, " arsa nighean an righ. 

" Dean e, ma ta," ars' an righ, " cha n urrainn dut 
taitneas a s mo a thoirt dhomhsa ; oir ni mi ard-ehomh- 
airleacli dheth, agus posaidh e thn fhein." 

" Mo thighearna, tha mise deas gus umhlachd a thoirt 
dhuibh amis gach ni a chnireas sibh mu m' choinneamh. 
ars' ise. 

An uair a thuirt i so, cliaidh i do n t-seomar aice fhein, 
agus thug i sgian as air an robh facail Eabhra sgriobhte. 
Thug i air an righ, air a' chaillteanach, air a' ghille- 
buird, agus ormsa a dhol sios do chuirt a bh' aims an 
luchairt. Bha lobhta-chrochaidh mor-thimchioll na cuirte, 
agTis thug i oirnne nar ceathrar seasamh air an lobhtaidh 
so • ach sheas i fhein ann am meadhain na cuirte. Tharr- 
uinn i cearcal mor mu'n cuairt air an aite s an robh i na 
seasamh, agus sgriobh i na h-uiread a dh* fhacail aim an 
litrichean Arabianach an taobh a staigh de n chearcal so. 
An uair a bha gach ni deas a reir a miann, thoisich i ri 
labhairt briathran draoidheachd, agns ri aithris earramian 
de m Choran. An ceann beagan uine thoisich an t-aite 
ri fas dorcha, mar gn'm biodh deireadh an t-saoghail air 
tighinn. Bhuail an t-eagal sinn gu h-anabarrach, gn 
h-araid an uair a chuimaic sinn am fathach, mac nighean 
Eiblis,air ar beulaobh aim an riochd leomhainn a bha 
uamhasach mor. 

Cha bu luaithe a chuimaic ise e na thuirt i, " A chohi, 
an aite bhith similidh n am lathair mar bu choir dhut, am 
bheil de dhanadas agad feuchahm ri eagal a chur onn.'" 

" Agns thusa," fhreagair an leomhann, " an e nach 'eil 



31 



eagal ort bristeadh air na mionnan a bli' eadrainn nach 
deaiiamaid cron sam bith air a cheile?" 

"O chreutair mhollaichte !" arsa nigliean an righ, "is 
math a dh' fhaodas mise a radii gur tusa a bhrist air na 
mionnan.'' 

Fhreagair an leomhann gu garg, " Gheibh thusa do 
dhuais g*un dail air son mise thoirt an so." 

An sin dh' fhosgail e a chraos, agus thug e ionnsuidh 
air a h-itheadh. Ach bha ise na faireachadh, agus thug 
i leum air a h-ais. Spion i roineag de n fhalt as a ceann, 
agus an uair a labhair i tri facail, chuir i i-fhein arm an 
riochd claidheimli leis an do ghearr i an leomhann na 
dha leith. 

Chaidh an da leith so as an t-sealladh, ach dh' fhan 
ceann an leomhainn, agus arm an tiotadh chaidh e ami 
an riochd scorpioin. Ann am priobadh na sul chaidh 
nighean an right aim an riochd nathrach, agus chathaich 
i ris an scorpion gns am b' eiginn da teicheadh aim an 
riochd iolaire. Ach cha bu luaithe a chaidh an scorpion 
aim an riochd iolaire na chaidh an nathair aim an riochd 
iolaire mar an ceudna, Chaidh iad le cheile as an t-seall- 
adh car uine. "N dheigh sin dh : fhosgail an talamh air ar 
beulaobh, agus thainig cat breac geal am mach. agus a 
h-uile gaoisne a bh' air 'nan seasamh, agus e 'miamhalaich 
gu h-eagallach. Thainig madadh-allaidh dubh am mach 
'na dheigh, agTis cha do leig e fois dha. Chaidh an cat 
ann an riochd cnuimh ; agTis thachair gu n robh ubhall air 
an talamh a thuit bhar na craoibhe a bha 'fas air bruaich 
na h-aimhne, agus gun dail chaidh a' chnuimh a steach 
aim. Dh' fhas an t-ubhall cho mor ami an tiotadh 's gun 
do spraidh e na phiosan. Chaidh am madadh-allaidh aim 
an riochd coilich, agus thoisich e ri itheadh nam frasan a 
bha 'm broinii an ubhall. Ach an uair a shaoil e gu'n 
d' ith e iad uile, thainig e an rathad a bha. sinn, agus a 



32 



sgiathan sgaoilte, agus e gogail gTi trang, mar gu m biodli 
e 'faighneachd dhinn, an d' ith e na frasan uile. Bha aon 
silean de n fhras aig bruaich na h-aimhne, agus an uair a 
thug an coileach an aire dha, ruith e g' a ionnsuidh gus 
itheadh ; ach an uair a bha e gus a bhith aige, rol an 
silean e fhein do 'n amhainn, agus chaidh e na iasg beag. 
Ann an tiotadh chaidh an coileach na iasg mor, agus 
thoisich e ri ruith an deigh an eisg bhig. Bha iad da uair 
an uaireadair fo n uisge, agus cha robh fhios againn ciod 
a dh' eirich dhaibh. Ach mu dheireadh chuala sinn 
glaodhaich uamhasach a thug oirnn a dhol air chrith leis 
an eagal, agus an sin chunnaic sinn am fathach agus 
nighean an righ nan lasraichean teine, agus iad a' 
tilgeadh chuifeanan teine as am beoil air a cheile. 
Bha leithid de theine 's de thiugh-cheo timchioll 
orra s gun robh eagal oirnn mu dheireadh gun cuireadh 
iad an luchairt 'na teine. Ach an uine ghoirid bha aobhar 
eagail bu mho na so againn; oir an uair a fhuair am 
fathach a lamhan nighean an righ, thainig e far an robh 
sinn air an lobhtaidli, agus thoisich e air tilgeadh 
lasraichean teine as a bheul oirnn. Bha sinn air ar 
losgadh mur b' e gm n d' thainig nighean an righ g ar 
teanacsadh. Ach a dh' aindeoin na rinn i gus a chumail 
uainn, loisgeadh feusag agus aghaidh an righ gu h-olc ; 
thacadh an caillteanach, agus rinneadh dubh-ghual dheth, 
agus chuir an lasair te dhe na shuilean asamsa. Bha duil 
agamsa ag*us aig an righ nach robh tuilleadh saoghail 
againn, an uair a chuala sinn ise a! glaodhaich, " Buaidh, 
buaidh \" Ann an tiotadh bha nighean an righ 'na cruth 
nadarra fhein, ach bha am fathach ; na thorr luathadh. 

Thainig i gun dail far an robh sinn, agus dh' iarr 1 
cupan uisge a thoirt g a h-ionnsuidh. Thug an gille-buird 
uice e, agus an deis dhi facail a radh nach do thuig mi. 
dhoirt i mu m' cheann e, ag radh, " Ma 's ann le draoidh- 



33 



eachd a rinneadh moncaidh dhiot, bi air d' atharrachadh 
gu cruth duine mar a bha thu roimhe.' 7 Mu 'n garni a 
labhair i na briathran so, bha mis© ann an cruth duine 
mar a bha mi 'n toiseach, ach gu n robh aon suil g am 
dhith. 

Bha mi 'dol a thoirt taing do nighean an righ air son 
na rinn i de mhath dhomh, an uair a labhair i ri 'h-athair 
mar so : — " Mo thighearna, fhuair mi buaidh air an fhath- 
ach, mar a tlia fhios agaibh ; ach tha i gle dhaor dhomh, 
oir cha bhi mi beo ach beagan mhionaidean. Fhuair an 
teine greim orm an uair a bha mi ; cath ris an fhathach. 
Cha tachradh so idir dhomh nan d' thus: mi an aire do n 
t-silean mu dheireadh de 'n fhras a bh' aims an ubhaill, 
agus gun d' ith mi e, mar a dh' ith mi an corr, an uair a 
bha mi an riochd coilich. B' e sid an dara riochd mu 
•dheireadh arms an robh comas aig an fhathach air e fheiii 
a chur. Ach o nach d' rinn mi so 'na am, b' eiginn domh 
feuchainn ris a chath a chur le teine, mar a chunnaic 
sibh. A dh' aindeoin cho chumhachdach 's cho fiosrach 
s gu'n robh am fathach, leig mise fhaicinn da gu'm 
b' aithne dhomh barrachd air na b' aithne dha. Thug 
mi lan-bhuaidh air, agus loisg mi e ; ach cha n 'eil e n 
comas dhomh a nis am bas a sheachnadh." 

Bha 'n righ fo mhor dhoilghios an uair a chuala e na 
briathran so. " Mo nighean," ars' esan, " tha thu 'faicinn 
g-u'm bheil d' athair ann an droch staid. Ochan ! is 
iongantach gu'm uheil mi fhathast beo ! Tha 'n cailltean- 
ach marbh, agus tha ; m prionnsa a shaor thu o n 
draoidheachd an deis a shuil dheas a chall." 

Bha e cho lan de bhron 's nach b' urrainn da an corr 
a radh. Thoisich e ri sileadh nan deur gu frasach. An 
uair a chunnaic mise agus a nighean an staid mhuladach 
anns an robh e, cha b' urrainn duinn gun teannadh ri gul 
's ri caoidh maille ris. 



34 



An uair a bha sinn mar so 'nar triuir a' gul 's a ; caoidh. 
ghlaodh nighean an righ, " Tha mi ; g am losgadh ! Tha 
mi 'g am losgadh \" Thug i an aire gu'n robh an teine a 
bha ; g a caitheamh as an deis greim fhaighinn air a coll- 
ainn gu leir. Bha i ; sior ghlaodhaich, " Tha mi 'g am 
losgadh !" gus an do chaitheadh as i mu dheireadh. Ann 
am beagan mhionaidean bha i na torradan luathadh mar 
a bha 'm fathaeh. 

Cha gabh e innseadh am bron ; s an t-uamhas a chuir 
an sealladh so orm. B' fhearr learn gu mor a bhith 'nam 
mhoncaidh fad uile laithean mo bheatha na> mo bhanach- 
araid, chaoimhneil fhaicinn a' basachadh anns an doigh 
ud. 

Bha n righ fo dhoilghios agus fo bhron gun choimeas. 
Bha e 'glaodhaich agus a ; gabhail dha fhein anns a' cheann 
gus an do thuit e mu dheireadh ann an neul. Thug an 
luchd-frithealaidh leotha e, agus ann an uine gun bhi 
fada, bha e air chomas bruidhinn a dheanamh. Cha robh 
aobhar dhomhsa no do ; n righ fath a' bhroin 's a 
mhulaid anns an robh e Innseadh dhaibh. Dh' fhoghnadh 
dhaibh sealltainn air an da thorradan luathadh a rinn- 
eadh de ; n fhathach agus de nighean an righ, agus thuig- 
eadh iad mar a tha chair. 

Sgaoil an naigheachd muladach air feadh a bhaile 
ann an uine ghoirid, agus bha ; n sluagh gu. leir fad 
sheachd latha fo bhron air son mar a thachair do 
nighean an righ. 

Bha 'n righ fad mhios air an leabaidh le bron an deig 1 1 
bas a nighinn. Mu n gann a dh' fhas e laidir gu leor 
chuir e fios ormsa, An uair a chaidh mi far an robh e 's 
a thug mi umhlachd dha mar a bha dligheach dhomh a 
dheanamh, thuirt e rium : — " A phrionnsa, thoir an aire 
mhath do na bheil mi gus a radh riut. Mur dean thu 
mar a dh' iarras mise ort, caillidh tu do bheatha g a 



35 



chionn. Bha mi 'n comhnuidh a' caitheamh mo bheatha 
gu sona, agus cha d' thainig mi-fhortan riamh 'na mo 
rathad. Ach dh' fhalbh mo shonas gu buileach ri linn 
thusa 'thighinn 'nam rathad. Tha mo nighean marbh ; 
tha 'm fear a bha 'toirt an aire dhi marbh, agus is 
gnothach miorbhuileach gum bheil mi fhein beo fhathast. 
Is tusa bu mhathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig 
'nam rathad. Air an aobhar sin, bi falbh gun dail ann 
an sith, oir bidh mi fhein marbh ma dh' fhanas tu na s 
fhaide. Tha mi deimhin gu'm bi mi-fhortan anns gach 
aite am bi thu. Cha 'n 'eil an corr agam ri radh riut. 
Bi falbh, agus thoir do cheart aire nach tig thu gu. brath 
air ais do mo rioghachd ; ma thig, caillidh tu do bheatha 
ris. 

Bha mi 'dol a labhairt, ach cha leigeadh e learn aon 
fhacal a radh. Mar so V eiginn domh falbh as an luch- 
airt. Bha mi gun mheas, gun chliu, gun chuideachadh, 
g\in chairdean, agus cha robh fhios agam co an taobh air 
an tugainn m' aghaidh. Mu 'n d' fhalbh mi as a' bhaile 
thug mi dhiom an fheusag, lorn mi mo mhalaidhean, agus 
chuir mi uman eideadh caladair. 

An uair a ghabh mi mo thurus as a ; bhaile, bha mi 
gle mhuladach, cha b' ann a mhain air son mar a dh' 
eirich dhomh fhein, ach gu sonraichte air son mar a 
dh' eirich do 'n da bhana-phrionnsa a fhuair am bas air 
mo shaillibh. 

Choisich mi troimh iomadh duthaich gun duine 'g am 
aithneachadh. Mu dheireadh shuidhich mi gun tiginn 
gu ruige Bagdad, ann an dochas gu'n gabhadh an righ 
truas dhiom an uair a dh' innsinn dha a h-uile mi-fhortan 
troimh 'n deachaidh mi. Thainig mi do 'n bhaile air an 
fheasgar so fhein, agus b' e an caladair so, ar brathair, a' 
cheud duine a choinnich rium. Tha fios agaibh mar tha 
air a' chuid eile dhe m' eachdraidh, agus cia mar a fhuair 
mi de dh' urram a bhith an so a nochd maille ribh. 

r 



36 



CAIB. XIV. 

An uair a chuir an dara caladair crioch air a naigheachd, 
thuirt Sobaide ris, " Tha h-uile cuis ceart ; faodaidh tu 
bhith 'falbh agus do rogha rathad a ghabhail." Ach an 
aite falbh is ann a ghuidh e oirre g*u'n leigeadh i leis fuir- 
each gus an cluinneadh e eachdraidh nan daoine eile a 
bh' anns an t-seomar. ixii uair a thug Sobaide cead dha 
fuireach, shuidh e ann an aite air leith 

An uair a thoisich an treas caladair ri eachdraidh a 
bheatha fhein innseadh, thuirt e: — "A bhaintighearna 
urramach, tha m' eachdraidh-sa gle neo-choltach ris an da 
eachdraidh a chuala sibh cheana. Chaill an da phrionnsa 
a dh' innis an eachdraidh an leith shuil le mi-fhortan a 
thainig nan rathad ; s gun choire sani bith aca fhein ris, 
ach chaill mi so mo leith shuil le mo choire fhein, mar a 
thuigeas sibh an uair a chluinneas sibh m' eachdraidh. 

Is e Agib an t-ainm a th' orm, agus is mac righ mi. 
B' e Casaib ainm m' athar. An deigh bas m' athar, bha 
mise 'nam righ, ag*us bha mi 'gabhail comhnuidh aims a 
bhaile anns an robh in athair a' gabhail comhnuidh 
romham. Tha 'm baile ri cois a' chladaich, agus tha 
acarsaid ann cho farsuinn 's cho sabhailte ; s a gheibhear 
anns an t-saoghal. Tha arm-lann anns an acarsaid so 
anns an togtadh ceud gu leith long-chogaidh, leith cheud 
long air son giulan bathair, a bharrachd air moran de 
shoitheachan eile, beag is mor de gach seorsa. Tha mo 
rioghachd gu math farsuinn, agus tha aireamh mhath a 
dh' eileanan mora innte, agus tha iad uile ann an sealladh 
a' cheannarbhaile. 

An uine ghoirid an deis dhomh a bhith air mo dhean- 
amh 'nam righ, chaidh mi air feadh gach cearn de 'n 
rioghachd a chum g*u 'm faicinn an sluagh, agus gu n 



37 



deanainn gach ni a ghabhadh deanamh gus toirt orra a 
bhitli umhail agxis dileas dhomh. 'Na dheigh sin an uair 
a fhuair mi an cabhlach gus leir a chur 'na lan uidheam, 
sheol mi do na h-eileanan gu eolas a chur air an t-sluagh 
a bha 'nan comhnuidh annta. An atli bhliadhna, rinn mi 
a' cheart ni. Thug so orm tlachd a ghabhail aim a bhitli 
'seoladh. Mu dheireadn, bhuail © aims an inntinn agam 
g*u'm du choir dhomh falbh feuch an tachradh eileanan 
eile rium gus seilbh a ghabhail orra, agus mar so, mo 
rioghachd a mheudachadh. Fhuair mi deich longan- 
cogaidh fo 'n lan uidheam, agus sheol sinn. 

Fad shia seachdainean, bha soirbheas againn cho fabh- 
arrach s a ah' iarramaid. Ach 'na dheigh sin sheid 
stoirm laidir n ar n-aghaidh fad latha 's oidhche, ag-us cha 
mhor nach deachaidh ar call. Mu shoilleireachadh 
an latha thuit a' ghaoth, agus thainig a' ghrian ris gu 
briagha. O n a thachair dhuinn aig an am a bhitli faisge 
air eilean mor, dh' acraich sinn dluth dha, agus thug sinn 
uisge agus biadh air bord. An ceann da latha sheol 
sinn. An ceann deich latha an deis dhuinn seoladh bha 
suil am mach againn feuch am faiceamaid fearann; ach 
cha robh fearann ri' i^aicinn. An uair a chunnaic mi 
nach robh cuisean air thuar a dhol learn cho math 's a bha 
mi n duil, thug mi ordugh tilleadh dhachaidh. Ach thuig 
mi gun do chaill sinn ar cursa. Air an latha sin fhein 
chuireadh fear de n sgiobadh suas do n chram-mheadhain 
feuch an deanadh e am mach an robh sinn faisge air 
fearann. An uair a thainig e nuas, thuirt e nach robh 
coltas fearainn ri fhaicinn taobh sam bith ; " ach tha mi, 
ars' esan, " a' faicinn meall mor dubh nar deigh." 

An uair a chual' am fear-iuil a bh ; againn air bord na 
briathran so, dh' fhas aehaidh cho geal ris an anart. Le 
a leith laimh thug e bhoinneid bhar a chinn, agus bhuail 
e air an dec i, agus leis an laimh eile thoisich e ri bualadh 



38 



'uchd agxis ri radh, " Tha sinn caillte ! Cha teid a h-aon 
dhinn as ! Agus tha e neo-chomasach dhomhsa an 
eunnart a sheachnadh." An uair a thuirt e so, bhuail e 
air gul 's air caoidh, mar dhuine a bhiodh a' faicinn gun 
robh e dluth air bas obann. An uair a chunnaic sgiobadh 
na luinge an suidheachadh anns an robh e, chaidh iad 
uile air chrith leis an eagal. 

Dh' fheoraich mi dheth car son a bha eagal cho mor 
air; agus thuirt e rium gu'n d' fhuadaich an stoirm cho 
fada bhar ar cursa sinn 's gu'n robh sinn tuilleadh is dluth 
air na beanntan dubha. " Anns na beanntan so," ars' 
esan, " tha moran de chloich dhaoimein, ag-us mu 'n am so 
am maireach, an uair a bhios sinn air ar tarruinn gu math 
•dluth dhaibh, tairnidh a.' chlach dhaoimein so a h-uile 
tailing iaruinn a th' anns na longan am mach asda, agus 
theid iad 'nam bordan beaga, agus bidh sinn uile air ar 
call. Tha taobh nam beanntan so luma lan de thairnean 
a bh' anns na longan a bh' air am bristeadh orra a chionn 
iomadh linn. Mar is mo a bhristear de shoithichean air 
cladach nam beanntan so, is ann is mo a bhios de chumh- 
achd tarruinn aca air soithichean eile. 

" Tha garbhlach anabarrach mor air taobh a' chuain 
•de na beanntan so. Air mullach te dhiubh, tha taigh umha 
air a thogail air am bheil mullach cruinn. Air mullach 
an taighe so, tha each umha na sheasamh. Air muin an 
eich so, tha marcaiche 'n a shuidhe, agus air an uchd aig 
a' mharcaiche, tha uchd-eideadh luaidhe air am bheil facail 
dhraoidheachd sgriobhte. Tha e air aithris gur e mi 
t-each agus am marcaiche an t-aobhar sonraichte air son 
STi'm bheil na h-uiread de shoithichean air am bristeadh, 
agus de dhaoine air am bathadh air cladach na beinne, 
agus gum bi an call so a tachairt gus an leagar an t-each 
.agus am marcaiche bhar mullach an taighe." 



39 



An uair a chuir am fear-iuil crioch air na briathran so, 
thoisicli an sgiobadh ri gul 's ri caoidh maille ris. Bha 
mi ann an lan dhuil gu n robh crioch mo bheatha dluth 
air laimh. 

Anns an am thoisicli a h-uile fear a bh' air bord ri 
deanamh deiseil air son a bheatha fhein a shabhaladii, 
nan gabhadh sin deanamh. Rinn gach fear dileabam 
de 'n fhear eile, a clmm gum biodh cuid an fhir mhairbh 
aig an fhear bheo. 

Anns a' mlmdainn an la-iar-na-mhaireach bha sinn gu 
math dluth do na beanntan, agus chuir na chuala sinn mu 
'n deidhinn am barrachd uamhais oirnn. Mu mheadhain 
latha bha sinn cho dluth orra 's gun do lan-chreid sinn 
gun robh na dh' innis am fear-iuil dhuinn mu'n deidhinn 
nor gu leor. Thoisicli gach tairig agus gach iarann eile a 
bha anns na longan air leum asda gu cladach na beinne. 
Mu dheireadh sgaoil iad 'nam bordan as a cheile, agus 
chaidh iad fodha. Bhathadh a h-uile duine ach mi fhein. 
Ach bha Dia trocaireach dhomh, agus thachair gn'n d' 
fhuair mi greim air maide mor a chum an uachdar mi. 
Beag air bheag chuir a' ghaoth mi fhein 's am maide gu 
tir aig bonn na beinne gun bheud a dheanamh orm. 
Ged a bha n cladach garbh, creagach, anabarrach doirbh 
ri 'dhireadh, thachair gun deachaidh mi air tir ann an 
aite anns an robh e rud eiginn furasda dhomh a bheinn a 
dhireadh. An uair a chunnaic mi so, thug mi taing do 
Dhia, agus dh' earb mi mi-fhein ris. Thoisicli mi ri direadh 
na beinne, ach ma thoisicli cha robh sin furasda dhomh a 
dheanamh. Cha robh bileag fheoir ri fliaicinn o bhonn 
gu. mullach na beinne : cha robh anns a' bheinn ach clach 
dhubh, chruaidh, shleamhuinn ; agus chuir eadh an oiteag 
ghaoithe bu lugha bhar mo chas mi iomadh uair. Ach a 
dh' olc no dh' eiginn gu'n d' fhuair mi, rainig mi mullach 
na beinne mu dheireadh. Chaidh mi steach do 'n taigh, 



40 



agus air mo ghluinean thug mi taing do Dhia air son cho 
trocaireach ; s a bha e dhomh. 

Chuir mi seachad an oidhche amis an taigh. Chaidil 
mi gu trom ; oir bha mi gle sgith. Chunnaic mi bruadar 
iongantaeh. Ar learn gun d' thainig seann duine liath, 
air an robh coltas siobhalte, far an robh mi, agus gu'zi 
dubhairt e rium, Eisd rium, Agib : cho luath 's a 
dhuisgeas tu, cladhaich an talamh aig do chasan, agus 
gheibh thu fo n talamh bogha-saighead umha, agus tri 
saighdean luaidhe a rinneadh fo runnagan araid, a chum 
an cinne-daon a shaoradh o iomadh trioblaid do 'm bheil 
iad buailteaeh. Tilg na tri saighdean air an iomhaidh 
duine a th' air muin an eich, a th' air mullach an taighe. 
Tuitidh an iomhaidh so sios do n chuan ; ach tuitidh an 
t-each-umha air do beulaobh. Feumaidh tu an t-each so 
a thiodhlacadh amis an t-slochd as an cladhaich thu 
am bogha-saighead agus na saighdean. Cha luaithe a ni 
thu so na thoisicheas am muir ri at ; s ri eirigh suas ri 
taobh na beinne, gus mu dheireadh am bi e cho ard ri urlar 
an taighe. An uair a bhios am muir cho ard sin, chi thu 
bata beag a tighinn an taobh a tha thu, agus coltas aon 
duine innte, agus e 'g a h-iomradh le ramh anns gach 
laimh. Cha n e duine a th' ann, ach iomhaidh duine air 
a dheanamh de mhiotailt araid. An uair a thig am bata 
gu tir air do bheulaobh, theid thu gun dail a steach innte- 
Ach thoir do cheart aire nach ainmich thu ainm Dhe fhad 
's a bhios tu air bord innte. Ann an deich laitheaii 
bheirear thu a dh' ionnsuidh aite anns am faigh thu 
cothrom air a dhol g-u sabhailte do d' rioghachd fhein. 
Ach cuimhnich nach toir thu guth air ainm Dhe fad na 
h-uine; ma bheir, cha ruig thu do rioghachd fhein gTi 
brath/' 

Thug am bruadar so, an uair a dhuisg mi, misneach 
mhor dhomh. Gun dail sam bith chladhaich mi anns an 



41 



talamh aig mo chasan far an robh mi 'nam laidhe. Fhuair 
mi am bogha-saighead agus na tri saighdean mar a thuirt 
an seaim duine rium. Thilg mi na saighdean ah' an iomh- 
aidh a bh' air muin an eich umha, agus leis an treas 
saighead, leag mi e. Thnit e car ma char sios leis a 
bheinn, agus chaidh e as mo shealladh amis a' mhuir. 
Thuit an t-each mar an ceudna air mo bheulaobh, agus 
gun dail sam bith thiodhlaic mi e amis an t-slochd as an 
d 7 thug mi am bogha-saighead agus na saighdean. Mar a 
thuirt an seann duiiie rium, thoisich am muir ri at beag* 
air bheag gus mu dheireadh an robh e cho ard ri urlar an 
taighe a bh' air mullach na beiime. Thug mi an aire anns 
an am gu'n robh am bata tighinn, agus a' deanamh direach 
air an aite anns an robli mi, agus thug mi taing do Dhia 
a chionn gun robh mi air thuar faotainn as an aite mhi- 
fhortanach anns an robh mi. 

Mu dheireadh, an uair a thainig am bata gu tir air mo 
bheulaobh, chunnaic mi gur e iomhaidli duine de mhiotailt 
a bha 'ga h-iomradh, mar a dh' innseadh dhomh anns a' 
bhruadar. Gun fhacal a radii, chaidh mi air bord innte. 
Dh iomair e air falbh o n bheinn, agus lean e air iomradh 
fad naoi latha agus naoi oidhche. Anns a' mhadainn air 
an deicheamh latha, thug mi an aire gu'n robh sin a" 
dluthachadh ri fearann. Bha mi cho lan de ghairdeachas 
aig an am ; s gun do dhichuimhnich mi a' chomhairle a 
thug an seann duine orm anns a' bhruadar. Thuirt mi, 
a Beannaichte gu robh Dia ! Moladh do Dhia!" 

Cha bu luaithe a thuirt mi so na chaidh am bata agus 
an duine miotailt fodha fo m' chasan. Bha mi nam 
dheadh shnamhaiche, agus o nach robh mi fada o thir, 
thuirt mi rium fhein gu'n rachadh agam air tir a thoirt 
a,m mach. Ach cha robh sin cho furasda dhomh 's a bha 
mi n duil. An uine ghoirid thuit doinionn gharbh agus 
tiugh-dorchadas air an fhairge gu leir. Cha robh fhios 



42 



again co an taobh air an tugainn m' aghaidh ; ach bha mi 
sior slrnamh. Mu dheireadh thoisich mo neart ri mo 
threigsinn. Thug mi duil thairis gum faighinn gu brath 
g*u tir. Ach sheid a ghaoth anabarrach laidir, agus dh' 
eirich na tonnan cho ard ; s gu'n robh iad 'g am iomain gu 
tir, gTis mu dheireadh an do thilg iad air sJ chladach mi, 
agus mi leith mharbh. Bha de mhothachadh annam na 
thug fa near gu m faodadh sruladh nan tonn mo thoirt 
a.m mach a rithist, agus thug so orm gu n d' ealaidh mi 
suas gu braighe a' chladaich. 



CAIB. xv. 

A reir choltais gu'n robh mi greis mhath nam chadal 's 
an aoda^h fhliuch am braighe a' chladaich ; oir, an uair a 
dhuisg mi bha 'ghrian air eirigh gu math ard. Bha latha 
anabarrach blath, briagha ann, agus chuir mi dhiom mo 
chuid aodaich, agus sgaoil mi air thiormachadh e ris a! 
ghrein. An uair a bha e tioram gu leor chuir mi umam 
e, ag-us dhirich mi f=uas o n chladach feuch ciod a chitliinn. 
Cha deachaidh mi fad air m' aghaidh an uair a chunnaic 
mi g*u'n robh mi air eilean beag, fasail, a bha gu math 
fad' o thir-mor. Thug so mo mhisneach uam gu mor; 
oir ged a fhuair mi as gu. sabhailte o chunnart na mara, 
cha robh e coltach gu n robh doigh sam bith ann air am 
faighinn as an eilean gus a dhol do mo rioghachd fhein. 
Ach o 'n a bha pailteas de chraobhan-meas air an eilean, 
thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras. Chuir mi mi- 
fhein air churam Dhe, ag*us ghuidh mi air gu'n deanadh e 
rium mar a chitheadh e iomchuidh. 

Aig a' cheart am chunnaic mi long a' tighinn o thir- 
mor a dh' ionnsuidh an eilean. Thuig mi gu'n robh 'nam 



43 



beachd acrachadh aig an eilean ; agus o nach robh fhios 
agam ciod e an seorsa dhaoine a bh' annta, thuirt mi rium 
fhein, gu'm b' e an gnothach bu shabhailte dhomh cumail 
as an sealladh. Dhirich mi suas do chraoibh mhoir far 
am faicinn iad, agus far nach fhaiceadh iadsan mise. 
Thainig an long do bhagn beag a bha faisge orm, ag*us cha 
bu luaithe a chuireadh am mach an t-acaire na thainig 
deichnear gu tir. Bha spaidean is piocaidean aca, agus 
thuig mi gu n robh iad gus an talamh a chladhach an aite 
eiginn. Chaidh iad g*u meadhain an eilean, far an d' thug 
iad greis mhath air cladhach; ag*us ar learn gu'm faca mi 
iad a' togail hce bhar dorus-falaich. Thill iad air an ais 
thun a' bhata, agus thug iad innsreadh agus biadh dhe 
gach seorsa gm tir, ag-us ghiulain iad e a dh' ionnsuidh an 
aite aims an do chladhaich iad an talamh. Thug so orm 
a smaointean gur e taigh fo thalamh a bh' aim. 

Chunnaic mi iad a' tilleadh a rithist thun na luinge, 
ag-us thug iad gu tir seann duine agus gille og mu thim- 
chioll choig bliadhna deug. Chaidh iad uile sios troimh 
an dorus-fhalaich, agus an ceann beagan uine thainig iad 
uile a nuas as an taigh fo thalamh ach an gille og. Thug 
so . orm a smaointean gu n d' fhag iad anns an taigh fo 
thalamh e, agus ghabh mi ioghnadh mor. Chaidh an 
seann duine agus an deichnear sheirbhiseach air bord, agus 
gun dail sam bith sheol iad air falbh a dh' ionnsuidh tir- 
mor. 

An uair a chunnaic mi gun robh iad cho fad air falbh 
's nach tugadh iad an aire dhomh, thainig mi 'nuas as a' 
chraoibh, agus chaidh mi far am faca mi iad a' cladhach 
na talmhainn. Beag air bheag ghlan mi an talamh air 
falbh, agus leig mi ris clach a bha mu thri troidhean air 
gach rathad. Thog mi i, ag*us chunnaic mi g-u'n robh 
staidhre chloiche foidhpe. Chaidh mi sios, agus rainig mi 
seomar mor air an robh lar-bhrat, agus anns an robh 



44 



uirigh a bha comhdaichte le brat a dh' obair-ghreis ro 
ghrinn, air an robh an duine og 'na shineadh, agus gnite 
; na laimh. Chunnaic mi so le solus nan coillnean ceireach 
a bha laiste aims an t-seomar. Ghabh an duine og clisg- 
eadh an uair a chunnaic e mi. Ach air eagal gu'n 
gabhadh e miapadli ro mhor, ghrad thuirt mi ris, " Ge 
b' e air bith co thu, na biodh eagal sam bith ort. Is righ 
mise, agus mac righ, agus uime sin cha dean mi cron sam 
bith ort. An aite cron a dheauamh ort is docha gu'n do 
thachair dhomh tighinn an so a chum math a dheanamh 
dhut. Tha thu an so air do thiodhlachadh beo air son 
aobhair air am bheil mise an-fhiosrach. Ach is e a tha 
cur ioghnaidh orm (oir chunnaic mi gach ni a thachair o 'n 
a thainig tu air tir do n eilean), c ar son a leig thu leotha 
do dhunadh a steach an so gxm chur gu laidir ; nan 
aghaidh. 

Rinn an duine og faite gaire an uair a chuala e na 
briathran so, agus dh' iarr e orm suidhe. An uair a 
shuidh mi thuirt e rium : — " A Phrionnsa, tha mi 'dol a 
dh' innseadh dhut rud a chuireas ioghnadh anabarrach 
mor ort." 

" Tha m' athair 'na mharsanta-sheudan, agus leis cho 
glic, gleusda 's a bha e 'dol an ceann a ghnothaich, rinn e 
fortan mor. Tha aireamh mhor sheirbhiseach aige, agus 
tha aige mar an ceudna, fir-ionaid a tha 'deanamh gnoth- 
aich air a shon air muir 's air tir ann an iomadh aite air 
feadh an t-saoghail. AgTis tha e 'reic moran sheudan q 
righrean s ri prionnsachan, agus ri ard-mhaithean gach 
rioghachd. 

" Bha m ; athair posda iomadh bliadhna mu'n robh 
teaghlach aig. Ach chunnaic e bruadar o 'n do thuig e 
gu'm biodh mac aige, ach nach biodh a shaoghal ach 
goirid. An uair a dhuisg e, bha e fo thrioblaid inntinn 
anabarrach mor mu 'n chuis. Mu ; n am sin dh' fhas ma 



45 



mhathair leith-tromach ormsa, agus aii ceann naoi miosan 
rugadh mi, agus a reir mar a chuala, mi, bha gairdeachas 
nach bu bheag ami an taigli m' athar. 

Ghabh m' athair beachd air a' cheart mhionaid air 
d' rugadh mi, agus gun dail sam bith chaidh e far an robh 
reuladairean ainmeil a bh' anns an rioghaehd, feuch am 
faigheadh e 'mach ciod a. bha gii eiridh dhomli. Thuirt 
iad ris mar so : — " Bidh do mhac beo, slan, fallain, fad 
choig bliadhna deug, agus ma dh' fhaoidte nai 7 s fhaide; 
ach aig aois nan coig bliadhna deug bidh e ami an cunnart 
mor gun caill e 'bheatha. Ma sheachnas e an cumiart 
mor so, faodaidh © bhith beo gus am bi e na fhior sheann 
duine. Is e am a' chunnairt an t-am amis an tilg 
Prionns' Agib, mac High Casib, an iomhaidh a th' air 
mullach na beinn dhaoimeni sios do n chuan ; agus an 
ceann da fhichead latha 's a deich na dheigh sin, cuiridh 
am prionnsa so do' mhac gu bas." 

Thuig m' athair gun robh an fhiosachd so a' co- 
chordadh amis gach ni ris a bhruadar a chunnaic e, agus 
chuir e trioblaid-inntinn ro mhor air. Thug e dhomhsa 
sgoil is ionnsachadh is fìosrachadh cho math s a ghabhadh 
dheanamh. Is e so an coigeamh bliadhna deug dhe m' 
aois; agus dh' innseadh an de do m' athair gun do thilg 
Prionns' Aigib an iomhaidh umha a bh' air mullach na 
beinne do 'n chuan o chionn deich latha. Chuir an 
naigheachd so m' athair gu bron 's gu tuireadh cho mor 
's gur gann a dh' aithnicheadh duine e. 

Ged a bha e 'creidsinn gun robh an fhiosachd a rinn m 
reuladairean mu m' dheidhinn nor, gidheadh dh' fheuch e 
ris gach ni a dheanamh a ghabhadh deanamh a chum mise 
ghleidheadh o 'n chunnart a dh' ainmich mi. Thog e 
taigh-fo-thalamh anns an eilean gus mise a- chur am falacli 
ann gus an rachadh am a' chunnairt seachad, agus cho 
luatli 's a chual' e gu'n do thilgeadh an iomhaidh do 'n 



46 



chuan, chuir e mise an so. An ceann da fhichead latha 
thig e g' am iarraidh. Air mo shon fhein dheth, cha 'n 
urrainn mi 'chreidsinn gu'n tig Prionns' Agib g' am 
iarraidh do 'n aite uaigneach, aonaranach so. So, mo- 
thigh earna, na bheil agam ri 'innseadh dhuibh." 

Am feadh 's a bha n duine og ag innseadh na naigh- 
eachd so dhomh, cha b' urrainn mi g-un a bhith 'smaointean 
air cho mi-choltach 's a bha n fhiosachd a rinn na reulad- 
airean. Cha robh anns an t-saoghal na bheireadh orm a 
chreidsinn gu'n robh e comasach gu'n cuirinn an duine og 
so gu bas. Thuirt mi ris, " Mo ghille math, cuir d' 
earbsa ann am mathas Dhe, agus na biodh eagal sam bith 
ort. Cha chuirear g-u bas thu fhad 's a bhios tu anns an 
eilean so. Tha mise ro thoilichte gu'n do thachair dhomh 
tighinn do 'n eilean so a chum do dhion o gaeh neach a 
bhiodh ag iarraidh do bheatha thoirt air falbh. Cha ; n 
fhalbh mi a so gus an tig crioch an da fhichead latha, 
mu n robh na reuladairean a cur eagail ort. Ag-us ni mi 
gach ni nam chomas a chum do thoileachadh, agus an 
uine a chur seachad cho cridheil ; s cho taitneach 's a 
ghabhas deanamh anns an aite so. Na dheigh sin 
gheibh mi as an eilean so air an luing leis an tig d' athair 
g' ad iarraidh; agus an uair a gheibh mi air ais do m' 
rioghachd fhein, bidh cuimhne agam air a ; chomain a chuir 
thu orm, agus cha dichuimhnich mi caoimhneas a nochd- 
adh dhut." 

Thug na briathran so a labhair mi ris misneachd mhor 
dha, Cha d' innis mi idir dha gu'm bu mhi Agib roimh 
an robh eagal cho mor air; oir, nan robh fhios aig co mi, 
is docha gu'n rachadh e as a chiall leis an eagal. Chuir 
sinn seachad an uine gu h-oidhche a' comhradh mu 
chaochladh nithean. Thuig mi o ; n chomhradh a bh' 
eadrainn, gu'n robh e 'na dhuine og a bha gle thurail, 
tuigseach. Ghabh mi biadh comhladh ris; agus bha 'm 



47 



pailteas bidh aige air ar son le cheile. Thug sinn greis 
air comhradh an deigh ar suipearach, agus an sin ghabli 
sinn mu thamh. 

O latha gu latha bha mi 'feuchainn cho math 's a 
b' aithne dhomh ris an uine a chur seachad leis gach toil- 
inntinn air am b' urrainn mi smaoineachadh. Ann am 
beagan laithean dh' fhas sinn gle mheasail air a cheile. 
Feumaidh mi radh gu'n do ghabh mi tlachd cho mor dheth 
's gu'n dubhairt mi uair is uair rium fhein, " Cha ; n 'eil 
aims na reuladairean a bha 'g radh ri' athair gur mi 
a bha gus a chur gu bas ach na nor mhealltairean. Cha ; n 
'eil e comasach gun deanainn-sa gniomh cho eucorach ri 
duine og, neo-chiontach a chur gu bas gun aobhar." A 
dh' aon fhacal, chuir sinn seachad naoi latha deug ar 
fhichead ann an cuideachd a cheile cho cridheil, cho 
cairdeil, agTis cho taitneach 's a b' urrainn a bhith. 

Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha. " Tha 
mi beo, slan; buidheachas do Dhia, agus dhutsa air son 
do chaoimhneis dhomh. Bidh m' athair an so gun dail, 
agus bidh e gle thaingeil dhutsa air son cho caoimhneil s 
a bha thu rium, agus gach frithealadh a rinn thu dhomh. 
Bheir e dhut gach cuideachadh a's urrainn da a chum 
comas a thoirt dhut faotainn air ais do d' rioghachd fhein. 
Ach gheibh thu deiseil uisge teith dhomhsa a, chum on'm 
fairig mi mi-fhein, agms gun cuir mi uman deise ghlan 
mu 'n tig m' athair." 

Gun dail sam bith chuir mi uisge air teine ; agus an 
uair a bha e teith gu leor, thug mi g' a ionnsuidh e. An 
uair a nigh e e-fhein amis an t-soitheach-fharagaidh, agus 
a chuir e uime deise ghlan, leig e e-fhein 'na shineadh anns 
an leabaidh. Sgaoil mise am brat thairis air, agus chaidil 
e gu trom car uine. An uair a dhuisg e thuirt e rium,. 
" Thoir dhomh meal-bhucan agus siucar a chum gun ith 
mi beagan, oir tha 'n t-acras orm." 



48 



Thagh mi an te b' fhearr a fhuair mi, agus chuir mi 
air trinnsear i. Ach o nach robh fhios agam caite am 
faighinn sgian, dti fheoraich mi dheth c'aite am faighinn 
te. Thuirt e rium g*u'n robh an sgian a bhiodh aige gan 
gearradh air an sgeilp a bha os cionn a chinn anns an leab- 
aidh. Dhirich mi do 'n leabaidh a dn iarraidh na sgeine, 
agus anns an tionndadh dhomh s an sgian 'nam laimh 
chaidh mo clias an luib an aodaich, ag*us gii mi-fliortanach 
thuit mi air a mhuin, agTis chaidh an sgian thun na coise 
anns a' chridhe aige. 

An uair a chunnaio mi mar a thachair leig mi glaodh 
goirt asam. Bhuail mi mo cheann is m' uchd ; agns renb 
mi m' aodach. Lois mar a bha mi air mo lionadh le bron 
do-labhairt, thilg mi mi-fhein air an talamh. "Ochan!" 
ghlaodh mi, " cha robh ach beagan uairean gus am biodh 
e saor o 'n chunnart roimh 'n do theich e an so ; agns an 
nair a bha dnil again gain robh an cnnnart seachad, mhort 
mi e, agus choimhlion mi an fhiosachd a rinneadh m' a 
-dheidhinn. Ach, O Thighearn ! tha mi 'gTiidhe ort, thoir 
mathanas dhomh. Ma tha mi ciontach dhe 'bhas, cha n 
; eil mi ag iarraidh a bhith beo na 's fhaide." 



CAIB. XVI. 

B' e miann is iarrtus laidir mo chridhe am bas fhaotainn 
amis an am. Ach mar is trice, cha n fhaigh daoine an 
ni a's miannach leotha, ^.n nair a thug mi fa near nach 
deanadh gul is caoidh feum sam bith dhomh fhein, no 
dhasan a bha sinte marbh air mo bheulaobh, ag*us a 
smaoinich mi gum faodadh 'athair tighinn gun dail sam 
bith, agus mo ghlacadh 's mo chur gu bas, thuirt mi rium 
fhein gu m b' fhearr dhomh mo chasan a thoirt as, agus mi 



49 



fhein. 'fhalach an aite eiginn aims an eilean. Ghrad 
dhirich mi suas an staidhre, agus an uair a leag mi a' 
chlach air an dorus, agus a chuir mi an talamh air a muin 
mar a bha e roimhe, thug mi m' aghaidh air a' choille. 

Faisge air aite anns an robh an taigh-fo-thalamh bha 
►craobh mhor air an robh duilleach tiugh. Dhirich mi suas 
do 'n chraoibh so, agus suil gun d' thug mi air a' chuan, 
chunnaic mi an long a' seoladh o thir-mor a dh' ionnsuidh 
an eilein. Thuirt mi rium fhein, " Ma chi an seann duine 
mi, is docha gu n toir e air na seirbhisich mo ghrad 
mharbhadh an uair a chi e gu'm bheil a mhac marbh. A 
dh' aindeoin na their mi ris gus mo leithsgeul a ghabhail, 
cha chreid e mi. Is fhearr dhomh mi fhein a chumail am 
falaeh cho math ; s a theid agam air." Air dhomh so a 
radh, dhirich mi na^ b' airde anns a' chraoibh. 

An uine ghoirid na dheigh sin thainig an long gu aite 
acaire, agus thainig an seann duine agus na seirbhisich gu 
tir. Bha coltas air an t-seami duine a bhith ami an 
dochas math g-u'm faigheadh e a mhac beo an uair a ruig- 
eadh e an taigh-fo-thalamh. Ach an uair a rainig iad far 
robh e, agus a chunnaic iad gun robh an talamh air 
ur-chladhach, ghabh iad mi-mhisneach mhor. Thog iad 
a' chlach, agus chaidh iad sios; agus an uair a ghairm an 
seann duine air an duine og air 'ainm, agus nach d' thug e 
freagradh dhaibh, thuit an cridhe buileach gian. Chaidh 
iad do n t-seomar anns an robh e, agxis fhuair iad fuar, 
marbh e, agus an sgian 'na chridhe. An uair a chunnaic 
iad mar a bha, leig iad uile an aon ghlaodh cianail asda, 
agus ann an tiotadh thuit an seann duine arm an neiu. 
Thug na seirbhisich am mach as an taigh-fo-thalamh e, 
feuch an duisgeadh e as an neul an uair a gheibheadh e an 
t-aile, agus leig iad 'na shineadh e aig bonn na craoibh' 
anns an robh mise. Ach a dh' aindeoin gach doigh a dh' 
fheuch iad ri 'thoirt as an neul, bha e uine mhath ann mu 

4 



50 



; n do dhuisg e. Ia arm a bha eagal orra nach duisgeadh 
e gu brath. 

An uair a dhuisg an seann duine as an neul, chaidh na 
seirbhisich sios do n taigh-fo-thalamh, agus thug iad a 
nuas corp a mhic. Chladhaich iad uaigh, agus chuir iad 
an corp innte. Le cuideachadh dithis dhe na seirbhisich 
bha n seann duine comasach air seasamh aig bruaich na 
h-uaghach fhad 's a bha e 'cur a,' cheud lan no dha spaide 
dhe n uir air corp a mhic, 'N a dheigh sin lion na 
seirbhisich an uaigh. 

An sin thug iad leotha an t-innsreadh agus gach ni 
eile a bh' anns an taigh-fothalamh do m luing. Bha n 
seann duine cho fann le bron ; s le bristeadh cridhe 's nach 
robh e ; n comas dha ceum coiseachd a dheanamh. Thug 
na seirbhich leotha air mhaidean e do 'n luing, agus gun 
dail sam bith sheol iad gu tir-mor. 

An uair a chaidh an long as mo shealladh, thainig mi 
; nuas as a' chraoibh. Chaidil mi anns an taigh-fo-thalamh 
an oidhche sin. An la-iar-na-mhaireach dh' fhalbh mi air 
feadh an eilean, agus an uair a thainig an oidhche, chuir 
mi seachad i anns an aite a b' fhasgaiche a thachair rium. 

Bha mi fad mhios a' falbh air feadh an eilein, air an 
doigh so. Latha dhe na laithean thug mi an aire gu'n 
robh am muir air traghadh anabarrach mor, agus nach 
robh ach astar beag ri shnamh gus am faighinn g*u cladach 
tir-mor. An deigh dhomh snamh tarsuinn air a' mhuir, 
bha astar math agam ri choiseachd air feadh na bhai de 
lathaich ann an iochdar a' cliladaich. Bha mi gle sgith 
mu n d' rainig mi talamh tioram. Shuidh mi greis a 
leigeadh m' analach. ; N a dheigh sin an uair a choisich 
mi astar math air m' aghaidh troimh 'n duthaich, chunnaic 
mi, ar learn, meall mor teine astar math uam. Thug an 
sealladh so toileachadh mor dhomh; oir bha fhios agam 
g-u'm biodh daoiiie faisge air far am biodh teine. Ach an 



51 



uair a chaidh mi gn math na bu dluithe dha, chunnaic* 
mi nach e teine a bh' ann ach caisteal copair a bha an- 
abarrach mor, maiseach ; agus an uair a bhiodh a' ghrian 
a' dearrsadh air, shaoileadh duine 'bhiodh fada uaithe gur 
e meall mor teine a bh' ann. 

An uair a rainig mi faisge air a' chaisteal so, shuidli 
mi car uine a leigeadh m analach, agus a ghabhail beachd 
air; oir cha 'n fhaca mi aitreamh riamh cho briagha ris. 
Cha robh mi fada 'nam shuidhe an uair a chunnaic mi 
deichnear dhaoine oga cho deas, dealbhach, dreachar 's a 
chunnaic mi riamh a' tighinn an rathad a bha mi. Ach 
ghabh mi ioghnadh mor an uair a thug mi n aire g-u'n 
robh an t-suil dheas air a cur as gaeh fear dhiubh. Bha 
seann duine ard, liath, a bha gle tlachdmhor 'na choltas. 
a' coiseachd maille riutha. 

Cha b' urrainn domh gun ioghnadh a ghabhail an uair 
a chunnaic mi uiread so de dhaoine comhladh air leith 
shuil, agus an aon t-suil a dhith orra gu leir. Am feadh 
's a bha mi 'dol fo m' smaointean cia mar a thachair dhaibh 
a bhith ann an cuideachd a cheile, thainig iad far an robh 
mi 'nam shuidhe, agus, a reir choltais, bha iad gle thoil- 
iehte m' fhaicinn. An deigh dhaibh failte a chur orm, 
dh' fheoraich iad dhiom, ciod e a chuir an sid mi. Thuirt 
mi riutha gu'n tugadh e uine fhada dhiom fios an aobhair 
'innseadh ; ach nam b' e an toil suidhe laimh rium, gu'n 
innsinn mo naigheachd dhaibh o thoiseach gu deireadh. 
Shuidh iad ri m' thaobh, agus dh' innis mi dhaibh a h-uile 
ni a thachair dhomh o 'n latha 'dh' fhalbh mi as mo 
rioghachd fhein. An uair a chual' iad mu gach ni a dh' 
eirich dhomh, ghabh iad ioghnadh mor. 

An uair a chuir mi crioch air mo naigheachd, dh' iarr 
na daoine oga orm a dhol do 'n chaisteal maille riutha. 
Ghabh mi an tairgse gu toileach, ag*us an uair a chaidli 
sinn a steach 's a choisich sinn troimh mhoran sheomr- 



52 



aichean, rainig sinn seomar mor, farsuinn, anus an robh 
deich langsaidean, air am biodh an deichnear dhaoine oga 
'nan suidhe air an latha, agus 'nan cadal air an oidliche, 
Bha na langsaidean. so mor-thimchioll an t-seomar, agus 
bha 'n langsaid air am biodh. an seann duine 'na shuidhe 
's 'na chadal, ann am meadhain an t-seomar. Ach o nach 
toilleadh air aon seach aon de na lansaidean ach aon duine, 
thuirt fear de na daoine oga rium, " A chompanaich, 
suidh thusa air an lar-bhrat ann am meadhain an t-seom- 
air, agus na cuir ceisd mu thimchioll ni sam bith a 
buineas dhuinne, agus na feoraich c'ar son a tha n t-suil 
dheas g' ar dith 'nar deichnear ; gabh beachd air na chi 
thu, ach na farraid mu dheidhinn ni sam bith.'' 

An uair a bha shin greis 'nar suidhe dh' eirich an 
seann duine bhar na langsaid, agus chaidh e am mach as 
an t-seomar. An uine gun bhith fada thill e steach. 
Thug e an sin a steach an t-suipear, agus thug e a chuid 
fhein do gach fear air leith. Thug e dhomhsa mo shuip- 
ear mar an ceudna, agus ghabh mi i air leith learn fhein 
mar a rinn each. An uair a ghabh sinn air suipear thug 
e cupan fiona do gach aon dhinn. 

Chuir an naigheachd a dh' innis mi dhaibh mu gach 
mi-fhortan a thachair dhomh a leithid a dh' ioghnadh orra 
s gu'n do ghuidh iad orm a h-innseadh dhaibh a rithist. 
Dh' innis mi dhaibh i o thoiseach gu deireadh, agus bha 
cuid mhor dhe 'n oidhche air a dhol seachad mu 'n do 
chuir mi crioch oirre. 

Thuirt fear dhe na daoine oga, gu'n robh moran de 'n 
oidhche air a dhol seachad, agus mu 'n rachadh iad a 
laidhe, gu'm feumadh iad an dleasdanas a dheanamh mar 
a bh' abhaist dhaibh. An uair a' chual' an seann duine 
so dh' eirich e agus chaidh steach do sheomar beag a bha 
faisge air, agus thug e 'mach as deich miosan anns an robh 
luath is smur guail is dath dubh air am measgadh feadh a 



53 



cheile. Thug e mios an t-aon do gach fear de 'n deichnear 
dhaoine oga. Shuath iad an stuth so ri 'n aghaidhean, 
agus chuireadh an dreach a bh' orra eagal air dearg 
mheirloach. Thoisich iad ri gui 's ri caoidh 's ri bualadh 
an cinn ; s an uchd, agus ri radh, " So an toradh a th' 
againn air son cho diomhain 's cho mi-bheusach 's a 
chaith sinn ar beatha 's an am a dh' fhalbh." 

Lean iad air an obair so gus an robh e dluth air a 
mhadainn. An uair a sg*uir iad, thug an seann duine a 
steach uisge. Nigh iad an lamhan s an aghaidhean, agus 
chuir iad umpa aodach glan. 

Chuir an obair a bh' aca ioghnadh mor orm. Bha fior 
thoil agam bruidhinn riutha, a chum gu'm feoraichinn 
dhiubh ciod bu chiall do n obair a bh' aca ; ach bha eagal 
orm mo bheul 'fhosgladh, o 'n a chuireadh gasaidean 
cruaidh' orm gun aon fhacal a radh mu thimchioll ni sam 
bith a chithinn no 'chluinninn. Chuir na chunnaic 's na 
chuala mi a leithid a dh' ioghnadh orm 's nach d' thainig 
norradh air mo shuil fad na h-oidhche. 

An la-iar-na-mhaireach cha bu luaithe a dh' eirich sinn 
na ghabh sinn ceum am mach o n chaisteal. Thuirt mi 
riutha, " A dhaoine uaisle, ged a thuirt sibh rium nach 
rt)bh mi ri oeisd a chur oirbh mu thimchioll ni sam bith a 
chithinn no chluinninn, cha 'n 'eil e an comas dhomh 
fuireach samhach na 's fhaide. Tha lan fhios agam gur 
daoine turail, tuigseach sibh. Ach chunnaic mi sibh a r 
deanamh nithean nach deanadh daoine glice sam bith gun 
aobhar sonraichte, agus bu math learn fios an aobhair a 
chluinntinn. Car son, ma ta, a dhubh sibh bhur 
n-aghaidhean an raoir? Car son a tha gach fear dhibh 
air lei tli shuil? Tha aobhar sonraichte air a shon so, agus 
bu mhath learn fios an aobhair 'fhaotainn am mach." 

Thuirt iad rium nach robh gnothach sam bith agam a. 
bhith 'feorach cheisdean de 'n t-seorsa. dhiubh, agus gu'm 



54 



b' e 'n gnothach bu glice dhomli mo bheul a chumail 
samhach. An uair a chuala mi so dh' fhan mi samhach. 

Chuir sinn seachad an latha gTL caoimhneil, cairdeil, 
a' comhradh mu chaochladh nithean. Ach an uair a 
thainig an oidhche 's a ghabh sinn ar suipear, thug an 
seann duine a steach na miosan, agus dhubh gach fear 
dhiubh 'aodann, agus rinn iad gul is caoidh mar a rinn 
iad an oidhche roimhe sid, agus ghlaodh iad, " Is e so an 
toradh a th' againn air son cho diomhain, agus cho mi- 
bheusach 's a chaith sinn ar beatha 's an am a dh' fhalbh. ' 
Rinn iad a' cheart ni an treas oidhche. 

Mu dheireadh, cha robh e 'n comas dhomh fuireach 
samhach, agus ghuidh mi orra gu durachdach, gun inns- 
eadh iad dhomh car son a bha iad ris an obair ud a h-uile 
oidhche, ar neo iad a dh' innseadh dhomh cia mar a 
gheibhinn air ais do m/ rioghachd fhein. Thuirt mi riutha 
mar an ceudna, gu n robh e neo-chomasach dhomh fuireach 
na b' fhaide comhladh riutha mur innseadh iad dhomh 
aobhar na^ h-obrach a bh' aca a^ h-uile oidhche. 

Fhreagair fear dhiubh, ag-us thuirt e, " Na biodh 
ioghnadh sam bith ort ged nach d' thug sinn dhuit am 
fiosrachadh a bha thu ; g iarraidh. Is ann air son do 
mhath fhein a tha sinne a' fuireach samhach. 'Nan 
innseamaid dhut gach ni mur ar deidhinn, bhiodh tu anns 
an aon t-suidheachadh ruinn fhein." 

Thuirt mi ris, gu'n robh mi suidhichte air fios an aobh- 
air 'fhaotainn am mach, ciod sam bith na dh' fhuilinginn 
air a shon. 

" Is e mo chomhairle dhut," ars-' esan, " gun an corr 
cheisdean a chur oirnn, ar neo ma chuireas, caillidh tu do 
shuil dheas air a shaillibh." 

" Tha mi cearta coma," ars' mise, " tha mi 'g innseadh 
dhut nach cuir mi coire sam bith ortsa, ged a thachradh 
dhomh mar a tha thu 'g radh." 



55 



CAIB. XVII. 

Thuiet e riuni mar an ceudna, nach ruiginn a leas dochas 
sam bith a bhith again gu 'm faighinn cead fuireach 
comhladh riutha anns a' chaisteal, ged a bhiodli tx>il agam, 
do bhrigh nach robh aite ann air son duine tuiHeadh. 

Tlrnirt mi riutha gum biodli e na thoil-inntimi gle 
mhor dhomh cead fhaotainn fuireach niaille riutha ; agus 
ciod sam bith mi-fhortan a dh' fhmlinginn air a' shaillibh, 
gu'n robh mi guidhe orra am fiosrachadh a bha dliith orm 
a thoirt dhomh gun dail. 

An uair a chmmaic iad nach robh mi deonach an 
comhahie a ghabhail, fhuair iad caora, aeus mharbh iad i. 
An uair a thug iad dhith an craicionn, thug iad dhomh 
sgian, agus thuirt iad. rimn gum biodh i feumail dliomli 
an uine gun bhith fada. 

" Feumaidh sinn innseadli dliut/' ars' iadsan. '* gum 
bheil simi a' dol 'g ad fhuaghal aims a' chraicionn so. agus 
an uair a dh* fhagas sinn air cnoc thu, thig eun anabarrach 
mor ris an canar, an roc, agus togaidh e air falbh leis thu 
na chruidhean, an duil gur e caora a bhios aige. Ach na 
biodh eagal sam bith ort ; leigidh e as thu air mullach 
beinne. An uah" a leigeas e as air an talamh thu, gearr- 
aidh tu an craicionn leis an sgidhinn, agus tilgidli tu dhiot 
e. Cho luath 's a chi an roc thu, teiclridli e air falbh leis 
an eagal. agus faodaidh tu do rathad a ghabhail. Ach na 
stad gus an ruig thu caisteal anabarrach mor, maiseach, a 
th' air a thogail de chlachan luachmlior, agus air a 
chomlidachadh le or fiorghlan. Tha n geata fosgailte aig 
gach am, agus cha n eil agad ach gabhail a steach air. 
Bha sinne sinn-fhein anns a' chaisteal cho fad s a bha 
sinn an so; ach cha n innis sinn dhut ni sam bith mu 
thimchioll ciod a chimnaic no chuala sinn. no ciod a 



56 



thacliair dliuinn an uair a bha sinn aim. Gheibh thu fios 
air thu-fhein ; ach faodaicQi sinn a radh, gur ann air 
saiJIibh a dhol ann a chaill gacli fear dhinn a shuil dheas, 
agus am peana-s a chunnaic tu sinn a' deana-mh, feumaidh 
sinn a' dheanamh a chionn gun robh sinn anns a chaisteal. 
Tlia eachdraidh gacli aon dhinn cho lan de dhriod-fhortan 
iongantacli 's gu n lionadh iad leabhar mor. Cha 'n fhaod 
sinn an corr innseadh dhut." 

Aii uair a chuir am fear a bha labhairt crioch air na 
bh' aige ri radh rium, dh fhuaigh iad ann an craiciomi 
na caorach mi, agus an sgian nam laimh. Chuir iad air 
cnoc mi, agus thill iad do ii chaisteal. 

Cha robh mi fada air a' chnoc an uair a thainig an 
roc mar a thubhairt iad, agus thog e leis mi na chrujdhean 
mar gu'm biodh caora aige, agus thug e g*u mullach beinne 
mi. Cho luath 's a leig e as mi, ghearr mi an craicionn 
leis an sgidhinn, agus thilg mi uam e. An uair a chunnaic 
an roc mi, theich e air falbh cho luath ; s a bh' aige. Is 
e eun geal, anabarrach mor, a th' anns an roc, agus tha 
e cho laidir s g*u'n tugadh e elafant leis gTi mullach beinne 
gus a h-itheadh. 

Gmi dail sam bith choisich mi air falbh feuch an 
tachradh an caisteal orm. Leis cho cabhagach 's a chois- 
ich mi, rainig mi e ann an leith latha; ag*us feumaidh mi 
'radh, gun robh e moran na bu bhriagha na dh' innis iad 
dhomli. Fhuair mi an geata fosg'ailte, agTis an uair a 
chaidh mi steach, thainig mi gu cuirt cheithir-chearnach 
a bh' ann an teis-meadhain a' chaisteil. Sheas mi tiotadli, 
agus sheall mi mor-thiomchioll orm, apns thug mi n aire 
gu'n robh ooig fichead dorus air a' chuirt. Bha ceithir 
fichead 's a naoi deug dhuibh air an deanamh dhe na h-uile 
seorsa fiodha a b' fhearr agfiis bu mhaisiche na cheile, agus 
bha n dorus eile air a deanamh de dh or fiorghlan. Ghabh 
mi steach air an dorus a b' fhaisge dhomh, agus an uair a 



57 



chaidh mi beagan air m' aghaidh, thainig mi gu seomar 
mor, farsuinn, lan iimsridh cho maiseach s cho luachmlior 
; s a clmnnaic duine riamh. Anns an t-seomar so bha da 
fhichead bean-nasal nan suidhe, agns bha iad gn leir "nam 
boirionnaicli oga cho briagha 's a chunnaic snil dnine 
riamh ; agus bha iad nile air an eideadli ann an tmsgain 
cho riomhach s a b' urrainn boirionnach a chur nimpe. 

Cho liiath 's a chunnaic iad mi, dh eirich iad nile "nan 
seasamh, agus ghabh iad far an robh mi gus failte chm 
orm. Thnirt iad a benl a cheile, " Uasail uiTamaich, is e 
do bheatha." 

An sin labhair te dhiubh rium ann an ainm chaich, 
agns thnirt i, " Tha nine fhada o n a bha sinn an dochas 
gu n tigeadh do leithid de dhuin nasal an rathad so. Tha 
choltas ort gur duine thu a tha amis gach doigh freagar- 
rach an son cuideachd a chumail minn, agus tha sinn an 
dochas gum bi ar-comunn-ne taitneach gu leor dhutsa."' 

Thug iad orm suidhe amis a' chathair a b' fhearr a 
bh' anns an t-seomar. Ach an uan a leig mi lis dhaibh 
nach robh mi 'meas g-u'm b' airidli mi am a" leithid so a 
dh' urram fhaotainn uatha, thuirt iad, " Sin agad d' aite; 
aig an am is tu ar tighearna, ar maighstir, agus ar breith- 
eamh ; agus tha shin uile gn bhith 'f rithealadh dhut, agTis 
gu bhith umhail dliut amis gach ni a chuireas tu mu r 
cohmeamh. 

Chuir an caoimhneas a bha iad a' nochdadh dliomh. 
agus an toil a bh' aca bhith dlieanamh ga-ch frithealadli 
dhomh. ioghnadh anabarrach mor orm. Thoisich te 
dhiubh ri nigheadh mo chas ann an uisge blath ; bha te 
eile a' nigheadh mo lamhan ann an uisge fuar; bha n 
treas te a' faighinn aodaich deiseil a chuirinn umam ; bha 
each a" faigliinn a bmdh deiseil, agus a' deanamh gach ni 
a ghabhadh deanamh a chum a' chumn a' bha gus a bhith 
againn a chin an ordugh gn math 's gn ro mhath. An uair 



58 



a ghabh sinn na thainig ruinn de n bhiadh 's de n deoch 
a bha cho pailt air ar beulaobh, shuidh iad mu n cuairt 
orm, agus dh' iarr iad orm mo naigheaehd innseadh dhaibh. 
Dh' innis mi dhaibh m' eachdraidh o thoiseach gu deir- 
eadh, agns mu 7 n do chuir mi crioch air na bh' again ri 
innseadh dhaibh, bha 'm feasgar anamoch ann. 

An nair a thainig dnbhar an fheasgair, las iad aireamh 
mhor de choinnlean ceireach, agns cha mhor nach robh 
an seomar cho soilleir 's ged a bhiodh a' ghrian na h-airde. 
Beagan nine 'na> dheigh sin fhnair iad an t-snipear deiseil, 
agus bha gach seorsa bidh is dibhe air am b' urrainn dnine 
smaoineachadh air ar beulaobh air a' bhord. Shnidh sinn 
ais* an t-suipear, agns bha cnid mhath dhe 'n oidhche air 
a dhol seachad mu n d' eirich sinn o n bhord. An uair 
a bha 'n t-suipear thairis, thoisich cuid diubh ri cluich air 
innealan-ciuil dhe gach seorsa, agus thoisich cuid eile ri 
dannsa. Bha e 'n deigh ai mheadhain oidliche mu 'n do 
chuireadh crioch air a' cheol 's air an dannsa, Mu dheir- 
eadh thuirt iad rium, " Is cinnteach gu 'm bheil thu sgith 
an deis na rimi thu de choiseachd an diugh. Tha n t-am 
agad a dhol a ghabhail mu thamh. Tha n seomar-cadail 
deas/' 

Thuirt mi gn'n robh mi toileach gu leor a dhol a laidhe 
o 'n a bha mi sgith agus air dhroch cadal iomadh oidhche 
roimhe sid. Thugadh do sheomar anabarrach maiseach 
mi far an do chaidail mi cho trom ris a' chloich gus an do 
shoilleirich an latha. 

Mu 'n gann a chuir mi umam mo chuid aodaich 's a* 
mhadainn, thainig na mnathan-uaisle gn leir a steach do n 
t-seomar far an robh mi a chur failte na maidne orm, agus 
a dh' fheorach, cia mar a fliuair mi cadal, agus cia mar a 
bha mi. Thug iad deise riomhach do m' ionnsuidh, agus 
an uair a thainig mi as an taigh-fharagaidh chuir mi 
umam i. 



59 



Chaith sinn earrann rnhath de n latha ran 'n bhord aJ 
gabhail bidli agus dibhe ; agus an uair a clruir sinn seachad 
earrann mhor de "n oidhche ri ceol "s ri orain 's lis gach 
toileachas-inntinn eile a bha freagarrach. agus iomchuidh 
air son ar leithidean, ghabh sinn mn thamli. A clium 
sgenla goirid a dheananih dheth, chuir sinn bliadhna 
seachad leis gach. sogh is subhachas air an nrrainn duine 
ainm a chnr. 

An ceann na bhadlma an nair a thainig na ninathan- 
naisle steach do "n t-seomar a chnr failte na niaidne orm 
mar bn ghnath leotha "dheanamh, thng mi an aire gun 
robh coltas mulaid air gnnis gach te dhiubh. agus chnir so 
ioghnadh mor orm ; oir bn ghnath leotha a bhith anabarr- 
ach cridheil. aoidheil. Rug te an deigh te dhiubh orm na 
gairdeanan, agus thuirt iad, " Slan leat, a phrionnsa, slan 
leat! oir feumaidh sinn dealacha-dli riut. ' An uair a 
chimnaic mi iad a' sileadh nan deur, cha b ? mrairm donili 
cnmail orm fhein. Dh' fheoraich mi dhiubh car son a 
bha iad cho tuirseach. agus ciod a b' aobhar gun robh iad 
a* dol a dhealachadli rmm. u An ainm an aigh. innsibh 
dhomh e, agus ma tha e idir nam chomas comlifhiutachd 
no cuideachadh a thoirt dhuibh. ni mi e,'' arsa mise. 

Ach an aite mo fhreagairt thuirt iad, " B' fhearr nach 
fhaca sinn riamh thu! Ged a chuir iomadh duine uasal 
greis dhe n rune seachad n ar cuideachd. cha n fhaca 
sinn fear eile riamh fhathast a bha cho nor thlachdmhor 
anns gach doigh 's a bna thusa; agus cha "n eil fhios 
againn cia mar a bhios sinn beo as d ? aonais." 

An uair a thuirt iad so, thoisich iad a rithist ri gul s ri 
caoidh. 

" A mhnathan-uaisle cone," arsa mise, " na bitliibh g 
am chumail an an-fhios na s fhaide. Innsibh aobhar 
ohur broin dliomh."' 



60 



"Ochan!'' ars' iadsan, "is i an eiginn anns am bheil 
sinn a chionn a bhith dealachadh riut a tha 'g ar fagail 
cho bronach. Is docha nach fhaic sinn &< cheile gu brath 
tuilleadh. Ach ma thogras tusa stamhnadh a chur ort 
fhein, faodaidh e bhith gu'n coinnich sinn a cheile 
fhathast/' 

" A mhnathan-uaisle, arsa mise, " cha n eil mi 'tuig- 
sinn ciod a tha sibh a' ciallachadh ; an ainm an aigh 
innsibh dhomh gu soilleir mu'n chuis.'' 



CAIB. XVIII. 

Labhair te dhiubh, agus thuirt i, "Is clann righrean sinn 
uile, agus tha sinn a' caitheamh ar beatha direach mar a 
chunnaic tn; ach aig ceann gach bliadhna feumaidh sinn 
falbh a so, agus a bhitn da fhichead latha an falbh air 
cheann gnothaich ro shonraichte a bhuineas dhuinn fhein, 
ach a dh' fheumas sinn a chumail an cleith air gach neach 
eile. Agus an uair a theid an da fhichead latha seachad, 
tha sinn a ; tilleadh air ais do 'n chaisteal so. B' e 'n de 
an latha mu dheireadh de n bhliadhna, agus feumaidli 
sinn a bhith falbh an diugh. Ach mu m falbh sinn tha 
sinn a' fagail iuchraichean a' chaisteil gu leir agadsa. 
Agus a chum an uine a chur seachad, faodaidh tusa a 
h-uile dorus a th 7 anns a' chaisteal fhosgladh, ach an dorus 
oir. Tha moran de nithean anabarrach iongantach anns 
a' chaisteal, agus anns na garaidhean a tha mu'n cuairt 
air, agus ma ghabhas tu beachd orra, theid moran de 'n 
uine seachad gun fhios dhut. Ach air na chunnaic tu 
riamh na fosgail an dorus oir; ma dh' fhosglas tu e, 
cha 'n fhaic thu sinne gu brath tuilleadh ; agus a bharr- 
achd air sin, cuiridh tu thu-fhein ami an croisean a bhios 
'g ad leantuinn ri do bheo-shaoghail. Air an aobhar 



61 



sin, thoir do cheart aire nach bi thu cho amaid- 
each 's gu'm bi thu 'g iarraidh fios fhaotainn air ni sam 
bith a th' air a chumail am falach ort, agus nach buin 
duit. Tha sinn uile arm an dochas gu n dean thu mar a 
tha sinn ag iarraidh ort, agus gu'm bi thu an so romhainn 
an uair a, thilleas sinn an ceann da. fhichead latha. Dh' 
fhaodamaid iuchair an doruis oir a thoirt leinn ; ach 
bhiodh e 'na thamailt do phrionnsa mar a tha thusa sinn a 
bhith fo amhrus nach rachadh agad air an dorus fhagail 
duinte gus an tilleamaid.'' 

Chuir na briathan so a labhair a' bhean-uasal dragh 
mor air m' inntinn. Thuirt mi, gu'n robh mi anabarrach 
doilich a chioim gu'n robh iad a' falbh. Thug mi moran 
taing dhaibh air son na deagh chomhairle a thug iad orm, 
agus rinn mi lan^hinnteach iad, gu'n leanainn i, ag*us gu'n 
deanainn moran a bharrachd air na dh' iarr iad orm, a 
chum gu'm biodh de thoileachadh agam na bha romliani 
dhe m' bheatha a chur seachad 'nan cuideachd. An uair 
a dh' fhag iad slan ag-am, agus sinn taobh air thaobh gle 
mhuladach, dlr' fhalbh iad, agus dh' fhag iad mise 'nam 
onar arms a' chaisteal. 

Bha iad cho taitneach 's cho geanail 's cho cridheil s 
•cho ceolmhor fad na bhadhna 's nacli do smaomich mi 
riamh air am beachd bu lugha 'ghabhail air na nithean 
iongantach a bha ri 'm faicimi, araon anns a' chaisteal agus 
mu'n cuairt dha. Bha m' aire air a togail gu buileach leis 
a h-uile doigh anns an robh iad, o latha. gu latha, 'frith- 
ealadh agus a' nochdadh caoimhneis dhomh, agxis ged nach 
robh iad gus a bhith air falbh ach an da fhichead latha, 
bu bhliadhna learn gach latha gus an tilleadh iad. 

Thuirt mi rium fhedn nach dichuimhichinn air chor 
sam bith a' chomhairle a thug iad orm gun an dorus oir 
'fhosgladh. Ach o 'n a bha cead agam a h-uile dorus eile 
'fhosgladh, dh' fhosgail mi a' cheud dliorus. An uair a 



G2 



chaidh mi 'steach, thainig mi do gharadh mheasan, agus 
tha mi 'creidsinn nach robh a leithid air ur-uachdar an 
t-saoghail. Bha h-uile seorsa meas a bha cinntinn anns 
an talamh a' fas ann, agus bha na craobhan gu leir air 
an suidheachadh ann an ordugh cho maiseach 'a a ghabh- 
adh deanamh. Bha gach aon diubh a' toirt toraidh am 
mach ann am pailteas. Cha 'n fhaca mi sealladh riamh 
cho briagha ris. 

Bha 'n garadh so air uisgeachadh mar nach fhaca mi 
garadh riamh roimhe no na dheigh. Bha sruthain uisge 
a' ruithe a null 's a' nail air feadh a' gharaidh air a leithid 
de dhoigh 's gu'n robh gach craobh a' fhaotainn na bha 
feumail dhi aig gach am de 'n uisge, agus air an aobhar 
sin, bha maise is toradh nach gabh innseadh air gach ni 
a bha 'fas ann. Bha cuid de na craobhan luchdaichte le 
toradh a bha lan abuich ; bha cuid eile diubh a bha dluth 
air a bhith abuich ; bha cuid fo bhlath, ag-us cuid fo> 
dhuilleach urar, gorm. Is gann gum b' urrainn domh 
fas sgith a bhith 'g amharc air a' gharadh mhaiseach so ; 
agTis mur b' e T n toil a bn agam na dorsan eile 'fhosgladh, 
is docha gu'n robh mi air a chuid bu mho dhe n uine a 
chur seachad ann. 

An uair a chaidh mi 'mach as, agTis a dhuin mi 'n 
dorus, dh' fhosgail mi 'n dorus a b' fhaisge dha, B' e 
garadh dhithean a bha 'n so. Bha e pailt cho maiseach 's 
cho ordail anns gach doigh ris a' gharadh anns an robh 
mi roimhe sid. Bha gach seorsa dithean air an t-saoghal 
a' fas ann. Bha rathaidean leithinn, boidheach, grinn, 
glan, air 'fheadh; agus eadar na. rathaidean so bha na 
ditheanan a' fas ann an leapannan dhe gach cumadh agus 
meudachd. Bha aireamh mhor de phoitean dhithean ann 
mar an ceudna. anns an robh na ditheanan a b' aille air 
am b' urramn suil duine amharc; agus bha faileadh 
anabarrach cubhraidh air feadh a' gharaidh gu. leir. Bha 



63 



e air 'uisgeaehadh le sruthain bhoidheach de dh! uisge 
fiorghlan mar a bha n garadh eile. 

An uair a chuir mi seachad greis mhath de 'n nine 
'coiseachd air 'fheadh, agus a' gabhail beachd air a liuthad 
ni maiseach a bha ri m faicinn ann, chaidh mi 'mach agus 
dhuin mi 'n dorus. 

Dh' fhosgail mi an treas dorus, agus bha. 'n sin taigh- 
eun a bha mor, farsuinn, anns an robh urlar de chloich 
mharmoir de na h-uile seorsa dath is cumaidh. Cha> robh 
eun bu cheolmhoire ; s bu mhaisiche fo 'n ghrein nach robh 
ann, Bha cuid dhiubh ag itealaich a null ; s a nail air 
fheadh, agus bha cuid eile dhiubh ann an ceisean ro 
bhoidheach, far an robh biadh is deoch gu. leor aca. ann an 
soithichean a bha ro luachmhor. 

Ged a bha 'n taigh-eun so mor, bha e anabarrach grinn, 
glan air a chumail, mar a bha 'n da gharadh anns an robh 
mi. Ged a bhiodh ceud pearsa 'g an cumail glan, dh' 
fhoghnadh dhaibh a bhith cho glan ? s a bha iad. Ach cha 
robh duine ri 'fhaicinn ann an aon seach aon dhiubh. An 
uair a chaidh a' ghrian fodba dhuin mi 'n dorus agus 
chaidh mi do m' sheomar fliein. Bha mi suidhichte gu'm 
fosglainn gach aon de na dorsan eile, ach an doras oir. 

An la-iar-na-mhaireach dL fhosgail mi 'n ceathramh 
dorus, agus ma chuir na chunnaic mi an latha roimhe sin 
ioghuadh orm, bu mho gu mor a bhadh'ioghnadh orm an uair a 
uair a chunnaic mi an sealladh a bha romham. An uair a 
chaidh mi 'steach air an dorus so, thainig mi do chuirt a 
bh' air a cuartachadh le aitreimh mhoir, mhaisich air nach 
'eil e 'n comas dhomh mion-chunntais a thabhairt. Air 
an aitreimh so bha da fhichead dorus, agus gach aon diubh 
fosgailte. Anns a' cheud sheomar bha torran de 
neamhnaidean a bha anabarrach mor ; anns an dara 
seomar bha daoimein, agus iomadh seorsa de chlachan 
^luachmhor eile; agus gu sgeula goirid a dheanamh dheth. 



64 



bha na seomraichean eile lan de dh' or 's de dh' airgiod, 
agiis dhe gach ni eile a's luachmhoire a th' anns a chruth- 
achadh gu leir. Chuir na chunnaic mi a leithid a dh' 
ioghnadh orm 's gu 'n dubhairt mi, " Ged a bhiodh 
ionmhas righrean na talmhainn cruinn, cothrom, comhladh 
ann an aon aite, cha bhiodh uiread so ann. Nach bu 
mhi an ceann fortanach an uair a fhuair mi coir air an 
ionmhas so maille ris na- h-uiread de mhnathan-uaisle a 
tha cho maiseach 's cho tiachdmhor anns gach doigh." 

Ged a dh' innsinn dhiubh mu gach ni eile a chunnaic 
mi, cha deanainn ach bhur sarachadh 'n 'ur foighidinn. 
Ach faodaidh mi radii, gun do chuir mi seachad naoi latha 
deug ar fhichead a fosgladh nan dorsan, agus a' gabhail 
beachd air na nithean iongantach a bha mi 'faicinn. Ach 
gTis a sin cha d' fhosgail mi an dorus oir. 

Mu dheireadh thainig an da fhicheadamh latha — an 
latha air an robh na mnathan-uaisle gu tighinn, agus 
nan do chuir mi stamhnadh orm fhein mar bu choir 
dhomh a dheanamli, bu mhi an diugh an duine bu shona 
a th' air an t-saoghal ; ach is mi nis duine cho mi- 
fhortanach 's a tha beo. Bha iad gu tighinn an uine 
ghoirid, agus bu choir do 'n toileachadli a bha orm ri 'm 
faicinn a bhitli air mo chumail o dheanamli an ni a 
thoirmisg iad dhomh a dheanamh. Ach leis an amadeis 
a fhuair greim orm, rinn mi ni air son am bi aithreachas 
orm gu latha mo bhais. 

Chaidh mi an thun doruis, agus an deigh dhomh an 
iuchair a chur anns an toll, bha mi greis eadar dha 
chomhairle ciod a dheanainn. Uair a theirinn rium fhein 
gum bu choir dhomh an dorus fhosgla^-, agus da uair a 
theirinn nach bu choir. Ach bha mi air mo bhrosnachadh 
le droch spiorad eiginn, a chum easumhlachd a thoirt do 'n 
aithne a thugadh dhomh, agus anns an droch uair, chuir 
mi car 's an iuchair 's dh' fhosgail mi an dorus. An uair 



65 



a bha mi 'ga fhosgladh, bha mi 'g radh rium fliein nacli 
beanainn do ni sam bith a chithinn ann, agus mar sin, 
nach fhaigheadh neach sam bith am mach gu brath gun 
d' fhosgail mi e. Cha bu luaithe a dh' fhosgail mi e na 
dh' fhairich mi f aileadh laidir a' tighinn m' am shroin ; 
agus ged nach. robh am faileadh mi-thaitneach, gidheadh 
thug e orm fannachadh. An uine ghoirid chaidh mi na 
b' fhearr ; ach an aite rabhadh a ghabhail, agus an dorus 
a dhunadh mar bu choir dhomh, is ann a ghabh mi steach. 
Thainig mi gu stabull mor anns an robh moran de 
choinnlean ceireach ann an coinnlearan oir, agTis moran 
chruisgeanan laiste anns an robh oladh deadh-fhaihdh. 

Ged a bha iomadh ni iongantach anns an stabull so, 
b' e an ni a tharruinn m' aire gu sonraichte, steud-each 
dubh cho mor 's cho briagha 's a chunnaic mi riamh. An 
uair a chaidh mi na bu dluithe dha gus beachd ceart a 
ghabhail air, thug mi 'n aire gu'n robh diallaid oir air, 
agus srian oir 'na cheann. Bha siol eorna air a dheadh 
ghlanadh, agus uisge fiorghlan air a bheulaobh anns an 
fhrasaich. Choisich mi ceum na bu dluithe dha, agTis 
rug mi air an t-srein, agus thug mi 'mach as an stabuil e, 
a chum gu'm faicinn na b' fhearr e ri solus an latha. 
Chaidh mi air a mhuinn, ach cha ghluaiseadh e a ionaid 
nam bonn. Bhuail mi buille mhath air le slataig a fhuair 
mi anns an stabull. Cha bu luaithe a bhuail mi e na 
thoisich e ri sitrich cho uamhasach 's gun do chuir e 'n 
cridhe air chrith agam leis an eagal. Ged nach tug mi 'n 
aire dhaibh an toiseach, bha da sgeith air. Sgaoil e iad, 
agus dh' fhalbh e air iteig do 'n iarmailt agus mise air a 
mhuin. Mu 'n do tharr mi sealtainn ugam no uam bha 
e cho ard 's gun do chaill mi sealladh air gach ni a bh' air 
an talamh. Ghreimich mi ris cho math 's a b' urrainn 
domh ; oir bha eagal orm a h-ufle tiotadh g-u'n tuitinii 
bhar a mhuin. An ceann greise thainig e nuas thun na. 

5 



66 



talmhainn aig beulaobh caisteil mhoir, agus mu'n gann a 
bhuail a chasan an talamh, thilg e bhara mhuin mi, agus, 
le buille dhe 'earball, chuir e asam an t-suil dhea*. 

An uair a cbaiU mi mo shuil, thoisich mi ri cuimhn- 
eachadh air na thuirt an deichnear dhaoine oga rium. 
Anns an am dh' fhalbh an t-each as mo shealladh. Dh' 
eirich mi, agus mi fo thrioblaid mhoir air son a' mhi- 
fhortain a thug mi orm fhein. Bha mi greis a coisoachd 
air beulaobh a' chaisteil, mo lamh air mo shuil 's mi 
'fulang craidh mhoir. Mu dheirea-dh ohaidh mi steach 
do 'n chaisteal, agus an uair a chunnaic mi an seomar, 
agus na deich langsaidean mu'n cuairt ris a' bhalla, dh' 
aithnich mi gur ann a bha mi 's an aite 's an robh mi 
mu 'n d' thug an roc leatha mi. 

Cha robh an deichnear dhaoin oga 'staigh anns an am, 
ach thainig iad a steach ann an uine ghoirid. Cha do 
ghabh iad ioghnadh sam bith an uair a chunnaic iad mi, 
no idir a chionn gu'n robh mi air leith shuil. Thuirt iad, 
" Cha 'n 'eil sinn ag radh gu'm bheil sinn toilichte d' fhaic- 
inn anns an t-suidheachadh anns am bheil thu ; ach cha n 
'eil coire sam bith ri ; chur oirnn air son a' mhi-fhortain 
a thainig ort." 

" Cha bhiodh e ceart dhomhsa," arsa mise, " coire 
sam bith a chur oirbh; oir thainig am mi-fhortan so orm 
le mo choire fhein, agus cha b' ann le coire neach sam bith 
eile." 

" Ma tha e 'na aobhar toileachaidh do dhaoine air an 
d' thainig mi-fhortan companaich a bhith aca, dh' fhaod- 
amaid toileachadh a bhith oirnn. Thachair a cheart ni 
dhuinne 's a thachair dhutsa. Bhlais sinn air gaeh seorsa 
solais fad bliadhna iomalan ; agus dh' fhaodadh a' cheart 
sholas a bhith againn gus an latha 'n diugh, mur b' e gu'n 
d' fhosgail sinn an dorus oir am feadh 's a bha na bana- 
phrionnsachan air falbh. Cha robh thusa^ na bu ghlice 



67 



na sinne, agus rinneadh a' cheart pheanas ort s a rinneadh 
oirnne. Bhiomaid toilichte gu leor leigeadh leat fuireach 
comhladh rinn, a chum gu n deanadh tu am peanas a tha 
sinn fhedn a' deanamh, ged nach 'eil fhios againn cia fhad 
a leanas sinn air; ach dh' innis sinn mar tha dhut an 
t-aobhar air son nach fhaod thu fuireach maille ruinn. 
Air an aobhar sin, bi falbh agus rach gu ruige Bagdad far 
an tachair an righ riut. Nochdaidh esan caoimhneas dhut." 

Dh' innis iad dhomh an rathad a ghabhainn, agus 
dhealaich mi riutha. 



CAIB. XIX. 

Air mo thurus an so, thug mi dhiom an fheusag, lorn mi 
mo mhalaidhean, agus chuir mi umam eideadh caladair. 
Thainig mi air turns fada, agus feasgar an de tliainig mi 
gu geata 'bhaile, far an do thachair an dithis chaladairean 
so eile rium, a bha 'nan coigrich mar a bha mi fhein. Bha 
ioghnadh gu leor oirnn nar triuir a chionn gu n robh an 
t-suil dheas a dhith air gach fear dhinn; ach cha robh 
uine againn gus ar n-eachdraidh g*u leir innseadh do chach 
a cheile. O n a bha an t-anamoch ann, thainig sinn a 
steach do n bhaile feuch am faigheamaid arte arms an 
cuireamaid seachad an oidhche. An uair a thainig sinn 
thun an taighe so, ghuidh sinn oirbh cuid na h-oidhche a 
thoirt dhuinn, agus rinn sibh sin gu caoimhneil. 

An uair a chuir an treas caladair crioch air na> bh' aige 
ri radh, thuirt Sobaide risan, agus ris an da. chaladair eile : 
- — ■"' Tha bhur saorsa agaibh ; faodaidh sibh a bhith falbh 
an taobh a thogras sibh." 

Ach fhreagair fear dhiubh, agns thuirt e, "A bhain- 
tighearna, tha sinn a' guidhe oirbh, ma 's e bhur toil e, 
leigeadh leinn fuireach gus an cluinn sinn eachdraidh nan 



68 



daoine nach do bhruidhinn fhathast." Thug i dhaibh 
cead fuireach. 

Thionndaidh i ris an righ 's ri 'dhithis chompanach,. 
agus thuirt i riutha, " Feumaidh sibhse 'nis cunntas a 
thoirt soachad mu 'r deidhinn fliem." 

Fhreagair an t-ard-chomhair leach, agus thuirt e, "A. 
bhaintighearna, a chum deanamh mar a tha sibh ag^ 
iarraidh oirnn, foghnaidh dhuinn na dh' innis sinn aig an 
dorus mu'n d' thainig sinn a steach, aithris dhuibh. Is 
triuir mharsantan sinn a thainig a Mosul gu ruige 
Bagdad a reic bathair. Bha sinn fhein agus marsantan 
eile aig dinnear an diugh ann an taigh aon de mharsantan 
a' bhaile ; agus an deis do 'n dinnear a bhith seachad, bha 
sinn ri ol 's ri ceol 's ri dannsa, Bha, leithid de ghleadhr- 
aich 's de shraidhlich fa near dhuinn ; s gu n d'thainig maoir 
g ar glacadh. G-hlac iad cuid dhe na bha comhladh ruinn, 
ach fhuair sinne as gun fhios dhaibh. AgTis o 'n a bha 
moran dhe n oidhche air a dhol seachad, dhuineadh dorus. 
an taigh-osda anns an robh sinn a' fuireach, agus cha robh. 
fhios againn co ; n taobh air an tugamaid ar n-aghaidh. 
An uair a bha sinn aJ dol seachad an 1>sraid, chuala sinn 
an cridhealas a bh' agaibh an so, agus smaoinich sinn gu'm 
bu choir dhuinn bualadh aig an dorus. Sin na bheiL 
againn ri radh mu 'r timchioll fhein." 

An uair a chuala Sobaide so, bha i mar gu'm biodh i 
eadar dha chomhairle ciod a theireadh i; oir bha amhrus. 
aice nach robh na dh' innseadh dhi uile fior. Ach ghuidh 
na caladairean oirre, g°u'n tugadh i a' cheart fhabhar do 'n 
triuir mharsantan 's a thug i dhaibh fhein. Dh' aontaich 
i gun deanadh i so. " Tha mi toirt mathanais dhuibh 
uile," ars' ise, " air chumhnanta gu'n grad fhalbh sibh am 
mach as an taigh, agus gun gabh sibh bhur rogha rathad." 

Labhair Sobaide na briathran so le g-uth a bha 'nochd- 
adh, gu'm feumadh iad uile 'bhith umhail dhi; agus gun 



69 

aon fhacal a radh, dh' fhalbli an righ 's an t-ard-chomh- 
airleach 's an t-ard-chaillteanach 's an triuir chaladairean 
agus am portair am mach; oir bha iad air an clisgeadh 
roimh 'n t-seachdnar sheirbhiseach a bha 'nan seasamh 's 
an t-seomar le claidhnean ruisgte 'nan lamhan. 

An uair a chaidh iad am mach as an taigh 's a dhuin- 
eadh an dorus 'nan deigli, bhniidhinn an righ ris na 
caladairean (ach cha d' innis e dhaibh co ©), agus thuirt e, 
" A dhaoine uaisle, a tha air ur-thig'hinn do 'n bhaile, co 
^n taobh a thai 'n 'ur beachd a dhol, o nach 'eil an latha 
fhathast air soilleireach V 

" Cha 'n 'eil fhios againn air an t-saoghal co n taobh 
air an toir sinn ar n-aghaidh," ars' iadsan. 

" Leanaibh sinne, agus bheir sinn a cunnnart sibh,'' 
ars' an righ. 

Thuirt an righ ann an cogar ris an ard-chomhairleach, 
" Thoir leat na daoine so comhladh Hut fhein, agus anns 
a' mhadainn am maireach thoir n am lathair-sa iad. 
Bheir mi fa near gun sgriobhar an eachdraidh aca ann an 
leabhraichean-eachdraidh na rioghachd ; oir tha i anabarr- 
ach iongantach." 

Thug an t-ard-chomhairleach leis an triuir chaladairean 
do 'n taigh aige fhein, chaidh am portair dhachaidh, agus 
thill an righ agus an t-ard-chaillteanach do 'n luchairt. 

Ged a chaidh an righ do 'n leabaidh, cha b' urrainn e 
norradh cadail a dheanamh, oir bha 'inntinn g*u buileach 
troimh a cheile leis na nithean iongantach a chunnaic s a 
chual' e. Ach os cionn gach ni bha toil mhor aige fios 
fhaotainn co i Sobaide, agus car son a bha i gabhail air an 
da ghallaidh dhuibh, agus car son a bha na h-athaii:ean 
air brollach Aimmi. Am feadh a bha e gu dluth a' 
smaointean air na. nithean so, thoisich an latha ri soilleir- 
eachadh. Dh' eirich e ag-us chaidh e do thalla,-na-comh- 
airle far am bu ghnath leis fhein 's le maithean na riogh- 
achd a bhith coinneachadh a cheile. 



7U 



Gun 'a bheag a dhail, thainig an t-ard-chomhairleack 
a steach, agus thug e urram do n righ mar bu ghnatli leis. 

" Ard-chomhairlich/ ars' an righ, ** o nacli 'eil moran 
gnothaich againn ri dheanamh aig an am so, bi grad fhalbh 
agus thoir an so na mnathan-uaisle agus na caladairean ; 
oir cha bhi fois aig m' inntinn gus an dean mi mion- 
rannsachadh mu thimchioll gach ni a chunnaic 's a chuala 
sinn an raoir. Greas ort, cuimhnich g*u'm bi fadachd orm 
gus an till thu." 

O 'n a bha fhios aig an ard-chomhairleach gun robh 
an righ cas, crosda, ghreas © air, agus chaidh e far an robh 
na mnathan-uaisle. Dh' innis e dhaibh gu ciuin, siobhalt i, 
gu n d' fliuair e ordugh o' n righ an toirt na lathair, ach 
cha do leig e air gu n robh fhios aige air ni sam bith dhe- 
na thachair s an taigh aca an oidhche roimh sid. 

Chuir an triuir mhnathan-uaisle iad fhein ann an 
ordugh cho math 's cho grinn 'b a ghàbhadh deanamh,, 
agus dh' fhalbh iad comhladh ris an ard-chomliairleach. 
An uair a bha e 'dol seachad air an taighe aige fhein, thug^ 
e air an triuir chaladairean falbh comhladh ris. Aig a' 
cheart am dh' innis e dhaibh gum faca iad an righ an 
oidhche roimhe sid, ged nach robh fhios aca air. 

Bha n righ anabarraoh toilichte an uair a chunnaic e 
cho ealamh 's a thug an ard-chomhairleach na caladairean 
agus na mnathan-uaisle na lathair. A chum ordugh ag-us- 
cleachdadli na duthchadh a chumail suas, chuireadh an 
triuir mhnathan-uaisle ann an seomar dluth air an righ, 
ach cha n fhaiceadh duine iad, agus cha mho a chitheadh 
iadsan duine dhe na bha cruinn comliladh ris an righ. 
Ach bha na caladairean 7 na lathair, agus bu mhath a 
b' aithne dhaibh mar a ghluaiseadh iad iad-fhein an. 
lathair an righ. 

Thionndaidh an righ 'aghaidh air an aite anns an robh 
na mnathan-uaisle am falach, agus thuirt e: — "A 



71 



mhnathan-uaisle, an uair a dh' innseas mi dhuibh gu'n do 
chuir mi mi-fhein as aithne an raoir, agus gn'n deachaidh 
mi do 'n taigh agaibh ann an riochd marsanta, tha fhios 
agam gn'n gabh si^i eagal, agus gn'n saoil sibh gn'n 
<T thug sibh oilbheum dhomh. Is docha gn'n saoil sibh 
gn'n do chnir mi fios oirbh a chum dioghaltas a dheanamh 
oirbh. Ach na biodh eagal sam bith oirbh. Faodaidh 
sibh a bhith cinnteach gu'n do dhichuimhnich mi gach ni 
a chaidh seachad, agus g*u'm bheil mi gle riaraichte leis 
mar a ghiulain sibh sibh-fhein. B' fhearr learn gn'n robh 
mnathan-uaisle ^nagdad gn leir cho glic, cho iomchuidh 's 
cho faicleach 's a una sibh. Cha dichnimhnich mi gn 
brath cho foighnideach 's a blia sibh ruinn an uair a bha 
sinne cho mi-iomchuidh 'nar gluasad. An uair ud bn 
mhise aon de mharsantan ^x.iosuil, ach a nis is mi Haroun 
Alrashid, an seaehdamh glun o theaghlach air.meil 
Abbais. Chuir mi fios oirbh, a chum gn'm faighinn am 
mach, co sibh, agus a chum gu'm faighinn am mach, car 
son a ghabh sibh air an da ghallaidh dhuibh, agus a ghuil 
sibh maille riutha. Agus tha toil agam fios fhaotainn 
mar an ceudna, c ar son a tha athailtean air brollach te 
dhibh." 

Ged a labhair an righ na briathran so cho follaiseach 
's gu'n cluinneadh na mnathan-uaisle e, gidheadh, a chum 
cleachdadh an aite 'chumail suas, chaidh an t-ard-chomh- 
airleach gn dorus an i^seomair anns an robh na mnathan- 
uaisle, agus dh' aithris e na briathran so facal air an fhacal 
dhaibh. 

Fhreagair Sobaide, agus thuirt i, " A righ chumh- 
achdaich, tha na bheil mi 'dol a dh' innseadh dhuibh 'na 
naigheachd cho iongantach 's a. chuala, duine riamh. Is. 
peathraichean dhomhsa an da ghalladh dhubh — clann m T 
athar 's mo mhathar ; agus innsidh mi mar a thainig iact 
gn bhith air an cruth-atharraehadh. Is e leith-pheathr- 



72 



aichean a th' anns an dithis mhnathan-uaisle a tha 
comhladh rium an so — clann a bh' aig m' athair o mhnaoi 
eile. Is e Aimini, is ainm do n te air am bheil na h-ath- 
ailtean, is e ainm na te eile, Saifi, agus 's e m' ainm fhein, 
Sobaide. An deigh bas m' athar roinneadh gach ni a 
dh' fhag e, agus thugadh uiread is uiread do gach aon de 
'n teaghlach. An uair a fhuair an dithis pheathraichean 
so a tha comhladh rium an cuid fhein, chaidh iad a dh' 
fhuireach comhladh ri am mathair. Bha mo dhithis 
pheathraichean eile agus mise comhladh ri ar mathair 
fhein, oir bha i beo aig an am. An uair a dh' eug mo 
mhathair, dh' fhag i da mhile bonn oir agamsa 's aig gach 
te dlie m' dhithis pheathraichean. Beagan uine na dheigh 
so, phos mo dhithis pheathraichean. Is mise a b' oige 
dhe 'n triuir. Beagan nine na dheigh sin, reic am fear a 
bha posda ri mo phiuthair bu shinne a chuid de n 
t-saoghal, agus dh' fhalbh e fhein agus mo phiuthar gu 
ruige Africa, far an do chaith esan a chuid airgid fhein, 
agus airgiod mo pheathar, ann am beatha struidheasaich. 
Agus an uair a thainig e gu bochdainn, thug e litir-dheal- 
achaidh do m' phiuthair, agus chuir e air falbh i. 

Thainig i do 'n bhaile so, agus bha i ann an suidh- 
eachadh cho bochd 's gu n cuireadh i truas air an neach 
cho ertiaidh cridhe 's a th' anns an t-saoghal. Chuir i 
truas mor ormsa, agus ghabh mi rithe cho caohnhneil 's a 
b' urrainn a bhith; ag*us an uair a dh' fheoraich mi mu 
thimchioll mar a thainig i gu bochdainn, dh' innis i dhomh 
's i gle thursach, gun robh a fear-posda anabarrach olc 
dhi mu'n do chuir e air falbh i. An uair a chuala mi 
mu'n trioblaid 's mu'n chruaidh-fhortan troimh 'n deach- 
aidh i, ghuil mi gu goirt. Chuir mi uimpe pairt dhe m' 
aodaich fhein, agus thuirt mi rithe, " A phiuthar, tha 
thusa na 's sinne na mise, agus tha meas agam ort mar 
gu'm bu tu mo mhathair. O 'n a dh' fhalbh thu shoirbh- 



73 



ich Dia leamsa gu math. Faodaidh tu 'bhith cinnteach 
gum bi do chuid agad dhe gach ni a bhuineas dhomhsa a 
cheart cho math 's ged bu leat fhein e." 

Bha sinn gle dhoigheil, comhfhurtail ann an cuideaehd 
a cheile fad iomadh mios. Bha sinn gu math trie a' 
bruidhinn mu ar piuthair eile, agus bha ioghnadh oirnn 
nach robh sinn a' cluinntinn guth no iomradh m' a 
deidhinn. Ach la tha dhe na laithean thainig i, agus bha 
i cheart cho truagh coltas ri mo phiuthair bu shinne. Bha 
am fear a bha phosda rithe anabarrach ole dhi, agus 
b' eiginn di 'fhagail. Ghabh mise rithe cho caoimhneil 's 
cho carantach 's a ghabh mi ri mo phiuthair bu shinne. 
Thuirt mi rithe gu'm faigheadh i na dh' fhoghnadh dhi 
uamsa fad uile laithean a beatha. 



CAIB. xx. 

An ceann uine na dheigh sin, thuirt mo dhithis pheathr- 
aichean rium gun robh iad a' faicinn gun robh e tu„eadh 
is trom ormsa bhith 'g an cumail suas le cheile, agus air 
an aobhar sin, gun robh iad a smaointean gu'm b' fhearr 
dhaibh posadh a rithist. Thuirt mi riutha, ma s ann air 
eagal gai'm biodli e trom ormsai an cumail suas a bua iad 
a' smaointean posadh, nach ruigeadh iad a leas a bhith 
smaointean air a leithid, agus gum b' e am beatha. fuir- 
each comhladh rium; oir bha de shaoibhreas agam na 
chumadh suas sinn 'nar triuir cho comhfhurtail 's a dh' 
fhoghnadh dhuinn, a reir ar suidheachaidh. " Ach," arsa 
mise, " tha amhrus laidir agam gu'm bheil fior thoil 
agaibh posadh a rithist; agus ma tha, gu dearbh tha e 
'cur moran ioghnaidh orm. An deigh an droch cheartas 
a fhuair sibh fhad 's a bha sibh posda, am bheil e comas- 
ach gu'm bheil de mhisnich agaibh na phosas an dara 



74 



uair? Tha fhios agaibh gur ainneamh a gheibhear fear- 
posda a tha na fhior dheadh dhuine. Gabhaibh mo 
chomhairle, agus fanaibh comhladh. rium fhein." 

Ach a dh' aindeoin gach impidh a bha mi cur orra, cha 
tugadh iad geill dhomh. Chuir iad rompa muigh 's am 
ach gu'm posadh iad, ag"us an nine gun bhith fada rinn 
iad e. 

Mu 'n d' thainig ceann na bliadhna an deis dhaibh 
posadh, thainig iad air a rithist, agus dh' iarr iad mile 
mathanas orm a chionn nach do gabh iad mo chomhairle. 
" Is tu ar piuthar as oige,'' ars' iadsan, " agus tha thu 
moran na 's glice na sinne; ach ma ghabhas tu steach 
sinn aon uair eile, eadhon mar shearbhantan, tha sinn a' 
gealltainn nach dean sinn olc ort gu brath tuilleadh." 
Thuirt mi, " Mo pheathraichean gaolach, cha d' thainig 
atharrachadh sain birh air in' iimtinn-sa dha 'r t;iobh o 'n 
a dhealaich sinn ri 'cheile mu dheireadh ; thigibh air ais, 
agus ghabhaibh bhur cuid dhe gach ni a bhuineas 
dhomhsa." An uair a thuirt mi so rug mi orra nam 
ghairdeanan agus phog mi iad. Agus bha sinn na dheigh 
sin a' fuireach comhladh mar a bha sinn roimhe. 

An uair a bha sinn mar so fad bliadhna comhladh, 
ag*us sinn cho ciuin s cho caoimhneil ri 'cheile 's a b' 
urrainn peathraichean a, bhith; agns an uair a chunnaic 
mi gu n robh mo storas, le beanna^hd Dhe, air fas gu 
math mor, chuir mi romham gun gabhainn turus-cuain 
do na h-Innsibh a chum malairt a dheanamh. Chaidh mi 
fhein 's mo dhithis pheathraichean gu ruige Balsora, agus 
cheannaich mi long, agus an uair a luchdaich mi i leis a' 
bhathar a thug mi a Bagdad, sheol sinn. Bha soirbheas 
gle fhabharach againn fad fichead latha. An ceann na 
h-uine sin thog sinn fearann. B' e beinn anabarrach ard 
a bh' aim, agus chunnaic sinn gun robn baile-mor ris a' 
chladach aig bonn na beinne. O n a thachair gu'n robh 



75 



smuid mhath air a' ghaoith, cha robh sinn fada ruighinn 
na h-acarsaid. Cho luath 's a dh' acraich sinn, chaidh mi 
gu tir gun fhuireach ri m pheathraichean. Ghabh mi 
direach gu geata 'bhaile, agus chunnaic mi moran dhaoine 
mar gum biodh iad a' dion a' bhaile. Bha cuid dliiubh 
'nan seasamh, agus cuid 'nan suidhe, agus airm aca nan 
lamhan. Bha leithid de chruth uamhsach air an aghaidh- 
ean 's gun do ghabh mi eagal mor. Ach thug mi n air© 
nach robh iad a' gluasad no carachadh, agus ghabh mi 
misneach gus a dliol air m' aghart. An uair a chaidh mi 
na bu dluithe dhaibh chunnaic mi gun robh iad uile air 
an tionndadh gu cloich. Chaidh mi steach do n bhaile, 
agus choisich mi troimh chaochladh shraidean, agus bha 
h-uile duine a bha mi 'faicinn air an tionndadh gu cloich. 
Bha n aireamh bu mho dhe na buithean duinte, agus far 
an robh iad fosgailte, bha na daoine a bh' annta nan 
cloich. Thug mi suil os mo chionn ris na similearan, agus 
cha robh ceo a' dol am mach a a on seach aon dhiubh. 
Thug so orm a smaointean gu n robii muinntir a' bhaile 
gu leir air an tionndadh gu cloich. 

Choisich mi air m' aghaidh troimh n bhaile gus an 
d' rainig mi cuirt mhor cheithir-chearnach a bh" ann an 
teis-meadhain a' bhaile. Sheall mi mu'n cuairt orm, agus 
chunnaic mi geata mor. briagha air a chomhdach le or, 
agus e fosgailte. An uair a chaidh mi dluth dha, thug 
mi n aire gun robh cuairteanan de shioda ro riomhach 
sgaoilte an taobh a staigh de n gheata. Mar an ceudna 
bha cruisgean laiste an crochadh os cionn a' gheata. An 
uair a bheachdaich mi gu math air an aitreimh mhoir so, 
thui^ mi gu'ni b' e luchairt an righ a bh' ann ; agus o' n a. 
bha ioghnadh mor orm nach do thachair duine beo rium 
anns a' bhaile, chaidh mi steach air a' gheata, ann an 
dochas gun tachradh neach eighm rium ris am bruidhn- 
inn. An uair a chaidh mi steach cha robh duine hea ri 



76 



ihaicinn. Bha 'n luchd-gleidhidh 'nan seasamh lo 'n cuid 
armaibh; ach bha iad uile 'nan cloich. Choisich mi gu 
taigh anabarraen Lriagha, bha fa m' chomhair, agus dh' 
aithnich mi gu'm b' e taigh-comhnuidh na ban-righ a 
bh' ann. Agus an uair a chaidh mi steach, cha robh 
duine beo ri 'fhaioinn anns an t-seomar. Ghabh mi air 
aghart o sheomar gu soomar gus an d' rainig mi seomar 
a bha anabarrach briagha, Chunnaic mi a bhan-righ 'na 
suidhe ann, agus cmn oir air a ceann, agus griogagan 
daoimein m' a h-amhaich, agus a h-uile te dhiubh a cheart 
■cho mor ri cno. 

Sheas mi car nine far an robh mi, agus bheachdaich 
mi le tlachd 's le ioghnadh air gach ni a bh' anns an 
"t-seomar. Cha 'n faca mi riamh seomar anns an robh 
innsreadh a leith cho briagha ris. Ged a thoisichinn ri 
innseadh gach ni a chunnaic mi anns an t-seomar, cha 
V urrainn domh cainnt a chur air. 

An uair a chaidh mi 'mach as an t-seomar so, choisich 
mi troimh chaochladh sheomhraichean eiie anns an robh 
innsreadh anabarrach maiseach. Mu dheireadh rainig mi 
seomar mor, farsuinn, anns an robh cathair oir a bha gle 
ard, agus i air a deanamh maiseach le iomadh seorsa de 
neamhnaidean, agms de chlachan luachmhor. Ghabh mi 
ioghnadh mor an uair a chunnaic mi an lainnir a bha 
'tighinn o mhullach na cathrach. O 'n a bha toil agam 
hos fhaotainn co as a bha 'n lainnir a' tighinn, chaidh mi 
suas air na ceuman staidhreach a bha 'direadh thun na 
cathrach, agus chunnaic mi daoimean a bha cho mor ri 
ugh ostrich air mullach na, cathrach. Cha robh 'n smal 
no 'n sgaineadh bu lugha air, agus bha 'n lainnir a bh' as 
cho boillsgeil 's gu'n robh i an impis mo fhradharc a thoirt 
iLam. 

Bha coinnlear oir le coinneil cheireach laiste ann, air 
gach taobh dhe 'n chathair ; ach cha robh mi 'tuigsinn 



77 



ciod am feum a bh' orra, o nach robh duine beo ri fhaicinn 
anns an taigh. Ach air a shon sin, cha b' urrainn domh 
gun bhith 'smaointean gu'n robh neack eiginn anns an 
taigh a chuireadh feum orra. 

O 'n a bha na dorsan uile fosgailte, chaidh mi troimh 
iomadh seomar eile anns an robh. moran ionmhais, agus 
chuir gaeh ni a chunnaic mi a> leithid a dh' ioghnadh orm 
's gun dea chaidh an uine soachad gun fhios dhomh. Ma 
dheireadh thainig an oidhche. Thug mi ionnsuidh air 
tilleadh an taobh a thainig mi; ach cha b' urrainn domn 
amas air an rathad. An uair a chunnaic mi nach rachadh 
agam air faighmn am mach as an taigh, chuir mi romham 
gun cuirinn an oidhche seachad anns an t-seomar anns 
an robh na coinnlean laiste. Chaidh mi steach ann, agus 
leig mi mi-fhein 'nam shineadh air langsaid. Ach ged 
nach robh creutair beo ri 'fhaicinn anns an taigh, bha 
beagan eagail orm. 

Mu mheadhain oidhche, chuala mi guth duine mar 
g*u'm biodh e leughadh a ; Chorain. Thug so toileachadh 
mor dhomh, agus ghrad dh' eirich mi as an aite 's an 
robh mi 'nam shineadh, agus thug mi learn fear dhe lie 
cornnlearan a bh' anns an t-seomar, agus chaidh mi 'dh' 
ionnsuidh an t-seomair anns an robh mi 'cluinntinn a! 
ghutha. Sheas mi aig an dorus, agus leig mi as an coinnlear 
air an urlar. Sheall mi steach air uinneig, agus thuig mi 
gur e seomar-aoraidh a bh' ann. Bha da chruisgean agus 
da choinneil laiste ann. Bha duine og, dreachar ann, agus 
e 'leughadh a' Chorain. Thug so toileachadh mor dhomh. 
Ghabh mi ioghnadh a chionn gu'm b' e an aon duine beo 
a bh' anns a' bhaile, agus an sluagh eile gu leir air an 
tionndadh gu cloich. 

O 'n a bha 'n dorus leith-fhosgailte chaidh mi steach, 
agus thog mi mo ghuth, agus rinn mi urnuigh mar so : 
" Moladh gu robh dhut a Dhe, a thug dhuinn an turus 



78 



fabharrach, agus ma 's e do thoil e, deonaich dhuinn do 
dhion agus do ghleidheadh gus an till sinn air ar n-ais do 
ar duthaich fhein. Eisd rium, Thighearna, agus thoir 
dhomh freagairt." 

Thionndaidh an duine og 'aghaidh rium, agus thuirt 
e, " Mo dheadh bhean-uasal, tha mi 'guidhe ort, innis 
dhomh, co thu, agus ciod a chuir do 'n bhaile fhasail so 
thu? Ma ni thu so, innsidh mise dhut, co mi-fhein, ciod 
a thachair dhomh, c'ar son a tha sluagh a' bhaile air an 
cur anns an staid anns am bheil thu 'g am faicinn, agus 
c'ar son a tha mise 'nam onar beo, slan." 

Ann am beagan fhacal dh' innis mi dha, co as a thainig 
mi, car son a thainig mi do 'n bhaile, agus gur e fichead 
latha 'thug an long air an rathad. An sin dh' iarr mi air 
innseadh dhomh, ciod a b' aobhar gu n robh sluagh a' 
bhaile gu leir, ach e fhein na onar, air an tionndadh gu 
cloich; ni a chuir mor-ioghnadh orm. 

" Mo dheadh bhean-uasal," ars' esan, " dean foighidin 
car tiotaidh." An uair a thuirt e so, dhuin e an Coran, 
agus phaisg e seachad gu curamach ann an aite tasgaidh 
e. Fhad 's a bha e 'deanamh so bha mi 'gabhail beachd 
air, agus thug mi an aire gu'n robh e 'na dhuine robh 
thlachdmhor ri 'fhaicinn, agus thuit mi ann an gaol air. 
Thug e orm suidhe laimh ris; agus mu'n do thoisich e ri 
labhairt rium, cha, b' urrainn mi gun a. radh ris, ann an 
guth a bha 'nochdadh gu'n robh tlachd agam dheth, " A 
dhuin' uasail tlachdmhoir, do m' bheil gradh aig m' anam, 
is gann a tha 'dh' fhoighidin agam na dh' fheitheas ri fios 
fhaotainn mu thimchioll nan nithean iongantach a chun- 
naic mi o 'n a thainig mi do 'n bhaile so; tha toil mhor 
agam fios fhaotainn mu 'n chuis gun dail sam bith. Innis 
dhomh gun dail ciod e 'mhiorbhuil leis am bheil thu fhein 
beo, an uair a tha gach neach eile marbh." 



79 



" A bhaintighearim," ars' esan, " tha mi 'g aithneach- 
adh gu'm bheil eolas agad air an aon Dia bheo agus fhior; 
oir chuala mi thu 'g urnuigh ris. Innsidh mi dhut 
nithean iongantach mu thimcbioll a mhorachd agus a 
chumhachd. B' e am baile so ceanna-bhaile na rioghachd 
aig m' athair. Bha m' athair agus sluagh na rioghachd 
gu leir 'nan draoidhean, agus bha iad aJ deanamh aoraidh 
do 'n teine, agus do Nardoun, an righ a< bha thairis air 
na famhairean a rinn ar-a-mach an aghaidh Dhe. Ged a 
bha m' athair 's mo mhathair ; nan luchd iodhol-aoraidh, 
bha mise air m' fhoghlum 'nam oige le aon aig an robh 
eolas air an Dia fhior. Dh' ionnsaich mi an Coran air 
mo theangaidh, agus thuig mi gach mineachadh a chaidh 
a sgriobhadh air. Air an doigh so fhuair mi eolas air an 
aon Dia bheo agus fhior, an uair a bha mi gle og. Agus 
an uair a thainig mi gu aois, thuig mi gu lan mhath, nach 
'eil Dia eile aim ach e, agus gar e gliocas agus dleasdanas 
gach duine aoradh is umhlachd a thoirt dha." 



CAIB. XXI. 

O chionn corr is tri bliadhna chualas anns a bhaile so 
gu leir guth eagallach, mar ghuth tairneinich, ag radh : — 
' A luchd-aiteachaidh, sguiribh a thoirt aoradh do Nardoun 
agus do 'n teine, agus deanaibh aoradh do 'n Dia sin a 
mhain a tha comasach air trocair a nochdadh.' 

" Chualas an guth so bliadhna an deigh bliadhna o 'n 
uair sin, ach cha do chuir neach sam bith suim ann ; agus 
air an latha mu dheireadh de 'n bhliadhna, aig ceithir 
uairean 's a mhadainn, bha muinntir a' bhaile gu leir air 
an tionndadh gu cloich ann am priobadh na sul. Faod- 
aidh tu fhaicinn gu'm bheil m' athair 's mo mhathair anns 
an aon suidheachadh ri sluagh eile a' bhaile. 



80 



" Is mise an t-aon neach air nach d' thainig am breith- 
eanas trom so, agus tha mi riamh o 'n uair ud a' deanamh 
seirbhis do Dhia le barrachd durachd na bha mi rcimhe. 
Tha mi 'creidsinn gur e Dia a chuir an so thu, a bhean- 
uasal ionmhuinn, a chum comhfhurtachd a thoirt dhomh, 
agus tha mi 'toirt moran taing dha ; oir feumaidh mi 
aideachadh nach 'eil e cordadh rium a bhith an so 'nam 
onar." 

Thug na briathran so orm gun robh barrachd graidh 
agam do 'n duine og, mhaiseach so. Thuirt mi ris, " A 
Phrionnsa, cha 'n 'eil teagamh nach e am Freasdal a stiuir 
an rathad so mi a chum gu'n tugainn dhutsa cothrom air 
faJbh as an aite thruagh so. An uair a chi thu 'n long 
air an d' thainig mi a Bagdad, faodaidh tu 'thuigsinn gu'm 
bheil tomhas de mheas aig sluagh a' bhaile sin orm. Tha 
cuid mhath de shaoibhreas agam, agus tha mi 'gealltainn 
dhut gu'm faigh thu gac;h ni a bhios feumail gus an toir 
an righ dhut an inbhe agus an t-urram air am bheil thu 
airidh. Cho luath ; s a chluinneas e gu'n d' rainig tu 
Bagdad, bheir e dhut gach ni a bhios a dhith ort. Cha 'n 
'eil e coltach dhut fuireach na 's fhaide ann am baile 
anns am bi gach ni a chi thu ag urachadh do bhroin. Is 
leamsa an long, agus faodaidh tusa am feum a thogra-s tu 
a dheanamh dhith." 

Ghabh e an tairgse a thug mi dha, agus chuir sinn 
seachad na bha romhainn de 'n oidhche a' bruidhinn air 
gach ni a bhuineadh do ar turus dhachaidh. 

Cho luath 's a shoilleirich an latha chaidh sinn air bord 
na luinge. Bha mo pheathraichean, an sgiobair, agus 
gach aon eile a bh' air ' bord f o mhor-iomaguin mu m'' 
thimchioll a chionn nach do t+utl mi an latha roimhe sin. 
An uair a thug mi mo pheathraichean an lathair a r 
phrionnsa, dh' innis mi dhaibh an t-aobhar a chum air tir 
mi, agus dh' innis mi dhaibh mar a thionndadh sluagh a* 
bhaile gu cloich. 



81 



Thug na seoladairean seachdain air cur na bha do- 
bhathar anns an luing gu tir agus air a luchdachadh leis. 
na bha de dh' ionmhas ann an luchairt a' phrionnsa. 
Lionadh i cho lan le or 's le airgiod 's le seudan s nach 
robh aite innte air son an innsridh a bh' anns an luchairt. 
Lionadh an t-innsreadh fhein oeithir longan ; ach o nach 
robh doigh againn air a thoirt leinn, b' eiginn duinn 
'fhagail. 

An uair a fhuair sinn biadh is dooch gu leor air bord,, 
sheol sinn, agus bha soirbhoas againn cho fabharach 's a 
dh' iarramaid. 

Chuir am prionnsa agus mi-fhein 's mo pheathraichean 
greis dhe 'n uine seachad gle thoilichte maille ri 'cheile. 
Ach, mo thruaighe ! cha b' fhada gus an d' thainig caochl- 
adh air cuisean. Bha eud orrasan an uair a chunnaic iad 
cho cairdeil 's a bha mise 's am prionnsa ri 'cheile, agus le 
spiorad gamhlais dh' fheoraich iad dhiom air latha araidh, 
ciod a dheanamaid ris an uair ruigeamaid Bagdad. Thuig 
mi 's a' mhionaid gu'n do chuir iad a' cheisd so orm a 
chum gu'm faigheadh iad am mach an robh tlachd agam 
dheth. Air an aobhar sin thuirt mi riutha mar mhagadh, 
gu'n robh duil agam a phosadh. An uair a thuirt mi so,, 
thionndaidh mi ris a' phrionnsa, agus thuirt mi, " A 
Phrionnsa, cho luath 's a ruigeas sinn Bagda^d tha mi 
suidhicht© gu'n tairg mi mi-fhein dhut gus a bhith agad 
mar searbhantai a chmn seirbhis sam bith a dh' iarras tu 
orm a dheanamh dhut, agus tha mi gu h-umhail a' ghuidhe 
gu'n gabh thu mi." 

Fhreagair am prionnsa agus thuirt e, "A bhain- 
tighearna, cha 'n 'eil fhios agam co dhiubh tha thu mar 
mhagadh no ga rireadh ; ach air mo shonsa dheth, tha mi 
'g aideachadh gu follaiseach an lathair do pheathraichean 
g-u'm bheil mi 'gabhail na tairgseadh. le m' uile dheoin, 
cha 'n ann gus thu bhith agam mar mo shearbhanta ach 

6 



82 



mar mo bhean ; agus tha mi 'g innseadh dhut gum bi thu 
fo riaghladh do thoil fhein aims gach ni." Aii uair a 
chuala mo pheathraichean so, thainig gruaim air an 
aghaidhean, agus na dheigh sin bha e furasda gu leor 
dhomh 'aithneachadh gu'n robh iad a' fas gle choma 
dhiom. 

An uair a bha sinn mu astar latha o Bhalsora, am 
baile-puirt anns an robh duil againn an luchd a, chur am 
mach, gabh mo pheathraichean fath orm fhein 's air a' 
phrionnsa, agus thilg iad leis a' chliathaich sinn. Bhath- 
adh esan; ach shnamh mise gu tir. Bha 'n oidhche cho 
dorcha 's nach robh agam ach fuireach anns a' chladach 
gus an do shoilleirich an latha. An uair a thainig an 
latlia chunnaic mi gu'n robh mi air eilean fasail a bha mu 
fhichead mile o Bhalsora. Thiormaich mi m' aodach ris 
a' ghrein. Choisich mi beagan astair o 'n chladach, agus 
thachair craobhan rium air an robh measan gu leor. 
Thuig mi nach fhaighinn bas leis an acras ged a 
thachradh dhomh a bhith uine mhor air an eilean. 

; Na dheigh sin leig mi mi-fhein 'nam shineadh ann an 
aite dubharach, agus cha robh mi fada 'nam shineadh an 
uair a chunnaic mi nathair sgiathach a bha anabarrach 
mor agus fada 'tighinn an rathad a bha mi, agus i 'g a 
toinneamh fhein a null 's a nail 's a teangadh 'muigh. 
Dh' eirich mi 'nam sheasamh, agus thug mi 'n ah*e gu n 
robh nathair eile a bha anabarrach mor 'g a leantuiim, 
agus greim aice air earball oirre gus a h-itheadh. Bha 
truas agam ris an nathair sgiathaich, agus an aite teich- 
eadh air falbh, is ann a ghabh mi de mhisnich na thog 
clach a thachair a bhith dluth dhomh, agTis thilg mi le m' 
uile neart air an nathair mhoir i. Gu fortanach dh' amais 
dhomh a bualadh anns a' cheann, agus mharbh mi i. An 
uair a fhuair an nathair sgiathach fuasgladh, dh' fhalbh 
i air iteig as mo shealladh. Leig mi mi-fhein nam 
shineadh far an robh agus chaidil mi. 



S3 



Fada no goirid gun robli mi nam chadal, an uair a 
dlmisg mi, ciod a b' iongantaiche learn na boirionnach a 
bhith na suidhe lamh rium. Bha coltas aoidheil, 
caoimhneil air a gnnis. Bha da ghalladh dhubh aice air 
lomhainn. Dh' fheoraich mi dhi, co i. " Is mise an 
nathair sgiathach," ars' ise, " agus thug thusa an diugh 
fhehi saorsa dhomh o mo dhearg namhaid. Cha robh 
fhios again cia mar a nochdainn mo thaingealachd dhut 
air son na rinn thu de mhath dhomh ; ach air dhomh fìos 
a bhith agam air cho> cealgach 's a bhuin do pheathraich- 
ean riut, smaoinich mi g*un nochdainn mo chaoimhneas 
dhut le trom-dhioghaltas a. dheanamh orra 1© cheile. Cha 
bu luaithe a thug thusa saorsa dhomh na ghairm mi mo 
chompanaich maille ri 'cheil© — oir is mnathan-sithe sinn — ■ 
agus chuir sinn an t-ionmhas a bh' amis an luing gu 
sabhailte anns na taighean-ionmhais a th' agad ann am 
Bagdad, anns 'na dheigh sin chuir sinn an long do 
ghrunnd a' chuain. Is e an da ghalladh dhubh so do 
dhithis pheathraichean. Chuir mise anns a' chruth so 
iad. Ach f eumar tuilleadli dicghaltais a dheanamh orra ; 
agus feumaidh tusa deanamh riutha mar a dh' aithneas 
mise dhut." 

An uair a labhair a' bhean-sithe na briathran so, chuir 
i fo ii-achlais mi, agus chuir i an da ghalladh fo n achlais 
eile, agus thug i gu ruige Bagdad sinn. Fhuair mi gach 
ni a bh' air bord 's an luing air a chur gu sabhailte anns 
na taighean-ionmhais mar a thuirt i rium. Mu 'n do 
dhealaich i rium thug i dhomh an da ghalladh, agus thuirt 
i rium, " Mur 'eil toil agad a bhith air do chur anns a' 
chruth cheudna ris an da ghallaidh so, ni thu riutha mar 
a tha mise ag ordaehadh dhut. Ann an ainm an fhir a 
tha 'riaghladh na mara, bheir thu do gach te dhiubh ceud 
buille le slait a h-uile oidliche mar pheanas air son an uilc 
a rinn iad ort fliein agus air a phrionnsa 'bhath iad." 



84 



B' eiginn domh geahtainn gu'n deanainn mar a dh' 
aithn i dhomh. Riamh o 'n uair ud tha mi 'gabhail orra 
'h-uile oidhche. ach clia 'n ann le m' thoil. An uair a 
ghabhas mi orra, tha mi 'sileadh nan deur leis an truas a 
th' agam riutha. An aite coire a chur orm is ann bu 
choir truas a bhith rium. Ma tha ni sam bith eile ann 
air am bu mhath leibh fios fhaotainn, gheibh sibh fios air 
mu'n cuir Aimini crioch air a h-eachdraidh fhein. 

Chuir na dh' innis Sobaide dha ioghnadh mor air an 
righ. An sin ghuidh e air Aimini gu'n innseadh i dha 
c ar son a bha na h-athailtean air a h-uchd. 

An uair a thoisich Aimini ri innseadh a h-eachdraidh 
fhein, thuirt i : — " Le r cead, a righ, cha ruig mi leas 
teannadh ri aithris na dh' innis mo phiuthar mar tha mu 
m' thimchioll. Foghnaidh dhomli a radh, gu n do ghabh 
mo mhathair taigh dhi fhein an deigh bas m' athar. Thug 
i mise mar mhnaoi do dhivine uasal beairteach a bh' anns 
a' bhaile, agus fliuair e mar thochradh an dileab a dh' 
fhag m' athair agam. 

Mu 'n d' thainig ceann na bliadhna an deigh dhomh 
posadh, bha mi 'nam bhantraich, agus bu learn gach ni a 
bhuineadh do 'n fhear a bha posda rium. B' fhiach mo 
mliaoin gu leir mu cheud mile bonn oir. Bha pailteas ann 
an riadh an airgid so gus mo chumail suas ann an suidh- 
eachadh cho math 's a dh' iarrainn. An ceami leith 
bhliadhna an deigh bas m' fhir thug mi ordugh do 'n 
taillear deich deiseachan a dheanamh dhomh dhe 'n aodach 
cho riomhach 's a bh' aige. Chosg gach te dhe na deis- 
eachan mile bonn oir. An uair a bna mi bliadhna 'nam 
bhantraich, thoisich mi ri caitheanih nan deiseachan 
riomhach so. 

Air latha araidh, agus gun a staigh ach mi fhein s na 
searbhantan 's mi gle thrang aig obair an taighe, dh' 
innseadh dhomh gu'n robh bean-uasal aig an doms aig an 



85 

robh toil bruidhinn rium. Thug mi ordugh a toirt a 
steach. Bha i na leith-seana bhoirionnach. Chuir i failte 
orm, agus thuirt i rium 's i air a gluinean air mo bheul- 
aobli, " A bhean-uasal ionmhuinn, tha mi n dochas gu'n 
gabh thu mo leithsgeul air son dragh a chur ort ; agus is e 
an t-earbsa 'th.' agam nad chaoinihneas a thug orm tighinn 
far am bhedl thu. Tha mi 'nam bhantraich, agus tha 'n 
aon nighean a th' agam a' dol a phosadh an diugh. Tha 
sinn 'nar coigrich, agus cha 'n 'oil luchd-eolais sam bith 
againn anns a' bhaile. Tha so a' cur dragh mor orm, oir 
cha bu mhath leinn gu n saoileadh cairdean lionmhor an 
fhir a tha mo nighean a' dol a phosadh gum bhedl sinn 
uile gn leir 'nar coigrich, agus gun mheas anns a' bliaile. 
Air an aobhar sin nan cuireadh tusa a dh' urram oirnn 
gu n rachadh tu thun na bainnse, chuireadh tu fo chomain 
mhoir sinn. Bhiodh mnathan-uaisle na duthchadh a' 
smaointean nach oil sjnn cho bochd 's cho suarach 's a tha 
sinn, na 'n rachadh tu comhladh ruinn. Ach mur teid 
thusa comhladh ruinn, bidh sinn air ar maslachadh, oir 
cha 'n 'oil fhios agaimi co eile a theid sinn a dh' iarraiclh." 



CAIB. XXII. 

GriiABH mi truas ris a' bhoirionnach bhochd an uair a 
chunnaic mi i a' sileadh nan deur, agus thuirt mi, " Mo 
dheadh bhoirionnach, na bi 'cur dragh' ort fhein ; tha 
mise deonach am fabhar a tha thu 'g iarraidh orm a thoirt 
dhut. Innis dhomh c'aite am bheil taigh na- bainnse, agus 
theid mi ann cho luai-. 's a chuireas mi umam aodach 
freagarrach." 

An uair a chual' am boirionnach gu'n robh mi gus a 
dhol thun na bainnse, bha aoibhneas anabarrach oirre, 
agus mu'n do tharr mi an aire 'thoirt ciod a bha i 'dol a 



<SG 



dheanamh, thug i pog dh' am chasan. " A bhean-uasal 
charanaeh, bheir Dia paigheadh dhutsa air son a' 
chaoimhneis a tha thu nochdadh dhomhsa, agus bheir e 
aoibhneas dhut mar a tha thu fhein a' toirt do mhuinntir 
eile. Tha e tuilleadh is trath dhut falbh thun na bainnse. 
Foghnaidh dhut falbh an uair a thig mi fhein g ad 
iarraidh feasgar. Mo bheannachd gun robh agad gus an 
till mi g' ad iarraidh." 

Cho luath 's a dh' fhalbh i chuir mi umam an deise- 
; b' fhearr a bh' agam, ag-us chuir mi bann-sheud mu m' 
bhraighe agus mu chaol mo dha dhuirn, agus failbheagan 
oir nam chluasan, agus fainneachan daoimein air mo 
mheoirean ; oir bha m' inntinn ag innseadh dhomh gun 
robh ni eiginn g*u tachairt dhomh. 

Ann am beul na h-oidhche thainig an t-seana bhean 
g am iarraidh, agus coltas gle aoidheil air a h-aghaidh. 
Phog i mo lamhan ag*us thuirt i, ' Mo bhaintighearna 
ghaolach, tha luchd-daimh an fhir a tha 'dol a phosadh 
mo nighinn, eadhon ard mnathan-uaisle bhaile, a nis air 
cruinneachadh ; faodaidh tu tighinn uair sam bith a 
thogras tu, tha mise deas a feitheamh ort." 

Gun dail sam bith dh' fhalbh sinn. Bha ise air 
thoiseach, agus bha mise agus mo mhnathan-coimhideachd 
'g a leantuinn. Stad sinn ann an sraid ghlain, fharsuinn, 
aig geata mor maiseach. Os cionn a gheata bha lainntear 
laiste. Le solus an lainntir leugh mi an sgriobhadh so, 
a bh' ann an litrichean oir : — ■" So aite-comhnuidh na sithe 
agus an t-sonais mhaireannaich." 

Bhuail an t-seana bhean aig a gheata, agus ghrad dh' 
fhosgladh e. Thugadh a steach do thalla mor, maiseach 
mi far an robh baintighearna og a bhai anabarrach mais- 
each. Chuir i failte orm gu caoimhneil, ag*us thug i orm 
suidhe air cathair a bha cho briagha 's gu'm foghnadh i 
do 'n righ fhein. 



87 



" A bhaintighearna," ars' ise, " thugadh cuireadh dhufc 
gu tighinn an so gu banais ; agus tha dochas again gu n 
tachair am posadh air dhoigh nach do smaoinich thu. Tha 
brathair agamsa, agus tha e air dhuine og cho maiseach s 
a th' anns an t-saoghal. Thuit e ann an trom ghaol ortsa, 
oir chuala e gun robh thu anabarrach maiseach, ag*us mur 
pos thusa e cha bhi duine 's an t-saoghal cho mi-shona ris. 
Tha mi 'n dochas gun gabh thu truas ris. Tha fhios aige 
air a h-uile mathas a th annadsa, agus theid mi n urras- 
dhut gu m bheil e airidh gu'm posadh tu e. Tha mise 'na. 
ainmsan a' guicQie gu durachdach ort gu'm pos thu e." 

An deigh bas m' fhir, cha do smaoinich mi riamh gu'm 
bu choir dhomh posadh an dara uair ; aeh cha robh e n 
comas dhomh an tairgse so a dhiultadh. Dh' fhan mi 
samhach agus thainig m' fhuil nam aodann. Bhuail a" 
bhaintighearn' og a basan ri cheile, agus ghrad dh' 
fhosgladh dorus closaid a bha n taobh an t-seomair, agus 
thainig duine og eireachdail, air an robh nor choltas na 
h-uaisle 'mach as a' chlosaid, ag-us shuidh e ri m' thaobh. 
An uair a chunnaic mi e thuirt mi rium fhein, ma bha e 
cho maiseach na nadar 's a, bha e 'na choltas, gun robh 
mi gle fhortanach. An uair a thug mi greis air seanachas 
ris, thuig mi gu'n robh e moran na bu tlachdmhoire na- 
dh' innis a phiuthar dhomh. 

An uair a chunnaic a phiuthar gu'n robh sinn toihchte 
le cheile, bhuail i a basan ri cheile an dara turns, agus 
thainig sgriobhaiche steach do n t-semar. Gun dail sam 
bith sgriobh e cumhnantan a' phosaidh, agus chuir 
<;eathrar an aimnean ris mar fliianuisean. B' e an t-aon 
ni a thug am fear a phos mi orm a ghealltainn dha, nach 
leiginn ris m' ag'haidh a dh' fhear sam bith, agus nach mo 
na sin a bhruidhninn ri fear sam bith ach e fhein. Agus 
thuirt e rium nan deanainn mar a bha e g iarraidh orm, 
nach biodh aobhar agam gu brath a bhith 'gearain air. 



88 



So mar a phosadh sinn, agus an aite mis© bhith air banais 
dhaorne eile is aim a bha daoin© eile aig mo bhanais fhein. 

An uair a bha sinn mu mhios posda dh' iarr mi air 
cead a thoirt dhomh a dhol a cheannach aodaichean a bha 
dhith orm, agus thug e dhomh cead. Thug mi learn an 
t-seana bhean comhladh rium, agus dithis dhe na mnathan- 
coimhideaehd. 

An uair a rainig sinn an t-sraid air am bheil na 
marsantan a fuireach, thuirt an t-seana bhean rium. " A 
bhanamhaighstir, o n is e sioda a tha dhith ort, is ann a 
theid mi leat far am bheil marsanta og air am bheil mi 
eolach. Tha e 'reic a h-uile seorsa sioda. Caomhnaidh e 
dhut a bhith 'falbh o bhuthaidh gu buthaidh. Tha mi 
deimhin gu'm bheil iomadh seorsa aige nach eil aig fear 
eile." 

Ghabh mi gu toileach a comhairle, agus chaidh sinn 
do n bhuthaidh aig a' mharsanta og. Shuidh mi agus 
dh' iarr mi air an t-seana mhnaoi bruidhinn ris a' mhars- 
anta air mo shon, agus a> radh ris e 'shealltainn domh an 
t-sioda 'b fhearr a bh' aige. Thuirt i rium mi bhruidhinn 
air mo shon fhein. Ach dh' innis mi dhi gun do gheall 
mi an oidhche a phos mi nach bruidhninn ri fear sam bith 
ach ri m' fhear-posda fhein, agus thuirt mi rithe gu'n robh 
e mar fhiachan orm cumail ri mo ghealladh. 

Sheall am marsanta dhomh caochladh sheorsachan 
sioda. Chord fear dhiubh rium gle mhath, agus dh' iarr 
mi air an t-seana mhnaoi pris an t-sioda fhaighneachd 
dheth. Thuirt e rithe, " Cha reic mi an sioda air son 
airgid no oir, ach bheir mi dhi an nasgaidh e ma leigeas 
i dhomh pog a thoirt dhi air a leithcheann." 

Thuirt mi ris an t-seana mhnaoi a radh ris gu'n robh 
e gle mhi-mhodhail an uair a dh' iarradh e leithid a ni. 
Ach an aite bruidhinn ris mar a dh' iarr mi oirre, thuirt i 
rium, " Cha 'n 'eil am marsanta 'g iarraidh moran- ort ; cha 



89 



ruig thu leas bruidhinn ris ; f oghnaidh dhut do leithcheann 
a chumail ris, agus bidh an ghnothach seachad arm an 
tiotadh. " 

n a bha 'n sioda cordadh rium cho math bha mi cho 
goraoh ?s gu'n do ghabu mi a comhairle. Sheas an t-seana 
bhean agus na mnathan-coimhideachd mu'n cuairt orm a 
chum nach fhaioeadh duine sinn, agus thog mi am brat 
bhar m' aghaidh ; ach an aite pog a thoirt do m' leith- 
chemn, is ann a thug am marsanta lan 'fhiaclan as. 

Thug an cradh, agus an clisgeadh a ghabh mi orm 
tuiteam ann an neul; agus bha mi cho fad' ami 's gu'n 
d' fhuair am marsanta uine gus a' bhuth a dhunadh agus 
e fhein a thoirt as. An uair a thainig mi as an neul, bha 
mo leithcheaim lan fala, Chomhdaich an t-seana bhean 
mo cheann is m' aghaidh a chum nach fhaiceadh :ia daoine 
a bha falbh na sraide mar a bha mi. Bha i fo dhragh 
inntinn gie mhor air son mar a thachair dhomh, agus dh' 
fheuch i cho math 's a b' urrainn di ri misneach a thoirt 
dhomh. " Mo bhanamhaighstir ghaolach," ars' ise, " tha 
mi g iarraidh mathanais ort, oir is mise bu choireach gu n 
d' thainig am mi-fhortan so na do rathad an uair a thug 
mi thu far an robh am marsanta so, a chionn gu'n robh e 
na fhear-duthchadh dliomh. Ach cha do smaoinich mi 
riamh gu'n deanadh e gniomh cho eucorach ri sid. Na bi 
fo bhron. Grreasamaid dhachaidh ; agais bheir mise dhut 
cungaidh a leighiseas thu ann an tri latha, agus cha. bhi 
athailte ri 'fhaicinn ort. 

Bha mi cho lag 's gur gann a choisichinn. Mu dheir- 
eadh fhuair mi dhachaidh, agus chaidh mi amis an dara 
neul an uair a bha mi 'dol do 'n t-seomar. Ach thug an 
t-seana bhean dhomh cungaidh a dhuisg as an neul mi ann 
an uine ghoirid, agus chaidh mi do n leabaidh. 

Thainig fear an taighe dhachaidh 's an oidhche, agus 
an uair a chunnaic e mo cheann air a cheangal suas, dh' 



90 



fheoraich e ciod a bh' orm. Thuirt mi ris gu'n robh mo. 
cheann goirt, agus gu'n robh mi 'n dochas nach cuireadh 
e an corr cheisdean orm. Ach nig e air coinnil agus sheall 
e air mo cheann, agus chunnaic e gu'n robh mo leithcheann 
air a ghearradh. 

" Cia mar a thachair so dhut?" ars' esan. Ged nach 
robh mi gle chiontach, cha robh de mhisnich agam na 
dh' innseadh an fhirinn dha. A bharrachd air sin, bha 
mi 'smaointean nach robh e iomchuidh dhomh aideachadh 
dha mar a thachair a chuis. Air an aobhar sin thuirt 
mi, " An uair a bha mi 'dol a cheannaeh an t-sioda, 
thachair portair rium air an robh eallach fiodha, agus anns 
an dol seachad orm 's mi 'coiseachd troimh shraid chaoil, 
bhuail fear dhe na maidean orm anns an leithcheann ; ach 
cha do ghortaicheadh mor mi idir." 

An uair a chuala e so bha e ann am feirg anabarraich, 
a.gus bhoidich e gu'n • deanadh e dioghatas air a h-uile 
portair a bh' anns a bhaile. " Bheir mi ordugh am m air- 
each do fhreiceadain a bhaile a h-uile fear dhe na beistean 
a y;hlacadh agus an crochadh." 

O 'n a bha eagal orm gu'n rachadh moran de dhaoine 
neo-chiontach a chur gu bas air mo shaillibh, thuirt mi. 
ris, " A thigh earna, bhithinn gle dhoilich eucoir cho mor a 
dheanamh air daoine neo-chiontach. Tha mi 'guidhe ort 
nach dean thu mar a tha thu 'g radh. Cha tugainn 
mathanas dhomh fhein gu bratii nam bithinn nam* 
mhathair-aobhair air a leithid a dheanamh." 

" Innis an fhirinn dhomh," ars' esan, " cia mar a lotadh 
thu." 

Thuirt mi ris, gun do lotadh mi le coire fir a bha reic 
sguaban air an t-sraid. 

"Ma tha sin mar sin, ars' esan, "bheir mise ordugh 
gu math moch am maireach do n ard-chomhairleach a 
h-uile fear a tha reic sguaban a ghrad chur gu bas.'' 



91 



" An ainm Dhe, tha mi 'guidhe ort," arsa mise, " gu n 
toir thu mathanas dhaibh, oir tha iad neo-chiontach." 

" Cia mar sin/' ars 7 esan, " ciod a tha mi gus a chreid- 
sinn ! Innis dhomh mar a thachair, oir tha mi lan shuidh- 
ichte gum faigh mi 'mach an fhirinn o do bheul fhein." 

" Thainig tuaineal nam cheann, agus thuit mi ; sin 
mar a thachair," arsa mise. 

An uair a chuaT e so, chaill e 'fhoighidin buileach glan. 
Thuirt e, " Bha mi tuilleadh is fada 7 g eisdeachd ri do 
chuid breug." Bhuail e a dha bhois ri 'cheile, agus ann 
an tiotadh thainig triuir sheirbhiseach a steach do 'n 
t-seomar, " Thugaibh am mach as an leabaidh i, agus 
cuiribh air meadhain an urlair i," ars' esan. 

Rinn iad mar a dh' iarradh orra ; rug fear dhiubh air 
mo cheann, agus am fear eile air mo chasan, agus chuir 
iad air an urlar mi. Dh' iarr e air an treas fear claidh- 
eamh a thoirt g a ionnsuidh. An uair a thug e steach an 
claidheamh thuirt e ris, ." Dean da leith oirre, agus tilg 
do 'n amhainn i. Is e so am peanas a ni mi air a' 
mhuinntir do n robh tlachd agam, agus nach cum ri 'n 
gealladh." 

An uair a cliunnaic e nach robh an seirbhise ich toil- 
each umhlachd a thoirt dha thuirt e, " Car son nach eil 
thu 'g a bualadh? Co a tha 'g ad chumail air ais? Co 
ris a tha thu 'feitheamh ?" 



CAIB. XXIII. 

" A bhaintighearna, tha thu dluth air crioch do bheatha ; 
smaoinicn am bheil ni sam bith agad ri thoirt seachad 
mu 'm faigh thu bas," ars' an seirbhiseach a fhuair ordugh 
mo mharbhadh. 



92 



'Dh' iarr mi cead faoal no dha a radii, agus fhuair mi 
sin. Tnog mi mo ohea-nn, agns sheall mi le mor-thogradh 
ri rn fhear-posda, agus thuirt mi, " Ochan," nach bochd 
an suidheachadh anns am bheil mi! Am feum mi am 
bas fhulang 's mi cho og?" 

Cha b' urrainn mi 'n corr a radh, oir bhrist mo ghal 
orm. Cha d' thainig taiseachadb sam bith air m' fhear- 
posda, ach, an aite sin is ann a bha e 'gain shior mhaslach- 
adh ; agus cha deanadh e feum sam bith dhomh aon 
fhacal a radh ris. Thoisich mi mu dheireadh ri guidhe gu 
durachdach air gu'n leigeadh e learn mo beatha; ach cha 
tugadh e geill sam bith dhomh. Bha e sior iarraidh air 
an t-seirbhiseach mo mharbhadh. Aig a' cheart mhionaid 
anns an robh mi gu bhith air mo chur gu bas, thainig an 
t-seana bhean a steach, agus thuit i air a gluinean aig a 
chasan. " Mo mhac, ars' ise, " is mise bu bhanaltrum 
dhut o 'n a rugadh thu, agus is mi a dh' araich thu, air mo 
sgath fhein leig a beatha leatha, Cuimhnich gun cuirear 
gu bas iadsan a chuir muinntir eile gu bas. Ma bheir thu 
air falbh a beatha cuiridh tu smal air do cliliu, agus 
caillidh tu meas an t-sluaigh gu leir. Labhair i ris ann am 
briathran cho druighteach 's gu'n do bhuadhaich i air mu 
dheireadh. 

" Air do shon fhein, ma ta," ars' esan, " leigidh mi 
leatha 'bhith beo ; ach bidh comharran oirre leis am bi 
cuimhne aice air an olc a rinn i." 

An uair a thuirt e so, dh' ordaich e do dh' fhear dim 
:na seirbhisich iomadh buille a thoirt dhomh le slait amis 
a' bhrollach. Bha gach buille 'g am lot gu trom, gus mu 
dheireadh an do thuit mi ann an neul. 'Na dheigh sin 
thugadh air falbh mi, agus dh' fhagadh ann an taigh eile 
ini, far an robh seana bhoirioimach a' toirt an aire dhomh. 
Bha mi ceithir miosan gun charachadh bhar na leapadh. 
Mu dheireadh chaidh mi am feabhas. Sin mar a thainig 
na lotan gu bhith air mo bhrollach. 



93 



Cho luath 's a bha nii comasach air coiseachd, chuir mi 
romham gun rachainn do n taigh a bh' again mu'n do 
phos mi an dara uair, ach cha robh e ri fhaotainn. An 
uair a bha 'm fear a bha posd' agam ann an teas na feirge, 
dh' ordaich e an taigh agam a leagadh, agus gun chlach 
fhagail air an larach. Tha mi 'crcidsinn nach cualas a 
leithid so de ghm'omh eucorach riamli roimhe; ach cha 'n 
eil fliios agam c'aite am bheil am fear a rinn an t-olc orm, 
agus cha 'n eil mi cinnteach gun ajthnichinn e, agus is 
docha nach rachadh agam air aicheamhal sam bith a tlioirt 
dheth air son an uilc a rinn e - orm. Air do n chuis a 
bhith mar so, cha bu dana leamsa mo ghearain a dhean- 
amh ri luchd-riaghlaidh a bhaile. 

'n a bha mi lorn, falamh, aonaranach, chaidh mi far 
an robh mo phiuthar, Sobaide, agus dh' innis mi ahi an 
cruaidh fhortan troimh 'n deachaidh mi. Ghabh i rium 
le mor chaoimhneas, agus chomhairhch i dhomh giulan gu 
foighidneach le m' staid. " So doigh an t-saoghail/' ars' 
ise ; " bheir e uainn ar cuid, no ar cairdcan, no luchd ar 
graidh, agus mar is trice bheir e uainn iad so uile a dh' 
aon bheum." 

Mar dhearbhadh gu n robh so fìor dh' innis i dhomh 
mar a chuir an t-eud a bh' aig mo pheathraichean rithe 
am bas ann an rathad a 7 phrionnsa ; agus dli' innis i dhomh 
mar an ceudna mar a thachair dliaibh a bhith. air an cur 
ann an riochd da ghallaidli. Mu dheireadh an uair a 
nochd i dhomh iomadh comharradh air a mor chaoimhneas, 
thug i San, mo phiuthar a's oige an lathair, agus dh' innis 
i dhomh gu n robh i 'fuireach comhladh rithe o 'n a dh' eug 
a mathair. 

Thug sinn taing do Dhia do bhrigh gu'n robh sinn 
maille ri cheile aon uair eile, agus runaich sinn gu'n 
caitheamaid ar beatha maille ri 'cheile. Tha sinn o chionn 
iomadh bliadhna 'fuireach comhladh. O n is e mo 



94 



dhleasdanas-sa gach ni fhaotainn air am bi feum aig an 
taigh, tha mi 'dol g a cheannach. An uair a chaidh mi 
'mach an de a cheannach nithean a bha dhith oirnn, thug 
mi air a' phortair an toirt dhaehaidh. An uair a chunnaic 
shin gun robh e 'na dheadh fhear-cuideachd, leig sinn leis 
fuireach maille ruinn gu spors is feala-dha a dheanamh 
dhuinn. Anamoch feasgar thainig an triuir chaladairean, 
agus ghuidh iad oirnn cuid na h-oidhche a thoirt dhaibh. 
Dh' aontaich sinn gun deanamaid sin air chumhnantan 
araidh ris an d' aontaich iad. Agus an deigh dhaibh biadh 
a ghabhail maille ruinn, thug iad greis air cluich air 
innealan-ciuil. Aig an am chuala sinn bualadh aig a' 
gheata. Co 'bh' ann ach triuir mharsantan a thainig a 
Mosul, daoine air an robh coltas meineil, iomchuidh. Dh' 
iarr iadsan cead tighimi a steach mar an ceudna, agus 
thug sinn cead dhaibh an deigh dhuinn na ceart chumhn- 
antan a chur orra 's a chuir sinn air na. caladairean ; ach 
cha do chum a h-aon aca ris na cumhnantan air an 
d' fhuair iad a steach, agus ged a rachadh againn le 
ceartas air aicheamhal a thoirt dhiubh, leig sinn leotha 
falbh an uair a dh' innis iad dhuinn eachdraidh am beatha. 
Cha d' rinn sinn de pheanas orra ach nach leigeamaid 
leotha fuireach na b' fhaide maille ruinn anns an taigh. 

Chord na naigheachdan so anabarrach math ris an 
righ, agus dh' aidich e gu'n do chuir iad ioghnadli mor air. 
Smaoinich e gu 'm bu choir dha urram a chur air an triuir 
chaladairean, o 'n a bha iad 'nan cloinn righrean, agus 
mar an ceudna air an triuir mhnathan-uaisle. Thuirt e 
ri Sobaide, " A bhaintighearna, an d' innis a' bhean-shithe 
a chuir do pheathraichean fo gheasan, c'aite am bheil i 
'fuireach? No, an do gheall i gun togadh i na geasan 
bhar do pheathraichean?" 

" Le 'r cead, a righ, ; arsa Sobaide, " dhichuimlmich mi 
innseadh dhuibh gu'n d' thug i dhomh bad gruaige, agus 



95 



gun dubhairt i rium gum biodh feum agam air a cuid- 
eachadh latha eiginn ; agus nan loisginn a' ghruag gun 
tigeadh i 's a' mhionaid far am bithinn.'' 

" A bhaintighearna," ars' an righ, " c'aite am bheil a' 
ghruag V 

Fhreagair Sobaide, " Bha mi -g a gleidheadh gu curam- 
ach riamh o n a fhuair mi i ; tha i agam an so." An uair 
a thuirt i so, thug i as a pocaid a' cheis anns an robh. 
'ghruag. 

" Loisgeamaid i gun dail ; oir tha toil agam a' bhean- 
shithe fhaicinn. Cha b' urrainnear a gairm an am bu 
fhreagarraiche," ars' an righ. 

Thilgeadh a' ghruag 's an teine 's a' mhionaid. Thois- 
ich an luchairt ri dhol air chrith, agus ann an tiotadh bha 
'bhean-shithe 'na seasamh an lathair an rig'h, agus i ann 
an eideadh anabarrach eireachdail. 

" Le 'r coad, a righ, tha sibh a' faicinn gum bheil mise 
deas gu ni sam bith a dheanamh a dh' iarras sibh orm," 
ars' ise. " Rinn a' bhean uasal a ghairm mi 'n 'ur ainmse 
obair mhath dhomh. Mar chomharradh air mo thaing- 
ealachd dhi rinn mi dioghaltas air a dithis pheathraichean 
air son cho eucorach 's a bha iad; ach ma 's e bhur toilse 
e, cuiridh mi iad anns a' chruth 's an robh iad roimhe." 

" A bhean-shithe mhaiseach," ars' an righ, " cha b' 
urrainn dut taitneas bu mho a thoirt dhomh na sin ; dean 
riutha mar a tha thu 'g radh, agus feuchaidh mise ri 
€aoimhneas a nochdadh dhaibh a bheir orra gu'n dich- 
uimhnich iad ami an tomhas gach peanas a dh' fhuiling 
iad. A bharrachd air sin, tha fabhar eile ag'am ri 
iarraidh ort, agus is e sin, gu'n mnis thu dhomh ainm an 
duine a bha phosda ri Aimini, ag-us a bhuin cho cruaidh- 
^hridheach rithe. O 'n a tha mi 'creidsinn gu'm bheil 
fhios agad air moran nithean, tha fhios agam gur aithne 
dhut an duine so. Innis dhomh, co e ; oir rinn e da 



96 



ghniomh ro eucorach oirre; agus tha ioghnadh orni gum 
b' urrainn neach sam bith a leithid de dhroch ghniomh- 
aran a dheanamh anns a' bhaile gun fhios dhomh." 

" A chum comain a chur oirbh," ars' a' bhean-shithe, 
" cuiridh mi an da glialladh anns a' chruth 's an robh iad 
roimhe, agus leighisidh mi na h-athailteaon a th' air 
brollach na baintighearna air dhoigh 's nach aithnichear 
gu'n robh iad riamh ann ; agiis innsidh mi dhuibh ainm 
an fhir a chuir ann iad." 

Chuir an righ a dh' iarraidh an da ghalladh do thaigh 
Shobaide. An uair a thainig iad, dh' iarr a' bhean-shithe 
glaine uisge 'thoirt g a h-ionnsuidh. An uair a labliair i 
briathran os cionn an uisge nach do thuig neach sam bith, 
thilg i cuid dheth air Aimini, agus a' chuid eile air an da 
ghallaidh. Ann an tiotadh cha robh athailte ri 'fhaicinn 
air brollach Aimini, agus bha 'n da ghalladh nam boir- 
ionnaich cho briagha 's a chunnaic duine riamh." 

An sin thuirt a bhean-shithe ris an righ, " Innsidh mi 
nis dhuibh co am fear a bha posda ri Aimini, agus a rinn 
an droch dhiol oirre. Tha e gle chairdeach dhuibh fhein ; 
oir is e bhur mac a's sinne. Thuit e ann an trom ghaol 
oirre an uair a chuala e gu'n robh i na boirionnach 
anabarrach maiseach, agus leis na caran thug e oirre gu'n 
do phos i e. Tha beagan dhe 'leithsgeul ri ghabhail ged 
a rinn e droch dhiol oirre ; oir cha robh i cho f aicleach 
oirre fhein 's bu choir dhi ; agus bheireadh na leithsgeulan 
a thug i dha air a chreidsinn gu n robh i na bu chiontaiche 
na bha i. Cha ; n 'eil an corr r~am ri radh." An uair a 
thuirt i so chaidh i as an t-sealladh. 

Bha 'n righ anabarrach toilichte a chionn gun deach- 
aidh aige air math a dheanamh do 'n triuir bhoirionr^h, 
agus chuir e roimhe gu'n cuireadh e gach cuis ceart "=nm 
dail sam bith. Chuir e fios air a mhac, agus thuirt e ris,. 
gu'n d' innseadh dha gu'n do phos e Aimini gun "hios dha,. 



97 



.agus gu n do throm-lot e i air son fior bheagan aobhair. 
An uair a thuig a mhac gun robh fhios aig 'athair air 
gach ni a rinn e, ghabh e Aimini g a ionnsuidh mar a 
bhean laghail, phosda, gun dail sam bith. 

An sin dh' aidich an righ gu'n robh e suidhi elite gu'm 
posadh e fhein Sobaide. Chuir e mu choinneamh nan 
caladairean gum posadh iad na tri mnathan-uaisle eile. 
Dh' aidich na caladairean gu'n robh iad gle thoileach 
deanamh mar a bha 'n righ ag iarraidh orra. Thug so 
toileachadh mor do 'n righ. Thug e dhaibh taighean mora, 
briagha anns a' bhaile, agus rinn e comhairlich dhiubh. 

Gun dail sam bith fhuaradh a steach cleireach a' 
bhaile, agus sgriobh e na cumhnantan-posaidh, ag-us an 
oidhche sin mein thoisich na coig bainnsean, agus mhair 
iad seachd latha agus seachd oidhche. A h-uile latha ri 
'm beo bheireadh na tri chaladairean agus na coig 
mnathan-uaisle am mile beannachd air an righ ainmeil, 
Haroun Alrashid. 



7 



98 



SINDBAD AN SEOLADAIR. 
Caib. I. 

Ri linn rigli Haroun Alrashid, air an d' thugadh iomradh 
mar tha, bha portair bochd ann am Bagdad do 'm b' ainm 
Hindbad. Air latha araidh, an uair a bha 'n t-side 
anabarrach teith, bha aige ri eallach trom a giulan o aon 
cheann de 'n bhaile gus an ceann eile. Air dha bhith gle 
sgith a giulan an eallaich, agus astar mor aig© ri chois- 
eachd mu 'n ruigeadh e ceann a thuruis, shuidh e a 
leigeadh 'analach air aon de na sraidean bu bhriagha 'bh' 
anns a bhaile. Thachair gun do shuidh e mu choinneamh 
taighe a bha anabarrach mor, maiseach. Bha ; n t-sraid 
air a nigheadh air'beulaobh an taighe le uisge nan rosan, 
agus bha faileadh a' bhidh a bha na cocairean a' deas- 
achadh anns an taigh a' toirt neart dha chridhe. 

Bha ; n ceol a b' aille a. chuala cluas riamh 'ga sheinn^ 
's an taigh ; agus bha ceileireadh nan eun boidheach, binn- 
ghuthach a bha 'seinn air bharraibh nan craobh, a togaii 
inntinn air a leithid de dhoigh 's gu'n robh e anns an am 
a,' dichuimhneachadh moran dhe gach eis is sgios is saruch- 
adh a bha e 'fulang. Thuig e gun robh cuirm shoghail, 
ghreadhnach a' dol air aghart anns an taigh. O nach 
b' abhaist dha bhith 'dol troimh ; n chuid ud dhe n bhaile, 
cha robh fhios aige co bha 'fhuireach anns an taigh. 
Thug e 'n aire gu'n robh cuid dhe na seirbhisich am mach 
; s a' steach mu 'n dorus, agus iad ann an eideadh anabarr- 
ach riomhach. Dh' fheoraich e dhiubh co bha 'fuireach 
anns an taigh. Fhreagair fear dhiubh, agus thuirt e, 



99 



" An e nach 'eil fhios agadsa 's tu 'fuireach aim am Bagdai 
gur e so an taigh aig Sindbad an Seoladair, am fear- 
siubhail ainmeil a sheol timchioll an t-saoghail gu leir?" 

Chuar am portair roimhe sin iomradh air Sindbad, 
agus air an t-saoibhreas mhor a bh' aige, agus an uair a 
smaoinich e air cho nor bhochd 's a bha e fhein, cha 
b' urrainn e gun fharmad a bhith aig© anns an am ri duine 
aig an robh saoibhreas ro mhor mar a bh' aig Sindbad. 
Mar bu mho a smaoinicheadh © air an dealachadh a bh' 
eadar a shuidheachadh bochd, truagh fhein, agus an 
suidheachadh anns an robh Sindbad, is ann bu mho a bha 
de dh' eud ; s de dh' fharmad 's d© champar ag eirigh suas 
'na inntinn. Thog e suas a shuilean ri neamh, agus thuirt 
e 1© guth ard, " A Dhe uile-chumhachdaich, a chruthaich 
na h-uil© nithean, thoir fa near an dealachadh a th' eadar 
Sindbad agus mise. Tha mise gach latha air mo chlaoidh 
le obair chruaidh 's le mi-fhortan, agus is gann a theid 
agam air greim tur, tioram dhe 'n aran a chumail rium 
fhein 's ri m' theaghlach, am feadh ; s a tha Sindbad a r 
sealbhachadh saoibhreis ro mhor, ag*us a' caitheamh a 
bheatha ann an sogh 's ann an subhachas air nach 'eil 
crioch. Cia mar a thoill esan gun tugadh tu dha a leithid 
de shuidheachadh math, agus cia mar a thoill mise bhith 
air mo chur 's an t-suidheachadh thruagh so anns am bheil 
mi?' 7 An uair a thuirt e so, bhuail e ; chas air an talamh 
mar gu'm biodh e air a lionadh le eu-dochas. 

An uair a bha 'm portair mar so fo lionn-dubh, thainig 
seirbhiseach am mach as an taigh, agus rug e air ghairdeau 
air, agus thuirt e ris gun robh Sindbad ag iarraidh air a 
dhol a steach a bhruidhinn ris. An uair a chuala Hindbad 
bochd so, ghabh © ioghnadh gu. leor; oir an uair a thug e 
fa near na briathran gearaineach a, labhair e, bha eagal 
air gTir ann gu peanas a dheanamh air a chuir Sindbad 
fios air. Air an aobhair sin thoisich e ri leithsgeul a 



100 



ghàbhail, ag radh, nach fhaodadh e an t-eallach 'fhagail air 
an t-sraid. Ach thuirt an seirbhiseach ris gu'n gabhadh 
<e fhein curam dhe '11 eallach, agus mu dheireadh thug e 
air a dhol a steach. 

Thug an seirbhiseach a steach e do sheomar mor far 
an robh aireamh mhor shluaigh 'nan suidhe mu n cuairt 
air bord na dinneireach. Aig ceann shuas a' bhuird bha 
leith-sheann duine maiseach air an robh nor choltas coir, 
siobhalta, agus feusag fhada, gheal air, na shuidhe, agus 
seirbhisich 'nan seasamh laimh ris a chum frithcaladh a 
•dheanamh dha, B' e so Sindbad. 

An uair a chunnaic am portair na bha de shluagh aig 
an dinneir mhoir so, ghabh e eagal, agus bha crith air a 
ghuth an uair a chuir e failte air a' chuideachd. Dh' iarr 
Sindbad air tighinn air aghart, agus thug e air suidhe aig 
a dheas laimh aig a' bhord, agus cha bu luaithe shuidh e 
na thug Sindbad le laimh fhein dha glaine fhiona. Ghabh 
e 'dhinnear comhladh ris a' chuideachd. 

An uair a bha ; n dinnear seachad, thoisich Sindbad ri 
bruidhinn ris a phortair. Dh' fheoraich e dheth, co 
dh' ainm a bh' air, agus ciod an obair a bh' aige. 

" Mo mhaighstir,"' ars' esan, " is e m' ainm Hindbad."' 

" Tha mi gle thoilichte d' fhaicinn," arsa Sindbad, 
" agus tha mi cinnteach gur math leis a' chuideachd gu 
leir d' fhaicinn mar an ceudna, B' fhearr learn gun 
innseadh tu dhomh ciod a bha thu 'g radh o chionn greise 
air an t-sraid." Chuala Sindbad tròimh 'n uinneig a h-uile 
facal a thuirt e mu ; n do shuidh e aig an dinneir, agus b' e 
sin thug air iarraidh air a' phortair a dhol a steach." 

Ghabh Hindbad ioghnadh an uair a chual' e 'cheisd so, 
agus chrom e 'cheann, agus thuirt e, " A mhaighstir, tha 
mi 'g aideachadh gun robh m' inntinn troimh a cheile aig 
an am leis cho sgith 's a bha mi, agus thug sin orm 
briathran gun tur a labhairt. Tha mi 'n dochas gun toir 
sibli ma tha tias i ihomli.' 



101 



" Na bi 'smaointean gu'm bheil mise cho beag tur 's 
gu'n gabh mi gu h-olc aon fhaeal dhe na thubhairt thu. 
Tha fhios again air do shuidheachadh, agus an aite bhitli 
'faotainn coire dhut air son a bhith gearain, is ann a tha 
truas agam riut. Ach o 'n a, tha beachd mearachdach 
agad mu m' thimchioll, feumaidh mi do chur ceart. Gun 
teagamh sam bith tha thu 'smaoineachadh gu'n d' fhuair 
mise an saoibhreas agus an t-socair a. th' agam an diugh,, 
gun dragh gun trioblaid. Ach tha do bheachd mearachd- 
ach. Cha d' thainig mi gu bhith anns an t-suidheachadh 
anns am bheil mi gun bhith fad iomadli bliadhna 'fulang 
trioblaid cuirp is inntinn cho mor ; s gur gann a chreideadh 
daoin' e. Seadh, a dhaoine uaisle," ars' esan '& e labhairt 
ris a' chuideachd gu leir, " tha mi 'g innseadh dhuibh le 
firinn, gu'n d' fhuiling mi trioblaidean anabarrach mor, 
agus gun tugadh na, tursan-cuain a ghabh mi sl chum an 
saoibhreas a th' agam a chur cruinn a mhisneach o 'n duine 
a's sanntaiche a tha 'n diugh beo> air an talamh. Is docha 
nach cuala sibh cunntas cheart mu na. driodartan iongant- 
ach, agus na cunnartan mora 'thachair rium re nan seachd 
tursan-cuain a ghabh mi ; agus o 'n a, tha 'n cothrom agam 
a nis air an innseadh, tha mi toileach mion-chunntas a 
thoirt dhuibh mu 'n timchioll. Cha 'n 'eil teagamh agam 
nach taitinn mo naigheachd ribh." 

An uair a dh' eug m' athair, dh' fhag e cuid mhath de 
shaoibhreas agam. An uair a bha mi og, gorach, chaith 
mi an earrann bu mho dheth gun fheum sam bith dhomh 
fhein no do dhaoin' eile. Mu dheireadh thug mi 'n aire 
gu'n robh mi 'dol fada cearr, agus thug mi fa near nach 
maireadh beairteas ach uine ghoirid, mur tugadh daoine 
an aire mhath dha. Thug mi fa near mar an ceudna, gu'n 
robh mi 'cur seachad na h-uine gun fheum, agus nach 'eil 
ni anns an t-saoghal cho luachmhor ris an uine 'thug Dia 
dhuinn a chum feum a dheanamh dhith. Chuimhnich mi 



102 



air na briathran a labhair Solamh, agus a chuala mi gu 
trie aig m' athair, Gur e am bas a's fhasa fhulang na fior 
bhochdainn. An uair a ghabh mi le curam beachd air na 
nithean so, cliruinnich mi gach ni a bli' agam, agus reic 
mi e ris an fhear a b" airde tairgse. Chuir mi mo 
chomhairle ris na marsantan bu ghlice a bh' anns a' 
bhaile, agus thuirt iad rium, nach robh doigh air am 
b' fhearr a dheanainn beairteas na falbh air luing comhladh 
ri marsantan eile gu ruige na rioghachdan thall, agus reic 
is ceannach a dheanamh. Chaidh mi gun dail sam bith 
do Bhalsora, ag-us thuarasdalaich mi fhein agus marsantan 
eile long eadrainn. An uair a luchdaich sinn i leis gach 
seorsa bathair a b' fhearr a shaoileamaid a gheibheadh 
reic, sheol sinn gu ruige na h-Innsean an Ear. 

Bha mi gle thinn le tinneas-mara fad beagan laithean 
an deis dhuinn seoladh ; ach an uine ghoirid cha chuireadh 
an tinneas-mara dragh sam bith orm. 

Thaghail simi anu an caochladh eileanan air ar turus, 
ag-us reic sinn cuid dhe n bhathar. 

Air latha araidh s gun deo shoirbheis againn, thug 
sinn an aire gun robh eilean beag, comhnard, faisge oirnn, 
a bha a reir coltais fo flieur goirid, gorm. Thug an 
sgiobair ordugh na siuil a phasgadh, agus thug e cead do 
gach aon a thogradh a dhol car uine do n eilean bheag so. 
Chuireadh am mach am bata-fada, agus chaidh mi fhein 
agus aireamh mhath dhe 'n luchd-turuis a bh' air bord 
innte, agus dh' iomair sinn thun an eilean. Thug sinn 
leinn biadh is deoch, agus connadh gus teine fhadadh air 
an eilean. An uair a dh' fhadaidli sinn deadh theine, agus 
n bha 'm biadh a thug sinn leinn air a dheasachadb, shuidh 
sinn aige. Mu n robh sinn ullamh dhe ar biadh, thoisich 
an t-eilean ri dol air chrith fo r casan. Thug an fheagh- 
ainn a bh' air bord an aire mar an ceudna gun robh an 
t-eilean a' dol air chrith,. agus ghlaodh iad ruinn sinn a 



103 



thilleadh gu bord cho luath 's a b' urrainn duinn, ar neo 
gum biomaid caillte. Ged a bha sinn an duil gur aim air 
eilean a bha sinn, is ann a bha sinn air druim muice-mara 
a bha anabarrach mor. 

A h-uile fear bu luaithe na cheile, thug e am bata-fada 
air ; shnamh cuid eile air falbh ; ach mu 'n d' fhuair mise 
falbh bhar druim na muice-mara, chaidh i fodha, agus gu 
fortanach fhuair mi greim air sgonn de n fhiodh a bh' 
againn air son an teine fhadadh. 

An uair a shaoil leis an sgiobair gii'n robh gach aon 
dhe na chaidh thun an eilean air bord aige, ghrad rlrin e 
deiseil gu seoladh air falbh. Eadar an t-eagal a ghabh 
iad agus a' chabhag a bh' orra, cha d' ionndrainn aon 
seach aon aca gun robh mise 'g an dith. Anns an am 
thainig soirbheas fabharrach, agus ann an uine ghoirid 
chaidh an long as mo shealladh. 

Bha mise mar so air bharraibh nan tonn fad latha 's 
oidhche, agus bha mo dhiol again mi fhein a chumail an 
uachdar. An la-iar-na-mhaireach bha mo neart air mo 
threigsinn cho mor 's gun d' thug mi duil thairis dhe mo 
bheatha. Ach gu fortanach thug an sruth mi fhein 's am 
maide air an robh greim agam a dh' ionnsuidh eilean, agus 
•chuir na tonnan air tir mi. 

Bha cladach an eilean cho cas 's cho ard 's gu'n do 
theab nach fhaighinn a dhireadh idir ; ach thachair gixn. 
robh freumhan is meanglain nan craobh a bha 'fas air 
laruaich a' chladaich cho laidir 's gu'n do chum iad rium 
fhad 's a bha mi direadh gu h-eigionnach suas gu talamh 
glas. 



104 



Caib. II. 

An uair a dhirich mi suas, leig mi mi-fhein 'nam shineadh 
air an talamh 's gun annam ach an deo air eiginn. An 
uair a dh' eirich à? ghrian suas gu math, ged a bha mi gle 
fhann le sgios agus le acras, dh' fhalbh mi gu h-eigionnach 
feuch an tachradh ni sam bith rium a dh' ithinn. Gu 
fortanach thachair measan rium, agus fuaran anns an robh 
uisge cho blasda 's a dh' ol mi riamh. Agus an uair a 
dh' ith 's ai dh' ol mi beagan, thainig tomhas mor dhe mo> 
neart air ais. 

' Choisich mi air aghart troimh 'n eilean gus an d' rainig- 
mi comhnard mor, far am faca mi beathach eich ag ion- 
altradh. An uair a chaidh mi gu math dluth dha, thug 
mi an aire gur e lair a bh ann, agus gun robh i air 
teaghair. An uair a bha mi 'nam sheasamh ag amhare 
oirre, chuala mi guth duine, mar gu'm biodh e tighinn as; 
an talamh dluth orm. Ann an tiotadh bha; e 'na sheasamh 
air mo bheulaobh , agTis dh' fheoraich e dhiom, eo mi,, 
agus co as a thainig mi. Dh' innis mi dha gach ni mar a 
thachair dhomh o 'n a. dh' fhalbh mi o 'n taigh. An uair 
a chuala, e mo naigheachd, rug e air laimh orm, agus thug; 
e leis mi gTi ruig' uamha anns an robh aireamh dhaoine> 
'fuireach. Agus ma, bha ioghnadh orrasan mise 'fhaicinn, 
bha 'cheart uiread a dh' ioghnadh ormsa iadsan 'fhaicinn. 

An uair a, dh' ith mi beagan dhe 'n bhiadh a chuir iad 
'nam thairgse, dh' fheoraich mi dhiubh ciod a, bha, iad a' 
deanamh anns an eilean fhasail ud. Thuirt iad rium gun 
robh iad ann an seirbhis an righ a bh' air an duthaich, 
agus gun robh iad a' tighinn gach bliadhna mu 'n am ud 
le laraichean an righ a chum gi\m faigheadh iad searraich 
o each a bha 'tighinn as a' chuan. " Mur bi sinn 'n ar 
faireachadh," ars' iadsan, u marbhaidh e na laraichean leis 



105 

na breabau. Ach an uair a chi sinn e a teannadh ri 'm 
breabadh, cuiridh sinn le glaodhaich 's le gleadhraich an 
teicheadh air am mach air a' mhuir. Thai na searraich a 
gheibh na laraichean uaithe 'tionndadh am mach gu bhith 
'nan eich anabarrach briagha, agus tha iad air an 
gleidheadh gu feum an righ." 

Thuirt iad rium gun robh iad gn falbh as an eilean an 
la-iar-na-mhaireach, agns gu'n tugadh iad leotha mi as an 
eilean. Ach nan do tha chair dhomh a bhith latha air 
dheireadh gun fhaotainn air tir 's an eilean, bha mi air a 
bhith marbh ami ; oir bha. e anabarrach fad' o thir-mor. 

An uair a bha sinn a bruidhinn, chunnaic sinn an 
t-each a' tighinn air tir, agus an uair a fhuair an lair a 
bh' air an teaghair searrach uaithe, ghrad dh' fhuadaich 
iad am mach air a' mhuir e. 

Gu math moch an la-iar-mhaireach dh' fhalbh iad as 
an eilean, agus thug iad mise leotha, agus thug iad an 
lathair an righ mi. Dh' fheoraich e dhiom co mi, agus 
cia mar a thachair dhomh tighinn do 'n rioghachd aige, 
Dh' innis mi dha. h-uile car mar a thachair dhomh o 'n a 
dh' fhalbh mi o n taigh. Thuirt e gu'n robh am mi-fhortan 
a thainig 'nam rathad a' cur dragh mor air. Aig a' 
cheart am thug e ordugh seachad dh'a sheirbhisich, gacn 
ni a bhiodh a dhith orm a. thoirt dhomh, agus rinn iad 
gach ni mar a dh' ordaich e. 

O 'n a bha mi 'nam mharsanta, bu trie learn a bhith 
ann an cuideachd mharsantan b! bhaile, ag*us bha mi. 
'feorach mu dheidhinn nan coigreach a. bhiodh a' tighinn 
do 'n bhaile, gun fhios nach fhaodadh gu'n cluinninn sgoul 
a Bagdad, agus a h-uile dochas agam gu'm faighinti 
cothrom uair no uaireiginn air tilleadh air ais ann. Bha 
ceanna-bhaile na rioghachd air bruaich a' chladaich, agus 
bha acarsaid mhath m' a choinneamh, far am biodh soith- 
ichean a' tighinn as gach cearn dhe 'n t-saoghal. 



106 



Bu trie learn mar an ceudna bhith ann an cuideachd 
nan daoine fobhluimte, agus a bhith 'g eisdeachd ri 'n 
-comhradh. Ach cha do dhearmaid mi a bhith cho trie 's 
a dh' fhaodainn ann an cuideachd an righ agus nam mor- 
mhaithean a bha 'toirt cis dha. Chuir iad moran cheisdean 
orm mu thimchioll na duthchadh as an d' thainig mi; 
agus o 'n a bha toil agam fios fhaotainn mu thimchioll 
nan laghannan agus nan cleaehdaidhean a bh' aims an 
duthaich acasan, bha mi 'cur iomadh ceisd orrasan mar an 
ceudna. 

Air latha araidh thachair dhomh a bhith aig a' phort 
an uair a thoisich sgiobadh na luinge a bha air tighinn a 
steach do n acarsaid ri cur a bhathair a bh' innte gu tir. 
Thug mi suil air a' bhathar, mar a bha nadarra do m' 
leithid a dheana.mli, agus ciod a b' iongantaiche learn na 
m' ainm fhein fhaicinn air cuid dheth, agus an uair a 
sheall mi na b' fhearr air, dh' aithnich mi gu'm b' e a' 
cheart bhathar a chuir mi air bord ann am Balsora a 
bh' arm. Dh' aithnich mi an sgiobair mar an ceudna; 
ach o 'n a bha mi 'smaointean gu n robh e 'creidsinn gu'n 
deachaidh mo bhathadh, chaidh mi far an robh e, agus 
•dh' fheoraich mi dheth, co dha 'bhuineadh am bathar. 
Thuirt e gu'm buineadh e do mharsanta mhuinntir 
Bhagdad, do 'm b' ainm Sindbad; agus gu'n robh e 
'creidsinn gu'n do bhathadh Sindbad comhladh ri moran 
■eile dhe na bha air bord. " Agus," ars' esan " tha mise 
suidhichte gu'n reic mi e, agus g*u n toir mi an t-airgiod 
a gheibh mi air a shon do na cairdean as dluithe a tha 
-aig Sindbad, an uair a thilleas mi dhachaidh." 

" A sgiobair," arsa mise, " is mise Sindbad a bha duil 
agad a chaidh a bhathadh, agus is learn am bathar so." 

An uair a chuala n sgiobair so, thuirt e, " O chruith- 
eachd ! co dha is urrainn duinn geill no creideas a 
thabhairt 's na laithean so? Dh' fhalbh an fhirinn 's an 



107 



'onair buileach glan ai measg dhaoine, Chunnaic mi le mo 
shuilean fhein Sindbad a' dol a dhith, agus chunnaic na 
daoine eile a bh' air bard e a? cheart cho math riumsa, 
Agus na dheigh so gu leir, tha thusa 'g radh gur tu fhein 
Sindbad. Nach tu chaill do naire buileach glan ! Shaoil- 
•eadh daoine le amharc ort, gur duine thu anns am bheil 
fìrinn is onair ; agus 'na. dheigh so gu leir, tha thu 'g 
innseadh nan tulla-bhreugan, a chum gum faigheadh tu 
•coir air nithean nach buin dhut." 

" Biodh foighidin agad, a dhuine," arsa mise ; " bi cho 
math 's gu'n eisd thu rium gus an innis mi dhut na bheil 
.agam ri radh." 

" Ceart gu leor," ars' esan, " labhair thusa, ag-us eisdidh 
mise riut." An sin dh' innis mi dha a h-uile car mar a 
fhuair mi gu tir, agus mar a thug seirbhisich an righ as 
an eilean mi. 

Thug so air g-u'n d' rinn e air a shocair, ag-us gun do 
smaoinich e gu'n robh coltas na. firinn air na dh' innis mi 
dha ; ach anns an am thainig feadhainn dhe na bh' air 
bord s an luing gu tir, agus dh' aithnich iad mi anns v 
mhionaid, agus bha iad anabarrach toilichte a chionn gu'm 
faca iad beo mi. Mu dheireadh dh' aithnich e fhein mi, 
agus chuir e a. dha. laimh mu m' mheadhain, ag-us thuirt 
e, " Cliu do ; n fhreasdal gu'n d' fhuair thu as gun do 
bhathadh. Cha 'n urrainn domli innseadh cho toilichte 's 
• a tha mi. Tha do chuid bathair an sid ; thoir leat e 's 
dean do thoil ris." 

Thug mi taing dha air son cho caoimhneil 's cho onar- 
ach 's a bha e. Thairg mi dha pairt dhe 'n bhathair air 
son a dhragha, ach cha ghabhadh e dad uam. 

Dh' fhosgail mi na. saic, ag-us thug mi asda am bathar 
bu luachmhoire a bh' agam, ag*us chuir mi ann an tairgse 
an righ e. Ò 'n a bha fhios aig an righ air gach mi 
fhortan a thainig 'nam rathad, dh' fheoraich e dhiom, 



108 



c'aite an d' fhuair mi am bathar luachmhor udi Dh' innis 
dha mar a thachair. Bha e anabarrach toilichte a chionn 
gu'n robh mi cho fortanach *s gun d' fhuair mi mo chuid 
fhein gu sabhailte, agus ghabh e gu toileach uam am 
bathar luachmhor a chuir mi 'na thairgse. Thug e dhomh 
tiodhlacan a bha moran na bu luachmhoire na na thug mi 
dha. Ghabh mi mo chead dheth, agus an deighj dhomh 
am bathar a reic, agus moran de bhathar luachmhor eile 
a cheannach gus a thoirt learn dhachaidh, chaidh mi air 
bord 's an luing. Fhuair sinn soirbheas fabharrach air ar 
turus dhachaidh. Mu dheireadh rainig sinn Balsora, agus 
b' fhiach na bh' agam de bhathar ceud mile bonn oir. 
Thainig mi a Balsora 1 do 'n bhaile so. Bha mi fhein V 
mo chairdean gu leir gle aoibhneach a> chionn gu n da 
thachair sinn ri' cheile ann an slainte. 

Cheannaich mi fearann, ag-us thog mi taigh mor, 
maiseach, agTis bha seirbhisich gu leor agam. Ag-us bha 
n am bheachd aig an am fois a ghabhail, agus gaeh 
trioblaid troimh an deachaidh mi a leigeadh gu buileach 
air dichuimhn. 

An uair a chuir Sindbad crioch air na briathran so, 
dh' ordaich e do n luchd-ciuil teannadh ri cluich. Bha 
chuideachd gu leir aig itheadh 's ag ol, agus a.' cur seachad 
na h-uine gu cridheil, caoimhneil, cairdeil, toilichte, gus 
an tainig an t-am dhaibh a bhith dealachadh ri cheile. 
An uair a bha m portair a' falbh, thug Sindbad dha 
ceud bonn oir, agus thuirt e, " Gabh so, agus bi falbh 
dhachaidh; ach thig air ais am maireach, agus cluinnidh 
tu tuilleadh dhe m' eachdraidh-sa," 

Thill am portair dhachaidh, ag*us bha ioghnadh gu. 
leor air araon air son an urram a chuir Sindbad air, agus, 
gu h-araidh air son gun d' thug e suim mhor oir dha. 



109 



Caib. III. 

-An la-iar-na,-mhaireaeh chuir am portair uime an deise 
■aodaich a. b' fhearr a bh' aige, agus chaidh e do 'n taigh 
aig Sindbad, an Seoladair. Chuir Sindbad failte 's furain 
air le mor chaoimhneas. 

An uair a thainig na h-aoidhean gu leir, chuireadh an 
dinneir air a' bhord, agus shuidh iad aige fad uine mhath, 
ag itheadh 's ag ol 's a' comhradh mu thimchioll iomadh 
ni. An uair a chuir iad crioch air an dinneir, thuirt 
Sindbad, agus e 'labhairt ris a' chuideachd gu leir, " A 
dhaoin uaisle, ma 's e bhur toil e, eisdibh rium, agus bheir 
mi dhuibh cunntas air na tubaistean ; s air na deuchainnean 
a thachair dhomh an dara turus a dh' fhalbh mi 'sheoladh. 
Tha na bheil agam ri innseadh an diugh na s iongant- 
aiche na na dh ; innis mi dhiubh an da" An uair a chual' 
iad so, dh' fhan iad uile 'nan tosd, agus thoisich Sindbad 
ri innseadh a sgeoil dhaibh mar so : — 

Mar a dh ; innis mi dhuibh an de, bha 'nam bheachd 
an uair a thainig mi air ais gu ruige Bagdad, agus 
saoibhreas g-u leor agam, gu'n caithinn na bha romham dhe 
mo bheatha aims a.' bhaile so gu socair, samhach. Ach 
aim an uine gun bhith fada, dh' fhas mi s^ith dhe 'n 
bheatha shocair, shoghail a bh' agam, agus dhuisg miann 
laidir ann am inntinn gu falbh air luing a reic 's a 
cheannach mar a rinn mi roimhe. Cheannaich mi gach 
seorsa bathair a b' fhearr a shaoilinn a ghabhadh reic, 
agus chaidh mi air bord comhladh ri marsantan eile a bha 
fo dheadh ainm. An nair a chuir sinn sinn-fliein agus 
gach ni a bhuineadh dhuinn air cur am Dhe, sheol sinn. 

Thaghail sinn ann an caochladh eileanan, far an do 
rinn sinn malairt a thug buannachd mhath dhuinn. 



110 



Air latha araidh chaidh sinn air tir aim an eilean aims 
am faca sinn moran de chraobhan air an robh pailteas de^ 
mheasan. Acli cha robh duine ri fhaicinn air an eilean, 
agus cha mho a bha choltas gun robh creutair beo sam 
bith riamh ami, saor o eunlaith nan speur. Chaidh sinn' 
air feadh an eilean so, agus bha cuid dhinn a' cruinn- 
eachadh dhitheanan, agus bha cuid eile a' cruinneachadh 
mheasan. Thug sinn uile leinn aran is fion as an luing, 
a chum gun gabhamaid beagan dhiubh mu 'n fachamaid 
air bord feasgar. An aite bhith 'siubhal air feadh an 
eilean mar a bha each, is ann a shuidh mi air blianaig 
bhoidhich a bha eadar da> chraoibh, agus ghabh mi na 
thainig rium dhe 'n aran 's dhe n fhion a thug mi learn. 
; Na dheigh sin thuit mi 'nam chadal. Cha 'n urrainn mi 
a radh ciod an uine e bha mi 'nam chadal, ach co dhiubh, 
an uair a dhuisg mi bha 'n long air falbh, agus ghabh mi 
ioghnadh mor. Dh! eirich mi 'nam sheasamh, ag-us sheall 
mi mu 'n cuairt orm, ach cha robh aon dhe na marsantan 
ri fhaicinn. Mu dheireadh thug mi an aire do 'n luing 's 
i fo lan aodach. Ach bha i cho fada air falbh 's gun 
deaehaidh i as an t-sealladh ann an uine ghoirid. 

Faodaidh sibh a thuigsinn gu'n robh mi ann an staid 
ro mhuladach anns an am. Bha mo chridhe gu bristeadh 
le bron. Thoisich mi ri giaodhaich gu muladach, agus ri 
bualadh mo chinn is m' uchd. Thilg mi mi-fhein air an 
talamh, far an robh mi 'n am shineadh car uine, agus mi 
ann an cradh cridhe a bha eagalach. Bha smaointean an 
deigh smaointean. ag eirigh suas fa chomhair na h-inntinn 
agam mu thimchioll cho gorach 's a bha mi an uair nach 
robh mi riaraichte leis nai chuir mi cruinn de shaoibhreas 
a' cheud turus a dh' fhalbh mi o 'n taigh. Bha mo chridhe 
gu bristeadh le aithreachas; ach cha deanadh aithreachas 
feum amis an am. Mu dheireadh dh' earb mi mi-fhein ri 
Dia, agus chuir mi romham gum bithinn umhail dha. 



Ill 



nacli robh fhios agani ciod a dlieanainn, clioisicli mi 
suas air feadli an eilean, agus air dhomh craobli mlior 
fhaicinn, shreap mi innte cho ard 's a b' urrainn domh, 
an dochas gu'm faicinn long a' dol seachad faisge air tir. 
Acb cba robb ni ri fhaicinn ach an cuan mor, farsuinn. 

Thug mi an aire gun robh rud mor, geal air aite 
conihnard a bha astar fada uam. Smaoinich mi gu'm 
b' fhearr dhomh a dhol a dh' fhaicinn ciod a bh' ann. 
Thug mi learn am beagan bidh a bh' agam agus dh' fhalbh 
mi. 

An uair a bha mi 'dluthachadh ris bha mi smaointean 
gur e soitheach geal, creadha a bha anabarrach mor a 
bh' ann. Ach an uair a rainig mi e 's a chuir mi mo 
lamh air, dh' aithnich mi nach e criadli a bh' ann idir. 
Choisich mi mu'n cuairt air uair no cilia, feuch am faicinn 
an robh coltas air a bhith fosgailte an aite sam bith. Ach 
cha robh. Bha, air a' chuid bu lugfha, leith cheud ceum 
agam ri dlieanamli mu'n rachainn timchioll air. 

Anns an am bha ghrian a' teannadli ri dhol fodha. 
Ann an uine ghoirid dh' fhas an iarmailt cho dorcha 's 
ged bhiodh i air a comhdachadh le tiugh-neoil. Chuir so 
ioghnadh mor orm; ach is ann a bha 'n t-ioglmadh orm 
an uair a thuig mi gur e eun anabarrach mor a bha 'g 
itealaich an rat-had a bha mi a dh' aobharaich an dorch- 
adas. Chuhnhnich mi gun cuala mi maraichean ag radh, 
gun robh eun uamhasach mor ann ris an canar, an roc, 
agus thuirt mi rium fhein, gur docha gur e an t-ugh aig 
an roc an rud mor, geal a bh' air mo bheulaobh. 

An uair a bha mi a smaointean so thainig an roc agus 
laidli i ah' an ugh. Chuir mise mi fhein ri taobh an 
uighe, an uair a chunnaic mi 'tighinn i. Thachair dhomh 
a bhi gle dhluth air an aite anns an do shocraich i a cas, 
an uair a laidh i air an ugh, agus bha a cas cho garbh ri 
bun craoibhe. Nan do sheas i orm, bha i air mo phronn- 
adh n am chraicionn. 



112 



Cheangail mi mi-fhein gu teann craaidh ri a cois leis 
an aodach-uachdair a bh' orm ; oir smaoinich mi gu'n 
tugadh i air falbh as an eilean mi, an uair a dh' eireadh i 
~bhar an uighe <s a' mhadainn. Chuir mi sea-chad an 
oidhche gun mhoran cadail, ged a bha mi blath gu leor. 

Anns a' mhoch mhadainn dh' eirich an roc bhar an 
nighe, agus thug i leatha, mi gun fhios, gun fhaireachadh 
dhi fhein. Chaidh i suas cho ard do n iarmailt 's nach 
bu leur dhomh ach gann an talamh. 'Na dheigh sin 
thainig i nuas thun na talmhainn le leithid de luaths 's 
gu'n do chaill mi car tiotaidh mo mothachadh. Cha bu 
luaithe a rainig i an talamh na dh' fhuasgail mi mi-fhein 
uaipe. Agus an ceann tiotaidh thog i leatha nathair 
uamhasach mor 'na gob, agus dh' fhalbh i. 

An uair a sheall mi mu 'n cuairt orm, thug mi an aire 
gu'n robh mi air m' fhagail ann an gleann anabarrach 
domhain, agus gu n robh na creagan a bha mor-thimchioll 
air cho cas 's nach b' urrainn neach sam bith faighinn as. 

Chuir so fo iomacheist mhoir mi ; agus an uair a 
smaoinich mi air a' chuis, thuirt mi rium fhein, gu'n robh 
« cho math dhomh a. bhith ann an eilean fhein ri bhith 
far an robh mi. 

An uair a bha mi 'coiseachd troimh 'n ghleann thug 
mi an aire gu'n robh an talamh lan de dhaoimein, ag-us 
^u'n robh cuid diubh anabarrach mor. Bha mi 'gabhail 
beachcl orra ; ach o nach robh 'chuis coltach gum faighinn 
as a' ghleann gu brath, cha robh mi 'faicinn gu'n robh 
aobhar agam air mo 1 lamh a chur air fear dhiubh. 

Cha robh mi fada coiseachd troimh 'n ghleann an uair 
a chunnaic mi rud a chuir eagal gu leor orm; agus b' e 
sin, an aireamh mhor de nathraichean a bh' ann. Bha 
cuid dhiubh co mor 's gu'n sluigeadh iad tarbh gun bhuille 
chagnaidh. lie an latha bha iad 'g am falach fhein ann 
an tuill, ach an uair a thigeadh an oidhche, bha iad a' 
tighinn am mach as na tuill. 



113 



Chuir mi seachad an latha mar a b' fhearr a dh' 
fhaodainn. Bha mi coiseachd air feadh a! ghlinne, agus 
an drasta 's a rithist bha mi 'leigeadh m' analach amis gach 
aite bu fhreagarraiche na cheile a thachradh rium. An 
uair a thainig an oidhche chaidh mi steach do dh' uamh- 
aidh, agus dhnin mi am beul aice le clachan air dhoigh 's. 
nach b' urrainn na nathraichean a dhol a steach. Ach 
dh' fhag mi tnill fosgailte air an rachadh an solus a steach. 

Ghabh mi beagan dhe n bhiadh a: bh' agam ; ach leis 
an t-sranntraich a bh' air na, nathraichean faisge air an 
uamhaidh, cha leigeadh an t-eagal learn norradh cadail a 
dheanamh. 

An uair a thainig an latha, chaidh na nathraichean do 
na tuill, agus thainig mise am mach as an uamhaidh 's mi 
air chrith leis an eagal. Ged a bha mi coiseachd air na 
daoimein, cha robh de shuim agam dhiubh na thogadh fear 
dhiubh bhar an lair. Mu dheireadh shuidh mi, agus ged 
nach robh m' inntinn aig fois, thainig an cadal orm; oir 
cha do dhuin mo shuil an oidhche roimhe sid. 

Ach cha robh mi fada 'nam chadal an uair a dhuisg 
fuaim araidh mi. Ar learn gn'n do thuit rud.trom laimh 
rium. Dh' eirich mi nam shuidhe, agus an uair a sheall 
mi mu 'n cuairt orm, ciod a b' iongantaiche learn na pios 
anor de dh' fheoil uir 'fhaicinn laimh rium. Aig a.' cheart 
am chunnaic mi iomadh pios feola eile a.' tuiteam ai nuas 
bhar bearradh nan creagan a bha faisge orm. 



Caib. IV. 

Fada roimhe sid, chuala mi maraichean ag innseadh 
naigheachdan mu ghleann nan daoimean, agus mu na 
h-innleachdan a bha na marsantan a' cleachdadh g*us na 
daoimein a thoirt as. Ged nach robh mi 'creid^inn nan 

8 



114 



naigheachdan aig an am, gidheadh tha mi nis 'g an lam 
chreidsinn. 

Tha na h-iolairean a' breith air bearradh nan creagan 
a tha air gaeh taobh dhe 'n ghleann, agus anns an am am 
bi na h-eoin aca, tha na marsantan a' tilgeadh spoltan de 
dh' fheoil uir sios bhar bearradh nan creag do ; n ghleann. 
An uair a thuiteas an fheoil air na daoimein, tha moran 
dhiubh a.' stad innte, agus an uair a tha na h-iolairean a' 
toirt leotha na feola bhar urlar al ghlinne do na neadan 
gus an cuid alaich a bheathachadh, tha na marsantan ; gam 
fuadachadh air falbh gus an toir iad na daoimein as an 
fheoil. Tha iad a' deanamh moran saoibhreis air an 
doigh so. 

Ged a bha mi 'n duil nach fhaighinn as a' ghleann gu. 
brath, thuig mi, an uair a chunnaic mi na spoltan feola 
air an giulan air falbh leis na h-iolairean, gur docha gun 
rachadh agam air faighinn as*. 

Thoisich mi ri cruinneachadh nan daoimean bu mho 
a chithinn, gus mu dheireadh an do lion mi a' mhaileid 
anns am bithinn a giulan mo bhidh. 'Na dheigh sin 
cheangail mi air mo dhruim am pios feola bu mho a 
fhuair mi, ag-us cheangail mi 'mhaileid gu teann, cruaidh 
ri mo chrios. An sin leig mi mi-fhein air mo bheul 
fodham air an talamh. 

Cha robh mi fada ; na m' shineadh mar so an uair a 
thainig iolaire mhor, agus thog i leatha an fheoil agus mi- 
fhein na cruidhean a cheart cho sgiobalta '& ged nach 
biodh aice ach uan, agus dh ; fhag i mi anns a' nead aig 
na h-iseanan. 

Ghrad thoisich na marsantan ri glaodhaich gus eagal 
a chur air na h-iolairean, agus an uair a chuir iad falbh as 
na neadan iad, thainig fear dhiubh a dh' ionnsuidh an nid. 
anns an robh mise. Ghabh e eagal gu leor an uair a 
chunnaic e mi. Ach an uair a thainig e thuige fhein, an. 



115 



aite faighneaclid cia mar a thainig mi do 'n nead, is ann a 
thoisich e ri trod rium, agns ri radh, gur ann a ghoid nan 
daoimean a thainig mi. 

" Bidh tu na s modliaile rium," arsa mise, " an uair a 
bhios am barrachd eolais agad orm. Na cuir an corr 
dragha ort fhein, tha de dhaoimein agamsa na dh' fhoghnas 
dliuinn le cheile. Tha barrachd agam na th' aig na mars- 
antan gu leir. Cha 'n 'eil acasan ach daoimein bheaga ; 
ach thagh mis© na daoimein bu mho a chunnaic mi air 
nrlar a' ghlinne, agus tha iad agam an so anns a' mhaileio 1 . 
An nair a thuirt mi so ris, dh' fhench mi dha iad. 

Anns an t-seanachas dhninn, thainig na marsantan eile 
far an robh sinn, agns bha ioghnadh gu. leor orra an uair 
a chunnaic iad mi. Ach bha moran a bharrachd ioghnaidh 
orra an uair a dh' innis mi dliaibh a h-uile car mar a dh' 
eirich dhomli. Ged a chuir an doigh a ghabh mi gu 
faotainn as a' ghleann ioghnadh orra, bu mho gu mor a 
bha dh' ioghnadh orra a chionn mi bhith cho misneachail 
's gan do dh' fheuch mi rithe. 

Thug iad leotha mi a dh' ionnsuidh an aite anns an 
robh iad a' fuireach, agus an uair dh' fhosgail mi a' 
mhaileid, agus a nochd mi dhaibh na daoimein, thuirt iad 
nach fhaca iad daoimein riamli cho mor riutha ann an aon 
aite anns an robh iad. Dh' iarr mi air a' mharsanta do 
'm buineadh an nead anns an d' fhag an iolaire mi (oir 
bha nead aig a h-uile marsanta dha fhein), na thogradh e 
dhe na daoimein a thoirt leis. Ach cha ghabhadh e ach 
am fear bu lugha a bh' anns a' mhaileid; agTis an uair a 
bha mi 'coiteach tuilleadli dhiubh air, thuirt e gun robh 
e riaraichte leis an aon fhear, agus gu n robh e rmaointean 
nach ruigeadh e leas a bhith 'g iarraidh tuilleadli fortain 
ri 'bheo. 

Chuh' mi an oidhche sea chad comhladh ris na mars- 
antan, agus dh' innis mi dhaibh an dara uair a h-uile car 
mar a thachair dhomh o n a dli' fhalbh mi as an taigh. 



116 



- Bha aoibhneas anabarrach mor orm a chionn gun 
•d' fhuair mi as an aite chunnartach 's an robh mi. Is 
gann gu'n tugainn orm fhein a chreidsinn nach e bruadar 
a chumiaic mi. 

Lean na marsantan air tilgeadh na feola do> n ghleann 
fad aireamh laithean, agus an uair a bha iad riaraichU? leis 
na fhuair iad de dhaoimein, rinn iad deiseil gu falbh 
dhachaidh. Dh' fhalbh mise comhladh riutha, Air ar 
turus chaidh sinn tarsuinn air beanntanan arda, ann< an 
robh nathraichean a bha anabarrach mor. Ach gu fort- 
anach cha d' rinn iad cron sam bith oirnn. Kinii sinn 
direach air a bhaile-puirt a b' fhaisge dhuinn. 'Na dheigh 
sin thainig sinn gu eilean do 'm b' ainm, Koha. Anns an 
eilean so tha na craobhan camphoir a fas. Tha iad 
anabarrach mor, agus tha na meanglain a.' sgaoileadh am 
mach cho fada mor thimchioll orra ; s g*u'n cuireadh iad 
sgaile air ceud fear. Tha n sugh air am bheilear a' 
deanamh a' champhoir a' sruthadh am mach as na craobhan 
an uair a nithear toll anns an rusg aca. An uair a ruitheas 
an sugh gu leir am mach asda, tha iad a ; seargadh. 

Anns an eilean so, tha^ fìadh-bheathaichean ris an canar, 
rinoceros. Cha ; n ; eil iad cho mor ri elefant, ach tha iad 
na ; s mo na 'n crodh fiadhaich. Tha aon adhairc a fas 
as an t-sroin aca a tha mu throidh gu leith air fad. An 
uair a theid an rinoceros a shabaid ris an elefant, tha i 
cur na h-adhairc anns a' chorp aice, agus 'ga grad mharbh- 
adh. Ach an uair a theid fuil agus bloinig na h-elefant 
ann an suilean na rinoceros, tha i 'call a fradhairc ; agus 
rud iongantach, tha 'n roc a' ughinn, agus tha i 'g an 
togail air falbh le cheile 'na cruidhean gus na h-iseanan a 
bheathachadh. Ach gu sgeul goirid a dheanamh dhetn, 
cha toir mi iomradh air na nithean iongantach eile a 
chunnaic mi anns an eilean so. 

Cheaunaich mi oathar anns an eilean so le fear dhe 
na daoimein a bh' agam. Chaidh sinn do dh' eileanan 



117 



eile, far an d' rinn sinn malairt mar an ceudna, Agus an 
deigh dhuinn taghal ann an caochladh bhailtean air tir 
mor, rainig sinn mu dheireadh Balsora. As a sin thainig 
mi dhachaidh gu ruige Bagdad. 

An uine ghoirid an deigh dhomh tighinn dhachaidh, 
thug mi deirce do na bochdan, agus bha mi 'caitheamh 
mo bheatha gu measail, cliuiteach mar a thigeadh do 
dhuine aig an robh saoibhreas mor. 

An uair a chuir Sindbad crioch air a naigheachd, thug 
e ceud bonn oir eile do Hindbad, am portair. Agus thuirt 
e ris, e thighinn an la-iar-na-mhaireach a chum gun 
cluinneadh e mar a- dh' eirich dha air an treas turus-cuain 
a ghabh e. 

Chaidh na h-aoidhean eile dhachaidh, ag*us thainig iad 
air ais an la-iar-na-mhaireach aig an uair ainmichte. 
Thainig am portair air ais aig a' cheart uair mar an ceudna, 
agus is gann gun robh cuimhne aige air an eis agus air 
na trioblaidean troimh an deachaidh e roimhe sid. 

Air an ath latha, an uair a chruinnich na h-aoidhean 
agus am portair, agus a ghabh iad an dinnear, thoisich 
Sindbad ri innseadh dhaibh a, naigheachd mar so : — 

Cha robh mi fada, ars' esan, aig an taigh an uair 
a dhichuimhnich mi gach cunnart is trioblaid is amhghair 
troimh 'n deachaidh mi air an turns mu dheireadh a. bha 
mi air falbh. Bha mi ann an treun mo neirt aig an am,, 
agus bha mi ; fas sgith dhe 'n bheatha shocraich a bha mi 
'caitheamh. O 'n a fhuair mi gu sabhailte as gach cunnart 
's an robh mi air an da thurus a bhai mi air falbh, bha mi 
'smaointean nach tachradh cunnartan bu mho na iad rium 
gu brath tuilleadh. 

Dh' fhalbh mi a Bagdad gu ruige Balsora, agus thug 
mi learn am bathar bu luachmhoire a bha ri 'fhaotainn. 
Thuarasdalaich mi fhein agus marsantan eile long mhor 
eadrainn, agus an uair a luchdaich sinn i leis gach seorsa 
bathair, sheol sinn. 



118 



Cliaidh sinn air turns fada, agus fad iomadh latha bha 
'n soirbheas cho fabharrach 's a dh' iarramaid. Ach 
thainig stoirm mhor oirnn, agus chaill sgiobair na luinge 
a chursa. Lean an stoirm fad iomadh latha. Mu dheir- 
eadh thainig sinn gu eilean araidh. Dh' aithnich an 
sgiobair an t-eilean, agus cha robh e deonach a dhol a 
steach do n acarsaid idir; ach o 'n a bha n t-side cho 
fiadhaich, b' fheudar dhuinn acrach;dh innte. An uair 
a phaisgeadh na siuil, dh' innis an sgiobair dhuinn, guii 
robh an t-eilean agus na h-eileanan eile a bha faisge air, 
lan de dhacine fiadhaich, agus ged nach robh iad ach beag, 
gun tugadh iad ionnsuidh air ar beatha 'thoirt dhinn. 
Agus thuirt e gu n robh iad cho lionmhor ris na locuist, 
agus nach b' urrainn duinn cur nan aghaidh. Thuirt e 
mar an ceudna, nam marbhamaid fear dhuibh g*u'n eireadh 
each 'nar n-aghaidh, agus gun cuireadh iad gu bas sinn 
amis a' mhionaid. 

An uair a chuala sinn so, ghabh sinn eagal mor. Ann 
an uine ghoirid thuig sinn gun robh na dh' innis e dhuinn 
fìor gu leor. Shnamh aireamh mhor dhiubh a dh' ionns- 
uidh na luinge. Cha robh iad ach mu dha throigh air 
airde, ag*us bha iad comhdaichte le raosaid ruaidh o bhonn 
gu. bathais. Chuartaich iad an long, agus bha iad a' 
bruidhinn ruinn ; ach cha robh sinn a,' tuigsinn aon fhacal 
dhe na bha iad ag radh. Shreap iad suas ri cliathach na 
luinge, agus thainig iad air bord. 



Caib. V. 

An uair a chunnaic sinn iad a' tighinn air bord, chlisg na 
cridheachan againn leis an eagal. Cha bu dana leinn 
sinn fhein a dhion, no facal a radh riutha gu bacadh a 
chur orra. Thug iad a nuas na siuil, ghearr iad an 



119 

cabla, agus tharruinn iad an long gu tir. Thug iad oirnn 
falbh as an luing. 'Na dh,eigh sin thug iad an long gu 
eilean eile, far an robh iad a' fuireach. 

Tha luchd falbh na mara a,' seachnadh an eilean do 'n 
d' thug iad sinn, do bhrigh nach 'eil e sabhailte dhaibh a 
•dhol aim, mar a thuigeas sibh o na bheil again ri innseadh 
dhuibh ; ach b' eiginn duinn cur suas leis gach ni a thainig 
'n ar rathad gu foighidneach. 

Chaidh sinn air feadh an eilean far an d' fbuair sinn 
nieasan a bha 'g ar cumail beo. Ach thuig sinn nach 
robh romhainn ach am bas. Mar a bha sinn a coisenchd 
air ar n-aghaidh, chunnaic sinn aitreabh mhor fada uainn, 
agus rinn direach oirre. An uair a rainig sinn i. chunnaic 
sinn gur e luchairt mhor a bh' ann. Bha i gle ard^ agvs 
air a deadh thogail. Bha comhlachan a' gheata de dh' 
eboni. An uair a rainig sinn an geata, dh' fhosgail shin 
e, agus chaidh sinn a steach. Ghabh sinn air ar n-agharò 
gus an d' rainig sinn cuirt mhor fharsuinn aims am laca 
sinn torr mor de clmamhan dhaoine, agus torr de bhioran- 
rosta, Chaidh sinn air chrith leis an eagal an uair a 
chunnaic sinn an sealladh so. O 'n a bha sinn gu tuiteam 
bhar ar casan leis an sgios, shuidh sinn far an robh sinn 
.gun ghluasad gxm charachadh. 

Bha 'ghrian air a dhol fodha anns an am, agus am 
feadh 's a bha sinn anns an t-suidheachadh mhuladach a 
dh' ainmich mi, chuala sinn a bhith fosgladh dorus na 
cuirte le fuaim uamhasach, agus thainig duine dubh am 
mach a bha cheart cho ard ri craoibh phailme. Cha robh 
air ach an aon suil. Bha i an clar an aodainn aige, agus 
bha i coltach ri meall teine. Bha claragan mora, fada, 
geura 'nan stuib am mach as sJ chairean aige. Bha.beul 
air coltach ri beul eich. Bha a lip iochdair cho mor 's gun 
Tobh i a' tuiteam sios air a' bhrollach aige ; agus bha 
cluasan air cho mor ri cluasan elefant, agus bha iad 'nan 



120 



laidhe air na, guaillean aige. Agus bha inean mora., fada, 
croma air mar gum biodh spuir iolaire. An uair a 
chunnaic sinn e, cha mhor nach deachaidh an t-anam 
asainn leis an eagal. Bha sinn greis mhatli ; s gun fhios 
againn co dhiubh a bha sinn beo no marbh. 

An uair a thainig ar mothachadh ugainn, chunnaic sinn 
e 'na shuidhe anns an dorus, agus e V amharc oirnn. An 
uair a bha e greis a' beachdaeha.dh oirnn ghabh e far an 
robh sinn, agus rug e ormsa air chul amhaich mar gu'm 
beireadh feoladair air ceann caorach. An uair a sheall e 
gu math orm, agus a chunnaic e gun robh mi anabarrach 
caol, leig e as mi. Rug e air fear an deigh fir de chach, 
agus sheall e orra anns a cheart dhoigh. Ag-us o 'n a 
b' e an sgiobair am fear bu raimhre a bha 'nar measg, rug~ 
e air anns an dara. laimh, agus stob e am bior-ro'Sta. ami 
leis an laimh eile ; agus an uair a bheothaich e an teine 
gii math, rost e e, ag-us dh' ith e e gu shuipeir. An uair 
a ghabh e ; shuipear, chaidil e anns an dorus, agus bha 
srann aige mar gu m biodh tairneanach. Chaidil e gu 
trom gus an do shoilleirich an latha. Air ar son-ne dheth, 
cha robh e an comas dhuinn tamh no cadal fhaotainn ; oir 
bha na cridheachan againn air chrith leis an eagal. An 
uair a thainig an latha, dhuisg e, agus chaidh e 'màch as 
an luchairt. 

An uair a shaoil sinn gun robh e astar math air falbh, 
thoisich sinn ri gearain 's ri caoidh air a leithid de dhoigh 
; s gu'n cluinnteadh astar math air falbh sinn. Ged a. bha. 
aireamh mhor dhinn ann, agus ged nach robh againn ach 
an aon namhaid, cha do smaoinich sinn an toiseach air 
doigh sam bith leis am feuchamaid ri chur gu bas. Ged 
a bha fhios againn gur e chur gu bas an aon doigh air am 
faigheamaid as ai lamhan, cha robh fhios againn ciod an 
doigh a ghabhamaid. 

Ged a smaoinich sinn air iomadh doigh anns an gabh- 
adh e cur gu bas, cha do shuidhich sinn gun gabhamaid 



121 



doigh shonraichte sam bith. Ach chuir sinn romhainn 
gu'n ciiireamaid suas le cuisean car uine mar a> bha iad^ 
gus am faiceadh Dia iomchuidh fuasgladh a thoirt dhuinn. 
Chaidh sinn air feadh an eilean a chruinneachadh mheasan 
is luibhean gus sinn fhein a chumail beo. An uair a 
thainig am feasgar, dh' fheuch sinn ri aite fhaotainn anns 
an cuireamaid seaehad an oidhche; ach dh' fhairtlich 
oirnn aite freagarrach sam bith fhaotainn. Air an aobhar 
sinn b' eiginn duinn, olc air mhath leinn, tilleadh do 'n 
luchairt far an robh sinn an oidhche roimhe sid. 

An uair a thainig am feasgar, thill am famhair air ais, 
agns rost e fear dhinn air son a shuipeireach, mar a rinn 
e an oidhche roimhe sid. 'N a dheigh sin chaidil e gus 
an robh an latha ann, agns an uair a dhuisg e, chaidh e 
'mach mar a b' abhaist dha, 

Bha ar suidheachadh cho eagalach 's gTin robh iomadh 
fear dhinn a' smaoineachadh e fhein a thilgeadh am mach 
air a' mhuir, a, roghainn air a' bhas a> bha 'feitheamh oirnn. 
Agus bha n fheadhainn a bha deonach so a dheanamh a'" 
comhairleachadh do chach crioch a. chur air am beatha 
anns a cheart dhoigh. An uair a bha iad a' bruidhinn air 
so a dheanamh, thuirt fear dhe 'n chuideachd, g-u'n robh 
e air a thoirmeasg do dhaoine am beatha fhein a thoirt 
air falbh; agus eadhon ged a bhiodh e ceadaichte dhaibh, 
gur e feuchainn ri beatha 'chreutair uamhasaich a bha ; g 
an rostadh 'si 'g an itheadh a thoirt air falbh moran bu 
ghlice 's bu reusanta dhaibh. 

Smaoinich mise air doigh leis am feuchamaid ri chur 
gu bas. An uair a dh' innis mi dhaibh an ni a bha nam 
bheachd, chuir iad uile an aonta ris. 

"A bhraithrean," arsa mise, " tha fhios agaibh g-u'm 
bheil moran fiodha mu 'n cuairt a' chladaich. Ma ghabhas 
sibh mo chomhaiiie-sa, ni sinn rathan air an f hiodh ; agus 
an uair a bhios iad deiseil, fagaidh sinn air a' chladach iad 
gus an tig am anns an cuir sinn feum orra, Gun dail sam 



122 



bith feuchaidh sinn ri cur as do 'n fhamhair. Ma theid 
•an gnothach leinn, faodaidh sinn fantainn gu foighidneach 
anns an eilean car uine, gun fhios nach tigeadh long faisge 
air an eilean a bheireadh air falbh sinn. Ach mur teid 
againn air cur as do n fhamhair, theid sinn cho luath ! s 
is urrainn duinn thun nan rathan, agus bheir sinn an 
cuan oirnn. Tha mi 'g aideachadh gum bheil sinn a! cur 
ar beatha ann an cunnart mor, ma dh' fhalbhas sinn air 
na rathan; ach is fhearr dhuinn gu mor a bhith air ar 
bathadh amis a.' chuan na, bhith air ar rostadh 's air ar 
n-itheadh leis an uile-bheist ud, a dh' ith dithis dhinn mar 
tha," Chord mo chomhairle riutha, agus rinn sinn rathan 
beaga a chumadh triuir an uachdar. 

Thill sinn feasgar do n luchairt, agus an uine gun 
bhith fada thainig am famhair. Dh' ith e fear eile dhe 
ar chompanaich. An ceann tiotaidh leig e e-fhein 'na 
shineadh, agus chaidil e. Cho luath 's a chuala sinn sram 
aige, ghabh naoinear eile agus mi-fhein bior-rosta am fear, 
agus an uair a rinn sinn dearg anns an teine iad, chuir 
sinn comhladh na shuil iad, agus dhall sinn e. Thug an 
cradh air a' bhith 'glaodhaich gu h-eagalach. Ghrad dh' 
eirich e, agus thoisich ri sineadh a lamhan feuch am faigh- 
eadli e greim air fear dhinn, a chum dioghaltas a dhean- 
amh oirnn. Ach theich sinn do chuiltean anns nach 
fhaigheadh e sinn. An deigh dha bhith greis mhath a' 
feuchainn am faigheadh e greim oirnn, rinn e air eiginn 
am mach an geata, agus dh' fhalbh e, agus glaodh eagalach 
'na cheann. 

Beagan uine an deigh dhasan a dhol am mach, dh' 
•fhalbh shine as an luchairt, agus thug sinn an cladach 
oirnn, far an d' fhag sinn na rathan, agus chuir sinn air 
bhog iad. Dh' fheith sinn gus an d' thainig an latha gun 
fhalbh air na rathan feuch am faiceamaid an tigeadh am 
famhair a dhall sinn, no fear eile dhe 'sheorsa an rathad 
•a bha sinn. Ach bha dochas againn mm tigeadh e mu 



123 



eirigh na greine, agus gu n sguireamaid a bhith' cluinntinn 
a ghlaodhaich, gu'm faigheadh e bas. Na 'n tachradh dha 
am bas fhaotainn, bha sinn suidhichte gu'm fanamaid air 
an eilean, agus nach cuireamaid ar beatha ann an cunnart 
le falbh air na rathan. Ach mu ? n gann a shoilleirich an 
latha, chunnaic sinn a tighinn e, agus dithis eile a. cheart 
cho mor ris fheiii 'ga threorachadh, agus moran eile dhe 
.sheorsa 'tighinn na dheigh le ceuni gle ch.abhaga.ch-. 

An uair a- chunnaic sinn so, dh' fhalbh sinn o thir air 
na rathan cho cabhagach 's a b' urrainn duinn. An uair 
a chunnaic na famhairean sinn, ruith iad thun a' chlad- 
aich, thog iad ultach de chlachan a' chladaich, agus an 
uair a ghrunnaich iad am mach air a mhuir cho fad s a 
b' urrainn daibh, thoisich iad ri tilgeadh nan claeh oirnn. 
Leis cho cuimiseach ; s a, bha iad a' tilgeadh nan clach, 
chuir iad a h-uile aon dhe na rathan as a cheile ach an 
rath air an robh mise agus mo dhithis chompanach. 
Bhathadh a h-uile duine ach sinn fhein 'n ar triuir. 



Caib. VI. 

Dh' iomair sinn cho math 's a b' urrainn sinn, agus an 
uine ghoirid chaidh sinn cho fad o thir ? s nach ruigeadh 
na famhairean cirnn. Ach ged a fhuair sinn as o na 
famhairean, bha sinn ann an cunnart a bhith air ar 
bathadh a h-uile mionaid ; oir, eadar ainneart nan tonn 
agus a' ghaoth laidir a dh' eirich amis an am, bha 'n rath 
air a thilgeadh a null s a nail, agus bha ar diol againn ri 
dheanamh greimeachadh ris, Bha sinn fad latha 's oidhche 
aims an t-suidheachadh thruagh so. Mu dheireadh chuir 
an sruth 's a' ghaoth sinn gu cladach eilean, agus bha- sinn 
gle aoibhneach an uair a fhuair sinn air tir ann. Fhuair 
sinn pailteas de mheasan aims an eilean, agus thug so 
misneach agus neart dhuinn. 



124 



An uair a thainig am feasgar, chaidil sinn air bruaich 
a' chladaich. Ach dhuisgeadh sinn leis an fhuaim a bha 
nathair a' deanamh. Bha an nathair so cho fada ri 
craoibh-phailme, agus an uair a bha i 'snaigeadh, bha na 
lannan a bh' oirre a' deanamh fuaim a chuireadh eagal air 
duine. Mu n do tharr sinn sealltainn ugainn no uainn, 
rug i air fear dhe mo chompanaich, agus a dh' aindeoin na 
spairn agus na glaodhaich a bha e 'deanamh, chum i greim 
air. Ged a theich mi fhein agus mo chompanach astar 
math air falbh, bha sinn a' cluinntinn an fhuaim a bh' aig 
na cnamhan aige, an uair a bha i 'ga chagnadh. 

Air an ath latha chunnaic sinn an nathair a' tighinn 
an rathad a bha sinn. " chruitheachd/' arsa mise, 
" nach sinn a th' anns a' chunnart ! Bha sinn an de a' 
deanamh gairdeachais a chionn gun deachaidh sinn as 
o n fhamhair, agus o n ghabhadh anns an robh sinn air 
an fhairge, ach tha sinn a nis air tuiteam ann an cunnart 
moran na 's mo na na cunnartan anns an robh sinn." 

An uair a bha sinn a' coiseachd mu ; n cuairt, chunnaic 
sinn craobh mhor, agus shuidhich sinn gain cuireamaid 
seachad an oidhche innte, a chum nach fhaigheadh an 
nathair greim oirnn. Dh' ith sinn na thainig ruinn dhe 
na measan a chruinnich sinn, agus dhirich sinn suas do 'n 
chraoibh cho ard 'sab' urrainn duinn. Ann an co-thrath 
na h-oidhche thainig an nathair gu bonn na craoibhe, agais 
srann eagalach aice. Dhirich i suas ris a chraoibh, agus 
thug i leatha mo chompanach, agus dh' ith i e. 

Dh' fhan mise ann am fìor bharr na craoibhe gus an 
d' thainig an latha, An sin thainig mi nuas, agus bha 
mi na bu choltaiche ri duine marbh na ri duine beo ; oir 
bha mi an duil gu'n tachradh a' cheart ni dhomh 's a 
thachair do m' dhithis chompanach. Bha leithid de dh' 
uamlias orm 's gain do smaoinich mi gai'm b' fhearr dhomh 
mi fhein a bhathadh. Ach bha> leithid de cheangal agam 
ri mo bheatha 's nach do gheill mi do 'n bhuaireadh so. 



125 



Chuir mi romham gum fagainn mi fhein ann an lamhan 
Dhe gus an cuireadh e crioch air mo bheatha mar a chith- 
eadh e iomchuidh. 

Gun dail sam bith thoisich mi ri cruinneachadh 
meanglain chraobh is dhrisean 's a h-uile ni eile a gheibh- 
inn, agus rinn mi cro timchioll na craoibhe gus an nathair 
a chumail uam. Cheangail mi am fiodh so ris na 
meanglain, agus an uair a shaoil mi gun robh a' chro 
laidir gu leor gus an nathair a chumail uam,, chaidh mi 
steach innte. Cha robh agam de dh' aobhar toileachaidh 
ach gun robh mi 'smaointean gu n d' rinn mi gach ni a 
ghabhadh deanamh a chum mo bheatha dhion o n uile- 
bheist. 

An uair a thainig am feasgar, thainig an nathair mar 
a b' abhaist dhi, agus chaidh i thimchioll na craoibhe an 
duil gu m faigheadh i cothrom air m' itheadh ; ach an uair 
a chunnaic i nach robh cothrom aice air faighinn nam 
choir, stad i g am fheitheamh mar gum biodh cat a' 
feitheamli luchann. An uair a shoilleirich an latha, dh' 
fhalbh i ; ach cha bu dana learn falbh as an aite 's an robh 
mi gus an d eirich a' ghrian. 

Bha mi gle sgith an deigh na fhuair mi de dhragh s 
de shaothair a' deanamh aite tearmuinn dhomh fhein an 
latha roimlie sid; agus a bharrachd air sin, bha mi gun 
norradh cadail fad na h-oidhche, ag-us bha 'm faileadh 
breun a bha bhar na h-analach aig an nathair an impis mo 
thachdadh. Aig an am b' fhearr learn a bhith marbh na 
bhith beo. Thainig mi nuas as a' chraoibh ; ag-us o nach 
robh a' chuimlme bu lugha agam gu n d' earb mi mi-fhein 
an latha roimhe sid ri curam agais ri freasdal Dhe, ruith 
mi thun a.' chladaich gus mi-fhein a. thilgeadh an comhair 
mo chinn am mach air a' mhuir. Ach ghabh Dia truas 
dhiom, agus direach an uair a bha mi 'dol g am bhathadh 
fhein, thug mi an aire gun robh long a.' seoladh seachad 
dluth air an eilean. Thoisich mi ri glaodhaich cho cruaidh 



126 



's a b' urrainn mi, agus ri smeideadh le mo cheann-aodach, 
feuch an tugadh iad an aire dhomh. Gu fortanach chuaF 
iad mo ghlaodhaich, agus chuir an sgiobair bata g' am 
iarraidh. 

Cha bu luaithe 'chaidh mi ard bord na chruinnich na 
marsantan agus na seoladairean mu 'n cuairt orm a 
dh' fheorach dhiom, cia mar a thaehair dhomh a bbitb air 
an eilean fhasail ud. An uair a dh' innis mi dhaibh a 
h-uile car mar a dh' eiricb dhomh, thuirt an fheadhainn 
bu shinn© dhiubh rium,' gu'n cual' iad iomadh uair iomradh 
air na fambairean a bha 'fuireacb amis an eilean, agus gu 'm 
biodh iad ag itheadh nan daoine ; agus gu 'm bu cho math 
leotha an itheadh amh ri 'n itheadh air an rostadh. Thuirt 
iad mar an ceudna, gu'n cual' iad gu'n robh moran 
nathraichean air an eilean agus gu'm biodh iad 'g am falach 
fhein air an latha, agus a' tighinn am mach as na tuill air 
an oidhche. 

Bha gach aon a bh' air bord gle thoilichte gun d' fhuair 
mi as na cunnartan lionmhor ; s an robh mi. Thugadh 
dhomh am biadh a b' fhearr a bh' air bord. Agus an 
uair a chunnaic an sgiobair gu'n robh an t-aodach a bh r 
orm air a dhol 'na luideagan, thug e dhomh deise mhath 
dhe na bh' aige fhein. 

Bha sinn greis mhath air muir, agus thaghail sinn ann 
an caochladh eileanan. Mu dheireadh chaidh sinn air tir 
ann an eilean do 'm b' ainm, Salabat. Cha bu luaithe 
dh' acraich sinn na thoisich na marsantan ri cur a' bhath- 
air air tir gus a reic, no malairt a dheanamh leis. 

Anns an am thainig an sgiobair far an robh mi, agus 
thuirt e, " A bhrathair, tha bathar agam air bord a 
bhuineas do mharsanta a bha aon uair a' seoladh comhladh 
ruinn air an luing so. Ag-us o nach 'eil e beo, tha mhiann 
orm a reic, a chum gu'n toir mi na gheibh mi air & shon 
do na cairdean a's dluithe a bh' aige, an uair a gheibh ml 
fios co iad.' 7 



127 



Bha 'm bathar a bha © 'g ainmeachadh na thorr faisge 
oirnn, agus an uair a chomharraich © 'mach dhomh. e, 
thuirt e, " Reic thusa. e cho math 's theid agad air, agus 
paighidh mise thu air son do shaoithreaeh." 

Thng mi taing dha air son gn'n d' thug e dhomh 
cothrom air a bhith 'g obair, oir bu bheag orm a bhith 
'nam thamh. 

Chuir an cleireaoh a, bh' air bord sios aireamh nam 
pocannan bathair, agus ainm ga-ch fir do 'm buineadh iad 
'na leabhar ; agus an uair a dh' fheoraich e dhe 'n sgiobair 
co 'n t-ainm a bh' air an fhear do 'm buineadh am bathar 
a bha mise gus a reic, thuirt e, " Buinidh e do Shindbad, 
an Seoladair." 

An uair a chuala mi bhith 'g am ainmeachadh ghabh 
mi ioghnadh gu leor ; agus an uair a ghabh mi beachd air 
an sgiobair gu math, dh' aithnich mi gur e dh' fhag 'n am 
chadal air an eilean mi. Ach o 'n a thainig atharrachadh 
rnor air o n chunnaic mi mu dheireadh e, cha do shaoil 
mi an toiseach gur e 'bh' aim. 

Ach o 'n a bha esan a' smaointean gu'n robh mi marbh, 
cha robh ioghnadh sam bith orm ged nach d' aithnich e mi. 

" Ach, a sgiobair," arsa mise, " an e Sindbad a b' ainm 
do 'n duine do 'm buineadh am bathar so?" 

" Is e,"' ars' esan ; " thainig e a Bagdad, agus chaidh 
e air bord comhladh ruinn arm am Balsora. Air latha 
araidh an uair a chaidh sinn gu tir ann an eilean a dh ; 
iarraidh uisge, dh' fhag sinn gun fhios dhuinn arms an 
eilean e. Cha d' thug mise no na marsantan a bh' air 
bord an aire gu'n robh e 'g ar dith gus an robh sinn air 
seoladh greis mhath air falbh o 'n eilean. O 'n a bha 
soirbheas laidir 'n ar deigh, cha robh e comasach dhomh 
tilleadh g' a iarraidh." 

" Bha thu 'smaointean gu'n robh e marbh gun teag- 
amh;' arsa mise. 

" Bha gu dearbh," ars' esan. 



128 



" Cha n 'eil e marbh idir, a sgiobair," arsa mise ; 
"seall ormsa, agus faodaidh tu ailhneachadh gar e mise 
Sindbad, a dh' fhag thu air an eilean fhasail ud. Thuit 
mi 'n am chadal ri taobh aimhne beagan an deigh dhuinn 
a dhol air tir, agus an uair a dhuisg mi bha 'n long gu 
bhith as mo shealladh. 

An uair a bha 'n sgiobair greis a' beachdachadh orm 
dh' aithnich e mi, agus an uair a ghlac e mi na ghaird- 
eanan, thuirt e, " Moladh do Dhia air son gun do ghabh 
e 'na fhreasdal curam dhiot, ged do dhichuimhnich mise 
thu. Tha do chuid bathair an sid. Ghabh mise curam 
dheth cho math 's a b' urrainn domh, agus rinn mi malairt 
leis anus gach baile-puirt- arms an robh mi. Tha mi 'g a 
libhrigeadh dhut comhladh ris na bhuanaich mi leis sJ 
mhalairt." 

Ghabh mi am bathar uaithe, agus thug mi mile taing 
dha air son a dhragha 's a churaim. 

Sheol sinn a Salabat gu ruige eilean eile far an do 
cheannaich mi spiosraidh dhe gach seorsa. 

Chunnaic sinn iomadh ni iongantach anns an eilean so ; 
ach cha n 'eil aobhar dhomh a bhith 'g an ainmeachadh. 

Gu sgeula goirid a dheanamh dheth, an deigh na h-uine 
fhada a bha mi air falbh, rainig sinn Balsora mu dheireadh, 
agus as a sin thainig mi g*u ruige Bagdad; agus bha mo 
shaoibhreas cho mor ; s g*ur gann a rachadh agam air a 
chunntas. Thug mi suim mhor do na bochdan, agus 
cheannaich mi oighreachd mhor fhearainn." 

An uair a chuir Sindbad crioch air eachdraidh an treas 
turuis-cuain a ghabh e, thug e ceud bonn oir eile do 
Hindbad, agus dh' iarr e air tighinn an lariar-na-mhaireach 
gu 'dhinneir, a chum ; s g-u'n cluinneadh e eachdraidh a 
cheathramh turuis a bha e air falbh. 



SGEULACHDAN ARABIANACH. 



DIVISION III. 
\ 



Sgeulachdan Arabianach. 



TALES FROM THE ARABIAN NIGHTS 

TRANSLATED INTO GAELIC 
FROM THE ENGLISH EXPURGATED EDITION. 

DIVISION III. 



PRICE ONE SHILLING. 



INVERNESS: 
"NORTHERN CHRONICLE" OFFICE. 
EDINBURGH : NORMAN MACLEOD, 25 GEORGE IV. BRIDGE. 

1900. 



SGEULACHDAN ARABIANACH. 



SINDBAD AN SEOLADAIR. 

CAIB. VII. 

An la-iar-na-mhaireach aig an am ainmiclite, thainig na 
h-aoidhean do ; n taigh aig Sindbad mar a dli' iarr e orra, 
agus bha 'm portair 'nam measg. Ghabh iad an dinnear 
air an socair fhein, agus bha iad gu caoimhneil, cairdeil, 
comhraiteach mar bu ghnath leotha. An uair a bha n 
dinnear seachad, thoisich Sindbad ri innseadh mar a 
thachair dha air a' cheathramh turns a chaidh e sheoladh. 

Ged a bha iomadh toil-inntinn agus aobhar-aoibhneis 
agam aig an taigh, ars' esan, gidheadh cha robh mi fada 
'fas sgith dhiubh. Dh' eirich miann laidir 'nam inntinn 
gu falbh a dh' fhaicinn tuilleadh dhe 'n t-saoghal, ag*us a 
reic 's a cheannach — an obair anns an do chuir mi uigh, 
Chuir mi mo ghnothaiohean air doigh cho math ; s a 
b' aithne dhomh, agus an uair a fhuair mi deas gach seorsa 
bathair a bha mi gus a thoirt learn, dh' fhalbh mi air mo 
thurus. 

Ghabh mi rathad Phersia, agus chaidh mi troimh 
chaochladh earrannan dhe n rioghachd sin. Mu dheir- 
eadh an uair a rainig mi baile-puirt araidh, chaidh mi air 

1 



2 



bord luinge maille ri marsantan eile a bha 'falbh do 
rioghaohdan fad as, mar a bha mi fhein. 

Sheol simi, agus an deigh dhuinn taghal aim an 
caoehladh bhailtean-puirt a bha ri cois a' chladaich, agns 
aim' an iomadh aon dhe na h-eileanan, tling sinn ar 
n-aghaidh air a chuan mhor. 

Cha deachaidh sinn gle fliad air ar n-aghaidh an uair 
a thainig stoirm uamhasach oirnn. B' fheudar do 'n 
sgiobair ordugh a thoirt seachad na siuil a ghrad phasg- 
adh; agTis glmathaich e a h-uile doigh a b' urrainn e a 
chum ar sabhaladh o 'n chumiart mhor amis an robh sinn. 
Ach a dh' aindeoin na rinn e, cha robh e 'n comas dha 'n 
long 's na bh' air bord innte a shabhaladh. Bha n stoinn 
cho laidir 's nach d' fhag i seol no slat ri crann. Mu 
dheireadh bhristeadh an long air na creagan; bhathadh 
an aireamh bn mho dhe na seoladairean 's dhe na mars- 
antan, agns chailleadh am bathar a bh' air bord gu leir. 
Gu f ortanach thachair dhomhsa agxis do chuid eile dhe 
na marsantan, greim fhaotainn air cliathan dhe n luing. 
Ghreimich sinn ris gu math, ged a bha na tonnan uaibhr- 
each a' si or bhristeadh thairis oimn g*un stad, gus an 
d' thug an srath 's a' ghaoth sinn a dh' ionnsuidh eilean 
a bha a star ma th uainn. 

Ail uair a rainig sinn an t-eilean 's a chaidh sinn air 
tir, fhuair sinn measan agus uisge gu. leor ann. Stad sinn 
fad na h-oidhche faisge air an aite amis an deachaidh sinn 
air tir, agus o 'n a bha sinn air ar misneach a chall gu 
mor, cha do smaoinich sinn ciod bu choir dhuinn a 
dheanamh an uair a thigeadh a' mhadainn. 

An uair a thainig a' mhadainn 's a dh' eirich a>' glirian, 
choisich sinn suas o 'n chladach, agus ghabh sum air ar 
n-aghaidh troimh ii eilean. Chunnaic sinn taighean fa da 
uainn, agus ghabh sinn direach far an robh iad. Cha bu 
luaithe a rainig sinn na taighean, na bha sinn air ar 



3 



cuartachadh le aireamh mhor de dhaoine dubha. Rug iad 
oirmi, agus roinn iad eatorra simi, agus thug iad leotha 
dhachaidh sinn do 'n taighean fhein. 

Thug iad mise agus coignear de m' chompanaich air 
falbh a dh' aon aite. Thug iad oirnn suidhe, agTis thug iad 
dhuiun luibh araidh, ag*us ged nach robh sinn comasach 
air an cainnt a thuigsimi, dh' aithnich sinn gu n robh iad 
ag iarraidh oirnn na luibhean 'itheadh. Cha d' thug mo 
chompanaich an aire nach robh na daoine dubha fhein ag 
itheadh nan luibhean idir, agus o 'n a bha n t-acras orra, 
thoisich iad ri 'n itheadh le ciocras. Ach o 'n a ghabh 
mise amhrus g*u'n robh an t-olc fa near dha na daoine 
dubha, cha do bhlais mi air na luibhean, agus bu mhath 
dhomh nach do bhlais ; oir aim an uine ghoirid thug mi 
an aire gu. n robh mo chompanaich a call am mothachaidli, 
agus ged a bha iad a" bruidhinn, nach robh fhios aca ciod 
a bha iad ag radh. 

'Na dheigh sin thug iad dhuinn rus air a dheasachadli 
le olla na cno-choco. O n a chaill mo chompanaich am 
mothachadh, dh' ith iad am biadh so le ciocras. Dh' ith 
mise beagan dheth mar an ceudna. 

Thug na daoine dubha dhuinn na luibhean an tois- 
each, a chum ar mothachadh a thoirt uainn, air dhoigh s 
nach biodh fhios againn air a' chrich mhuladaich a bha 
iad gus a chur oirnn ; agus an sin thug iad dhuinn an rus 
g\is ar deanamh reamhar; oir bha iad gus ar marbhadh 's 
ar n-itheadh cho luath 's a bhiomaid reamhar gu leor. 

An uair a bha mo chompanaich reamhar gu leor dh' 
ith iad iad. Ach o 'n a bha mo thur agamsa, faodaidh 
sibh a thuigsinn, a dhaoin' uaisle, an aite fas reamhar mar 
a dh' fhas each, gur ami a bha mi 'fas na bu chaoile a 
h-uile latha. O 'n a bha eagal mo bheatha orm a h-uile 
mionaid, cha robh am biadh a' deanamh feum sam bith 
dhomh. Bha mi sior dhol as a h-uile latha, agus bin 



4 



feum agam air sin; oir an deigh do na daoine dubha mo 
chompanaich itheadh, cha do chuir iad dragh sam bith 
ormsa o nach robh mi reamhar gu leor. 

Anns an am bha moran dhe mo thoil fhein agam ; oir 
is gann a bha iad a' gabhail suim sam bith dhiom.' Thug 
so dhomh cothrom latha araidh air a dhol cho fad ,o na 
taighean aca 's gu'n d' fhuair mi teicheadh air falbh gnn 
fhios dhaibh. Ach chunnaic seann duine mi, agus ghabh 
e amhrus gur aim a' teicheadh a bha mi. Ghlaodh e as 
mo dheigh cho ard 's a' b' urrainn da ; ach an aite stad, is 
ann a ghreas mi orm cho luath 's a b' urrainn domh, agus 
ann an uine ghoirid bha mi as a shealladh. 

Aig an am cha robh duine mu 'n aite ach an seann 
duine. Bha each, mar bu ghnath leotha, air falbh air 
astar fada o na taighean, agus bha fhios again nach 
tilleadh iad dhachaidh gu feasgar anamoch. Air an 
aobhar sin, bha mi cinnteach nach biodh uine aca, an 
deigh dhaibh tilleadh dnachaidh, gu falbh air mo thoir. 
Ghabh mi romham gus an d' thainig an oidhche. An uair 
a dh ; fhas i cho 1 dorcha ; s nach bu leur dhomh co ; n taobh 
a ghabhainn, stad mi, agus ghabh mi beagan dhe n bhiadh 
a thug mi learn. Ach cho luath ; s a shoilleirich an latha, 
ghabh mi air agharrt cho cabhagach 's a' b' urrainn domh. 
Lean mi air coiseachd fad seacKdain; agus bha mi 
'seachnadh gach aite anns an saoilinn an robh daoine. 
Cha robh de bhiadh again fad na h-uine ach na cnothan 
coco. Air an ochdamh latha thainig mi ann an sealladh 
na mara, agus chunnaic mi daoine geala, mar a bha mi 
fhein, agus iad a,' cruinneachadh pepeir ; oir bha pailteas 
dheth anns an aite. Thog mo chridhe riutha, agus ghabh 
mi direach far an robh iad. 

Cha bu luaithe a thug iad an aire dhomh na thainig 
iad 'nam choinneamh. Dh' fheoraich iad dhiom anns a' 
cheart chainnt a bh' agam fhein, co mi, agus co as a 



5 



thainig mi. Blia aoibhneas anabarrach orm an uair a 
chuala mi iad a' labhairt rium nam chainnt fhein. Dh' 
innis mi dhaibh mar a chaidh an long a bhristeadh, agus 
mar a fhuair na daoine dubh greim orm. 

" Tlia na daoine dubha sin/' ars' iadsan, " ag itheadh 
nan daoine, agus cia mar a fhuair tliusa as an lamhan?" 

Dh' innis mi daibli a cheart naigheachd a dh' innis mi 
dhuibh fhein, agus an uair a chual' iad i, bha ioghnadh 
gu leor orra. 

Stad mi comhladh riutlia gus an do chruinnich iad na 
bha dliith orra dhe 'n pheper, agus sheol mi comhladh 
riutha do ii eilean as an d' thainig iad. 

Thug iad an lathair an righ mi. Bha n righ na 
dhuine coir, meineil, agus dh' eisd e gu foighidneach rium 
fhad '.s a bha mi g innseadli dha a h-uile car mar a 
thachair dhomh o n a dh' flialbh mi o ii taigh. Thug e 
aodach dliomh, agTis dh' ordaich e ciuam a ghabhail diom. 

Bha moran sluaigh anus an eilean, agus bha pailteas 
dlie gach ni arm. Bha moran malairt 'g a dheanamli amis 
a' cheanna-bhaile. Bha mi gle thoilichte faotainn dha 
leithid a dh' aite an deigh a' mi-fhortain a thainig nam 
rathacl ; agTis o n a bha 'n righ cho nor chaoimhneil rium, 
bha mi 'g am fhaireachadli fhein cho sona 's a bha n 
latha cho fad. A dh' aon fhacal, is mi duine cho mor air 
an robh de mheas aig an righ 'sa bh' anns an rioghachd. 
Agns aii' an aobhar sin, bha h-uile duine a b' fhearr na 
cheile a bh' anns a' chuirt agus anns a' bhaile a! feuch- 
ainn ri comain a chur orm. Ann an nine ghoirid bha 
sluagh an aite ag amharc orm mar aon dhuibh fhein. 

Chunnaic mi aon ni a chuir moran ioghnaidh orm. 
agus b' e sin, nach robh srian no diollaid aig an righ, no 
aig duine eile, an uair a bliiodh iad a' marcachd. An 
latha araidli 's mi ami an cuideachd an righ, ghabh mi de 
dhanadas braidliinn ris m' a dheidhimi so. Thuirt e rium 



6 



gn'n robh mi 'bruidhhm mu nithean air nach cuala duine 
a bh' aims an rioghachd iomradh riamh. 

Gun dail sam bitli chaidh mi far an robh fear-ceairde 
agus dh' innis mi dha mar a dheanadh e stoc diollaid. 
An uair a bha 'n stoc deiseil aige, chomhdaich mi e le 
leathar agus le bhelbhet, ag-us dh' fhuaigh mi an diollaid le 
snath, oir. 

'N a dheigh sin chaidh mi far an robh an gobha, agTis 
dh' innis mi dha mar a dheanadh e mirionach agus 
stirrapun. An uaiir a bha gach ni deiseil, agus a thug mi 
an diollaid agus an t-srian a dh' ionnsuidh an righ, chuir 
mi an t-each fo lan uidheam dha. An uair a chaidh an 
righ a mharcachd bha e anabarrach toilichte leis an obair 
a rinn mi. Thug e dhomh tiodhlacan a bha anabarrach 
luachmhor. B' fheudar dhomh diollaidean a dheanamh 
do mhaithean na cuirte, agus do cheannardan an airm mar 
an ceudna. Phaigh iad SO' uile mi gle mhath air son mo 
shaoithreach. 

An uair a chunnaic uaislean na duthchadh na dioll- 
aidean, thainig cuid dhiubh far an robh mi, agus g*us an 
toileachadh, rinn mi diollaidean dliaibh mar an ceudna. 
Choisinn an obair so cliu agus meas mor dhomh. 



CAIB. VIII. 

Bha mi gu math trie a' dol a bhruidhinn ris an righ. 
Air latha araidh thuirt e rium, " A Shindbad, tha tlachd 
mor again dhiot; agus tha mi 'tuigsinn gum bheil meas 
aig an t-sluagh ort mar an ceudna, Tha mi 'dol a dh' 
iarraidh aon ni ort, agxis tha mi 'n dochas g*u'n dean thu 
mar a dh' iarras mi ort." 

" Le 'r cead, a' righ," arsa mise, " ni mise ni sam bith 
a dh' iarras sibh orm, mar chomharradh air m' umhlachd 
dhuibh, o 'n a tha mi gu buileach fo ar riaghladh." 



7 



Cha bu dana learn cur an aghaidh toil an righ. Air 
a chomhairle phos mi ami de mhnathaii-uaisle na euirte. 
Bha i 'na boirionnach a bha anabarrach, maiseach, cliuit- 
each, agus bha saoibhreas gu. leor aice, An deigh dhninn 
posadh, chaidh mi dh' fhuireach do n taigh a bh' aice 
agus bha sinn car uine gle mheasail air a cheile. Ach 
feumaidh mi radii nach robh mi cho riaraichte le mo staid 
's bu mhath learn, agus air an aobhar sin cliuir mi romham 
gun teicliinn agus gu'n tillinn gu ruige Bagdad a' cheud 
chcthrom a gheibhimi. Ged a bha mi math gu leor dheta 
far an robh mi, cha robh e 'n comas dhomh an duthaich 
do 'm buininn a leigeadh air dicliuimlm. 

An uair a bha mi ; smaointean air so, dh' fhas bean mo 
choimhearsnaich gle thinn, agus an uine ghoirid dh ; eug i. 
Bha meas mor again air a' choimhearsnach so, agus chaidh 
mi g a fhaicinn a chum comhfhurtachd a thoirt dha an 
am a' bhroin. Bha e anabarrach bronach, agus cho luath 
's a chunnaic mi e, thuirt mi, " Gu'n gleidheadh Dia thu, 
agus g*u'n tugadh e dhut saoghal fada," 

Ochan!" ars' esaii, " cia. mar a tha thu smaointean 
gu'm faigh mise am fabhar a tha thu 'guidhe dhomh? 
Cha 'n 'eil bhar uair de shaoghal agam." 

" Tha mi 'gTiidhe ort nach bi thu 'g arach a leithid sin 
de smaointeanan muladach na s fliaide. Tha dochas 
ag'am nach tachair dhut mar a tha thu 'g radh, ach gur 
ami a bhios mi fhein 's tu fhein aim an coimhearsnachd a 
cheile fad ioniadh bliadhna," arsa mise. 

" Is e mo mhiann," ars' esan, " gu'm faigheadh tusa 
saoghal fada; ach air mo shonsa dheth, tha mo laithean 
aig an ceann, oir feumar mo thiodlilacadh an diugh fhein 
comhladh ris a' mhnaoi. Is e so an lagh a shuidhich ar 
n-athraichean anns an eilean so, ag*us bha e riamh air a 
choimhead gu curamach. Feumar am fear a thiodhlacadh 
comhladh ris a' mhnaoi an uair a gheibh i bas, agus 



8 



feumar a bhean a thiodhlacadh comhladh ris an fhear an 
uair a gheibli e bas. Cha 'n 'eil rathad again air a dhol 
as ; oir f eumaidh na h-uile 'bhith umhail do 'n lagh so." 

Am feadh 's a bha e 'toirt cunntais dhomh air a' 
chleaehdadh bhruideil so a bha 'cur eagail agus uamhais 
air, thainig na cairdean, an luchd-eolais, agus na coimh- 
earsnaich thun an taighe gus an tiodhlacadh a dheanamh. 
Chuir iad an trusgan a b' fhearr 's bu riomhaiche a 
bh' anns an taigh mu 'n bhoirionnach, mar g*u'm b' e latha 
na bainnse aice a bhiodh ami. Chuir iad a cuid sheudan 
gu leir oirre, agus an uair a chuir iad ann an ciste fhosg- 
ailte i, dh' fhalbh iad leatha dh' iohnsuidh an ait' adhlac- 
aidh. Bha a fear a' coiseachd air cheann na cuideachd 
agus a.' leantuinn a' chuirp. Dhirich iad suas gu mullach 
beinne a bha gle ard, agTis an uair a rainig iad e, thog iad 
clach mhor a bha comhdachadh beul sluic, agus leig iad 
sios an corp le a chuicl aodaich agus sheudan. An uair a 
ghabh a fear a chead dhe 'chairdean 's dlie luchd-daimh, 
chuireadh ann an ciste fhosgailte e mar an ceudna, agus 
chuireadh soitheach uisge agus seachd breacagan arain anns 
a' chiste comhladh ris, agus leigeadh sios anns an t-sloc e 
mar a rinneadh air a mhnaoi. Bha 'bheinn fada, agus 
bha i ruighinn a dh' ionnsuidh na mara. An uair a bha 
h-uile cuis seachad chuireadh a' chlach air beul an t-sluic 
agus thill sinn dhachaidh. 

Is gann a ruigeas mi leas, a dhaoin' uaisle, innseadh 
dhuibh gur mi fhein an aon duine a bha fo lionn-dubh dhe 
na bh' aig an tiodhlacadh. Cha robh a' chuis a bh' ahn 
a' cur moran dragha air each, oir bha iad cleachdte ris. 

Cha b' urrainn domh gun bruidhinn ris an righ mu a 
chuis. " Le 'r cead, a righ/' thuirt mi ris, " cha 'n urrainn 
domh gun bhith fo mhor ioghnadh air son a' chleachdaidh 
a th' agaibh anns an rioghachd so an uair a tha sibh a' 
tiodhlacadh nam beo comhladh ris na mairbh. Shiubhaii 



9 



mi fad is farsninn, agus chunnaic nii iomadli duthaicli, ach 
cha chuala mi riarnh ioniradh air laglr cho eucoracli lis an 
lagh so." " Ciod a tha thu 'ciallachadh, a Shindbaid ?" ars" 
an risrli. " Is e las:li cnmajità 'th' arm. Bidh mise air mo 

o o 

tliiodhlacadh comhladli ri mo mlmaoi fliein, ma 's i a 
gheibh bas an toiseach." 

** Acli le r cead, arsa mise. " am faod mi fliaiglmeachd 
dliibh am ferrm coigrich a bliitli striochte ris an lagh so?" 

" Grim teagamh sam bith," ars' an righ ('s nanih gaire 
tighinn air an uair a cliual' e mo cheisd)' " cha 'n 'oil doi 
as aca ma 's amis an eilean so a phosas iad." 

Chaidh mi dhachaidh, agus mulad gu leor orm an deigli 
na clmnnaic 's na chuala mi ; oir bha eagal mor onn guin 
faiglieadli mo bliean bas air thoiseacli orm fliein, agus 
gun rachadh mo tliiodlilacadli maille ritlie. Acli cha robh 
comas ah\ Dh'" fheumainn foighidimi a bhith agam. agus 
a bhith nmha.il do thoil Dhe. 

Nam faicinn coltas an tinneis bu lugha tighinn air mo 
mhnaoi, blia mi 'dol ah chrith leis an eagal. Ach mo 
thruaighe ! fhuair mi aobhar eagail arm an uine ghohid ; 
oh dh' fhas mo bhean gle thinn. agus aim am beagan 
laithean, dh' eug i. 

Faodaidh sibh a 'huigsinn gun robh mi gle nihularl- 
ach; oir bha mi 'smaointean gu'm bu cho math dhomh a 
bhith ah* in' itheadli leis na daoine fiadhaich ri bhith air 
mo thiodhlacadli beo. Ach b' fheudar dhomh striochdadh. 

Thainig an righ, uaislean na cuirte, agus ard-mhaithean 
na rioghachd a dh' ionnsuidh an tiodhlacaidli ; oh* bha 
moran de shluagh a' bhaile ann mar an ceudna. An uair 
a bha gach ni deas, chuireadh corp na mna ann ciste 
fliosgailte an deigh dhaibh a chomhdachadli leis an trosgan 
a b' fhearr a bh' aice, agus leis na seudan bu luachmhoire 
a bhuineadh dhi. Dh' fhalbh an com hi an. agus bha mise 
coiseachd an deigh a" chuirp agus mi 'caoidh gu trom 's a' 
sileadh dheivr gu frasach. 



10 



An uair a rainig sinn mullach na beinne dh' fheuch mi 
ri impidh a chur air na daoine gus mo leigeadh as. 
Bhraidhinn mi an toiseach ris an righ, agus 'na dheigh sin 
ris na daoin' eile a bha mim cnairt orm. Leig mi mi- 
fhein ii am shineadh air an talamh aig an casan, agus 
ghuidh mi orra gu durachdach truas a ghabhail dhiom. 
" Thugaibh fa near, ' arsa mise, " gTir coigreach mi, agn^ 
nach bu choir gu m bithinn air mo chur fo n lagh chruaidh 
so. Agus a bharraehcl air sin, tha bean is claim again 
mam dhuthaich fhein. ' 

Ach cha robh feum sam bith dhomh a bhith bruidhinn 
riutha. Cha robh truas sam bith aca rium. An aite sin 
is ann a bha cabhag orra a.' leigeadh sios corp mo mhna 
do n t-sloc. Ghrad chuir iad mise aim an ciste fhosgailte, 
agus an uair a chuir iad soitheach uisge agus seachd arain 
anns a' chiste comhladh rium, leig iad sios do ? n t-sloc mi, 
agus chuir iad a' chlach air a bheul, a dh' aindeoin na bha 
mi 'deanamh de chaoidh s de bhron s de ghlaodhaich. 

An uair a rainig mi grunnd an t-sluic thug mi n aire, ie 
cuideachadh beagan soluis a bha 'tighinn orm o tholl beag 
a bha as mo chioml, gun robh farsuinneachd mhor ami, 
agus gun robh e mu leith cheud aitheamh air doimlm- 
eachd. Anns a' mhionaid dh' fhairich mi faileadh breun 
a bha ; n impis mo thachdadh. Bha 'm faileadh so a 
eirigh as na cuirp mharbha a bha mu'n cuairt orm. Ar 
learn gu'n robh mi cluinntinn cuicl dhiubh ag osnaich, agus 
a' tilgeadh na h-analach. Ach air shon sin, cha bu 
luaithe 'rainig mi sios na ghrad dh' fhalbh mi as a 
chiste s mo làmh mu m' shroin ; agus an uair a 
choisich mi astar beag o n aite 's an robh na cuirp, leig mi 
mi-fhein 'nam shineadh, agus bha mi uine fhad' ann a' 
gul 's a' caoidh gu goirt. 

An uair a bha mi greis a' smaointean air cho truagh s 
a bha mo chor, thuirt mi : — " Tha e fior gu'm bheil Dia a" 



11 



riaghladh gach ni a reir orduighean a fhreasdail; acli 
thusa, Shinbaid thruaigh, nach ami agad fliein a bha 
choire gun d' thainig tu gu bhith 'faighinn a»' bhais amis 
an doigh iongantaich so : B' fhearr gun robh thu air bas 
fhaotainn ami an aon dhe na cunnairt anns an robh thu ! 
Cha bhiodh do bhas cho fadalach s cho uamhasach s a 
tha e nis air thuar a bhith. Ach thug thu so ort fhein 
leis an t-sannt mhdllaichte a bha annad. Ah ! a chreutair 
thruaigh, mhifhortanaich nach b' fhearr dhut gu mor a 
bliith air fuireach aig an taigh, agns a bhith gu socair, 
samhach a ; mealtuimi toradh do shaoithreach V 

So na gearainean gun fheum leis an cluinnteadh mo 
ghuth o thaobh gu taobh dhe 'n uaimhe. Bha mi bualadh 
mo chinn is m' uchd gun stad 's mi ami an corruich 's an 
eu-dochas ro mhor, agns thug mi mi-fhein suas gu buileach 
do smaointeanan bronach. 

Ach air a shon sin gu leir, feumaidh mi imiseadh 
dhuibh, an aite bhith toileach am bas fhaotainn aims an 
t-suidheachadh thruagh 's an robh mi, gum b' e mo 
mhiann a bhith beo, agus gach ni nam chomas a. dheanamh 
a chum fad a chur ri m laithean. Bha mi g ealadh air 
mo shocair 's mo lamh ri in shroin feuch am faighmn' an 
t-aran agus an t-uisge a chuireadh anns a' chiste dhomh. 
Agus an uair a fhuair mi e dh' ith mi rud dheth. Ged a 
bha n uaigh dubh, dorcha, bha. mi ii comhnuidh ag amas 
air a' chiste. Agus thuig mi gun robh an uaigh gu math 
na b' fharsuiime na bha mi 'n toiseach an duil. Chum an 
t-aran 's an t-uisge beo mi fad beagan laithean. An uair 
a theirig iad, shaoil mi nach robh romham ach am bas. 



12 



CAIB. IX. 

An uair a bha mi 'smaointean gu'n robh am bas dluth 
dhomh, chuala mi bhith 'togail na cloiche bhar beul na 
h-uamha, agns anns a' mhionaid leigeadh sios corp 
fmonnaich. An uair ai bhios daoine nan eiginn, tha - 
nadarra gu leor dhaibh oidliirp a thoirt air nithean a 
dheanamh nach 'eil aon chuid ceart no> cothromach. An 
uair a leigeadh sios a' bhean, chaidh mi far an robh a' 
chiste anns an robh i, agus cho luath 's a thug mi an aire 
gu'n do chuireadh a chlach air beul an tuill, thug mi a 
dha no tri de bhuillean matha do 'n truaghan bhochd anns 
a" cheann le cnaimh mor a thachair a bhith faisge air mo 
laimh, ag-us grad mharbh mi i. Rinn mi an gniomh 
craaidh chridheach so a chum gu'm faighinn greim air an 
aran V, air an uisge a bh' anns a' chiste maille rithe, agus 
mar so bha agam de bhiadh na chum beo mi fad beagan 
laithean. Mu'n am 's an do theirig am biadh so dhomh, 
leigeadh sios boirionnach marbh ag-us flrionnach beo. 
Mharbh mi esan mar an ceudna. Gu fortanach dhomhsa, 
bha moran a' basachadh anns a bhaile aig an am, agus 
bha mi 'faotainn de bhiadh air an sailhbh na bha ; gam 
chumail beo. 

Air latha araidh chuala mi coiseachd is seideil faisge 
orm. Grhabh mi far an robh mi cluinntinn fuaim na 
coiseachd; ach an uair a thainig mi dluth do ; n chreutair 
a bh' ami, theich e air falbh 's e seideil na bu chruaidhe 
na bha e riamh. Lean mi e cho math 's a leigeadh an 
clorcha learn. Stadadh e an drasta 's a rithist ; ach an uair 
a dh' fhairicheadh e mi 'tighinn dluth dha, theicheadh e 
air falbh. Bha mi 'g a shior leantuinn gus mu dheireadh 
an d' thug mi an aire do runnag sholuis. Rinn mi direach 
air an t-solus. Uair a bhiodh e 'nam shealladh, ag-us uair 
nach bitheadh. Mu dheireadh an uair a thainig mi dluth 



13 



dha, rinn mi 'mach gur ann troimh tholl a bh' anns a 
chreig a' blia e 'tighinn. Bha 'n toll cho mor 's gu'n 
rachadh duine 'mach troimhe socair gu leor. 

Stad mi aig beul an tuill a leigeadh m' analach, oir bha 
mi air mo chlaoidh gu mor. 'Na dheigh sin chaidh mi 
'mach air an toll, agus ciod a b' iongantaiche leam na mi 
fhein 'fhaotainn air bruaich a' chladaich. Bha aoibhneas 
do-labhairt orm. Is gann gu'm b' urrainn mi a chreidsinn 
nach e bmadar a bha mi 'faicinn. Ach an uair a, thug mi 
cuisean fa near, agus a dh' aithnich mi gun robh mi saor 
o ; n chunnart anns an robh mi, thuig mi g*ur e an creutair 
a bha mi 'leantuinn, creutair- a bha 'tighinn as a.' chuan, 
agus a bha ; dol a steach do ; n toll a dh' itheadh cuirp nan 
daoine marbha. 

An uair a ghabh mi beachd air a' bheinn, thuig mi 
gu n robh i eadar a mhuir agus am baile. Bha 'n cladach 
cho cas mor-thimchioll orm ; s nach robh e n comas dhomh 
air chor sam bith faighinn as an aite 's an robh mi. Leig 
mi mi-fhein air mo ghluinean far an robh mi, agus thug 
mi taing do Dhia air son a throcair. 'Na dheigh sin thill 
mi steach do 'n toll & dh' iarraidh an arain 's an uisge a 
dh' fhag mi ann. Dh' ith mi biadli le barrachd toil agus 
tlachd na rinn mi o 'n latha 'chuireadh anns an t-slochd mi. 

Thill mi rithist a steach do 'n t-slochd, agus ged nach 
robh runnag sholuis agam, chruinnich mi am meag nan 
cisteachan-laidhe moran do dhaoimein 's de sheudan 's de 
chlachan-luachmhor 's de gach ni eile bu luachmhoire na 
cheile a thachair rium. Phaisg mi na nithean so gu 
curamach ann an aodach a fhuair mi am measg nan corp, 
agus cheangail mi iad gu teann, cruaidh leis na cuird leis 
am biodh iad a' leigeadh sios nan cisteachan do^ 'n t-slochd. 
Chuir mi iad air bruaich a' chladaich, agms bha mi 'feith- 
eamh feuch an tigeadh long an rathad a bheireadh air 
falbh mi. 



14 



An ceann da. latha chuimaic mi long a 'tighimi am 
macli as an acarsaid. n a bha n soirbheas car nan 
aghaidh, b ; eiginn dhaibh a bhith beiteadh. Uair dhe 
na h-uairean thainig iad cho dlntli air an aite anns an 
robh mi 's gu n do mliothaicli iad dhomh a' glaodhaich 's 
a' smeideadh orra. Ghrad chuir an sgiobair bata ; g am 
iarraidh. Thuirt mi ri sgiobadh a.' bhata gun do bhrist- 
eadh an long air an robh mi beagan laithean roimhe sid, 
agus gu'n deachaidh agam air mi fhein agus am bathar a 
shabhaladh. Gu fortanach cha do chuir iad teagamh sam 
bith amis na thuirt mi riutha ; agus gun dail sam bith 
thug iad gu bord na luinge mi. An uair a chaidh mi air 
bord, bha n sgiobair gle thoilichte gu n do shabhail e mi ; 
agus o ii a bha hintimi suidhichte air a ghnothaichean 
fhein, cha do chuir e teagamh nach robh na dh' innis mi 
dha na seoladairean agus dha fhein nor g-u leor. Ged a 
thairg mi dha cuid dhe na seudan a bh' agam, cha 
ghabhadh e iad. 

Sheol sinn seachad air caochladh eileanan. Is e Eilean 
nan Glag a theirear ri fear dhe na n-eileanan so. Tha e 
mu astar deich laithean seolaidh o Cheidhlon, agus mu 
astar shia laithean o Chalabar, far an deachaidh siim air 
tir. Tha mein luaidhe, craobhan siucair, agus camfor 
anns an aite so. 

Tha righ Chalabair na righ saoibhir, cumhachdach, 
agus tha Eilean nan Glag fo riaghladh. Tha n luchd- 
aiteachaidh nan sluaigh anabarrach fiadhaich, agus bidh 
iad ag itheadh nan daoine. An uair a rinn sinn reic is 
ceannach anns an eilean so, sheol sinn, ag-us thaghail sinn 
aim an caochladh bhailtean-puirt eile. Mu dheireadh 
rainig mi Bagdad agus saoibhreas anabarrach mor agam. 
Cha ruig mi leas mion-chunntas a thoirt dhuibh m' a 
dheidhinn. 



15 



Mar chomharradh air mo thaingealachd do Dhia air 
son a throcairean, thug mi earrann mhath dhe m' mhaoin 
seachad a chum na bochdan a bheathachadh, agus 
taighean-aoraidh a chumail suas ; agus bha mi 'cur 
seachad na h-uine le subhachas maille ri m' theaghlach 
agus am measg mo chairdean. 

An uair a chuir Sindbad crioch air eachdraidh a 
cheathramh turuis a ghabh e, dh' aidich a' cuideachd gu 
leir gur i a b' iongantaiche gu mor na eachdraidh na n tri 
tursan eile. Thug e ceud bonn oir do Hindbad, agus dh' 
iarr e air tighinn an la-iar-na-mhaireach aig an uair 
ghnathaichte gus a dhinneir a ghabhail comhladh ris, p. 
chum gri n innseadh e mar a thachair dha air a choigeamh 
turus a dh' fhalbh e sheoladh. Ghabh Hindbad agus na 
h-aoidhean eile an cead dheth,' agus dh' fhalbh iad. 

Air an ath latha thainig iad aig am na dinneireach, 
agus an uair a bha 11 dinnear seachad, thoisich Sindbad 
ri cunntas a thoirt dhaibh air mar a thachair dha air a' 
choigeamh turus a dh' fhalbh e sheoladh : — 

Chuir gaeh solas agus toil-inn tinn a bha mi 'mealtuinn 
as mo chuimhne moran dhe na trioblaidean agus dhe n 
mhi-fhortan troimh 'n deachaidh mi, agus mar sin, bha 
mi cho toileach 's a. bha mi riamh gu falbh a rithist a 
sheoladh. Cheamiaich mi bathar gu. leor, agus an uair a 
chuireadh air doigh e, dh' fhalbh mi leis do 'n bhaile-puirt 
bu deise dhomh; agns smaoinich mi gu 'm b' fhearr 
dhomh long a bhith agam dhomh fhein a chum nach 
bithinn ann an eiseiomail sgiobair sam bith. Dh/ fhan 
mi aims a' bhaile gns an do thogadh long mhor dhomh. 
An uair a bha i deiseil, chuir mi na bh' agam de bhadhar 
air bord innte; ach o nach robh agam na^ luchdaicheadh 
i, leig mi le marsantan eile an cuid badhair a chur air 
bord, agus falbh comhladh rium. 



16 



An uair a sheol sinn, fhuair sinn soirbheas cho fabh- 
arrach 's a dh' iarramaid. An deigh dhuinn a bhitii nine 
mhath a' seoladh, chaidh sinn air tir ann an eilean fasail 
far an d' fhuair sinn ugh roc a bha cheart cho mor ris an 
ugh air d' thug mi iomradh roimhe. Bha isean ann, agTis 
bha e deas gu tighinn as an ugh; oir bha o 'n deis toll a 
thoirt air an t-slige le 'ghob. Bha na marsantan a dh' 
fhalbh comhladh rium anns an luing air tir 's an eilean 
mar an ceudna ; agus an uair a chunnaic iad an t-isean air 
thuar tighinn as an ugh, bhrist iad an t-ugh le tuadh- 
annan; thug iad as an t-isean 'na phiosan, agTis rost is 
dh' ith iad e. Ged a ghuidh mi gu durachdach orra gun 
ghnothach a ghabhail ris an ugh, cha tugadh iad cluas no 
geill dhomh. 

Mu ; n gann a chuir iad crioch air an fheisd, chunnaic 
sinn da roc a' tighinn an rathad a bha sinn, agTis bha iad 
a' cur dubhair air an iarmailt mar gu'm biodh da neul 
mhora ann. Thuig an sgiobair a bh' again air an luing 
gle mhath gu m b' ann leis an da roc so a bha. ; n t-ugii a 
chaidh a bhristeadh, ag*us gu'n robh sinn ann an cunnart. 
ar beatha chall mur grad theicheamaid, agus ghlaodh e 
ruinn sinn a dhol air ais gu bord cho cabhagach ; s a rinn 
sinn riamh. Rinn sinn so; agus gun dail sam bith 
chuireadh an long fo a lan-aodach, agus sheol sinn air 
falbh. 

Anns a' cheart am rainig an da roc far an robh an 
t-ugh, agus an uair a chunnaic iad mar & bha, thoisich iad 
ri giaodhaich gu h-uamhasach. ; n a bha iad toileach 
dioghaltas a dheanamh oimn, thill iad an taobh as an 
d' thainig iad. Car uine chaill sinn sealladh orra. Thuig 
an sgiobair gu math ciod a, bha, 'nam beachd a dheanamli, 
agus dh' ordaich e tuilleadh sheol a chur ris an luing, a. 
chum, na 'm bu chomasach e, gu'n rachamaid as o n 
chunnart anns an robh sinn. 



17 



An uine gun bhith fada thill an da roc, agus creag 
mhor anns an robh cunntas thunnachan de chudani aig 
gach te dhiubh na cruidheaii. An uair a thainig iad os 
cionn na luinge, thoisich iad ri itealaich gu socrach, agus 
leig te dhiubh as a chlach a bh' aice; ach chuir an stiuir- 
eamaiche beum air an stiuir anns an am, agus thuit a' 
chlach amis a 7 mhuir ri cliathach na luinge. Leis an toll 
a rinn i anns a/ mhuir, cha mor nach fhaca, sinn an 
grunnd. Gu mi-fhortanach leig an roc eile as a' chlach a 
bh' aice cho direach os ar cionn 's gu'n do' bhuail i air 
meadhain na luinge, agus rinn i mile pios dlii. 

A' chuid nach do ghrad mharbhadh dhe na mar- 
aichean 's de na marsantan, bhathadh iad ach mise 'n am 
onar. Ged ai chaidh mi fodha mar a chaidh each, thainig 
mi rithist an uachdar. Gu fortanach fhuair mi greim air 
sgonn math fiodha, agus chaidh again air mi fhein a 
chumail an uachdar gus an do chuir a' ghaoth 's an sruth 
air tir mi air cladach eilean. 



caib. x. 

An uair a chuir a' ghaoth 's an sruth air tir mi air cladach 
an eilean, ghabh mi eagal nach rachadh agam gu brath air 
. direadh suas g*u feur gias ; oir bha na creagan cho cas fad 
mo sheallaidh ; s nach fhaigheadh na gobhair fhein lend 
bonn an cas annta. Shuidh mi gTeis mhath far an robh 
mi a leigeadh m' analach, Ach a dh' ole no dh' eiginn 
ga'n d' fhuair mi, dhirich mi suas mu dheireadh. An uair 
a choisich mi beagan astair air m' aghaidh, chunnaic mi 
gur e eilean maiseach a bli ann, agus gu n robh moran de 
chraobhan-mheas dhe gach seorsa 'fas ann. Is ann a bha 
e coltach ri garadh mheasan. Bha cuid dhe na craobhan 
air aii robh na measan lan abuich, agus bha cuid eile nach 

2 



18 



robli faisge air a bhith abuich. Bha na h-uiread de 
shruthain a' ruith g*u bras, lubacli, am measg nan craobh. 
Dh' itli mi cuid dhe na measan, agus chord iad rium gle 
mhath; agus cha b' e an t-uisge dad bu mhiosa 'chord 
rium. 

An uair a thainig an oidhche, leig mi mi-fhein mam 
shineadh air an fheur ann an aite fasgach, blath; ach cha 
d' rinn mi moran cadail, oir bha m' inntinn troimh a 
cheile leis an eagal, a chionn gun robh mi ann an aite 
fasail. Ach cha b' e an t-eagal uile gu leir a chum o 
chadal mi ach an diumbadh a bh' agam orm fhein a chionn 
mi bhith cho amaideach ; s gun d' fhalbh mi o ; n taigh an 
uair nach ruiginn a leas e. Leis mar a fhuair an dragli- 
inntinn so a leithid de ghreim orm, is ann a smaoinich mi 
gum bu cheart cho math dhomh crioch a chur air mo 
bheatha. Ach an uair a thoisich an latha ri soilleireach- 
adh, dh' fhalbh na smaointeanan olca, amaideach so bhar 
m' inntinn. Dh' eirich mi as an aite 's an robh mi mam 
shineadh, ag°us thoisich mi ri coiseachd am measg nan 
craobh, g*un fhiamh g-un eagal. 

An uair a chaidh mi beagan air m' aghart troimh n 
eilean, chunnaic mi seann duine air an robh coltas a bhith 
gle lag, lapach. Bha e na shuidhe air bruaich aimhne, 
agus shaoil learn an toiseach gur e fear a dh' fhuiling long- 
bhristeadh ai bh ? ann mar a bha. mi fhein. Chaidh mi far 
an robh e, agus chuir mi failte air ; ach cha d' rinn e ach 
a cheann a chromadh rium. Dh ? fheoraich mi dheth ciod 
a bha e 'deanamh an sid ; ach an aite freagairt a thoirt 
dhomh, is ann a thoisich e ri smeideadh orm, agus ri 
crathadh a lamhan feuch an tugadli e orm a thuigsimi 
gu n robh toil aige mi thoirt cuideachaidh dha. Cha robh 
mi an toiseach 7 g a thuigsinn; ach mu dheireadh thuig mi 
gn'n robh e 'g iarraidh orm a^ thoirt a null air an amhainn 
air mo mhuin, a chum gu'n cruinnicheadh e measan. Lan- 



19 



clireid mi gain robh feum aige air cuideachadh fhaotainn, 
agus mar sin tlmg mi learn a null air an amhainn air mo 
mhuin e. Dh' iarr mi air tighinn bhar mo mhuin, agus 
chrom mi a chum gu'm biodh e na. b' fhusa dha tighinn air 
lar ; ach an aite deanamh mar a dh 7 iarr mi air (ag-us cha 
'n urrainn domh gun ghaire a dheanamh a h-uile uair a 
smaoiiiicheas mi air), is ami a theannaich © a chasan mu 
m' amhaich cho teann 's ged a bhiodh i ann an glamaradh 
a ghobha. Sin an uair a thug mi an aire gun robh an 
craicionn a bh' air coltach ri seice mairt. Shuidh e casan- 
gobhlach air mo ghuaillean, agus rug e air sgornan orm 
cho teann le lamhan s gxi'n robh e an impis mo thachdadn. 
Agus leis an eagal a ghabh mi, dh' fannaich mi, ag-us thuit 
mi far an robh mi. 

Ged a dh' fhannaich mi cha do leig an seana chreutair 
mosach as an greim a bh' aige air m' amhaich idir ; ach 
thug e a chasan beagan o cheile a chum gun leigeadh e 
dhomh m' anail a tharruinn. An uair a chunnaic e gu'n 
d' fhuair mi m' anail, chuir e an dara^ cas gu teann cruaidli 
ri mo stamaic, agus leis a' chois eile thug e buille dhomh 
anns a' chliathaich ai thug orm gun d' eirich mi ge b' oil 
learn. Ged a bha duil agam gur e seann duine: lag, lapach 
a bh' ami, is ann a bha n t-seana bheist cho laidir ri 
dithis fhear. 

An uair a fhuair e nam sheasamh mi, thug e orm 
falbh leis fo na, craobhan, agus an drasta; 's a rithist, thug 
e orm stad a dh' itheadh mheasan. Cha robh e 'gam 
leigeadh as fad an latha; agus an uair a bha mi 'gain 
leigeadh fliein nam shineadh air an oidhche gu fois a 
ghabhail, bha esaii 'g a leigeadh fhein 'na shineadh ri m' 
thaobh, agus bha e 'cumail greim gu teann, cruaidh air 
amhaich orm. A h-uile madainn phutadh e mi gus mo 
dhusgadli, agus 'na dheigh sin breabadh e mi gus an 
tugadli e orm eirigh agus falbh leis air mo mhuin. Faod- 



aidh sibh a thuigsinn, a dhaoin' uaisle, cho draghail s a 
bha © dhomh a bhith 'giulan a leithid a dh' eallach 's gun 
ch.om.as air faotainn cuibhteas' e. 

Air latha araidh an uair a bha mi siubhal troimh 'n 
eil©an, thachair sligean mora, rium a bha. air na measan a 
bha 'fas air cuid dh© na craobhan. Thog mi te dliiubh, 
agus an deigh dhomh a glanadh, lion mi i 1© sugh nam 
fion-dhearcan a bha cho pailt anns an eilean. Chuir mi 
ann an aite sabhailte i. An ceann beagan laitheaii na 
dheigh sin thainig mi dh' ionnsuidh an aite an d' fhag mi 
an t-slige; thog mi i, agus an uair a, bhlais mi an stuth a 
bh' innte, dh' aithnich mi g*ur © fìon math a bh' aim. 
Dh' ol mi deur math dheth; agus thug e orm nach e 
mhain gu n do dhichuimhnich mi mo' bhron, ach mar an 
c©udna gu'n d' fhas mi cho laidir 's cho sunndach 's gu>i 
do thoisich mi ri gabhail oran 's ri ceumannan dannsa 
dheanamh mar a bha mi 'coiseachd air aghart. 

An uair a chuhnaic an seann duine a.' bhuaidh a bh' aig 
an d©och orm, agus gu'n robh mi na bu treise gus a 
ghiulan na bha mi roimh©, dh' fheuch © ri thoirt orm a 
thuigsinn gu'n robh toil aig© a roinn dh© 'n deoch fhaot- 
ainn. Thug mi dha an corr a. dh' fhag mi, ag-us dh' ol e 
h-uile d©ur dheth. O nach robh © 'cleachdadh a bhith 'g 
ol fiona, chuir na dh' ol e a/ mhisg air, agus thoisich e ri 
seinn 's e fhein a chrathadh air mo mhuin mar gxi'm biodh 
e toileach a dhol a dhannsa mar a chunnaic e mi fhein a' 
deanamh. Leis a h-uil© upraid a bh' air, thionndaidh an 
stamac aig©, agus thoisich e ri cur am mach. Thug so 
air gu'n do sguir © dh© mo theannachadh 1© 'lamhan "s le 
chasan. An uair a chunnaic mi so, thilg mi bhar mo 
mhuin e ; agus o nach robh de luths ann na ghluaiseadh 
as a' bhad an robh e, bhuail mi clach mhor air amis a' 
cheann, agus mharbh mi e. 



21 



Cha robh mi ria.mli cho toilichte s a bha mi an uair a 
fhuair mi a lamhan na seana bheiste. Thug mi m' 
aghaidh air a' chladach, agus an uair a bha mi greis a' 
coiseachd air bruaich a chladaich, thachair sgiobadh 
luinge rkuri a bha n deis a dhol gu tir a dh' iarraidh uisge. 
Ghabli iad ioghnadh gu leor an uair a, chunnaic iad mi ; 
ach is ann a bha n t-ioghiiadh orra an uair a dh' innis mi 
dhaibh a, h-uile car mar a thachair dhomh anns an eilean. 

" Fhuair seana bhodach na mara greim ort,' v ars' 
iadsan, " agus is tu a' cheud fhear riamh a fhuair as a 
lamhan gun a bhith air a thachdadh. Cha do dhealaich 
e ri duin© riamh air an d' fhuair e greim gus an do chuir 
e as dha. Tha n t-eilean so ainmeil leis na chuireadh de 
dhaoine gu bas ami. An uair a theid marsantan is mar- 
aichean air tir ann, cha dana leotha a dhol astar sam bith 
o n chladach mur bi aireamh mhath dliiubh comhladh.'' 

An uair a dh' innis iad so dhomh, thug iad leotha mi 
gu bord. Nochd an sgiobair mor chaoimhneas dhomh an 
uair a dh' innis mi dha mar a thachair dhomh aims an 
eilean. An uair a chaidh simi air bord, sheol sinn, agus 
an ceann beagan laithean rainig sinn baile-puirt. 

Nochd fear dhe na marsantan a bh' air bord caoimh- 
neas dhomh, agus thug e orni a dhol gu tir comhladh ris, 
agxis a' dhol do 'n aite aims am biodh marsantan a' coinii- 
eachadli ri cheile. Thug e dhomh poca mor, agus dh' iarr 
e orni falbh aim an cuideachd nan daoine a bhiodh a' 
Ciuiniieachadh nan cnothan-coco. " Ma ; s math leat a 
bhith sabhailte," ars' esan, " leanaidh tu iad agus ni thn 
a' cheart rud a chi thu iad fhein a' deanamh.' An uair a 
thuirt e so, thug e dhomh biadh, agus dh' fhalbh mi 
comhladh riutha. 

Rainig sinn coille mhor anns an robh craobhan a bha 
anabarrach direach, ard. Bha na bunan aca cho lorn s 
nach robh e an comas do dhuine sam bith direadh annta. 



B' e cra-obhan-coco a bh' annta gu leir; agus an uair a 
rainig sinn iad, chunnaic sinn aireamh mhor de mhonc- 
aidhean dhe gach meudachd. Cho luath 's a mhothaich 
iad dhuinn theich iad, agus shreip iad suas gu mullach 
nan craobh le luaths e chuir ioghnadh orm. Chruinnich 
na daoine a bha comhladh rium clachan, agus thoisich iad 
ri 'n tilgeadh air na moncaidhean a bh ann am mullach 
nan craobh. Kinn niise mar a bha each a' deanamh ; 
agus mar oleas ruinn, thoisich na moncaidhean ri tilgeadh 
nan cnothan-coco a nuas oirnn chum 's gu'm bristeadh iad 
ar cinn 's ar cnamhan. l>iia sinn a" cruinneachadh nan 
cnothan cho trang s a dh' fhaodamaid, agTis o am gu am 
bha sinn a' tilgeadh nan clachan suas g*us corruich a chur 
air na moncaidhean. Bha sinn leis na cleasan so a' lionadh 
nam pocannan leis na cnothan-coco, agus b' e so an ao.i 
eloign air am b' urrainn duinn am faotainn. 

An uair a chruinnich sinn gu leor, thill sinn do u 
bhaile, agus cheannaich am marsanta uam na cnothan. 
" Lean romhad,"' ars esan, " agus dean a h-uile latha mar 
a rinn thu 'n diugh g-us an coisinn thu de dh' airgiod na. 
phaigheas do rathad dhachaidli." 

Thug mi taing dha air son na comhairle a thug e orm. 
An uine gun bhith fada choisinn mi deadh shuim air na 
chruinnich mi de chnothan-coco. 

Dh' fhalbh an long air an deachaidh mi do 'n eilean as 
an acarsaid, agTis i luchdaichte le cnothan-coco. O 'n a 
bha duil agamsa ri luing eile, cha d' fhalbh mi comhladh 
ris na marsantan. Thainig an long ris an robh duil agam. 
An uair a fhuair na marsantan air bord gach ni a bha iad 
a' toirt leotha, fhuair mise mo chuid chnothan a chm air 
bord mar an ceudna. An uair a bha i deiseil g*u falbh, 
chaidh mi ghabhail mo chead dhe n mharsanta a bha cho 
caoimhneil rium, o nach robh e deiseil gu falbh air an 
luing comhladh rium. 



13 



Sheol sinn rathad nan eileanan aims am bheil am peper 
a' fas. Tha luchd-aiteaehaidh nan eileanan so anabarracli, 
stuama, deadh-bheusaoh. Cha 'ri ol iad fion idir, ni mo a 
ni iad ghniomh mi-chliuiteach sam bith. 

Thug mi seachad na bh' agam de choco aims na 
h-eileanan so air son pepeir agus fiodh alois, agus chaidh 
mi comhladh ri marsantan eile a dh' iasgach neamhn- 
uidean. Thug mi tuarasdal do dhaoine gus a dhol thun a' 
ghrunna 'g an iasgach, agus fhuair iad dhonili feadhainn 
a bha anabarracli mor agus luachmhor. Bha mi ale 
riaraichte leis an doigh anns an do shoirbhich mo gimoth- 
ach learn. Chaidh mi air bord luinge a. bha seoladh gu 
ruige Balsora, As a sin thainig mi do Bhagdad, far an 
d' fhuair mi suim anabarrach mor de dli' airgiod air son 
na bh' agam de pheper, de dh' fhiodh alois, agus de 
neamlmuidean. Thug mi an deicheamh cuid dlie na 
bhuanaich mi seachad mar dheirce, mar a b' abhaist 
dhomli a dheanamh an uair a bha mi 'tilleadh dhachaidh 
bhar mo thuruis. AgTis a chum an sgios 's an saruchadh 
a bh' orm an deigh mo thuruis a chur dhiom, bha mi 
caitheamh mo bheatha le subhachas, agus leis gach toil- 
inntinn a, bha freagarrach air mo shon. 

An uair a chuir Sindbad crioch air a naigheachd, dli 
ordaich e ceud bonn oir.a thoirt do Hindbad, agus dh' 
fhalbh e fhein agTis gach aon dhe na h-aoidhean eile 
dhachaidh. 



CAIB. XI. 

Mu am dinnearach an la-iar-namihaireach, chruinnich na 
h-aoidhean mar a b' abhaist dhaibh, agus bha Hindbad, 
am portair 'n am measg. An uair a chuir iad crioch air 
an dinnear, thuirt Sindbad riutha, nam b' e toil eisdeachd 
a thoirt dha, gu'n innseadh e dhaibh a h-uile car mar a 



24 



dh' eirich clha air an t-siathamìi turus a dh' fhalbh e 
sheoladh. 

A dhaoin' uaisle, ars' esan, clia 'n 'eil teagamh nach 
'eil fadachd oirbh gus an cluimi sibh cia mar a ghabh mi 
os lairnh falbh air an t-siathamh turus a shiubhal an 
t-saogiiail 's a dh' iarraidh tuilleadh fortain, an deigh a 
h-uile cruadal is uidil is anastachd a dh' fhuiling mi re 
nan coig tursan a bha mi air falbli roimhe sid. An uair 
a smaoinicheas mi air, tha e cur ioghnadh orm gu'n 
d' rinn mi leithid. Ach biodh sin mar a thogras e, an 
deigh dhomli a bhith bliadlma aig fois, rinn mi deiseil gn 
falbh air an t-siathamh turus, a dh' aindeoin na rinn mo 
chairdean 's mo luchd-daimh de chomhaiiieachadh orm gu 
fuireach aig an taigh. 

An aite seoladh a. Bagh Phersia, is ann a chaidh mi 
aon uair eile troimh chaochiadh de mhor-roinnean Phersia 
agus nan Innsean, gTis an d' ramig mi baile-puirt araidh 
far an deachaidh mi air bord luinge a. bha. 'dol air turus 
fada. 

Cha b' e mhain gu'n robh sinn uine fhad' aig muir, 
ach mar an ceudna gun robh sinn cho mi-fhortanacn 's 
gTin do chaill an sgiobair a chursa gu buileach. Mu 
dheireadh fhuair e 'chursa, ach cha robh sin ha aobhar 
solais sam bith dhuinn. Glrlac eagal anabarrach sinn an 
uair a chunnaic sinn an. sgiobah a' cur cul ri 'dhleasdanas, 
ag*us a' teannadh ri gul 's ri caoidh. Thilg e dheth a 
churrac, agus thoisich e ri spionadh an fhuilt 's na feusaig' 
as fhein, agus ri bualadh a chinn mar gu'm biodlr duine 
a bhiodh as a riam Dh fheoraich sinn ciod a b' aobhar 
do 'n obair a bh' aige, agTis fhreagair e, " Gu'n robh an 
long anns an aite bu chunnartaiche a bh' arms a' chuan gu 
leir ; gu'n robh smth laidir 'g a tarruinn gu luath a dh' 
ionnsuidh a' chladaich; agus g*u'm biomaid air ar call ami 
an ceathramh na h-uarach. Guidhibn ri Dia," ars' esan, 



25 



" gun saor e sibh o n chuimart so. Cha n ruTainn sinn 
a dliol as mur gabh esan truas dhiiin. - ' 

An uair a thuirt e so, dli' ordaich e na siuil atharrach- 
adh; ach bhrist na ropannan, agus a dli' aindeoin gach 
oidhirp a thugadh air an long a shabhaladh, thug an sruth 
i aim an uine ghoirid a dh ; ionnsuiclli cladach beiiine a 
blia anabarrach ard, cas. Chaidh i na connalaich air a 
chladach. Ach gu fortanach shabhail shin uile ar beatha, 
agns chaidh againn air na bli air bord de bhiadh, agns a" 
chiiid a b' fhearr dlie ii bhadhar a shabhaladh. 

An uair a fhuair sinn am biadh s am badhar air tir, 
thuirt an sgiobair ruinn, " Rinn Dia mar a b' aill leis ; 
tha e cheart cho math dhuinn ar n-uaighean a chladach, 
agns beannachd fhagail aig an t-saoghal ; tha sinn ami an 
aite as nach d' fhuair duine riamh rcimhe air falbh beo. 
Chuir na briathran so fo mhor-dhoilghios sinn. Bha sinn 
uile gu deurach, bronach a' caoidh air son mar a. thachair 
dhuiim, agus dli' fhag sinn beannachd aig a cheile. 

Bha 'bheinn air an do bhristeadh an long ri cladach 
eileaii a bha mor, fada. Bha '11 cladach uile comlidaichte 
le fiodh nan long a chaidh a bhristeadh air, agus le 
cnamhan nan daoine a chaidh a bhathadh. Chuir so 
uamhas oirnn, agus thuig sinn gun do chailleadh moran 
sluaigh aim. Cha ghabh e innseadh na bha de bhadhar 
luachmhor agns de shaoibhreas air a' chladach. Bha na 
nithean so gu leir a' meudachadh ar broin. 

Anns gach aite eile tha na h-aimhnicheaii a" ruith do n 
chuan, ach amis an aite so bha amhauui mhor uisge a 
ruith a steach do tholl dorcha a bha mor, farsuinn. Rud 
a tha gle iongantach, is e clachan luachmhor a th! aims a 
bheinn so gu leir. Bha fiodh alois a' fas an so mar an 
ceudna, agus tha e cheart cho luachmhor ris an fhiodh a- 
tha fas aim an Comaraidh. 



26 



Faodaidh mi a radh nach eil e comasach do luingeas 
sam bith faotainn as an aite, aon uair 's gun teid iad 
dluth dha. Ma bhios a' ghaoth thun a' chladaich. bheir 
an sruth 's a' ghaotli a dh' ionnsuidh beul na h-aimhne 
iad; agus ged a bhiodh a' ghaoth bhar an fhearainn, tha 
fasgadh na beinne ; ga cumail uapa, agus tha neart an 
t-sruth g an tarruinn thun a' chladaich, far am bheil iad 
air am bristeadh mar a bha n long air an robh siniie. 
Agus gu mi-fhortanach, cha n urrainn duine sam bith a 
bheinn a dhireadh, no faighinn air falbh as an aite air 
dhoigh sam bith. 

Cha robh agahin ach fuireach ah* a' chladach far an 
robh shin. Bha sinn mar dhaoine a bhiodh an deigh a 
dhol as an ciall, agns bha sinn an duil gach latha gun 
tigeadh am bas oirnn. Roinn sinn na bh' againn de 
bhiadh cho cothromach s a b' urrainn duinn, agus cha 
robh aig gach fear ach a bhith beo air a chuid bidh fhein 
fhad 's a mhaireadh e dha. Iadsan a thug buil mhath as 
na bh' aca de bhiadh, is iad a b' fhaide a bha beo. 

Iadsan a fhuair bas an toiseach, thiodhlaic an fheadh- 
ainn a bha beo iad. Bha mise aig tiodhlacadh gach aon 
dhiubh. Cha ruig e leas ioghnadh a chur oirbh ged a 
bha mise beo an deigh caich ; oir a bharrachd air a bhith 
'caomhnadh mo roinn fhein dhe n bhiadh, bha biadh eile 
agam dhomh fhein nach do roinn mi air each idir. Ach an 
uair a fhuair each uile bas, cha robh agam ach. nor bheagan 
dheth, agus cha robh smaointean sam bith again gum 
bithinn a' bheag a dh' uine beo. Chladhaich mi uaigh 
dhomh fhein, ag*us bha 'run orm mi fhein a shineadh 
mnte an uair a theirgeadh am biadh gu leir dhomh, a 
chionn nach robh duine arm a tliiodlilaiceadh mi. Feum- 
aidh mi aideachadh dhuibh gu'n robh mi aig a' cheart am 
gle dhiumbach dhiom. fhein, a chionn mo bheatha 'char 
na leithid de chunnart. Bha aithreachas gu leor orm a 



27 



chionn falbli o n taigh idir. A bharrachd air so, bliuail 
e amis an inutinn agam gu in bu clio math dliomli crioch 
a clmr air mo bheatha gun fhiiireacli ris a' bhas a 
thighmn. 

Ach b' i toil Dhe trims a ghabhail dhiom aon uair 
eile, agus chuir e nam mntirm a dhol sai bruaich na 
Ti -a im 1 m ft ? bha ruith a steacli troimh 11 bheimi. Ad 
uair a blia mi nam sheasamh air bruaich na h-aimlme > 
mi gabhail beaclid oirre. thuirt mi rimn fhein. gu m 
ienmadh gun robh i tighinn an uachdar an aiteigiiiii an 
deis dhi dliol troiinh n bheinn. Smaoinich mi nach robh 
dad a b' fhearr dhomh na rath a dheanamh. agus mi fhein 
a leigeadli le smth na h-aimhne. agus gun tugadh an siiith 
mi do dhuthaich air choireiginn. mur a rachadh mo 
bhathadli. Bha mi coma ged a bliaitliteadh mi : oir bha 
e cho math dhomh a bhith air mo bhathadli ri bas 
fhaighinn leis an acras. Smaoinich mi "nam faighhrn as 
an aite mhi-shealbhach anns an robh mi gum faoidteadh 
nach tigeadh am bas orni mar a thainig air mo chompan- 
aich, agus gur docha gum faigliinn doigh air choireiginn 
leis an rachadh agam air a dhol ann an cois a challa 
thainig orm. 

Gun dail sam bith thoisich mi ri deananih rath. Cha 
robh mi fa da 'ga dheanamh. oir bha nodli gu leor agus 
ciiird faisge air laimh dliomh. Agus an uair a thagh mi 
na bha freagarrach dliomli. rinn mi rath beag. agus 
cheangail mi e gu math laidir ri cheile. An uair a chuir 
mi crioch air. luchdaich mi e leis gach ni bu liiachmlioire 
na cheile a fhuair mi air a' cliladach. Ag^iis b fhiuasda 
dliomli sin a dheanamh. oh' bha 'm pailteas de sheudan 
lnachmhor de gach seorsa ann am braighe a' chladaich. 
An uair a cheangail mi gu teann. cruaidh gach ni a bha 
mi toirt learn air an rath, chaidh mi air bord air. agus 
bha da ramli bheag agam a rinn mi gam fhios nach biodh 



28 



feum agam orra, An uair a dh' fhalbh mi o thir, chuir 
mi mi-fliein air curam Dhe. 

Cha hu luaithe a chaidli mi steach do 'n toll a bh' aims 
a' blieinn na cliaill mi gu buileach sealladh air an t-solus. 
Bha 'n sruth 'g am thoirt leis, acli cha robh fhios agam 
c'aite. Bha, mi air an rath laithean araidh, agns mi ann 
an tiugh dhorchadas. Bha 'n toll cho cmnliang an ait- 
eachan 's nach mor nach do bhristeadh mo cheann. Ach 
thug so orm an aire mhath a thoirt dhomh fhein 'na 
clheigh sm. Fad na h-uine cha d' ith mi ach na bha 'gam 
chumail beo air eiginn. Ach a dh' aindeoin cho math 's 
bha mi 'caomhnadh a' bhidh, theirig e dhomh mu dheir- 
eadh. 'Na dheigh sin thuit mi 'nam chadal. Cha *n 
urrainn domh a radh ciod an uine a bha mi nam chadal ; 
ach an uair a dhuisg mi, ghabh mi ioghnadh an uair a 
chunnaic mi gu'n robh mi ann am meadhain duthachadh 
a bha anabarrach farsuinn, far an robh an rath air a 
cheangal ri tir. Ag*us bha aireamh mhor de dhaoine 
dubha timchioll crm. 

Dh' eirich mi 'nam sheasamh cho luath 's a chunnaic 
mi iad, agus chuir mi failte orra. Labhair iad rium, ach 
cha do thuig mi ciod a bha iad ag radh. Bha mi cho nor 
aoibhneach 's nach robh fhios agam co dhiubh bha mi 
'nam chadal no 'nam dhusgadh. Ach an uair a thuig mi 
nach robh mi 'nam chadal, labhair mi na facail a leanas 
ann an canain Arabia : " G-airm air an XJile-chumhachd- 
ach, agTis cuidichidli e thu ; cha ruig thu leas iomacheist a 
bhith ort mu thimchioll ni sam bith eile ; duin do 
shuilean, agTis am feaclli 's a tha, thu na cV chadal, 
caochlaidh Dia do mi-fhortan gu fortan." 

Thuig fear dhe na daoine dubha na briathran a labhair 
mi, agTis thainig e dluth dhomh, agTis thuirt e, "A 
bhrathair, na cuireadh e ioghnadh ort sinne fhaicinn. 
Buinidh sinn do 'n duthaich so. Tha sinn air tighinn ; 



29 



dh 5 nisgeachadh ar ciiid fearainn le uisge na h-ainilme so 
tha 'tighinn am macli as a' bheinn. Chunnaic sinn rud 
a' fleodradh air an uisge, agus clio math sab' urrahm 
diiinn thainig sinn a dh* fhaicinn ciod a bh' ann. Agus 
an uair a chunnaic sinn g*ur e rati, a bri ann, slinanilr fear 
dhinn far an robh e, agns thug sinn gu tir e. agus 
cheangail sinn e gus an duisgeadh tu. Innis dhuirm 1' 
eachdraidh; orr feumaidh gum bheil i anabarrach iong- 
antach. Co as a thainig tu, agus cia mar a bha de 
mhisnich agad falbh air an amhainn V 

Thuirt mi riutha gu n inn sinn dhaibh mo naigheachd 
nan tugadh iad an toiseach dliomh biadh a dh' ithinn. 
Thug iad dliomli caochladh sheorsachan bidli, agus an 
uair a ghabh mi na thainig rimn dheth, dh' innis ini dliaibh 
a h-uile car mar a dh' eirich dhomh, agus dh 7 eisd iad 
rimn le mor aire 's le mor ioghnadh. 

An uair a chuir mi crioch air na bh'' agam ri innseadh 
dhaibh, thuirt am fear a bha g eadar-theangachadh 
eadi'ainn rimn nach cual' iad eachdi'aidli riamli cho 
iongantach ris na dh' innis mi dhaibh, agios gu'm feumainr. 
falbh comliladli riutha agus m' eachdraidh innseadh do n 
righ mi fhein, o nach b' mrainn divine sam bith eile a 
h-innseadh ceart. Thuirt mi riutha, gun robh mi deas 
gu ni sam bith a dh' iarradh iad orm a dheanamli. 

Gim dail sam bith fhuaradh each, agus an uair a 
chaidli mi ah a mhiiin, choisich cuid dhiubh romham gus 
an rathaid a sheaUtaiim dhomh, agus lean each sinn s 
iad a' tout leotha an rath agTis nan nithean luachnihor a 
thug mi learn o chladach na beinne. 

Choisich sinn mar so air ar n-aghart gus an d" rainig 
sinn ceanna-bhaile na rioghachd. Tlmgadli an lathair an 
righ mi. Chaidh mi dluth do 'n ligh-chathair, agus thug- 
mi irmlilachd is mram do 'n righ mar bu glmath learn 
a thabhairt do righrean nan Innsean ; sin ri radh, leig mi 



30 



mi-fhein 'nam shineadh aig a chasan, agus pog mi an 
t-urlar, Labliair e rium gu ciuin, caoimhneil, agus dh' 
fhaighneachd e dhiom c' ainm a bh' orm, agus fhreagair 
mi, gur e, " Sindbad an Seoladair," a theirteadh rium gu 
cumanta, do bhrigh gn'n robh mi 'dol air tursan-cuain gu 
math trie. Thuirt mi ris mar an ceudna, gur ann do 
ghnath-mhuiirntir Bhagdad a bha mi. Dh' fheoraich e 
dhiom cia mar a thainig mi do "n rioghachd aige. agns co 
'n t-aite mu dheireadh as an dh' fhalbh mi. 



CAIB. XII. 

Cha do chum mi ni sam bith an cleith an an righ. 
Dh' innis mi dha gach ni a dh' innis mi dliuibh fhein ; 
agus chuir mo naigheachd a leithid de dh' ioghnadh air s 
gun d' ordaich e gum biodh i air a sgriobhadh ann an 
litrichean air, agus air a tasgadh am measg seann- 
sgriobhaidhean na rioghachd. 

Mu dheireadh thugadh an rath an lathair an righ, agus 
dh' fhosgladh na saic amis an robh na seudan agus na 
nithean luachmhor eile bh' agam. Chord gach ni a bh' 
amis na saic anabarrach math ris. Bha seudan is 
neamhnuidean annta a bha moran na bu bhriagha na 
h-aon dhe 'n t^seorsa a bh' aige fhein. 

An uair a thug mi an aire gu n robh na seudan a' toirt 
mor thaitneas dha, leig mi mi-fhein 'nam shineadh aig a 
chasan, agus ghabh mi orm de dhanadas labhairt ris mar 
so: — •" Le r cead, a righ, faodaidli sibh feum sam bith a 
thogras sibh a dheanamh dhe gach ni a bhuineas dliomn- 
sa ; oir tlia mise 'g am chur fhein agus gach ni a bhuineas 
dhomh gu saor ann blrur lamhan." 

Tliainig fiamli gaire air, agus thuirt e, "A Shindbaid. 
bheir mi an aire nach sanntaich mi ni sam bith a 



-1 

bhuineas dhut, agus nacli toir mi ni sam bith uat dhe na 
thug Dia ■dlmt. An aite do mhaoin a lughdachadh, is aim 
a tha 'run orm a meudachadh. Agus cha leig mi air 
falbh as an rioghachd tnu gun iomadh ni a thoirt dhut.' 7 
Cha cV thug mi de fhreagairt air ach g\in do ghuidli mi 
grim biodli soirbheaehadh aige, agus gun do mhol mi e 
air son cho fialaidh 's a bha e. Dli' ordaich e do dh' fliear 
dhe na oifigicli curam a ghabhail dhiom, agus gach ni :< 
bhiodh a dhith orm a thoirt dhomh air a chosg fhehi. 
Rinn an t-oingeach gach ni mar a dh* aithn an righ dha. 
agus thug e fa near mo chuid badhair a chur gu sabhailte 
do n taigh arms an robh mi gu bhith 'fuireach. 

Aig an uair araidh chaidh mi gach latha do chuirt an 
righ, far an robh mi greis a comhradh ris. Bha mi 
'caitheamh a' chorra dhe n latha air feadh a' bhaile, ag*us 
a' gabhail beachd air gach ni iongantach a bha ri fhaicinn 
aim. 

Is e eilean mor do n ainm Serendib, a th amis an 
rioghachd. Tha e direach ann am meadhain an t-saoghail. 
agus air an aobhar sin, tha n latha s an oidhche s* an ami 
fhad o cheann gn ceann de n bhliadhna. Tha n t-eilean 
dluth air tri cheud mile air fad 's air leud. Tha ceanna- 
bhaile na rioghachd ami an gleann maiseach, agus tha 
beinn aim am meadliain an eilean, agus tha e air a radh 
gur i beinn a's airde a th' air an t-saoghal. Chithear i 
astar thri latha seolaidh air falbh. Tha moran de 
clilachan luachmlior dhe gach seorsa ri m' faotainn anns a' 
bhehm so. Tha craobhan dhe gach seorsa fo m ghrein a 
fas anns an rioghachd so. Tha daoimein ri ni faotainn 
innte mar an ceudna. Tha neamlmuidean ro luachmlior 
ri "m faotahm anns a' chuan faisge air beul na h-aimhne. 
Is anns an eilean so a tha bhehm do> ; n d' fhuadaicheadii 
Adhamh an deigh a chur am mach a Parras, ag*us chaidh 
mi a dh' aon ghnothach g*u mullach na beinne g*us an t-aite 
anns an robh e 'fhaicinn. 



32 



An uair a thainig mi air m' ais do n bhaile, gliuidh mi 
air an righ cead a thoirt dhomh tilleadh do m' dhuthaich 
fhein, agus thug e an cead sin dhomh gu h-aoidheil 
toilichte. 

Chuir e roimhe gun tugadh e dhomh tiodhlac ro luach- 
mhor ; agus an uair a chaidh mi 'ghabhail mo chead dheth, 
thug e dhomh tiodhlac a bha moran na bu luachmhoire 
na bha mi 'n duil a blieireadh e dhomh. Aig a' cheart 
am thug e dhomh litir a bha e cur a dh' ionnsuidh ar righ, 
agus thuirt e rium, ' Tha mi 'guidhe ort thoir an tiodhlac 
agus an litir so uamsa a dh' ionnsuidh an Righ, Haroun 
Alraschid, agus innis dha gum bheil meas mor agamsa 
air/' 

Ghabh mi an tiodhlac agus an litir uaithe, agus gheall 
mi dha gun tugainn do 'n righ iad ; ag-us thuirt mi ris 
gu'n robh mi 'meas gun do chuir e urram mhor orm an 
uair a dh' earb e a leithid de ghnothach rium. Mu'n do 
sheol mi, chuir e fios a dh' ionnsuidh nam marsantan, ag 
iarraidh orra. meas a bhith aca orm, agus urram a thoirt 
dhomh. 

Bha 'n litir so air a sgriobhadh air craicionn a 
bh' air ainmhidh a bha anabarrach tearc ri fhaotamn 
anns an t-saoghal, ag-us b' e dath buidhe a bh' air a' 
chraicionn, agus bha 'n sgriobhadh air a dheanamh le 
dath a bha eadar a bhith gorm 's a bhith uaine. B' e so 
na briathran a bh' innte : — 

" High nan Innsean, roimh am bi ceud elefant ag 
imeachd, a tha chomhnuidh aim an luchairt a tha 
'dealradh le ceud mile rubaidh, aigus aig am bheil 
nchead mile crun a' dealradh le daoimean, a dh' 
ionnsuidh an Righ, Haroun Alraschid: 

" Ged nach 'eil an tiodhlac a tha sinn a' cur do r 
n-ionnsuidh ach suarach, gabhaibh e mar bhrathair, agTis 



33 



mar charaid, mar chomharradh air a> chairdeas a th' 
againn ruibli, agus air am bheil toil agairm dearbhadh n 
thoirt dhuibh. Tha toil againn gun nocli sibli cairdeas 
dhuinn air a' cheart dhoigh, oir tha sinn a creidsinn gn'm 
bheil sinn airidh air, air dhuinn a bhith ann an coinbhe 
ruibh fhein. Tha sinn 'ga radh so ruibh mar bhrathair. — 
Slan leibh." 

B' e an tiodhlac, an toiseach, aon chupan, a bh' air \ 
dheanamh a aon rubaidh, a bha mu leith troidh air aircle, 
agus mu oirleach air tiuighead, lan de neamhnuidean 
mora; a rithist, craicionn nathrach air an robh lannan a 
bha cho leathann ri bonn oir, agus a chumacQi gach tinneas 
air falbh o neach sam bith a laidheaclli air ; an treas ni, 
da cheud punnd de dh' fhiodh alois, tri-hchead cnap de 
champhor; agus an ceathramh m, banoglach anabarrach 
maiseach air an robh trusgan a bha comhdaichte le seudan 
10 luachmhor. 

Sheol an long, agus ged a bha i uine mhor air a turus 
gu ruige Balsora, r&inig i gu sabhailte mu dheireadh. An 
uine gun bhith fada thainig mi do< Bhagdad, agus gun dail 
sam bith chaidh mi leis an litir agus leis na, tiodhlacan a 
dh' ionnsuidh an righ. An uair a raing mi an geata, dh' 
innis mi ceann mo thuruis, agns gun dail sam bith thugadh 
an lathair an righ mi. Thug mi umhlachd is urram dha 
mar a bha iomchuidh dhomh a. dheanamh, agus an uair a 
labhair mi beagan fhacal ris, thug mi dha an litir agus na 
tiodhlacan. An uair a leugh e an litir, dh' fheoraich e 
dhiom an robh righ Sherendib cho saoibhir agus clio 
cumhachdach 's a bha e fhein ag radh ? Leig mi mi-fhein 
'nam shineadh an dara uair, agus an uair a dh' eirich mi 
thuirt mi, " A Cheannaird nan creidmheach, theid mi am 
barantas dhuibh nach eil aon fliacal anns na, thubhairt 
ach an fhirinn. Tha mise nam shuil-fhianuis air. Cha 'n 
"eil ni sam bith a's mo a chuireadh a dh' ioghnadh air 

3 



34 



duine na meud agus maise na luchairt aige. An uair \ 
theid e mach am measg an t-sluaigh, bidh e na shuidhe 
air cathair a. bhios air a. ceangal air druim elefant, agus 
bidh ard-mhaithean na rioghachd, agus uaislean na. cuirte, 
ag imeachd air gach taobh dheth. Bidh oifigeach 'na 
shuidlie air a. bheulaobh aig am bi sleagh oir na laimh; 
agus bidli oifigeach na sheasamh air chul na, cathrach, aig 
am bi colbh oir 'na. laimh, agus air barr a' cholbh so bidli 
emerald amis am bheil leith-troidh air fad, agus oirleach 
air tiuigheadas. Bidh mile saighdear, air an eideadh ann 
an aodach oir, a' marcachd roimhe air ceud elefant, a, bhios 
air an comhdaehadh le aodach riomhach. 

An uair a bhios an righ ag imeachd air aghart, bidh an 
t-oifigeach a bhios air a bheulaobh a' glaodhaich o am gu 
am le guth ard, " Faicibh an righ mor, cumhachdach, do- 
chiosnaichte, righ nan Innseaii, aig am bheil a luchairt 
comhdaichte le ceud mile rubaidh, agns aig am bheil 
fichead mile de chruin dhaoimean. Faicibh an righ a's mo 
gu mor na Solamh." 

An deigh dha na briathran so a labhairt tha n t-oifig- 
each a bhios air chul na cathrach a' glaodhaich, " Feum- 
aidh an righ so, a tha cho mor agus cho cumhachdach, am 
bas fhulang." 

An sin freagraidh an t-oifigeach a th' air beulaobh na 
cathrach, agus their e, " Moladh gu robh dhasan a bhio? 
beo gu siorruidh." 

" A bhaiTachd air sc, tha righ Sherendib cho ceart s 
cho cothromach s naeh eil feum air breitheamhna amis an 
rioghachd. Cha n 'eil feum aig sluagh na rioghachd orra. 
Tha iad a' tuigsinn agus a deanamh ceartais le 'n lan thoil 
fhein." 

Thug na. briathran a labhair mi mor thaitneas do n 
righ. " Tha gliocas an righ sin," ars' esan, " ri fhaicinn 
anns an litir a sgriobh e; agus an deigh na dli innis thu 



35 



dhomh, feumaidh mi aideaehadh gum bheil a ghliocas 
airidh air a shluagh, agus gu m bheil a sliluagh airidh gum 
biodh prionnsa cho glic ris a" riaghladh thairis orra.'' 

An uair a thuirt e so, thug e cead dhomh a bhith 
falbh, agus chuir e tiodhlac luaehmhor dhachaidh learn. 

An uair a sguir Sindbad a dh' innseadh mar a thachair 
dha air an t-siathamh turus a bha e air falbh, thug e ceud 
bonn oir do Hindbad, agus chaidh gach aon a bh' aig a' 
chuirm dhachaidh. 



CAIB. XIII. 

An la-iar-na-mhaireach thainig na, h-aoidhean air ais do n 
taigh aig Sindbad a chum gun cluinneadh iad mar a 
thachair dha air an t-seachdamh turus a dh' fhalbh o 
sheoladh. Ghabh iad an dimiear mar a b' abhaist dhaibh, 
agus an uair a bha i seachad, thoisich Sindbad ri innseadh 
a naigheachd mar a leanas : — 

An uair a thill mi dhachaidh bhar an t-siathamh turuis, 
leig mi as mo cheann buileach glan falbn o n taigh gu 
brath tuilleadh ; oir, a bharra<;hd air gun robh mi air 
tighinn gu leithid a dh' aois s gum feumainn fois a ghabh- 
ail, chuir mi romham nach cuirinn mi fhein ann an cunnart 
mar a rinn mi iomadh uair roimhe, gu brath tuilleadh ; 
agus mar sin, bha mi n duil gun caithinn na bha romham 
dhe m' shaoghal aig fois s aig samhchair. 

Air latha araidh an uair a bha mi 'toirt aoidheachd do 
chair dean a thainig gam amharc, thainig aon dhe na 
seirbhisich agTis thuirt e rium, gun robh fear a dh' oifigich 
an righ ag iarraidh m' fhaicinn. Dh' eirich mi o 'n bhord, 
agus chaidh mi far an robh e. " Chuir an righ mise far 
am bheil thu," ars' esan, " a dh' innseadh dhut gum bheil 
toil aige bruidhinn riut." 



36 



Lean mi 'n t-oifigeach do 'n luchairt, far an d' thugadh 
an lathair an rigli mi. Chuir mi failte air le mi fhein a 
shineadh air an urlar aig a chasan, mar bu choir dhomh. 

" A Shindbad," ars' esan, " tha feum mor agam ort. 
Feumaidh mi do chur le litir agus le tiodhlae a dh' ionns- 
uidh righ Sherendib. Is e mo dhleasdanas caoimhneas 1 
nochdadh dha mar a nochd e fhein dhomhsa." 

An uair a chuala mi so chuir e dragh mor orm. " A 
Cheannaird nan creidmheach," arsa mise, " tha mi deas gu 
ni sam bith a dheanamh a chnireas sibh mu m' choinn- 
eamh ; ach tha mi h-umhail a? gnidhe oirbh gn'n toir sibh 
fa near na trioblaidean mora troimh 'n deachaidh mi. A 
bharrachd air sin, thug mi boid nach rachainn gTi brath 
tuilleadh am mach a Bagdad." An uair a thuirt mi so 
ris, thug mi dha mion-chunntas air gach ni a thachair 
dhomh air na sia tursan a bha mi air falbh roimhe sid, 
agus dh' eisd e rium gu foighidneach gus an do chuir mi 
crioch air na bh' agam ri radh. 

An sin thuirt e, " Tha mi 'g aideachadh gum bheil na 
dh' innis thu dhomh anabarrach iongantach, agus gun d' 
fhuiling thu trioblaidean neo-chumanta. Ach air mo shon 
fhein, feumaidh tu falbh air an turus air am bheil mi g 
ad chur. Cha 'n 'eil agad ri dheanamh ach a dhol gu ruige 
Serendib, agus an teachdaireachd a bheir mise dhut a 
thoirt seachad. 'Na dheigh sin faodaidh tu tilleadh dhac-j.- 
aidh. Feumaidh tu falbh ; air tha fhios agad nach biodii 
e iomchuidh no> measail dhomhsa a, bhith fo fhiachan do 
righ an eilean ud." 

An uair a chunnaic mi gun robh e muigh 's am mach 
suidhichte gni'n cuireadh e air falbh mi, thuirt mi ris gun 
robh mi deonach falbh. Bha e gle thoilichte, agus dh' 
o-' daich e mile bonn oir a thoirt dhomh gus mo chosgais a 
phaigeadh. 



37 



Ann am beagan laithean rinn mi deiseil gu falbh, agus 
cho luath 's a thug an righ domh an litir agus an tiodhlac, 
chaidh mi do Bhalsora far an deachaidli mi air bord luinge. 
Fhuair sinn soirbheas cho math 's a dh' iarramaid. 

An uair a rainig mi Serendib, dh.' innis mi do 'n na 
comhairlich gu n robh teaehdaireachd agam a. dh' ionnsuidh 
an righ, agus ghuidh mi orra innseadh dha gun dail gun 
robh toil agam bruidhinn ris. Rinn ad so ; agus thugadn 
mise do n luchairt le meas agus le urram. Thug mi 
umhlachd do 'n righ anns an doigh ghnathaichte. Dh' 
aithnich e anns a' mhionad mi, agus bha aoibhneas mcr 
air a chionn gu'm faca e mi aon uair eile. 

" O Shindbaid," ars esan, "is e do bheatha. Air 
m' fhacal g-u'n robh mi smaointean gle thric ort o n a 
dh' fhaibh thu a so. Tha mo bheannachd air an latha 
anns an do thachair sinn ri cheile aon uair eile." 

Thug mi taing dha air son a, chaoimhneis, agTis thug mi 
dha an litir agus ah tiodhlac a chuir an righ 'g a ionnsuidh, 
agus ghabh e iad gle thoilichte. 

B' e 11 tiodhlac a chuir an righ 'ga, ionnsuidli — aodach- 
buird oir a b' fhiach mile bonn oir; leith cheud deise de 
dh' aodach luachmor ; ceud deise eile de dh' aodach geal a 
bha anabarrach grinn, agus a rinneadh ann an Cairo, aim 
an Sues, ann an Cusa, agus ann an Alecsandria ; leaba 
rioghail de chriomsan, agus leaba. de sheorsa eile ; soith- 
each agate a bha. anabarrach luachmhor. Chuir e mar an 
ceudna bord anabarrach briagha g'a ionnsuidh, agus bha 
e air aithris, gur ann aag righ Solamh a bha, e 'n toiseach. 

B' e so na briathran a bh' ann an litir an righ : — 

" Failte ann an ainm an righ a, tha 'treorachadh 
dhaoine air an t-slighe cheirt, an righ sona agus 
cumhachdach, O' Abdallah Haroun Alraschid, a 
chuir Dia ann an ionad urramach, an t-ionad 's an 
robh na daoine o 'n d' thainig e : 



38 



" Fhuair sinn bhur litir, agus thug* i aoibhneas dhuinn ; 
agus tha sinn a' our na litreach so do r n-ionnsuidh o ard- 
chomhairle na rioghaehd ; o ar daoine deadh-fhaclach. Tha 
sinn an dochas, an uair a sheaUas sibh oirre, gu'n tuig sibh 
gu'm bheil deadh run agaimi dhuibh, agus gun toir i toil- 
eachadh dhuibh — Slan leibh." 

Chord an litir so anabarrach math ri righ Sherendib. 
Beagan uine an deigh domh mo theachdaireachd a thoirt 
seachad, dh' iarr mi cead falbh dhachaidh, ach cha robh 
an righ deonach mo leigeadh air falbh. Mu dheireadh 
fhuair mi cead falbh, agus thug an righ dhomh tiodhlac a 
bha gle luachmhor. 

Gun dail sam bith ohaidh mi air bord luinge gu tilleadli 
dhachaidh, ach gu mi-fhortanach cha. deachaidh mo thurus 
dhachaidh learn cho math s bu mhiannach learn. 

An ceann tri no ceithir latha an deigh dhuinn seoladli 
thachair long-spuinnidh ruinn; agus o nach robh airm 
againn air bord, ghlacadh sinn ann an tiotadh. Bha 
cuid dhe 'n sgiobadh a ; cur ; nan aghaidh gu laidir, ach 
ehaill iad am beatha air a shailleamh sin. Ach o nach do 
chuir mise agus a' chuid eile dhe 'n sgiobadh an aghaidh 
nan spuinneadairean, cha do mharbh iad idir sinn, o n a 
bha run orra ar reic mar thraillean. 

Thug iad dhinn a h-uile ball aodaich a bh' oirnn, agus 
chuir iad umainn seann aodach luideagach, salach, agus 
thug iad leotha sinn do dh' eilean iomallach far an do reic 
iad sinn. 

B' e marsanta saoibhir a bh' anns an fhear a cheann- 
aich mise. Thug e leis mi dha thaigh fhein. Bha e gle 
chaoimhneil rium, agus thug e dhomh deadh dheise ri chur 
umam. 

Beagan laithean na dheigh sin, agus gun fhios aige co 
mi, dh' fheoraich e dhiom an d' ionnsaich mi ceaird sam 
bith. Thuirt mi ris nach b' fhear-ceakde mi idir, ach gur 



39 



e bh' annam marsanta, agus g*u'n do reic na spuinnead- 
airean mi an dedgh dhaibh m' fhagail lorn falamh. 

" Acli innis dhomh," ars' esan, " an aithne dliut sealg a 
dheanamh le bogha-saighead ?" 

Tlmirt mi ris gu'n robh mi 'cleachdadh a bhitli 'sealg 
le bogha-saighead an uair a bha mi og, agus gu'n robh mi 
smaointean nach do dhichuimhnich mi fhathast e. Thug 
e dhomh bogha agus saighdean, agus thug e leis mi air a 
chulaobh air muin elefant, agus cha do stad e gus an d' 
rainig sinn coille mhor, fharsuinn a bha astar math air 
falbh o 'n bhaile. Chaidli sinn astar math a steach do n 
choille mu ii do stad sinn. Dh' iarr e orm tighimi air lar, 
agus an uair a chomharraich e mach craobh mhor dhomli, 
thuirt e rium, " Dirich suas do n cln*aoibh ud, agus tilg 
saighdean air a h-uile elefant a thig dluth dhut ; oir tha 
moran dhiubh anns a' choille so. Ma thuiteas a h-aon 
dhiubh, thig thu le fios ugamsa."' An uair a thuirt e so 
dh' fhag e biadh agam, agus thill e fhein do n bhaile. 

Bha mi anns a' chraoibh fad na h-oidhche, ach clia n 
fhaca mi aon elefant fad na h-uine. Ach ah- an ath 
mhadainn, cho luath J s a dh' eirich a' glrrian chunnaic mi 
aireamh mhor dhiubh. Thoisich mi air caitheanih 
shaighdean orra, agus mu dheireadh wuit te dhiubh. 
Theich each 's a mhionaid, agus fliuair mise cothrom air 
a dhol a dh' innseadh do m' mhaighstir mar a chaidh learn. 

An uair a chual' e mar a rinn mi, thug e dhomli deadh 
bhiadh, nochd e dhomh mor-chaoimhneas, agus mliol e mi 
air son cho math 's a rinn mi. 

'Na dheigh sin, chaidh sinn le cheile do 'n choille, far 
an do chladhaich sinn toll gus an elefant a chur ann. Agus 
an uair a ghrodadh i, bha esan gu tighinn a thoirt nam 
fiacal aisde gus an reic. 

Lean mi air an obair so fad da mhios, agus bha mi 
'marbhadh elefant a h-uile latha. A' cliraobh air am 
bithinn aon latha, cha b' ann oirre a blnthinn lath' eile. 



40 



Air madainn araidh an uair a bha mi ag amharc air ait 
son, thug mi an aire, le mor ioghnadh, an aite dliaibh 
gabhail seaehad orm troimh 'n choille mar bu ghnath 
leotha, gun robh iad a' gabhail direach far an robh mi, 
agus fuaim eagalach aca 'ga dheanamli. Bha leithid ami 
dhuibh 's gu'n robh iad a' cur na talmhainn air chrith. 
Chuartaich iad a' chraobh aims an robh mi; agus bha n 
gnois sinte suas ris a' chraoibh, agus bha iad ag amharc 
orm gu geur. Chuir an sealladh a bh' ann a leithid a dh' 
eagal orm 's gu'n do thuit am bogha 's na saighdean as mo 
laimh air an lar. 

Bha fior aobhar eagail agam ; oir an deigh dhaibh a 
bhith greis ag amharc orm, chuir an te bu mho dhiubh a 
gnos mu n chraoibh anns an robh mi, agus spion i as a 
bun i, agus thilg i air an talamh i. Thuit mise comhladh 
ris a' chraoibh, agTLS thog an elefant mi na guos, agus 
chuir i aii' a muin mi, far an robh mi na bu choltaiche ri 
duine marbh na ri cluine beo. Dh' fhalbh i learn, agTis 
each 'ga leantuinn, agus cha do stad i gus an d' rainig i 
monadh ard far an do leig i as mi air an talamh. Cha bu 
luaithe a leig i as mi na dh' fhalbh i fhein 's each, agus 
dh' fhag iad an sid mi. 

Is gann a thuigeas duine sam bith an suidheachadh 
aims an robh mi. Bha mi n duil fad na h-uine gux e 
bruadar a bha mi 'faicinn. 

An uair a bha mi greis mhath 'nam shineadli, agus a 
chunnaic mi gu'n d' fhalbh iad, dh' eirich mi, agus ciod a 
b' iongantaiche learn na mi fhein fnaotainn air mullach 
monaidh a bha ard, farsuimi, agus a, bha comhdaichte le 
cnamhan agus le fiaclan elefant. Tha mi 'g aideachadh 
gu'n do chuir an sealladh so gu moran smaointean mi. 
Chiur an ghocas a bh' anns na h-ainmhidhean moran 
ioghnaidh orm. 



41 



CAIB. XIV. 

Cha robli teagamh again nach b' e so an t-ait adhlacaidh 
aca, agus gu'n do ghiulain iad ann mi a chum gun tugadh 
lad orm a thuigsinii gu'm bu choir dhomh sgur a. bhith 'g 
am marbhadh, o nach robh dhith orm ach am fìaclan. 

Gun dail sam bith thug mi m' aghaidh air a' bhaile, 
agus an deigh dliomh a bhith coiseachd latha 's oidhche, 
rainig mi taigh mo mhaighstir. O nach do tliachair aon 
elefant rium air an t-slighe, smaoinich mi gun deachaidh 
iad gu math fada 'steach do n choille, agus mar shi g-u'm 
faodainn tilleadh air ais do 'n bheinn g-un fhiamh gun 
eagal. 

Cho luath s a chunnaic mo mhaighstir mi, thuirt e, 
" A Shindbaid bhochd, is ann orm a bha n dragh-inntmn 
mu d' dlieidliinn. Bha eagal orm gu n d' enich bend dhut. 
Bha mi aims a choille, agus thug mi an aire gun robh 
craobh air a h-ur-spionadh as an talamh, agiis fhuair mi 
am bogha-saighead agus na saighdean a bh' agadsa air an 
talamh faisge oirre. Bha' mi 'g ad shireadh air feadh na 
coille gus an robh mi seachd sgith. Mu dheireadh thug 
mi duil thairis gum faicinn bu brath thu. Innis dhomh, 
guidheam ort, cia mar a sheachainn thu am bas." 

Dh' iimis mi dha a' h-uile car mar a dh' eirich dhomh, 
agus ghabh e ioghnadh gu leor ; ach is gann a bha e ; gauL 
chreidsinn. 

Gu math moch 's a' mliadainn an la^ar-na-mhaireach, 
chaidh sinn le cheile do n bheinn, agus bha aoibhneas mor 
air an uair a chunnaic e gun robh an naigheachd a^ dh' 
innis mi dha nor. Chuir sinn uiread ; s a b' urrainn i 
'ghiidan de na fiaclan a. bha sgaoilte air a' mhonadh air 
muin na h-elefant, agus thill sinn dhachaidh. 

An sin thuirt e rium, " A bhrathair, o 'n a. fhuair thu 
miach doigh leis am bi mise gle shaoibhir, cha bhi thu 'na 



42 



•do thraill agam tuilleadli. Gun tugadh Dia dhut gach 
Lonas agus soirbheachadh a chi e feumail dhut. Tha mi 
'na lathair-sau gu follaiseach a' toirt do shaorsa dhut. 
Cteil mi ort g*us a so an ni a tha mi nis a' dol o dh' 
innseadh dhut. 

" Tha daoino againn a' sealg nan elefant a h-uile 
bliadhna 'chum gu'm faigh sinn na fiaclan aca ; ach a 
dh' aindeoin cho trie 's a tha sinn 'gan cur air am faicill, 
tha na creutairean cuilibheartach so "g am marbhadh 
Shaor Dia thusa uapa. Tha so na chomharradh gu'm. 
bheil tlachd aige dhiot, agus gum bheil do sheirbhis 
feumail dha aims an t-saoghal. Chuir thu fortan mor 'v 
am rathad-sa. Cha robh doigh againn roimhe so air 
ibhiri fhaotainn gun bheatha ar cuid sheirbhiseach a chur 
ami an cunnart. Ach a nis tha^ ar baile gu leir air a 
dheanamh saoibhir air do shailleamh-sa. Na bi 'smaointean 
gu'm bheil mise 'cumail am ma^h gu'm bheil thu air do 
lan-phaigheadh air son na rinn thu de mhath dhomli an 
uair a tha mi 'toirt do shaorsa dhut ; bheir mi dhut mar an 
ceudna cuid mhath de shaoibhreas. Dh' fhaodainn 'toirt 
air muinntir a' bhaile gu leir fortan a chur cruinn dhut, 
ach cumaidh mi agam fhein an cliu air son a dheanamh." 

Mar fhreagairt do na briathran taitneach so thuirt mi, 
" A mhaighstir, gun gleidheadh Dia thu. Tha mi 'meas 
gu'm bheil mi paighte gu leor air son na rinn mi de mhath 
dhut an uair a tha thu 'toirt dhomh mo shaorsa. Cha 'n 
'eil mi 'g iarraidh ort an corr a thoirt dhomh, ach a mhain 
gu'n leig thu learn tilleadh do m' dhuthaich fhein." 

" Gle cheart," ars' esan ; " an uair a thig soirbheas 
fabharrach, thig luingeis an so a dh' iarraidh ibhiri, agris 
faodaidh tu falbh dhachaidh aim an te dhiubh. Paighidh 
mi fhein d' fharadh dhachaidh." 

Thug mi taing dha a chionn gu n d' thug e dhomh mo 
shaorsa, agus gu n do nochd e dhomh caoimhneas is cur- 
antas mor. 



43 



Dh' fhan mi comhladh ris gus an d' thainig na luingeis. 
Chaidh sinn iomadh uair do n bheinn a dh' iarraidh na 
h-ibhiri. Mu dheireadh lion sinn na taighean-stoir gu leir 
leatha. 

Fhuair marsantan eile a' bhail© fios gu'n robh moran 
ibhiri anns sJ bheinn, agus chaidh iadsan g a h-iarraidh 
mar an ceudna. 

Mu dheireadh thainig aireamh mliath loingeas do n 
bhaile-phuirt. Rinn mi deiseil gus a dhol air bord anns 
an luing a roghnaich mo mhaighstir dhiubh. Leith- 
luchdaich e dhomh i le ibhiri. Chuir e biadh air bord 
dhomh, agus thug e dhomh mar an ceudna mar thiodhlac 
iomadh ni dhe na rudan bu luachmhoire, agus a b' annas- 
aiche a bha ri 'm faotainn anns an duthaich. An uair 
bha mi 'dol air bord, thug mi mile taing dha air son gach 
fabhar a rinn e rium. 

Sheol sinn ; agus cha b' urrainn mi gun bhith 'smaoinV 
ean gu math trie air mo thurus do n aite, agus air an 
doigh anns an d' fhuair mi mo shaorsa. 

Stad sinn car uine aig caochladh eileanan gu biadh. s 
uisge a thoirt air bord. An uair a rainig sinn baile-puirt 
araidh a bh' air tir-mor nan Innsean, chaidh mi gu tir, 
agus thug mi learn gu tir an ibhiri agus gach ni eile a 
bh' agam air bord; oir cha robh toil agam a dhol air an 
luing do Bhalsora idir, air eagal gum faodadh long- 
spuinnidh tachairt ruinn. 

Reic mi an ibhiri anns a' bhaile so, agus fhuair mi 
suim anabarrach mor air a son. An uair a cheannaich mi 
iomadh ni annasach a bha mi gus a thoirt do m' chairdean 
mar thiodhlac an uair a ruiginn dhachaidh, agus a fhuair 
mi gach deisealachd a bha dhith orm air son mo thuruis, 
dh' fhalbh mi dhachaidh ann an cuideachd mharsantan a 
bha 'gabhail an aoin rathaid rium. 



44 



Bha mi uine mhor air an rathad dhachaidh ; agus ged 
a dh' fhuiling mi saruchadh is uidil gu leor fad an rathaid, 
ghiulain mi gu foighidneach leotha, o 'n a bha mi saor o 
na cunnartan lionmhor a bha 'tachairt rium air na tursan 
eile a bha mi air falbh. 

An deigh a. h-uile sgios a dh' fhuiling mi, rainig mi 
Bagdad mu dheireadh gu sabhailte. 

Gun dail sam bith chaidh mi far an robh m righ, agus 
dh' innis mi dha a h-uile car mar a dh' eirich dhomh. 
Thuirt e rium gun robh e fo iomaguin mhoir mu m' 
dheidhinn o n a. bha, mi cho fada gun tilleadh, agus gu'n 
robh e an comhnuidh an dochas gu'n gleidheadh Dia mi 
o gach cunnart. 

An uair a dh' innis mi dha mar a thachair dhomh an 
uair a chuireadh a shealg nan elef ant mi, ghabh e ioghnadh 
g*u leor, agus mur b' e gu'n robh fhios aige nach innsinn 
breug, cha chreideadh e mi. 

Leis cho math 's a chord mo naigheachdan ris, thug e 
ordugh gum biodh iad uile air an sgriobhadh, agus air an 
tasgadh gu curamach amis an taigh-ionmhais. 

Thill mi dhachaidh, agus mi gle riaraichte leis an doigh 
aims an do ghabh an righ rium, agTis leis an urram 's leis 
na tiodhlacan a thug e dhomh. 'Na dheigh sin bha mi 
'cur seachad na h-uine maille ri m' theaghlach, ri m' luchd- 
daimh, agus ri m' chairdean." 

An uair a chuir Sindbad crioch air na bh' aige ri 
innseadh mu dheidliinn mar a thachair dha air an 
t-seachdamh turus a bha e air falbh, thuh^t e ri Hindbad, 
" Seadh, a charaid, an cuala tu mu neach riamh a dh' 
fhuiling uiread 's a dh' fhuiling mise, no a chaidh troimh 
leithid de chunnartan 's do ghabhaidhean 's a chaidh mise? 
Nach 'eil e reusanta, an deigh na chaidh mi throimhe, gu'ni 
bithinn a nis a' caitheamh mo bheatha gu foisneach agus 
gu taitneach?" 



45 



An uair a thuirt e so, thainig Hindbad dluth dha, 
agus an uair a thug e pog dha laimh, thuirt e, " Tha mi ag 
aideachadh g*u'n deachaidh sibh troimh chunnartan eagal- 
ach; ged a tha mo thrioblaidean-sa mor, cha, 'n 'eil iad ri 
bhith air an coimeas ris na trioblaidean troimh 'n deach- 
aidh sibhse. Ma tha mise 'fulang amhghair car uine, tha 
e na thoileachadh dhomh gu'm bheil fhios agam g*ur ann 
a- chum mo bhuannachd a tha iad. Cha 'n e mhain gu n 
bheil sibhse airidh air a bhith 'caitheamh bhur beatha ann 
am fois 's an samhchair, ach tha sibh mar an ceudna airidh 
air an t-saoibhreas mhor a tha sibh a/ mealtainn, do bhrigh 
gu'm bheil sibh a' deanamh feum math dheth. Air an 
aobhar sin, gxiidheam dhuibh saoghal fada an deagh 
bheatha, ag-us bas sona." 

Thug Sindbad dha ceud bonn oir eile, ghabh e e mar 
aon dhe 'chairdean, agTis dh' iarr e air sgur dhe 'n phort- 
aireaohd, agus tighinn a h-uile latha comhladh ris thun 
dhinnearach, a chum gu'm biodh cuimhne aige air 
Sindbad, an Seoladair, fad uile laithean a bheatha. 



NA TRI UBHLAN. 

CAIB. I. 

Mar a dh' ainmicheadh anns na sgeulachdan a. dh' 
aithriseadh mar tha, bha. e mar chleachdadh aig Righ 
Haroun Alraschid a bhith 'ga chur fhein as aithne, agus a 
bhith 'dol am mach air feadh sraidean a bhaile air an 
oidhche, a chum gu'm faiceadh e cia mar a bha 'n sluagh 
a bha fo' riaghladh 'g an gluasad fhein. 

Air latha araidh thug e aithne do Ghiafar an t-ard- 
chomhairleach, tighinn do 'n luchairt an uair a thuiteadh 
an oidhche. 



46 



" Ard-chomhairleach/' ars' esan, " theid mi air feadh 
a' bhaile feuch a,m faigh mi am mach ciod a, bhios an 
sluagh ag radh, agus gu h-araidh. feuch an cluinn mi ciod 
a' bharail a tri aig sluagh a' bhaile air an luchd-riaghlaidh 
a shuidhich mi os an cionn. Ma bhios neach sam bith 
ann nach 'oil a,' deanamh ceartais ris an t-sluagh, cuiridh 
sinn duine freagarraeh 'na aite. Air an laimh eile, ma 
tha meas mor aig an t-sluagh air fear sam bith, bheir sinn 
urram dha, ma bhios e airidh air."' 

Aig an uair snuidhichte thainig Giafar, an t-ard- 
chomhair leach, do ; n luchairt, agus an uair a chuir e 
fhein, agus an righ, ag-us Mesrour, an t-ard-chaillteanach, 
iad fhein as aithne, dh' fhalbh iad 'n an triuir comhladh 
air feadh a' bhaile. 

Choisich iad troimh earrann mhath dhe 'n bhaile ; 
agus an uair a rainig iad sraid chaol, chunnaic iad, le 
solus na gealaich, duine mor, ard, agus feusag gheal air, 
agus e 'giulan pasg lion air mullach a chinn, agus cuaille 
mor bata na laimh. 

" Cha 'n eil e coltach gu'm bheil an seann duine so 
beairteach," ars' an righ ; " theid sinn far am bheil e, 
feuch am faigh sinn am mach mu ; shuidheachadh." 

" A dhuine choir,'' arsa Giafar, " co thuV 

Fhreagair an seann duine, agus thuirt e, " Is iasgair 
mi, le 'r cead, ach tha, mi air aon cho bochd ; s a th J anns 
a' bhaile. Dh' fhalbh mi 'dh' iasgach mu mheadhain 
latha, agus cha d' fhuair mi deargadh o n uair sin. Ged 
a tha bean is clann agam, cha 'n eil dad again a chumas 
suas iad." 

Ghabh an righ truas ris an iasgair, agus thuirt e ris, 
" Am bheil de mhisnich agad na theid air ais thun n? 
h-aimhne agus na chuir eas na lin aon uair eile? Bhoir 
sinn dhut ceud bonn oir air son rud sam bith a bheir thu 
air tir leis na lin. ;; 



47 



An uair a chuaT an t-iasgair so, ged a bha e gle sgiUi 
an deigh a shaoithreach fad an latha, ghabh e an righ aig~ 
fhaeal, agus thill e thun na h-aimhne. Lean an righ agus 
Giafar agus Mesrour e. Bha n t-iasgair ag radh ris fhein, 
" Bheir na daoine uaisle so duais dhomh air son mo 
shaoithreach ; oir tha coltas orra bhith nan daoine 
reusanta, onarach. Agus ma bheir iad dhomhsa aon 
bhonn oir, bidh mo shaothair paighte gu leor." 

An uair a rainig iad bruaich na h-aimhne, chuir an 
t-iasgair na linn, agus an uair a tharruinn e gu tir iad, 
bha ciste throm aige annta, ag*us i glaiste. Dh' aithn an 
righ do Ghiafar an ceud bonn oir a thoirt do 'n iasgair, 
agus a chur air falbh dhachaidh. 

Thug an righ air Mesrour a' chiste thoirt leis air a 
ghualainn do n luchairt. Agus bha leithid de thoil aig 
an righ fios fhaotainn ciod a bh' anns a' chistidh 's gun 
do thill iad do n luchairt cho cabhagach 's a b' urrainn 
daibh. An uair a dh' fhosgladh a chiste, fhuair iad 
bascaid innte, agus anns a bhascaid bha. corp boirionnaich 
a bha anabarrach briagha, agus e air a ghear-radh na 
phiosan. Rud nach b' ioghnadh, chuir an sealladh so 
uamhas orra, gu sonraichte air an righ. 

Anns a.' mhionaid las e le feirg, agus thuirt e ris an 
ard-chomhairleach, " A chreutair shuaraich, cia. mar a tha 
thu leigeadh le leithid so de chuis uamhais a bhith dol air 
aghcv-rt am measg mo shhiaigh-sa, agus a leigeadh leotha 
bhith tilgeadh nan corp anns an amhainn, a. chum gun 
glaodhar dioghaltas n am aghaidh-sa aig latha bhreith- 
eanais ? Mur grad chuir thu mortair a' bhoirionnaich so 
gu bas, tha mi 'mionnachadh air neainh gu'n teid thu 
fhein agus da fhichead dhe do luchd-daimh a chrochadh 
gun dail." 

" A Cheannaird nan creidmheach/' arsa Giafar, " tha 
mi guidhe oirbh uine a thoirt dhomh a. chum gu'n dean 
mi rannsachadh mu dheidhinn a' mhort so." 



48 



"Cha toir mi dhut a dh' nine ach tri latha, - ' ars' an 
righ ; " feumaidh tu am mortair a chur gu bas amis an 
nine sin." 

Chaidh Giafar dhachaidh agus intinn gn mor troim.li a 
cheile. " Ochan ! cia mar a tha e comasach dhomhsa," ars' 
esan, " greim fhaotainn air mortair am measg na bheil de 
mlior-shlnagh arm am bhaile Bhagdad? Is docha gun 
d' rinn e am mort gnn dnine ; ga fhaicinn, agns ma dh' 
fhaoidte gun d' fhalbh e as a" bhaile roimhe so. Is 
iomadh fear a bhiodh nam aite a dheanadh greim air fear 
dhe na daoine truagha a th' ann am priosan, agns a 
chuireadh gn bas e gus an righ a thoileachadh ; ach cha 
dean mi ainneart air mo chogais le leithid de ghniomh 
encorach a dheanamh. Is fhearr learn am bas fhnlang na 
bhith ciontach dhe leithid de ghniomh. - ' 

Thng e ordngh teann do na maoir mion-rannsachadh 
a dheanamh air son an dnine a rinn am mort. Chaidh 
iad fhein 's an cnid sheirbhiseach a rannsachadh mu'n 
chnis air feadh a' bhaile; oir bha fhios aca gun rachadh 
iad fhein 's an t-ard-chomhair leach a chm* gu bas miir 
faigheadh iad greim air a' mhbrtair. Ach cha robh dad 
aca air son an saoithreach. A dh' aindeoin na, rinn iad cha 
b' nrrainn daibh greim fhaotainn air a' mhortah. Thuig 
an t-ard-chomhairleach gu n robh e air thuar a bheatha 
chall na 's lugha na thachradh ni eiginn ann an cursa n 
fhreasdail a bheneadh fuasgladh dha. 

An ceann an treas latha thainig maor o n righ .e 
cuireadh a dh' ionnsuidh an ard-chomhairlich ag iarraidh 
air a dhol far an robh e giui dail. An uair a rainig e 
thuirt an righ ris, " An d' fhuair thu greim air a' 
mhortair f 

Fhreagair esan, agns e 'sileadh nan deur, " A Cheann- 
aird nan creidmheach, dh ; fhairtlich orm aon neach 
fliaotainn a bheireadh dhomh am nosrachadh bu lugha m" 
a dheidhinn." 



49 



Bha n rigli Ian feirge agus comiich an uair a chuaT 9 
so, agus labhair e arm am briathran anabarracli taireil ris 
an ard-chomhair leach, agus dh' ordaich e gum biodh e air 
-a chrochadh maille ri da fhichead dhe lnchd-daimlie aig 
geata na luchairt. 

Gun dail sam bitli rinneadh croich deiseil air son gach 
fir dhiubh, agus dh! ordaicheadh an grad ghlacadh. Le 
ordugh an righ, chuireadh fear air feadli sraidean a' bhaile 
a ghlaodhaich mar so : — " Iadsan aig am bheil toil Giafar, 
an t-ard-chomhairleach, inaicinn 'g a chrochadh, maille ri 
da fhichead dhe luchd-dairnh, thigeadh iad do n chuirt a 
tha air beulaobh na luchairt. v 

An uair a bha gach ni deiseil, thugadh am mach an 
t-ard-chomliairleach agus an da fhichead eile a bha gu 
bhith air an crochadh maille ris, agus chuireadh gach fear 
dhiubh na sheasamh aigf bonn na croiche, agus chuireadh 
tobha na croiche mu'n aniliaich. Cha b' ruraimi do n 
airea-mh mlior shluaigh a clmhnnich a dli fhaicinn a 
chrochaidh gun a. bhith ri caoidh 's ri sileadh dheiu' an 
uair a chunnaic iad an sealladh bronach so; oir bha n 
t-ard-chornhairleach agus na daoine eile a bha gu bhith air 
an crochadh maille ris fo mhiadh ag*us fo mhor meas aig 
an t-sluagh gu leir air son cho ceart, cho fialaidh, agus cho 
neo-eismeileach s a bha iad, cha b' ann a mhain ri sluagh 
Bhagdad, ach mar an ceudna ri sluagh na. rioghachd gu 
leir. 

Cha robh ni sam bith a chumadh an righ air ais o 
chur an orduigh a thug e seaohad. an g-niomh; agus bha 
beatha nan daoine cho measail s cho urramach "s a bh' 
anns a bhaile air thuar a bhith air a toirt air falbh. 

Anns an am thainig duine og, maiseach, air an robh 
eideadh math, le cabhaig a steach trohnh n chuideachd, 
agus ghabh e direach far an robh an t-ard-chomhairleach. 
Agus an uair a thug e pog dha laimh, thuirt e, " Ard- 

4 



50 



chomhairlich ro> oirdhearc, a cheannaird mhaithean na 
cuirte, a chomWhurtair nam bochd, cha n 'eil thu ciontach 
dhe n eucoir a th' air a, chur as do leith. Bi falbh a so,, 
agus leig leamsa dioladli a thoirt seachad air son bas na 
mna uaisle a thilgeadh do 'n amhainn. Is mise a mhort i, 
agus tha mi toillteannach air a bhas fhulang air a son. 

Ged a thug na briathran aobhar gairdeaehais ro mhor 
do 'n ard-chomhairleach, gidheadh cha b' urrainn e gun 
trnas a bhith aige ris an duine og; oir bha soalladh a 
ghnuis a' nochdadh gu m bu duine e air nach robh coltas 
uilc no aingidheachd. Ach an uair a bha e dol 'ga 
fhreagairt, thainig auine ard, a bha greis mhath aoise 1© 
cabhaig a. steach troimh n t-sluagh far an robh e, agus 
thuirt e, " Na toir creideas sam bith do na. bheil an duine 
ag so ag innseadh dhut. Is mise a mhort am boirionnach 
a fhuaradh anns a' chiste, agus is aim agam a tha coir air 
dioladli a, thoirt seachad air son a. bais. Tha. mi 'guidhe 
ort ann an ainm Dhe nach cuir thu an neo-chiontach gu 
bas an aite a' chiontaich/ 

" Le'r cead/' ars an duine og ris an ard-chomhairleach r 
" tha mise ag innseadh dhuibh le fìrinn gur e mi-fhein a 
rinn an gniomh graineil so, agus nach robh lamh aig duine 
sam bith eile ann." 

" A mhic," ars' an seann duine, "is e eudochas a thug 
an so thu, agus tha mhiann ort am bas fhaotainn roimh 
; n am. Tha mise fada pti leor beo anns an t-saoghal so, 
agus tha n t-am agam a nis a bhith 'falbn as; leig learn, 
air an aobhar sin, mo bheatha. 'thoirt suas an aite do 
bheatha^sa." 

Thuirt an duine og a rithist ris an ard-chomhair leach, 
" Tha mi ; g innseadh dhuibh aon uair eile gur mi a mhort 
am boirionnach ; cuiribh gu bas mi gun an corr a bhith 
m' a dheidhinn. ' 

An uair a chual' an t-ard-chomhaiiieach an connsach- 
"adh a. bh' eadàr an seann duine agus an duhie og, thug e 



51 



ordugh, le aonta an ard-bhreitheamh, an toirt le cheile an 
lathair an righ, agus dli' fhalbh e fhein comhladh riutha. 
An uair a sheas e an lathair an righ, phog e an talamh 
seachd uairean, agus labhair e ris an righ air an doigh so 
— " A Cheannaird nan creidmheach, thug mi an lathair 
bhur morachd an seann duine agns an duine og so. Tha 
Tha gaoh fear dhiubh ag aideachadh gur e fhein a mhort 
am boirionnach agus thilg do n amhainn i. Thuirt an 
duine og gur e fhein a mhort i, ach bha n seann duine ag 
radh nach b' e. " Is mise a mliort i, ars' an seann duine. 

" Bi falbh gu grad, ars' an righ ris an ard-chomh- 
airleach. " agus croch le cheile iad." 

" Le r cead," ars' an t-ard-chomhairleach, " mur 'eil 
ciontach ach fear dhiubh, elm n eil e ceart an crochadh 
le cheile." 

An uair a ehual' an duine og na briathran so, labhair 
e rithist, agus thuirt e : — " Tha mi mionnachadh air an 
Dia mlior a chruthaich na neamhan ag*us talamh gur mi 
mhort am boirionnach, a ghearr na h-earrannan i, agus 
a thilg do n amhainn i ceithir la tha roimhe so. Tha mi 
'cur cul ri sonas am measg nam firean air latha 'bhreith- 
eanais mur 'eil a h-uile f acal a tha mi g radh fior ; air an 
aobhar sin, is ann domh is coir am bas fhulang/'' 

Ghabh an righ ioghnadh an uair a chual' e na mionn- 
anan so, agus chreid e gun robh an fhirinn aig an duine 
og, gu sonraichte o n a dh' fhan an seami duine na thosd. 



caib. n. 

Thionndaidh an righ ris an duine og, agus thuirt e, ''A 
chreutair thmaillidh, ciod e 'thug ort an cionta graineil ud 
a chur an gniomh ? Agus ciod e 'tha toirt ort a bhith cho 

deonach am bas fhulang air a shon . 



52 



" A Cheannaird nan creidmheach,'' ars' esan, " nam 
biodh gach ni a bh' eadar mise agus a' bhean-uasal ud air 
a chur sios arm an sgriobhadh, bhiodh © na eachdraidh a 
bhiodh gle fheumail do dhaoine eile." 

" Tha mi 'g ordachadh dhut an eachdraidh innseadh 
gun tuilleadh dalach,'' ars' an righ. 

Mar umhlaehd do 'n righ thoisich an duine og ri 
innseadh na h-eachdraidh mar a leanas : — 

A Cheannaird nan creidmheach, b' i a' bhean-uasal a 
mhort mi, mo bhean fhein. B' i nighean bhrathar m' 
athar — nighean an t-seann duine so a tha sibh a' faicinn 
comhladh rium. Cha robh i thar da, bhliadhna dheug an 
uair a phos mi i, agus tha aona bliadhna deug o n uair 
sin. Fhuair mi triuir mhac uaipe, agus tha iad fhathast 
beo. Agus feumaidh mi radh le firinn nach d' thug i 
riamh an t-aobhar oilbheum bu lugha dhomh. Bha i 
banail, agus gle mhaiseach na giulan, agus rinn i gach ni 
a ghabhadh deanamh gus mo thoileachadh. Agus air mo 
shon fhein dheth, bha gradh mor agam dhi, agus b' e mo 
mhiann a toileachadh anns gach doigh, agus gach ni a. 
b' aill leatha thoirt dhi. 

O chionn da mhios dh' fhas i tinn. Ghabh mi curam 
mor dhi, agus fhuair mi gach ni a shaoilinn a bhiodh 
feumail a chum slainte a thoirt dhi. An deis dhi a bhith 
mios tinn, thoisich i ri dliol na b' fhearr, agus bha toil 
aice 'dhol do 'n taigh-fharagaidh. Mu 'n d' fhalbh i, 
thuirt i rium gu'n robh miann aice air ubhlan. " Nam 
faigheadh tu feadhainn dliomh," ars ise, " bhitliinn fada 
'na d' choma-in. Tha miann agam orra, o chionn fada; 
agus feumaidh mi aideachadh, mur faigh mi iad g*un dail, 
gu'm bheil eagal orm gu n eirich mi-fhortan air choireigiim 
dhomh." 

" Le m' uile chridhe," arsa mise, " ni mi gach ni nam 
chomas a chum do thoileachadh/' 



53 



Gun dail sam bith dh ; fhalbh mi feuch am faighiim 
ubhlan dhi ; agus cha d' fhag mi maragadh no buth anns 
a' bhaile gun siubhal 'g an iarraidh, ach cha n fhaighinn 
a h-aon ged a bha mi 'tairgseadh bonn oir air son a h-uile 
te. Thill mi dhachaidh agus mi gle mhi-thoilichte a 
chionn nach deachaidh mo ghnothach learn. Agns an 
uair a thill mo bhean as an taigh-fharagaidh, agus a 
chunnaic i nach robh ubhlan agam dhi, dh' fhas i cho neo- 
fhoiseil 's nach d' rinn i norradh cadail an oidhche sin. 

Dh' eirich mi gu math moch ; s a' mhadainn, ag"us 
chaidh mi air feadh nan garaidhean gu leir ; ach cha robh 
dad agam air son mo shaoithreach. Ach thachair seana 
gharadair rium a dh' innis dhomh nach robh ubhlan ri ; m 
faighinn na ; s lugha na> gheibhinn iad anns na garaidhean 
agaibh fhein, a righ, ann am Balsora. 

O n a> bha, gradh mor agam do m' mhnaoi, agus air 
eagal gu n saoileadh i gu'n robh mi suarach m' a deidhinn, 
thog mi orm, agTis, an deigh clhomh a ni a, bha nam 
bheachd innseadh dhi, dn' fhalbh mi gu ruige Balsora a 
dh' iarraidh ubhlan. O ; n a bha cabhag orm, cha, tug mi 
ach coig latha, deug eadar falbh is tighinn. Cha d" fhuair 
mi ach tri ubhlan, agus thug mi bonn oir an t© orra. O 
nach robh ri fhaighinn ach na tri, cha tugadh an garadair 
dhomh iad na bu shaoire. 

Cho luath ; s a thainig mi dhachaidh thug mi na 
h-ubhlan do in:' mhnaoi. Ach o ; n a bha miann nan 
ubhlan air falbh dhi, cha d' rinn i ach breith orra as mo 
launh, agns an cur ri ; taobh. Bha a, tinneas 'g a, leantuinn 
a-gus cha robh fhios agam ciod e an doigh air am faighinn 
leig'heas dhi. 

Beagan laithean na dheigh so bha mi nam shuidhe 
anns a' bhuthaidh far an robh mi reic a h-uil© seorsa 
bathair as luachmlioire na, cheile, agus thainig duine-dubh 
cho granda ; s a chunnaic mi riamh a steach far an robh 



54 



mi agus ubhal aige na laimh. Dh' aithnich mi gur e te 
dhe na h-ubhlan a thug mi a Balsora a. bh' ann, oir bha 
fhios agam nach robh aon ubhal ri fhaotainn ann am 
Bagdad, no ann an aon dhe na garaidhean. " Innis 
dhomh," arsa mise, " c'aite an d' fhuair thu n ubhal sin."' 

Rinn e gaire, agus thuirt e, " Fhuair mi e o mo 
leannan. Chaidh mi dh' amharc oirre an diugh, agus gu 
cinnteach cha robh i air a doigh. Chunnaic mi tri ubhlau 
ri 'taobh, agus dh' fheoraich mi dhi c aite an d' fhuair i 
iad. Thuirt i rium gu n deachaidh am fear a tha posda 
rithe g*u ruige Balsora g an iarraidh, agus gun d' thug e 
coig latha deug eadar falbh is tighinn. G-habh simi biadh 
comhladh, agus an uair a bha mi 'gabhail mo chead dhi, 
thug mi learn an t-ubhal so." 

Cliuir na briathran so bhar mo shiuil mi buileach glan. 
Dhuin mi 'bhuth, agus ruith mi dliachaidh cho luath 's a 
h' urrainn dhomh, agus an uair a chaidh mi do n t-seomar 
anns an robh ; bhean, sheall mi feuch am faicinn na 
h-ubhlan. Cha robh ann aoh an dithis, agus dh' fheoraich 
mi dhi ciod a dh' eirich do n treas fear. Thionndaidh 
mo bhean a h-aghaidh an taobh a bha na h-ubhlan, agus 
an uair a chunnaic i nach robh ann ach an dithis, fhreagair 
i mi gu leith shuarach, agus thuirt i, " Cha n 'eil fhios 
agamsa ciod a dh' eirich dha." 

An uair a chuala mi so chreid mi gu'n robh an naigh- 
©achd a dh' innis an duine-dubh dhomh fior gu leor. Aig 
an am bha mi air a' chaothach dhearg le eud, agus thug 
mi lamh air an sgian a bha fo m' chrios, agus ghearr mi 
an sgornan aice. 'Na dheigh sin thug mi dhith an ceann, 
agus ghearr mi i na ceithir cheathrannan. Agus an uair 
a phaisg mi ann an aodach i chuir mi ann am basca.id 
i, agus an uair a thainig an oidhche, dh' fhalbh mi leis a.' 
chiste air mo ghualainn, agus chuir mi fodha aims an 
amhainn i. 



55 



Bha n ditliis a b' oige dhe ; n chloinn 'nan cadal, ach 
bha am fear bu shinne am muigh ; agus an uair a thill mi 
fhuair mi e 'na shuidhe aig a' gheata, agus e sior chaoiii- 
.eadli. An uair a dh' fheoraich mi dheth ciod a blia cur 
dragh air, thuirt ©, " Athair, 's a mhadainn an duigh, 
thug mi learn gun fhios do m' mhathair an treas fear dhe 
na h-ubhlan a thug sibhse nice, agus chum mi e uine 
mhath ; ach an uair a bha mi cluichadh air an t-sraid 
comhladh ri mo bhrathair mu aird-fheasgair, thug duine- 
dubh a bha 'dol seachd as mo laimh e. Buith mi as a 
dheigh, agus dh' iarr mi air an t-ubhal a thoirt dhomh. 
Agus a bharrachd air sin, dh' innis mi dha, gur aim le 
m' mhathair a bha e, agus gun robh i na laidhe tinn, 
agus gu'n deachaidh sibhse a dh' aon ghnothach a dh' 
iarraidh nan tri ubhlan dlii, agus gu'n d' thug- sibh coig 
latha deug eadar falbh is tighinn ; ach ged a dh' innis mi 
so dha, cha tugadli e dhomh an t-ubhal air ais. Agus o n 
a bha mi 'g a shior leantuinn, agus mi 'caoineadh, 
thionndaidh e agus ghabh e orm, agus ìuith e air falbh 
cho luath s a. b' urrainn da, gus mu dheireadh an deach- 
aidh e as mo shealladh. Tha. mi o 'n uair sin a' coiseachd 
an taobh am muigh dhe n bhaile an duil gu m faicinn a' 
tighinn sibh a chum gun iarrainn oirbh gun innseadh 
do mo mhathair gu'n d' thug mi learn au t-ubhal, air 
eagal gu'n cuir e dragh oirre." 

An uair a thuirt e so, thoisich e ri caoineadh na bu 
ghoirte na bha e roimhe. 

Chuir briathran mo mhic dragh thar tomhas orin. 
Chunnaic mi gu'n robh mi ciontach de ghniomh a blia 
uamhasach graineil. Agus bha aithreaehas mor orm a 
chionn gu'n do chreid mi na breugan tuaileasach & dh' 
innis an duine-dubh dhomli, agus a thog e air mo mhnaoi 
air bhonn nam briathran a dh' innis mo mliac dha. 



56 



Anns an am thainig brathair m' athar a dh' fhaicinn 
a nighinn ; ach an aite a faotainn, thuig e o na labhair mi 
ris gu'n robh i marbh ; oir cha do cheil mi ni sam bith 
air. Agus gun fheitheamh gus an geur-chronaicheadh e 
mi, dh' aidich mi 's a' mhionaid 'na lathair, gur mi duine 
cho cionntach 's a th' air uachdar an t-saoghail. 

An uair a chuala e an aidmheil a rinn mi, an aite 
bagradh orm gu geur, mar a dh' fhaodadh e dheanamh, 
is ann a thoisich e ri gul "s ri caoidh comhladh rium. Bha 
sinn a' gul maille ri 'cheile fad tbri latha gun stad. Bha 
esan a' gul a chionn gu'n do cliaill e nighean a bha caomh. 
ionmhuinn leis aig gach am, agus bha mise 'gul a chiomi 
gu'n do chaill mi bean do n robh gradh mor agam, ach a. 
chuir mi fhein gu bas ann an doigh chruaidh-chridheach, 
do bhrigh gm'n d' thug mi creideas do naigheachd bhreug- 
aich a dh' innis traill de dhuine-dubh dhomh. 

So ma ta, a cheannaird nan creidmheach, aidmheil 
fhior mar a dh' aithn sibh dhomh a dheanamh. Chuala 
sibh a nis gach ni mu thimchioll na cionta a tha nam 
aghaidh, agus tha mi gu h-ivmhail a' ghuidhe oirbh gu'n 
ordaich sibh peanas dligheach a dlieanamh orm air a shon. 
Ciod air bith cho trom ; s a bhitheas e cha ghearain mi air. 

Chuir na dh' innis an duine og dha ioghnadh mor air 
an righ. Ach air dha bhith 'na> righ cothromach, bha e 
na bu deonaiche truas a ghabhail de 'n duine og na. 
'dhiteadh gu bas. 

" Tha cionta an duine oig so," ars' esan, " mor da 
rireadh; ach bheir Dia mathanas dha, agus is coir do 
dhaoine mathanas a thoirt dlia mar an ceudna. Is e an 
traill aingidh bu mliathah'-aobhair air a' mhort — is esan 
na ponar air am feumar peanas a dheanamh. Air an 
aobhar sin, ars' esan, 's e 'g amliarc air an ard-chomhairl- 
each, tha mi toirt dhut uine tlrri latha gu greim a 
dheanamh air; agus mur toir thu 'nam lathair-sa e aims 
an nine sin, cuirear thu fhein gu bas 'na. aite." 



57 



Ged a bha duil aig Giafar boclid gun robli e 'mach 
a cunnart, bha e fo ioinacheist ro mhor an uair a thug an 
righ. an t-ordugh ur so dha : ach clia bn dana leis 
freagairt a thoirt air an righ, oir bha lan fhios aige gun 
robh e gle chas. Dh' fhalbh e a lathair an righ. agus 
thill e dhachaidh fo bhron *s fo Honn-dnbh. agns e 'g a 
dlieanamh fhein cinnteach nach robh de shaoghal aige ach 
tri latha ; oir bha e cho cinnteach 'na inntinn fhein nach 
fliaigheadh e greim air an traill 's nach d" rinn e faiTaid 
sam bith m* a dlieidhimi. 

" Am bheil e comasach.'" ars' esan. " gu'm faighteadh 
forofhais air an fhear a tha ciontach am meag nan cendan 
a tha dlie cheart sheorsa ann am Bagdad? Mur e toil 
Dhe an traill a chur "nam rathad mar a rinn e air a" 
mhortair. cha n eil e n comas dliomhsa mo bheatha 
'shabhaladh." 

Chnir e seachad a chend da latha li bron s ri caoidh 
maille ri theaghlach. agns ri gearain air cho cruaidh s 
cho mi-rensanta "s a bha ordngh an righ. An uair a 
thainig an treas latha. thoisich e ri deanamli deiseil air 
son a' bhais. Bha e "na dlinine a bha ceart, cothromach. 
dileas na dhrenchd, agus o ii a bha sith cogais aige, cha 
robh eagal air am bas 'fhnlang. Chnir e fios air sgriobh- 
adairean agus air nanuisean a chirm gun deanadh e 
'thiomnadh "n an lathair. "Xa dheisrh sin, ghabh e chea-d 
de 'n mhnaoi 's dhe n cliloinn, agus dh' fhag e beannachd 
aca, Bha n teaghlach gu len cho tuirseach s cho denrach 
; s gun cuireadh iad mulad air duine sam bith. 

Mu dheireadh thainig teachdaire o 'n righ a dh"' inns- 
eadh dha gun robh e gabhail fadachd nach robh e 
cluirmtinn guth uaithe mu thimchioll an duine a dh' iarr 
e air a ghlacadh. " Tha e air aithneadh dliomli. ars' an 
teachdaire, " do thoirt an lathair an righ.'" 



58 



Riim an t-ard-chomhairleach deiseil gu falbh comhladh 
ris an teachdaire ; ach an uair a bha e 'dol am mach as an 
taigh, thugadh a nighean a b' oige, aois choig bliadhna, 
'na lathair a chum gum fagadh e aice a bheannachd 
dheireannach. 

Bha gradh mor aige air an leanabh so, agus ghuidli e 
air an teachdaire cead a thoirt dha stad mionaid a 
bhruidhinn rithe. Rug e oirre agus phog e i caochladh 
uairean. Thug e an aire gun robh ni eiginn aice na 
h-uchd as an robh faileadh cubhraidh. 

" Ciod a th' agad na d' uchd, a ghaoil," ars' esan. 

" Tha ubhal/' ars' ise, u air am bheil ainm an righ 
sgriobhte. Thug ar seirbhiseach, Rihan, dhomh e air son 
■da bhonn oir." 



CAIB. III. 

An uair a chual' an t-ard-chomhairleach na briathran so a 
labhair am paisde ris, ghlaodh e 'mach le ioghnadh agus 
le aoibhneas ; agus an uair a chuir e lamh aim an uchd a' 
phai^de, thug e 'mach an t-ubhal as. 

; n a bha Rihan, an seirbhiseach, dluth air laimh, 
tlnugadh 'na lathair e gun dail sam bith. 

" A dhearg shlaoightire," ars' esan, " c'aite an d' fliuair 
thu an t-ubhal so?" 

" Mo thighearna, ars' an seirbhiseach, " tha mi toirt 
mo mhionnan nach do ghoid mi as an taigh agaibhse e, 
no a garadh an righ; ach an latha roimhe an uair a bha 
mi 'coiseachd air an t-sraid, thachair triuir no cheatlirar 
ohloinne rium a' cluich. Bha. n t-ubhal aig fear dliiubh 
na laimh, agus spion mi uaithe e, agus ghabh mi romham. 
Ruith am paisde 'nam dheigh, agus thuirt e rium nach 
b' arm leis fhein a bha n t>ubhal idir, ach gur ann a bha 
o le 'mhathair. Thuirt e rium mar an ceudna, gun robh 



59 



a mhathair 'na laidhe tinn, agus o "n a ghabh i miaim air 
ubhlan. gu n deachaidh athair air astar fada 'gan iarraidh. 
agus gun d' thug e dliachaidh a tri. agus gum b' e an 
t-ubhal ud fear dhiubk. agus gun d' thug e leis e gun 
fhios dlia mhathair. Blia e 'g a iarraidh orm gus an robli 
e sgith ; ach cha tugainn dlia e. Thug mi learn dhach- 
aidh e, agus reic mi ah' son da bhonn oir e ris an nighinn 
a's oige agaibh fhein. Sin agaibh an tul fhirinn mu 11 
chmV 

Cha b' urrainn an t-ard-chomhairleach gun ioghnadh 
a ghabhail air son mar a chuir slaoightearachd an t-seirbh- 
isich bean a bha neo-chiontach gu bas, agus mar a theab 
e fhein a bheatha 'chall an' a shailleamh. Thug e an seirbh- 
iseach leis far an robh an righ. agus dh' innis e do n righ 
facal air an fliaoal mar a thuirt an seirbhiseach ris, agus 
mar a thachair dha fios fhaotainn gur e n seirbhiseach a 
bha cionntach. 

Ged a bha io£flrnadli anabarrach mor air an riffh.. an 
uair a chual' e an naigheachd a dh 3 innis Giafar dha. cha 
V urrainn e cumail air a ghaire. Mu dlieh*eadli an uair 
a sguir e 'ghaireachdaich, thuirt e. agus gmaim air a 
glmuis. o n is e an seirbhiseach bu mhathah'-aobhair do n 
olc mhor a rinneadh, feuniar peanas a dlieanamh air a 
reir a chionta. 

" Le "r cead. a righ."' ars' an t-ard-chomhairleach, " tha 
mi 'g aideachadh gu m bheil e ceart gu leor peanas dligh- 
each a dheanamli air, ach tha mi 'smaoineachadli gum 
faoidteadh mathanas a thoirt dha. Tha mi cnhnhneach- 
adh air naigheachd iongantach a chuala mi mu thimchioll 
ard-chomhairleach a bha ann an Cairo, do in b' ainm, 
Nuredin Ali. agus Bedredin Hasan a bh' ann am Balsora. 
Agus o n a tha tlachd agaibh a bhith cluinntinn naigh- 
eachdan dhe ; n t-seorsa, tha mi deas gus a h-innseadh 
dhuibh. air chmnhnanta gun toir sibh mathanas do m' 



60 



sheirbhiseaeh, ma shaoileas sibh gu'm bheil i na 's 
iongantaiche na 'n naigheachd a chuala. sibh mar tha." 

" Tha mi toileach eisdeachd ri do naigheachd," ars' an 
righ ; " ach tha thu gabhail obair gle dhoirbh os laimh, 
oir cha 'n 'eil mi 'creidsinn gur urrainn dut naigheachd 
innseadh a's iongantaiche na n naigheachd mu na 
h-ubhlan." 

An uair a- chuala Giafar so, thoisich e ri innseadh a 
naigheachd mar so : — 

Anns an am a dh' fhalbh bha righ air an Eiphit a 
bha 'na dhuine ceart, iochdmhor, troeaireach, agus fialaidh. 
Bha e cho treun, cumhachdach 's gun robh e 'na chulaidh- 
eagail dha choimhearsnaich gu leir. Bha e caoimhneil ris 
na bochdan, agns 7 na. charaid do na daoine foghluimte do 
; n robh e 'toirt suidheachadh urramach a reir mar a 
b' airidh iad air. Bha ard-chomhairleach an righ so na 
dhuine turail, glic, tuigseach, agus gle fhoghluimte anns 
gach doigh. Bha dithis mhac aig an ard-chomhairleach 
so, agus bha iad nan daoine anabarrach eireachdail. Bha 
iad anns gach doigh a' leantuinn cos-chumannan an athar. 
B 5 e ainm an fhir bu shin, e, Shemsedin Mohamed, agus 
b' e ainm an fhir a b' oige, Nuredin Ali. Bha ; m fear a 
V oige gu sonraichte 'na dhuine a bha anabarrach turail, 
tlachdmhor anns gach doigh. 

An uair a dh' eug an athair, chuir an righ fios orra le 
cheile, agus an uair a thug e orra deise ard-chomhairlich 
a chur umpa le cheile, thuirt e riutha, " Tha mise cho 
doilich air son bas bhur n-athar ruibh fhein ; agus o n 
a tha fhios agam gu'm bheil sibh a' fuireach comhladh, 
ag-us a' gradhachadh a. cheile, tha mi 'toirt an urram so 
dhuibh mar aon. Falbhaibh, agus dluth-leanaibh ri 
cleachdadh bhur n-athar." 

Thug an dithis ard-chomhairleach oga so moran taing 
do 'n righ, agus chaidh iad dhachaidh a, chum gach ulluch- 
adh feumail a dheanamh gus an athair adhlacadh. 



61 



An deigh bas an athar bha iad mios gun dol am 
mach as an taigh ; na dheigh sin bha iad a' dol gu riagh- 
ailteach do chuirt an righ an uair a bhiodk feum orra. 

An uair a bhiodh an righ a' dol a shealgaireachd, 
bhiodh fear ma seach dhiubh a' dol comhladh ris. 

Air feasgar araidh an deigh dhaibh an suipeir a 
ghabhail, bha iad greis mha.th a' comhradh ri ; cheile. 
Thuirt am fear bu shinne ri 'bhrathair, " O nach eil a 
h-aon dhinn posda fhathast, agus o ; n a tha caoimhneas 
is comunn is gaol cho mor eadrainn, tha smaointean air 
bualadh 's a' cheann again; posadhmaid le cheile 's an 
aon latha, agus taghamaid dithis pheathraichean a 
teaghlach araidh a bhios freagarrach air ar son, — ciod e 
do bharail air a>' chuis?" 

" Feumaidh mi radh, a bhrathair," arsa Nuredin, 
" gu'm freagradh sin oirnn gle math; agus air mo shon 
fhein dheth, tha mi deonach ni sam bith a dheanamh a 
chi thu fhein iomchuidh. 

" Dean air do shocair," tha tuilleadh agam ri radh, " 
arsa Shemsedin ; " abair gu'n d' rugadh clann dhuinn s 
an aon latha. — mac agadsa, agus nighean agamsa,, phos- 
adhmaid ri cheile iad an uair a thigeadh iad gu aois. ;; 

" Tha mi 'g aideachaidh/ ; arsa Nuredin, " gu 'm 
freagradh sin gle mhath ; thairngeadh a leithid de phosadh 
inise 's tusa na bu dluithe ri ; cheile na bha sum riamli, 
agus tha mi cur mo lan aonta ris." 

" Ach, a bhrathair," ars' esan, 's e leantuinn air 
bruidhinn, " na ; n tachradh am posadh, am biodh duil 
agad ri airgiod fhaighinn uamsa mar chuibhrionn posaidh 
do d' nighinn?" 

" Cha n ; eil teagamh nach bitheadh," ars' am fear 
eile; " oir tha mi cinn teach nach e mhain gu'n tugadh tu 
dhi gach ni a bhiodh fgreagarrach mar chuibhrionn pos- 
aidh, ach mar an ceudna gu n tugadh tu seachad, ann an 



62 



ainm do mhic, air a chuid a s lugha tri mile bonn oir ; tri 
aiteachan-comhnuidli, agus tri searbhantan." 

"Cha n aontaich mi sin a dheanamh idir," ars' am 
fear a b' oige; " is braithrean sinn, agus tha mise cho ard 
ann an suidheachadh riut fhein. Nach ; eil fhios againn 
le cheile ciod is coir dhuinn a dheanamh? n is e mac 
a s mo urram na nighean, is e do dhleasdanas-sa tochradh 
math a thoirt seachad leis an nighinn. Ach tha mi 
faicinn nach eil annad ach duine leis am bu mhiann do 
ghnothach a dheanamh air chosg duine eile/' 

Ged a labhair Nuredin na briathran mar mhagadh, 
shaoil le 'bhrathair gur ann da rireadh a bha e; agus air 
dha bhith car cas na nadar, ghabh e gu h-olc iad. 

1 Dimaigh air do mhac, ars' esan, " o ; n is e s docha 
leat na mo nighean-sa! Tha ioglrnadh orm gun robh 
de dhanadas agad na chreideadli gum bheil do mhac 
airidh air mo nighinn-sa. Feumaidh gu'm bheil thu air 
a dhol as do chiall ma tha thu 'smaointean gu m bheil thu 
co-ionnan riumsa. Biodh fhios agad, 'amadain, o ; n a tha 
thu cho mimhodhail 's a tha thu, nach tugainnsa mo 
nighean do d' mhac ged a bheireadh tu dha do chuid de n 
t-saoghal. v 

Chaidh na fir cho fada. thar a cheile mu thimchioll na 
cloinne nach d' rugadh s nach mor nach do bhuail iad a 
cheile. 

" Mur b' e gu'm feum mise falbh am maireach a shealg 
comhladh ris an righ, bheirinn dhut do thoillteanas/' arsa 
Shemsedin; " ach an uair a thilleas mi, leigidh mi fhaicum 
dhut nach freagair do n bhrathair as oige a. bhith 
bruidhinn cho ladarna ris a' bhrathair a's sinne mar a tha 
thusa 'deanamh/' An uair a thuirt e so chaidh e d' a 
sheomar fhein, agixs chaidh a bhrathair a chadal. 

Dh' eirich Shemsedin gu math moch ; s a' mhadainn, 
agus chaidh e do 'n luchairt far an robh an righ a' 
deanamh deiseil gu falbh a shealgaireachd. 



63 



Chuir Nuredin seachad an oidhche gle neo-fhoisedl ; 
agus air dha bhith smaoineachadh air na thainig eadar & 
fhein s a bhrathair, thuig e nach robli e n comas dha 
fuireach comhladli ri bhrathair na V fhaide. Gu math 
trath air an latha cheannaich e miulaid, agxis an deis dha 
airgiod is seudan is biadh, agns gach ni eile a bhiodh 
feumail dha air son a thurnis fhaighinn deiseil, dh' fhalbh 
e. Ach mu n d' fhalbh e, thuirt e ris an lnchd-mninntir, 
nach robh duil aige bhith o n taigh ach beagan laithean. 

An uair a dh fhalbn e a Cairo, mharcaich e direach 
rathad fasach Arabia ; ach an uair a thug a' mhiulaid 
thairis leis an sgios ; cha robh aige ach a chas a ghabhail. 

An uair a bha e fas gu math sgith, thainig fear-turuis 
a bha 'dol gu mige Balsora na rathad, agus thog e air a 
chulaobh e. An uair a rainig iad Balsora, thainig 
Nuredin air lar, agus thug e moran taing do *n fhear- 
thuruis. 

An uair a bha e g amharc ah son aite-fuirich. 
chunnaic e duine urramach a' tighinn an rathaid a bha e, 
agus coisridh mhor comhladli ris. Bha n sluagh gu leir 
a' toirt urram do n duine so, agus bha iad a' seasa-mh far 
an robh iad fad 's a bha e gabhail seachad orra. Sheas 
Nuredin mar a rinn each. B' e n duine so an t-ard- 
chomhairleach aig righ Bhalsora, a^us bha e 'dol troimh 
n bhaile feuoh am faiceadh e an robh muinntir a' bhaile 
g an gluasad fhein gu h-iomchuidh. 

Thachair do n duine so amharc an taobh a bha 
Nuredin, agus an uair a thug e an aire gun robh xii 
eiginn neo-chumanta tlachdmhor 'na chruth s na. choslas, 
blieachdaich e gu dluth air. An iiair a thainig e dluth 
dha 's a thug e an aire gun robh e ann an eideadh fir- 
siubhail, sheas e laimh ris, agus dh' fheoraich e dheth oo 
e, agus co as a thainig e. 



64 



" Le 'r cead," arsa Nuredin, " is Eiphiteach mi a 
rugadh aim am baile Chair o. Dh' fhalbh mi as do bhrigh 
gun robh dluth-charaid dhomh neo-chaoimhneil rium. 
Agus chuir mi romham gun siublilainn an saoghal, agus 
eadhoin gu'm fuiliginn am bas a roghainn air tilleadh 
dhachaidli." 

An uair a chual' an t-ard-chomhairleach na briathran 
so, thuirt e, " A mhic, thoir an aire dhut fhein; na lean 
an cursa a chuir thu romhad ; cha 'n 'eil anns an t-saoghal 
ach trioblaid is truaighe. Cha 'n 'eil thu tuigsinn ciod e 
an cruaidh-fhortan a dh' fheumas tu 'fhulang. Thig 
comhladh riumsa; is docha gun toir mi ort na nithean a 
chuir as do dhuthaich fhein thu a dhichuimhneachadh." 

Lean Nuredin an t-ard-chomhairleach d' a thaigh 
fhein, agus ann an uine ghoirid dh' fhas iad gu math 
eolach air a cheile. Mar a b' eolaiche a bha 'n t-ard- 
chomhairleach a' fas air Nuredin, is ann bu mheasaile a 
bha e 'fas air. Mu dheireadh bha leithid de thlachd aige 
dha 's gu'n dubhairt e ris air latha araidh, " A mhic, tha 
mi, mar a tha thu 'faicinn, air fas cho aosda 's nach eil e 
coltach gu'm bi mi beo< moran na 's fhaide. Tha aon 
nighean agam a tha iris aig aois posaidh, agus tha i na 
boirionnach a tha cheart cho briagha riut fhein. Bha 
caochladh dhaoine cho urramach 's a th' anns an riogh- 
achd 'g a h-iarraidh orm gus a. posadh ri 'n cuid mhac, ach 
cha robh toil agam a toirt seachad. Tha tlachd agam 
dhiotsa, agus tha mi 'smaointean gu'm bheil thu cho 
airidh air mo nighean fhaotainn 's gur fhearr learn a. toirt 
dhut na do aon sam bith a bha 'g a h-iarraidh ; agus mar 
sin tha mi deonach thu 'g a, posadh. Ma tha thusa 
deonach, innsidh mi do 'n righ mu 'n chuis, agus guidliidli 
mi air gu'n dean e thusa na d' ard-chomhairleach an deigli 
mo bhais. Aig a' cheart am, o 'n a tha mise feumach air 



65 



Reagan fois 'nam shean aois, cha ii e mhain gu'n toir mi 
dhut mo chuid dlie n t-saoghal, acli fagaidh mi tomlias 
mor de riaghladh na rioghachd na do lamhan."' 



CAIB. IV. 

An uair a chuir an t-ard-chomhairleach an tairgse 
chaoimhneil agus mhath so fa chomhair Nuredin leig e 
e-fhein 'na shineadh aig a chasan, agu.s air dha aideachadh 
gu'n robh e anabarrach aoibhneacli agus taingeil air son 
a chaoimhneis dha, thuirt e lis g*u'n robh e deonach ni 
sam bith a chuireadh e m' a choinneamli a dlieanamh. 

An uair a chual' an t-ard-chomliairleach so, thug e 
ordugh do stiubhartan a thaighe an talla mor a chur an 
ordugh, agus gach ulluchadli feumail a dlieanamh air son 
na bainnse. 'Na dlieigh sin thug e cuireadh do dli' uaislean 
na cuirte agus a bhaile gu tighimi thim na bainnse. 
(Amis an am dh' innis Nuredin dlia co e). An uair a 
thainig ard-uaislean a' bhaile, smaoinich e gum bu choir 
dha bruidhinn riutha mu'n chuis, air eagal g*u'm biodh eud 
air na daoine do 'n do dhiult e a nighean. Thuirt e riutha 
mar so: — "Mo thighearnaii, tha mi nis a' dol a dh' 
innseadh dliiubh ni a chum mi an cleith gTis a so. Tha 
brathah' agam a tha 'na ard-chomhaiiieach do righ na 
h-Eiphit mar a tha mi fhein aig righ na rioghachd so. 
Cha 'n 'eil aig mo bhrathair ach an aon mhac, agus o nach 
robh toil aige a mhac a phosadli ri te de mhnathan uaisle 
na h-Eipliit, chuir e an so e gus mo nighean-sa 'phosadli, 
a chum gu'm biodh an da theaghlach air an tarruinn na s 
dluithe ri 'cheile. So agaibh an duine og a tha gus mo 
nighean a phosadli. Dh' aithnich mi gu'm b' e mac mo 
bhrathar cho luath s a clumnaic mi e. Tha mi n dochas 
gu'm fan sibh an diugh aig a' bhanais." 

5 



66 



Cha robh ioghnadh sam bith air na h-uaislean a 
chioim g*u'n do roghnaich an t-ard-chomhairleach mac a 
bhrathar air thoiseaeh air a h-aon eile dhe na tairgseachan 
matha a fhuair a nighean, agus an aite diumbadh a bhith 
aca ris air son mar & bha e 'deanamh, is ami a thuirt iad 
ris gum biodli iad gle dheonach a, bhith aig a bhanais, 
Agus ghuidh iad gun tugadh Dia saoghal fada dha, a 
chum gu'm biodh toileachadh aige ann an co-cheangal ri 
posadh a nighinn. 

Chruinnich uaislean na cuirte thun na bainnse an uair 
a thainig am feasgar, agms shuidh iad aig an dinnch*. An 
deigh dhaibh a bhith uine mhath aig a' bhord, chuireadh 
measan dhe gach seorsa, an cursa mu dheii-eadh, nan 
lathair, agus ghabh iad na thainig riutha dlieth. An sin 
thainig na sgriobhadairean a steach, agns an uair a sgriobh 
iad cumhnantan a' phosaidh, chuir na h-ard-uaislean an 
ainm ris mar fhianuisean. 

An uair a bha gach ni seachad, thug an t-ard-chomh- 
airleach ordugh do na seirbhisich an soitheach-faragaidli a 
bhith deiseil aca, a chum guìn faraigeadh Nuredin e fhein. 
Fhuaradh aodaichean-cuim deiseil ag-us gach ni eile a 
bhiodh feumail dha. 

An uair a chuir e uime an deise so, chaidh e far an 
robh 'athair-ceile. Agus an uair a, chunnaic 'athair-ceile 
cho maiseach ; s cho tlachdmhor 's a bha e na choltas, bha 
e anabarrach toilichte. Thug e air suidhe ri 'thaobh, agns 
thuirt e, " A mhic, dh' innis thu dhomh co thu, agus an 
suidheachadh amis an robh thu ann an cuirt na h-Eiphit„ 
Dh' innis thu dhomh mar an ceudna, gun d' thainig ni 
eiginn eadar thu fhein s do bhrathair a. thug art tir de 
dhuthchais fhagail. Bu mhath learn gun leigeadh tu ris 
cV inntinn dhomh gu saor, agTis gun innseadh tu dhomh 
ciod a b' aobhar gun deachaidh tu fhein 's do blirathai)- 
thar a cheile ; oir cha n eil a nis aobhar sam bith agad 



67 



air teagamh a chur annam, no air ni sam bith a chumail 
an cleith arm." 

Dh' innis Nuredin dim a h-uile car mar a cliaidh e 
fhein 's a bhrathair thar a, cheile. An uair a chual' an 
t-ard-chomhairleach ma na thainig eatorra, rinn e lascan 
gaire, agus thuirt e, '* Is e so rud cho neonach ; s a chuala 
mi riamh : am bheil e comasach, a mhic, gun deachaidli 
sibh thar a cheile mu thimchioll posaidh nach do thachah 
aig an am! Tha mi doilich gun deachaidli tn fhein 's do 
bhrathair aimhreit air son ni cho' suarach. Ach cha: robh 
e ceart dhasan fearg a, bhith air rititsa 's gim thu 
ach mar mhagadh. Bu choir dhomhsa, air a shon sin, a 
bhith taingeil gTi'n deachaidli sibh aimhreit o '11 a fhuair 
mi mac air a, shailleamh. Ach tha e nis air fas anamoch, 
agus tha *n t-am agad a dhol a laidhe. Tha do bhean 'g 
ad fheitheamh aniis an leabaidh. Am maireach bheir mi 
an lathair an righ thu, ag*us tha mi n dochas gu n toir e 
urram dhut air a leithid a dhoigh s gu m bi sinn le cheile 
riaraichte. ' 

Dh' fhag Nuredin oidhche nihath aig athair ceile, agus 
chaidh e do n t-seomar anns an robh 'bhean. 

Tha e anabarrach comharraichte, arsa Griafar, gun do 
phos Shemsedin ami an Cairo, air a' cheart latha air an 
do phos a bhrathair, Nuredin ann am Balsora. So mar a 
thachair : — 

An deigh do Nuredin falbh a Cairo, le run nach till- 
eadh e gn brath tuilleadh, bha Shemsedin, a bhrathair, a 
dh' fhalbh a shealgaireachd an cuideachd an righ, mios 
gun tilleadh air ais ; oir bha n righ ro dheidheil air sealg- 
aireachd, agus bu trie leis a bhith nine mhor amis a 
bheimi sheilg. An uair a thill Shemsedin dhachaidh, 
ghrad chaidh e do sheomar a bhrathar an duil gun robh 
e aim roimhe. Ach, ghabh e ioghnadh mar an uair a dh' 
innseadh dha gun d' fhalbh a, bhathair o n taigh air a' 



68 



cheart latha air an d' fhalbh e fhein do n bheinn sheilg 
comhladh ris an righ, agus nach cualas guth no iomradh 
m' a dheidhinn, ged a thuirt e an latha dh' fhalbh e, gun 
tilleadh e, air ais an ceann a dha no tri laithean. 

Chuir so dragh mor air Shemsedin, g*u h-araidh a- 
chionn gun robh e 'creidsinn gur e na. briathran searbh a 
labhair e ri 'bhrathair a thug air cul a chur ri tir a 
dhuthchais. Chuir e teachdaire air a thoir gu ruige 
Damascus agus Alepo, ach bha Nuredin 's an am aim am 
Balsora. 

An uair a thill an teachdaire 's gun sgeul aige air 
Nuredin, bha duil aig ohemsedin forofhais a dheanamh 
m' a dheidhinn ann an aiteaehan eile. Ach anns an am 
bha e 'smaoineachadh air posadh, agus ann an uine ghoirid 
na dheigh sin, phos e nighean fir dhe na tighearnan a 
bh' ann an Cairo. Thachair dha. posadh air a cheart 
latha air an do phos a bhrathair nighean an ard-chomh- 
airlich ann am Balsora. 

Cha b' e so uile mar a. bha ; ach thachair air a' cheart 
latha air an d' rugadh nighean do Shemsedin ann an 
Cairo, gu'n d' rugadh mac do^ Nuredin ann am Balsora, air 
an d' thugadh Bedredin Hasan mar ainm. 

Leis cho aoibhneach 's a bha 'n t-ard-chomhairleach 
ann am Balsora. gu'n d' rugadh ogha dha, thug e cuirm 
mhor do mhaithean a' bhaile, agus thug e tiodhlacan do na 
bochdan. Agus a chum gu'n nochdadh e do Nuredin gu'n 
robh meas mor aige air, chaidh e do 'n luchairt far an 
robh an righ, agus ghuidh e gu h-umhail air gu'n deanadh 
e Nuredin 'na ard-chomhairleaeh, a, chum gu'm biodh 
de thoileachadh aige 'fhaicinn anns an dreuchd urramaeh 
so mu 'm faigheadh e fhein am bas. 

Bha meas mor aig an righ air Nuredin riamh o 'n 
latha chunnaic e 'n toiseach e, agus o 'n a. bha gach neach 
a chuir eolas air a' labhairt gu math uime, rinn e mar a, 



69 



gliuidh an t-ard-chomhairleach air, agus dh' ordaich e do 
Nuredin trusgan ard-chomhairlich a chur uime. 

Air an ath latha, an uair a chunnaic an t-ard-chomh- 
airleach a chhamhuinn air cheann comhairle an righ, far 
am bu ghnath l&is fhoin a bhith, agus cho ordail 's a bha 
e 'deanamh a dhleasdanais, bha e cho aoibhneach ; s a 
b' urrainn a bhith. Rinn Nuredin a dhleasdanas cho 
math 's gu'n saoileadh duine sam bith gu'n robh e fad uile 
laithean a bheatha anns an dreuchd. Lean e air a< bhith 
suidhe air cheann na comhairle o am gu am, an uair a 
bhiodh 'athair-ceile ann an droch shlainte tre anmhuinn- 
eachd na h-aoise. 

An ceann cheithir bliadlina na dheigh sin dh' eug 
'athair-ceile. Aig am a bhais bha e ro thoilichte gu'n 
robh a chliamhuinn 'na dhuine ro urramach, agus gu'n 
robh a h-uile coltas gu'm biodh 'ogha, nam biodh e beo 
gu aois fearachais, na dhuine measail, cliuiteach mar an 
oeudna. 

Chuir Nuredin an gniomh an dleasdanas deireannach 
dha 'athair-ceile ann an spiorad graidh is taingealachd. 

An uair a bha Bedredin Hasan seachd bliadlina dh' 
aois, fhuaradh fear-teagaisg dha cho math 's a bha^ ri 
'fhaighinn. Bha e air a theagasg aims gach foghlum a 
bha freagarrach air son a shuidheachaidh. Bha. e na 
leanabh cho turail, glic, geur-chuiseach, agus cho math 
gu foghlum a thogail ri leanabh a b' urrainn a^ bhith. 

Bha Bedredin Hasan da bhliadhna. fo theagasg an 
duine so, agus cha b' e mhain gu'n leughadh e an Coran 
gu math, ach dh' ionnsaich e air a theangaidh e mar an 
ceudna, 'N a dheigh sin fhuaradh luchd-teagaisg eile dha, 
agus thainig e air aghart cho math ann am foghlum 's 
gu'n robh e lan-ionnsaichte aig aois da bhliadhna dheug. 
Aig an am so bha e cho maiseach na ghnuis, agus cho 
tlachdmhor anns gach doigh 's gu'n robh gach neach a 
chitheadh e a' gabhail tlachd dheth. 



70 



G-us an d' rainig e an aois so, cha d' thugadh an lathair 
uaislean nai ouirte e. Ach a nis thugadh do 'n luchairt e, 
a chum gun tugadh e pog do lamh an righ. An uair a. 
chunnaic an righ e, nochd e gun 'robh meas mor aige air. 
Ghabh an sluagh a chunnaic air na sraidean e tlachd mor 
dheth, agus thug iad mile beannaohd dha. 

O n a bha toil aig athair gu'm biodh e 'na ionad fhein 
an deigh a bhais, rinn e gach ni a ghabhadh deanamh a 
chum a dheanamh freagarrach air son an dreuchd aird 
agTis urramaich sin. A dh' aon fhacal, rinn e gach ni a 
ghabhadh deanamh a chum a mhae a chur air aghart amis 
an t-saoghal. Ach an uine gun bhith fada, thainig tinneas 
tromh air ; agus an uair a thuig e nach robh am bas fada 
uaithe, rinn e deiseil air son a' bhais. 

Anns na laithean deireannach cha do dhichuimlmich e 
a mhae Bedredin. Chuir e fios air a dh' ionnsuidh taobh 
na leapadh, agus thuirt e ris, " A mhic, tna thu 'faicinn 
nach mair an saoghal so ach uine ghoirid; cha 'n ; ©il ni 
sam bith a mhaireas ach an saoghal a, dh ionnsuidh am 
bheil mise 'dol gTin dail. Feumaidh tu, air an aobhar 
sin, deanamh deiseil a, so suas gus an saoghal so fhagail, 
mar a tha mise 'deanamh. Feumaidh tu ulluchadh a 
dheanamh gun ghearain sam bith, a chivm nach bi do 
chogais 'g ad agairt air son nach do chaith thu do bheatha 
mar dhuine onarach. Fhuair thu eolas o do luchd- 
teagaisg mu thimchioll nan nithean a bhuineas do n fhior 
chreideamh. Agus a thaobh nan dleasdanasan a tha mar 
fhiachan air daoine onarach a chur an gTiiomh, bheir mise 
beagan fiosrachaidh dhut, agus tha mi 'n dochas gun dean 
thu feum math dheth. O 'n a tha e feumail gu'm biodh 
fìosrachadh aig duine mu thimchioll fhein, agus o nach eil 
e comasach dhutsa am fiosrachadh so fhaotainn gns an 
innis mise dhut e, innsidh mi nis dhut e. 



71 



CAIB. V. 

il Tha mise de ghnath mhuinntir na h-Eiphit. Bha m' 
athair agus mo sheanair 'nan ard-chomhairlich aig righ na 
h-Eiphit. Bha n t-urram so agamsa mi-fhein, agus aig 
brathair d' athar mar an ceudna.. Is e ainm blrrathar 
d' athar, Shemsedin, agus tha mi 'smaointean gum bbeil 
e beo fhathast. B' eiginn dhomhsa falbh as an Eiphit, 
agus tighinn do 'n duthaich so far an d' fhuair mi air 
aghart a dh' ionnsuidh an t-suidheachaidli aird anns am 
bheil mi nis. Ach tuigidh tu na nithean so na 's fhearr 
an uair a leughas tu na. sgriobhaidhean so a tha mi toirt 
dhut." 

Aig a cheart am thug Nuredin am mach leabhar- 
pocaid as a bhrollach a sgriobh e 1© laimh fhein, agus a 
bha e n comhnuidh a cumail 'na phocaid, agus an uair a 
thug e do Bhedredin Hasan e, thuirt e, " Gabh an leabhar 
so, agus leugh e an uair a bhios uine agad ; agus gheibh 
thu fìos ann, am measg nithean eile, air an latha air an 
d' rugadh thu. Is docha gum bi am fiosrachadh so 
feumail dhut 'na dhedgh so, air an aobhar sin, is coir dhut 
an leabhar a ghleidheadh gu curamach. 

Bha Bedredin cho muladach an uair a chunnaic e an 
staid amis an robh athair, agus an uair a chual' e na 
briathran a labhair e ris 's nach b' uiTainn e cumail o 
shileadh nan deur an uair a, ghabh e an leabhar as a 
laimh, agus a gheall e nach dealaicheadh e ris gu brath. 

Aig a' cheart am thainig laigse air Nuredin, agus bha 
h-uile coltas air gu'n robh ceann a shaoghail air tighinn; 
ach chaidh e na b' fhearr, agus labhair e na briathran 
so : — 

" A mhic, is i so a.' cheud chomhairle a bheir mi ort. 
Na leig leis a h-uile duine a bhith tuilleadh is eolach ort. 
Is e 'n doigh air a bhith sona, d' inntinn a chumail dhut 



72 



fhein, agus an aire a thabhairt nach innis thu gach ni a 
bhios air do smaointean do dhaoine eile. 

" Is i an ath chomhairle, Na dean foirneart air neach 
sam bith ; oir ma ni, bheir thu air a h-uile neach gu'm 
bi fuath aca dhut. Tha coir agad air amharc air an 
t-saoghal mar a dh' amhairceas tu air fear aig am biodli 
nachan ort, agus do 'm bheil e mar do dhleasdanas meas- 
arrachd, truas, agus fad-fhulangas a nochdadh. 

" Is i treas comhairle, Na abair facal an uair a bheirear 
masladh dhut; oir, mar a tha 'n sean-fhacal ag radh, An 
neach a dh' fhanas samhach, tha e ; mach a cimnart. An 
nair a bheirear masladh dhut, tha e g"u sonsraichte feumail 
dhut a bhith na do thosd. Tha fhios agad air na 
briathran a lab-hair am bard, Tha bhith tosdach na 
mhaise agus 'na dhion do ar beatha. Cha bu choir do ar 
briathran a bhith mar uisge trom a mhilleas gach ni. 
Cha robh aithreachas air duine riamh air son cho beag 's 
a labhair e, ach bha aithreachas air moraii air son a' 
mheud s a labhair iad. 

"Is i an ceathramh comhairle, Na ol fion, oir is e am 
fìon is mathair-aobhair do gach uile mhi-bheus a th' anns 
an t-saoghal. 

" Is i an coigeamh comhairle, Bi gleidhteach air do 
mhaoin; ma sgapas tu do mhaoin, thig thu gu bochdain, 
agus cha bhi ni agad a chumas suas thu. Cha 'n 'eil mi 
'ciallachadh gur con dhut aon chuid a bhith ro spiocach 
no tuilleadh is fialaidh ; oir ciod sam bith cho beag ; s a 
bhios do mhaoin, ma bheir thu 'n aire mhath dhi, agus 
gun cnir thu gu buil i mar is coir dhut, bidh cairdean gu 
leor agad. Ach air an laimh eile, ged a bhiodh saoibhreas 
mor agad, agus tu 'deanamh droch flieum dheth, cuiridh 
sluagh an t-saoghail gu leir cul riut." 

A dh' aon fhacal, lean Nuredin air comhairleachadh a 
mhic g-us an do thilg e an anail. Agus an uair a dh' eug 



73 



e, dh' adhlaiceadh e leis gach urram air an robh e dligh- 
each. 

Bha Bedredin cho tursach an deigli bas 'athar 's gu'n 
d' fhan e da mhios gun dol am mach air an dorus, an aite 
aon mhios, mar a. bha cleaehdte 's an duthaich. Anns an 
uine so cha. d' rinn e uiread 's a> dhol aon uair do chuirt 
an righ. Air son an dearmaid so bha diumbadh mhor aig 
an righ air ; oir bha e meas gu'm b' ann le mi-churam 
agus le suaraehas a dhearmaid Bedredin a dhleasdanas. 
Air an aobhar sin chuii' e fear eile ann an dreuchd na 
h-ard-chomhairle na aite. Agus dh' ordaich e do n ard- 
chomhairleach ur greim a dheanamh air gach taigh is 
fear ann, agus gach ni eile ris an t-saoghal a bhuineadh do 
dh' athair Bhedredin, agus gun ni sam bith fhagail aig* 
Bedredin. Dh' ordaich e mar an ceudna Bedredin a 
thoirt 'na lathair mar phriosanach. 

Gun dail sam bith chaidh an t-ard-chomhairleach ur 
agus buidheann mhor de mhaoir s de dh' oifigich na cuirte 
gu taigh Bhedredin gus ordugh an righ a chur an gniomh. 
Ach thachair gun d' fhuair aon de sheirbhisich Bhedredin 
fios air mar a bha cuisean air thuar a bhith, agus ruith e 
dhachaidh cho luath s a b' urrainn e, Thachair a 
mhaighstir ris 'na shuidhe anns an t-seomar 's e cho 
tuirseach s ged nach biodh 'athair marbh ach latha no 
dha. Leig e e-fhein air a> ghluinean aig a chasan, agus an 
uair a phog e iomall a thrusgam, thuirt e, " Mo thigh- 
earna, gabh curam dhe d' bheatha gun dail.'' 

Thog Bedredin a cheann, agus thuirt e, " Ciod a tha 
cearr? Ciod an naigheachd a th' agad?" 

" Mo thighearna," ars' esan, " cha 'n 'eil uine sam bith 
ri chall; tha corruich uamhasach air an righ ribh, agus 
tha buidheann dhaoine a' tighinn uaithe gus greim a 
dheanamh air a h-uile ni a bhuineas dhuibh, agus gus sibh 
fhein a ghlacadh mar phriosanach." 



74 



Chuir na briathran so a labhair a sheirbhiseaeh dilea»s 
ris dragh mor air inntinn Bhedredin. " Am bi uine gu 
leor again gus airgiod is seudan a thoirt learn?" 

" Cha bhi, cba bhi, ars' an seirbhiseach, " bidh an 
1>ard-chomhairleach agus na maoir an so ann an tiotadh. 
Bi grad fhalbh ; saor thu fhein gnn dail." 

Ghrad dh' eirich Bedredin as an aite 's an robh e 'na 
shuidhe, agus chuir e uime a bhrogan. Agus an uair a 
dh.' fhalaich e aghaidh le iochdar a thrusgain air eagal 
gun aithnichteadh e, theich e s gun fhios aige co n taobh 
a ghabhadh e. 

B' e cheud smaointean a bhua.il ; na. cheann, ruith am 
mach air geata a bbaile cbo luatli ; s a b" urrainn da. 
Kuith e cho luatli s a> leigeadli a chasan leis gus an 
<T rainig e an t-ait-adlilacaidh, agus o n a bha n oidhche 
air tuiteam, cliuir e roimhe gu'n cuireadh e seacliad an 
oidhche aig uaigh 'athar. 

Air an rathad thacliair Iudliach beairteach ris, a bha 
J na bhancair agus na mharsanta, agus a bha aig an am a' 
tilleadh dhachaidh do n bhaile an deigh dha bhith air 
cheann gnothaich araidh a bhuineadh dh' a dhreuchd. 

Dh' aithnich an t-Iudhach Bedredin, agus sheas e a 
chur failte air gu cridheil. An deigh do n Iudhach failte 
a chur air, thuirt e, u Mo thighearna am bheil e dana 
dhomh 'fheoraich dhibh c'ait am bheil sibh a' dol mil 'n 
am so 'dh' oidhche n ur onar, ag-us coltas cho bronach 
oirbh? An do chuir ni sam bith tuairgneadh oirbh?" 

" Chuir/' arsa Bedi'edin ; " o chionn greise bha mi 
nam chadal, agus thainig m ; athair far an robh mi ann 
am bruadar, agus e 'g amharc orm le mor ghruaim, mar 
gum biodh e anabarrach feargach rium. Dhuisg mi le 
clisgeadh as mo chadal, agns ghrad thainig mi gus 
urnuigh a dheanamh air an uaigh aige." 



75 



" Mo thighearna, ars' an t-Iudhach ( ; s gun fhios aige 
car son a dh' fhalbh Bedredin as a' bhaile), " bha meas 
mor agam air d' athair, agus tha. fhios agam gu'n robh 
moran bathair aige ann an caochladh loingeas nach d' 
thainig fhathast gu calla ; agus o n a bhuineas iad 
dhutsa, tha mi 'g iarraidh ort mar fhabliar gun reic thu 
rium iad gun tairgse a thoirt do mharsanta, sam bith eile. 
Tha mi comasach air airgiod ullamh a, phaigheadh dhut 
air son do chuid loingeas. Ma bheir thu dhomh a cheud 
fheadhain a thig gu calla, g*u sabhailte, bheir mi dhut, mar 
a,' cheud chuid de 'n luach, mile bonn oir." 

An uan a thuirt e so, thug e poca 'mach as a 
sgiorplach, agus nochd e do Bhedredin e, 

O ; n a bha Bedredin air 'fhogradh am mach as a 
thaigh, agus air a chuid dhe n t-saoghal a chall, chunnaic 
e gu n robh an tairgse so mar gu m biodh fabhar a gheibh- 
eadh e o neamh, agus ghabh e toilea-ch i. 

" Mo thigheama," ars' an t-Iudhach, u tha thu reic 
rium air son mile bonn oir, luchd na ceud luinge a thig 
gu sabhailte do 'n acarsaid ?" 

" Tha, air son mile bonn," arsa Bedredin. 

An uair a chual' an t-Iudhach so, thug e am poca 
aims an robh am mile bonn oir do Bhedredin, agus dh' 
iarr e air an cuimtas. 

An eagal a bhith 'ciu- seachad na h-uine, thuirt 
Bedredin ris gu n gabhadh e aig fhacal e. 

" n a tha thu deonach sin a dlieanamh," ars' an 
t-Iudhach, " bidh tu cho math 's gu n toir thu dhomh 
sgiiobhadh air a' bharagan a rinn sinn." 

An uair a thuirt e so, thug e mach an ince a bh' aige 
fo 'n chrios, agus peami is paipear, agus sgriobh Bedi'edin 
na briathran so : — 



76 



" Tha 'n sgriobhadh so a' dearbhadh gun d' thug 
Bedredin Hasan, a Balsora, do Isaac, an t-Iudhach, luchd 
na ceud luinge a thig do 'n acarsaid, air son mile bonn oir. 
Bedredin Hasan, a Balsora." 

Thug e 'n sgriobhadh so do 'n Iudhach, agus dhealaich 
e ris. 

Am feadh s a bha, Isaac air an rathad do 'n bhaile, 
bha Bedredin air an rathad a dli' ionnsuidh uaigh 'athar 
An uair a. rainig e i, chrom e e-fhein sios gu lar, agus le 
cridhe bronach 's le suilean deurach, bha- e 'gearain air a 
shuidheachadh truagh. " Ochan \" ars' esan, " a Bhed- 
redin a chi^uaidh fhortain, ciod a dh' eireas dhut 1 ? C'ait' 
an teich thu g' ad dhion fhein o gheur-leanmhuinn an righ 
euooraich? Nach bu leor a bhith fo bhron air son bas 
athar chaoimh? Am feumar tuilleadh a chur ris a' mhi- 
fhortan a thainig 'na d' rathad?" 

An uair a bha e uine mhor na shineadh 's e caoidh s 
a' gearain mar so, dh' eirich as a! bhad 's an robh e, agus 
leig e e-fhein air 'uilinn air an uaigh 's a cheann ri taic na 
lice. Bha e ; n uair sin na bu bhronaiche na bha e riamh, 
agns an uair a bha e anns an t-suidheachadh so uine 
fhada, thuit e mu dheireadh 'na chadal. 



CAIB. VI. 

Cha robh e fada na chadal an uair a thainig fathach far 
an robh e. Bha am fathach so, mar bu ghnath le 
'sheorsa , a' cur sea chad an lath anns an ait-adhlacaidh, 
agns a' falbh air feadh an t-saoghail air an oidhche. An 
uair a chunnaic e Bedredin 'na chadal air uaigh 'athar, 
bheachdaich e gu dluth air, agus ar leis nach fhac' e duine 
riamh cho briagha ris. Thuirt e ris fhein, " Is ann a tha 
'n creutair maiseach so coltach ri aingeal a chuireadli Dia 



77 



a nuas a P arras a. chum daoine an t-saoghail so a 
bhrosnaehadh gu teas ghradh a thoirt dha air son a mhor 
mhaise.'' 

Mu dheireadh, an uair a bha 'm fathach greis mhath 
a' beachdachadh air Bedredin, dh' fhalbh e air iteig do n 
iarmailt. 

Cha robh e fad air falbh an uair a. thachair bean- 
shithe ris, agus chuir iad failte air a cheile. 'Na dheigh 
sin thuirt e rithe, Thig a nuas do 'n ait-adhlacaidh 
comhladh riumsa far am bheil mi 'fuireach, agfus nochd- 
aidh mi dhut duine a tha anabarrach briagha, agus a 
thaitneas riut cho math 's a thaitinn e riumsa." 

Dh ; aontaich a' bhean-shithe leis, ag*us ann am priob- 
adh na sul bha iad aig an uaigh. 

" Seall air sin," ars' am fathach ris a' bhean-shithe, 
agus e 'comharrachadh am mach Bhedredin dhi. " Am 
faca tu duine og riamh cho deas 's cho dealbhach ? s cho 
maiseach ris?" 

An uair a bheachdaich a' bhean-shithe gu math dJuth 
air Bedredin, thuirt i ris an fhathach, " Tha mi 'g aid- 
eachadh gu'm bheil e na dhuine anabarrach maiseach. 
Ach tha mi 'n drasta fhein air tighinn a^ Cairo far am faca 
mi an aon bhoirionnach a's briagha 'chunnaic suil riamh. 
Is i moran is briagha na'n duine og so ; agus ma dh' 
eisdeas tu rium, innsidh mi dhut naigheachd iongantach 
m' a deidhinn." 

" Bidh mi ; n ad chomain ma dh' innseas tu an naigh- 
eachd sin dhomh," ars' am fathach. 

"Tha ard-chonihairleach aig righ na h-Eiphit," ars' 
a bhean-shithe, " do 'n ainm Shemsedin, agns tha aon 
nighean aige a, tha> mu fhichead bliadhna! dh' aois. Cha 
'n fhacas boirionnach riamh cho briagha rithe. Chual' 
an righ gu'n robh i anabarrach briagha, agus an latha 
roimhe chuir e fios air a h-athair, agus thuirt e ris, Tha 



78 



mi tuigsinn gu'm bheil nighean agad a th' aig aois pos- 
aidli : agus tha toil agam a posadh : am bheil thu 
doonach a toirt dhomh V " 

An uair a chual' an t-ard-chomhairleach an ni a bh' 
aim am beachd an righ, s"liabh e dragh mor, agus an aite 
an tairgse a ghabhail le mor aoibhneas mar a dheanadh 
iomadh fear ai bhiodh 'na aite, fhreagair e an righ, agus 
thuirt e ris, " Le 'r cead, a righ, cha ii 'eil mise airidh air 
an urram a tha sibh toileach a chur orm, agus tha mi le 
mor umhlachd a' guidhe oirbh gu'n toir sibh mathanas 
dhomh a chionn nach 'eil mi deonach deanamh mar tha 
sibh ag iarraidh. Tha fhios agaibh gun robh brathair 
agam do 'm b' ainm Nuredin, aig an robh a dh' urram, 
mar a th' agam fhein, a bhith 'na ard-chomhairleach 
agaibh. Thainig ni eiginn eadrainn, a thug ah- an riogh- 
achd fhagail le cabhaig. Agus o 'n uair sin cha chuala 
mi iomradh air gus o chionn cheithir latha, an uair a 
chuala mi gun do dh' eug e ann am Balsora, far an robh 
e 'na ard-chomhairleach aig an righ. 

" Dh' fhag e aon mhac ; na dheigh, agus bha cordadh 
eadrainn gu'm posadh a mhac-san mo' nighean-sa, nam 
biodh mac is nighean againn. Agus tha mi deimhin gu'n 
robh an ni so na bheachd-san an uair a, dh' eug e. Agus 
o 'n a tha toil agam cumail ris a' chordadh a bh' eadraimi, 
tha mi 'guidhe oirbh gu'n leig sibh learn seasamh ris. 
Tha moran de thighearnan eile anns a.' ohuirt aig am bheil 
nigheanan mar a, th' agamsa, air am faod sibh, ma chi 
sii^J. iomchuidh e, an t-urram sin a chur a tha sibh 
toileach a chur ormsa." 

Bha corruich mlior air righ na h-Eiphit ri Shemsedin 
a chionn a, nighean a dhiultadh dha, agus thuirt e ris, 
agus e ami am mullach na feirge, " An e so doigh anns 
am bheil thu 'g am phaigheadh air son mi bhith toileach 
mi fhein iriosleachadh cho mor 's gu'n deanainn cleamhnas 



79 



riut? Leigidli mise fhaicinn dhut gn'n dean mi diogh- 
altas ort a cliionn a' chridhe bliith agad fear eile a. 
roghnachadli do d' nighinn air thoiseach ormsa. Tha. 
mise 'toirt m' fhacail gum femn do nighean an seirbhis- 
each a's suaraiche a th agamsa, phosadh/' 

An uair a labhair an righ na briathran so, dh' ordain a 
e do 'n ard-chomhairleach e bhith grad fhalbh as i 
phealladh. Chaidh an t-ard-chomhairleach dhachaidh 
agus. e fo mhor dhragh inntinn. 

" Air an latha sin fhein chuir an righ fios air an 
t-seirbhiseach a b' isle a bh' aige anns an stabnll. Tha 'n 
seirbhiseach so 'na dhnine cho granda 's gn'n cuireadh e 
eagal air dearg mheirleach. Tha e bronnach, crotach, 
luigeach, spleadhach. An uair a dh' aithn e do 'n ard- 
chomhairleach aontachadh gu'm posadh e a nighean ris 
a chulaidh-eagail so, thug e fa near gun deantadh an 
cordadh iia lathair fhein. 

" Tha gach ulluchadh feumail air son na bainnse 
neonaich so a nis deiseil, agus tha na searbhantan a 
bhuineas do thighearnan na cuirte, aig dorus an taighe- 
fharagaidh, le an lochrainn 'nan laimh, a' feitheamh gus 
an d' thig fear na bainnse am mach an deis e fhein 
fharagadh. Tha ia-d a" dol comhladh ris far am bheil 
bea-n na bainnse. Tha i a nise an deis trusgan na. bainnse 
a chur uimpe. An uair a dh' fhalbh mise a Cairo 
choimiich na. lnnathan-uaisle mi, agus iad a.' dol g a toirt 
do 'n talla far am oheil aice ri fear na. bainnse a choinn- 
eachadh ; agus tha duil aca. ris a h-uile mionaid. Chunnaic 
mi i, agus air m! fhacal tha. i cho> briagha. 's nach urrainn 
neach sam bith gun tlachd a ghabhail dhith." 

An uair a sg-uir a' bhean-shithe de labhairt, thuirt am 
fathach rithe, " A dh' amdeoin na tha thu 'deanamh de 
mholadh oirre, cha chreid mi gur urrainn dhi a bhith na 
's briagha na 'n duine og so." 



80 



" Cha 'n 'eil mi 'dol a chonnsachadh riut mu'n chuis," 
arsa 'bhean-shithe, oir tha mi 'creidsinn gu'm bu choir 
gu'm biodh e fhein agus an creutair gradhach air am bheil 
mi 'braidhinn air am posadh ri 'cheile. Agus tha mi 
'smaointean gu'm bu mhath an obair dhuinn bacadh a 
chur air a' ghniomh eucorach a tha righ na h-Eiphit a' 
deanamh ; agus an duine og maiseach so a chur ami an 
aite na traill chrotaich, ghranda a tha 'n righ a/ toirt oirre 
a phosadh g' a h-aindeoin. 

" Tha thu gle cheart," ars' am fathach ; " tha mi 
anabarrach fada, 'n a do chomain air son na smaointean a 
chinnich 'na do cheann. Thugamaid an car as? Tha mi 
'g aontachadh gur coir dioghaltas a dheanamh air righ na 
h-Eiphit. Thugamaid comhfhurtachd do dh' athair na 
h-ighinn, ag"us thugamaid toil-inntinn do 'n nighinn an 
aite an doilgheis ris am bheil suil aice. Ni mise gacb ni 
'n am chomas a chum a' chuis a chur air aghart, agus tha. 
mi deimhin gun dean thusa do chuid fhein dhe n obair. 
Bheir mise g*u ruige Cairo e mu'n duisg e, agus na dheigh 
sin fagaidh mi gach ni 'na do lamhan-sa, agus bheir thu 
air falbh e a dh' aiteiginn eile, an uair a chi thu an t-am 
iomchuidh." 

An uair a shuidhich am fathach agus a' bhean-shithe 
eatorra fhein gach ni mar bu choir dhaibh a dheanamh, 
thog am fathach leis Bedredin g*u socrach, agus dh' fhalbh 
e leis gu ruige Cairo. Cha robh e tiotadh air an rathad. 
An uair a rainig e, leig e as Bedredin aig dorus taigh' 
osda a bha dluth air an taigh-fharagaidh anns an robh am 
fear crotach 'g a nigheadh fhein. 

Anns an am dhuisg Bedredin, agns bha ioghnadh 
anabarrach mor air an uair a fhuair e e-fhein ann am 
meadhain baile mhoir anns nach robh e riamh roimhe. 
An uair a bha e 'dol a thoirt glaodh as le ioghnadh, agus 
a dh' fheoraeh c'aite an robh e, chuir am fathach a lamh 



81 



air a ghualainn, agus thuirt e ris gun fhaeal a radh. 
Anns a' mhionaid chuir e lochrann ann an laimh Bhed- 
redin, agus thuirt e ris e dhol maille ris a' chuideachd a 
bha 'falbh o 'n taigh-fharagaidh do 'n talla aims an robh 
am posadh gus a bhith, " Tha fear na bainnse crotach," 
ars' esan, " agus tha e furasda, gu leor dhut 'aitlmeachadh. 
Bi air a laimh dheis agus grad fhosgail do sporran, agus 
thoir lan do dhuirn de n or do n luchd-ciuil 's do na 
dannsairean, agus mar an ceudna do na. searbhantan a chi 
thu ann an cuideachd bean na bainnse an uair a thig iad 
dluth dhut. Na dean caomhnadh sam bith air an or. 
Bi cinnteach gun toir thu lan do dhuirn do gach neach. 
Cuimhnich gu n dean thu gach ni a, tha mise ag aithneadh 
dhut gun drag inntinn sam bith. Na, biodh eagal ort 
roimh ni no roimh neach sam bith, agus fag a ? chuid eile 
aig neach a's airde cumhachd na thu fhein, agus cuiridh e 
cuisean ann an ordugh mar a chi e fhein iomchuidh." 

An uair a fhuair Bedredin na comhaiiiean so chaidh e 
gu dorus an taigh-fharagaidh. Las e an lochrann mar a 
a rinn na seirbhisich eile ; bha n lathair, agus dh' fhalbh 
e am measg na cuideachd mar gu'm biodh e 'na shenbh- 
iseach aig aon a dh' ard-uaislean a' bhaile. Bha am fear 
crotach a' falbh rompa 's e marcachd air aon de dh' eich 
an righ. 

Mu dheireadh rainig a' chuideachd an taigh aig 
Shemsedin, an t-ard-chomhaiiieach. B' e n duine so 
brathar athar Bhedredin, agus bu bheag a bha, e 'smaoin- 
eachadh aig an am gun robh mac a, bhrathar cho dluth 
air laimh. A chum bacadh a chur air eas-ordugh sam 
bith, bha na dorsairean a cumail nan seirbhiseach aig ;:n 
robh na lochrainn air falbh o 'n dorus air eagal gun 
rachadh iad a steach. Cha 'n fhaigheadh Bedredin a 
steach na 's mo na gheibheadh each. Ged a bha cead aig 
an luchd-ciuil a dhol a steach, cha rachadh iad a steach 

6 



82 



mur faigheadh Bedredin cead a dhol a steach comhladh 
riutha. " Ma ghabhas sibh beaehd air/' ars' iadsan r 
" tuigidh sibh nach e seirbhiseach a. th' ann. Cha 'n 'eil 
teagamh nach e coigreach a th' ann aig am bheil toil a 
bhanais 'fhaicinn.'' Agus an uair a thuirt iad so, thug iad 
leotha steach e gun taing do na dorsairean. Thug iad an 
lochrann as a laimh, agus thug iad do neach eile e. 

An uair a thugadh a steach do 'n talla e, chuireadh na 
sheasamh e aig deas laimh fir na bainnse. Bha esan 'na, 
shuidhe air langsaid ri taobh bean na bainnse. 

Ged a bha bean na bainnse air a h-eideadh ann an 
trusgan anabarrach maiseach, bha, 'h-aghaidh a' nochdadh 
gun robh i air a lionadh le doilghios agus le bron. Cha 
robh so a' cur ioghnaidh air neach sam bith a chitheadh 
an creutair duaichnidh a bha 'n righ a' toirt oirre a 
phosadh an aghaidh a toile. 

Bha mnathan uaisle na cuirte 'nan suidhe air 
cathraichean air gach taobh de sgiobadh na, bainnse, gach 
aon a reir na h-inbhe anns an robh iad. Agus bha, iad 
uile air an eideadh ann an trusgain a bha anabarrach 
maiseach, agus coinneal cheireach ann an laimh gach te 
dhuibh; agus bu chiatach an sealladh a, bhith 'g am 
faicinn. 

An uair a chaidh Bedredin a steach do n t-seomar, cha 
b' urrainn do na mnathan uaisle an suilean a thogail 
dheth; oir bha, e anabarrach tlachdmhor na chruth, na 
choslas, agus na ghluasad. An uair a shuidh e, dh' eirich 
iad uile as an aite 's an robh iad 'nan shuidhe, agus chaidh 
iad dluth dha, a chum gum faigheadh iad sealladh ceart 
dheth. Agus an uair a shuidh iad far an robh iad roimhe, 
cha mhor nach robh iad uile ann an tram ghaol air. 



83 



CAIB. VII. 

An uair a thug a' chuideachd gu leir an aire do n deal- 
achadh mhor a bha. eadar Bedredin agus am fear crotach, 
thoisich iad ri bruidhinn 's ri monabhar 'nam measg fhein. 
Mu dheireadh thuirt na mnathan uaisle, " Feumaidh sinn 
bean na bainnse a phosadh ris an duine uasal og, 
eireachdail so, agus cha 'n ann ris an duine dhuaichnidh, 
chrotach ai chuir an righ air leith dhi." 

Cha do stad iad aig a' so, ach thoisich iad ri caineadh 
an righ, a, chionn gun d' ordaich e gu'm biodh ami boir- 
ionnach cho briagha 's ai bh' anns an rioghachd air a 
posadh ris an aon fhear cho granda .'a a bh' inn to gTi leir. 
Thoisich iad mar an ceudna ri magadh air fear na. bainnse 
's ri 'ruith sios, air chor s gun d' thug iad uaithe a 
mhisneach buileach glan. Mu dheireadh chaidh a,' chuid- 
eachd gu leir gu leithid de bhruidhinn 's gu'm b' eiginn 
do 'n luchd-ciuil sgm de chluichd. 

Thoisich an luchd-ciuil a. rithist ri cluichd, agus thainig 
na mnathan a. bha cur 'nan trusgan air bean na bainnse 
far an robh i. Bha e mar chleachdadh anns an am 
trusgan ur a chur air bean na. bainnse seachd uairean, 
agus a toirt an lathair fir na. bainnse a h-uile uair a 
chuirteadh trusgan ur uimpe a chum umhlachd a. thoirt 
dha. Ach a h-uile uair a. chuirteadh trusgan ur uimpe a 
chum umhlachd a thoirt do n fhear chrotach, is ann a. bha 
i 'gabhail seachad air gun uiread is suil a. thoirt an taobh 
a bha e, agus a' dol far an robh Bedredin 'na shuidhe. A 
h-uile uair a. thigeadh bean na bainnse far an robh 
Bedredin agus an trusgan ur uimpe, bha e 'toirt lan a 
dhuira dhe 'n or do na mnathan-coimhideachd a bha 'frith- 
ealadli dhi. Bha e 'toirt an oir do 'n luchd-ciuil 's do na 
dannsairean mar an ceudna.. Bu spors a bhith 'g am 



S4 



faicinn a' putadh a cheile fetich co 'gheibheadh gTeim air 
an or a blia e 'tilgeadh uca. 

Bha iad glo thaingeil dha, ag*us bha. iad a' leigeadh ris 
dlia gur e 'gheibheadh bean na bainnse, agus nach b' e am 
fear crotach. Bha na mnathan mar an ceudna ag radh 
ri bean na bainnse gur ann mar so a bha chuis gus a 
bhith ; agus o nach robh meas sam bith aca air an fhear 
chrotach is ann a bha iad a deanamh culaidh-mhagaidh 
dheth cho math 9 s a b' urrainn daibh. Bha 'mhagaireachd 
a bha iad a' deanamh air a' toirt toilinntinn mhor do na 
h-uile a bha lathair. 

An uair a dh' atharraich bean na bainnse na seachd 
trusgain, sguir an ceol agus dh' fhalbh an luchd-ciuil 
dhachaidh. Dh' iarradh air Bedredin fuireach far an 
robh e. Dh' fhalbh gach neach eile a bh' aig a' bhanais 
dha«haidh mar an ceudna. Thug na maighdeanan posaidh 
be^n. na bainnse leotha do 'n t-seomar anns an robh iad 
gas a h-aodach a chur dhith mu'n rachadh a cur a. laidhe. 
Cha robh anns an talla ach Bedredin agus am fear crotach, 
ag*us beagan de luchd-muinntir an taighe. 

Bha grain an uilc aig an fhear chrotach air Bedredin, 
agus sheall e gu grnamach air, agus thuirt e ris, " Co ris 
a thusa feitheamh an so? Car son nach d' fhalbh thu 
mar a rinn each? Bi falbh gu h-ealamh ! ; 

nach robh leithsgeul aig Bedredin gu fuireach na 
b' fhaide, dh' fhalbh e 's gun fhios aige ciod a dheanadh e 
ris fhein. 

An uair a bha e 'dol am mach air an dorus, thachair 
am fathach agus a' bhean-shithe ris, agns chuir iad stad air. 

" C'aite am bheil thu 'dol," ars' a' bhean-shithe; "cha 
'n 'eil am fear crotach anns an talla idir. Chaidh e inach 
air cheann gnothaich. Faodaidh tusa tilleadh, agus a 
dhol do 'n t-seomar amis am bheil bean na bainnse, Cho 
luath 's a dh' fhagar 'n ar onar anns an t-seomar sibh, 



85 

innis dhi gur tu fhein fear na bainnse, agus nach robh an 
righ ach air son spors a dheanamh air an f hear chrotach ; 
agus gus a thoileaehadh, gun d' thugadh fa near biadh 
math a dheasachadh dha anns an stabull. ; Na dheigh sin 
cum comhradh taitneach rithe cho math ; s a theid agad 
air ; oir, o n a tha thu 'na d ; dhuine cho maiseach, cha bhi 
e duilich dhut a thoirt oirre aontachadh gu n ghabh i thu. 
Aig a' cheart am bheir sinne an aire mhath nach till am 
fear crotach tnilleadh a chur dragh' oirbh. Na cumadh 
ni sam bith thu gun an oidhche ; chur seachad maille ri 
bean na bainnse, oir is e do bhean fhein a th' aim ; cha ; n 
; eil cuid no gnothach aigesan rithe." 

Am feadh ; s a bha ; bhean-shithe a toirt misnich do 
Bhedredin, agus ag innseadh dha. mar bu choir dha 
dheanamh, chaidh am fear crotach am mach as an talla 
mar a thubhairt i; oir chaidh am fathach ann an riochd 
cait a steach do 'n talla far an robh e, agus e 'miamhlaich 
gu h-eagalach. Bhuail esan a dha bhois ri 'cheile gus 
eagal a chnr air el chat ; ach an aite teicheadh is ann a 
sheas an cat air a chasan deiridh m ; a choinneamh, agus 
a dha shuil mar gum biodli da mheall teine, Bha e 'sior 
mhiamhlaich agTis a 7 sior fhas mor gus mu dheireadh an 
robh e cheart cho mor ri each. 

Chuir an sealladh so eagal mor air an fhear chrotach, 
agus ged a. bha toil aige glaodh a dheanamh feuch an 
tigeadh cuideachadh g' a, ionnsuidh, chaill e a luths cho 
mor leis an eagal 's nach b' urrainn e aon fhacal a radh. 
Gus an tiiilleadh eagail a chur air, ghrad chuir am fathach 
e fhein ann an riochd tairbh mhoir, agTis thuirt e ris, 
" Thusa, a dhearg shlaoightire chrotaich." 

An uair a. chuala am fear crotach na briathran so, thilg 
e e-fhein air an urlar, agus, le iochdar a thrusgain, dh' 
fhalaicli e 'aghaidh a chum nach fhaiceadh e am beathach 



86 



eagalach a bha m' a, choinneamh. " An righ nan tarbh," 
ars' esan, " ciod e an gnothach a th' ag agad riumsa V 

" Is an-aoibhinn dut," ars' am fathach, " am bheil de 
dhanaehd agad na dh' fheuchas ri mo bhean-sa 'phosadh ? 

" Mo thigh earna," ars' am fear crotach, •' tha mi 
guidhe ort mathanas a thoirt dhomh ; oir ma rinn mi 
cionta, is ann gun fhios dhomh. Cha robh fhios agamsa 
gun robh a' bhean uasal so a' cumail leannachd ri tarbh. 
Bheir mi m' fhacal dhut gun dean mi ni sam bith a 
dh' aithneas tu dhomh." 

" Air m' fhacal, ma theid thu 'mach a so," ars' am 
fathach, " no ma their thu aon fhacal gus an eirich a' 
ghrian am maireach, gu'm brist mi do cheann na 
bhloighean. Ach leigidh mi leat falbh a so. Grad bhi 
falbh, ag-us thoir an air© nach seall thu n a d' dheigh •; 
ach ma thilleas tu cha bhi an tuilleadh saoghail agad." 

An uair a labhair am fathach na, briathran so, chuir 
e e-fhein ann an cruth duine, ag-us rug e air chasan air an 
fhear chrotach, agus thug e 'mach as an taigh e. Chuir e 
ris a' bhalla e, agus a cheann fodha 's a chasan os a chionn. 
Thuirt e ris, " Ma ghluaiseas tu as a sin gus an eirich a 
ghrian am maireach, beiridh mi air dha chois ort. agiis 
sgailcidh mi do cheann ris a' bhalla." 

Rinn Bedredin gach ni mar a dh' aithn am fathach 
agus a' bhean shithe dha. Chaidh e do n t-seomar- 
chaidil, agus o nach robh bean na bainnse roimhe anns an 
t-seomar, shuidh e gus an tigeadh i, ag*us bha e dol fo 
smaointean cia mar a rachadh gach cuis leis. 

An ceann uine tliainig bean na bainnse. Thainig 
seana bhean leatha thun an doruis, agus an uair a dli' 
fhosgail i an dorus 's a chaidh bean na bainnse a steach, 
ghuidh i oidhche mhath dhaibh, ach chai do sheall i steach 
co bh' anns an t-seomar idir, ach ghlas i an dorus, agus 
dh' fhalbh i. 



87 



Ghabh bean na bainnse ioghnadh mor an uair a dh' 
eirich Bedredin a chur failte oirre. " Ciod is ciall dha so, 
a charaid," ars' is©. " Ciod e chuir an so* thu urn 'n am so 
dh' oidhche? Feumaidh gur tu companaeh an fhir ris am 
bheil mi posda." 

" Cha mi," arsa Bedredin. " Cha n eil buintealas sam 
bith agam ris, agus cha mho a tha eolas agam air a leithid 
de chrentair granda, crotach." 

" Am bheil fhios agad gu'm bheil thu labhairt gle 
thaireil mu 'n fhear a phos mise .?" arsa bean na bainnse. 

" Cha do phos thu idir e," ars' esan. " Na bi 
'smaointean air a leithid sin na s fhaide. Leig dhomhsa 
innseadh dhut gu'm bheil thu air do mhealladh na 
d' bharail; oir cha bhiodh e coltach gu'm biodh boirionn- 
ach briagha mar a tha thusa air a posadh ris an duine as 
grainde dhe 'n chmne-daon gu leir. Is mise, a bhain- 
tighearna, an duine a tha cho fortanach 's g-u'n d' fhuair mi 
greim ort. Air son spors dha fhein, bha 'n righ a' cur an 
ire dha d' athair gur e am fear crotach a. bha. thu dol a 
phosadh, ach is mise a roghnaich e air do shon. Dh' 
fliaodadh tu 'thoirt fa near mar a, bha na mnathan uaisle, 
an luchd-ciuil, na dainisairean, na maighdeanan posaidh, 
agus searbhantan an teaghlaich gu leir a' deanamh spors 
dhe 'n chuis. Chuir sinn am fear crotach do 'n stabull, 
far am bheil e an drasta ag itheadh an deagh bhidh a 
dheasaicheadh dha,; agus faodaidh tu bhith cinnteach 
nach fhaic thu sealladh dheth gu brath tuilleadh." 

Ged a bha 'cridhe gu bristeadh le bron an uair a chaidh 
i steach do 'n t-seomar s i 'n duil gur e am fear crotach 
a bha roimpe, dh' fhas i anabarrach toilichte an uair a 
chuala i na briathran so ; agus leis cho aoidheil s cho 
tlachdmhor 's a bha i g amharc, gabh Bedredin gaol mor 
•oirre. 

" Cha robh duil sam bith agam," ars" ise, " gu';i 
tionndadh cuisean am mach cho taitneach so ; oir bha mi 



88 



'gam dheanamh fhein cinnteacli nach biodh latha no 
oidlicli© sona agam ri mo bheo. Ach tha mi gle fhortan- 
ach gu'n d' fhuair mi fear a tha airidh air meas is urram 
is gradli 'fhaotainn uam." 

An uair a labhair i na briathran so chuir i dhith a 
h-aodach, agus chaidh i laidhe. 

Bha aoibhneas mor air Bedredin air son gu'n d' fhuair 
e bean a bha cho maiseaoh, cho tlachdmhor, agus cho 
urramach 's a bh' anns an Eiphit gu leir, agus gim daii 
sam bith chaidh e laidhe mar an ceudna. Chuir e a chuid 
aodaich air cathair, comhladh ris a' phoca anns an robh 
an t-or a thug an t-Iudhach dha.. Ach a dh' aindeoin na 
thug e seachad dhe 'n or an uair a^ bhai 'bhanais a' dol air 
aghart, bha 'm poca cho lan 7 s a> bha e riamh. Chuir e 
dheth an cionadhar (turban) a bha m a cheann, agus 
chuir e uime currachd oidhche, agus chaidh © laidhe na 
leine agus 'na hhrathais ; oir b'e so cleachdadh na 
duthchadh. 

Beagan mu'n do shoilleirich an latha, an uair a bha 
Bedredin agus a bhean gu trom 'nan cadal, choinnich am 
fathach agus a' bhean-shithe ri 'cheile, ag-us thuirt am 
fathach rithe, gu'n robh lan am aca crioch ai chur air an 
obair a ghabh iad os laimh, agus a chaidh leotha. cho math. 
" Cha n fhada: gus am bi an latha ann," ars' am fathach, 
agus feumaidh sinn crioch a. chur air ar n-obair mu'n d' 
thig an latha. Bheir thusa air falbh fear na bainnse gun 
a dhusgadh, agus fagaidh tu an aiteiginn fad as e, 



CAIB. VIII. 

Chaidh a' bhean-shithe do n t-seomar-chadail far an robh 
Bedredin agus a bhean 'n an cadal gu. trom, agus thog i 
leatha Bedredhi gun fhios gun fhaireachadh dha mar a 
bha e, sin ri radh, 'na leine 's 'na dhrathais, agus dh'fhalbh 



89 



i fhein 's am fathach leis le luaths do-labhairt, agus dh ? 
fhag iad e 'na shineadli aig geata Dhamascuis, ann an 
Siria. Rainig iad leis ann an soilleireachadh an latha, 
direach anns an am s an robh lnchd-dreuchd na h-eaglais 
a' toirt gairm do mhuinntir a' bhaile gns a dhol gn 
urnuigh na maidne. 

An uair a. dli' fhosgladh geata 'bhaile, thainig moran 
sluaigh am mach, agus bha ioghnadh gu leor orra an uair 
a chumiaic iad Bedredin 'na shineadli air an talamh 's 
gun air ach a leine 's a dhrathais. Thuirt neach dhiubh, 
" Bha am fear so ann an taigh anns nach robh ornothach 
aige bhith, agus thainig a' chuis cho cabhagach air 's nach 
d' fhuair e uine air a. chuid aodaich a. chur uime." 

" Seall sibhse," arsa neach eile, " mar a ni daoine 
culaidh-bhruidhne dhiubh fhein. Cha 'n 'eil teagamh nach 
do chaitli e a chuid bu mho dhe 'n oidhche ag ol agus an 
sin, is docha gxin deachaidh e 'mach, agus an aite tilleadh, 
gu'n do thuit e na chadal." 

Bha feadhain eile de chaochladh bharailean ; ach cha 
lb' urrainn a h-aon sam bith dhiubh a dheanamh am mach 
cia mar a thachair dha bhith 'na shineadli an sid. 

An uair a chunnaic iad cho maiseach 's ai bha e, agus 
gu'n robh a chneas cho geal ris an t-sneachda, ghabh iad 
ioghnadh mor, agus leis a' chath bhruidhne a bh' orra, 
dhuisg iad e. 

Ma bha ioghnadh orrasan air son esan fhaicinn amis 
an t-suidlieachadh 's an robh e, is ann a bha 'n t-ioghnadh 
air-san an uair a fhuair e e-fhein aig geata baile anns nach 
robh e riamh roimhe, agus e air a chuartachadh le moran 
sluaigh a bha 'beachdachadh gu dur air. 

" A dhaoin' uaisle," ars' esan, " innsibh dhomh c'ait am 
bheil mi, agus cia mar a thainig mi an so?" 

Labhair fear dhe 'n chuideachd ris, agus thuirt e, "A 
dhuin' oig, dh' fhosgladli geata 'bhaile o chionn tiotaidh. 



90 



agus an uair a thainig sinn am mach, fhuair si tin thu 11 
ad shineadh anns an t-suidheachadh so, agus sheas sinn 
a dh' amharc ort. An robh thu n ad shineadh an so fad 
na h-oidhche? Am bheil fhios agad gum bheil thu aig 
aon de gheatachan Dhamascuis?" 

"Aig aon de gheataehan Dhamascuis !" arsa, Bedredin. 
" Feumaidh gur ann a' fanaid orm a tha sibh. An uair a 
chaidh mi chadal an raoir, bha mi ann an Cairo.'' 

An uair a thuirt e so, ghabh cuid dhe n t-sluagh truas 
dheth, agus thuirt iad, " Nach muladach an gnothach gum 
biodh duine cho' maiseach ris an deis a dhol as a rian V 

" A mhic," arsa seann duine uasal ris, " cha n 'eil 
fhios agad ciod a tha thu 'g radh. Cia mar a tha e com- 
asach gu m biodh tu 's a' mhadainn so ann an Damascus 
ma chaidh thu chadal an raoir ann an Cairo ?" 

" Tha e nor gu leor an deigh a h-uile car," ar^a 
Bedredin ; " oir tha mi comasach air mo mliionnan a 
thabhairt gun robh mi fad an latha n de ann :>m 
Balsora." 

Cha bu luaithe labhair e na briathran so na thcisich 
an sluagh uile ri gaireachdaich, agus ri radh, " Cha n 'eil 
ann ach an t-amadan, tha. 'n caoch dearg air." 

Ach bha truas aig cuid dhe n t-sluagh ris, a chionn 
gu n robh e 'na. dhuin' og maiseach ; ag*us thuirt aon dhe 
na bha 's a' cuideachd ris, " A mhic, tha thu as do rian 
g*un teagamh sam bith ; cha 'n ; eil fhios agad ciod a tha 
thu 'g radh. Am bheil e comasach gu'm biodh duine a 
bha 'n de ann am Balsora, an raoir ann an Cairo, an 
diugh ann an Damascus? Feumaidh g-u'm bheil thu 
fhathast 'n ad chadal. So so, duisg as do chadal." 

" Tha h-uile facal a tha, mi 'g radh fior gu leor. oir 
phos mi an raoir ann an Cairo," arsa Bedredin. 

An uair a chual' an sluagh so, thoisich iad a rithist ri 
gairdeachdaich. 



31 



" Smaoinich ort fhein," ars' am fear a labhair ris an 
toiseach ; " cha 'n 'eil teagamh nach do bhruadair thu sin, 
agus tha, thu 'smaoineachadh gu'm bheil e uile nor." 

" Tha fhios again gur i an fhirinn a tha mi g radii/' 
arsa Bedredin, " Tha mi guidhe oirbh g*u'n innis sibh 
dhomh cia mar a bha. e comasaeh dhomh a. dhol aim am 
bruadar do Chairo, far am bheil mi lan chimiteach gun 
robh mi an raoir, agns far an d' thugadh bean-na-bainnse 
seachd uairean n am lathair le trusgan ur oirre a h-uile 
uair. A bharrachd air sin, bu mhath learn fios fhaotainn 
ciod a dh' eirich do' n deise a bha umam, do n chionadhar 
a bha m ; am, cheann, agus do n phoca anns an robh an 
t-or a bh' agam ann an Cairo.'' 

God a thug e iomadh dearbhadh dliaibh g*u'n robh na 
bha e ag innseadh dhaibh fior gu leor, cha b' urrainn 
daibh gun a bhith gaireachdaich ris. Chuir a h-uile rud 
a bh' ann cho mor troimh a cheile e s nach robh fhios 
aige ciod a theireadh e. 

Mu dheireadh dh' eirich e gus a dhol a steach do n 
bhaile, agus bha h-uile neach a lean e a' glaodhaich, 
" Duine as a rian, amadan!" Bha feadhainn ag amharc 
am mach air na h-uinneagan, bha feadhainn ag amharc 
am mach air na dorsan, agus bhai feadhainn eile falbh 'na 
dheigh comhladh ris a' mhor chuideachd a lean steacr e 
an* geata 'bhaile, agus bha iad a' glaodhaich, " Duine as a 
rian!" ged nach robh fhios aca car son. Air dha bhith 
ann an iomacheist mhoir leis mar a. bha n sluagh a' falbh 
'na dheigh, chaidh e steach do bhuth fuineadair g a 
fhalach fhein o 'n t-sluagh. 

Bha 'm fuineadair so aon uair 'na cheannard air 
buidhean robairean a bhiodh a' spuinneadh luchd-turuis a 
bhiodh a' dol troimh fhasaichean Arabia ; ag-us ged a bha 
e 'fuireach ann an Damascus, agus 'g a, ghluasad fhein 
iomchuidh gu leor, gidheadh bha eagal aig a h-uile duine 



92 



roimhe. Air an aobhar sin, cho luath 's a chaidh e 'mach 
far an robh na daoine a bha 'leantuinn Bhedredin, thug 
iad iad-fhein as leis an eagal a bh' aca roimhe. 

An uair a thill am fuineadair a steach, dh' fheoraich e 
de Bhedredin co e, agus ciod a thug an sid e. Dh' innis 
Bedredhi dha gu saor soilleir gach ni air am b' 
fhiosrach e rnu thimchioll ai bhreith is araich, agus mu 
thimchioll an t-suidheachaidh anns an robh na daoine o ; n 
d' thainig e. 'Na dheigh sin dh' innis e dha car son a 
dh' fhalbh e a Balsora ; cia mar, an deigh dha bhith na 
chadal air uaigh 'athar, a fhuair e e-fhein aim an Cairo, 
far an do phos e bean uasal; agus mu dheireadh, an 
t-uamhas mor a bh' air an uair a fhuair e e-fhein ann an 
Damascus, agus gun fhios aige cia mar a- thachair a leithid 
de dhriodartan dha. 

" Tha na dh' innis thu dhomh anabarrach iongantach,'' 
ars' am fuineadair; " ach ma ghabhas tu mo chomhairle- 
sa, cha, leig thu ris iad do dhuine sam bith, ach feith gu 
foighidneach gus an cuir am Freasdal crioch air do mhi- 
fhortan. Faodaidh tu fuireach comhladh riumsa gus a 
sin; agus o nach 'eil claim agam, bidh tu agam mar mo 
mhac, ma bhios tu fhein deonach. Agus an deigh 
dhomhsa do ghabhail ugam mar mo mhac, faodaidh tu 
falbh air feadh a' bhaile uair sam bith a thogras tu, ag*us 
cha chuir neach sam bith dragh ort. 

Ged a bha Bedredhi air a bhreith 's air arach ann an 
inbhe ro ard os cionn an fhuineadair, ghabh e gu toileach 
an tairgse a thug am fuineadair dha, o 'n a bha e 'creid- 
sinn nach b' urrainn da, anns an t-suidheachadh 's an robh 
e, tairgse na b' fhearr 'fhaotainn. 

Thug am fuineadair deise mhath aodaich dha, agus 
chaidh e leis far an robh sgriobhadair, agus ann an lathair 
fhianuisean chuir e lamh ri paipear, ag aideachadh g-u'n 
robh e gabhail ris mar a mhac. 'Na dheigh sin dh' 



£3 

fhuirich Bedredin comliladh ris, agus dh' ionnsaicli e an 
flmineadaireachd. 

Anns an am 's an robh na nithean so a dh' ainmich- 
eadh a nis a' dol air aghart ann an Damascus, dliuisg 
nighean Shemsedin, agus o nach robh Bedredin na laidhe 
's an leabaidh comliladh rithe, shaoil i gun d' eirich e gu 
socrach air eagal a dusgadh, ach bha. i 'smaohitean gun 
tigeadh e air ais gun dail. An uair a bha i mar so 'ga 
fheitheamh, thainig a h-athair gu dorus an t-seomair, agus 
e gle fharranach a, chionn gn'n do chuir an righ masladh 
mor air a nighhm. Cha b' ann gu failte chridheil a chur 
oirre a thainig e, ach gu teannadh ri bron 's ri caoidh 
maille rithe. G-hairm e oirre air a h-ainm, agus o n a 
dh' aithnich i a ghuth, ghrad dh' eirich i, agus dh' fhosgail 
i an dorus. Thug i pog dha laimh, agus bha leithid a 
dh' aoidh 's a thoileachadh oirre s gun do ghabh a 
h-athair ioghnadh gu leor. Bha e n duil g*ur ann a 
gheibheadh e i g*u tursach, deurach, trom-inntinneach. 

" A chreutair thruaigh," ars' esan, 's coltas feirge air, 
" an e so suidheachadh anns am bheil thu? Cia mar is 
urrainn dut a bhith cho toilichte 's a. tha thu an deigh na 
tha thu air fhaotainn de mhasladh 's de thamailt?" 

An uair a chunnaic i gun robh fearg air a h-athair a 
chionn i bhith cho aoidheil 's cho toilichte, thuirt i ris, 
" Am ainm Dhe, na bi V am chaineadh gun aobhar. Cha 
'n e am fear crotach a phos mi idir ; oir is lugha orm e na 
'm bas. Bha h-uile duine a bha aig a' phosadh a' magadh 
air, agus thug iad air teicheadh air falbh. 'Na aite phos 
mi duine uasal og cho maiseach 's a chunnaic suil riamh. 

" Ciod a tha. 'toirt ort a bhith 'g innseadh leithid sin de 
naigheachd gun doigh dhomh?" arsa h-athair, 's e labhairt 
rithe gu frionasach. " An e nach robh am fear crotach 
'na laidhe comhladh riut fad na h-oidhche?" 

" Cha robh gu dearbh," ars' ise ; " is e bh' ann an 



94 



duine og maiseach a dh' ainmich mi. Tha. suilean mora, 
briagh' aige, agus malaidhean dubha." 

An uair a chuaT a h-athair so, chaill e 'fhoighidin 
buileach glan, agus dh' fhas e anabarrach cas, " Ah ! a 
bhoirionnaich aingidh, ' ars' esan, " cuiridh tu as mo chiall 
mi !" 

"Tha sibhse, 'athair, air thuar rnise a chur as mo chiall 
le bhur n-as-creideamh/' 

" Cha 'n 'eil e nor, tha 'chuis coltach," ars esan, " gu'n 
robh am fear crotach 'na laidhe comhladh riut." 

" Na cluinneam guth tuilleadh air an fhear chrotach, ' 
ars' ise : " mo mhollachd air ! Am feumar a bhith 'ga 
thilgeadh orm gun fhois? Tha mis© 'g innseadh dhuibh 
aon uair eile nach do laidh e idir comhladh rium, ach gur 
e laidh comhladh rium m' fhear-posda gfaoil, a. tha 'n ait- 
eiginn gun bhith fad air falbh." 



CAIB. IX. 

Chaidh Shemsedin am mach feuch am faiceadh e am fear 
a phos a nighean; ach an aite fhaicinn, bha ioghnadh 
anabarrach air an uair a chunnaic e am fear crotach ri 
tacsa 'bhalla, agus a cheann fodhna 's a chasan os a chionn. 

" Ciod is ciall dha so?" ars' esan ; " co chuir an so> thu?" 

Dh' aithnich am fear crotach gu math gur e 'n t-ard- 
chomhaiiieach a bha bruidliinn ris, agus thuirt e, 
" Ochan ! ochan ! bha duil agad gu'n tugadh tu ormsa 
leannan tairbh a. phosadh — an leannan a bh' aig an fhath- 
ach ghranda. Cha n eil mi cho gorach ; cha> toir thu ; n 
car asam idir." 

An uair a chuala Shemsedin mar a. labhair am fear 
crotach, shaoil leis gur ann as a chiall a. bha, e, agms 
dh' iarr e air a bhith falbh as an aite an robh e. 



95 



" Bheir mi an aire mhath nach gabh mi do chomhairle 
mur d' eirich a.' ghrian. Innsidh mi so dhut; an uair a 
chaidh mi do 'n t-seomar mhor an raoir, thainig cat mor 
dubh far an robh mi, agus ann an tiotadh dh' fhas e cho 
mor ri tarbh. Cha do dhi-chuimhnich mi fhathast na 
thuirt e rium, air an aobhar sin, bi thusa, falbh air cheann 
do ghnothaich fhein, agus fag mise far am bheil mi." 

An aite falbh is ann a rug Shemsedin air chasan air an 
fhear chrotach, agus chuir e na sheasamh air an talamh e. 
Cha bu luaithe fhuair e chasan air an talamh na, ruith e 
air falbh cho luath 's a b' urrainn e. Cha, do leig e 'n 
cenm ruith as a chois gus an d' rainig e far an robh an 
riffh. Dh' innis e do 'n righ a h-uile car mar a rinn am 
fathach air. Agus rinn an righ gaireachdaich gu leor an 
uair a chual' e mar a dh' eirich dha. 

Thill Shemsedin do n t-seomar anns an robh a nighean, 
agus barrachd ioghnaidh air na bh' air roimhe. 

" Seadh, a nighean bhochd," ars' esan, " an urrainn dut 
an tuilleadh soluis a chur air a' glmothach so dhomh V 

" Le r cead," ars' ise, " cha n urrainn domhsa, ni sam 
bith innseadli dhuibh m' a dheidhinn ach na dh' innis mi 
mav tha. Sin agaibh air a- chathair mu 'r coinneamh an 
t-aodach a bha mu 'n fhear a, phos mi ; is docha gu'm 
faigh sibh ni eiginn ann a, dliearbhas dhuibh gu'm bheil 
mise g innseadh na, firinn." 

Thog a h-athair an ceann aodach a bh' aig Bedredin 
'na laimh, agus bheachdaich e gu dluth air. " Theirinn 
gur e ceannaodach ard-chomhairlich a th' ann," ars' esan, 
" mur b' e gur ann am Mosul a rinneadh e." Ach an uair 
a thug e an aire gun robh ni eiginn air fhuaghal eadar an 
t-aodach agus an hnige, dh' iarr e siosar, a,gus an uair a 
dh' fhosgail e an linige, fhuair e am paipear a. thug' 
Nuredin dha mhac, Bedredin, air leabaidh a' bhais, agus 
a dh' fhuaigh Bedredin 'na, cheannaodach gxis a ghleidh- 
eadli gu tearuinte. 



96 



An uair a dh' fhosgail Shemsedin am paipear b' © na 
ceud fhacail a leugh e, " Do mo mhae, Bedredin." Anns 
a' mhionaid dh' aithnich e lamh-sgriobhaidh a bhrathar. 
Mu 'n dubhairt e facal sam bith m' a, dheidhinn, thug a 
nighean dha am poca a bha £o 'n aodach a bh' air a' 
chathair agns amis an robh an t-or. Dh' fhosgail e e, agus 
fhuair e luma lan de bhninn oir e ; oir, mar a. dh' innis mi 
mar tha, ged a bha Bedredin gie fhialaidh mu 'n or an 
oidhch© roimhe sid, bha 'm fathach ag*us a' bhean-shithe 
'g a chumail cho lan 's a bha © riamh. Bha paipear beag 
anns a' phoca air an robh na f acail a leanas sgriobhte : — 
" Mil© bonn oir a bhuineas do dh' Isaac an t-Iudhach. ' 
Agus fo na briathran so bha sgriobhte mar an ceudna, 
" A thug © do Bhedredin a,ir son an luchd a th' anns a' 
cheud te dh© na loingeas a bhuineas dha ; athair urramach 
nach maireann, a thig g-u calla." Mu 'n gann a leugh © na 
briathran so, thug e glaodh as, agus thuit e ann an laigse. 

An uair a thainig © as an laigse, thuirt e, "A nighean, 
na biodh eagal ort, ged a thachair dhomh fannachadh ; is 
gann a tha e comasach dhut an t-aobhar a chreidsinn. 
Tha am mile bonn oir a. th' anns a phoca a' cur nam 
chuimhne gu'n deachaidh mi fhein 's mo bhrathair gaoil 
thar a cheile. Gun teagamh sam bith is e so an tochra a 
tha e 'toirt dhut, Moladh do Dhia air son nan uile 
nithean, agus gu sonraichte air son na doigh mhiorbhuilich 
anns an d' thainig na nithean iongantach so g-u crich, leis 
am bheil e 'nochdadh dhuinn a chumhachd neo-chrioch- 
nach."Sheall e rithist air an sgriobhadh caochladh uairean, 
ag*us shil e na deoir gu frasach. 

Sheali © thairis air an leabhar o 'thoiseach gu 'dheir- 
eadh, agus fhuair e sgriobhte ann a' cheart latha. dhe n 
mhios air an d' rainig a bhrathair Balsora, an latha phos 
e, agus an latha air an d' rugadh Bedredin ; agus an uair 
a thug e fa near a' chuis, chunnaic e g"ur ann air a,' cheart 



97 



latha dhe n mhios air an do phos a bhrathair aim am 
Balsora, a phos e fhein aim an Cairo, agTis mar an ceudna, 
gu m b' ann air a' cheart latha. air an d' rugadh Bedredin, 
a rugadh a nighean fhein. Chuir an co-chordadh a bh' 
eadar na nithean so ioghnadh mor air. 

Bha na nithean so a fhuair e mach 'nan aobhar 
aoibhneis cho mor dha 'a gun d' thug e leis an leabhar 
agus am paipear sgriobhte a. bh' air a' phoca, anns an robh 
an t-or gus an sealltainn do n righ. Thug an righ dha 
mathanas anns na chaidh seachad, agus an uair a chual' e 
mar a dli eirich do 'n fhear chrotach, agus mu gach ni 
eile a thachair aig a phosadh, chord an sgeul cho math ris 
's g-u'n d' thug e fa near an sgriobhadh a chum gu'm biodh 
iad feumail do gach neach a leughadh iad na dheigh sin. 

Aig a' cheart am cha b' urrainn Schemsedin, an 1>ard- 
chomhairleach, a thuigsinn car son a dh' fhalbh mac a 
bhrathar cho trath 's a' mhadainn an deigh dha: posadh, 
ag-us nach do^ thill e tuilleadh. Bha, duil aige ris a h-uile 
mionaid, o n a. bha, e gabhail fadachd g-us an cuireadh e 
failte chridheil, chaoimhneil air. An ceann seachdain an 
uair a thug e duil-thairis dheth, chuir e daoine air a, thoir 
air feadh a bhaile, ach cha, chual' iad guth no iomradh air. 
Chuir so ioghnadh mor air. " Is e so/' ars' esan, " nid 
a's iongantaiche a chunnaic no chuala duine riamh." 
nach robh fhios aige cia mar a, dh' fhaodadh cuisean 
tachairt, smaoinich e gu'm bu choir dha, mion-chiinntais a 
chm* sios ann an sgriobhadh mu thimchioll gach ni a 
thachair aig a bhanais, agus mu ; n doigh anns an robh 
earnais talla na bainnse, agus seomar-cadail a nighinn air 
an cur an ordugh. Mar an ceudna, cheangail e suas an 
cionadhar, am pocai '& an robh an t-or, ag-us gach ni eile a 
bhuineadh do Bhedredin, ag-us chuir e fo ghlais iad. 

An ceann beagan uine dh' aithnich nighean an ard- 
chomhairlich g-u'n robh i leith-tromach, agus an ceann tri 

7 



98 



raithean dh' aiseadadh air mac i. Fhuaradh banaltrum 
do 'n leanabh, agus thug a sheanair Agib mar ainm air. 

An uair a bha Agib seachd bliadhna dh' aois chuir a 
sheanair do n sgoil e, agus dh' earbadh ri dithis sheirbhis- 
each an aire a thoirt dim an am dha bhith 'falbh do 'n 
sgoil agns a' tilleadh dhachaidh. 

Bhiodh Agib a' cluich comhladh ris na sgoilearan eile, 
agus o n a bha iad uile ann an inbhe na b' isle na esan, 
bhiodh iad a' toirt mor urram dha, a reir na h-eiseimpleir 
a bha am maighstir a' cur rompa, agus ged a dheanadh e 
iomadh cron, gheibheadh e sin a leigeadh leis mar nach 
fhaigheadh a h-aon sam bith eile a bh' anns an sgoil. 

Bha Agib cho mor air a mhilleadh leis gach fabhar 
agais urram a bha na sgoilearan 's am maighstir sgoile sJ 
nochdadh dha s gun d' fhas e mu dheireadh cho mor as 
fhein, agus cho mi-mhodhail s nach b' urrainn na, sgoilearan 
eile ach gann cm suas leis. Dh' flieumadh a thoil fhein a 
bhith aige anns gach ni. Na ii cuireadh a h-aon sam bith 
dhiubh facal na aghaidh, chaineadh e thun am brog iad, 
agns ghabhadh e oiTa- gu laidir. 

Mu dheireadh dh' fhas na sgoilearan cho sgith dhe 
clhoighean s gn'm b' fheudar. dhaibh gearain a dheanamh 
air lis a' mhaighstir sgoile. Thuirt am maighstir sgoile 
riutha gum feumadh iad foighidin a bhith aca. Ach an 
uair a chunnaic e gu'n robh Agib a' sior fhas na bu mhi- 
mhodhaile a h-uile latha, agus ag aobharrachadh moran 
dragha dha fhein 's do na sgoilearan, thuirt e ris na 
sgoilearan, " A chlann, tha mi 'faicinn nach eil ann an 
Agib ach uasal beag gie mhi-mhodhaiL Innsidh mise 
dhuibh mar a bheir sibh a leithid de thamailt dha 's gu n 
sgiùr e bhith cm dragh oirbh ; agus is docha gun toir 
sibh air falbh as an sgoil. An uair a thig e am maireach, 
agus a dh' aontaicheas sibh teannadh ri cluich mar a 
b' abhaist dhuibh, seasaibh uile mor-thimchioll air, agus 



99 



abradh fear dhibh, Cha leig sinn le fear sa.m bith a dhol 
a chluicli an diugh ach fear a dh' innseas dhuinn ainni 
fhein, agus ainm athar s a mhathar. A h-uile fear nach 
innis so, cha bhi againn air ach meas duine dhiolain, agus 
cha leig sinn leis a bhith 'cluich ii ar cuideachd." 

An ath latha, an uair a chruinnich iad rinn iad mar a 
dh' aithn am maighstir dhaibh. Sheas iad mor-thimchioll 
air Agib, agus thuirt fear dhiubh, " Toisicheamaid ri 
cluich, ach air a chumhnanta g-u'n cuirear a h-uile fear 
iiach innis ainm fhein, agxis ainm 'athar 's a mhathar, am 
mach as ar cuideachd." 

Dh' aontaich iad uile gu n robh so ceart g*u leor, ag*us 
bha Agib air a' cheud fheadhain a chuir an aonta ris. An 
sin dh' fheoraich a' cheud fhear a. labhair, ainm gach fir 
an deigh a cheile. An uair a chuireadli a' cheist air Agib 
thuirt e, " Is e Agib m' ainmsa, theirear a? bhaintighearna 
mhaiseach ri m' mhathair, agus is e m' athair, Schemsedin 
Mohamed, ard-chomhaiiieach an righ." 

An uair a chual' a chlann uile so ghlaodh iad am mach 
aird an claiginn, "Agib, ciod a thubhairt thu? Is e tha 
n sin ainm do sheanar, agus cha n e ainm d' athar." 

" Mo mhollachd oirbh,' - ars' esan, 's e ann am mullach 
na feirge, 11 ciod e tha sibh ag radh ! an dana leibh a radh 
nach e Schemsedin Mohamed m' athair?" 

" Cha n e, cha n e, ghlaodh iad uile s iad a' deanamh 
giag mor gaire, " is e th" ann do sheanair, agus mar sin cha 
7 n fhaod thu ; bhith cluich maille ruinne. Bheir sinn ar 
ceart aire gun cum sinn as ar cuideachd thu." 

An uair a thuirt iad so, dh' fhag iad e far an robh e, 
agus dh' fhalbh iad 's iad a' magadh air 's a' gaireachdaich 
ii am measg fhein. Chuir so a leithid de thamailt air 
Agib s gun do thoisich e ri caoineadh. 

Bha am maighstir sgoile faisge air laimh aig an am, 
agus chual' o a h-uile facal a bh' eadar na sgoilearan is 



100 



Agib. Chaidh e far an robh Agib 'na sheasamh, agus 
thuirt e ris, " Agib, am bheil fhios agad idir gur e 
Scliemsodin Mohamed, ard-chonihair leach an righ, do 
sheanair, athair do mhathar? Cha 'n 'oil fhios againne 
air ainm d' athar na 's mo na th' agad fhein. Tha fhios 
againn gun robh an righ gus a thoirt air do mhathair a on 
dhe na seirbhisich a b ; isle a bh' anns an stabull a phosadh 
— duine beag, granda, crotach; ach laidh fathach comhl- 
adh rithe oidhche na bainnse. Tha so gun teagamh gle 
dheuchainneach dhutsa, agus bu choir gu n tugadh e orfc 
gun a bhith cho uaibhreach ; s a tha thu, agus g*un a bhith 
'deanamh tair air na sgoilearan mar bu ghnath leat." 

Chuir so Agib bhar a shiuil buileach glan, agus dh ? 
fhalbh e 'na ruith dhachaidh as an sgoil 's © sior chaoin- 
eadh. Ghabh e direach do n t-soomar anns an robh a 
mhathair, agus an uair a chunnaic i an staid anns an robh 
e ghabh i eagal, agus dh' fheoraich i ciod a bha cur dragh 
air. Cha b' urrainn e freagairt a thoirt dhi, leis mar a 
bha e cho mor troimh a cheile ©adar ardan is tamailt is 
caoineadh. An drasta 's a rithist theireadh. e facal no dha 
©adar a h-uile m©all caoinidh a thigeadh air, ach cha 
b' urrainn a mhathair bun no barr a dheanamh dh© na 
bha © ag radh. 



caib. x. 

An uair a bha Agib sgith caoinidh thuirt © ri 'mhathair, 
" As uchd Dhe riut, tha mi guidh© ort gun innis thu 
dhomh co is athair dhomh.'' " A mhic," ars' ise, " is e 
Schems*©din Moham©d, a tha h-uile latha deanamh na 
h-uiread dhiot, is athair dhut." 

" Cha 'n 'eil sibh ag innseadh na firinn dhomh," ars' 
esan ; " is e bhur n-athair fhein, ach cha 'n © m' athair-sa 
idir. Ach co dha is mac mi?" 



101 



An uair a chuaT a mhathair so thainig na nithean a 
thachair oidhche na bainnse as urgua cuimhne, ag*us mar 
a bha i fad iomadh bliadhna 'caitheamh a, beatha mar 
bhantraich. Tlioisich i ri sileadh dheur gu frasach, agus 
ri gearain gu goirt air a ; chall a thainig oirre an uair a 
chaill i Bedredin, fear posda cho tlachdmhor 's a b' urrainn 
a bhith aig mnaoi. 

An uair a bhai i mar so a' caoidh maille ri Agib, co 
tliigeadh a steach ack an t-ard-chomhairleach, agus ghrad 
dh ; fheoraich e ciod a b' aobhar do 'n bhron a bh' aoa. 
Dh' imiis a nighean dha mar a naraicheadh Agib anns an 
sgoil. Ckuir so dragh-inntinn cho mor air an ard-chomh- 
airleach 's gu'n do tlioisich e ri gul comhladh riutha. 
Thuig e gu math gu'n robh fios aig sluagh a' bhaile air a' 
mhi-fhortan a thachair dh ; a nighinn, ag"us chuir so gu 
bron 's gu tuirse e buileach glan. 

Anns an t-suidheachadh bhronach so chaidli e gun dail 
sam bith do luchairt an righ, agus air dha e fhein a 
ledgeadh iia shineadh aig casan an righ, dh' innis e dha 
mar a bha cuisean, agus ghuidli e air gun tugadh © cead 
dha a dhol air thurus troimh dhuthchannan na h-aird an 
ear, ach gu sonraichte do Balsora, feuch am faigheadh e 
sgeul air Bedredin, mac a bhrathar. Oir cha robh e 'n 
comas dha na b' fhaide laidhe fo n a. ; mhi-chhu a bha 
muinntir a bhaile a' cm' air a theaghlach an uair a bha 
iad a' creidshm, agus ag aithris o bheul gu beul, gu'n robh 
mac aig a nighinn bho fhathaeh. 

Chuir an suidheaehadh anns an robh an t-ard-chomli- 
ahieach dragh-inntinn air an righ, agus dheonaich e gu 
toileach cead a thoirt dha falbh a dh' iarraidh forofhais 
air mac a bhrathar. Dh' ordaich e paipear a sgriobhadli 
dha leis am faigheadh e cead anns gaeh rioghachd do ii 
rachadh e lan-fhorofhais a deanamh air son mac a 
bhrathar, ag-us a thoirt leis air ais do ; n Eiphit nam 



102 



faigheadh e greim air. Bha Schemsedin cho taingeil do 'n 
righ air son a' chaoimhneis a nochd e dha 's gun do leig 
e e-fbein 'na shineadh air a bheulaobh an dara. nair mar 
comharradh air cho taingeil 's a bha e, agus aims an 
t-suidheachadh so, shil e gu frasach deoir taingealachd . 
Mu dheireadh an uair a ghuidh e gu durachdachd gun 
soirbhicheadh leis an righ anns gach doigh, ghabh e 3 
chead dheth agus chaidh e dhachaidh. Gun dail sam bith 
thoisich e ri deanamh deiseil air son an turuis, agns an 
ceann cheithir latha bha gach ni glan, deiseil air son falbh. 
Dh' fhalbh e fhein agTis a nighean is Agib, agus a mheud 
de sheirbhisich 's de Inchd-frithealaidh 's a shaoileadh e a 
bhiodh feumail dhaibh. 

Chuir iad an aghaidh air an t-slighe gu Damascus, 
agus lean iad rompa gun stad fad naoi latha deug. ach 
gun robh iad a gabhail fois fad dubhagan na h-oidhche. 
Ach air an fhicheadamh latha rainig iad comhnard mais- 
each a bha beagan astair o bhaile Dhamascuis. Stad iad 
an sin, agus chuir iad suas am buthan aig bruaich aimhne 
a tha 'ruith troimh "n bhaile, agus a tha. cur sealladh 
maiseach air an tir mu n cuairt. 

Chuir an t-ard-chomhairleach roimhe gun cuireadh e 
seachad da latha anns an aite so, agus na dheigh sin gu'n 
gabhadh e air aghart air a thiuus. 

Anns a' cheart am thug e cead do n mhumntir a bha 
'na chuideachd a dhol do Dhamascus. Chaidh a' chuicl 
mhor dhiubh aim. Chaidh feadhainn ami a ghabhail 
ioghnaidli dhe na seallaidhean ro mhaiseach a bha ri "m 
faicinn anns a' bhaile, agus chaidh cuid eile ami a. reic 
<jaochladh sheorsachan bathair a thug iad leotha as an 
Eiphit, no a cheannach cuid dhe na, nithean iongantach, 
annasach a bha ri an reic amis a' bhaile, Thug a mhath- 
air cead a dh' Agib a dhol do n bhaile maille ri each, agus 
dh' ordaicheadh do 'n chaillteanach dhubh, am fhear do 



103 



'm bu ghnath 'bhith gabhail curam dheth, falbh comhladh 
ris air eagal gu'n eireadh beud dha. 

Chuireadh deise anabarrach riomhach air Agib. agus 
dh' flialbh e fhein agus am fear a bha 'g a choimheadaclid 
do 'n bhaile. Bha Agib na phaisde og cho maiseach ri 
h-aon a b' urrainn suil fhaicinn, agus cha bu luaithe a 
chaidh e steach do ìi bhaile na, bha aire an t-sluaigh gu 
buileach air a tarruinn g' a ionnsuidh. Thainig cuid am 
mach as na taighean a. chum sealladh na b' fhearr fhaot- 
ainn dheth ; bha cuid eile ag amharc am mach air na 
h-uinneagan ; ag*us cha 'n fhoghnadh Ms an fheadliainn a 
bha coiseachd air an t-sraid seasamh a shealltainn air 'san 
dol seachad, ach dh' fhemnadh iad a bhith coiseachd ri 
'thaobh agiis na dheigh leis an tlachd a. ghabh iad dlietli. 
A dh' aon fhacal, cha robh neach a chnnnaic e nach do 
ghabh tlachd dheth, agus nach d' thug mile beaonachd air 
an athair 's air a ; mhathair a chuir a leitliid de phaisdo 1 
tlachdmhor a dh' ionnsuidh an t-saoghail. Thachair dha 
fhein agus do 'n fhear a bha gabhail curam dheth a dhol 
seachad air a' bhuthaidli aims an robh Bedredm. agus 
bha h sluagh a bha 'g an cuartachadh cho dumhail 's gu'm 
b' fheudar dhaibh seasamli fai' an robh iad. 

Flmair an cocaire-phitheannan (pastry-cook) a ghabh 
Bedredm g' a ionnsuidh mar a mhac fhein bas aireamii 
bhliadhnachan roimhe sid, agus dh' fhag e a" bhuth agus 
gach ni eile a> bhuineadh dha aig Bedredin. Agus mar so 
bu le Bedredin a' bhuth, agus bha e deanainh a ghnoth- 
aich cho fìor mhath s gu n do choisinn e cliu mor arm am 
baile Dhamascuis gu leir. 

An uair a chmmaic Bedredin an aireamii mhor 
sliluaigh a bha, 'n an seasamh aig a dhorus, agTis iad uile 
ag amharc le mor-ioghnadli air Agib, agus air an duine 
dhubh a bha, cmde ris, chaidh e fhein am mach gu sealladh 
ceart fhaotainn dhiubh. 



104 



Cha bu luaithe a chunnaic Bedredin Agib na ghabh e 
tlachd anabarrach mor dheth, ach cha b' urrainn e radii, 
c'ar son. Cha do chuir maise a' phaisde mor-ioghnadh sam 
bith air mar a chuir e air daoine eile; ach bha aobhar 
eile aim, ged nach robh fhios aigesan air, air son gum do 
tharrumn a chridhe g' a ionnsuidh. B' e faireachdainean 
athar a thaobh mic a thug air an obair a bh' aige a 
leigeadh as a laimh, agus a thug air ceum a< ghabhail far 
an robh Agib, agus le aoidh air a ghnuis, a radh ris, " Mo 
thighearn' og, a ghabh greim air mo chridhe, bi cho math 
's gu n tig thu steach do 'n bhuthaidh agam a chum gun 
ith thu rud dhe n bhiadh a th' agam ; a chum gu'm bi de 
thoileachadh agam beachdachadh orb air mo shocair 
fhein." 

Labhair e na briathran so aim an doigh cho blath- 
chridheach 's gn'n robh na deoir a sruthadh o> ; shuilean. 
Dhruigh iad cho mor air Agib 's gTi'n do labhair e ris a' 
chaillteanach mar so, " Is toigh learn an coltas & th' air 
aghaidh an duine chok so. Tha e labhairt ann an doigh 
cho chaoimhneil ; s nach urrainn domh gun deanamh mar 
a tha e ; g iarraidh orm. Kachamaid a steach do n taigh 
aige, agus blaiseamaid na pitheannan a tha e ; deasachadh. ; 

" Gu cinnteach ceart bu chiatach an gnothach dhutsa, 
mac ard-chomhairlich mar a, tha thu, a dhol a steach a 
dh ; itheadh . do bhuth cocaire. Na. bi 'smaointean gu n 
leig mise leat a leithid de ni suarach a dheanamh/' ars' an 
caillteanach. 

" Ochan ! mo thighearn ; og," arsa Bedredin, " is e 
gnothach eucorach do leithid ; earbsadh ri fear a tha. cho 
cruaidh orb." 

An sin thionndaidh e ris a' chaillteanach, agus thuirt 
e ris, " Tha mi 'g-uidhe ort gun bhacadh a, chur air an 
tigheaim' og so am fabhar a. thoirt dhomhsa. a tha. mi ; g 
iarraidh air. Na cuir a leithid a dhoilghios orm. B' fhearr 



105 



learn g*u n tugadh tu dhomh a dh' urram gu'n tigeadh tu 
fhein a steach comhladli ris. Chuireadh e urram araon 
ormsa 's ort fhein; oir leigeadh tu ris do shluagh an 
t-saoghail gu'm bheil nadar iriosal annad, ged tha thu 
ann an dreuchd ard, urramach. 

Chuir e mar so a leithid de bheul briagha. air a' 
chaillteanach, ? s gu'n do dh' aontaich e mu dheireadh gun 
leigeadh e le Agib a dhol a steach do 'n bhuthaidh ; agus 
chaidh e fhein a steach maille ris. 

Bha aoibhneas mor air Bedredin a chiomi gai n deach- 
aidh iad a steach mar a dh' iarr e orra. Ghrad thug e 
lamh air an obair a bh' aige an uair a- thainig iad thun an 
doruis, agois thuirt e, " Bha mi 'deanamh pitheannan- 
uachdair, agxis tha mi 'n dochas gu'm bi sibh cho math s 
gu'n ith sibh rud dhiubh. Tha mi deimhin gun cord iad 
ribh ; oir is i mo mhathair a dh' ionnsaich dhomh mar a 
dheanainn iad, agus b' aithne dhi an deanamh air leith 
math. Tha iad a' tighinn as gach cearn dhe 'n bhaile 
g' an ceannach uam.'' 

An uair a thuirt e so thug - e fear dhiubh as an amh- 
ainn, agus an uair a chuir e spiosraidh agus siucar air, 
chuir e air beulaobh Agib e, agxis cha d' fheuch Agib 
riamh biadh cho blasda ris, agus a thainig ri chail- 
eachd cho math. 

Chuir e fear eile dhe 'n cheart sheorsa air beulaobh a' 
chaillteanaich, agus dh' aidich esan mar an ceudna gu'n 
robh e air leith blasda. 

Fhad 's a bha iad ag itheadh, bha Bedredin gle chur- 
amach a' gabhail beachd air Agib ; agus an uair a 
bheachdaich e gu math air a rithist ag-us a rithist, 
smaoinich e gur docha gu'm faodadh & leithid de mhac a 
bliith aige fhein o n mhnaoi uasail mhaisich a phos e anns 
an Eiphit. Agus thug an smaointean so air teannadh ri 
sileadh nan deur. Bha e ; na inntinn ceisd a chirr air 



106 



Agib mu thimchioll a thuruis do Dhamascus ; ach clia 
d' fhuair e uine gu so a dheanamh, oir bha leithid de 
chabhaig air a" chaillteanach gu tilleadh air ais 's gun 
d' thug e leis Agib cho luath 's a bha< e ullamh dhe 'n 
bhiadh. 

Cha bu luaithe a dh' flialbh an caillteanach agus Agib 
na ghrad dliuin Bedredin a' bhuth, agus dh flialbh e gu 
cabhagach n an deigh, agus rug e orra mu n deachaidh 
iad am mach air geata bhaile. Ghabh an caillteanach 
ioghnadh mor an uair a chunnaic e gun robh e 'g an 
leantuinn. 

" A bheadagain mhimhodhail," ars' esan 's e labhairt 
le feirg, " ciod a tha dhith ort?" 

" Mo charaid ionmhuinn," arsa Bedredin, " na bi cur 
dragh ort fhein. Tha mi dol air cheann gn.othaich am 
mach as a' bhaile.'" 

Cha robh an caillteanach idir riaraichte leis an fhreag- 
airt so, agusi air dha tionndadh ri Agib, thuirt e ris, " Is 
tusa 's coireach ris a so ; thuig mise gu m biodh aithr- 
eachas orm air son leigeadh leat do thoil fhein a dheanamh. 
Chuir thu romhad a> dhol & steach do bhuth an duine so, 
agTis cha robh mise glic an uair a leig mi leat sin a 
dheanamh." 

" Is docha," ars' Agib, " g*u'm bheil gnothach soni'aichte 
aig an duine am mach as a" bhaile, agus faodaidh e an 
rathad a ghabha-il mar a ghabhas daoine eile." 

Am feadh 's a bha iad a' labhairt mar so bha iad a' 
coiseachd taobh ri taobh, agus cha do sheall iad nan deigh 
gus an robh iad dluth air pailliuhi an ard-chomhaiiiich. 
Suil g*uii d' thug iad thar an gTiaille, chunnaic iad Bed- 
redin 'g an leantuinn. An uair a chunnaic Agib g*u n 
robh e air chul an salacli, bhuail an fhearg e; oir bha 
eagal air gum faigheadh a sheanair am mach g"u'n robh e 
ag itheadh phitheannan ann am buth cocaire. Ghrad thog 



107 



e cnapach math cloiche a. thachair ris, agus bhuail e air 
Bedredin i ann an clar an aodainn, agus leig e 'fhuil g*u 
talamh. An sin thug e 'chasan as cho luath 's a b' urrainn 
e, agus chaidh e am falach ann am pailliuin a chaillt- 
eanaich. Thuirt an caillteanach ri Bedredin gur aim aige 
fhein a bha 'choire ris na tubaistean a dh eirich dha, agus 
nach robh aobhar dlia teannadh ri coire a chur air neach 
sam bith eile. 

Thill Bedredin air ais do 'n bhaile, agus e cur casg air 
an fhuil leis an aparan, oir cha d' fhan e ri chur dheth 
leis a' chabhaig a bh' air an am falbh o 'n taigh. 

" Nach bu mhi an t-ainadan," ars' esan ris fhein, " an 
uair a dh' fhalbh mi as an taigh gTis a, dhol an deigh a' 
pheasam ud. Is cinnteach nach deanadn e orm mar a 
rinn e, mur biodh e smaointean gun robh n am beachd 
cron a dheanamh air.'' 

An uair a rainig e an taigh, cheangail e suas an lot, 
agus thug e fois dh' a inntinn fhein le bhith 'smaointean 
gTi'n robh iomadh neach eile air an talamh air an d' 
thainig mi fhortan bu mho na thainig air fhein. 

Lean Bedredin air a' cheircl a bh' aige ann an 
Damascus. 

An ceann tri latha du. fhalbh Schemsedin ah^ a thurus 
feuch am faigheadli e forofhais air Bedredin. An deigh 
■dlia siubhal troimh iomadh duthaich agus taghal ann am 
moran bhailtean, rainig e Balsora mu dheireadh. Gun 
dail sam bith chuir e teachdaireachd thun an righ a dh" 
iarraidh cead a dhol a bhruidhinn ris. An uair a thuig 
an righ co e, agus gun robh e ann an ard inbhe, dh' ìarr 
e thoirt g*un dail na lathair. Dh' fheoraich an righ dheth 
•ciod an gnothach a thug do Bhalsora e. 

" Le 'r cead, a righ, ars' esan, " thainig mi feuch am 
faigh mi mach ciod a dh' eirich do mhac Niuredin Ali, mo 
bhrathair. Bha mo bhrathair, mar a tha fhios agaibh, 
ami bhur seirbhis fhein mar ard-chomhairleaeh.'' 



108 



" Is fliad o 'n a dh' eug do bhrathair, Niuredin," ars' 
an righ. " Agus mu dheidhinn a mhic, cha. ; n eil 
agamsa ri radh ach gun d' fhalbh e as a so an ceann da 
mhios an deigh bas 'athar. Cha 'n fhacas a choltas, agus 
cha mho a chualas guth no iomradh m' a dheidhinn 
riamli o n a> dh' fhalbh e, ged a. thug mis© teann-ordugh 
forofhais a dheanamh m' a dheidhinn anns gach cearn 
dhe 'n rioghachd. Ach tha 'mhathair, nighean fir dhe na 
h-ard-chomhairlich a bh' again, beo fhathast anns a' 
bhaile." 

An uair a chuala Schemsedin so dh' iarr e cead air an 
righ a toirt leis do n Eiphit. Thug an righ sin dha. Air 
an latha sin fhein chaidh e fhein agus a nighean agus 
Agib, do 11 taigh aice. 



CAIB. XI. 

Bha bantrach Niuredin Ali a' fuireach anns an taigh 's 
an robh Niuredin a' fuireach an uair a bha e beo. Bu 
taigh e a bha anabarrach eireachdail ; ach leis an toil a 
bh' aig Schemsedin bantrach a bhrathar 'fhaicinn, is gann 
gu'n do sheall e ceart air an taigh mhor, mhaiseach anns 
an robh i fuireach: Anns an dol a steach phog e an 
geata, agus a' chlach mharmoir air an robh ainm a 
bhrathar sgriobhte aim an litrichean oir. An uair a 
dh' fheoraich e mu dheidhinn bantrach a bhrathar, thuirt 
aon dhe na seirbhisich ris gu'n robh i arm an seomar 
maiseach a bha faisge air meadhain na cuirte. Anns an 
t-seomar so bha i 'cur seachad earrann mhath dhe 'n 
latha, 's dhe 'n oidhche ri tuireadh 's ri caoidh air son a 
mic, agus i n duil gain robh e marbh bliadhnachan 
roimhe sin, o nach cualas g*uth no> iomradh m' a dheidh- 
inn riamli o n a dh' fhalbh e. Anns an am 's an 



109 



deachaidh Schemsedin a steach do 'n t-seomar far an robh 
i, bha i ; gul agus a caoidh g*u goirt. 

Chuir e failte oirre, agus ghuidh e oirre sgur dhe n 
trom bhron anns an robh i. Dh' innis e dhi gum b' 
e-fhein a bhrathair-ceile, agus leig e ris dhi an t-aobhar 
air son an d' thauiig e a Cairo gu ruige Balsora. Thug e 
dhi mion-chunntas air gach ni a thachair ann an Cairo 
o'n oidhche phos Bedredin a nighean. Agus an deigh 
dha innseadh dhi mu'n ioghnadh a> ghabh e an uair a 
fhuair e am paipear a sgriobh Niuredin air fhuaghal anns 
a cheannaodach a bh' air Bedredin, thugadh a steach a 
nighean agus Agib do 'n t-seomar far an robh i. 

Fhad 's a bha Schemsedin ag innseadh a. naigheachd 
do 'n bhantraich, bha i 'na suidhe g-un ghluasad mar 
gum biodh neach a bhiodh an deigh dubh-chul a^ chur 
ris gach ni a bhuineadh do 'n t-saoghal so ; ach cha bu 
luaithe a thuig i o na briathran a labhair Schemsedin 
rithe, gu'm faodadh gun robh am mac a> bha i cho mor a' 
caoidh fhathast beo, na dh' eirich i, ag*us ghlac i na 
gairdeanan bean a mic, agus Agib, a h-ogha. An uair a 
thug i an aire gu'n robh aghaidh Agib gle choltach ri 
aghaidh Bhedredin, shil deoir an aoibhneis gu frasach o 
'suilean. Cha b' urrainn i gun toiseaehadh ri pogadh 
Agib ; ag-us thug so toileachadh mor do dh' Agib fhein 
aig an am. 

" A bhaintighearna," arsa Schemsedin, " tha n t-am 
agad na deoir a thiormachadh o do shuilean, agus sgur 
dhe d' osnaich. Feumaidh tu falbh comhladh riumsa. g*u 
ruig an Eiphit. Tha 'n righ a' toirt cead dhomh do 
thoirt learn, agus tha mi cimiteach gu'n aontaich thu 
falbh. Tha mi 'n dochas gu'm, faigh shin do mhac 
fhathast beo, slan. Agus ma gheibh, is fhiach eachdr- 
aidh gach aoih dhinn fa leith a bhith air a cur sios ann 
an sgriobhadh, a chum gu'm bi fios aig ar sliochd 'n ar 



110 



deigli air gach dragh is trioblaid is mi-fhortan is allaban 
troimli 'n deachaidh sinn." 

An uair a chual' a ; bhantrach na briathran so, bha i 
gle thoilichte, agus ghrad thug i aithne seaehad gach ni 
a bhuineadh dhi a> chur an ordugh, agus, gach deiseal- 
achd fheumail a dheanamh air son falbh gu ruig an 
Eiphit. 

Aig a' cheart am chaidh Schemsedin far an robh an 
righ a dh' innseadh dha gun robh 'na bheaehd tilleadh 
do Chairo gun dail. Ghabh an righ ris 1© mor urraan, 
agiis an uair a bha e 'falbh thug an righ dha tiodhlacan 
luachmhor, agus chuir e tiodhlacan eile leis a dh' ionns- 
uidh righ na h-Eiphit. An uair a fhuaradh gach ni 
deiseil air son an turuis, dh' fhalbh iad a Balsora gu ruig 
Damascus. 

An uair a rainig iad faisg© air a' bhaile, dh' ordaich 
e na pailliunan a. chur suas an taobh am muigh dhe n 
gheata ; agTis thuirt e gun robh e gu dail thri latha 
dheanamh, a chum gu n leigeadh iad uile an anail, agus 
gu'n ceannaicheadh e beagan dhe na nithean a b' annas- 
aiche agus bu luachmhoir a. chitheadh e anns a' bhaile gus 
an toirt mar thiodhlac a dh' ionnsuidh righ na h-Eiphit. 

Am feadh ; s a bha Schemsedin a' roghnachadh nan 
nithean a. shaoileadh e bu fhreagarraiche air son an toirt 
thun an righ a measg a,' bhathair luachmhoir a, thug 
marsantan mora 'bhaile g' a ionnsuidh, dh' iarr Agib air 
a' chaillteanach a, dhol comhladh ris do n bhaile, a. chum 
gu'm faigheadh e sealladh na b' fhearr air na h-iongant- 
asan a bh' anns a' bhaile na fhuair e an turus roimhe a 
bha e ami, agus a chum gu'm biodh fhios aige ciod a dh' 
eirich do 'n chocaire a lot e leis a' chloich. Dh' aontaich 
an caillteanach falbh comhladh ris, agus an uair a fhuair 
Agib cead o' mhathair, dh' fhalbh iad do 'n bhaile le 
cheile. 



Ill 



Chaidh iad a steach air a gheata 'b' fhaisge dhaibh. 
Choisich iad air air an aghart gus an d'rainig iad far an 
robh na buithean aig marsantan mora 'bliaile, agus bha 
iad a : gabhail beachd air a h-uile seorsa bathair bu 
luachmhoire na cheile a bha iad a' faicinn anns na 
buithean. An deigh dhaibh greis mhath de n uine a, 
chur seachacl a gabhail beachd air an eaglais bu mho 's 
bu bhriagha a bh' anns a bhaile, thainig iad far an robh 
at bhuth aig Bedredin. Bha e 'g obair gu trang air 
cocaireachd mur a, b' abhaist dha. 

" Failte ort, a dhuine choir. Am bheil thu 'g am 
aithneachadh ? Am bheil cuimhn agad gu'm faca tu 
roimhe miV ars' Agib. 

An uair a chuala Bedredin na briathran so, sheall e 
air, agus dh' aithnich e e anns a' mhionaid. Dh' fhairich 
e a chridhe 'blathachadh ris mar a dh' fhairich e a' cheud 
uair a chuniiaic e e. Bha e cho mor troimh a, cheile 'na 
inntinn ; s gu n robh e greis mu 'm b' urrainn e aon fliacal 
a radh. Mu dheireadh labhair e, agus thuirt e, " Mo 
thigiiearn og, bi cho math 's g-u'n tig thu fhein a,gus do- 
mhaighstir aon uair eile a steach do m! thaigh, a chum 
gu m blais sibh na pitheannan a tha mi deanamh. Tha 
mi g iarraidh mathanais air son an dragh' a chuir mi ort 
an latha lean mi thu am mach as a' bhaile. Aig an am 
cha. robh mi 'nam chiall fhein, agus cha rcbh fhios agam 
ciod a bha mi 'deanamh. Ghabh mi gj leithid de thlachd 
clhiot s nach b' urrainn domh g\m fhalbh as do dheigh." 

An uair a chual' Agib na briathran so, ghabh e- 
ioghnadh mor, agus fhreagair e mar so : — 

" Tha na briathran a labhair thu tuilleadh is 
caoimhneil, ag-us mur toir thu do mhionnan nach teid thu 
ceiun as mo dheigh an uair a dh' fhalbhas mi, cha teid 
mi steach air an dorus agadj Mai gheallas tu nach lean 
thu mi, agus ma dhearbhas tu gur duine thu a chumas ri 



112 



d' fhacal, thig mi g' ad amharc am maireach, o 'n a tha 
mo sheanair, an t-ard-chomhairleach, gu bhith fad an 
latha 'ceannach nithean luachmhor a tlia e gus a thoirt 
mar thiodhlac do righ na h-Eiphit." 

" Mo thighearn' og," arsa Bedredin, " ni mise rud sam 
bith a dh' aithneas tu dhomh.'' 

An uair a thuirt e so, chaidh Agib agus an cailltean- 
ach a steach do 'n Ibhuthaidh. 

Ghrad chuir Bedredin pitheannan-nachdair air am 
beulaobh a bha pailt cho math ris an fheadhain a thug 
e dhaibh a' cheud latha, 'chunnaic iad e. 

" Dean suidhe ri m' thaobh," ars' Agib, " agus ith rud 
comhladli ruinn." 

Shuidh Bedredin ri 'thaobh, agns thug e ionnsuidh air 
breith air 'na ghairdeanan mar chomharradh air an 
aoibhneas a bha 'na chridhe a chionn g*u'n d' fhuair e 
cead suidhe ri 'thaobh. Ach phut Agib air falbh e, agus 
thuirt e ris a bhith samhach ; s gun a bhith tuilleadh is 
dana air ged a bha e 'na shuidhe ri thaobh. 

Rinn Bedredin mar a dh' aithn Agib dha, ach thoisich 
e ri deanamh oran molaidh dha. Cha d' ith e ni sam bith 
maille riutha. B' fhearr leis gu mor a bhith frithealadh 
dhaibh. 

An uair a ghabh iad am biadh a thug e dhaibh, thug 
e uisge dhaibh gus an lamhan a nigheadh, agus searbh- 
adair grinn, glan gus an lamhan a thiormachadh. ; Na 
dheigh sin lion e cupa shina am fear dhaibh de sherbet, 
agus chuir e sneachda annta. Thairg e a' cheud fhear do 
Agib, agus thuirt e, " Is e so sherbet nan rosan, agus cha 
'n 'eil na 's fhearr ri fhaotainn anns a ; bhaile. Tha mi 
'creidsinn nach do bhais sibh riamh air na, 's fhearr." 

Dh' ol Agib agus an caillteanach an deoch so g*u 
toileacE, agus chord i gu math riutha le cheile. Thug iad 
moran taing do Bhedredin air son cho caoimhneil 's a bha 



113 



e riutha, agus dh' fhalbh iad dhachaidh, oir bha 'n 
t-anamoch ann. 

An uair a. rainig iad, ghabhabh riutha le gairdeachas. 
Bha meas mor aig a sheanamhair air Agib, oir bha e 'cur 
Bhedredin 'na cuimhne a h-uile uair a shealladh i air. 

"Ah! mo leanabh," ars' ise, " bhiodh m' aoibhneas lan 
na'm biodh de thoileachadh agam d' athair fhaicinn aon 
uair eile slan fallain a chum breith air n am ghairdeanan 
mar a tha mi 'breith ortsa." 

An uair a shuidh iad aig an t-suipear, thug i air Agib 
suidhe ri 'taobh, agus bha i cur cheisdean air mu 
thimchioll gach ni a. chunnaic e anns ( a bhaile. Ghearain 
e gu'n robh a stamac lag, agus an sin thug i dha rud dhe 
na pitheannan-uachdair a dheasaich i fhein ; oir mar a 
dh' ainmicheadh mar tha, b' aithn© dhi an deasachadh 
anabarrach math. Thug i mar an ceudna rud dhiubh 
do 'n chaillteanach. Ach cha b' urrainn fear seach fear 
dhiubh am blasad ; oir bha iad lan-shasaichte leis na 
dh' ith iad ann an taigh Bhedredin. 

An uair a chunnaic a sheanamhair nach blaiseadh 
Agib air greim dhe n phithean, bha i car mi-thoilichte. 
" An e gu'm bheil thusa, leinibh, a' deanamh tair air a' 
bhiadh a dheasaich mi dhut?" ars ise. "Cha n eil 
neach air an t-saoghal do 'n aithne pitheannan a dheas- 
achadh cho math riumsa ach d' athair, ma tha e beo. Is 
mi fhein a dh' ionnsaich dha mar a dheanadh 's a dheas- 
aicheadh e iad." 

" Ceadaichibh dhomhsa 'innseadh dliuibh, a shean- 
amhair, gu'm bheil cocaire aims a,' bhaile so a ni pith- 
eannan moran na 's fhearr na. sibhse, Bha sinne anns a' 
bhuthaidh aige an diugh, agus dh' ith sinn fear an t-aon 
a bha moran na 's fhearr nan fheadhainn a tha sibhse 
" deanamh." 

An uair a chual' a sheanamhair na briathran so, 

8 



114 



sheall i gu gruamach air a' chaillteanach, agus thuirt , 
" Ciod is ciall dha so ?" a Shabain. " An ann a chum a 
thoirt a steaeh do bhuth cocaire a dh' itheadh phithean 
mar dhiol-deirce a dh' earbadh riut an aire mhath a thoirt 
air m' ogha-sa?" 

" A bhaintighearna, arsa Shaban, " tha e nor gu leor 
gun deaehaidh sinn a bhruidhinn ris a' chocaire, ach cha 
dh' ith sinn greim." 

" Gabh mo leithsgeul," ars' Agib, " chaidh sinn a 
steach do 'n bhuthaidh, agus dh' ith sinn pitheannan- 
uachdair innte." 

An uair a chual' a sheanamhair so las i le feirg, ghrad 
dh' eirich ion bhord, ag-us chaidh le cabhaig do 'n 
phailliuin anns an robh Schemsedin. Dh' innis i dha an 
cionta a rinn an caillteanach air a leithid a' dhoigh 's gun 
do bhrosnaich i gu feirg e. 

Bha Schemsedin gu nadarra gle chas, ag*us chuir na 
dh' innseadh dha gu caise buileach glan e. Thainig e 
gun dail far an robh an caillteanach, agns thuirt e ris, 
" A chreutair shuaraich, am bheil de dhanadas agad na ni 
dearmad air an obair a dh' earb mi riut ?" 

Bha Shaban ag aicheadh am muigh 's am mach gu'n 
d' ith iad ni sain bith ann am buth a' chocaire, ged a. bha 
Agib ag radh gu'n d' ith. 

" A sheanair," ars' Agib, " cho' fior 's a tha mi beo, cha 
'n e mhain gu'n d' ith sinn le cheile na thug oirnn nach 
urrainn duinn suipear a ghabhail ; ach dh' ol sinn mar an 
ceudna, lan cupa mhoir am fear de sherbet." 

" A nis, an deigh so uile, am bheil thu 'g aicheadh gu'n 
robh sibh ann am buth a chocaire 's gu'n d' ith sibh rud 
ann?" arsa Schemsedin. 

Ach bha Shaban cho beag narach 's g*u'n d' thug e a 
mhionnan nach d' ith iad dad. 

" Cha 'n 'eil annad ach am breugaire ; creididh mise 
m' ogha air thoiseach ort an deigh a h-uile car," arsa 



115 



Schemsedin. " Ma. theid agad air a' phithean a th' air a' 
bhord itheadh, dearbhaidh tu dhomh gum bheil thu ag 
innseadh na firinn." 

Ged a bha Shaban cho Ian ri ugh leis na. dh/ ith e ann 
am buth Bedredin, dh' aontaich e gu'm feuchadh e ris a' 
phithean itheadh. Ach an uair a dh' fheuch e ris, cha 
V urrainn e greim a shluigeadh dheth. Lean e air inns- 
eadh nam breug, agus thuirt e gur e na dh' ith e an 
latha roimhe sid a thug air nach b' urrainn e am pithean 
itheadh. 

Bha Schemsedin cho mar air a bhrosnachadh leis na 
bha Shaban ag innseadh dha de bhreugan 's gun ordaich 
e dha e fhein a. leigeadh na shineadh air an lar a chum 
gun gabhtadh air leis a' chuip. An uair a bha e air a 
chiurradh leis na buillean troma a bha e 'faotainn, dh' 
aidich e gur e na breugan a bha e 'g innseadh, agus 
thuirt e gun d' ith e rud dhe na pitheannan ann am 
buth a' chocaire, agus gun robh iad moran na b' fhearr 
na na pitheannan a. bh' air a' bhord. 



CAIB. XII. 

Bha bantrach Niuredin an duil g"ur arm mar olcas rithe, 
agus gu farran a chur oirre, a bha Shaban a ; moladh 
nam pitheannan a fhuair e ann am buth a" chocaire, agus 
air an aobhar sin thuirt i, " Cha 'n 'eil mi creidsinn gTi'm 
bheil na pitheannan a rinn an cocaire na. s fhearr na, n 
fheadhainn a dheanainn fhein. Tha mi suidhichte gun 
cuir mi dearbhadh air a.' chuis gxm daiL C aite am bheil 
e fuireach? Bi falbh ; s a,' mhionaid agus ceannaich 
pithean uaithe." 

Chaidh Shaban far an robh an cocaire agus thuirt e 
ris, " Mo dheadh chocaire, so agad airgiod air son fear 



116 



dhe na pitheannan-uachdair cho math 's a. th' agad. Tha 
toil aig te dhe na mnathan uaisle blasad orra." 

Thagh Bedredin fear dhe 'n seorsa a b' fhearr agus 
thug e do Sha.ban e, ag radh, " Thoir leat am fear so. 
Theid mi 'n urras gu'm bheil e air leith math. Agus 
theid mi am bannadh dhut nach 'eil duine sam bith a's 
urrainn a leithid a dheanamh ach mo mhathair, ma tha i 
beo fhathast." 

Thill Shaban le cabhaig air ais, agus thug e am pithean 
do 'n bhantraich. Cha bu luaithe a rug i air as a laimh, 
agus a chuir i criomag dhe 'na beul na thuit i ann an 
laigse. Cho luath 's a thainig i as an laigse, ghlaodh i, 
" Mo Dhia ! feumaidh gur e mo mhao graidh, Bedredin, a 
rinn am pithean so." 

An uair a chuala Schemsedin so bha^ aoibhneas mor 
air; ach an uair a smaoinich e gu'm faodadh nach robh 
ann ach smaointean amaideach a, bhuail anns a.' cheann 
aice, thuirt e, " A bhaintighearna, ciod e tha toirt ort a 
bhith 'g a smaoineachadh sin? Am bheil thu n duil 
nach 'eil cocairean eile air an t-saoghal a dheanadh 
pitheannan a' cheart cho' math ri do mhac-sa?" 

" Tha mi 'creidsinn gu'm faod cocairean a bhith ann 
a dheanadh pitheannan cho math ris; ach o'n a tha doigh 
agamsa air an deanamh air nach 'eil fhios aig neach sam 
bith ach mo mhac, feumaidh g*ur e a rinn am fear so. A 
nis, a bhrathair, deanamaid gairdeachas agus aoibhneas ; 
oir fhuair sinn mu dheireadh na, bha, sinn cho fad ag 
ionndrainn." 

" A bhaintighearna.," arsa Schemsedin 's e freagairt, 
" biodh foighidin mhath agad, oir gheibh sinn fios air 
bun a' ghnothaich an uine gun bhith fada. Cha n 'eil 
againn ach fios a chur thun a' chocaire e thighinn an so ; 
agus aithnichidh tu fhein agus mo. nighean-sa ma 's e 
Bedredin a th' ann. Ach feumaidh sibh a bhith le cheile 



11? 



aim an aite falachaidh far nach fhaic e sibh; oir cha bu 
toil learn fios a bhitli air muinntir Dhamascuis air mar 
tha cuisean nar measg. Tha ran orm a' chuis a chumail 
an cleith airsan gus an raig sinn Cairo, far am bi spors 
is cridhealas gn leor againn." 

An uair a. labhair e so, dh' fhalbh e, agus chuir e fios 
air leith cheud dhe na seirbhisich a bha na chnideachd, 
agus thuirt e riutha, " Thugaibh leibh bata math am fear, 
agns noclidaidh Shaban dhuibh buth cocaire a th' anns a' 
bhaile. An uair a ruigeas sibh bristidh sibh a h-uile ni a 
tlia s a' bhuthaidh. Ma dh' fheoraicheas e dhibh car son 
a tlia sibh a' bristeadh gach ni, cha n 'eil agaibh ach a radh. 
" An tu 'rinn am pithean a. cheannaicheadh an so an 
diugh?" Ma dh' aidicheas e gur e fhein a rinn am 
pithean, beiribh air, agus ceanglaibh e, agTis thugaibh 
leibh an so e. Ach air na chunnaic sibh riamh na 
buailibh e, agns na eireadh beud dha. Bithidh sgomneil 
agus greasaibh oirbh. 

Rinn na seirbhisich gun dail sam bith mar a, dh ; aithn 
Schemsedhi dhaibh. Cha bu luaithe a rainig iad a' 
bhuth na. ghabh iad a steach, agus bhrist iad a h-uile ni 
a ghabhadh bristeadh an taobh a, staigh dhe n dorus 
nm'n do tharr Bedredin sealltainn uige no uaithe. Ghabh 
e ioghnadh mor an uair a chunnaic e an dol air aghart a 
bh' aca, agns thuirt e le guth muladach, " A dhaoine 
coire, c'ar son a tha sibh ris an obair sin? Ciod a tha 
cearr? Ciod an t-olc a rinn mil" 

u Nach tusa/' arsa fear dhiubh, " a. reic am pithean 
ris a' chaillteanach V 

; ' Is mise an duiiie," ars' esan, " co is urrainn a radh, 
gur a li-olc, m' a dheidhinn? Bheir e 'dliulan do dh' 
fhear sam bith pithean na ; s fhearr a dheanamli." 

An aite freagairt a thoirt dlia, lea.n iad air bristeadh 
gach ni a thachradh riutha. Bhrist iad an aghainn fhein 
m' a dheireadh. 



118 



Anns an am chuala na coimhearsnaich an obair a bha 
dol air aghart, agus ghabh iad ioghnadh mor an uair a 
chunnaic iad an call a bha. 'n leith cheud fear an deigh a 
dheanamh air Bedredin. An uair a dh' fheoraich iad ciod 
a b' aobhar do n chuis cha, d' fhuair iad freagairt a chord 
riutha. An uair a dh' fhaighneaehd Bedredin an dara 
uair ciod an cionta rinn e, thuirt iad ris, " Nach tusa, 'reic 
am pithean ris a chaillteanach ?" 

" Is mi gu dearbh," ars' esan, " agus tha mi deimhin 
gu'n robh e gle mhath. Cha 'n 'eil mi toilltionnach air 
an droch dhiol a tha, sibh an deigh a dheanamh air mo 
chuid dhe 'n t-saoghal." 

An aite an tuilleadh freagairt a, thoirt air rug iad air 
agus cheangail iad e agus thug iad leotha e. 

Clrruinnich moran sluaigh aig a' bhuthaidh, agus bha 
iad a' dol a thoirt Bhedredin a lamhan nan daoine a 
cheangail e; ach thainig maoir o fhear-riaghlaidh a' 
bhaile, agus dh' iomain iad an sluagh air falbh, agus mar 
so thug seirbhisich Schemsedin leotha, Bedredin gun 
ainneart sam bith fhulang o 'n t-sluagh. Thaehair so a 
chionn gun d' fhuair fear-riaghlaidh a' bhaile fìos o 
Schemsedin air an ni a bha 'na bheaehd a dheanamh ; oar 
bha am fear-riaghladh so a bha os cionn sluagh Shiria 
g*u leir fo ughdarras righ na h-Eiphit. 

An uair a thugadh Bedredin air beulaobh Schemsedin 
thuirt e, " Mo thighearna, guidheam ort gu'n dean thu 
rium de dh' fhabhar gu'n innis thu dhomh ciod an doigh 
anns an d' thug mi oilbheum dhut?" 

" A dhuine thruaigh, shuaraich," ars' esan, " nach tusa 
'rinn am pithean a chuir thu g' am ionnsuidh?" 

" Tha mi 'g aideachadh gmr mi, ach guidheam ort, 
innis dhomh an robh mi ciontach de ghniomh eucorach 
sam bith?" ars' esan. 

" Ni mise peanas ort a reir mar a thoill thu," arsa 



119 



Schemsedin, " Caillidh tu do bheatha 'chionn gun do 
chuir tliu a leithid de dhrocli phithean a m' ionnsuidh-sa." 

" Gu n sealladh Dia : ort ! An cuala duine riamli a 
leithid so ! An do chuireadh duine riamh. gu bas air son 
droch phithean a dheanamh arsa Bedredin. 

" Cuirear thusa gu ba,s co dhiubh. Na biodh duil 
agad ri na 's lugha de pheanas," arsa Schemsedin. 

Am feadh 's a bha n comhradh so a' dol air aghart, 
bha na mnathan uaisle a' gabhail beachd air Bedredin. 
Dh' aithnich iad e ; s a! mhionaid, ged a bha, iad uine 
fhada gun fhaicinn. Bha leithid de dh' aoibhneas orra 
's gun do thuit iad ann an laigse. An uair a thainig iad 
as an laigse, V e am miann a dhol far an robh Bedredin 
gus a phogadh. Acli o n a gheall iad do Schemsedin 
nach deanadh iad iad-fhein aithnichte anns an am, dh' 
fhan iad far an robh iad. 

Chuir Schemsedin roimhe gum falbhadh e air a 
thurus do n Eipit an oidhche sin fhein, agns thug e 
ordugh seachad na, pailliuinean a, leagadh, agus gach 
deisealachd fheumail a dheanamh air son an turuis, 
Phuaradh bocsa mor. agns an uair a, chuireadh Bedredin 
ann 's a, ghlasadh e, dh' imich iad a,ir an aghart gun 
uiread is stad no tamh a dheanamh fad na h-oidhche, no 
an la-iar-na-mhaireach. 

Anamoch feasgar an uair a stad iad, thugadh Bed- 
redin as a' bhocsa, agus thugadh biadh is deoch dha; 
ach eha d' fhuair e fios gun robh a mhathair agus a 
bhean anns a chuideachd idir. Lean iad rompa mar so 
fad fichead latha. An uair a rainig iad Cairo, champaich 
iad an iomall a' bhaile. Thugadh Bedredin an uair sin 
an lathair Schemsedin, agus na eisdeachd dh' ordaicheadh 
croich a dheanamh a chum a, chrochadh. 

" Ciod e air an t-saoghal am feum a th' agaibh air 
croich," arsa Bedredin. 



120 



" Tha gxis thusa 'chrochadh," arsa Schemsedin, " agus 
do ghiulan air a/ cliroich air feadh a' bliaile gu leir, a 
chum gum faic sluagh a,' bhaile an droch dhiol a nithear 
air gach cocaire a ni pitheannan gun srad phipir a chur 
annta." 

Ghlaodh Bedredin ani macli air a leithid a dhoigh 
} s nacli mor nach do bhrist a ghaire air Schemsedin, agus 
thuirt e, " Gu'n sealladh ni math ort ! An eiginn dhomhsa 
bas piantach, maslach fhulang a chionn nach do chuir mi 
pipir ami am pithean-uachdair 1 Am feum mi call gach 
ni ris an t-saoghal a bh' agam fhulang, a bhith air mo 
ghlasadh ami am bocsa, agus a bhith air mo chrochadh, 
agns sin gu leir a^ chionn nach do chuir mi pipir ami am 
pithean-uachdair ? Gu'n sealladh Dia ort ! Co chuala 
riamh a leithid ! An e so gniomharan dhaoine a tha 
'g aideachadh a bhith diadhaidh, agus a tha cumail am 
mach gu'm bheil iad firinneach, onarach, agus a,' deanamh 
gach obair mhath?" 

An uair a thuirt e so, shil e na deoir gu goirt. An 
sin thuirt e, " Cha d' rinneadh a leithid so de dh 7 eucoir 
air aon duine riamh. Am bheil e comasach gu'n cuirt- 
eadh duine g*u bas a chionn nach do< chuir e pipir ann am 
pithean-uachdair? Mo mhollaehd air a h-uile pithean- 
uachdair, agus air an latha air an d' rugadh mi ! B" 
fhearr gun d' fliuan mi bas an latha sin fhein!". 

Lean Bedredin air caoidh air an doigh so; ag-us an 
uair a thugadh a' chroich 'na lathair, thuirt e, " A 
chruitheachd ! Co is urrainn am bas maslach, craiteach 
so fhulang? Agus so uile air son ni nach ; eil idir na 
chionta. Cha 'n ann air son spuinnidh, no mort, no cul 
a chur ri m' aidmheil, ach a chionn nach do chuir mi 
pipir aims a' phithean." 

O'n a bha n oidhche air tighinn, dh' ordaicheadh 
Bedredin a chur a rithist aims a' bhocsa, agus thuirt 



121 



Scliemsedin ris, " Bidh tu an sin gu madainii am mair- 
each ; acli gu math moch 's a mhadainn cuirear gn bas 
thu." 

An uair a shaoil le Scliemsedin gun robli sluagh a' 
bhaile air gabhail mu thamh, chaidh e fhein ; s a.' mhor 
chuideaehd a bha maille ris a steach do 'n bhaile, agus 
rainig iad an taigh gun duine 'g am faicinn. Dh' ordaich 
e am bocsa anns an robh Bedredin a bhith air a chur ann 
an aite sabhailte, agus gun 'fhosgladh gus an d' thugadh 
e fhein ordugh dhaibh. 

Thug e mathair Bhedredin agus a nighean fhein a 
steach do sheomar, agus thuirt e, " Moladh do Dhia, mo 
nighean, gu'm bheil a nis cothrom agad air d' fhear posda 
chohmeachadh. Is cinnteach g-u ; m bheil cuimhne agad 
air an ordugh anns an robh do sheomar an oidhche 'phos 
thu. Bi falbh agxis cuir gach ni anns a ; cheart ordugh 
anns an robh iad an oidhche ud. Ach mur ; eil lan 
chuimhne agad air mar a bha gach ni, innsidh mise dhut 
e, oir tha e agam ann an sgriobhadh. Cuiridh mi fhein 
gach cuis eile ann an ordugh ceart gu leor." 

Chaidh i gu toileach a. chur an t-seomair air doigh mar 
a dh' iarr a h-athair oirre. Bha esan aig cheart am a ; 
cur an talla arms a.' cheart ordugh anns an robh e an 
oidhche a phos Bedredin. Chuir e luchd-muinntir ; nan 
aite fhein mar a bha iad an oidhche ud. A dh' aon 
fhacal, chuir e a h-uile ni direach mar a bha iad oidhche 
na bainnse, air chor s gun saoileadh Bedredin, gur e 
oidhche na bainnse fhein a bh' ann. 

An uair a chuir e gach ni n a aite fhein, chaidh e 
do ; n t-seomar-chadail anns an robh a nighean, agus chuir 
e an t-aodach a bh' air Bedredin oidhche na bainnse, agus 
am poca amis an robh ii t-or anns a' cheart aite anns an 
do chairich lamh Bhedredin fhem iad an uair a bha e 
d'ol a laidhe. An sin thuirt e ri nighinn, " Cuir dhiot 



122 



agus rach do 'n leabaidh. Cho luath 's a thig Bedredin 
a steach do 'n t-seomar, toisich ri gearain air a chionn e 
bhith cho fada. gun tilleadh a steach, agus abair ris, g-u'n 
robh ioghnadh ort nach d' fhuair thu e 'na laidhe ri d' 
thaobh an uair a dhuisg thu. Abair ris e ghrad thilleadh 
do 'n leabaidh. Agus innsidh tu dhuinn am maireach 
ciod an comhradh a bhios eadraibh a nochd." An uair a 
thuirt e so dh' fhalbh e 'maeh as an t-seomar. 

Dh' ordaich Schemsedin aims a' mhionaid do na 
seirbhisich falbh am niach as an talla, ach dithis no triuir. 
Thug e aithne dhaibh so Bedredin a thoirt as a' bhocsa, 
agus a h-uile ball aodaich a bha uime thoirt dheth ach 
a leine s a dhrathais, agus faghail anns an t-suidh- 
eachadh sin anns an talla., ag"us an dorus a dhunadh. 

O ; n a bha. Bedredin air dhroch cadal iomadh oidhche 
roimhe sid, chaidil e cho trom an oidhche ud s gun 
d' fhag iad anns an talla e mu n do dhuisg e. An uair a 
dhuisg e 's sheall e mu'n cuairt dha., ciod a. b' iongantaiche 
leis na e fhein fhaotainn anns a.' cheart thalla anns an 
robh e an oidhche phos e. Thug na bha e 'faicinn mu'n 
cuairt dha gu a chuimhne as ur na nithean a. tha chair an 
oidhche ud, gu sonraichte am fear crotach a bha gus 
nighean an ard-chomhaiiiich a phosadh, Chunnaic e 
dorus leith-fhosgailte m' a choinneamh, agus an uair a 
sheall e steach air, ciod a b' iongantaiche leis na n 
t-aoda.ch a bha uime an oidhche a. phos e 'fhaicinn air 
cathair direach mar a chuir e dheth e an oidhche a 
phos e. 

" Gu'n sealladh Dia orm,"' ars' esan, " am bheil mi 
nam chadal no 'nam dhusgadh ?" 

Bha 'bhean 'g a. fliaicinn 's 'g a chluinntinn, agTis 
spors gu leor aice air. Chuir i a, ceann am mach eadar 
cuairtearan na leapadh, agus thuirt i ann am briathran 
ciuin caoimhneil, " Mo thighearna, ciod a tha thu dean- 



123 



amh 'iiad sheasamh an sin aig an dorus? Greas air ais 
do 'n leabaidh. Is fhad' o n a chaidh thu mach. An 
uair a dhuisg mi bha ioghnadh gu leor orm nach robh 
thu comhladh rium anns an leabaidh." 

An uair a, chuala Bedredin na briathran so, agus a 
chunnaic e a' bhean mhaiseaeh. a phos e iomadh bliadhna 
roimhe sid, thainig atharrachadh air a ghnuis, Chaidh e 
steach do n t-seomar; ach an uair a smaoinich e air 
gach ni a thachair dha fad dheich bliadhna, agus o nach 
V urrainn e thuigsinn cionnus a thachradh iad uile dha 
ann an aon oidhche, chaidh e dh' ionnsuidh an aite anns 
an robh a chuid aodaich agus am poca ann an robh am 
mile bonn oar, agus an uair a dh' fheuch e gu cur a mach 
iad, thuirt e, " Ni math a dh' amharc ormsa ! cha n eil 
mi 'tuigsinn air an t-saoghal ciod is ciall do na nithean 
so !" 

Thuirt a bhean 's i deanamh spors gu leor air na 
h-inntinn fhein, "Greas a laidhe; ciod a tha thu dean- 
amh n ad sheasamh an sin?" 

Ghabh e ceum thun na leapadh, ag-us thuirt e rithe, 
" Innis dliomh, tha mi guidhe ort, am bheil fad o n a 
chaidh mi mach?" 

" Tha, do' chainnt a' cur ioghnaidh orm. Cha d' rinn 
thu ach a dhol am mach o chionn tiotaidh," ars' ise. 
" Feumaidh g-u'm bheil d' inntinn gle mhor troimh a 
cheile." 

" Gun teagamh sam bith cha 'n 'eil m inntinn aig fois. 
Tha cuimhn' agam mar an ceudna gu'n robh mi o n uair 
sin a fiureach fad dheich bhadhna ann an Damascus. A 
nis, ma bha mi anns an leabaidh comhladh riut air an 
oidhche so, chai 'n urraiirn gu n robh mi fad innte. Cha n 
eil na nithean so a' co-cordadh ri cheile. Innis an 
fhirinn dhomh. Am bheil mi posda riut ? An robh, no 
nach robh, mi air falbh uat fad dheich bliadhna?" 



124 



" Tha thu posda rium gun teagamh," ars' ise. " Is e 
do oheann a bhith car troimh a cheile a tha 'toirt ort a 
bhith 'smaointean gu'n robh thu aim an Damascus." 

An uair a. chuala Bedredin so, rinn e glag mor gaire, 
agus thuirt e, " Nach neonach an ni a bhuail anns an 
inntinn agam \ Theid mi n urras gun toir am bruadar 
so ceol spors dhut. Smaoinich fhein air. Ar learn gun 
robh mi aig geata Dhamascuis 's gxm umam ach mo leine 
's mo dhrathais, direach mar a tha mi n drasta ; gu'n 
deachaiclh mi steach do n bhaile agus an sluagh 'gam 
leantuinn 's iad a' glaodhaich 's aJ fanaid orm; gun do- 
theich mi do bhuth cocaire a ghabh rium mar a mliac 
fhein, a dh' ionnsaich a' cheird dhomh, agus a- dh' fhag 
agam aig am a. bhais gach ni a bhuineadh dha • gu n robh 
a' bhuth agam dhomh fhein na dheigh sin. A dh' a on 
fhacal, ar learn gun deachaidh mi troimh mhoran de 
dhriodartan mu nach ; eìl uine agam labhairt an drasta. 
Agus is math gu n do dhuisg mi, oir bha iad a! dol g' am 
chrochadh. 

"O Thighearna, car son?" ars' a bhean 's i leigeadh 
oirre gu'n robh ioghnadh oirre. " Cha 'n fhaod e bhith 
gu'n deanadh iad a leithid sin de dhroch dhiol ort. 
Feumaidh gu'n do chuir thu cionta ro mhor an gniomh." 

" Cha do chuir gu dearbh," arsa Bedredin. " Cha robh 
do chionta ri chur as mo leith ach ni cho suarach 's cho 
lugha coltas 7 s a chualas riamh ; 's e sin, gu'n robh mi 'reic 
phitheannan-uachdair aims nach robh mi 'cur srad pipir." 

" Ma 's aim mar sin a bha," ars' a bhean 's i deanamh 
gaire cridheil, " bha iad air thuar eucoir mhor a dhean- 
amh ort." 

" Ah ! cha b' sid mle e," ars esan. " Air son a' 
phithean mhollaicht' ud, bhrist is phrom iad gach ni a 
bh' amis a' bhuthaidh agam, cheangail iad mi, agus thilg 
iad ann am bocsa mi. Tha mi 'saoilsinn gum bheil mi 



125 



ann fhathast. A bharrachd air so, fhuaradh saor, agus 
rinneadh croich gus mo chrochadh oirre. Ach taing do 
Dhia, cha robh anus na nithean so gu leir ach bruadar." 

Cha robh Bedredin socair 'na inntimi fad na 
h-oidhche, Bha e o am gu am a' dusgadh, agus a' cur na 
ceisd ris fliein, co dliiubh is e bruadar a> chunnaic e, no 
nach e. Agus gus e fhein a. dheanamh cinnteach as a'" 
chuis, bheireadh e na cuirtearan o cheile, agus shealladh 
e air feadh an t-seomair. 

" Cha n urrainn gu'm bheil mi air mo mhealladh/' 
theireadh e, " is © so a' cheart sheomar anns an do laidh 
mi comhladh ris a' mhnaoi uasail a phos mi." 

Ann an soilleireachadh an latha thainig brathair 'athar, 
an t-ard-chomhairleach, a steach do n t-seomar a chur 
failte na maidne orra. Bha ioghnadh mor air Bedredin 
an uair a chunnaic e e; oir ghrad dh' aithnich e gu m fac' 
e roimhe e, agus gur e a thug binn a bhais am mach. 

" Ah ! is tusa a thug gu h-eucorach binn mo bhais am 
mach/' arsa Bedredin, " agus tha na bagraidhean a bha 
thu 'deanamh orm a' cur gairisinn ann am fheoil." 

Thoisich an t-ard-chomhairleach ri gaireachdaich. 
Agus a chum fois a thoirt a dh' inntinn Bedredhi. dh' innis 
e dha o thoiseach gu deireadh gach ni a thachair- — mar a 
thug am fathach gu ruige Damascus e, mar a fhuair e 
fhein am mach m' a dheidhinn anns an leabhar a> sgriobh 
Niuredin, mar a chaidh e air a thoir g-u ruige Balsora, agus 
gach ni eile a rinneadh a chum sgeul fhaotainn air. An 
uair a chuir e crioch air gach ni a, bh' aig-e ri innseadh dha., 
phog e e, agus thuirt e, Tha mi 'g iarraidh moran math- 
anais ort air son gach trioblaid cuirp is inntinn a thug mi 
dhuit o 'n latha 'fhuair mi fios far an robh thu. Bha toil 
agam do thoirt an so mu 'n innsimi dhut mu n staid 
sholasaich anns an robh thu gu bhith air do chur. Bidh 
tu nis na 's toilichte le do staid an deigh na dh' fhuiling 



126 



thu de thrioblaid. Tha, thu nis aim an cuideaehd na 
muinntir aig am bheil mor-ghradh dhut. Fhad 7 s a? bhios 
tu cur umad theid mise a. dh' innseadh do d' mhathair 
gum bheil thu air dusgadh. Tha i air bhainidh gus 
d' fhaicinm Bheir mi steach do mhac mar an ceudna. 
Chunnaic tu e ann an Damascus, agus bha thu gle 
chaoimhneil ris ged naeh robh fhios agad co e." 

Cha ghabh e innseadh an t-aoibhneas a bh' air Bedredin 
an uair a chunnaic e 'mhathair agus a mhac. Rinn a 
mhathair ag*us a mhac fodhail mhor ris, agus rinn esan 
fodhail mhor riuthasan. 

Chaidh Schemsedin far an robh an righ, ag*us dh' innis 
e a h-uile car mar a dh' eirich dha, air a thurus, agus mar 
a fhuair e gxeim air mac a bhrathar. Chord an naigh- 
©achd ris an righ anabarrach math, agus thug e fa near a 
h-uile facal dhi a sgriobhadh sios gu curamach, agus a 
tasgaidh am measg sgriobhaidhean luachmhor na riogh- 
achd. 

An uair a thill Schemsedin a luchairt an righ, shuidh 
e fhein, a theaghlach, agus a chairdean aig fleadh mhoir 
a mhair seachd latha, agus seachd oidhche. 

An uair a chuir Giafar crioch air innseadh an naigh- 
eachd so do righ Haroun Alraschid, dh' aontaich an righ 
gun tugadh e mathanas do Rihan. Agus a. chum toil- 
eachadh a thoirt do an duine og a chuir & bhean gu bas le 
coire Rihain, thug an righ dha ri posadh aon de na 
mnathan-coimhideaehd a, bh' anns an luchairt aige fhein, 
agus thug e dha mar an ceudna, de dh' or 's de dh' airgid 
na chum suas e fhad 's bu bheo e.